[297] CAIB. XXXV.
AN ATH-AISEAG.
B’ E Lambert, fear de oifigich Chromueil, an neach bu ghniomhaich a measg chàich ann an atharrais air a mhaighstir a bh’ aige roimhe. Cha robh a dhol a mach a’ còrdadh ri Seanalair Monc. Chuir Monc an t-arm a bha fodha féin ’an uidheam gluasaid. Dh’ iarr agus fhuair e o Ard-chomhairl’ Alba pàigheadh shea mìosan do ’chuid saighdearaibh. Ghabh e ’n sin air aghart thun na crìche Sasunnaich; ’s an uair a ràinig e amhainn Tweed aig àite ris an abrar am Fuarallt, bha Lambert aig a’ Chaisteal Nomha a’ tighinn ’na choinneamh gus a chumail air ais. Bha feachd Lambeirt dùbailt feachd an fhir eile. Thòisich Lambert air teachdairean a chur uaithe mu chumhachan sìth. Bha Monc ullamh gu éisdeachd, agus an ùine chur seachad. Cha robh pàigheadh cinnteach do ’n fhear eile mar bha dhasan. Mar a bha na cumhachan a’ dol air aghart, ’s an ùine ’dol seachad, bha na Sasunnaich a’ fàs sgìth, mi-riaraicht’ agus a’ falbh. Ach ni bu mheasa na so uile, thàinig tuairisgeul thuige gu’n deachaidh an luchd-riaghladh a dh’ fhàg e ’n Lunuinn troimhe chéile. B’ éigin dol air ais gus an cur ceart. Bha Monc ’an Lunuinn air a shàil. Chuireadh Lambert am priosunn, ’s b’ éigin do gach neach eil’ a bha ’gabhail gnothuch ri riaghladh iad fein thoirt as. Chuir Monc a mach fiadhachadh
[298] do na daoinibh a dh’
fhuadaich Cromuel as a Phàrlamaid,
iad a philltinn air an ais,
agus an àite ’
thogail ’
s an tigh, ’
s gu ’
m biodh làn shaorsainn aca gu laghanna a dheanamh.
Le ùghdarras na Pàrlamaid so,
chuireadh mòran oifigeara ’
us shaighdeara ceannairceach air falbh; ’
s an déigh Reachdan eil’
a dheanamh a bha iomchuidh aig an àm,
sgaoil a Phàrlamaid i féin,
aig an àm cheudna ’
deanamh Achd gu’
n coinnicheadh Pàrlamaid eil’
air a’
chuigeamh là fìchcad de’
n ath mhios.
B’
i so a’
Phàrlamaid Fhad’
a choinnich fichead bliadhna roimhe sud.
2. Bha Tearlach ’sa’ chùirt bheag a bha ga leantuinn glé fhurachair air ciod a bha tachairt ’am Breatunn. ’N uair a choinnich a’ Phàrlamaid ùr, bha litrichean air an cur fa ’n comhair o Thearlach a’ tairgseadh maitheanais do na h-uil’ air son gach olc a rinneadh air an teaghlach rioghail, agus làn shaorsainn coguis, agus gach gealladh maith eil’ a mheas e feumail air son an aomadh gu ’thaobh féin. Bha cùmhnant uaigneach eil’ air a dheanamh ri Seanalair Monc; na ’m biodh e dìleas do ’n rìgh aig an àm ud, gu ’m bitheadh e air a dheanamh ’na Dhiùc, agus ’na chomanndair air an arm Bhreatunnach. Cha robh air domhan na gheibheadh a mach roimhe so, co dhiù a bha Monc leis an rìgh no ’na ’aghaidh. Ach aon uair ’s gu’n d’ fhuair e so uile, bu ghille rìgh e da rìreadh. Bha ’Phàrlamaid, cha mhòr, aonsgeulach anns a bhi ’toirt breith gu’m bu chòir an rioghalachd ath-aiseag, agus co-shuidheachadh nan rioghachdan so a bhi ’s na h-uile seadh mar bha e roimh bhàs Thearlaich I.
3. Chaidh Tearlach II. a steach do Lunuinn air an naoidheamh là fichead de cheud mhìos an t-samhraidh, comh-ainm là a bhreith. Bha ’dhithis bhràithrean còmhladh ris, —Diùc Iorc, mu’n cluinnear fathast, agus Diùc Ghlouster, a bhàsaich òg. Ghabh na Lunuinnich ris gu subhach; agus an uair a chualas ’an Duneidin gu’n tàinig e gu rìgh-chaithir ’aithrichean, is beag nach deachaidh an sluagh air mhisg le aighear. Shuidhicheadh bòrd fada, còmhdaichte le nithibh mìls’, agus fion air an t-sràid. Bha cothrom
[299] aig a h-
uile neach a thogradh a ghloinne lionadh gu deòch slàint’
an rìgh agus a bhràthar,
Diùc Iorc,
òl.
A chionn nach feudtadh gloinn’
air an do chuireadh an onair a bhi ’
g òl deoch slàint’
an rìgh aisde chur gu feum sam bith eile,
bha na h-
uile fear òil a’
sgailceadh a ghloinne ris a’
chabhsair.
Chaidh trì ceud dusan gloinne fhìona bhriseadh air an dòigh so.
Bha iad a’
bualadh chlag, ’
s a’
deanamh gach gnè fhuaim eil’
air an smuainicheadh iad.
Ach Ah!
a dhaoine simplidh,
cha ’
n fhada gus an toir Tearlach port eile dhuibh gus a chluich.
4. Thòisich obair an dioghaltais an Sasunn air na beòthaibh ’s air na mairbh aig an robh làmh ’am bàs Thearlaich. Chaidh deichnear a chrochadh de na breitheamhnaibh leis an do dhìteadh e; chaidh corp Chromueil a thogail as an uaigh, agus a chrochadh ris a’ ghréin; chaidh ceud corp eil’ a thionndadh a mach as an uaighibh, ’s an tilgeadh ’n an tòrr air muin a’ chéile gun adhlacadh idir, ’an cladh Naomh Mairireit. Bha corp màthar Chromueil na ’m measg sin. Loisg an crochadair leabhraichean Mhiltoin agus leabhraichean Sheòrais Buchanainn, airson iad a bhi teagasg còir dhaoin’ air a bhi saor o ain-tighearnas. Bha Alastair Henderson agus Seòras Gilleasbuig gniomhach’ ’n an là ann an cur air aghaidh a’ Chùmhnaint. Chaidh na h-ainmean aca sin a ghearradh a mach le sgeilbibh as na leacaibh suain a bh’ air an uaighibh ’an Duneidin ’s an Circaldi. Ma bha cuimhn’ idir aig Tearlach air a’ chaoimhneas a nochd Alba dha ’an toiseach a là, ’s ann ’an rathad dioghaltais a dheanamh orra air son cuing no cumha chur air, ach a mhàin a thoil féin, ’na chleachdadh ’s na bheachdaibh. Chaidh Iarl’ Earra-Ghàeil suas do Lunuinn a dh’ fhàilteachadh Thearlaich goirid an déigh dha tighinn do Shasunn. Chaidh a ghlacadh le òrdugh Thearlaich ’s a dhruideadh a stigh ’an Tùr Lunuinn mar phriosunach. Chaidh a rìs a chur air ais do Alba gu dol fo dheuchainn a bheath’ a réir lagh na rioghachd sin. Bha deadh luchd-lagha Chromueil air an cur air falbh a nis, agus feadhainn eile ’n an àit’, a réir cridhe Thearlaich
[300] ’s a luchd-
comhairle.
B’
e Earra-
Ghàel aon de na h-
àrd-
mhaithibh bu ro fhiachail ’
an Alba ’
na là.
Cha robh coire sam bith dha,
ach naimhdeas guineach a bhi aig Tearlach dha air son cronachadh dìleas a thug an t-
Iarla dha, ’
n uair a bha e’
n Alba deich bliadhna roimhe sud.
Dhìt seirbhisich Thearlaich ’
an Alba Earra-
Ghàel gu bàs,
leis a cheann a chur dheth.
Cha robh leth-
sgeul ac’
air son sin a dheanamh ach gu’
n d’
aontaich e le riaghladh Chromueil air an rioghachd.
Co nach robh ciontach dheth so?
Bha làmh Sheanalair Monc,
a nis Diùc Albemerl, ’
am bàs Earra-
Ghàeil.
Chuir an duin’
amhaidh,
fuar-
chridheach ud,
litrichean a nuas á Lunuinn thun an luchd-
lagha,
a fhuair e o Earra-
Ghàel, ’
n uair a bha e féin ’
na riaghlair air Alb’,
anns an robh ’
n t-
Iarl’
a moladh tighearnais Chromueil. ’
S ann air na bha ’
s na litrichibh so a bhonntaich an luchd-
dìtidh binn bàis an Iarla.
Thuirt e gu ’
m b’
urrainn e bàsachadh mar Ròmhanach,
ach gu’
m bu roghnuiche leis bàsachadh mar chriosduidh.
B’
esan an ceud neach a dh’
fhuiling ’
an Alb’
o dhioghaltas Thearlaich.
B’
e Mr Seumas Guthri,
Ministeir Shruileidh,
an ath neach.
Sgriobh esan leabhran beag an aghaidh thruaillidheachdan an là.
Air son an leabhair sin chaidh a dhìteadh gu bhi air a chrochadh.
Shearmonaich e fad uair a thìm thar mullach na croiche,
do ’
n t-
sluagh a thionail a dh’
fhaicinn an t-
seallaidh,
co òrdail ’
s ged a bhiodh e ’
na chùbaid féin ’
an Sruileadh. ’
N uair a bha e gu bhi air a thilgeadh a steach do ’
n t-
siorruidheachd,
thog e suas an nèipicin geal o ’
aghaidh ’
s ghlaodh e mach, “
Na Cùmhnantan,
na Cùmhnantan,
bithidh iad fathast na ’
m beothachadh do Alba.”
5. An uair a thug Tearlach ’s a luchd-comhairle, dearbhadh mar so air gu’m b’ urrainn iad fuil a dhòirteadh, ’s gu ’n deanadh iad sin an uair a chitheadh iad iomchuidh, bha iad ’an dùil gu ’m feudadh iad an rian eaglaiseach a bh’ aca ’s an amharc a thaobh Alba thoirt air lom; b’ e sin an eaglais Chléireach a chur sìos, agus an eaglais Easbuigeach a chur suas na h-àite. Fhuair e Pàrlamaid Shasuinn gu Reachd a dheanamh leis am feumadh na h-uile
[301] ministear ’
s an rioghachd a bhi air an comh-
chumadh ri dòighibh nan easbuigean.
Thug an Reachd so air dà mhìle ministear aig an robh coimhthional ’
an eaglais stéidhichte na dùthcha ud,
an àitean ’
s am beòlaind a thréigsinn.
Bha cumhachd nan easbuigean air a briseadh gu h-
iomlan ’
s an tìr ud,
o thoisich a’
Chogaidh Shiobhalt, ’
s bha ’
n sluagh,
gu coitchionn air tighinn gu bhi leantuinn dhòighean na h-
eaglais Cléirich,
no Independents.
Ach ged a chunnaic Tearlach ’
s a chùirteirean gu’
m bu roghnuiche,
le mòran eadhon ’
an Sasunn am beòlaind a leigeadh seachad na bhi de ’
n eaglais easbuigich,
rùnaich iad dol air aghart leis an ainneart cheudn’ ’
an Alba.
Bha eaglais na h-
Alb’
air aon de a cuid ministeirean féin a chur suas do Lunuinn goirid an déigh do Sheanalair Monc a dhol an sin,
gu bhi furachar mu atharrachadh sam bith a bhiodh luchd riaghlaidh a’
faicinn iomchuidh a’
dheanamh a thaobh eaglais na h-
Alba.
B’
e Seumas Sharp,
ainm an fhir-
ionaid a chuir an eaglais gu tùr na faire ’
s an àm ud. ’
N uair a thuig Sharp gu’
n robh an rìgh air tì tighinn air ais do Lunuinn,
chaidh e gu choinneachadh. ’
S e bun a bh’
ann, ’
an àite Seumas a bhi Sharp[Geur. ] mu’n ghnothuch a dh’
earb an eaglais ris, ’
s ann a thionndaidh e mach a bhi Sharp mu àrdachadh saoghalt’
fhaotainn dha féin.
Thàinig e féin ’
s an rìgh gu còrdadh mu ’
n easbuigeachd ath-
aiseag do Alba;
agus thug an rìgh dha, ’
s ghabh esan a bhi ’
na Ard-
easbuig Chill-
Rìmhinn,
no ’
na Phrìomhair air Alba gu h-
iomlan.
Bu mhòr an togail so,
ma ’
s togail a bh’
ann;
agus ma’
s tuiteam,
bu mhòr an tuiteam.
Their sgriobhadairean,
Iudas na h-
eaglais ri Sharp.
Gun teagamh reic e ’
n eaglais ’
s an deachaidh a thogail suas;
agus cha bu bheag an greadhnachas talmhaidh a fhuair e mar a phrìs.
Goirid an déigh do ’
n duine mhòr so sealbh a ghabhail air Cill-
Rìmhinn,
chaidh seisear easbuigean eil’
a choisrigeadh agus le mòr ghreadhnachas an cur a steach ’
n an àite.
B’
e ’
n ath cheum na ministeirean a thoirt gu ùmhlachd do Mhorairibh na h-
eaglais.
Thàinig òrdugh
[302] a mach o’n Ard Chomhairle,
a’
sparradh air na h-
uile ministeir iad a fhrithealadh nan coinneamhan a bhiodh aig na h-
easbuigibh ’
n an cuairtibh.
Cha do chuir na ministeirean suim ’
s an òrdugh ud.
Dh’
fhuadaich an Ard-
Chomhairl’
an sin na h-
uile ministear nach do ghabh an comhairl’
air falbh as an tighibh còmhnuidh,
agus o’
n coimhthionalaibh.
Leis an sguabaig so bha ceithir cheud cùbaid air am fàgail falamh feadh Alba.
B’
e ’
n ath cheum a nis na cùbaidean ’
s na coimhthionalan a lionadh suas.
Agus o nach faighteadh daoin’
aig an robh coguis a lionadh suas iad,
b’
éigin an lionadh le daoinibh gun choguis.
Tha fear de na h-
easbuigean féin a’
sgrìobhadh gu’
m b’
iad na curates a chuireadh a steach ’
an àite nam ministeirean a leig dhiubh am beòlaind,
na creutairean bu truaighe de’
n t-
sluagh uile.
Cha ’
n éisdeadh na coimhthionalan riu so.
Bhiodh iad a’
dol do na monaidhibh ’
s do àitibh uaigneach eil’
a dh’
éisdeachd nam ministeirean a chuireadh air falbh. ’
S a’
bhliadhna 1663,
fhuair na h-
easbuigean Achd air a dhaingeachadh,
leis an robh gach duin’
air éigneachadh gu eaglais na sgìreachd d’
am buineadh e ’
fhrithealadh.
Bha rola le ainm muinntir na sgìreachd aig a’
churate,
a bha e gairm an déigh na searmoin,
mar a dheanadh maighstir-
sgoile, ’
s bha ùmhladh mòr ga chur air na h-
uile nach freagradh ’
ainm.
Bha saighdeara ga’
n cur air chairtealaibh thuige gus am pàigheadh e ’
n t-
suim a leagadh air;
agus bha mòran theaghlaichean air an toirt gu bochdainn le so.
Bha mòran de thaobh siar Alb’
air a chreachadh leis na saighdearaibh mar gu’
m bu dùthaich a thugadh a mach leis a’
chlaidheamh a bh’
ann.
Theirteadh Lion Tarruing nan Easbuigean ris an Achd dhubh ud.
6. Ged a shaoileadh duine gu ’n robh sud cruaidh gu leòir, bha e ro las le Sharp. Rinn e gearan ri cùirt an rìgh air son co mall ’s a bha Ard-Chomhairl’ Alb’ ann a bhi peanasachadh na muinntir a bha tréigsinn eaglaisean an sgìreachd. Fhuair e le sin an ni a bha e ’g iarraidh, cead o’n rìgh cùirt a chur air chois ’an Alba, coslach ris an Inquisition, no cùirt dhiabhluidh nam Pàpanach. B’e
[303] Ard-
easbuig Sharp féin ceann-
suidhe na cùirt so.
Bha cothrom aig buill na cùirt air an toil féin a dheanamh.
Dh’
fheumadh gach trùpair ’
s gach earraid a bhi umhal doibh;
feumaidh iad uil’
a dhol far an iarr Sharp orra,
agus ni sam bith a dheanamh a dh’
òrduicheas e dhoibh.
Tha cumhachd aig an Iudas so,
neach sam bith is àill leis a ghairm gu a chùirt, ’
s peanas sam bith is àill leis a’
leagadh air, ’
s cha ruig e leas leth-
sgeul no dionadh a ghabhail o neach sam bith ach mar thogras e. ’
S i ’
n fhòirneart a bha Sharp air ceann na cùirte so a’
cleachdadh air gach bochd ’
us beartach,
sean ’
us òg a bha ’
tuiteam ’
na làmhaibh,
a dh’
aobharaich an ni ris an abrar ’
an eachdraidh Alb’,
a’
Gheur-
leanmhuinn.