[303] CAIB. XXXVI.
A’ GHEUR-LEANMHUINN.
’AN toiseach a’ gheamhraidh 1664 thàinig ceathrar de ’n mhuinntir a bh’ air teicheadh do na beanntaibh ’an Gallabhaigh a nuas a cheannach bìdh gu baile beag ris an abrar Dalraidh. Bha buidheann shaighdearan ’an sin, an déigh seann duin’ a cheangal, agus a’ bagradh a rùsgadh ’s a chur air greideil dheirg theth, mur pàigheadh e ùmhladh na h-eaglais, ni nach b’urrainn e’dheanamh. Chaidh na falbhanaich sgìth ud ’s an eadraigin, leòn iad fear de na saighdearan, ’s le còmhnadh muinntir eil’ a’ bhaile dh’ fhuadaich iad air falbh an luchd-fòireigin ud, ’s shaor iad an seann duine. Thuig an fheadhainn a chuir an làmh ’s a’ ghniomh ud ’gu’m b’ e ’n gliocas a nis seasamh ri chéile ’s iad féin a dhionadh mar a b’ urrainn iad. ’An uine ghoirid, theich feadhainn eile do ’n ionnsuidh ’s dh’ fhàs
[304] iad ’
n an réisimeid;
ach cha robh bheag sam bith de armachd ’
n am measg.
Mar bu trice, ’
s iad spealan air an deanamh dìreach a bh’
aca.
Bha Cornalair Uallas aca ’
na cheannard. ’
An dùil gu ’
n éireadh an dùthaich leò,
rùnaich iad an aghaidh a’
chur air Duneidin gus an luchd-
dùthch’
a bh’
air am foireigneadh a chur saor.
Ach cha tug an sluagh gnùis sam bith dhoibh. ’
S ann a dh’
éirich baile Lìbhte gu seasamh ’
n an aghaidh.
Rinn iad air son pilltinn air ais an sin rathad cnuic Phentland.
An déigh an sàrachadh a’
coiseachd,
stad iad aig àite ris an abrar Glasach Rullion.
Rug Seanalair Dalsiel orr’
an sin le arm an rìgh,
agus a thrì uiread aige ’
s a bh’
ann de na Cùmhnantaich.
Ach sgìth ’
s mar bha an naoi ceud falbhanach ud,
sheas iad gu iad féin a dhionadh mar a b’
fhearr a b’
urrainn iad.
Ach ’
n uair a dhorchaich an oidhche.
theich a chuid mhòr dhiubh air falbh feadh na ’
n cnoc—
chaidh leth-
cheud diubh a mharbhadh,
agus rinneadh priosunaich do cheud eile dhiubh.
Leig iad sin sios an armachd air chumha gu’
m biodh am beatha air an caomhnadh.
Ach coma air son a leithid sin a ghealladh.
Chrochadh deichnear dhiubh air an aon chroich ’
an Duneidin,
agus cuig deug thar fhichead mu choinneamh an dorsan féin ’
an àitibh fa leth de ’
n dùthaich.
Bha dithis de na priosunaich air an d’
rinneadh peanas na Bòtuinn—
inneal eagalach a thugadh as an Fhraing air son a bhi ’
g éigneachadh dhaoine gu bhi brath na muinntir a b’
aithne dhoibh a bhi briseadh aon sam bith de laghanna fuilteach an droch là ud. ’
An déigh do’
n chois a bhi air a cur ’
s an inneal so,
bha geinn an déigh geinn air an slacadh sios leis a’
chrochadair gus am biodh na cnàmhan air an spealgadh as a chéile.
Rinneadh am peanas sin aig an àm so air Mac Neil,
uachdaran Chòrsac,
agus air Uisdean Mac Càil,
searmonaich’
òg.
Chaidh Mac Càil a chrochadh an déigh peanas na Bòtuinn fhulang.
Rinn e searmon do ’
n luchd-
amhairc aig bonn na croiche.
Chomhdhuin e leis na briathraibh so. “
Slàn leibh athair ’
s a mhàthair,
a chàirdean ’
s a luchd-
dàimh;
slàn leibh a shaoghail agus uile shòlasan;
slàn leibh a ghrian,
a ghealach ’
s a reultan.
[305] Di-bheatha Dia agus an t-Athair. Di-bheatha a Thighearn’ Iosa mhilis. Di-bheatha Spioraid bheannuichte nan Gràs. Di-bheatha Glòir. Di-bheatha a’ bheatha mhaireannach. Di-bheatha am bàs.” Cha robh sùil thioram a làthair ’n uair a leig am Fiùdhalach sios a bheatha. Lean geur-leanmhuinn thròm ré a’ gheamhraidh sin uil’ an aghaidh luchd-leanmhuinn a’ chùmhnaint. Agus fhuair Morair Lauderdàil a bha ’na fhear-ionaid aig an rìgh ’an Alba, rian air Ard-easbuig Sharp agus na h-easbuigean eil’ a chur a mach as a’ Chomhairl’ agus triùir de àrd-mhaithibh na tìr’ a thoirt a steach do ’n Chomhairle còmhladh ris féin. Cha ’n ’eil e coslach gu’m bu chàirdean do ’n Chùmhnant an triùir sin, Morairean Thiughdail agus Chinn-Càrdin, agus Sìr Raibeart Muireach; ach bha iad ni b’ fhearr mar luchd-riaghlaidh na Sharp agus a bhuidheann. Fhad ’s a ghléidh iad sin an àitean, bha lasachadh aig na Cùmhnantaich. Fhuaradh Reachd air a dhaingneachadh a’ toirt maitheanais do na h-uil’ a ghabh pàirt ’s a’ cheannairc mu dheireadh. Ach ’s e bh’ ann gnothuch mealltach. ’S ann aig an àm so a rinneadh an t-Achd ris an abrar Indulgences. Thàinig litir o’n rìgh ’s a’ bhliadhna, 1669 a’ toirt ùghdarrais do ’n Chomhairle na ministeirean a leigeadh a steach do na h-eaglaisibh falamh. A mheud ’s a ghabhadh cur a stigh o na h-easbuigibh, gu ’m faigheadh iad pàigheadh; a mheud ’s nach gabhadh sin, gu ’m faigheadh iad tigh còmhnuidh agus glìb, agus cothrom searmonachaidh. Rinn an Reachd so troimhe chéile mòr ’s an eaglais, ni a bha beachd aig an rìgh a dheanadh e. Ach tre ais-innleachdaibh droch mhna, ban Iarla Dhisairt, thionndaidh Lauderdàil ’n an aghaidh sud, ’s chaill iad an dreuchdan. Fhuair Sharp ’s na h-easbuigean eile steach an sin, ’s an ùine ghoirid thòisich a’ gheur-leanmhuinn ni bu chruaidhe na bha i roimhe. Rinneadh laghan cruaidh’ ’an aghaidh Conventicles no, Choinneamhan-Folchuidh. Ach an déigh gach ni cha tigeadh an sluagh a dh’ éisdeachd a’ churate. Bha ùmhlaidhean troma ga ’n cur air gach neach a gheibhteadh aig Coinneimh Fholchuidh. Bha iad a’ deanamh an lagha ni bu chruaidhe
[306] ’an dùil gu ’
n cumadh sin air an ais an sluagh.
Agus rinn e sin car tamuill ’
n uair a rinneadh an Reachd fòirneartach ud—
gu ’
n robh gach fear labhairt ’
s gach fear éisdeachd aig Coinneimh-
Fholchuidh buailteach do pheanas sam bith a thogradh a’
Chomhairl’
a dheanamh air—
gu ’
m feumadh gach maighstir a sheirbhiseach a thoirt suas,
agus gach uachdaran fearainn a chuid tuatha,
air eagal iad féin a bhi buailteach do na h-
aon pheanasaibh.
Agus mar sin gach dàimh sam biodh daoine ’
seasamh da chéile gu’
m feumadh iad aon a chéile thoirt suas,
agus nach feudtadh comhfhurtachd sam bith a chomh-
pàirteachadh ri neach a bha ciontach de’
n mhi-
ghniomh ud,
no comhluadar a chumail ris.
Car tamuill bha mar gu’
m b’
eadh buaidh lagachaidh aige so air cuid de’
n t-
sluagh;
agus tha luchd-
eachdraidh ag ìnnseadh gu ’
n robh iad mar ’
n an tàmh ’
s a’
bhliadhna 1676.
Ach ’
an déigh sin ’
s ann a neartaicheadh na nithe a ’
bha ullamh gu bàsachadh. ’
S a’
bhliadhna 1677 rinneadh peanas air seachd mìle deug pearsa,
eadar ùmhladh ’
us prìosun, ’
us druideadh a mach o chàirdibh.
Agus an uair a chunnaic Sharp ’
us Lauderdàil nach robh sud uile ga ’
n cumail o ’
n Choinneimh,
rinn iad ni bu truime an t-
Achd,
le chur ann gu ’
m biodh càraid sam bith a bhiodh air am pòsadh,
no neach a bheireadh a leanabh ri ’
bhaisteadh do aon de na ministeiribh a chuireadh a mach,
buailteach do ’
n aon pheanas riu féin.
Thàinig daoin’
uaisl’
o thaobh ’
s iar na dùthch’
a’
ghearan ri Lauderdàil air son co ro chruaidh ’
s a bha iad ’
an déigh an Reachd a dheanamh.
Ach ’
an àite taiseachadh ’
s ann a rùisg fear-
ionaid an rìgh a ghàirdean thun na h-
uinnle,
agus a’
toirt buille do bhòrd na Comhairle le ’
neart,
mhionnaich e air ainm Iehòbhah gu’
n co-
éignicheadh esan iad gu iad féin a chur fo’
n bhann ud.
Ach cha b’
fhada gus an d’
fhuair am fear cuthaich so a mach gu’
m feumadh e ’
n dara cuid am bann a theannachadh fathast ni bu chruaidhe,
no leigeadh as gu h-
iomlan.
B’
e ’
n ath char air an do smuainich a’
Chomhairle gu ’
m fiadhaicheadh iad na Gàeil a nuas thun na machrach gus na Goill a chreachadh.
Bha aig an àm so
[307] cuid de na tighearnaibh Gàelach an aghaidh, ’
s cuid air taobh eaglais nan easbuigean,
mar a bha na Goill féin; ’
s ge b’
e taobh sam bith a leanadh an ceann-
cinnidh,
bha ’
n tuath mar bu trice ga leantuinn-
san.
Bha Camshronach Loch-
Iall ’
us mòran eile dhiubh air taobh an rìgh.
Cha robh aca sin ach fead a leigeadh, ’
s bha ’
n cuid daoin’
aig an sàil.
Thug oifigich nan Gàel orra a chreidsinn gu’
n robh iad gu bhi air an treòrachadh an aghaidh muinntir a bha ’
g éiridh ’
an ceannairc ’
an aghaidh an rìgh, ’
s ghealladh pailteas creiche dhoibh mar an tuarasdal.
Chaidh deich mìle dhiubh thun na machrach a’
bhliadhn’
ud, ’
s choinnich gràinne shaighdearan Galld’
iad aig Sruileadh;
chuir iad an aghaidh air taobh ’
s iar na dùthcha, ’
s b’
ioghnadh leò air fhad ’
s de ’
m falbhadh iad,
nach robh arm nan naimhdean idir ga ’
n coinneachadh,
ach an sluagh anns gach cearna de ’
n dùthaich ’
an ceann an gairmean laghail gu sìochail.
Ach ’
n uair a thuig na ceatharnaich ni b’
fhearr an t-
aobhar air son an tàinig iad, ’
s an cothrom a bha ’
n lagh a ’
toirt doibh,
leum iad air a’
chreich.
Cha robh each,
no mart,
no caora,
no gnè rud a ghabhadh iomain no giùlain,
nach robh iad a’ “
togail.” ’
S e bha Sharp ’
s a chomh luchd comhairl’
a’
cunntadh gu ’
n éireadh gach àrd ’
us iosal ’
an taobh ’
s iar na dùthcha ’
an ceannairc ’
an aghaidh an tighearnais,
agus nach biodh dad ri ’
dheanamh aca féin an sin ach leum air an cuid fearainn, ’
s a roinn eatorra féin ’
s an càirdean mar chitheadh iad iomchuidh.
Tha luchd-
eachdraidh ag innseadh gu’
n robh iad gu h-
achdaidh an déigh croinn a tharruing air cuid de ’
n fhearann,
mu’
n do thuig iad nach freagradh an dòigh ud idir.
Las spiorad sluaigh na rioghachd co mòr an aghaidh na Comhairle ’
s gu’
n do thuig iad gu ’
n robh iad féin ’
an cunnart mòr, ’
s ghreas iad a ghairm air ais nan Gàel le ni ’
s mò de chabhaig na bh’
orra a’
cur air an tòir.
Cha do mhair sgrìob nan Gàel ach dà mhios,
ach tha air a ràdh gur co mòr an cruinneachadh a rinn iad ’
s gu’
n do mheasadh sea mìle deug thar fhichead Punnd Sasunnach do ’
n chall a rinn iad ’
an Siorrachd Ara na h-
aonar.
Gun teagamh,
bha ’
n cuid féin aig na saighdearaibh
[308] Gallda de ’
n chreich,
ach o ’
n bha na Gàeil ainmeil air son ceatharnachd, ’
s ann orra-
san a dh’
fhàgadh tròmlach na coire.
Ghiùlain Cùmhnantaich an taobh ’
s iar creachadh am maoin le luath-
ghair, ’
s cha robh uiread de thoileachadh aig a’
Chomhairle ’
s an ni a rinn iad ’
s gu’
n do ghluais iad a’
mhuinntir chreacht’
ud gu ceannairc.
4. B’ e ’n ath leum a thug Sharp as lagh fhaotainn deanta leis am biodh e ceadaichte do na h-uil’ oifigeach airm neach air bith a chitheadh e dol no tighinn air ais o Choinneimh-Fholchuidh a mharbhadh air a’ bhad, gun seisean no mòd, ged nach deanadh an t-oifigeach ach a shaoilsinn gur h-ann a’ dol gu ’leithid de choinneimh a bha’n coigreach, no a’ pilltinn uaipe. Bha ’n càmhal so ro mhòr air son na Comhairl’ a bhi aon-inntinneach mu ’shlugadh. Ach fhuair Sharp an àireamh bu lionmhoire dhiubh air a thaobh. Bha Dreachd [Draft.] de’n lagh so gu bhi air a chur suas do Lunuinn, air an t-seathamh là de cheud mhìos an t-samhraidh 1679, agus bha Sharp féin gu falbh suas aig an àm cheudn’, air son an t-Achd a chuideachadh air aghart; ach roimh dha dol do Lunuinn chaidh e air ais do Chill-Rìmhinn air an dara là de ’n mhìos. Stad e ’n oidhche sin an tigh Chaiptin Setoin, fichead mìl’ o Chill-Rìmhinn. Ghabh e air aghart air an ath mhaduinn, agus roimh mheadhon là thug buidheann a bh’ air tòir Uilleim Carmìchael an aire dha. Bha Carmìchael so ’na earraid aig Sharp, a’ ruith sìos agus suas a’ glacadh nan Cùmhnantach ’s na ceàrnaibh ud. Chaidh an naoinear mharcaichean ud gu gréim a dheanamh air an earraid, agus ni-eigin de pheanas a dheanamh air; ach chaidh e as uath’ an là ud. An uair a bha iad a’ dealachadh ri ’chéil’ a’ pilltinn dhachaidh fhuair iad sgeul gu ’n robh inneal-siubhail an Ard-easbuig gu gabhail an rathad ud. An déigh beagan comh-labhairt ’s e rùnaich an luchd tòrachd, ged a chaidh an ciontach beag as uatha, gu ’n tugadh iad làmh air a’ chiontach
[309] mhòr.
Roghnuich iad fear Hacston gu bhi ’
na cheannard orra ’
deanamh a’
ghniomh, ’
s gu’
n tugadh iad uil’
ùmhlachd dha.
Dhiùlt esan. ’
An sin chuir fear eile dhiubh,
d’
am b’
ainm Burlaidh,
spuirean ri ’
each,
a’
glaodhaich ri ’
chompanaich, “
Leanaibh mise, ’
dhaoin’
uaisle.”
Bu charbad Lunuinneach inneal-
siubhail an Ard-
easbuig, ’
s bha e air a tharruing le sea eachaibh meanmnach.
Bha e féin ’
s a nighean a stigh, ’
s a chuid sheirbhiseach a muigh a’
marcachd ’
s a’
greasadh nan each. ’
N uair a chunncas a’
bhuidheann ud a’
dian mharcachd as an déigh,
ghlaodh esan a mach ris an fhear-
ghreasaidh, “
Greas,
Greas.”
Ach an déigh réis mhaith,
rug na marcaichean air.
Dh’
aslaich e orr’
a bheath’
a’
chaomhnadh ’
s gu’
n caomhnadh esan am beatha-
san, ’
s gu’
n tugadh e airgiod dhoibh.
Dh’
aslaich iadsan air e dhol a dh’
ùrnuigh, ’
s nach robh aig’
ach beagan ùine.
Cha deanadh esan sud, ’
s air dhoibh earalachadh gu a dhleasdanas car ghreis thug iad ionnsuidh air a mharbhadh a stigh ’
s a nighean ri ’
thaobh;
ach air dhoibh a thuigsinn nach robh e gu mòr air a lotadh thug iad a mach e, ’
s shàth gach fear dhiubh a chlaidheamh ’
na chorp.
Mharcaich iad an sin air falbh,
a’
glaodhaich ris na seirbhisich, “
Togaibh leibh a nis ’
ur sagart.”
5. Ach ged a bha Sharp marbh bha e fathast a ’labhairt. Chuireadh an droch lagh a rinn esan suas do Lunuinn ’s thàinig e air a ais le seul an rìgh ris, ’s thòisich àm a chasgraidh a nis da rìreadh. Air a’ cheud Sàbaid de’n ath mhios an déigh bàis an Ard-easbuig, bha Coinneamh-Fholchuidh aig àite ris an abrar Abhondàil, an iar air amhainn Chluaidh. Goirid an déigh do ’n t-seirbhis tòiseachadh loisg am fear-fair’ an urchair a bha ’na ghunn’ a dh’ innseadh gu’n robh an nàmhaid a’ dlùthachadh, ’s ruith e féin thun a’ choimhthionail. Tharruingeadh na daoin’ armaichte ’mach air ball ’an òrdugh gu seasamh ’am féin dhion. Cha robh ann diubh ach mu dhà cheud gu leth. Ghluais a’ chuid eile de ’n choimhthional gu àite tearuinte. Bha Cleabhars uaibhreach nan each, air cheann airm na tòrachd. Bha boglach domhain eatorra,
[310] far an do choinnich iad.
Thug Cleabhars òrdugh losgaidh an toiseach.
Co luath ’
s a dh’
fhairich na Cùmhnantaich gu ’
n robh iad ri losgadh,
ghrad thuit gach fear dhiubh air an talamh,
ach ’
am priobadh na sùl bha iad air an cosaibh,
gun neach leònta, ’
s loisg iad làdach air trùpairibh Chleabhairs leis an robh iomadh diollaid air a falmhachadh.
Cha do sheas an cath ùine sam bith.
Theich Cleabhars féin dheth ’
n àraich le ’
each reubta, ’
s ged a bha còm an eich aige ga shlaodadh as a dhéigh,
mharcaich e mìl’
e air sgàth a bheatha féin.
Chaidh dà fhichead de na naimhdean a mharbhadh,
agus mòran a leònadh, ’
s a ghlacadh ’
na ’
m priosunaich.
Cha do chaill na Cùmhnantaich ach seisear.
6. An déigh na buaidh so thòisich mòran a’ sruthadh as gach àite de ’n dùthaich do ’n ionnsuidh. Thàinig iad gu bhi ’n an Coimhthional mòr anns an robh dlùth air cuig mìle comasach air armachd a ghiùlain. Thòisich cùirteirean an rìgh a nis a’ smuaineachadh gu’m bu ghnothuch cudthromach e, ’s chuir iad sios do Alba Diùc Mhonmouth, mac diolain do ’n rìgh, gus an t-arm a threòrachadh an aghaidh nan Cùmhnantach. ’An ceann thrì seachduinean an déigh là Dhruimclog,[Ainm an àit’ an do chuireadh am blàr. ] bha coimhthional mòr eil’ ag éisdeachd searmoin air monadh Hamiltoin, faisg air drochaid Bhotueil. Chunncas Diùc Mhonmouth a’ tighinn air ceann an airm gu bualadh orra. Ghreas na Cùmhnantaich gu sealbh a ghabhail air an drochaid, ’s an cumail gun dol thairis. Ach cha deachaidh ac’ air sin a dheanamh fada. Bha cuig mìle deug duin’ aig Monmouth, cha robh aca-san ach trian sin; ’s cha robh luaidh’ ’us fùdar gu leòr aca. Agus bha iad roinnte na measg féin. Theich iad air falbh o ’n drochaid, ’s nuair a fhuair Monmouth a null, cha robh doirbheadas sam bith dha an ruaig a chur air na Cùmhnantaich. Cha robh ac’ ach droch ceannard a bh’ air e féin a chur ’s an dreuchd gun iarraidh idir. ’N uair a dhlùthaich cunnart ris, thug e ’chasan leis. ’N uair a chunnaic na
[311] daoine mar bha iad air am brath ’
s air an tréigsinn,
leig iad sios an armachd, ’
s mar sin cha do dhòirteadh tuilleadh fola ’
s a’
chath.
Bha air a mheas gu ’
n do thuit ceithir cheud ann uile.
Rinneadh priosunaich dhiubh, ’
s thugadh ’
n an càraidibh iad do Dhuneidin.
Cha ghabhadh na prìosunan iad uile.
Chuireadh cuig ceud deug a steach do Chladh eaglais Greyfriars,
far an do chuir Alb’
a h-
ainm ris a’
Chùmhnant dà fhichead bliadhna roimhe sud.
Chumadh ’
an sud iad ré chuig mìosan,
gun fhasgath o fhuachd no theas,
air an cumail beò le aran airce ’
s le uisg’
airce.
Leigeadh cuid diubh air falbh air dhoibh an ainm a chur ri bann nach togadh iad arm a choidhch ’
an aghaidh an rìgh—
thàrr cuid a bha eutrom,
beothail,
as,
le leum feadh na h-
oidhche seachad air gàradh a chlaidh.
Mu mheadhon ceud mhios a’
gheamhraidh,
chuireadh dà cheud gu leth dhiubh air bòrd soithich an Lìbhte,
gus an cur a dh’
America,
air son an reic mar thràillibh. ’
N uair a bha iad a’
dol seachad air Arcu,
shéid a’
ghaoth co mòr ’
s gu ’
m b’
éigin doibh dol a steach do loch beag.
Mu mheadhon oidhche dh’
éirich onfha mòr air an oirthir a thilg an soitheach gu tìr air sgeir far an do bhriseadh i.
Bha na priosunaich fad na h-
ùin’
air an glasadh fo rùm. ’
N uair a thuig iad ciod a bha gu tachairt,
ghlaodh iad cothrom fhaotainn tighinn a mach.
Ach thug a’
bhrùid Caiptin a bh’
orra teann òrdugh na bùird-
dhoruis a bhi air an druideadh gus nach faigheadh aon diubh a mach.
Ghearr na seòladairean an crann, ’
s rinn iad rian air faotainn thun na sgeir’
air an drochaid chaoil sin; ’
n uair a fhuair iadsan air tìr ’
s a sgoilt an soitheach,
thàinig mu leth-
cheud de na daoine thun a chlàir uachdair ’
s chaidh an tearnadh.
Ach bhàthadh an dà cheud eile,
le coire a’
chaiptin, ’
s nan seòladairean.
7. Ged a chaill àireamh co mòr am beath’ aig Drochaid Bhotueil, bha’n tighearnas a’ gabhail creideis dhoibh féin air son nach robh iad co cruaidh ’s a dh’fheudadh iad a bhi. Cha bu duine fuilteach Monmouth. Chaisg e ’chuid saighdearan mar a b’ urrainn e o dhòirteadh fola ’an déigh do na Cùmhnantaich an airm a’ leigeadh sìos. Agus le ’oidhirpibh-san rinneadh Reachd air son stad a chur air a’
[312] gheur-
leanmhuinn,
ach tre naimhdeas nan easbuigean ’
an Alb’,
agus Lauderdàil,
a bha nis air a dheanamh ’
na Dhiùc,
bha ’
n reachd so ’
na litir mhairbh fhad ’
s a mhair e,
agus ’
an ùine ghoirid thuit e gu tur,
agus thàinig a’
gheur-
leanmhuinn gu bhi ni b’
fhuiltiche ré nan ochd bliadhn’
an déigh sud na bha i riamh roimh’ ’
an Alba,
no feudaidh e bhi, ’
an rioghachd eil’
air domhan.
Phòs Diùc Lauderdàil ban-
Iarla Dhisairt, ’
s bha sin mar gach ni eil’
an aghaidh nan Cùmhnantach.
B’
aon de na boirionnaich gun nàir ise, ’
s a réir gnàths an t-
seòrsa,
bha i anabarrach caithteach;
agus dh’
fheumadh a spàinn a bhi ’
n càl gach fir,
gu a h-
ana-
measarrachd a chumail suas.
Cha robh dreuchd àrd no iosal a bh’
aig an Diùc ri bhàirigeadh,
nach feumadh ise duais fhaotainn o neach a gheibheadh aon diubh sin.
Bu droch là so da rìreadh.
Gluaisidh gach aon taobh luchd an uilc, ’
us togaidh iad an ceann, ’
n uair a chuirear suas na daoine suarrach.
An duine bu shuarraich’ ’
am Breatunn air a’
chaithir, ’
s a’
bhean bu mheasa ’
an Alba ri riaghladh na tìre sin.
8. Ach co dhiùbh is ann ni b’ fhearr no ni bu mheasa bhiodh nithe leis a’ chaochladh, ’s e rùnaich cùirtearan an rìgh gu ’n tigeadh Diùc Iorc, bràthair an rìgh, a nuas do Dhùneidin a riaghladh Alba thruaigh a bha nis air a h-an-riaghladh. Cha b’ ann ni b’ fhearr ach ni bu mheas’ a chaidh nithe leis an Diùc a chur a làimh air an stiùir. Bu dù-Phàpanach Diùc Iorc; b’ e sin an t-aobhar gu’n d’ fhuadaicheadh do’n Olaind e ’n toiseach, agus ’an sin do Alba. Bha e bhi ’na Phàpanach a’ meudachadh a naimhdeis do Chùmhnantaich Alba. Fhuair an riaghlair ùr so Reachd air a dheanamh, a réir am feumadh na h-uil’ air am b’ àill leò sin iarraidh, mionnachadh gu’m biodh e dìleas do Leabhar Aidmheil a’ Chreidimh, mar air a dhaingneachadh le Pàrlamaid Alba, agus gu’n aidicheadh e làn ùmhlachd do’n rìgh ’s na h-uile nithibh spioradail ’us aimsireil. Bha còir aig Iarl’ Earra-Ghàeil suidhe ’s an Ard-Chomhairl’, agus mar aon de bhuill na Comhairle chuireadh air gu’m feumadh e na mionnan so thoirt. Thuirt an t-Iarla gu ’n
[313] deanadh e sud anns co fad ’
s a bha n t-
Achd comh-
sheasmhach ris féin,
agus a bha e comasach a dheanamh gun chall do eaglais Alba.
Air son a’
chùl-
earalais so chuireadh ’
an làimh e, ’
s fhuaradh air a dhìteadh e mar ciontach de àrd cheannairc, ’
s chaidh a ghlasadh a stigh ’
an Caisteal Dhuneidin.
Bha fios aige gu’
n cuireadh iad gu bàs e mar a rinn iad air ’
athair roimhe,
agus mar sin ghabh e cothrom air teicheadh a mach as a’
Chaisteal ’
an cruth ’
s an àite fir-
frithealaidh a dhalta.
Bha ban-
tighearnan ’
s an àm ud a’
giùlan eàrradh fhada.
Thug a’
bhan-
tighearn thapaidh so fear-
frithealaidh a steach leatha do’
n Chaisteal,
a bha cumail suas a h-
eàrraidh.
Bha ceann an fhir so còmhdaichte le luideagaibh,
mar gu’
m biodh e air bith ’
an sabaist.
Dh’
fhàg i ’
m fear so ’
an àit’
an Iarla, ’
s thug i ’
n t-
Iarla mach ’
na ’
riochd.
O’
n bha ’
n oidhch’
air dorchachadh mu’
n do phill i mach,
fhuair i féin ’
s an t-
Iarla seachad air gach geàrd gu sàbhailte. ’
An tearc làithibh an déigh sin ràinig Iarla Earra-
Ghàeil an Olaind gu tearuinte.
Chaidh a chuid fearainn ’
s gach ni talmhaidh a bhuineadh dha a bhuileachadh air na tràillibh ud a bha umhal do phàirtidh an rìgh.
Chuireadh airgiod ceann mòr air.
Bha so ’
s a’
bhliadhna 1681.
9. Goirid ’an déigh blàr Dhrochaid Bhotuel chuir Dòmhull Cargille, ministeir co cliùiteach ’s a bh’ aig na Cùmhnantaich, gairm fhollaiseach a mach feadh na dùthcha, gu’n robh iadsan ’s na leanadh riu, uaithe so a mach, a’ diùltadh na h-uil’ ùmhlachd aimsireil co maith ’us spioradail do rìgh Tearlach ’s d’a luchd-muinntir, ’s gu’n robh iad ga iomsgaradh o chomunn nan Criosduidh. Bha cuid de na Cùmhnantaich nach rachadh co fada sud, a bheireadh ùmhlachd do’n rìgh ’an nithibh aimsireil. Agus bha mar so càirdean an aobhair air an roinn an aghaidh a chéile. Ach bha àireamh mor de’n aon bheachd ri Cargille. B’ esan agus Richard Camshron an dithis mhinisteirean a b’ ainmeile de ’n fheadhainn a bha gu follaiseach air an ruagadh o chnoc gu cnoc. Cha b’ urrainn mòran diubh a bhi còmhladh ri chéil’ uair sam bith fad na seachduin. Ach aig an àm an robh iad a’ smuaineachadh gu’n robh tòir air Richard
[314] Camshron,
bha geàrd beag air thoirt dhà anns an robh trì fichead fear.
Air maduinn an dara là fichead de mhios meadhonach an t-
samhraidh 1680,
thug bean an tigh’
anns an robh e air an oidhche chur seachad uisge dha air son a làmhan ’
us aghaidh ionnlad. ’
An déigh a làmhan ionnlad thuirt e, “
So an t-
ionnlad mu dheireadh,
feumaidh mi ’
n glanadh, ’
s iomadh neach a chì iad.”
Air an là sin bha e féin ’
s a gheàrd air an cuairteachadh le réisimeid air an robh Brusach Earlshall ’
na cheannard,
aig àite ris an abrar Monadh Ara.
Bha sea fichead saighdear ’
s an réisimeid so,
mu choinneamh an trì fichead a bh’
aig a’
Chamshronach. ’
N uair a thuig am ministeir duineil so gu’
n robh an còmhrag gu bhi ann,
rinn e ùrnuigh ghoirid,
anns an do ghuidh e trì uairean, “
an glàs a bhi air an caomhnadh, ’
s an t-
abaich a bhi air an toirt air falbh.”
Thionndaidh e ri ’
bhràthair an sin ’
s thuirt e ris, “
Cogamaid a nis gu duineil thun na crìche.”
Chuir ceannard na buidhne bige so a chuid daoine ’
s an òrdugh a b’
fhearr a b’
urrainn e.
Ach cha do sheas an còmhrag ro fhad’
eadar iad ’
s na trùpairean.
B’
e ’
n Camshronach féin aon de’
n cheud fheadhainn a thuit.
Mharhhadh ochdnar eile ri ’
thaobh.
Dh’
fhuadaicheadh an fheadhainn eile do oisinn de’
n bhoglach,
anns nach faigheadh an eachraidh d’
an ionnsuidh.
Ghearradh an ceann ’
s na làmhan de’
n Chamshronach, ’
s chuireadh air stobaibh iaruinn iad ’
an caochladh àitibh de Dhuneidin. ’
S iomadh duin’
a chunnaic iad.
Dìreach ’
an ceann bliadhn’ ’
an déigh sin ghlacadh Dòmhull Cargille, ’
s thugadh do’
n phrìosun e gu bhi air a chrochadh.
An uair a bha e ’
labhairt ris an t-
sluagh thar fàradh na croiche bha òganach àraidh ’
na sheasamh aig a bonn a measg an luchd éisdeachd.
An uair a sguir Cargille a labhairt, ’
s a chuir e ’
aghaidh air a’
bhàs,
thionndaidh an t-
òganach so air falbh gu oisinn aonaranach,
le cridhe tròm,
goirt.
B’
e so Seumas Reinic,
mu’
n cluinnear fathast.
10. Aig an àm cheudn’ an robh ’n fheadhainn bu ro dhéine de na Cùmhnantaich air an sealg, ’s air an gearradh sìos mar so, bha ’chuid sin diubh bu mheasarra glé mhì-riaraichte le’n staid, agus a’
[315] tuigsinn nach robh an tomhas de shìth a bha iad a’
mealtuinn glé chinnteach.
Sgaoil eagal mòr na measg an uair a chunnaic iad mar a thachair do Iarl’
Earra-
Ghàeil.
Cheangail àireamh de na h-
uaislibh iad féin ri chéil’
ann ann comunn gus an cuid fearainn ’
us eile reic, ’
s a dhol air imrich do America.
Bha comunn saibhir ’
an Lunuinn aig an robh còir-
shealbh air sgrìob mhòr fearainn ’
an America á Tuath,
agus chuir na h-
uaislean Albannach dithis no triùir uatha féin suas an sin a chòrdadh ri luchd-
gnothuich a’
chomuinn ud,
gus na dh’
fheumadh iad de fhearann a cheannach uatha.
Air dhoibh sin a dhol a Lunuinn air cheann a’
ghnothuich so,
fhuair iad a mach gu’
n robh cuid de mhaithibh Shasuinn ag ullachadh gu h-
uaigneach air son éiridh ’
an aghaidh ain-
tighearnais an rìgh,
agus a’
chomh-
éigneachadh gu bhi riaghladh a réir co-
shuidheachaidh na rioghachd le dà Thigh na Pàrlamaid.
Dh’
aontaich na h-
uaislean Albannach ri gnùis a thoirt do ’
n bheachd so ’
n an dùthaich féin.
Leig iad seachad America aig an àm;
ach mu’
n robh an t-
innleachd abaich air son briseadh a mach,
chaidh diùlanaich Shasuinn a bhrath le feadhainn aig an robh fios air a ghnothuch,
agus a bha rùnachadh dol mòran ni b’
fhaide na bha ’
s a’
cheud bheachd, —
a bha ’
g iarraidh Tearlach agus a bhràthair a chur gu bàs ’
s an riaghladh a’
ghabhail na ’
n làmhaibh féin.
Theirear ri so ’
s a Bheurla,
Rye House Plot.
Chuireadh Morair Rusal agus fear eile da’
m b’
ainm Sidne gu bàs ’
an Sasunn air son ’
an coimh-
cheangail ri so;
agus rinneadh grèim ’
an Lunuinn air Mr Bàillidh Ierbhisud a chuireadh suas as Alba air son an aobhair a dh’
ainmicheadh.
An déigh mòran pianaidh a dheanamh air ach am fàisgteadh a mach as ni-
eigin mu dheighinn a chomh-
luchd-
dùthch’
a thug gnùis do ’
n chomh-
fhoill ud,
chuireadh air ais do Dhuneidin e gu dol fo bhreith an sin a réir lagh Alba.
Aig an àm cheudna thòisich an luchd-
riaghlaidh ’
an Duneidin a’
togail fàileidh cuid de àrd-
mhaithibh na tìre,
agus a’
cur shaighdeara ga ’
n glacadh gun fhios doibh.
Bha cuid diubh air an glacadh, ’
s cuid eil’
[316] a’ faotainn rabhadh an tràth gu leòr gu teicheadh.
Fhuair Morair Melbhil sanas tre chàirdeas an fhir do ’
m b’
éigin barantas a thoirt air son a chur an làimh.
Bha buidheann eile shaighdearan aig a’
cheart àm a’
dol a’
ghlacadh fiùdhalaich eil’
da ’
m b’
ainm Sìr Pàruig Hume,
uachdaran Pholairt.
Stad iad aig tigh duin’
uasail a gabhail ùrachaidh bìdh.
Ged nach feudtadh foighneachd c’
àit an robh iad a’
dol,
fhuair bean an tigh’
a bha càirdeil do na Cùmhnantaich a mach gur h-
ann air Caisteal Pholairt a bha’
n aghaidh.
Cha bu dàna leatha teachdair’
a chur gu Sìr Pàruig a dh’
innseadh dha gu’
n robh cunnart ann, ’
s cha ’
n fheudadh i litir a chur thuige;
ach ’
s e rinn i giullan a chur tarsuinn a mhonaidh le paipeir gu Sìr Pàruig anns nach robh focal sgriobhta,
ach iteag bheag air a lùbadh ann.
Bha fios aig Sìr Pàruig roimhe sud gu’
n robh e ’
na chuspair fuatha do ’
n luchd-
riaghlaidh.
Smuainich e nis gu’
m bu ghlice dha falbh air sgéith taobh eigin.
Cha robh ùin’
ann gu ullachadh air son falbh fada,
agus ’
s e rinn e ’
chairtealan a thogail anns an uaimh ’
s an robh aithrichean air an adhlacadh.
Fhuaradh leabaidh air a cur suas dha ’
s an talla dhorch sin, ’
s bha Griseal,
a nighean bu shine ’
dol do ’
n chladh na h-
aonar air mharbhan mheadhon oidhche,
le biadh thuige.
Bu nighean chuireadach i so aig an aois am feumadh i bhi mu’
n àm ud.
Tha cuid ga deanamh sea bliadhna dh’
aois, ’
s cuid eil’
a thrì uiread sin,
ach cha b’
urrainn gu’
m biodh i barrachd air naoi no deich a thaobh an dòigh ’
s an robh i ’
deanamh gnothuch puist eadar a h-
athair ’
us Mr Bàillidh ’
am priosun Dhuneidin.
Cha ’
n fheudadh sgriobhadh a bhi ann;
gheibhteadh rian air Griseal a chur a Dhuneidin;
bhiodh i cluiche mu dhorus a phriosuin còmhladh ris a chloinn bhig eile. ’
N uair a thigeadh fear a phriosuin a dh’
fhosgladh an doruis,
shleamhnaicheadh i steach air a shàil,
mar le seòrsa de ioghnadh;
dheanadh i seanachas ri Mr Bàillidh co ciallach ri ’
seanmhair, ’
s bheireadh i teachdaireachd air ais uaithe gu h-
athair. ’
N uair a dh’
fhalbh an tòrachd,
fhuair Sìr Pàruig fàth air teicheadh do ’
n Olaind;
chaidh a theaghlach as a
[317] dhéigh an sin,
an déigh an creachadh de’
n cuid shaoghalta;
ach thàinig iad air an ais aig àm na saorsa, ’
s chaidh esan àrdachadh gu bhi ’
na Iarla Mharchmont.
11. Goirid an déigh do Dhòmhull Cargille a bhi air a chur gu bàs thòisich na Cùmnantaich air coinneamhan uaigneach a chur air chois. Bha gun teagamh tòiseachadh ac’ air a dheanamh roimhe sin; ach dhùblaich iad an oidhirpean mu’n àm so air a’ mheud ’s a bha ’n am fior chàirdibh do’n Chùmhnant aonadh ri chéile, gu h-àraidh a’ mheud ’s a bha deònach fulang air sgàth ainm ’us aobhair Chriosd. Bha iad anabarrach teann, faiciollach, ’s na riaghailtibh a bh’ ac’ air son buill a ghabhail a steach do ’n comunnaibh, air eagal gu’m biodh iad air an lionadh le brathadairibh. Anns a’ bhliadhna 1683, bha còrr ’us ceithir fichead de na comuinn sin air feadh gach cearna de ’n dùthaich, agus bha seachd no ochd de mhìltean air iad féin a cheangal riu. Ach bha iad a’ sior dhol an lionmhoireachd na h-uile bliadhna gu àm tuiteam nan Stiùbhartach. Anns na cleachdaidhibh uaigneach a bh’aca bha roinn de’n ùin’ air a caitheamh ’an dleasdanasaibh aoraidh, agus ’am fòghlum arm-chleas a’ chogaidh. Bha comh-sgriobhadh a’ dol air aghart eadar iad ’us mòran de chomunnaibh eil’ air tìr-mòr na h-Eòrp’, aig an robh comhfhulangas riu, gu h-àraidh Pròstanaich Hungari, na Ualdensich, agus na h-Olaindich. Ach ’s ann a’ meudachadh a bha teas na h-àmhainn theinntich ’s an robh iad air an tilgeadh. Bha na trì bliadhn’ ud an déigh a’ chéile, 1683, 1684-85, anabarrach fuilteach. ’S ann ris an dà bhliadhna so mu dheireadh a theirear Am a’ Mharbhaidh, ’an eachdraidh Alba. Bha fuil air a dòirteadh gach là, anns an tigh, ’s anns a’ mhachair; fuil sheann daoine, ’s dhaoin’ òga; fuil sheana mhnathan, ’s mhnathan òga. Cha robh cunntas ri ghabhail de na saighdearaibh air son na thogradh iad a chur gu bàs, agus anns an dòigh an togradh iad. Fhuaradh fear a’ gabhail an rathaid agus Biobull aige ’na phòcaid; ’s chaidh am peilear a chur ann. Rinneadh gréim air caileig a’ giùlan Biobuill gu ’ban-mhaighstir; chaidh a crochadh. Chunnaic Cleabhars uaibhreach
[318] duine marcachd seachad air,
ris an do ghlaodh e “
stad.”
Cha tug an duin’
an aire dha, ’
s cha do stad e.
Thug Cleabhars òrdugh am peilear a chur ann.
Fhuaradh a mach a rìs gu’
n robh an duine co bodhar ’
s nach cluinneadh e guth.
Fhuair an t-
àrd mhortair so féin ceathrar ag ùrnuigh ’
an aon tigh faisg air amhainn Dhì;
bu leòr sin.
Thug e mach iad a lion duine s’
duine, ’
s chaidh an cur fo bheul a ghunn’
aig an dorus.
Thàinig e air ais goirid an déigh sin, ’
s thug e ma ’
n airidh an cuirp a bhi air an cladhach, ’
s air an tilgeadh a mach as an uaighibh.
Aig àm na Bealltuinn 1685 chaidh Mairireat Nic Lachlainn,
bantrach a bhi trì fichead ’
s a sea a dh’
aois,
agus Mairireat Uilson a cheangal ri dà phost ’
an iochdar na tràghad,
agus am fàgail ’
an sud gus an do bhàthadh iad ’
n uair a dh’
éirich am muir.
Ach feudaidh gur h-e mortadh Iain Mhic’illeDhuinn Chnuic an t-sagairt, a thachair mu’n cuairt do’n àm so féin, ceud mhìos an t-samhraidh, 1685, gniomh co fuilteach ’s anns an do chuir Cleabhars làmh riamh. Thàinig e gun fhios air an duine chneasda so ’s e ’g obair le spaid ’an àit’ eigin dlù do ’n tigh. Cha d’ rinn e ach tearc mhionaidean a thoirt dha gu ùrnuigh, agus an sin am peilear a chur troimh’ ’cheann le ’làimh féin, agus an sin grad thionndadh air falbh, a’ glaodhaich ris a bhantraich bhochd, a shuidh gu deurach ri taobh a’ chuirp, “ciod i do bharail a nis mu ’d’ chéile.” ’N uair a bha obair a’ mharbhaidh air tighinn gu a làn àirde bha rìgh Tearlach air a sguabadh air falbh do ’n t-siorruidheachd le buille de ’n spad-thinneas, air an t-seathamh là de cheud mhìos an earraich 1685, anns a’ cheathramh bliadhna deug thar an dà fhichead de ’aois. Dh’ aidich e ’n eaglais Phàpanach air leabaidh a bhàis, ’s dh’ adhlaiceadh e réir nòis na h-eaglais sin.