[319]

CAIB. XXXVII.

TUITEAM AN TIGHE FHUILTICH.

B’ E Seumas Diùc Iorc, bràthair bu shine Thearlaich, oighrachrùin, a chionn nach dfhàg esan duine cloinne dligheach. Bha teaghlach mòr aige de chloinn, diolain ma dhfheudar teaghlach a radh rin leithidibh sin. Bha seisear de na mic sin air an deanamh nan Diùcaibh, agus dithis nighean air an deanamhn am ban-Iarlaibh. Bha mòranan Sasunn leis am bu roghnuiche Diùc Mhonmouth, mac bu shine Thearlaich, a thighinn thun na caithreach a chionn e bhina Phròstanach. Ach dan aindeoin sin, fhuair Diùc Iorc a bhi air a chrùnadh fo thiodail Seumas II. Shasuinn. Bha Seumas ag aideachadh achreidimh Phàpanaich iomadh bliadhna roimhe so. Thàinig e nis gu follaiseach gu bhig aideachadh gun caitheadh eneart ag oidhirpeaehadh Sasunnus Albiompachadh thun a chreidimh sin no gum bàsaicheadh es an oidhirp. Agus bha e co maith rifhocal. Bhàsaich e féins a theaghlach, mar rìghibh, ’s an oidhirp.

2. Cha drinn bàs rìgh Tearlaich lasachadh sam bith air fulangasaibh nan Cùmhnantachan Alba. Bann an déigh sin a chuireadh gu bàs an fheadhainn a dhainmicheadhan deireadh a chaibdeil roimhe so. Bhàsaich Alastair Péden ris an abradh iad am Fàidh, an toiseach 1666. Bha esan air bithna mhinisteiran Gleann-Lus, agus chuireadh a mach en uair a rùnaich rìgh Tearlach Easbuigeachd a chur suasan Alba. ’N uair a bha Péden afàgail na h-eaglais an déigh a shearmoin mu dheireadh, bhuail e dorus na cùbaid trì uairean leis aBhiobull, ag radh, “Aith neam dhuitan ainm mo mhaighstir nach fosgail thu ach do


[320] neach a thig a steach mar thàinig misair an dorus.” Thachair mar a dhàithn Péden. Bha e féin dheich bliadhnan déigh sin air an allaban. Bha e measg nan ceud mhinisteirean a thòisich air Coinneamh-Fholchuidh a chumail. Chaidh a ghlacadh ann an 1673 agus a churna phriosunach don sgeir mhara ris an abrar Bas, chuig bliadhna. Chuireadh an sin e féins a chompanaich air bòrd soithich do Lunuinn gus an cur air falbh a dhAmerica gus an reic mar thràillibh. Fhuair Pédens a chompanaich an saorsainnan Lunuinn. Bha e riamh tuilleadh a bheatha, mar neach fon choill eadar taobhs iar Alba, ’s taobh tuath Eirinn. ’Nuair a dhfhairich e gun robh chrioch ateanadh riss abhliadhna 1686, dhiarr e gu Achanacloich, àita bhreith. Ach mar bhan tòir co teann air, chan fhaigheadh e do thigh còmhnuidh idir. Bha es na h-uamhaibh. Bhàsaich en tigh duinuasail, ’s chaidh adhlacadh gu h-uaigneachan tuaim teaghlaich Bhosueil. Achan ceann shea seachduinean, fhuair na saighdearan a mach càit an robh e air adhlacadh, ’s thog iad a chorp, ’s chroch iad e air a chroich chumantos ceann Chumnoc; dhadhlaic iad an sin e aig bonn na croiche. Bha cladh na sgìreachd anns aghleann, aig bonn a chnuic air an robh achroich, achs ann a thòisich iad a nis ag adhlacadh far an robh corp Alastair Phédein an Fhàidh. Tha àit adhlacaidh na sgìreachd air achnoc sin gus an n diugh.

3. Goirid an déigh do Sheumas tighinn thun na caithreach, agus a dheanamh aithnichte gun robh e rùnaichtair aChreideamh Phàpanach a chur suasam Breatunn, rinn Diùc Mhonmouth agus IarlEarra-Ghàeil cuim ri chéile gu thighinn a nall as an Olaind, agus tòiseachadh atogail dhaoinean dara fearan taobhs iar Shasuinn, ’s am fear eilan taobhs iar Alba, gus an righ-chaithir a thilgeadh bun os ceann. Dhéirich mnn cuairt air cuig mìle le Monmouth; ach bha iad gu bochd air an armachadh, ’s chaidh an cur sìos gu h-ath-ghoirid le arm an righ. Ghlacadh Monmouth féins chuireadh gu bàs e; ’s chuireadh àireamh mòr de na dhéirich leis gu bàs mar an ceudna. Thog an spiorad fuileachdach a thaisbean


[321] Seumas aig an àm so, mòran fuathan aghaidhain-tighearnaisan Sasunn. Bha fios roimh làimh aig an luchd riaghlaidhan Alba gun robh IarlEarra-Ghàeil atighinn, ’s chuir iadan làimh na h-uile duinuasal dechinneadh ris am feudadh sùil a bhi aigair son cuideachaidh. An uair a thàinig an t-Iarlas achuideachd a lean e as an Olaind air tìran taobhs iar Alb’, a measg a chuid tuatha féin, cha déirich ach ro thearc; ach chruinnich e eadar a dhàs a trì mhìltean thalls a bhos, ’s chaidh e mach gu Galldachdan dùil gun éireadh Cùmhnantaich Ara, ’s na dùthcha mun cuairt leis. Ach bha e air a chuairteachadh le arm an rìgh co mòrs gum béigin da chuid dhaoine sgapadh mun dfhuair e null air amhainn Chluaidh. Ghlacadh e féins thugadh a Dhuneidinna phrìosunach e, far an do chuireadh gu bàs e réir na binn a thugadh a machna aghaidh an uair a theich e don Olaind.

4. Bha Seumas a nis, a réir coslais, air fhàgail gun nàmhaid a burrainn a thilgeadh air falbh thar an àitàird air an robh ena shuidhe. Thàinig seòrsa de shàmhchar chunnartach air an t-sluagh aig an àm so feadh Bhreatuinn uile. Bha na Coinneamhan-Folchuidhan tomhas mòr air an cur sìosan Alba. Cha robh ministeir aig na Cùmhnantaich ach Seumas Reinicna aonar; ach bha na Comuinn uaigneach asoirbheachadh. Bha Seumas agus achùirtearan, le sùil ris aChreideamh Phàpanach a neartachadh, an deigh lagh a dheanamh atoirt Ceadachadh do na h-uile luchd comh-bharail aoradh a dheanamh gu follaiseach a réir an dòigh féin, ’s nach feudadh neach sam bith dragh a chur orra. Rinn en lagh soan aghaidh toil Phàrlamaidean Shasuinnus Alba. Ged is ann air son nam Pàpanach a thugadh an Ceadachadh so an toiseach, ’s ged a bha Seumasan dùil a thoirt o gach Sect eilen uair a bhiodh na Pàpanaich lionmhor, làidir, gu leòr; gidheadh bha e ruigsinn air eaglais Chléirich na h-Alba fhads a mhaireadh e. Bha cothrom aig amheud diubh sins a bhag aideachadh ùghdarrais an rìgh coinneachadhan Ard-sheanadh, ’s bha iad ag ullachadh air son sin a dheanamh. Ach bha luchd nan Coinneamhan-


[322] Folchuidhan taobh a muigh den Cheadachadh so. Bha gach fear labhairtus éisdeachd aig a leithid sin a dhàite co buailteach do pheanas sam bith a chitheadh aChomhairliomchuidhs a bha iad riamh roimhe sin. Bha, mar sin, an tòir air Seumas Reinic co geurs a bha i roimhe. Bha airgiod ceann mòr air a chur air. Bhan t-òganach so anabarrach saothrachail, araonan searmonachadhs an comh-sgriobhadh eadar na comunnaibh uaigneach. Bhiodh each luath-chosach ullamh fo shréins fo dhiollaid dlù dha, ’n uair a bhiodh esearmonachadh, a chum nam faicteadh cunnart sam bith gum biodh e air a ghlacadh, nach biodh dad aigach leumna dhiollaid, ’s car mu chnoc a thoirt do na trùpairibh bu luaitha thigeadh ga ruagadh. ’N uair a bhiodh ena chodal bhiodh freiceadain air gach cnoc asealltuinn mun tigeadh nàmhaid o thaobh sam bith. Bha e, mar so, coslachan sealladh dhaoine, gun deigheadh e as o mhì-run an luchd tòrachd, car ghreis. Ach bi toil an Ard-riaghlair gun seulaicheadh an t-òganach curanta so lefhuil na teagasgan a bha etoirt seachad. Chaidh e steach do Dhuneidin aig abhliadhnùir, 1688, gu Protest a chur an làmhaibh ceann-suidhan Ard-Sheanaidh an aghaidh na cùirt eaglais sin, ’s an aghaidh aCheadachaidh a chionn gun robh e neo-fhreagarrach ri nàdur aChùmhnaint fo an robh eaglais Chléireach Alban déigh i féin a chur. ’An déigh an gnothuch so a dheanamh, ghabh e null do Shiorrachd Fiofa, ach phill e Dhuneidin mu dheireadh amhios, agus chuir e seachad an oidhche an tigh fir Iain Locup, Camshronach den fheadhainn bu teinne. Bu mharsantan duine so, a bha déiligeadham bathar Sasunnach; bha muinntir an Tigh Chusbainn an-amharusach gun robh e gabhail a steach nithe air nach do phàigh e cìs. Bha oifigear arannsachadh air son bathair den t-seòrsa sin aig àm an aoraidh. Thuig e gun robh Reinic a làthair. Ghràdhaich e duais na h-eucorach; bhan t-airgiod ceann mòr. Chuairtich en tigh deireadh oidhche le àireamh dhaoinarmaichte. ’N uair a thuig Reinic gun robh an tòir ann, theich e air dorus cùil. Ach rugadh air mun deachaidh e
[323] ro fhada, ’s thugadh air ais don tigh-gheard e. An déigh a chur fo dheuchainn a bheatha, ’s fhaotainn ciontach de bhig àicheadh ùghdarrais an rìghs e bhi teagasg nach bu chòir airgiod a phàigheadh gu saighdearan an rìgh a chumail suas, agus ateagasg aig Coinneamhaibh-Folchuidh, puincean ris an do sheas e thun na crìche; chaidh a chrochadh am Margadh an Fheòir air an t-seachdeamh deug de cheud mhios an earraich, 1688.

5. Tha luchd eachdraidh beathan òigfhir chliùitich so ag aithris gum besan an aon duine de na mairtirich mu thimchioll an robh eagal sam bith air na naimhdean a bheatha thoirt air falbh. Agus shaoileadh neach on dòighs am bheil iad ag aithris sin, gur h-ann on tlachd a bhaca dephearsas a dhòigh a dhéirich e. Cha robh sin ach aon eilimeids aghnothuch. Bha atharrachadh mòr air a dheanamh a measg bhuill na Comhairle, ’s a measg àrd luchd lagha na rioghachd aig an àm so. Bha Lauderdàil air fàbhar an rìgh a chall, ’s bha Diùc Phuirt na ban-righ, a thàinigna àitair tuiteam mar an ceudna, ’s bha Iarla Pheirt, a thionndaidhna Phàpanach air àilghios an rìgh, ’s an dreuchd a bàirdan Alba. Bha Sìr Seòras Mac Coinnich, a fhuair mar fhrith-ainm, Mac Coinnich Fuilteach, air call dreuchd Fir-tagraidh Alba, chionn nach robh e deònach air na laghan peanasach a chur sìos. Fhuair Sìr Seumas Stiùbhart an dreuchd. Bann de na Camshronaich esan; ach gun robh e ag aideachadh ùghdarrais an rìgh. Chaidh luchd lagheila ghairm den mhuinntir a bha roimhe sud air am fòir-eigneadh. Cha robh tlachd aig aon sam bith dhiubh sin beathathoirt air falbh ach na dhfheumadh iad. Bhan fheadhainn a fhuair na dreuchdan so, co-ionann ris an fheadhainn a chaill iad, -riaraichte le dòigh an rìgh. Bha iad cinnteach nach bfhada gus an tugadh e araon an dreuchdans am beatha uatha, mur aidicheadh iad an Creideamh Pàpanach. Cha robh feum a dhol thoirt comhairlair rìgh Seumas. Bha e rùnaichtair aChreideamh Phàpanach a chur suasam Breatunn mar a chuir Eanruic VIII. suas an creideamh Pròstanach, air ùghdarras


[324] féin. Chuir e seachd easbuigean Sasunnach nam priosunaich do Thùr Lunuinn, a chionn nach leughadh iadnan eaglaisibh féin Reachd a bhafosgladh an doruis do na Pàpanaich a dhionnsuidh gach dreuchd gus an òrduicheadh an rìgh iad. Bha, mar so, lionmhoireachd an t-sluaigh araonan Sasunns an Albair an gonadhn an spioradaibh leis achuthach a bhair an rìgh gus an Creideamh Pàpanach a chur suas. Cha dfhan beò den teaghlach a rugadh do Sheumas ach dithis nigheanMàiri agus Anna. Bhan bu shine dhiubh sin air mac peathar a h-athar, Uilleam, PrionnsOrange, a phòsadh. Bi bhan-phrionnsa so agus a companach, a réir coslais, oighreachan aChrùin Bhreatunnaich. Bha iad le chéilenam Pròstanaich. Bha PrionnsUilleamna shaighdear co ainmeils a bhana latha. Bha iomadh de àrd mhaithibh Albas Shasuinn asgriobhadh thun aPhrionns e thighinn a nall gan saoradh o ain-tighearnas bhràthar a mhàthar agus athar céile. Bha Uilleam ag iarraidh orra bhi foighidneach, agus nach deigheadh ain-tighearnas an rìgh ni bfhaide na bheatha féin, agus nach robh e coslach gum biodh sin ro fhada mar a bha e nis na leth sheann duine. Agus gun teagamh bha emeudachadh foighidin mhòran de àrd uaislibh Bhreatuinn fios a bhi aca gur h-ann mar sin a bha. Ach chaill iad araon am misneachds am foighidin gu h-iomlan, a thaobh furtachd fhaotainn air an dòigh ud, ’n uair a dhaiseadadh a bhan-rìgh air leanabh mic air an deicheamh de mhios meadhonach an t-samhraidh. Rinn na Pàpanaich gàir mhòr aoibhneis ri so, mar ni a fhuair iad tre eadar-ghuidhe na h-òigh Muire, ’s Naomh eile na h-eaglais sin. Ach chaidh e air sheòl eile do na Pròstanaich. Cho-aontaich mòran den mhuinntir a bàird-inbhich ri dian fhiadhachadh a thoirt do PhrionnsUilleam a nall gu rìgh-chaithir Bhreatuinn. Agus bha ena shaimpleir comharraichtair ragaireachd dhaoinanns amhearachd aghleidheadhn uair a thogras iad, an aghaidh gach dearbhadh abheirear dhoibh air achaochladh, gun do sgaoil e feadh Bhreatuinn mar fhìrinn, gur e bhan sud naoidhean meallta
[325] ’chuireadh ’an leabaidh na ban-righ gu a thoirt a chreidsinn air an t-sluagh gum bu leatha féin e. Rinn an rìgh gu neo-ghlic mòran saothrach gus a dhearbhadh gum bi bhan-rìgh thair an leinibh. Cha ruigeadh e leas, bhan dearbhadh co soilleirs nach iarradh e dearbhadh. Ach lean an sluagh air abheachd a thog iad féin aghleidheadh fhads a thogair iad.

6. Thuig PrionnsOrange a nis ma bha e gu crùn Bhreatuinn fhaotainn am feasd gum be so an t-àm, ’s thòisich e air ullachachadh iomchuidh a dheanamh air son tighinn a nall air iarrtas an t-sluaigh. Besan mac nighinn bu shine Thearlaich I., agus mar sin ben t-oighra bfhaisgair triùir chloinne rìgh Sheumais. An uair a fhuair an rìgh litir ofhear-ionaids an Olaind adeanamh cinnteach dha gun robh am Prionnsatighinn a nall le feachd lìonmhor maras tìre, chaochail e snuadh, ’s thuit an litir as a làimh. Ben ath char a chuir e dheth sgrìobhaidhean a chur a mach a ghairm na Pàrlamaid cruinn mu thoiseach agheamhraidh, agus a h-uile car a rinn e fad na bliadhna gus aPhàpanachd a thoirt a steach a mhilleadh, ’s na h-easbuigean a chuir e don Tùr anns an t-samhradh a ghabhail mar a luchd-comhairle. Chruinnich e cuideachd arm maras tìre gu cur an aghaidh aphrionnsa. Ach cha tug aon duine creideas dha air son treibhdhireiss na nithibh sin. Chuir stoirm mhòr ghaoithe càbhlach aPhrionnsair aiss béigin da fuireach beagan làithean acàradh achallarinneadh air na longaibh. Chuireadh a leithid de dhath air so do Sheumass gun do shaoil leis nach burrainn am Prionnsa seòladh tuilleadh, ’s ghrad ghairm e air ais an sgrìobhadh a chuir e mach mu thimchioll na Pàrlamaid. Bha e soilleir do na h-uile gun robh Seumas mar bha e riamh, ’s gun robh an coslas maitheis a bhan sud mar neul na maidne. Ach sheòl am Prionnsan ceann beagan làithean le gaoith a bha fàbharrach dhasan, ’s achum an càbhlach Sasunnach gun dol a machna aghaidh. Bha ceud long chogaidh, agus cuig ceud soitheach eil’ ’an càbhlach aPhrionnsa. Bha cuig mìle deug saighdear


[326] tiraig’, a measg an robh iomadh Breatunnach a bhair fògradhs an Olaind on ain-tighearnas a bhaig abhaile. Thàinig e air tìr, gun neach acurn a aghaidh, ’an àite ris an abrar Tòrbaigh, ’an ceann an iar-dheas Shasuinn, air achuigeamh fichead de cheud mhìos agheamhraidh. ’An tearc làithibh thòisich an sluagh agus an t-arm aruith gubhrataich. Ruith abhan-phrionns’, Anna, thuige mar an ceudn’, a bhair pòsadh mac do rìgh Lochluinn a deas, dam bainm prionnsa Seòras. An uair a fhuair Seumas e fèin air a thréigsinn, theich e féin; ach ghlac iasgairean es thug iad air ais e, gun fhios a be. Dhiarr e nis cothrom on Phrionnsair a dhol gu ruig Rochester. Fhuair e cothrom. Chaidh e á Rochester don Fhraing, far an robh abhan-righs am prionnsòg air teicheadh roimhe. Dhfheudadh iad a nis a sheinn, “Thuit, thuit, ’s chan éirich an Tigh Fuilteach.” Cha robh sud ach beaganus sea mìosan an déigh do Sheumas Reinic a bheatha leigeadh sìos air son e bhig àicheadh ùghdarrais an rìgh. Bha lionmhoireachd sluaigh Bhreatuinn a nis ciontach den dearbh ni air son an do leig an diùlanach ud sios a bheatha.

titleCaibideil XXXVII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page