[327]

CAIB. XXXVIII.

UILLEAM III. AGUS MAIRI.

Theirear Revolution, no Righ-chuairt 1688 ris an atharrachadh a rinneadh a nis air crùn Bhreatuinn, a chionn gur h-anns abhliadhna sin a thàinig PrionnsUilleam a nall, ’s a theich Seumas air falbh. Achs ann air an treas deug de cheud mhios an earraich, 1689, a chaidh Uilleamus Màiri éigheach mar rìghus bhan-righ Bhreatuinn, ’n uair thàinig a Phàrlamaid gu bhi aon-inntinneach air an tiodal sin a bhuileachadh orraraon. Cha drinneadh atharrachadh air Riaghladh Bhreatuinnan linn sam bith co cudthromach, agusan seadh àraidh co buannachdail ris an atharrachadh so. Cha be mhàin gun robh aon rìgh air a thilgeadh a mach agus rìgh eilair a ghabhail a steach; ach bha na h-uile lagh co-cheart a rinneadhan linnibh roimhe sud, agus a mhilleadh le ain-tighearnas nan rìghrinn a bhann acheud bliadhna mu dheireadh, air an ath-bheothachadh, ’s air an curan aon Chlàr, mar gum beadh, ris an abair iad Cur an Céill Chòraichean. Agus gheall an rìgh gu sòluimte gun cumadh e suas na Còraichean ud, ’an nithibh spioradailus aimsireil, mun daontaich aPhàrlamaid ri e bhi air a chrùnadh. Be Uilleam an Treasamh an Tiodal fo an do chrùnadh e, air bhi do dhà Uilleam nan rìghribh air Sasunn roimhe.

2. Cha robh na h-Albannaich co buileach aon-inntinneach air gabhail ri Uilleams a bha na Sasunnaich. ’N uair a dhfhairich rìgh Seumas an cunnart ag iadhadh uime féin, mu dheireadh an fhoghair, chuir e teann òrdugh thun an airm Albannaich greasad do Lunuinn. Cha robh ann diubh ach mu sheachd mìle. Bha


[328] Seanalair Dùghlas, bràthair Dhiùc Phuirt na ban-righ, ’na àrd Cheannard air an armailt sin, agus Cleabharsna oifigeach a bfhaisg air sin. Bhan Dùghlasach, gu h-uaigneach, càirdeach do Uilleam, agus bha e màrsail gu mall. An uair a ràinig iad Lunuinn, bha Seumas air call a mhisneachd, ’s a chuid shaighdearan ateicheadh gu bratach Uilleim. Thairg Cleabhars do Sheumas a thoirt air ais do Alba, mur robh e toileach cathachadh ri Uilleaman Sasunn, ’s gun togadh esan armailt lionmhor dha. Bha Seumas deònach air sin a dheanamh, ach aig an dearbh àm fhuair e mach gun robh àireamh mòr Mhoraireanus uaislean Albannach air tighinn a nios as an ceann féin adhaslachadh air Uilleam riaghladh na rioghachd ud a ghabhail os làimh. Thuig Seumas an sin nach robh e tearuinte dhaaghaidh a chur gu tuath. An déigh don rìgh òrdugh a thoirt don bheagan airm a lean ris iad a sgaoileadh, dhfhan Cleabhars far an robh e car greis. ’N uair a chunnaic e Uilleam air lunn a bhi air a dheanamhna righ, dhfhàg en t-arm, ’s ruith e dhachaidh le deich marcaich fhichead mar gheard, arùnachadh gun deanadh e na burrainn en Alba gus am bacadh o rìgh Uilleam a roghnuchadh. Air iarrtas nan uaislean a choinnich ean Lunuinn, chuir an rìgh fios a nuas do Dhuneidin air son Co-chruinn nan Stàitean Albannach a thional gus an roghuinn a thogradh iad féin a dheanamh. Chruinnich iad air acheathramh deug de mhios meadhonach an earraich. Bha Cleabhars agus luchd-leanmhuinn eilan t-seann rìgh adeanamh mòran gleadhraich an toiseach. Ach chaidh Diùc Hamiltoin, a bha càirdeach don Righ-chuairt a roghnuchadh mar Cheann-suidhaCho-chruinn. Bha càirdean rìgh Uilleim afàs co lionmhors nach robhn taobh eilafaotainn aon phonc leò. Theirear Seumasaich ri càirdibh an t-seann rìghan eachdraidh Alb,’ aguss ann fon ainm sin a bhithear gan luaidh an déigh so. Bu Sheumasach Diùc Gòrdon, a bhana cheannard air Caisteal Dhuneidin. ’N uair a bha na h-uile ni eiladolan aghaidh nan Seumasachs aCho-chruinn, bhagair iad gun tugadh iad air an
[329] Diùc losgadh air abhaile. Bha mun cuairt do naoi mìle de na Cùmhnantaich bu sheasmhaichan déigh arm chleas achogaidh iunnsachadhs na comunnaibh uaigneach a bhacair feadh na dùthcha. Bha iad sin ullamh gu éiridh air taobh Uilleim co luaths a gheibheadh iad an t-òrdugh. Thug an Co-chruinn fiadhachadh do réisimeid diubh sin tighinn a steach a Dhuneidin gu bhi mar gheard orra féin fhads a bhiodh iadnan suidhe. Thàinig iad gu h-uaigneach don bhailan toiseach, ’s bha iadan cleithan ionadaibh folchuidh. Achn uair a dhfhàs na Seumasaich bagarrach, nochds iad iad féin, ’s ghabh iad sealbh air na sràidibh. ’S ann gu h-achdaidh fo dhion nan daoine so, nach feudadh ceann a thogail beagan mhiosan roimhe sud, a chuir Co-chruinn Alba rian air an rìghs abhan-righ a bhi air an roghnuchadh. Cha loisgeadh an Diùc air abhaile, ’s chaill na Seumasaich am misneachd, ’s dhfhalbh gach fear a dhionnsuidh a thighe féin. Fhuair an Co-chruinn air aghart gu gasd an déigh do luchd na ceannairc am fàgail, ’s roghnuich iad gu h-aon-inntinneach Uilleamus Màiri air an aona deug de threas mios an earraich gu rioghachadh air Alba. Chuir iad a nis ri chéilam paipeir ris an abrar Tagar Chòraichean, anns an do chuir iad siosan òrdugh na nithe a bha -laghailan riaghladh nan rìghrean a bhann roimhe, agus a dhfheumadh a bhi uilair an coimhead an déigh so, na measg sin bhan Easbuigeachd air a cunntadh mar dhosguinn do-ghiùlanta. Gheall an rìghs abhan-righ gu sòluimte na Còraichean sin a dhionadh an Alb’, araonan nithibh spioradailus aimsireil. Theirear Réiteachadh na Righ-chuairt ris a chomh-aontachadh so eadar an rìghus sluagh na h-Albaig an àm ud.

3. Leis an Réiteachadh so thàinig aphàirtidh a bhan iochdar roimhe gu bhi nis an uachdar, agus aphàirtidh a bhan uachdar gu bhin iochdar. Ach ghnàthaich amhuinntir ud a bhair am fòirneartachadh ochd bliadhna fichead an lamh an uachdar a fhuair iad glé mheasarra. Bha rìgh Seumas an déigh tigh aoraidh agus Collaist Pàpanach a chur suasan lùchairt Holirud.


[330]

Thug àireamh maith de luchd-ceirdes de bhalaich abhailionnsuidh air an lùchairt a ghlacadh, ’s chaidh acair sin a dheanamhan déigh beagan cathachaidh ris na saighdearaibh a bha cumail freiceadan ann. Bhrisus loisg iad na h-iomhaighean, ’s gach ni eilair an robh comharra na Pàpanachd, ’s chan fheudadh Collaist den t-seòrsa ud a bhi ann tuilleadh. Bha na curates acriothnachadh air an son féin, mar a bha iad afaicinn gun robh an eaglais air sgàth an drinneadh uiread de fhòirneart, ’s air son an do dhoirteadh uiread de fhuil, a nis gu bhi air a cur sìos. Nam faigheadh iad buillairson buille, ’s fiacail air son fiacla, bha, gun teagamh, aobhar aca. Bha iad mar bu trice, ’an aon dòigh non dòigh eile, ’n an coin luirg aig Cleabhars agus gach fear de sheòrs’ ’an glacadh luchd nan Coinneamhan-Folchuidh. Cha dfhuaradh riamh làn chinnt air an àireamh a dhfhuiling nan ochd bliadhna fichead a mhair agheur-leanmhuinn; ach bha sgriobhairean an féin ga chunntadh gu measarreadar ochd mìle deugus fichead mìl’, a dhfhuiling an creachadh, nom prìosunachadh, non reic mar thràillibhan dùthchaibh céin, no leig sìos am beath’ ’s gach dòigh fa leth an robh iad air an gairm gu sin a dheanamh. Bha so an taobh a muigh dheth gach caighneachasus ùmhladh, ’us reubainn a rinneadh air luchd leanmhuinn nan Cùmhnantach, leis an robh iomadh cearna den dùthaich air an toirt gu bochduinn. Bha càirdean nan daoine sin agus cuid diubh féin anns gach sgìreachd air feadh na dùthcha; ach fuathachs mar a bhan sluagh air an luchd tuarasdail dhìomhain ud. cha drinneadh ainneart sam bith air pearsa no air maoin aoin neach dhiubh. Thug an sluagh a mach don chladh no gu crois abhailan curate, chuir iad an céill a lochdan da, thug iad dheth a chòta fraoidhneasach, suaicheantas a dhreuchd, reubus shaltair iad fon cosaibh e, dhfhalbh iad leis an òlach gu iomall na sgìreachds thug iad a chead da, le rabhadh sòluimte gun e thighinn a steach air na crìochaibh ud tuilleadh. Chuireadh mun cuairt do cheithir cheud diubh a mach air an dòigh so; ach mar a bhan


[331] eaglais gann de mhinistearan fhuair cuid diubh cothrom fuireachn an àitibh, air chumha gun aidicheadh iad an eaglais Chléireach. Cha tàinig air an ais ach mu thrì fichead den cheithir cheud a chuireadh a mach. Mhol an rìgh amheasarrachd so don eaglais aig an àm; achs calls cha bu bhuannachd a bhaicair son a cathrannais.

4. An uair a theich Cleabhars á Duneidin, còmhladh ris na Seumasaich eile, dhfhàg e fios aig Diùc Gòrdon an Caisteal a ghleidheadhan aobhar Sheumais, gus am faiceadh esan cuideachadh thuige. Thug e féin aGhaeltachd air, ’s thòisich e air cruinneachadh dhaoine gu cogadhan aobhar a sheana mhaighstir. Bha na daoinuaisla fhuair sealbh air fearann Earra-Ghàeil agus nan uachdaran eila chaidh a chreachadh, ro dheònach air éiridh leis. Chruinich e eadar ceithirs cuig a mhìltean sluaigh air feadh nan garbh chrioch don do gheall e mòran creiche mar an tuarasdal. Fhuair e àireamh cheudan á Eirinn còmhladh riu sin.[B’ ann mu’n àm so a thàinig Colla Ciotach ainmeil á Eirinn. ] Ach bha na Gàeil aleaghadh air falbh nam ficheadaibhs nan ceudaibh leis an spréidh a bha coinneachadh riu. Co dhiù ghléidh e mun cuairt do thrì mìle dhiubh leis an robh e deanamh fuaim air feadh na dùthcha. Chuireadh Seanalair Mac Aoidhna aghaidh le trì no ceithir a mhìltean saighdear. Choinnich an armailt a chéil’ ’an àite ris an abrar Coille-Chragaidh, faisg air Adhol, air an seachdamh deug de mhios meadhonach an t-samhraidh. Chaill Mac Aoidh an s moran de chuid daoine, ’s theich e féin gu Peirt. Ach thuit Cleabhars anns abhlàr sinan toiseach na buaidhe. Bha e sìneadh a làimhatoirt òrduigh, ’s bhuail peilear en toll na h-achlais, far nach robhn còta màilich ga dhionadh, ’s bhàsaich en sin féin. Còmhladh risan bhàsaich dòchas nan Seumasachan Alba.

5. Ghabh fear Canon, a thàinig a nall air ceann nan Eireannach, an riaghladh an déigh Chleabhars; ach cha drinn e tapadh sam bith.


[332] Chuir na Camshronaich, a bhair an cumail fon choill gu beagan mhìosan roimhe sud, cheud deug fear air leth uatha féin gu dhol a chòmhnadh Sheanalair Mhic Aoidh. ’N uair a bhan réisimeid so air a mharsail don Ghàeltachd rathad Dhun-Caillinn, thug Canon ionnsuidh air an gearradh as. Bha trì mìle fear aig Canon mu choinneamh aon réisimeid nan Camshronach. Ach dhion na Camshronaich iad féinan tigh mòr le Marcus Adhoil, agus air taobh a stigh aghàraidh leis an robh e air a chuairteachadh, ’s mar an ceudna air taobh a stigh gàraidh achlaidh leis an robh e air a chuairteachadh. Thug Canon le chuid Ghàel trì no ceithir de gharg ionnsuidhean air na Camshronaich fhuadachadh a mach á sud, ach bha iad mar abualadh an cinn ri creigdhfhuadaicheadh air an ais iad na h-uile turus. Chaill iad mòran dhaoine. Mu dheireadh thug iad thairis an gnothuch gu h-iomlan, ’s bhuail na Camshronaich drum as an déigh mar gan rotadh dhachaidh. Be so deireadh na sabaist air sgàth Sheumais. Bha Diùc Gordon an déigh Caisteal Dhuneidin a lìbhrigeadh ceithir roimh bhlàr Choille-Cragaidh, ’s leis na nithibh so sguir na Seumasaich a thoirt ceann do thighearnas rìgh Uilleiman Alba.

6. Aig acheart àms an robh Co-chruinn nan Sàitean Albannach asuidhe gus an crùn a shocrachadh air Uilleams air Màiri, bha rìgh Seumas an déigh pilltinn as an Fhraing le armailt a fhuair e o Lùthais XIV., rìgh na dùthcha sin, agus air tighinn do Eirinn, far an do ghabhadh ris gu h-aoibhneach leis achuid mhòr de shluagh na tìre sin, a bha nam Pàpanaich. Thriall e gu buadhach do Bhail’ -àth-Cliath, àrd bhaile na h-Eirinn, choinnich e ris aPhàrlamaid, ’s rinn e gach laghus reachd a thogair iad sin iarraidh, ann an cur sìoss an creachadh nam Pròstanach, agus an cuid fearainnus eile thoirt do na Pàpanach. Ghabh rioghachd Eirinn uile ris ach an cearna ris an abrar Ulster, ’an taobh tuath na dùthcha. Chuir Seumas séisd ri Lunuinnderi, àrd bhaile na cearna sin. Ach dhion an luchd àiteachadh iad féin gu duineil, gus an do chuir Uilleam Seanalair Circ a null, a


[333] thogail na séisd. Thòisich aobhar Sheumais a dol air ais an sin. Chuir Uilleam mòran feachd a null an ath bhliadhna. Agus air acheud de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1690, chuireadh blàr na Bòighne, eadar an armailt. Chaill Seumas an , ’s a mhisneachd leis an , ’s thug echasan leis don Fhraing. Sheas na h-Eirionnaich a mach an déigh sin. Ach an taobh stigh de cheann bliadhna bha iad uilair an ceannsachadhs béigin doibh Uilleamus Màiri aideachadh mar an rìgh. Chaidh mhìle dheug Eirionnach a null don Fhraing an déigh Sheumais. Bhàsaich Seumass an Fhraing anns abhliadhna 1701. Dhfhàg e mac ud mun cualas cheana.

7. Bha nis na trì rioghachdan fon aon chrùn mar bha iad roimhe. Ach thachaìr no dhàan riaghladh Uilleim air Alba bha nam meadhon air sluagh na dùthcha sin a thionndadh glé mhòrna aghaidh. Ben ceud ni dhiubh, sin ris an abrar Casgradh Ghlinn Comhann. Mar a bha cuid de na cinn-fheadhna Ghàelach, a bha nam Pàpanaich, fathast aseasamh a mach o Uilleamus Màiri aideachadh, fhuair Iarla Bhraidalbainn fichead mìle Punnd Sasunnach on Ard-chomhairle gus a roinn a measg nan ceann-feadhna sin, agus an ùmhlachd don rìgh a cheannach. Mas fior na sgeòil, rinn an t-Iarla roinn Mhurchaidhus Fhearchair air an airgiod. Co-dhiù thàinig na Gàeil gu bhi sàmhach. Ach bha Mac Dhòmhnuill Ghlinn Comhanns a dhaoine an déigh creach a ghiùlan air falbh thar fearainn an Iarla. Chuir an t-Iarla fios gu Mac Dhòmhnuill gun robh ecumail aige féin, air son pàigheidh na creichachuid sin den airgiod a bhuineadh dhasan fhaotainn; ach gum feumadh en rìgh aideachadh mar a rinn na cinn-fheadhneile a fhuair an t-airgiod. Cha ghabhadh Mac Dhòmhnuill sud; mur faigheadh echuid den airgiod, sheasadh e mach. Bha Reachd air a dhaingneachadh aig an àm cheudna leis aChomhairla réir òrduigh an rìgh gum feumadh na h-uile ceann-feadhnas aGhàeltachd an ùmhlachd do rìgh Uilleam aideachadh air an


[334] mu dheireadh den bhliadhna 1691, no roimhe sin, fo phéin teines claidheamh.

Thug na h-uile aon diubh ùmhlachd don reachd so roimhn àm shuidhichte, ach Mac Dhòmhnuill Ghlinn-Comhann. An uair a dhaithnich esan gun robh ena aonar chaidh e fèin gu Gearasdon Inbherlòchaidh, gu ùmhlachd a thoirt do cheannard an daingnich sin. Dhinnis an ceannard dha nach robh ùghdarras aige-san gu sud a ghabhail, agus gum feumadh e dhol gu Siorraimh Inbheraoraidh, air son an gnothuch sòluimtud fhaotainn deanta. Leugh Mac Dhòmhnuill an t-eagal; ’s ged a bha ena sheann duine, ’s an talamh còmhdaichte le àirde nan crann de shneachda, ghreas e thun an t-Siorraimh. Bhan ceann air dol seachad aon ; ach ghabh an Siorraimh ùmhlachadh an duine, ’s thuirt e ris gun sgrìobhadh esan thun na Comhairla mhìneachadh aobhar na moille, ’s nach beagal do Mhac Dhòmhnuill, ’S ann mar sud a bha. Chaidh Mac Dhòmhnuill dhachaidh, ’s chaidh litir an t-Siorraimh a Dhuneidin; ach dhfholuich Sìr Iain Dalrimpil, àrd Chleireach Albi, agus cha robh dearbhadh sam bith air gun dùmhlaich Mac Dhòmhnuill e féin. Bha Sìr Iain, ’s an t-Iarla nam fior naimhdibh do Mhac Dhòmhnuill, agusan guaillibh a chéile, rùnaichtair cur as da. Chuir iad abhreug fa chomhair an rìghs fhuair iad ùghdarras gus am peanas a chur an gniomh. Dhearb iad so ri Caiptin Caimbeul abhuineadh do Earra-Ghàel. Gus an gnothuch a dheanamh furasda dhoibh féin ach da rìreadh ni bu mheasa, thàinig esan le àireamh shaighdearan do Ghleann Comhann sheachduin roimh dhan t-olc a dheanamh. Bha e air aoidheachd aig na Dòmhnullaich na h-ùine sin. Air maduinn an treas deug de cheud mhìos an earraich thòisich obair amharbhadh. Chaidh ochd duine deug thar fhichead a mharbhadh a measg an robh seann Mhac Dhòmhnuill féins a bhean; bhàsaich mòrans an t-sneachdan uair a thòisich an sluagh air teicheadh. Thug na saighdeara leò na ghabhadh iomain


[335] ’us giùlain de chreichnaoi ceud , ceithir cheud each, agus caoraichus gabhair gun àireamh. Bha so na ni co sgreataidhs a thachairan àite sam bith; ach cha robh aig an rìgh ach achuid bu lugha den choire, ma bha sin féin aige. Agus cha leanadh coiridir ris nam bitheadh e air Sìr Iains an t-Iarla pheanasachadh mar a thoill iad. Thàrr dithis mhacIc Iain as lem beatha.

8. Be eila dhùisg diombam broilleach nan Albannachan aghaidh an rìgh, an dòighs an do laimhsich e iad ann an gnothuch Dharien. So an t-ainm a thair abhràighe non amhach chumhang a tha ceangal ceann a tuathus ceann a deas America ri chéile. Chaneil ann ach mu astar air leud. Bha iomadh ùr-threabhachas aig Sasunnan tiribh céin, on robh iad afaotainn mòran buannachd le malairt. Chan fheudadh na marsantan Albannach a bhi malairt ris na h-àitibh ud idir. Bha Darien air a mholadh do na h-Albannaich le fear Paterson, a bha eòlachs na cearnaibh ud, mar àita bha freagarrach ri malairt taobhs iars taobhs ear cheann America. Thug àireamh mòr de uaislibhs de cheannuichibh Alba gnùis don bheachd so, ’s chruinnich iad ceithir cheud mìle Punnd Sasunnachna measg féin, ’s fhuaradh mòran eilas an Olainds á Lunuinn gus na h-uile costas a bha feumail gu tùineachas a dheanamhs an àitud a phàigheadh. Gheall an rìgh gnùis a thoirt doibhs aghnothuch, ’s fhuair e Achd Pàrlamaid adaingneachadh an còir air mìr den fhearainn, agus malairt a dheanamh ris na dùthchaibh mun cuairt. Ach bha leithid de fharmad aig ceannuichibh Shasuinn ris na h-Albannaich air son an t-soirbheachadh air an robh eagal orra ruigeadh iads gun tug iad air an rìgh diùltadh gnùis a thoirt dha idir. Agus rinn na Spàinnich gearan an aghaidh nan Albannach a bhi tùineachadhan coimhearsnachd ùr-threabhachas leòsan. A lion cuidus cuid tharruing an rìgh air falbh on ghnothuch gu h-iomlan. Chaidh àireamh mòr de luchd-imrich a null gu baila thogailan àite goireasach air an oirthir. ’N uair a dhfhàs iad gann


[336] a bhiadh, fhuair iad a mach nach reiceadh na dùthchannan a bha mun cuairt biadh riu. Fhuair an fheadhainn de eileanaibh nan Innsean as iar, agus achuid de stàitean tir-mòr America a bha fo uachdaranachd Shasuinn, òrdugh gun dad a reiceadh. Bhàsaich mòran diubh le plàigh a sgaoil na measg air a h-antromachadh le gainne. Sheòl àireamh shoithichean eilá Lìbhte le ochd ceud deug duine, mun cualas ciod a bhair tachairt don cheud chuideachd. Bhan gnothuch ni bu mheasan uair a ràinig iad sin. Agus còmhladh ris gach olc eilethàinig armailt Spàinneach gam fuadachadh air falbh, ag agairt còir air an àite, ged a bhan tùineachas fad air falbh o Dhuneidin ùr, baile nan Albannach. Béigin géilleadh do na Spàinnichs an t-àitfhàgail aca. ’S e ro thearc dhiubh a thàinig air ais do Bhreatunn. Choisinn so mòran diomb don rìghan Albas thug e cus misneachd do na Seumasaich.

9. An uair a chaochail Seumas anns abhliadhna 1701, bham prionnsòg a mhac trì bliadhna deug a dhaois; agus thug rìgh na Frainge man airidh e bhi air éigheachna rìgh Bhreatuinn fon tiodal Seumas III. Ghabh Pàrlamaid Shasuinn so co olcs gun tug iad binn ceannaircich a machan aghaidh aphrionnsas a mhàthar; ’s ghabh rìgh Uilleam a leithid de fheirgs gun dullaich e air son a dhol a chogadh ris an Fhrangach. Ach mun dfhuair e sin air a dheanamh, chaill ebheatha le tuiteam tharcich, non t-each a thuiteam leis, air an ochdamh den mhàirt, 1702, agus anns an dara bliadhna deug thar dhà fhichead deaois. Bha bhan-righ air bàsachadh cuig bliadhna roimhe so. Bha rìgh Uilleam cliùiteachna air son a chomasaibh mar shaighdear; airsonfhuath do gach uileucoirus fhòirneart; ’s air soneud air taobh aChreidimh Phròstanaich. Bha ena inneal air mòran bacaidh a chur air na Cumhachdaibh Papanach feadh na Roinn-Eòrpa. Cha bu duine garbham pearsa, no slàn e; ach bha e neo chumanta fad-sheallach, eadhon a measg phrionnsachan. Bha e fuar, fad asna ghnàths, ach anabarrach dealasacham blàr


[337] catha. Bha ena eilimid air ceann airm fo theine. Rilinn-san chuireadh air chois araon Banc Shasuinn agus Banc Alba; ’s thòisicheadh air deanamh phaipeireanus iomadh ni eil’ ’an Alba, a bha iad atarruing á dùthchaibh eile roimhe sin.

titleCaibideil XXXVIII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page