CAIB. XXXIX.
ANNA. —AN T-AONADH.
CHA robh duine cloinn’ aig rìgh Uilleam, agus a réir Réiteachaidh na Rìgh-chuairt, thàinig a phiuthar-chéile, a’ bhan-phrionns’ Anna, thun na caithreach. Bha i ochd bliadhna deug thar fhichead an uair a thòisich i ’rioghachadh. Lean i air a’ chogadh ris an Fhrangach. Bha Diùc Mharlboruigh air ceann an airm, agus a’ cosnadh ainm dha féin ’s do Bhreatunn air son a ghaisge ’s a shoirbheachaidh. An uair a bha ’n crùn air a shocrachadh air Anna; mur fàgadh rìgh Uilleam clann, bha teaghlach aic’, ach bha ’n teaghlach air bàsachadh mu’n do thòisich i ’rioghachadh. Agus thug so air Pàrlamaid Shasuinn atharrachadh eile dheanamh a thaobh a’ chrùin. Shuidhich iad an crùn air Sophia, ban-Electrach Hanobhair. Chaidh innseadh a chean ’s an eachdraidh so gu’n do phòs a’ bhan-phrionns’ Ealasaid, nighean Sheumais VI. prionnsa na Palatin ’s a’ Ghearmailt. Bu nighean Sophia so do ’n bhan-phrionns’, Ealasaid, agus mar sin b’ ogh’ i do Sheumas VI. Leis a’ chrùn a shocrachadh air a’ bhan-phrionnsa so, ’s air a teaghlach, a bha ’n am Pròstanaich, bha aig a’ Phàrlamaid Shasunnaich ’s an amharc na h-uile dòchas a ghearradh a mach o mhac Sheumais Stiùbhairt gu’m biodh e gu bràth
2. Bha ’Phàrlamaid Albannach mu’n àm so air a roinn ’na trì pàirtidhibh. Bha ’cheud aon diubh sin air taobh na Rìgh-chuairt, agus theirteadh Uilleamaich riu; bha pàirtidh eil’ air taobh an rìgh a chuireadh air falbh, agus theirteadh Seumasaich riu; agus bha ’n treas pàirtidh, a réir an aideachaidh féin, a’ seasamh a mach air son chòraichibh Alba mar air leth o Shasunn, agus theirteadh a’ phàirtidh Dhùthchasach riu sin. Bha ’phàirtidh so mu dheireadh mar gu’m b’ eadh a’ cothromachadh na dhà eile, ga’n cumail gun dol ro fhada taobh seach taobh. Fo threòrachadh na buidhne so dhaingnich Pàrlamaid Alba Reachd ris an abrar Achd an Dìonaidh, leis an robh e air a shocrachadh nach biodh o sud a mach an aon duin’ a’ mealtuinn crùin Alba ’s Shasuinn, ach air chumha gu’m biodh Alb’ a’ comhpàirteachadh ’s na h-uile còir ’us sochair a bhuineadh do Shasunn, a thaobh malairt ri tìribh céin, agus gach ni beag ’us mòr eil’, aig a’ bhaile ’s o ’n bhaile. Air chùl so, ’s an coimhcheangal ris, dhaingnich iad Achd eil’ a réir am feumadh na h-uile duine ’s an rioghachd, a bha ’n aois sin a dheanamh, arm-chleas a’ chogaidh iunnsachadh, a chum gu ’m biodh iad comasach air naimhdean sam bith a thigeadh orra, fad as no dlùth air làimh, a chumail air falbh.
3. Bha na Sasunnaich gu mòr air am feargachadh le Pàrlamaid Alba bhi co neo-eisimeileach, ’s co dàna. Bha iad a’ faicinn gu’m feudadh cunnart a bhi ann, na’n aonadh an treas buidheann ud a dh’ ainmich sinn a dh’ ionnsuidh taobh nan Seumasach, gu’n tigeadh am prionns’ òg gu cùmhnantan feallsa ’dheanamh riu, a réir nòis nan Stiùbhartach, gu ’m faigheadh e air ais gu caithir Alba, ’s gu’m biodh sin ’na mhàthair aobhair air mòran dòirtidh fol’ eadar an dà rioghachd. Ach feargach ’s mar bhà na Sasunnaich, cha robh aobhar maith sam bith aca fathast air son a dhol a chogadh ri Alba. Cha d’ rinn a’ Phàrlamaid ach nì a bha dligheach ’us laghail dhi a dheanamh, ’s nach robh còir no cumhachd aig rioghachd
4. B’ ann mu mheadhon mìos deireannach an earraich, 1706, a shuidh na h-uaislean ud gus am Bann ainmeil so a chur ri chéile.
Thàinig iad a nuas leis a Dhuneidin mu mheadhon an fhoghair gus a chur fa chomhair Pàrlamaid Alba. Bha air a sholarachadh ’s a’ Bhann Aonaidh so gu’m biodh crùn Bhreatuinn air a shuidheachadh air a’ bhan-phrionnsa Sophia agus a h-oighreachaibh; gu ’m biodh uil’ iochdarana na Rìoghachd Aonaichte’mealtuinn comhphàirteachd chòraichean ’us shochairean; gu’m biodh na laghannan a bhuineadh do ’chòir fhollaisich, gnothuch ri tìribh céin, ’us riaghladh sìobhalt’, an aon nì anns an dà dhùthaich, agus gu’m biodh a h-eaglais Chléireach féin aig Alb,’ agus a rian lagha féin ’an nithibh sìobhalta, ’s an òrdugh bhailtean, agus a cùirtean ceartais féin; gu maireadh na h-uile dhreuchdan ’us thighearnasan oighreachail mar roimhe so; gu’n seasadh còraichean ’us sochairean nam Borgh Rìoghail ’an Alba gun bhriseadh sam bith; gu’n cuireadh Alba cuig buill ’us dà fhichead do ’n Phàrlamaid Aonaichte; gu’n gleidheadh a’ Mhoraireachd Albannach na h-uile sochair eil’ a bhuineadh do ’n inbh,’ ach gur h-ann aig a sea deug dhiubh a mhàin a bhiodh suidheachan ’an Tigh nam Morairean Breatunnach.
5. ’N uair a chualas ’an Alba mar chaidh an gnothuch, chaidh sluagh na dùthcha, cha mhòr gu h-iomlan, air bhoil le corruich. ’S e bha gu h-àraidh ga ’n cur air bhoil gu’n d’ aontaich na Cumhachdairean ris a’ Phàrlamaid a bhi air a cur as; agus bha e ’meudachadh an corruich co ro thearc ’s a bha ’n àireamh a dh’ fheudadh suidhe ’s a’ Phàrlamaid Aonaichte. Ach ged rinn na Cumhachdairean na rinn iad, dh’ fheudadh a Phàrlamaid na h-uile ni a bh’ ann a thilgeadh bun os ceann, ’s gun ghnothuch a bhi aca ri Aonadh air na cumhachaibh ud, na ’m b’e sin an toil féin. Chruinnich a’ Phàrlamaid air an treas là de mhìos deireannach an fhoghair gus na cumhachan aonaidh a thoirt fainear. Bha tional na Pàrlamaid, ris an robh muinntir Dhuneidin cleachdta o cheann co iomadh lìnn, a ghnàth greadhnach, sòluimte. Bha na Buill uile dol’ air mharcachd o lùchairt Holirud gu tigh na Pàrlamaid, anns a bheil Cùirt an t-Seisein a’ suidhe nis. Cha robh ann ach aon sràid dhìreach o ’h-iochdar gu ’h-uachdar. Luchd-ionaid nam Borgh Rioghail an toiseach,
6. A measg na h-uil’ Athchuing eil’ a chuireadh do thigh na Pàrlamaid ’an aghaidh an Aonaidh, thàinig aon o Bhuidheann-cumhachd eaglais na h-Alb’, anns an robh air iarraidh gu’n cuirteadh an aghaidh an Aonaidh a muigh ’s a mach. B’ e ’m bonn air an do thagair an eaglais ’an aghaidh an Aonaidh, agus an aon bhonn air an robh e dligheach dhi mar eaglais sin a dheanamh, a chionn gur h-ann air son cur ’an aghaidh riaghailtean na h-eaglais Sasunnaich a dh’ fhuiling ise geur-leanmhuinn co fuilteach ré nan ochd bliadhna fichead roimh ’n Rìgh-chuairt, agus nach robh, a réir coslais, atharrachadh sam bith gu thighinn air luchd-riaghlaidh na h-eaglais sin, gu’n robh mòr aobhar eagail an uair a gheibheadh an lagh-thabhartachd Shasunnach còir air gnothuichean Alb’ a riaghladh, gu’n deanadh iad fòirneart air an eaglais a bha co fad ’an aghaidh an dòigh ’s am beachdan féin, agus aig nach biodh luchd-dìonaidh an aghaidh an fhòirneirt sin. Cha b’ urrainn a Phàrlamaid gun fhaicinn nach robh aobhar imnigh air a’ phuinc so. Bha àireamh maith de chàirdean aig an eaglais ’s a’ Phàrlamaid; agus mar bha fios aca sin gu ’n robh ’chuid bu lionmhoire de ’n t-sluagh co-cheangailte ris an eaglais, ’s e rùnaich iad Achd as ùr a dheanamh, agus a bhiodh ’na phàirt de ’n Bhann-aonaidh, anns am biodh e air a chur sios ’an cainnt co làidir ’s co soilleir ’s a ghabhadh cleachdadh, gu’n robh an eaglais gu bhi air a seasamh ’na h-uile chòraichibh ’us shaorsainnibh ’s na h-uile linn ri teachd mar a bha i aig an àm a ta làthair, agus gu’m biodh an t-Aonadh gu h-iomlan ’an crochadh ris a’ Phàrlamaid Shasunnaich a dhaingneachadh an Achd so. An uair a chunnaic an eaglais gu’n d’ rinn a’ Phàrlamaid dìlseachd a nochdadh ’s a’ ghnothuch so, mar bu chòir, leig i dhi a bhi cur an aghaidh an Aonaidh; cha robh bonn tagraidh tuilleadh aice ’na aghaidh. Thàinig Pàrlamaid Shasuinn
7. Ged a bha ’n t-Aonadh air a dheanamh, ’s a’ Phàrlamaid Bhreatunnach a nis a’ toirt a steach laghan air son na Rìoghachd Aonaichte, gidheadh lean sluagh Alb’ air a bhi ’fuathachadh an Aonaidh co mòr ’s a rinn iad riamh. Is co fad’ a chaidh cuid mhòr de na Camshronaich le’m fuath do bhi air an aonadh ri Sasunn air na cumhachaibh a dh’ ainmicheadh, ’s gu’n do chòird iad ris na Seumasaich a chuideachadh gu mac an rìgh a thoirt as an Fhraing ’s a chur air rìgh-chaithir Alba. Bha rìgh na Frainge ’s an àm sin a’ cogadh ri ceithir no cuig a rìoghachdan na Roinn-Eòrp’ a bha ’n comhbhoinn ’na ’aghaidh. Bha Sasunn ’s a’ chomhbhoinn so, agus mòran de ’n arm Shasunnach air tir-mòr aig a’ chogadh. Bha ’m Frangach ’na aonar agus gu mòr air a shàrachadh leò. ’S e smuainich e Seumas òg Stiùbhart a chur a nall do Alba le beagan armailt gu troimhe chéile thogail ’am Breatunn. Cha b’ olc leis idir an Stiùbhartach a shoirbheachadh, ach ’s e bu mhaith leis gu h-àraidh gu’m biodh ban-righ Anna air a h-éigneachadh gus a h-armailt a thoirt do Bhreatunn ’s gu’n lagaicheadh sin cumhachd nan naimhdean a bha ’cathachadh ris féin. Theirteadh Chebhalier de St. George, ris a’ Phrionnsa ’s an Fhraing ’s air feadh tir-mòr na h-Eòrpa; theireadh na Seumasaich Shasunnach, Seumas III. ris; theireadh na Seumasaich Albannach, Seumas VIII. ris. Bha e fichead bliadhna dh’ aois a nis. Chuir rìgh na Frainge gu cabhagach ochd mìle saighdear air bòrd àireamh luingeas gu falbh do Alba le Seumas Stiùbhart. Chaidh Seumas féin air bòrd aon de na luingeis so, agus sheòl iad o àite ris an abrar Duncirc air an t-seachdamh là deug de’n Mhàirt, 1708. B’e so gun teagamh àm co fàbharrach do aobhar a phrionnsa sa bh’ ann riamh roimhe sud no na dhéigh, a chionn na h-Albannaich a bhi air bhoil an aghaidh an Aonaidh Shasunnaich. Na ’m biodh am prionns’ air faotainn air tìr ’an Alba bha àireamh
7. Bhàsaich Prionnsa Seòras, fear-pòsda na ban-righ, air a’ bhliadhna so, ’s tha luchd-eachdraidh a’ toirt fainear gu’n do thòisich a’ bhan-righ a’ chuid ’s a’ chuid a’ tuiteam ’an cianalas. Cha ’n ’eil droch nithe sam bith air an aithris mu ’timchioll mar bhoirionnach; ach tha e air a thoirt fainear gu’n robh i ni bu fhreagarraich’ air son inbhe ni b’ ìsle ’s an t-saoghal, na bhi ’na ban-righ. Cha robh a comasan inntinn co geur no co farsuing ’s a dh’ fheumadh neach ’s an t-suidheachadh an robh ise. Thàinig i gu bhi ’sealltuinn air na nithibh a bha ’coinneachadh rithe ann am freasdal an Tighearna—a bantrachas, ’s call a cloinne—mar bhreitheanais air son a’ ghnùis a thug i do bhi ’fuadachadh a h-athar air falbh dheth ’n chaithir. Co dhiù bha i leigeadh oirre gu ’n robh na beachdan so aice. Agus air chùl so, ’us co-cheangailte ris, bha ’na beachd gu ’m b’ e ’bràthair aiseag thun a’ chrùin an aon dòigh ’s am b’ urrainn i dioladh a dheanamh air son na ceannairc de’n robh i ciontach. Cha ghabhadh i oirre sin a ràdh air a’ cheann, air eagal nan Uilleamach, leis an robh i air a cuairteachadh—a’ Chuigse, mar theirteadh riu, agus aig an robh làmh an uachdar ’an Sasunn aig an àm. Ach fhuaradh a mach a’ chuid ’s a’ chuid gu’n robh i thaobh a bràthar mar bha Daibhidh a thaobh Absaloim,
8. Cha b’ fhad’ ’an déigh so gus an deachaidh aig a’ bhan-righ air i féin a chrathadh saor o chuing na Cuigse, leis an robh i air a sàrachadh. Thachair sin air an dòigh so a leanas. An uair a bha Seumasaich Shasuinn a nis a’ fòghlum nach robh dòigh eil’ air sluagh na dùthcha dhùsgadh suas ’an aghaidh na Cuigse, thòisich iad air glaodhaich ’s air searmonachadh gu’n robh eaglais Shasuinn gu mòr ’an cunnart, seadh gu’n robh i gu h-achdaidh gu tuiteam, leis a’ Cheadachadh a bha a’ Chuigs’ a’ toirt do gach sect no luchd-comh-bharail a’ bh’ air taobh a muigh na h-eaglais. Sgaoil na teagasgan so feadh Shasuinn, ’s gun teagamh bha iomadh séideag a tighinn á àitibh àrda gus an sgaoileadh a chuideachadh. Anns a’ cheud Phàrlamaid a ghairmadh cruinn an déigh so, bha ’n àireamh bu mhò ’na ’n Toraich, no Seumasaich, a chuir an sluagh do ’n Phàrlamaid, cha b’ ann o dhàimh sam bith a bhi aca ri Seumas òg
title | Caibideil XXXIX |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |