[17]

CAIB. IV.

NA PICTICHNA SGAOTHAICHCALLUM-CILLE.

CHAIDH Ainmeachadh cheana gun tug na sgriobhadairean Ròmhanach Caledònaich, no Coilltich, mar ainm air na seann Albannaich. Bhan t-ainm sin agabhail càraidh gu h-àraidh ris achuid diubh a bha chòmhnuidham meadhon na dùthcha, ’s air an taobh an ears an iar dheas dith. ’S iad sin is bhacur de dhragh air na coigrich ud. Cha robh iad afaicinn abheag de luchd-àiteachaidh taobh siar na dùthchas nan eilein. Ach mun dfhalbh na Ròmhanaich á Sasunn thug iad Pictich, ’n an cainntsan Picti, mar ainm air an treubh no na treubhaibh a bha chòmhnuidh an taobh an ear-dheas Alba. Bha na Picti fo riaghladh aoin cheannaird no Phrionnsa, ’s mar a bha na h-uiread de threubhan ann air dol an ceann achéile, bha iad gu maith làidir gu iad féin a dhìonadh o na Ròmhanaich. Tha caochladh bheachdan a measg luchd-eachdraidh mu sheadh an ainme, Pictich. Achs es coslaiche gum buin e don fhocal Laidinn, a bhi


[18]dath; mar gum biodh ena chleachdadh aig na saighdearaibh tuathach so a bhidath an aghaidheanan àm cogaidh le sùil ri iad féin a dheanamh ni beagalaiche don naimhdibh, ni a bha rifhaicinn a measg cuid eile de fhineachan leth chàllaichtan t-saoghail. Bha Pictich Thuathachus Dheasach ann; iad so mu dheireadh a chòmhnuidhs achuid sin de Albabha eadar an ghàradh ud a rinn na Ròmhanaich, ris an abrar machair na Galltachd. Achs abhliadhna 347 thàinig Ida, ceann-feadhna Sacsonach, air tìr mu Bheruic a tuath, ’s cheannsaich e na Pictich Dheasach. Achuid diubh nach do mharbh, ’s nach dfhuadaich e, mheasgaich iad le an luchd dùthcha. Agusan ùine nach robh fadan déigh sin, thàinig na treubhan ud uile gu bhi air an riaghladh le prionnsa nam Picteach a tuath tre chòmhnadh luchd cuideachaidh o thaobh siar Alba ris an abrar Sgaothaich, a tha tòiseachadh air togail an cinnan eachdraidh Albannaich mun àm so.

2. ’S gann a tha ceum sam bith eilean seann eachdraidh is tricanns a bheil na Seanachaidhean Galld’ ’us Sasunnach, aig abheil beaganas air na Gàeils air an cainnt asleamhnachadh, na eachdraidh nan Sgaothach. Rinn an dara buidheann diubh féin co sleamhuinn don bhuidhinn eile an ceum sos gu bheil iad atuiteam ann muin air mhuin. Their aon Seanachaidh, thàinig na Sgaothaich as an Spàinn uair no uair-eigin, chaneil fìos cuin, ’s thàinig iad do Albas abhliadhna 500, ’s their am fear eilas a bheul-santhàinig na Gàeil don Ghàeltachd air a leithid sud de bhliadhna. Nis tha e fior gun robh buntanas aig seann luchd-àiteachaidh na Spàinnes na Frainge ris na seana Bhreatunnaich, mar than cainnt gus an n diugh adearbhadh. Ach le bhi coimeas nan eachdraidhean is sine ra chéile, tha e co dhiù co coslacha réir barail na muinntir is a rannsaich nis coslaiche, gur h-ann a chaidh na Sgaothaich a null do Eirinn á Alba gu maith tràthan eachdraidh nan rioghachdan so, ’s gun drinn iad ri ùine rùm maith dhoibh féinan cearnaidh fharsuing den tìr sin, air sheòls gun tàinig i fadheòidh gu bhi air a h-ainmeachadh


[19] orra féin. ’S e Sgaothaich am fìor ainm Gàelach, a thaciallachadh an nòis a bhaig an dream lìonmhor ud, air a bhi dlùth leantuinn ris acheann-feadhna mar ni sgaoth sheillean ris amhàthair-àil. Ge be sam bith àitan stad ise, stadaidh iadsan. Agus aon uairs gun stad iad idir, chaneil e furasd an cur air falbh. Cha burrainn luchd Laidinn do nach baithne aGhàelic, Sgaothaich a ràdh, ’s air son ich cha bhiodh gnothuch idir aca ris air deireadh focail. Nam fàgadh iad ao ass e Scuti a theireadh iad; nan tugadh iad a ass e Scoti a theireadh iad. A réir so than seann luchd eachdraidh Ròimhanach agnàthachadh an fhocail air son an aon ainme. Ach fadheòidh thàinig iad, mar bu trice, gu bhiga sgrìobhadh Scoti, oirs e sin beagan a bfhuaimniches achainnt acasan. Mata, ma chreidear an luchd eachdraidh is faide a rannsaich, bha Scotian Gaeltachd Alba féin o shean, co cinnteachs a bhan Eirinn. Bha treubh no dhà dhiubhan Siorrachd Rois, agus anns an Eilean Dubh. Bha dream eile dhiubh timchioll air bun amhainn Chluaidh, a bhiodh gu maith tric acogadh còmhladh ris na Pictichan aghaidh nan Ròmhanach, ’s nan Deasach an déigh do na Ròmhanaich falbh. Tha e air a ràdh gun tàinig cuid diubh so, co dhiù, á Eirinn, agus gun dfhuadaicheadh a null a rìs ann iad. Ach ma rinneadh sin, thàinig iad.air an aisan ùine ghoirid, no bha cuid diubh nach do chuireadh air falbh idir, a bhuineadh do sheann luchd àiteachaidh an àite sin, on bha Scoti ann a ghnàth a bhan co-bhoinn ris na Pictichan aghaidh nan Deasach.

3. ’S abhliadhna 503 A.D. thàinig dream de na Sgaothaich a nall á Eirinnn an trì buidhnibh beaga, fo thriùir cheann-feadhna. Ghabh fear dhiubh sin dam bainm Fearghas, sealbh air Ceann-tire leluchd-leanmhuinn. Ghabh fear eile dam bainm Lathairna, sealbh air àita bfhaidan ear na sud air an tug e Lathairn, mar a theirear ris gus an n diugh. Ghabh an treas fear dam bainm Aonghas, sealbh air eilean Ile. Cha do chuireadh mòran grabaidh air na coigrich udn an ceud tighinn air tìr a thaobh iad


[20] a bhi tearcan àireamh, ’s nach déirich an-amharus sam bithan inntinn righ nam Picteach mun timchioll. Agus mar a bha taobh siar Albas an àm ud air bheag sluaigh, ’s ann a shaoileadh na Pictich gur h-ann gan cuideachadh a bhiodh iad sud an aghaidh nan naimhdean eile a bhaca. Co dhiù, ’n uair a fhuair na Sgaothaich a thàinig á Eirinn fàrdach air a cur air dòigh do gach fear dhiubh féin, thòisich buidheannus buidheann bheag eila tighinn a nall as an déigh, gus mu dheireadh an robh àireamh mhaith ann diubh. Agus mar bu triùir bhràithrean na cinn-fheadhna, ’s a bhiodh iadan comh-bhoinnan aghaidh naimhdean sam bith eile, ’s ann a beagalach leis na Pictich aghaidh a chur orra, ’s mar is coslaiche cogadh eilair an làimh aig an àm cheudna. ’S e bun a bhann, chaidh Fearghas a chrùnadhna righ air a luchd leanmhuinn fein. Bhan dithis bhràithrean eilen an àrd-riaghalairibh thairis air an fhearann air an do ghabh iad sealbh, agus a réir coslais, ullamh gu Fearghas a chuideachadh nan tigeadh ceann-feadhna no prionnsa sam bith eila chur dragh air. Olaich thapaidh a bhan sud, ro theòma gu dachaidh a dheanamh dhoibh féin an àite sam bitham faigheadh iad aon chas a steach.

4. Chaneil teagamh sam bith nach banns achreideamh Chriosduidh a bha na cinn-fheadhna a dhainmich sinn, agus an luchd-leanmhunn air an togail suas. Ach cha tug iad oidhirp sam bith air an deadh sgeul a chraobh-sgaoileadh a measg nan treubhan a bha mun timchioll. Cha robh ni air an aire ach an saoghal a chothachadh, ged a dhfheudas e bhiam freasdal an Tighearna gun robh iadsan a thighinn do Albana mheadhon air a bhi aréiteachadh an rathaid roimh an duine mhaith a rinneadhna inneal an soisgeul a thoirt do eileanaibhus tir-mòr na h-Alba, a bhas an àm ud fo dhorchadas na Pàganachd. Banns abhliadhna 563 a thàinig Callum Cillenall á Eirinn do thaobhs iar Alba, le fhear-dheug de luchd-leanmhuinn ionmhuinn, a bha mar dheisciobluibh aige, ’s mar luchd-cuideachaidh, asearmonachadh don t-sluagh a thàinig etheagasg. Bha Callum-


[21] Cille féinna dhuinòg, ’an tréina neirt an sin, mu dhà fhichead bliadhna dhaois, ’na dhuine fòghluimte, a réir an tomhais eòlais a bhaig daoinibhs an àm ud; ’an dlùth dhàimh ri aon de theaghlaichean rioghail Eirinn, agus don righ Conall, de shliochd Fhearghais a bharioghachadhan taobhs iar na h-Albasan àm ud. Roghnaich Callum-Cille eaglaisus àite tàimh a chur suas air a shon féins a luchd-leanmhuinnan eilein beag air culthaobh Mhuile, ris an abairte I, agus on uair ud, I Challuim-Chille, a thug an righ dha, a réir barail cuid, mar shaor-thiodhlac. Cha robh cheud eaglais a chuireadh suas ach beagus suarrach, achan déigh sin chuireadh eaglais a suas ris an abrar Abaid, aig a bheil mìrean den bhallana sheasamh fathast As an eilean bheag so bha iad air aiss air aghart asearmonachadh air feadh Alba gu h-iomlan. Be aon de na ceud turuis a rinn Callum-Cille féin a dhol a dhamharc Bhrìde, righ nam Picteach, aig an robh a lùchairt an taobh-deas Alba. Tha luchd-eachdraidh ag ràdh gun diompaich Callum-Cille Bride. Co dhiù bhas nach robh barrachd ann air na burrainn Callum-Cilledheanamh de iompachadh thug an righ làn chead agus, a réir coslais, cuideachadh do na soisgeulaichibh ud an deadh sgeul a chur an céill anns gach cearna derioghachd. Bha iadsan agabhail achothroim mar a bfhearr a dhfheudadh iad. Bha Collaist acaan I anns an robh iad afòghlum mhinisteirean ògas gan deasachadh air son searmonachadh an t-soisgeil. Bha na teachdairean so adol tre gach eileanus cearna, air sheòls gun cual iad uile iomradh air slighe na slàinte.

5. Bha saothair nan daoinud gu mòr air a beannachadh don t-sluagh; cha bann a mhàin ri linn Challuim-Chille féin, ach ùine mhòir an déigh sin. Be Cùil--ich a theireadh na Laidinich ris acheud mhuinntir a thréig an iodhalan, agus a dhaidich an ùmhlachd do lagh Challum-Chille. Tha caochladh bharailean a measg luchd-eachdraidh mu sheadh an fhocail, Cùil--ich; achs es coslaiche gur h-en seann fhocal Gàelic, Gillean-


[22] a thann, leis an robh an luchd-dùthcha acur dealachadh eadar amhuinntir uds na bha fathast aleantuinn breugaireachd nan sagartan Druidheach. Their na Gàeil aig a bheil eòlas air eachdraidh, Cùildeich riù. Tha aobhar a bhicreidsinn gun do ghléidh eaglais nan Cùildeachan Alba teagasganus oideas an t-soisgeil co fada ri eaglais eiles an Roinn-Eòrpa, ach a h-aon, o mheasgachadh le mearachdaibh na Pàpanachd. Cha robh easbuigean acidiran Albas na ceud linnibh ud, no luchd-riaghlaidh sam bith eiles an eaglais ach na ministeirean a bhasearmonachadh, agus seanairean no éildeirean. Mar nach robh a leithid de ni is stìpinean ann, ach gun robh na h-uile searmonaichair a chumail suas le tabhartas saor-thoil an t-sluaigh, cha burrainn a leithid de ni is Pàtranachd a bhi ann ni bu mhò: ’s ann an lorg truaillidheachd achreidimh Phàpanaich a thàinig an t-olc sin a steach don eaglais. Bha fiùdhalaich an Ath-leasachaidh acuimhneachadh sinn an féin. Thàinig I Challuim-Chille gu bhi glé mheasail, chan emhàin aig an t-sluagh chumanta, ach. mar an ceudna aig righribhus luchd-riaghlaidh Alba, ’s Eirinn, ’s na Frainge, dheth am bheil cuid air an adhlacadhs an eilean ud. Bha righrean taobh siar Albadol do I gu bhi air an crùnadh a réir deas-ghnàth simplidh nan aman ud. Thug aon de na rìghrean clach phrìseil á Eirinn, ris an abradh iad, Liath-Fàil, air an suidheadh an righ ògan àm a bhig a chrùnadh. Bha gnàth-fhocaln am measg ge be àitam biodh achlach so gum biodh an sin righ de shliochd nan Sgaothach air achathair. Thugadh achlach an déigh sin do Sgoinne, far am bàbhaist righrean Alba bhi air an crùnadh. Bhàsaich Callum-Cillena sheann duine, agus làn de làithean air an 9mh de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 597, ’an déigh ceithir bliadhna-deug thar fhichead debheathachaitheamh ateagasg nan Albannach ann an eòlas air slighe na slàinte. Bha ceangal mòr aige ri I anns an do chaith en leth mu dheireadh, agus an leth a bfheumaile da bheatha. Tha e air a
[23] ràdh gun do chuir e fàidheadaireachd mun eilean sinan dàn mar a leanas:—

I mo chridhe, I mo ghràidh,
An àite guth Mhanach bidh geum ;
Ach mun tig an saoghal gu crìch
Bidh I mar a bha.”

Thàinig acheud chuid den fhàidheadaireachd gu litireil gu teach o cheann fada, ’s feudaidh e bhi gun tig achuid eile gu teach mar an ceudnana h-àm. Mhair eilean I mar lòchran laiste agus dealrach leis an t-soisgeul ri cheud gu leth bliadhnaan déigh bàis abstoil na Gàeltachd, mar theirteadh ris. Achan toiseach an naoidheamh linn thàinig muir-chreachadairean Lochluinn gu taobh siar Alba le càbhlach lìonmhor, ’s bhiodh iad adol air tìran àites an àite a thoirt leò nan uile nitheghabhadh giùlan, ’s alosgadh thigheans gach gnè àirneis nach burrainn iad a thoirt leò. Bha iad sudn am Pàganaich air nach robh eagal , mar nach robh urram aca do dhuine. Chaidh iad air tìr an eilean I mar anns gach eilean beagus mòr eile, ’s rinn iad ris achollaists ris an eaglais mhòir, ’s gach tigh àluinn eila bhann mar a rinn na Babilonich air Ierusalem, fhàgailna thòrr. Na h-uile ni a ghabhadh losgadh loisgeadh iad, ’s na h-uile ni luachmhor a ghabhadh toirt air falbh thug iad leò. Than t-eilean mar sinna fhàsach gus an n diugh. Tha tearc de luchd-àiteachaidh ann, ach “ ’an àite guth mhanach tha geum .” Tachraidh lorgan nan spùinneadairean so ruinnan àites an àite fathast, ann ar triall tre eachdraidh na rioghachd.

titleCaibideil IV
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page