CAIB. XL.
TEAGHLACH BHRUNSUIC. —SEORAS I.
BHA ’bhan-phrionnsa, Sophia, air bàsachadh goirid roimh bhan-righ Anna, agus mar sin thàinig a mac bu shine, Elector Hanobhair, gu rìgh-chaithir Shasuinn, fo’n tiodal, Seòras I. Bu Sheumasaich an luchd-dreuchd a bh’ aig’ a’ bhan-righ a dh’ fhalbh; agus chaidh iad gu mòr ’n am boil an uair a dh’fhairich iad a crìoch a’ dlùthachadh, agus na beachdan a bh’ ac’ air son ath-aiseag Sheumais co fad o thighinn gu cruth. Ach cha robh dol a null no nall ann ach Seòras éigheach ’na rìgh. Thàinig e air tìr ’an Lunuinn sea seachduinean ’an déigh bàis na ban-righ. Bha e ceithir deug ’s dà fhilchead bliadhn’ a dh’ aois. Thàinig gach Seumasach ’us Uilleamach a dh’ aideachadh ùmhlachd dha, ’s a’ ghabhail ris mar an rìgh. Ach cha tug e gnùis idir do na Seumasaich. Feudaidh gur h-ann air comhairle na dream a bha ’n an aghaidh sin a ghnàth ach se e féin co fuarraidh riu sud aig an robh riaghladh ghnothuichean fo bhan-righ Anna. Ach tha iomadh fear eachdraidh ga choireachadh air son nach do lean e dòigh rìgh Uilleim—taobh réidh a chumail ris gach buidheann fa feth, ’s na’m biodh e air sin a dheanamh nach biodh toiseach a rìoghachaidh co stoirmeil ’s a bha e. Dh’fhuadaich e air falbh gach fear dreuchd a bh’ aig Anna, ’s chuir e ’Chuigse ’n an àite. Theich a’ chuid bu lionmhoire dhiubh sud gu tìr-mor, far an robh Seumas féin. Thugadh nathan tiodalan ’s an oighreachdan, ’s chuireadh neach no dithis de ’n fheadhainn a b’ fhollaisich a bh’ air taobh Sheumais do Thùr Lunuinn.
2. Bha Iarla Mhàrr ’na Rùn-chléireach na Stàit aig ban-righ
3. Bha Diùc Earra-Ghàeil ro fhad ’an aghaidh teaghlach nan Stiùbhartach, ’s cha b’ ioghnadh e. Theireadh iad Iain Ruadh nan Cath ri Diùc Earra-Ghàeil an là ud. B’ esan àrd Sheanalair airm an rìgh ’an Alba. Chaidh e ’n coinneamh Iarla Mhàrr gus a chumail air ais o dhol gu deas, mar bha e cur roimhe. Cha robh aig Diùc Earra-Ghàeil ach mu leth uiread de armailt ’s a bh’ aig an Iarla. Thàinig an dà fheachd ’am fradharc a chéil’ air an dara là deug de cheud mhios a’ gheamhraidh. Chaidh iad a chath air an treas deug a bu là sàbaid, aig àite faisg air Dunblathain ris an abrar Sliabh an t-Siorraimh. Bhuadhaich gach taobh de ’n luchd catha so air an làimh dheis, agus mar sin chaill gach taobh air an làimh chli. Thagair gach taobh gun do choisinn iad an là. Ach ghléidh an Diùc an làthrach. Thuit eadar seachd ’us ochd ceud de dhaoin’ Iarla Mhàrr ’am blàr Sliabh an t-Siorraimh, agus chaill an Diùc eadar cuig ’us sea ceud, ach ghléidh e ’bhuaidh làthrach. Theich an t-Iarl’, an oidhche an déigh a’ bhlàir, air falbh gu ruig Peirt, a’ fàgail a dhaoine leònta ’s na mairbh, ’s mòran de threallaich chogaidh, fo mheachainn an nàmhaid. Bhris an aon bhlàr ud cumhachd ’us misneachd nan Seumasach gu h-iomlan, ’s thòisich iad a’ sgaoileadh o chéile gu tuath ’us deas. Bha Iarla Mhàrr roimhe sud air sea ceud deug fear, fo stiùireadh Mhic an Tòisich, aiseag a null gu Beruic air los na ceannaircich a bha ’g éiridh an ceann deas Alba a chuideachadh. Bha àireamh dhiubh sin, air gach taobh de ’n chrìch Shasunnaich, air èiridh fo threòrachadh Iarla Deruentuater, agus Mr Foster. Bha rud maith feachd acasan ’n uair a chuir Mac an Tòisich a dhaoine féin còmhladh riu. Ach air an dearbh là an do chuireadh blàr Sliabh an t-Siorraimh, ghlac Seanalair Uilis le arm an rìgh, na ceannaircich ann am baile ris an abrar Preston, ’an taobh tuath Shasuinn. Chuireadh mòran diubh gu bàs air son an
4. Bha ceann-cinnidh Chloinn Choinnich, a bha roimhe sud air ’àrdachadh gu bhi ’na Iarla Shì-phort, a measg nan ceannairceach air Sliabh an t-Siorraimh. ’An déigh a’ bhlàir sin ghreas e do’n taobh tuath, gus a chuid fearainn a dhìonadh o Iarla Chataoibh, a bh’ air taobh an rìgh. Gheall e féin ’s feadhainn eil’ a theich as a’ bhlàr, strìochdadh do’n rìgh, ’s fhuair iad maitheanas. Ach an uair a ràinig Mac Coinnich Leòdhas, thog e na Leòdhasaich ’an aobhar a’ Phrionnsa. Chuireadh feachd ’na aghaidh mu’n d’ fhuair e ’n òrdugh, ’s theich e do ’n Fhràing, ’s á sin do ’n Spàinn. Anns a’ bhliadhna 1719 chuir Càrdinal Alberòni, prìomh mhinistear rìgh na Spàinne, roimh’ an oidhirp a thoirt air Seumas a chur air caithir Bhreatuinn. Fhuair am Prionnsa fiadhachadh do Mhadrid, ceanna bhaile na Spàinne, far an do
5. ’S a’ bhliadhna 1724 chuir a’ Phàrlamaid Bhreatunnach cìs air Alba ris an abrar Braich chìs. Bha leann saor gu leòr ac’ ’an Alba gu sin, agus rinn cuid de ’n t-sluagh ’s na bailtibh tuasaid
6. Cha do thachair ni àraidh tuilleadh ’an Alba ri linn Sheòrais I. ach an t-ùghdarras a bh’ air a thoirt do Sheanalair Uaid air son na Gàeil a dhì-armadh. Bha cuid diubh sin, clann Choinnich gu h-àraidh, a’ seasamh a mach an aghaidh a’ Bhàillidh a chuir an rìgh os an ceann, agus a’ toirt màil an fhearainn do Bhàillidh a roghnuich iad féin, agus a bha ga chur gu poncail thun an Iarla gu tìr-mòr na h-Eòrpa far an robh e ’na fhògarrach. Ghiùlain luchd dreuchd an rìgh greiseag le sin, ach chuir iad a nis rompa stad a chur air a’ mhì-riaghailt ud, gus an éignicheadh iad tuathcheathairn gach uile Cheannaircich o ’n tugadh a chuid fearainn, mar thugadh o Iarla Shì-Phort, am màl ìocadh do Bhàillidh an rìgh. B’ éigin air son sin, an cuid armachd a thoirt uatha. Thug iad seachad armachd air choreigin gun mhòran connspoid. Ach thugadh fainear gu’m b’ armachd anns nach robh feum a chuid bu mhò dhi; gun teagamh ghléidh cuid diubh folchusan maith, gun fhios ciod a dh’ fheudadh tighinn. Rinneadh rathaidean mòr’ ’an caochladh àitibh de ’n Ghàeltachd mu ’n àm so air son goireis an airm, ach thàinig iad gu bhi ro ghoireasach do shluagh na dùthcha.
Bha, mar an ceudna, na sgoilean a thug Ard-Sheanadh na h-eaglais ma ’n airidh a bhi air an cur suas feadh na Gàeltachd an déigh na Rìghchuairt, a nis air tighinn gu bhi feumail do cheàrnaibh fa leth de ’n dùthaich. Bha ’n Comunn a bh’ air son Eòlais Criosdail a sgaoileadh air feadh Gàeltachd ’us Eileanaibh na h-Alba, gniomhach a’ cur a mach mhaighstirean-sgoile. Ach bha iad gu h-amaideach a’ cumail nan sgoilean ro Ghallda. Bha iad a’ feuchainn ri cainnt na dùthcha ’chumail fodha gu buileach, agus eòlas a phàirteachadh ris an òigridh ’an cainnt nach tuigeadh iad. Leis an riaghladh gheàrr-sheallach so cha robh na sgoilean an deicheamh cuid co feumail no co measail ’s a dh’ fheudadh iad a bhi. Ach fhuair a mheud ’s a lean ré ùine mhòir air am frithealadh maith dhiubh. Rinn an Comunn ceudna mòr fheum do ’n Ghàeltachd le iad a dh’ eadar-theangachadh nan Sgriobtuirean gu cànain na dùthcha. Bha nithe a’ dol air an aghart, mar so, gu cuibheasach sìochail, gu àm bàis an rìgh a thachair air an aona là deug de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1727, anns an ochdamh bliadhna thar an trì fichead de ’aois. Bha e air thurus ’s a’ Ghearmailt aig an àm, agus dh’ adhlaiceadh e ’an uaigh ’aithrichean.
title | Caibideil XL |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |