[354] CAIB. XLI.
SEORAS II.
THAINIG Seòras II. gu àit ’athar air righ-chaithir Bhreatuinn anns a’ cheathramh bliadhna ’s dà fhichead de ’aois. Bha Sasunn beagan ùine roimhe so ’an cunnart mòr gu ’m briseadh gach Banc, ’us ceannuiche, ’s duine mòr eil’ a bh’ ann, le ìnnleachdaibh seòlt’ a
[355] rinn daoine sanntach gu saibhreas fhaotainn le cabhaig.
Tha e air àireamh gu’
n robh ceud de na h-
innleachdan sin ann;
agus chaidh mòran mhuillean nan airgid a chruinneachadh gus an oibreachadh.
Bha iad uile mar ghucaig ’
an cobhar an uisg,’
a’
briseadh ’
n uair bu mhò shaoileadh duin’
a bhitheadh iad.
Ach b’
e ’
n t-
aon a b’
ainmeile ’
s bu mhò rinn a chall diubh,
sin ris an abrar Innleachd a’
Chuain a Deas.
[South-Sea Scheme.] Bha fortan mòr air a ghealltuinn do luchd-
pàirt na gucaig mòire so ’
an ùine ghoirid an déigh tòiseachadh.
Dh’
éirich prìs nan earrannan gu deich uiread am prìomh luach.
Thrus luchd-
riaghlaidh a’
ghnothuich suim ro mhòr airgid doibh féin ’
s do ’
n càirdibh. ’
N uair a bhris a’
ghucag ’
s a chunnaic an sluagh mar bha iad air am mealladh leis an luchd-
reubainn ud, ’
s beag nach deachaidh an rìoghachd thar a chéile. ’
S e rùnaich luchd comhairl’
an rìgh ’
na leithid de chàs,
cunntair comharraichte do ’
m b’
ainm Raibeart Ualpol a dheanamh ’
na Riaghlair na Cist-
ionmhais,
agus cumhachd a thoirt dha ’
n rian a thogradh e ghabhail air son creideis na rioghachd ath-
aiseag.
Chaidh aig Ualpol air sin a dheanamh ’
an ùine ghoirid,
agus anns a bhi ga dheanamh thug e o na mealltairibh ud a h-
uile sìon a bh’
aca de ’
n t-
saoghal.
Ged a thachair so uil’ ’
an Sasunn thàinig Alba gu bhi ’
fulang air a lorg,
a chionn gu’
n deachaidh cìs ni bu truim’
a leagadh air gach gnè bathair a bha tighinn do’
n rioghachd,
no air a dheanamh innte.
Chuireadh cìs ni bu truim’
air nithibh air an robh i roimhe, ’
s chuireadh i air caochladh nithibh air nach robh i idir.
Thug truimead na cìs’
air iomadh fear,
araon a tuath ’
s a deas,
tòiseachadh air toirt a steach ’
us reiceadh dibh ’
us bathair gun chìs idir iocadh.
Theirear gu Gallda smugalairean riu so.
Bha mòran de’
n ghnè malairt so a’
dol air aghart air oirthir Siorrachd Fiofa.
Ghlac muinntir an tigh Chusbainn am bathar folchuidh ud air dithis d’
am b’
ainm Uilson ’
us Robeston, ’
s thug iad uath’
e.
Gu dìoghaltas a dheanamh air a shon so,
fhuair na h-
òl-
[356] aich ud buidheann a chaidh còmhladh riu feadh na h-oidhche gu tigh fir-tionail na cusbainn ’an Circaldi gus a chreachadh. An uair a dh’fhairich am fear-tionail a bheath’ ’an cunnart, theich e mach air uinneig, ’s dh’innis e do bhuidhinn shaighdearan a bha ’s a’ bhaile ciod a bha dol air aghart. Thàrr an luchd reubainn as le dà cheud Punnd Sasunnach mu’n do ràinig na saighdearan. Ach chuireadh air an tòir ’s rugadh orra ’s a’ bhraide ’na’n làmhaibh. Thugadh gu mòd iad, ’s chaidh an dìteadh gu bàs. Bha so ’an toiseach na bliadhna 1706. Bha na nithe a dh’ainmicheadh a cheana fo’n cheann so ag oibreachadh le chéil’ air son a bhi ’toirt mu’n cuairt a leithid so de staid. Ach feumaidh sinn an luchd reubainn fhàgail ’s a’ phrìosun fo bhinn bàis, agus ni-eigin eil’ aithris a thachair roimhe sud.
2. Dh’aithriseadh a cheana ’s an eachdraidh so gu’n do chuireadh cuing na Pàtronachd air ais air eaglais na h-Alba ri linn banrigh Anna. Chaidh aithris, mar an ceudna, gu’n d’ fhàgadh àireamh mòr de na curates a stigh ’s an eaglais an déigh na Rìgh-chuairt. Mhol rìgh Uilleam do ’n eaglais giùlan leo sud a bha neo-dhìoghaltach ré na geur-leanmhuinn. Chaidh mu thrì ceud diubh fhògradh air falbh o ’n sgìreachdaibh leis an t-sluagh. Ach ’n uair a chuimhnichear gu’n robh còrr ’us ceithir cheud sgìreachd ’an Alba, ’s gu ’n robh iad uile gu ìre bhig air an lionadh le curates ré na geur-leanmhuinn, feudar a thuigsinn gu’n d’ fhàgadh tuilleadh ’s a’ chòir dhiubh ’na ’n àitibh ’n uair a thàinig an t-saorsa. Ged a ghéill iad ud uile do theagasgaibh ’s do oideas eaglais na h-Alba, air sgàth am beòlaind ’s an àite, gidheadh bha iad ’na ’n nàdur ’s ’na ’n gnàths mar bha iad roimhe; cluicheach, neo-chùramach, ’n an companaich aig daoinibh faoine. Tha na h-uile fear-eachdraidh is fiach creideas a’ deanamh a mach gu soilleir, gur h-ann eadar na curates agus a’ Phàtronachd a thàinig eaglais na h-Alba gu bhi air a cumadh air sheòl ’s gun d’ fhàs i moderate[Tha ’m focal Moderate gu litireil a’ ciallachadh measarra no stuaim, agus mar sin is deadh ainm e. Ach cha ’n eil aon fhocal ’s a’ Ghàelic a tha giùlan làn chiall an fhocail Moderate ’na sheadh eaglaiseach, agus mar sin cha ’n oidhirpich sinn air eadar-theangachadh idir. ]
[357] ’s an ochdamh linn deug,
ris an abrar linn dhorch’
eaglais na h-
Alba.
Bha e mar aon argumaid aig na daoinibh mòr’
a bha na ’
n luchd dreuchd aig rìgh Uilleam,
gu’
m biodh daoin’
earbsach air an cur ’
an àite nan curates,
mar a bhiodh iad a’
bàsachadh ’
s nach bitheadh iad ’
na ’
n call do ’
n eaglais ach ré am beatha féin.
Ach bha na daoine dearbhta,
dìleas,
a sheas ri teas an là a’
bàsachadh mar a bha na curates.
Agus bha iad so mu dheireadh,
a réir na h-
uile coslais,
anns a’
cheud dol a mach,
ro eudmhor anns a bhi ’
toirt air daoine mòra na sgìreachdan a lìonadh le ’
n leithidibh féin,
an déigh do’
n Phàtronachd tighinn a steach.
Ré fhichead bliadhn’
an déigh do ’
n chuing so a bhi air a cur air an eaglais,
leanadh air ministeirean a roghnuchadh mar roimhe sin,
a chionn gu’
n robh na maithean aig an robh Pàtronachd ’
na ’
n làmhaibh a’
faicinn gu’
n robh ana-
ceartas ann, ’
s gu ’
n robh inntinnean an t-
sluaigh gu mòr an aghaidh iad a bhi ’
cleachdadh a’
chumhachd a thug an lagh dhoibh.
Ach lion cuid ’
us cuid thàinig na daoine mòr’
ud gu bhi ’
cleachdadh ’
an cumhachd,
agus a’
dol ni b’
eudmhoire mu ni ris an abradh iad an còir laghail,
agus a’
sealltuinn sios air gairm a’
choimhthionail.
A réir lagh na Pàtronachd,
bha e gu h-
iomlan ’
an làmhaibh na Clèire,
gairm o choimhthional a sheasamh,
no gun a seasamh,
a réir an àireamh ainmean a bhiodh rithe,
a bhi tearc no lìonmhor.
Bha na curates a ghnàth air son na h-
uile fear a fhuair presentation a bhi air a shuidheachadh,
co dhiù a bha tearc no iomadh ga ghairm.
Agus chì uile luchd leughaidh eachdraidh eaglaisich gur h-
ann a’
dol ni b’
ain-
tighearnail a bha cùirtean na h-
eaglais a h-
uile bliadhn’
anns a bhi ’
suidheachadh mhinisteirean nach robh ach ro thearc de ’
n t-
sluagh air son a ghabhail.
Anns a’
bhliadhna 1733 chuir tearc de mhinisteirean ’
an taobh ’
s ear Alb’
an aghaidh làmh a’
bhi ac’ ’
an suidheachadh ministeir nach robh an sluagh air son a ghabhail.
Thug cùirtean na h-
eaglais
[358] achmhasan doibh air son an ni ris an abradh iad féin eas-
ùmhlachd.
Agus an déigh do na ministeirean ud diùltadh as ’
us as gnothuch a bhi aca ri leithid de sheirbhis,
chuireadh ’
na ’
n tosd iad car ùine.
Ach cha ghabhadh iad cur ’
na ’
n tosd.
Lean iad air dleasdanais an dreuchd a fhrithealadh gu duineil,
agus air an t-
seathamh là deug de cheud mhios a’
gheamhraidh,
sgar siad iad féin gu sòluimt’
o chomunn eaglais na h-
Alba mar a bha i nis air a riaghladh, ’
s thog iad an cùis a dh’
ionnsuidh a’
cheud Ard-
sheanaidh dhìleis agus ath-
leasachaidh a bhiodh ’
s an eaglais sin.
B’
e so an ceud bhriseadh a thàinig air eaglais na rìoghachd.
Cha robh ann ach ceathrar mhinisteirean—
Mr Ebenéser Erscin,
Uilson,
Moncreif,
agus Fisher.
Ach lean àireamh maith sluaigh riu.
Rinn an dealachadh ris an eaglais mòran fuaim feadh na rioghachd.
Fhad ’
s a dh’
fhuirich iad gun aonadh ri buidheann sam bith eile,
theirteadh na seann Seséders riu.
3. Dh’fhàg sinn an luchd reubainn, Uilson ’us Robeston, ann am prìosun Dhuneidin, fo bhinn bàis. Bha e ’na chleachdadh an uair sin a bhi toirt phrìosunach fo bhinn bàis do’n eaglais a dh’ éisdeachd searmoin an t-sàbaid mu ’m biodh iad air an crochadh. Thugadh an t-sochair sin do ’n dithis so. Bha dithis shaighdearan a’ gleidheadh gach fir dhiubh. Bha Uilson ’na dhuine ro chalma. An uair a bha’n t-seirbhis gu bhi crìochnaichte, thuirt e ri Robeston e ga thoirt féin as. Rinn e gréim le ’fhiaclaibh air aon de na saighdearan a bha ga ghleidheadh, ’s chum e fear anns gach làimh de’n dithis a bha ga ghleidheadh féin. Chrath Robeston e féin saor o’n fhear a bha ga chumail, ’s thug e chasan leis, gun duine ’cur làimh ann, ’s dh’ fhàgadh Uilson ’na aonar air son a chrochaidh. Bha comhfhulangas ’us truas aig math-shluagh Dhuneidin ris air son a’ ghnìomh euchdail a rinn e, ann an cur fa sgaoil a chompanaich, agus bha eagal air an luchd riaghlaidh gu’n tugadh iad oidhirp air a chur fa sgaoil là a’ chrochaidh. Agus gu sin a bhacadh bha dream shaighdearan a làthair, a thuilleadh air geàrd a’ bhaile. Rinneadh an
[359] crochadh air a’
cheathramh là deug de mhìos deireannach an earraich,
1736,
agus cha do ghluais am math-
shluagh gus an robh an corp ga thoirt a nuas.
Thòisich iad an sin air sgeig ’
us fanoid air a’
chrochadair ’
s air na saighdearaibh, ’
s air tilgeadh chlach orra.
Thug Caiptin Pòrteus a bh’
air cheann geard a’
bhaile òrdugh losgaidh air a’
mhath-
shluagh.
Chuir so am bànaidh buileach orra, ’
s b’
éigin losgadh a rìs ’
s a rìs orra.
Chaidh cuid a mharbhadh ’
s cuid a leònadh dhiubh;
thugadh Caiptin Pòrteus gu mòd, ’
s chaidh binn a bhàis a thoirt a mach air son an òrduigh a thug e,
agus shònruicheadh an là anns am biodh e air a chrochadh.
Ach thàinig òrdugh a nuas á Lunuinn dàil a chur ’
na chrochadh,
agus bha ullachadh ga dheanamh air son làn mhaitheanas a tharruing a mach dha.
An uair a thuig math-
shluagh Dhuneidin gu ’
n robh Pòrteus gu dhol as,
mar chaidh Caiptin Buiseil,
chruinnich àireamh mòr dhiubh air oidhch’
an t-
seachdamh là deug de mhìos meadhonach an fhoghair, ’
s dhì-
armaich iad luchd freiceadain nan geatachan, ’
s ghabh iad air aghart gus an do ràinig iad am prìosun ’
s an robh Pòrteus ’
na chiomach;
bhris iad na dorsan, ’
s thug iad a mach e, ’
s chroch iad e air crann tiormachaidh dathadair. ’
N uair a bha Pòrteus marbh phill iad gu’
n àitibh féin gu sìochail.
Ghabh luchd-
dreuchd an rìgh anabarr feirg’
air son na tuasaid ud, ’
s dh’
oidhirpich iad Reachd fhaotainn tre ’
n Phàrlamaid leis an deantadh peanas mòr air baile Dhuneidin, ’
s air luchd-
dreuchd a’
bhaile.
Chuir Buill Albannach na Pàrlamaid an aghaidh sin ’
s b’
éigin a leigeadh seachad.
Ach fhuair iad Achd eil’
air a dhaingneachadh leis am b’
éigin do Dhuneidin dà mhìle Punnd Sasunnach a phàigheadh do bhantraich Chaiptin Pòrteus.
4. ’S e nì bu ro iongantaich a bha timchioll air Tuasaid Phòrteuis, nach d’ fhuaradh uiread is aon duine riamh a mach dheth na bha ’s a’ chnap an oidhch’ ud, ged a bha àireamh cheudan sluaigh ann, ’s ged a leanadh àireamh bhliadhnachan air rannsachadh air an son. Bha aon phonc de ’n Achd Pàrlamaid a dh’ ainmicheadh
[360] leis an robh air a dhaingneachadh gu ’
m feumadh ministeirean na h-
eaglais Albannaich a bhi uair ’
s a’
mhìos gu ceann bliadhna,
a’
leughadh paipeir o’
n chùbaid,
a’
gairm air a’
choimhthionail an uile dhìchioll a dheanamh gu mortairean Chaiptin Pòrteus fhaotainn a mach.
Thug so mòr oilbheum araon do mhinisteiribh ’
s do phobull na h-
eaglais.
Bha iad a’
sealltuinn air mar a’
toirt gnùis do’
n teagasg Erastaich,
gu ’
bheil an t-
uachdaran sìobhalt’
os ceann na h-
eaglais ’
an nithibh spioradail co maith is aimsireil.
Bha connsachadh mòr eadar a’
mhuinntir a thug ùmhlachd do ’
n Achd so,
agus a’
mhuinntir nach tug.
Bha e ga ’
n deanamh ni bu ro eudmhoire thairis air a chéile gu ’
n robh briseadh air tighinn air an eaglais o cheann ghoirid, ’
s gu’
n robh an fheadhainn a dh’
fhàg an eaglais a’
tomhadh am meòir ri sud mar aon ni a bha ’
dearbhadh gu’
n robh ’
n eaglais air dhroch riaghladh,
agus air a tionndadh gu feum coitchionn.
5. Lean Sìr Raibeart Ualpol air a bhi ’na phrìomh mhinistear crùin Shasuinn o’n bhliadhna 1720, gus a’ bhliadhna 1741. B’ e aig an àm cheudna, ceud Mhorair na Cist-ionmhais. Bha e ’na dhuine glé chomasach, ach bha e anabarrach truaillidh ’s an t-seadh a bheil na Sasunnaich a’ co-chur an fhocail sin riu-san a tha gnàthachadh an cumhachd le bhi gabhail ’s a’ toirt bhrìbean. Cha robh rìoghachd Bhreatuinn ’s an àm ud a cosd ach mu ochd muilleanan ’s a’ bhliadhn’ eadar shaighdearaibh mara ’s tìre, ’s luchd dreuchd. B’ e sin an cosdas cuibheasach. Bhiodh e air uairibh ni bu mhò ’s ni bu lugha na sin. ’N uair a bhiodh am priomh mhinistear, no ’m Prìomhair, mar their sinn ris tuilleadh, a’ toirt do ’n Phàrlamaid, an ceann gach bliadhna, cunntas air na fhuair e, ’s air na phàigh e de airgiod, bhiodh àireamh mòr mhiltean ’s a’ chunntas, a phàigheadh air son seirbhis uaignich. Cha bu dàna le aon sam bith de bhuill na Pàrlamaid a dhol a cheasnachadh a’ Phrìomhair mu’n dòigh ’s an robh ’n t-airgiod air a roinn. Cha robh freagradh ri ’fhaotainn ach gu’n do phàigheadh e air son seirbhis uaignich. Bha Ualpol a’ toirt roinn mhaith de ’n airgiod so do luchd-sgrìobhaidh
[361] phaipeirean naigheachd ’
us leabhraichean,
a bha ’
moladh a’
Phrìomhair air son co dìleas agus fad-
sheallach ’
s a bha e ’
na mhodh riaghlaidh air an rìoghachd,
agus a’
cur an ceill meud nan comainean fo an robh Breatunn dha air son nan iomadh subhaile a bha ri ’
m faicinn timchioll air ann an coimhlionadh a dhreuchd chudthromaich!!
Ach bha ’
chuid bu mhò gu mòr de ’
n airgiod ud air a roinn a measg Bhuill fa leth na Pàrlamaid,
mar is ann riu sin gu h-
àraidh a bha gnothuch a’
Phrìomhair,
a chionn nach faigheadh e ni sam bith air aghart gun an aonta-
san.
Agus ma ’
s fior na sgeòil,
bha tuilleadh ’
s a’
chòir de ’
n chreich a’
tuiteam air cuid de na Buill Albannach.
Tha iomradh air ni ’
s liugha na aon fhear dhiubh a rinn fortan ’
an Lunuinn,
a’
frithealadh na Pàrlamaid, ’
an àite fàs bochd,
mar dheanadh iad na ’
m fàgtadh ’
an urra ri ’
n sp oranaibh féin iad.
An déigh beagan eòlais fhaotainn air dol a mach Tigh nan Uaislean,
cha bhiodh aig fear de na Buill ùr ud a thàinig a nios o cheann ghoirid ach seasamh suas,
agus innseadh gu’
n robh esan a’
dol a dheanamh motion,
air là àraidh nach robh fad as,
gu ’
m feumtadh sealltuinn ri leithid sud no leithid so de ghnothuch air nach tug am Prìomhair cunntas cothromach sam bith.
Ach air maduinn àraidh, ’
an àm éiridh,
mu’
n tàinig là mhotion,
gheibheadh e air bòrd a sheòmair poca beag,
trom,
trom,
air a lìonadh le bonnaibh de mhiotailt ro luachmhoir nach feudar ainmeachadh.
Bha e ’
faotainn ainm féin air cluais a’
phoca.
Cha robh teagamh nach h-
ann thuige féin a bha e air a chur.
Cha robh fios co uaithe no cia as a thàinig e.
Bha ’
ghlas-
ghuib air a’
Bhall ud tuilleadh gu deireadh an t-
seisein.
Na ’
n gluaiseadh e idir a theanga ’
na cheann, ’
s ann air taobh a’
Phrìomhair. ’
S ann ri so a theirteadh truailleadh aig an àm,
agus o ’
n àm ud.
Cha robh ’
Phàrlamaid Bhreatunnach riamh co truaillidh ’
s a bha i ri linn Ualpol.
6. Bha e ’na nì ionmholt’ ann an Sìr Raibeart gu’n robh e ’deanamh dìchill air Breatunn a chumail o chogadh. Bha sìth aig an tìr fhad ’s a lean esan air a bhi ’na Phrìomhair. Ach anns a
[362] bhliadhna 1740 bhris cogadh a mach eadar Breatunn ’
s an Spàinn,
gu mòr ’
an aghaidh toil Ualpol,
a bha deònach air cumhachan sìth a dheanamh ris an rìoghachd ud. ’
S ann air taobh nan Sasunnach a bha ’
choire.
Bha còir ac’,
a réir còrdaidh,
air malairt feadh pàirt de America a bhuineadh do ’
n Spàinn.
Ach bha iad a’
deanamh malairt ’
s na tìribh sin a bha ’
n aghaidh lagh na Spàinne, ’
s bha na Spàinnich a’
gabhail orra ’
bhi rannsachadh nan luingeas Shasunnach,
mu ’
m biodh a’
cheannachd mhì-
laghail ud annta.
Chuireadh a leth nan Spàinneach gu’
n d’
rinn iad eucoir anns an rannsachadh.
Thog so droch fhuil ’
s na Sasunnaich, ’
s b’
éigin do Ualpol géilleadh,
agus comhairleachadh do ’
n rìgh cogadh éigheach,
ged a thairg a’
chùirt Spàinneach suim mhòr airgid a phàigheadh gu call nan Sasunnach a dheanamh suas.
Chuireadh dà chàbhlach Shasunnach ’
an uidheam,
an dara aon diubh air son cogaidh ’
an aghaidh oirthir na Spàinn’,
agus an aon eil’
an aghaidh nan dùthchan Americanach a bhuineadh do ’
n Spàinn.
Ach ’
s e beag soirbheachaidh a bh’
aca ’
s a’
chogadh’
an dà chuid air son eas-
aonachd a bhi measg nan àrd oifigearan,
agus gu’
n do bhris cogadh eil’
a mach ris an Fhraing.
An uair a bhàsaich Tearlach VI.,
Impire na Gearmailt, ’
s a’
bhliadhna 1740,
b’
i ’
nighean,
Maria Teresa,
ban-
righ Hungari,
ban-
oighre na h-
Impireachd.
Ach sheas Babhària ’
s an Fhraing na h-
aghaidh,
agus chaidh Teàrlach,
Elector Bhabhària,
a chrùnadh ’
na Impire,
le còmhnadh na Frainge.
Agus a thuilleadh air sin chaidh an dà rioghachd sin a chogadh rithe ’
na tighearnas féin.
Thug righ Seòras air a’
Phàrlamaid Bhreatunnaich a chreidsinn gu ’
n robh esan ’
an cunnart a rìoghachd féin,
Hanobhar,
a chall leis an troimhe chéil’
a chuir sud feadh na Gearmailt, ’
s fhuair e misneachd o’
n Phàrlamaid a dhol a chogadh air taobh Mharia Teresa,
ged nach robh buntanas sam bith aig Breatunn ris a’
chòmhstri,
ach a mhàin farmad ris an Fhraing.
Roghnuicheadh Pàrlamaid ùr goirid an déigh sin,
agus bha àireamh co mòr innt’ ’
an aghaidh,
modh riaghlaidh Ualpol, ’
s gu’
m b’
éigin da ’
dhreuchd a chur dheth
[363] ’
an toiseach 1742.
Ach lean e air a bhi measail, ’
an sùilibh an rìgh a rinn Iarl’
Ocsford dheth.
An déigh sin chuir a’
Phàrlamaid Buidheann air leth gu dhol troimh chunntasan nan deich bliadhna mu dheireadh.
Rinn a’
Bhuidheann so a mach gu’
n do ghabh Ualpol dha féin faisg air muillean gu leth de airgiod na rioghachd.
Fhuair Morair Carteret an t-
àit’
a dh’
fhàg Ualpol.
Bha ’
n duine so eòlach air gnothuichibh tir-
mòr na h-
Eòrpa;
bha e ’
misneachadh an rìgh gu leantuinn air a’
chogadh, ’
s fhuair e ’
Phàrlamaid gu aontachadh leis.
Tre chuideachadh Shasuinn,
chaidh aig Maria Teresa air na Frangaich ’
s na Gearmailtich a chumail air an ais.
An déigh do ’
n Fhrangach ceud mìle duine chall ’
s a’
chogadh dh’
iarr e sìth.
Cha tugadh a bhan-
righ sin dha gus an deanadh i tuilleadh ìsleachaidh air.
Ann an 1743 chaill am Frangach mòran sluaigh ann am blàr ’
s an robh rìgh Seòras féin agus am Prìomhair Carteret a làthair,
aig baile ris an abrar Ditengen.
Bha rìgh na Frainge gu mòr air a shàrachadh leis a’
chogadh so,
agus a’
faicinn dian dheasboireachd na Pàrlamaid Breatunnaich,
a bha gu mòr air a roinn,
bha e ’
n dùil gu’
n robh Breatunn ag abachadh air son Rìghchuairt eile.
Cuidichidh so sinn gus na nithe air an toirear iomradh ’
s an ath chaibdeil a thuigsinn.