[364]

CAIB. XLII.

BLIADHNA THEARLAICH.

DH’FHAG sinn ’n ar déigh an Cebhalier de St. George o’n bhliadhna 1719, anns an do chriochnaich an oidhirp mu dheireadh a thug an Spàinn airaiseag gu caithir Bhreatuinn le blàr Ghlinn Seile, Iarla Shì-Phort a bhi air a leònadh, agus a thrì ceud Spàinneach a bhi air an deanamhn am prìosunaich. Ach feudar amheuds ris am bheil gnothuch againne de eachdraidh a bheathon uair sin a chur sìosan tearc bhriathraibh. Anns an dearbh bhliadhnud féin, 1719, ann an toiseach an t-samhraidh, phòs ebhan-phrionnsa, Clementìna Sobiesci, nighean do Phrionnsa Seumas Sobiesci, agus ogha do Iain Sobiesci, rìgh Pholand. Dhoidhirpich cùirt Shasuinn bacadh a chur air aphòsadh. Bha sìth-chòrdadh eadar Sasunnus Austria aig an àm. Thug ImpirAustria géill do aslachadh fhir-ionaid Sheòrais aig achùirt, abhan-phrionnsa ghlacadhn uair a bha igabhail troimh a chrìochaibh air los pòsaidhs an Eadailt. Chaidh a cur an làimh maille rimàthair an uair a bha i dol troimh Innsprucs an Tirol, ’an ceann a tuath Austria, agus a glasadh a stighan tigh Mhanachs abhaile sin. Ach tre sheòltachd cuid a bha dìleas don Chebhalier fhuair i rian air teicheadh as a prìosun, agusam beagan ùinan déigh sin phòs iad ann am Bologna. Rugadh mac don Chebhalier air an mu dheireadh den bhliadhna 1720. Be Teàrlach Eideard ainm aphrionnsòig so. Rugadh an dara mac dha air an t-seathamh de mhìos meadhonach an earraich 1725. Be Eanruic Benedict ainm an fhir so. Mar bu trices anns an Eadailt a bhan Cebhalier atùineachadh. Ach bha etriall o


[365] chùìrt gu cùirt feadh na Roinn-Eòrpa, far an cluinneadh en robh cogadh coslach ri briseadh a mach eadar cùirt sam bith agus Breatunn. Ach bha de chumhachd aig cùirt rìgh Sheòrais a measg chùirtean eile na Roinn-Eòrpa, nach robh efaotainn cothrom tàmh fadan àite sam bith; gun robh e air fhuadachadh o thìr gu tìr, ni bu choslaiche ri fògarrach, dam béigin tir a dhùchais fhàgail, na ri neach sam bith eile. Bha atharrais de chùirt aig aChebhalierga leantuinn do na h-uile dùthaich dan rachadh e. Mar so chaith e na cuig bliadhna fichead debheathair na leum sinn thairis.

Ach anns abhliadhna 1744, air do rìgh na Fràinga bhicogadh ri Breatunn, agus gu mòr air fheargachadh leis na bha ecall dechuids dedhaoine ris achogadh sin, dhaontaich e còmhnadh sluaighus armachd a thoirt don Chebhalier gu briseadh a steach air ceann a deas Bhreatuinn. Ged nach bolc leis an Fhrangach an Cebhalier a shoirbheachadh, cha be sin gu h-àraidh a bhaiges an amharc, leis achòmhnadh so thoirt seachad, ach gun tugadh e air rìgh Seòras, ’n uair a gheibheadh ethigh adol ri theine muchluasaibh, a chuid saighdearan a ghrad ghairm air an ais o thir-mòr na h-Eòrpa. Chuireadh càbhlachan uidheam co folchuidhs a ghabhadh deanamh. Chuirathair a nall am Prionnsòg, Teàrlach, as an Eadailt gu bhi faicinn cionnus a bha nithe adol air aghart, ’an toiseach ceud mhios an earraich; thog echairtealanan àite ris an abrar Gravlines, fo ainm Cebhalier Dùghlas. Fhuaradh an càbhlach deas gu h-ath-ghoirids chuireadh cuig mìle deug feachd maras tìrair bòrd, ’s ghabh iad thun an oirthir Bhreatunnaich. Ach bha na Sasunnaichnam fairfeanadh mar bu nòs. ’N uair a ràinig iad Tòrbagh, ’an ceann deas Shasuinn, bha càbhlach bu chumhachdaiche gu mòr gam feitheamh, fo Admaral Norris. Cha sheasadh am Frangach ris an neart sin. Ach mun gann a rinn an cath ach tòiseachadh shéid na gaothan co doinionneachs gun dfhuadaicheadh air falbh na Frangaich dhethn oirthir. Béigin do gach Sasunnachus Frang


[366] ach ruith roimhn ghaoith. Fhuair na Frangaich le éigeannas, agus an déigh calla, gun oirthir féin. Agus mar gun smuainicheadh an rìgh gur h-ann a bha e féins na Spàinnichus eilecogadh an aghaidh an athair, ’n uair a bha iad acòmhnadh teaghlaich nan Stiùbhartach, rùnaich e nach bitheadh tuilleadh gnothuich, aige riu. Chuireadh am feachd air tìr, ’s na luingeas air cheann gnothuich eile.

2. Bha na Seumasaich air fàs mòran ni bu teirc’ ’an Sasunn mun àm so na bha iad ann an 1715. Bha na Pàpanaich uile, gun teagamh air a thaobh, ach rinn am peanas uamhasach a rinneadh air na prìosunaich a ghlacadh ann am Preston, mòran meatachaidh orra. Ach bha mòran Sheumasachan Albaig an àm so; agus bha iad ni bu lionmhoire gu mòr anns an leth Ghàelach nas an leth Ghallda den rìoghachd. Cha robh iad sin asmuaineachadh gun tigeadh an Cebhalier féin do Alba gu pearsant’, ach bha iad acluinntinn gum bòganach spioradach, dealasach, a mhac bu shine, Prionnsa Teàrlach; agus mar a bha luchd gnothuich uaigneach, a bhair aiss air aghart eadar iad féinus esan, ag ìnnseadh dhoibh gun robh làn bharantas aigoathair, air son a bhina Thàinistear air an rìoghachd, bha iad acreidsinn gun robh e ullamh gu tighinn a nall uair sam bith a gheibheadh e cothrom fàbharrach. Mu dheireadh an t-samhraidh an déigh don ghnothuch Fhrangach mealladh air, chuir iad Mr Iain Muireach, triath Bhroughtoin, air theachdaireachd don Fhraing thun aPhrionns’, a thoirt rabhaidh dha gun smuaineachadh air tighinn a dhAlba, mur biodh, air achuid bu lugha, sea mìle fear feachd còmhladh ris, armachd air son dheich mìleil’, agus deich mìle fichead louis d’or.[Dlùth air deich mìle fichead Punnd Sasunnach. ] Bha iad air cluinntinn gun robh e cur roimhe tighinnna aonar. ’N uair a thug Mr Muireach seachad a theachdaireachd, ’s em freagradh a fhuair e on Phrionnsa, gun robh e sgìth afeitheamh ri cùirt sgàthaich, shlaodaich, na Frainge, ’s nach robh e


[367] dol a dhfhuireach ni bfhaide; gun robh e dol a dhfheuchainnfhortainan Alba, co dhiù a rachadh leis no nach rachadh. Chan e h-uile fears an t-sreith is urrainn aghaidh a chumail ri prionnsa; ach thug Mr Muireach rabhadh sòluimte dha gun e dheanamh mar a bha e ag ràdh.

3. Cha deachaidh am Prionnsair ais don Ròimh, far an robhathair, tuilleadh air abhliadhna sin. Chuir e seachad am foghars an geamhradham Pàris. Chuir e nall Mr Muireach toiseach na h-ath bhliadhna do Alba le barantasaibh thun na muinntir bu dìlse do theaghlachathar a baithne dha. Bha na barantasan sin sgriobhtana ainm féin mar PhrionnsUéils, agus mar Thàinistear na rìoghachdan àit’ ’athar. ’N uair a ràinig na sgriobhaidhean sin Alba dhaobharaich iad gluasad nach bu bheag ameasg nan Seumasach uile. Chum iad coinneamh mhòran Duneidin aig na chomh-dhuin iad gu h-aon-sgeulach nach éireadh iad leis aPhrionnsana leithid sud a chor. Bha Diùc Pheirtna aonar an aghaidh sud. Thuirt esan gun ceangladh se e féin ri Teàrlach ged a thigeadh ena aonar. Ach bhachoinneamh gu h-iomlanan aghaidh an Diùc, ’s chuir iad uatha Mr Muireach, a dhionnsuidh oirthir as iar na Gàeltachd gus am prionnsa choinneachadh nan tigeadh e, ’s ìnnseadh dha uatha-san nach robh duine dhiubh adol a dhéiridh leiss an t-suidheachadhs an robh e féinus iadsan aig an àm, ’s ephilleadh don Fhraing. Dhfhan Mr Muireach air taobhs iar na Gàeltachd, fad mìos meadhonach an t-samhraidh, agus o nach do nochd am prionnse féin na h-ùine sin, shaoil leis aMhuireach gur h-ann a leig e dheth tighinn idir, ’s phill e dhachaidh don taobh deas.

4. Mar a rùnaich Prionnsa Teàrlach taisdeal nan tonn dùbh-ghorm a dheanamh air abhliadhna so, bha e gu h-uaigneach ag ullachadh, mar a dhfheudadh e, air son an turuis, le bhitrusadh armachd de gach seòrsa, ’s agabhail airgidan iasad, a thuilleadh air abheagan a bhaige féin. Thug aon Bhancair a bham Pàris dha cuig mìle Punnd Sasunnachan iasad, leis an do


[368] cheannaich e rud maith armachd. Cha robh coluadar sam bith eadar e féins cùirt na Frainge mun àm so; ach bha Cardinal Tencin, air an robh cùram ghnothuichean céin-thireach na rìoghachd sin, atoirt gnùis dha, agus alabhairt ri càirdibh as a leth. Tre a sheòladh-san fhuair càirdean aPhrionnsa luing chogaidh, Ealasaid agus Doutelle, o dhithis cheannuichibh Eireannach a bham Pàris. Chaidh am Prionnsair bòrd an Dontelle, agus sheòl an luing o oirthir na Fraingair achuigeamh de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1745, le soirbheas fàbharrach. Air acheathramh dhoibh aig fairge choinnich long chogaidh Shasunnach iad, dam bainm an Leòmhan. Thòisich an long sos an Ealasaid alosgadh air achéile. Bha Teàrlach ag iarraidh air maighstir na Doutelle a dhol a chuideachadh na h-Ealasaid. Bha Ueils dam buineadh an long air bòrd, ’s cha ghabhadh e comhairle Theàrlaich gu dhol a losgadh air an t-Sasunnach. Mu dheireadh, an déigh don Fhrangachs don t-Sasunnach a chéila laimhseachadh co olcs a burrainn iad, chuir iad cùl richéilean tuiteam na h-oidhche. Bha mòran de làmhan na h-Ealasaid air am màrbhadh, an caiptinn am measg sin, agus bhacrannadhail co mòr air am milleadhs gum béigin dhi pilltinn don Fhraing le mòran de threathlaich chogaidh aPhrionnsa. Ghabh an Doutelle air a h-aghart, acumail taobhs iar eileanan Innse-Gall gus na ràinig i caolas Eirisca aig ceann Uidhist a chinn a deas, far na leag i acair air an treas fichead de mhios deireannach an t-samhraidh. Agus air dhoibh fradharc cuain a dheanamh air luing chogaidh Shasunnaich, ghreas iad air tìr don eilean sin leis na bhaca dharmachd. 5. Chuir Teàrlach agus a chompanaich an oidhche seachadan tigh an tuathanaich a bhan Eirisca. Bhan t-seachdnar dhaoinuaisle so a leanas còmhladh ris aPhrionnsa mar a luchd-coimheadachd. Marcus Thulibàrdin, mac bu shine Dhiùc Adholl, a theich á Sliabh an t-Siorraimh ann an 1715, Sìr Tòmas Sheridan, Sìr Iain Dòmhnullach, oifigeach a bhas an arm Spàinneach,
[369] OSulibhan, oifigeach a bhas an arm Fhrangach, Mr Kelly, ministeir Sasunnach, Mr Stricland, duinuasal Sasunnach, agus Aonghas Dòmhnullach, tàinistear thriath Cinn Loch-Mùideirt, a bha air bithna Bhancairam Pàris. Gus e féin a chur as aithne bha Teàrlach air an taisdeàl so acaitheadh deise sagairt; agus thuirt a chompanaich ri muinntir Erisca gur sagart Eireannach a bhann air thurus do Uidhist. Fhuair Teàrlach a mach gun robh MacIc Ailein agus a bhràthair, fear Bhaosdail, ’an Uidhist aig an àm, agus gun robh oighre MhicIc Ailein air tir-mòram Mùideart. Be fear Bhaosdail comhairleach a bhràthar, MacIc Alein, a thaobh e féin a bhi lag le aois. Chuir am Prionnsa fios air fear Bhaosdail, agus dhfheuch e ri thoirt air a bhràthair a chomhairleachadh gu Clann Dòmhnuill a thogailna aobhar féin. Ach cha deanadh fear Bhaosdail sud air aon chor. Chaidh am Prionnsas a chuid daoine air bòrd don luing an ath latha, agus sheòl iad gu tir-mòr. Lean fear Bhaosdail greis den t-slighiad, agusan àite cuideachadh a ghealltuinn don Phrionnsas ann a dhaslaich e air pilltinn don Fhraing gus am faigheadh e àm a bfhàbharaiche. Cha deanadh Teàrlach sin; ’s chaidh fear Bhaosdail da bhàta, ’s ghabh am Prionnsair aghart gu mòr-thir. Leag e acairan Loch nan Uamh, eadar Mùideartus Arasaig. Ghrad chuir e litir gu tighearn òg Chlann Raonail. Co luaths a fhuair an duinuasal sin an litir, thàinig e féins cuigear eile dhaoinuaislair bòrd. Thug Aonghas Dòmhnullach mar an ceudnair bòrd a bhràthair féin, tighearn Chinn Loch Mùideirt. Be so an ceud Cheann Cinnidh a dhaontaich éiridh le Teàrlach. Ghrad chuireadh air falbh e le litrichibh gu Diùc Pheirt, agus Muireach Bhroughtoin. ’An déigh beagan coluadair ris aPhrionnsa dhaontaich oighre Mhicic Ailein éiridh leis, agus chuireadh air theachdaireachd e don eilean Sgiathanach gu fìadhachadh a thoirt do Shìr Alastair Dòmhnullachs Mac Leoid Dhunbheagain. Ach dhiùlt na daoine mòra sin gnùis idir a thoirt don
[370] cheannairc, ’s chuir iad fios mun ghnothuch gu luchd-dreuchd an rìghan Duneidins an Lunuinn.

5. Chaidh Teàrlachs a luchd-coimhideachd air tìr air achuigeamh fichead den mhios, ann an àite ris an abrar Borghadal ann am Mùideart, a bhuineadh do Mhacic Ailein no tighearna Chlann Raonail. Ghabh Aonghas Dòmhnullach, tuathanach a bhaile sin, ris féins riluchd-leanmhuinn gu subhach. Chuireadh ceud saighdear mar gheàrd air aPhrionnsan so. Bha Camshronach Lochiall a measg acheud fheadhainn a thàinig a dhamharc Theàrlaich an déigh dol air tìr. Chaidh an ceann-feadhna so a dhfhaicinn Theàrlaich air los comhairleachadh dha pilltinn don Fhraing gus am faigheadh e àm a bfhàbharaich. Ach an déigh greis chonaltraidh ris dhaontaich esan cuideachd achuid dhaoine thogail. Thòisich àireamh maith eile de na cinn-fheadhna bu lughaleantuinneisimpleir. Rùnaich Teàrlach a nis abhratach rioghail a sgaoileadh ri crann ann an Gleann-fionain air an naoidheamh deug de cheud mhios an fhoghair. Bha e adeanamh imrichean beago àm gu h-àm leis an robh e dol ni bfhaisg air an àite sin. Chaidh e air feasgar an ochdamh deug gu tigh Ghlinn Ealadail, tùineachd uachdarain eile de na Dòmhnullaich. A sin sheòl en air-na-mhàireach le cuig fir fhicheadan trì bàtaichibh, ’s chaidh e air tìr aig taobhs ear Loch Seile, fagus don àites an robh e gus a shuaicheantas a chur suas. ’N uair a ràinig en t-àite cha robh ach tearc a làthair, a thàinig gu e féin fhaicinn. Ach goirid an déigh mheadhon thàinig còrrus seachd ceud Camshronach thun an làthraich, agus fhichead fear den arm dhearg aca ghlac iad mun Cheapaich gan iomain rompa. Dhéirich Marcus Thulibàrdin an sinna sheasamh, agus sgaoil e bratach nan Stiùbhartach ri crann, ’s chuir e mach sguilm dheas-bhriathrach ag innseadh an aobhair air son an tàinig Teàrlach Stiùbhart a nall, agus air son na thogadh abhratach so. Dhfhàiltich na Gàeil abhratach le caithream mhòr aoibhneis.


[371]

Bha i air a deanamh de shìde dearg agus ball geal aròilna meadhon, air an robh dealbh crùin rìgh agus ciste luidhe.

6. Bha rìgh Seòras ann an Hanòbhar an uair a bhan troimhe chéile so adol air aghart air taobh siar na Gàeltachd. Bha riaghladh na rioghachd fhads a bhiodh esan air falbhan urra ri àireamh luchd dreuchd ris an abradh iad Morairean Ceartais. An uair a fhuair iad sin a mach le cinnteas gun robh Teàrlach atogail nam Fineachan Gàelach gu dhol a chogadh ri cumhachd Bhreatuinn, thòisich iad air gach ullachadh a bhan an comas air son curna aghaidh. Chuir iad an céill lagh a bhair a shuidheachadh roimhe sin, gun robh deich mìle fichead Punnd Sasunnach de dhuais gu bhi aig neach sam bith a ghlacadh Teàrlach, ’s a bheireadh suas do luchd dreuchd na rioghachd e. Bha Sìr Iain Copena Ard Sheanalair air an arm Albannachs an àm sin. Cha mhò na trì mìle saighdear a bhan Albaig an àm, saor o na bhacumail freiceadainan gearasdanaibh na rioghachd. Thriall Sìr Iain Cope air cheann na feachd so á Duneidin air an dearbh air na chuir Teàrlach suas a bhratachan Gleann-fionain. Be òrdugh agus rùn Shìr Iain gabhail dìreachan coinneamh aPhrionnsa, ’s cath a thoirt dha leis an cuireadh e fodhacheannairc a dhaon tarruing. Ach béigin dan eachraidh fhàgailan Sruileadh a chionn nach biodh feum sam bith anntair feadh mhonaidhean na Gàeltachd, ’s ged a thug e leis àireamh cheudan mhusgaideanan earalas gun éireadh cuid de na Gàeil leis mar a bhitheadh edol gu tuath, béigin an cur air an ais a ris gu Sruileadh. ’S gann gun robh duinag éiridh leis. ’N uair a ràinig e Coire Ghearraig far an robh dùil aigam Prionnsa choinneachadh, chual e gun robh feachd co lionmhor air éiridh leiss nach ruigeadh e leas sùil a bhi aige ri buaidh fhaotainn. ’S e comhairla chinnich aige féin, ’s a chomh oifigich, gabhail rompa gu ruig Inbhernis far an robh sùil aigechuid feachd a mheudachadh tre chòmhnadh nan tighearnan Gàelach a bha dìleas do rìgh Seòras. Bhan duinainmeil sin, Foirbeasach Chuil-


[372] fhodair, ceann suidhe Cùirt an t-Seisein, air bith aig a thùineachd dhùthchail an sin, ’s chuir an Seanalair a chomhairle ris mu ciod bu chòir a dheanamh.

7. Goirid an déigh do Theàrlach a bhratach a sgaoileadh ri crann chual e gun robh Sìr Iain Cope amarsailna choinneamh gu Coire Ghearraig, gu sgapadh nan cearc breac a dheanamh air a chuid Ghàel. Rinn na Gàeil gach cabhag a bhan an comas gu bhi air bràighaChoire mun ruigeadh an t-arm dearg an t-àite, ’s gum biodh cothrom abhruthaich acorra. Achs ann a ghabh iad mòr ìoghnadhn uair a ràinig iad mullach na beinne, nach robh nàmhaid idir rifhaicinn, agus mu dheireadhn uair a ràinig Teàrlach agus a chual e gun do theich Sìr Iain do Inbhernis, dhòl edheoch slàinte, ’s thug e taing do Mhr Iain Cope gu h-aignidheil, aguidheadh gum bann mar sud a dheanadh na h-uile nàmhaid eilechuirteadhn an coinneamh. Bhan rathad réidh a nis roimh Theàrlach gu machair Ghall, agus ghabh e roimhe gu deas, a luchd-leanmhuinn asìor dhol ameud. Bha àireamh maith den tuath ag éiridh leò, ach bha na daoinuaisle, mar bu tric, ateicheadh air falbh. ’N uair a ràinig na Gàeil Caisteal Bhlàir, theich tàinistear Dhiùc Adholl air falbh, ’s ghabh Marcus Thulibàrdin sealbh air an fhàrdoich mar a chuid féin. Besan mac bu shinan Diùc a bhann roimhach air dha bhi ciontach de cheannairc 1715, thug rìgh Seòras an Diùcachds gach ni a bhuineadh dhi dobhràthair a bòige. Thug am Marcus, ris an abradh Teàrlachs a chàirdean Diùc Adholl, aoidheachd chridheach don Phrionnsas do gach ceann feadhnas an fheachd. Dhòl am Prionnsa deoch slàinte gach aoin de na cinn fheadhn’ ’an Gàelic ghloin, a dhiunnsaich e o thàinig e dhAlba. ’An ceann dhà , mharsail iad gu deas, agus chaidh iad a steach do bhaile Pheirt air an treas de mhios meadhonach an fhoghair. Chaidh Seumas éigheach aig crois abhailena rìgh Seumas VIII. Alba. Theich bàillidhean abhailes na daoine mòrair falbh, ach bhan sluagh cumantaleigeadh orra mòr aoibhneas a dheanamh ri teachd Theàrlaich.


[373]

Dhfhan e ochd am baile Pheirt atrusadh airgid feadh na dùthchas acur an airman òrdugh. Chaidh Teàrlach don eaglais, an t-sàbaid a bha em Peirt. Be sin an ceud àitaoraidh Pròstanachs an do sheas e riamh. Bha e o òigair a thogail suas anns achreideamh Phàpanach, agus anns na h-uile beachd ain-tighearnail eilair son an robh teaghlach nan Stiùbhartach ainmeil; féin chumhachd, àrd-ùghdarras thairis air gach cùis spioradailus aimsireil a bhuineadh don rioghachd. A réir an fhòghluim a fhuair e, cha robh e gu tiodal no ponc de na nithibh air son na chathaich gach Teàrlachus Seumas a chaidhroimhe, leigeadh as. Ach thugadh fainear gun do ghabh cuid de shluagh na dùthcha, a bha dìleas dha, oilbheum riathairs abhliadhna 1715 air son e bhi co teanns aPhàpanachds nach fuilingeadh e idir an t-aoradh Pròstanach fhaicinn no chluinntinn. Feudaidh gun deachaidh Teàrlach don eaglais Phròstanaich air son ni-eigin de thoileachadh a thoirt do mhuinntir abhailes na coimhearsnachd; air son mòran deluchd leanmhuinn, bu choma leò ged nach seasadh en eaglais sam bith rilatha.

8. Air an aonamh deug den mhìos thriall Teàrlach gu deas air los Duneidin a ghlacadh. Bha gluasad mòrs abhaile sin on uair a chual iad gun tàinig e gu machair Ghall, ’s gun robh Seanalair Cope co fadair falbh a tuath. Rinn muinntir abhaile mòran saothrach air son ballachan abhaileneartachadh, agus àireamh shaighdearan a thogailna measg féin gus am baila dhìonadh. Agus mun dfhàg Teàrlach Peirt thàinig teachdairo Iain Cope a dhiarraidh air seirbhisich an rìghan Duneidin àireamh shoithichean a bhan an luidheam Port Lìbhta chur sìos do Abaraidhean, far an robh an t-arm dearg atriall, gus na daoinaiseag gu ruig Dunbhàrr, an ear-dheas air Duneidin. Chuireadh air falbh na soithichean, ’s bha sùil riu air an ais a nis gach . Cha do chuireadh a bheag de mhoillair feachd Theàrlaich ann a thriall do Dhuneidin. Bham beagan eachraidh a bhas achoimhearsnachd atighinnna choinneamh air uairibh,


[374] ach gun a bhi tighinn idir gu ionad tharruing lann. Chuir Teàrlach litir a steach don bhailo Chorstorphin, mu dhà mhìlan iar air Duneidin, ag àithneadh do luchd riaghlaidh abhailiad a dhfhosgladh nan geatachan dha-san mar Thàinistear na rìoghachdan ainmathar, ’s agealltuinn gum buineadh e gu suairce ris gach neachus s abhaile; ach abagradh mur fosgladh, gun deanadh e àrd pheanas air na gheibheadh ean armachdna aghaidh, mar a bha e cinnteach as abhaila ghlacadh. Chuir an litir so aChomhairlen an cabhaig glé mhòr, agus bha emeudachadh an troimhe chéile, gun robh Seumasaich uaigneachn a measg, a bhacluicheadhan rathad a bha fàbhharach don Phrionnsa, ’n uair a bhiodh iad agabhail orra bhi dìleas don rìgh. Chuir aChomhairle fios thun aPhrionnsa mu dhéighinn nan cumhachan air am fosgaileadh iad. Ach aig an àm so chunncas an càbhlach atighinn gu cladach Dhunbàrr leis an arm dhearg, agus chuireadh an ath fhios gu Teàrlach ag iarraidh beagan ùine gu smuaineachadh ciod a dheanadh iad. Dhaithnich Teàrlach a nis gur h-ann acaitheadh bhead air a bha iad, ’s cha leughadh en litirthuirt e ris an teachdair’, “e bhi dol.” ’N uair a thuigeadhan campaPhrionnsa gun robhn t-arm dearg adlùthachadh, ’s misneachd, na Comhairlag éiridh, rinn iad air son am baila ghlacadh le car. Chuireadh naoi ceud Camshronach timchioll gu taobh deas a bhaile, ’s chaidh iad, fo sgàil na h-oidhche, co dlùth air na ballachaibhs a dhfheud iad gun a bhi air am faicinn. Bha buidheann bheag eile glé dhlùth air agheata. Chuireadh fear dhiubh sinan riochd seirbhisich oifigich Shasunnaich a dhiarraidh rud-eigin a dhfhàg a mhaighstir aig a thigh féins abhaile. Ach bha Beurla Chamshronaich ro Ghàelach; thuig am freiceadain gum bu mhealltair e, ’s chaidh òrduchadh air falbh. Achan ùine ghoirid thàinig an t-inneal-siubhail a bha leis an teachdair a muigh aig achamp air ais, ’s bha e gu dhol tren gheata sin. Chunnaic an luchd feall-fholuch an carbad so adlùthachadh, ’s bha iad féin aig agheata mun drinn an t-inneal-siubhail ach a bhi troimhe, ’s bhrùchd iad a steach mun deachaidh aig an fhreiceadain
[375] air an geata chrannadh. Mar a bhachuid eile de na Camshronaich fagus a làimh, cha robh acach ruith a steach air agheat’ ’us sealbh a ghabhail air abhail’ ’an ainm aPhrionnsa. An air-na-mhàireach rinn am Prionnsa turus timchioll air abhaile, le tròmlach an airm, acumail nan cnoc eadar es gunnaidhean aChaisteil. Ghabh iad a steachs an lag a theadar Caithir Airtus Creaganaibh Shalus-borgh. ’N uair a ràinig Teàrlach an leargan fo Fhuaran Naoimh Antoni, ’s ann a fhuair en ceud shealladh air lùchairt a shinnsir. Theirinn e bhàrr an eich agus stad e greis ag amharc maise na h-aitreibh. Chaidh en sinna dhiollaids mharcaich e thun na lùchairt, —geard dùbailte ga chuairteachadh. Bha mòran de mhuinntir Dhuneidin adòmhlachadh an ràthaid air gach taobh gu sealladh fhaicinn dheth, agus mòran diubh ga fhàilteachadh le gàir aoihhneisus bualadh bhas. Bha na Camshronaichan déigh beàrn a dheanamh air abhalla fa chomhair na lùchairt, air an deachaidh e féins a luchd coimhideachd a steach dìreach rompa. Co luaths a shuidh Teàrlachan lùchairt a shinnsir, thugadh man airidh Seumas a bhi air éigheachna righ Albaig crois Dhuneidin. Thug na Gàeil air na maoir dam bu dreuchd sin a dheanamh, an deiseachan rìomhach a chur ùmpam feadh a bha iadan ceann an dleasdanais ud. Bha mòran sluaigh a làthair aig an àm; agus leugh maighstir-sgoile Pàpanach litir, asoilleireachadh don t-sluagh gum be Seumas rìgh dligheach Bhreatuinn, ’s gum be Teàrlach an t-oighre dligheach a thigeadh as a dhéigh.

9. Cha dfhuair Teàrlach mòran ùinaig an àm so gu suidhe sàmhachan lùchairt Holirud. Bha Sìr Iain Copean déigh a chuid daoin’ ’us armachd fhaotainn air tìran Dunbhàrr air an naoidheamh deug, ’s ghluais en aghaidh Theàrlaich. Dhfhàg Teàrlach Duneidin leis na Gàeil gus an nàmhaid a choinneachadh. Air feasgar an fhicheadamh choinnich an arm a chéilaig àite ris an abair na Gàeil, Sliabh aChlamhain, —na Gaill, Preston. Bha blàr aimhleathan bog eatorrair nach robh e furasda do na Gàeil faotainn seachad. Bha Sìr Iain Copean deigh àite féin a


[376] roghnuchadh air taobh sear abhoglaich sin. Chuir na Gàeil seachad an oidhche air a thaobh siar. Chomhairlich Còrnalair Gardenerus oifigich thùrail eiles an fheachd, do Iain Cope dolam badaibh nan Gàel air an fheasgar sin féin, adeanamh cinnteach dha mur rachadh, gun tigeadh iadsanna bhadaibh-san an uair bu lughashaoileadh e. Cha do ghabhadh an comhairle, ’s bha fios aca mar sin ciod a thachradh. Fhuair na Gàeil seachad air abhoglach feadh na h-oidhch’ ’an àite nach robh air a dhìonadh. Ann am briseadh na fàire rinn iad air son tòiseachadh air cath. Thàinig an gnothuch co cabhagach air Iain Copes nach robh ùinaigair son faotainn gu ceartan òrdugh. Bha faisg air an aon àireamh aig Sìr Iains aig aPhrionnsamu thrì mìlair gach taobh. Cha robh na Gàeil co maith air an armachadh ris an taobh eile. Bha mòran diubh aig nach robh ach spealan air an dìreachadh. Chaidh làdach urchraichean ghunnaidhean mòra losgadhan eudan nan Gàel, mar a bha iad adlùthachadh; agus gu gradan déigh sin làdach ghunnaidhean caolo cheann gu ceann den arm dhearg. Cha do loisg na Gàeil gus an robh iad mu dhusan slat don nàmhaid. Loisg gach fear an sin an urchair a bhana ghunnas thilg e uaithi, ’s thòisich iad air bualadh le claidheamhs le speal. Cha do sheas na Gaill fad sam bith ri so. Theich an eachraidh an toiseach, ’s na coisichean gu grad as an déigh. Cha do mhair amhire chath ach beagan mhionaidean. Thuit eadar ceithirus cuig ceud den arm dheargs achath, eadar na mharbhadhs na leònadh. Chaill na Gàeil mu cheud fear, eadar marbhus leònta. ’S anns an eachraidh a bha Còrnalair Gardener. Be so fear co cliùiteachs a bhana , mar dhuines mar shaighdear. Bu shaighdear cràbhach es an t-seadh is fearr. Ged nach tuiteadhs achath ach esanna aonar cha bu bheag an call e. Bha, réir coslais, beachd aige roimh làimh ciod a bha gu tachairt, ’s chaith en oidhche mar gum bin oidhche mu dheireadh. An uair a theich a chuid daoine mar chlaghairibh dhethn àraich, chuir e féin le glé thearc chàirdibh aghaidh air na ceannaircich, mar bha e gu
[377] ceart gameas, ’s lean e air am marbhadh le claidheamhus dagair gach làimh dheth, gus an do thuit e bhàrr an eich air a leònadh. Ghiùlaineadh e gu tigh amhinisteir dlùth do làimh, ’s bhàsaich e beagan uairean a thìm an déigh sin. Theich Sìr Iain còmhladh ris achuid bu mhò den eachraidh thun na crìche Sasunnaich; ged a dhoidhirpich e thoirt orra tionndadh mun cuairt ris an nàmhaid, cha ghabhadh sin deanamh idir. ’S e àireamh beag de na coisichean a fhuair air teicheadh. Ghlacadh mar phrìosunaich còrrus cuig ceud deug. ’S e àireamh ro bheag a theich dhethn àraich gun an glacadh. Ghlac Teàrlach mòran creiches achath ud. Bha moran de na Gàeil mar an ceudn’, acosnadh air an ceann féin feadh na raoin. Chleachd am Prionnsas a chuid oifigeach mòran daontachd ann an cùram den mhuinntir leònta, na Sasunnaich co maith ris na h-Albannaich. Air feasgar na Sàbaid, an ath an déigh abhlàir, phill Teàrlach gu lùchairt Holirud; bhan t-arm air dol roimhe don bhaile leis na priosunaichs leis achreich. Bha Teàrlach an déigh teachdair a chur don bhaile feasgar abhlàir ag iarraidh air na ministeiribh iad a leantuinn rin dleasdanasaibh, ’s nach cuirteadh grabadh sam bith orra. Ach bha na h-aodhairean ud uilan déigh an casan thoirt leò mach air feadh na dùthcha, ach dithis no triùir, ’s cha do phill iad fhads a dhfhan am Prionnsas abhaile.

10. Dhfhan Teàrlachan Duneidin sea seachduinean an déigh blàr sliabh aChlamhain. Bha e na h-ùine sin asaothrachadh mar burrainn e anns a bhimeudachadh àireamh a chuid saighdearan. Chaidh mòran de na Gàeil dhachaidh leis achreich a ghlac iads an àraich, agus tharruing iad ùine mhòr mun do phill iad do Dhuneidin. Thàinig àireamh de dhaoinuaisle na Galldachd thuige le buidhnibh sluaigh leis an robhfheachd adol ameud. Chuir e sùrd aig an àm cheudnair trusadh airgid. Ghrad ghreas e teachdair don Fhraing an déigh abhlàir, air an diarr ebhuaidh a dheanamh co mòrs a burrainn e. Thàinig trì soithichean an déigh a chéile thuigas an Fhraing le armachdus airgiod. Bha


[378] mòran de Sheumasaich na dùthchatighinn ga fhaicinn don lùchairt, ’s bha ecur seachad na h-ùine mar rìgh a measg iochdarana féin. Ach mar a bha Caisteal Dhuneidin fathast acumail a machna aghaidh, bhiodh e féins ceannard na daingnich sin gu tric acaigeadh air a chéile. Béigin do Theàrlach an saorsainn féin a leigeadh le muinntir achaisteils le muinntir abhaile machs a steach as achaisteal. Fadheòidh air do Theàrlach còrrus cuig mìle fear feachd fhaotainn cruinn, dhfhàg e Duneidin air an aonamh deug thar fichead de mhios deireannach an fhoghair, gu briseadh a steach air Sasunn. Ach ged a bha fheachd-san air dol gu maith ameud nan seachduinean ud, bhan t-arm Sasunnach air dolan treisead a réir sin, ’s an tomhas mòran bu mhò. Co luaths a chuala Seòras II. mar thachair air Sliabh aChlamhain ghreas e nall do Shasunn le sea mìle den fheachd a bhaige cogadham Flànrais, agus sea mìleila thug an Olaind dha, a réir còrdaidh. Bha Seanalair Uaid acur ri chéile feachd lìonmhor eilaig aChaisteal Nomhair taobhs ear Shasuinn; agus bha rìgh Seòras acruinneachadh an treas armailt timchioll air Lunuinn gus am baile mòr sin a dhionadh, ’s gu bhi air a stiùireadh leis féin. Ach ged a bha so uilan aghaidh Theàrlaich, chuir e aghaidh air baile Lunuinnan dùil gun robh na Sasunnaich co déigheil air éiridh leiss a bha na Gàeil, agus ni bu déigheile. Ghabh e taobhs iar Shasuinn gu faotainn seachad air Seanalair Uaid. Ach mun do ràinig echrioch Shasunnach thréig còrrus mìle dena Gàeil es phill iad dhachaidh. Ach air a lagachadhs mar bha e, ghlac e baile Charlìle, ’s dhfhàg e freiceadainan daingneach abhaile. Ghlac e Manchester an déigh sin. Ach cha robh bheag sam bith de shluagh na dùthchag èiridh leis.

Air acheathramh de mhìos meadhonach agheamhraidh ràinig Teàrlach Derbi, mu thuaiream sea fichead mìlo bhaile Lunuinn. Bha Seumasaich abhailag aithris gun robh cuig mìle deugam feachd Theàrlaich, ’s gun robh deich mìlair tighinn air tìran ceann a deas Shasuinn, gu iad féin a churfo a chomannd a. Ghabh muinntir Lunuinn a leithid a dheagal, ’s chaidh gach


[379] bancairus duine mòr eilena leithid de bhreislichs gun tugadh Di-haoine Dubh air an sin. Ach seachad air Derbi cha rachadh na Gàeil air aon chor. Leugh iad an t-eagaln uair a dhfhairich siad iad féinan tìr aineoil, air an cuairteachadh le trì feachdaibh, a bha gach aon diubh uair ni bu mhò na feachd Theàrlaich Bha Diùc Chumberland, dara mac rìgh Sheòrais, a bhair bith air tìr-mòr na h-Eòrpair cheann an airm Bhreatunnaich, a nis air tighinn dachaidh, agusna cheannard air an mhìle dheug ud a dhainmich sinn, a thug rìgh Seòras do Bhreatunn. Bha Diùc Chumberland glé dhlùth air an aon aois ri Teàrlach. Bhan rìgh féin air cheann armailt Lunuinn, agus Uaid adlùthachadh riu o thuath, ’s gun duinag éiridh leò. Chumadh comhairle chogaidh, ’s rùnaich na h-oifigich pilltinn do Alba, fhads a bha sin so-dheanta. Cha robh Teàrlach adol a ghabhail an comhairle; ach acheud uair o thàinig eBhreatunn, dhéignich iad e gus an comhairla ghabhail, no bhi air fhàgailna aonar. Air an t-seathamh de mhìos meadhonach agheamhraidh ghluais an t-arm air ais gu tuath. An uair a thuig Diùc Chumberland gun do phill na Gàeil, chuir echuid thrùpairean as an déigh gu moille chur orra, no gach grabadh a dhfheudadh iad. Rug iad air na Gàeil aig àite ris an abrar Penrith, ach dhfhuadaicheadh air an ais iad le call. Cha do chuireadh tuilleadh grabaidh air na Gàeil. Air an naoidheamh deug den mhios, stad iad aig Carlìle, ’s dhfhàg Teàrlach na dhéirich leis de shaighdearanan Sasunn mar fhreiceadains achaisteal. Theireadh iad réisimeid Mhanchester riu; còmhladh riu sin dhfhàg e àireamh beag de na réisimeidean Machrach, beagan Fhrangachus Eireannach. Bha iad uile mu thimchioll trì ceud fear. ’N uair a dhfhalbh Teàrlach air an ath thug e òrdugh dhoibh mar a chleachdadh siad iad féin gus an cuireadh esan feadhainn eilá Alban an àite. Air feasgar an sin féin ràinig iad amhainn Easg, a thanns achrìch eadar Sasunnus Alba. Bha àth na h-aimhne gu mòr air atadh le fliuichead na h-aimsir. Ach chaidh an armailt uile thairis an oidhche sin féin, air eagal gum fàsadh i
[380] ni bu ro dhoimhne. ’N uair a fhuair iad gu taobh Alba den amhainn, thog iad iolach aoibhneis air son an casan fhaotainn a ris air fraoch Alba. Bha faothachadh aig na Sasunnaich a nis on uamhas a ghabh iad roimh na Gàeil. ’S gann a gheibhear saimpleir sam bithan eachdraidh co soilleir air abhoil a chuireas tnù no farmad air inntinnibh dhaoine, ’s air co ullamhs a ni sin iad gus abhreug a labhairts a chreidsinn, ris na seanachasaibh breugach a bha na paipeirean naigheachd Sasunnach asgaoileadh feadh na tìres an àm ud. O nach urrainn sinn leudachadh orra sin, aithrisidh sinn mar aon eisimpleir an comh-labhairt a bheadar Lochiall agus bean an tighes an do thog echairtealan an bha iadan Derbi. ’N uair a chaidh e steach don tigh thuit abhean air a glùinibhs le deuraibh air a gruaidh thuirt i ris e dhfhàgail a dithis leanaban beò, ach e ga marbhadh féinn an togradh e. Thuirt an Ceann-feadhna rithe an robh ina céill? Fhreagair ise gun robh na h-uile duine nameasg-san acreidsinns ag ràdh gun robh na Gàeil ag itheadh na cloinne bige. Ghabh en rian bu fhreagarraich air na smuainich e gu ni-eigin de chlos a chur oirre. Chualas in déigh sin afosgladh prisan oisinn den tighs ag ràdh ris achloinn, “Thigibh a mach, chan ith an duinuasal sibh!! !” Bha iomadh seanachas eile don t-seòrsa so air an aithris aig an àm. Achs e thann ni a tha ghnàth atachairt do dhaoinibh, ’n uair than inntinnean troimhe chéile, ’s air bhoil le gamhlas, ’s iad mar sin adeanamh barrachd croin doibh féin no don mhuinntiran aghaidh am bi iad air bhoil.

11. Thriall feachd aPhrionnsa gu tuath o amhainn Easgn an trì buidhnibh. Chaidh achend bhuidheann a steach do Ghlascho air Nollag, ’s an dara buidheann air an ath fo chomanndaPhrionnsa féin. Chuir Teàrlach cìs air Glascho gu eudachus caiseart a chur air an fheachd. An uair a fhuair e na daoinam brod uidheam thriall e gu Sruileadh air an treas den bhliadhnùir, 1746. Bhan t-arm dearg an déigh sealbh a ghabhail air Duneidin roimhe so, ’s bha na h-uiread de réisimeidean abrùchdadh


[381] a nall á Sasunn don cheann-bhaile. Ach muchoinneamh so bha feachd nach bu bheag air tional aig Peirtus Sruileadh le càirdibh Theàrlaich, o dhfhalbh eShasunn, agus gus a neart a mheudachadh leò sins ann gu tuath a thriall e. Thòisich en toiseach air séisd a chur ri Sruileadh, ’s ris an daingneach làidir a bhann; ach mun gann a rinn e ach tòiseachadh thriall Seanalair Hàlaidh á Duneidin leis an arm dhearg gu blàir a thoirt dha. Dhfhalbh Teàrlach gu misneachail gus a choinneachadh mu leth na slighe. Air an t-seachdamh deug den mhìos, sheachduinan déigh Glascho fhàgail, choinnich Seanalair Hàlaidhs am Prionnsa chéilair sliabh na h-Eaglais Brice. Fhuair na Gàeil an toiseach gu mullach achnuic, ’s bha cothrom a bhruthaich acair an arm dhearg. Agus a thuilleadh airs in bha curus cathadh uamhasach ann, aséideadh an aghaidh nan Sasunnach. Chuir làmh dheas airm aPhrionnsan teicheadh air làmh chlì Hàlaidh, a bha mun coinneamh; ach ghléidh làmh dheas an airm dheirg an làthrachs chuir iad air theicheadh làmh chlì an airm Ghàelich. Ach a labhairt na firinns ann air taobh aPhrionnsa bhabhuaidh. Theich an Seanalair Sasunnach, ’s chuir ephàilliun ritheine, ’s dhfhàg e mòran treathlaich chogaidh as a dhéigh a thuitan làmhaibh aPhrionnsa. Cha do mharbhadh de na Gàeil ach fhear dheug thar fhichead, agus leònadh mu shea fichead fear. Chaill an t-arm dearg, eadar na mharbhadhs na leònadh, mu thrì ceud fear; agus ghlacadh mòran diubh nam prìosunaich. Be Sìr Raibeart Mac an Rothaich, tighearna Fòlais, an aon duine den arm dhearg a bha na Gáeil acaoidh. Fhuair esan adhlacadh duinuasailan cladh na h-Eaglais Brice.

titleCaibideil XLII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page