[382] CAIB. XLIII.
BLAR CHUIL-FHODAIR.
An uair a chualas ’an Lunuinn mar thachair aig an Eaglais Bhric, thuit misneachd luchd-riaghlaidh na rìoghachd gu mòr. Bha iad ’an dùil ’n uair a phill na Gàeil air an ais á Sasunn nach robh iad a’ dol a dheanamh tuilleadh tapaidh; gu’n robh am faobhar air maoladh. Bha ’n ana-misneachd mòr a réir sin an uair a chual iad mar a dh’éirich do Sheanalair Hàlaidh. Rùnaich luchd comhairl’ a’ chrùin, co luath ’s a fhuair iad fo ’n anail, nach feudtadh àrd chomannd an airm Albannaich fhàgail aig Hàlaidh ni b’ fhaide, agus gur h-ann a dh’ fheumadh Diùc Chumberland a dhol a dh’ Alba, ’s an cogadh a’ leantuinn an aghaidh nan ceannairceach. Chuir an Diùc aghaidh air Alba gun dàil, ’s ràinig e Duneidin air an deicheamh là fichead de threas mìos a’ gheamhraidh. Ghrad thòisich e air cur an airm ’an uidheam air son marsail an aghaidh nan Gàel; agus air an ath là, thriall e féin air an ceann thun na h-Eaglais Brice, ’s o sin gu Sruileadh. Bha còrr ’us deich mìle fear feachd fo a chomannd’ eadar Ghearmailtich ’us eile. Bha Teàrlach air cluinntinn gu’n robh ’n Diùc a’ tighinn, ’s bha e ’rùnachadh cath a chur air mar chuir e air Seanalair Hàlaidh. Ach bha mòran de ’chuid daoin’ air dol dhachaidh an déigh blàr na h-Eaglais Bric le ’n cuid creiche ’s air son aobharan eile. Chum na cinn-fheadhna comhairle chogaidh ’s dh’ éignich iad Teàrlach gu teicheadh do ’n taobh tuath leis na bh’ aige de fheachd, ’s gu’m biodh e ni b’ ullaimh fo dheireadh an earraich air son deannal a thoirt air an arm dhearg. Bha Teàrlach co ain-deònach air a dhol a tuath ’s a bha e air Sasunn fhàgail. Ach b’ éigin geilleadh do na cinn-fheadhna. Thriall an
[383] t-arm Gàelach gu tuath air a’
cheud là de cheud mhìos an earraich ’
n an dà bhuidhinn.
Ghabh aneachraidh an rathad mòr tre Mhontròs ’
us Abaraidhean, ’
s na coisichean an rathad àrd tre Bhraigh-
Màrr.
Bha Teàrlach féin air cheann na cuideachd so.
Air an t-
seatheamh là deug de’
n mhios ràinig e Tigh na Mòidhe,
mu thuaiream sea mìle deug o Inbhernis.
Bha bain-
tighearna Mhic an Tòisich ro dhìleas do aobhar Theàrlaich ged a bha ’
fear ’
s an arm dhearg.
Bha Teàrlach air son beagan làithean a chur seachad ’
s an fhàrdoich so.
Chuala Morair Loudon a bh’
air cheann nan Gàel a bha dìleas do ’
n rìgh,
an Inbhernis,
gu’
n tàinig Teàrlach thun na Mòidhe gun còmhladh ris ach prasgan beag dhaoine.
Rinn am Morair air son Teàrlach a ghlacadh.
Dh’
fhalbh e le cuig ceud deug fear gu tighinn air gun fhios feadh na h-
oidhche.
Ach chuir ban-
charaid eigin teachdair á Inbhernis a dh’
innseadh sin do ’
n bhain-
tighearna.
Ghabh an teachdair aithghearra talmhainn, ’
s bha e aig a’
Mhòidh ’
an trà gu’
n do chuir a’
bhain-
tighearna gobha dubh na Mòidhe le seisear fear mar fhreiceadain timchioll air an tigh mu ’
n tigeadh baoghal thun a’
Phrionnsa.
Chuir an gobha na daoine ’
s an òrdugh a b’
fhearr a ghabhadh deanamh.
Cha b’
fhada bha iad a’
feall-
fholuch ’
n uair a chualas piobaireachd an airm a’
teannadh riu. ’
N uair a bha ’
m pìobaire mu uidh’
urchair gunna dhoibh loisg an gobha ’
n urchair a bha ’
na mhusgaid féin, ’
s rinn càch an ni ceudna, ’
s ghrad éirich e dheanamh sguilm dheas-
bhriathrach mar a toirt òrduigh do na Dòmhnullaich,
Clann Chatain, ’
s na Frisealaich.
Bha peileir air dol ’
s a’
phìobair a bh’
air thoiseach,
a chuir an ceòl ’
na thàmh. ’
Shaoil leis na Gàeil aig Loudon gu’
m b’
e Lochiall no fear eigin eile de na cinn-
fheadhna bh’
ann, ’
s ghrad phill iad air an ais a’
saltairt air a chéile.
Bha ’
n oidhche co dorch’ ’
s nach bu léir dhoibh cia lion a bh’
air an tòir.
Bha cuid anns an fheachd sin a chunnaic mòran cogaidh,
ach a dh’
aidich nach fac iad ruaig riamh co dòruinneach ri ruaig na Mòidhe. ’
N uair a fhuair am Prionns’
a chuid daoine ri chéile beagan làithean an déigh sud,
chaidh e steach a dh’
Inbhernis a thoirt a mach tòrachd na h-
ionnsuidh a thugadh air
[384] ’
an tigh na Mòidhe.
Ach theich am Morair a null air Port Cheasaig do Shiorrachd Rois, ’
s dh’
fhàg e Inbhernis fo mheachainn a’
Phrionnsa féin.
2. Stad Uilleam, Diùc Chumberland, beagan ùin’ ann am Peirt, ’an déigh do na Gàeil an taobh tuath thoirt orra. Bha ’n aimsir co fuar ’s nach b’ urrainn an t-arm dearg aghaidh a thoirt air beanntaibh na Gàeltachd. Ach an déigh tearc sheachduinean thriall e gu Abaraidhean, a ràinig e air an t-seachdamh là deug de cheud mhìos an earraich. Mu’n àm so bha còmhnadh sluaigh ’us airgid air tighinn as an Fhraing gu Teàrlach. Thàinig an long a ghiùlain iad gu Ceann Phàdruig. Thàinig tearc de na h-oifigich air tìr le rud de’n airgiod, ach mu’n do thàrr an còrr air tighinn gu tìr bha Diùc Uilleam rompa. Chaidh pàirt diubh a ghlacadh ’s an cur do Lunuinn, ’s phill an soitheach do’n Fhraing leis a’ chuid eile. Goirid an déigh sin chuir na Sasunnaich as an rathad soitheach eile d’am b’ ainm “Prionns’ Teàrlach,” air bòrd an robh ceud gu leth fear feachd air son a’ Phrionnsa, agus deich mìle Punnd Sasunnach. Bha long chogaidh ga ruagadh ’s a’ chuan a tuath, agus an déigh ruith le chéile tre’n chaol, eadar Arcu agus tir-mòr, ruith na seòladairean an soitheach air tìr air tràigh Mhealnais, an Tunga Mhic Aoidh, ’s chaidh iad féin ’s na saighdearan air tìr leis an airgiod. Thog iad orra do Inbhernis an là air-na-mhàireach, ach ghlacadh iad leis na Cataich ’s le daoinibh Mhorair Mhic Aoidh, ’us saighdearaibh Loudoin a bh’ air am fuadachadh a null do’n dùthaich sin. Chaill am Prionnsa mar so na daoine ’s an t-airgiod. Air an ochdamh là de mhìos deireannach an earraich dh’fhàg Diuc Uilleam Abaraidhean agus thriall e gu tuath, agus air a’ chuigeamh là deug ràinig e Inbher Narainn, far an do champaich an t-arm an oidhche sin. B’ e sin co-ainm là breith an Diùc, agus roinn e air gach saighdear ’s an fheachd cuibhrionn arain ’us chàis ’us bhranndaidh, ’s thòisich iad air fleadhachas. Bha càbhlach a’ leantuinn an Diùc ris an oirthir le biadh ’us deoch mar a dh’fheumadh an t-arm a chur air tìr.
[385] 3. Bha tròmlach feachd a’ Phrionnsa ’na luidh’ ’an Inbhernis aig an àm so, agus gu mòr air a lagachadh le cuid diubh a bhi air sgaoileadh feadh na dùthcha mu’n cuairt a dh’fhaicinn an teaghlaichean, ’s a thional bìdh, ’s air cheann seirbhis a’ Phrionns’ ann an caochladh àitibh. Bha buidheann diubh air dol a Chataobh a sgapadh réisimeid Loudoin, ’s cha robh iad air pilleadh fathast. Bha Cluainidh Mac Phearsoin, le mìle de ’luchd-leanmhuinn agus an coimhearsnaich, air dol d’a dhùthaich féin air son gu’m biodh e ni b’ fhusadh dhoibh beathachadh fhaotainn ’an sin. Bha dùil gu’m pilleadh iad so uil’ ’an ùine ghoirid. Ach air a lagachadh ’s mar a bha feachd Theàrlaich rinn e air son là blàir a chumail ris an Diùc leis na bh’ aige de armailt. Agus leis an rùn sin tharruing e mach am feachd á Inbhernis air feasgar a’ cheathramh là deug, an uair a chual e gu’n robh an t-arm dearg a’ dlùthachadh. Air an ath là thriall na Gàeil gu Druim Usaidh, dà mhìl’ an ear air Caisteal Chuil-Fhodair. Ged a bha ’m feachd deònach air Teàrlach a leantuinn, gidheadh bha na h-oifigich an aghaidh dha blàr a sheasamh ris an Diùc ’s an staid ’san robh an t-arm; an dà chuid, beag ’an coimeas ris an arm dhearg, agus gann a bhiadh. Ach mar a bha ’n t-olc ’an dàn do Theàrlach ’s d’a theaghlach cha ghabhadh e comhairle nan oifigeach, aon chuid gu teicheadh rud beag gu taobh sam bith, ’s dàil a chur ’s a’ bhlàr, no gu làthrach a roghnachadh a b’ fhàbharaiche do na Gàeil,’ s a bu neo-fheagaraiche do’n arm dhearg na Monadh Chuil-Fhodair.
Fadheòidh, an uair nach gabhadh Teàrlach seòladh sam bith ach a thoil féin ’s na nithibh ud, rùnaich e, le còmhnadh nan oifigeach, ionnsuidh a thoirt air feachd an Diùc feadh na h-oidhche. Bha ’n t-àit’ an robh e air campachadh mu dheich mìl’ o Chuil-Fhodair. Bha Teàrlach agus Morair Seòras Muireach ’an dùil gu’n ruigeadh iad an t-àite sin roimh dhà uair ’s a’ mhaduinn, ’s gu ’n cuireadh iad an t-arm dearg thun na ruaige gu furasda. Dh’fhalbh iad mu ochd uairean a dh’oidhche, ach bha ’n triall co mall le olcas an rathaid a ghabh iad, ’s nach do ràinig iad gus an robh solus na
[386] maidne gu briseadh.
Cha robh maith smuaineachadh air tòiseachadh air an arm dhearg an uair sin.
Phill iad air an ais air a’
cheum cheudna,
gun dad ach an sgìos air son an turuis.
Cha ’
n e mhàin gu’
n robh easbhuidh codail ’
s mòran sgìos air an armailt air maduinn an là fhuiltich so,
bha easbhuidh bìdh orra mar an ceudna.
Chaidh cuid de’
n eachraidh do Inbhernis a dh’
iarraidh ùrachaidh bìdh dhoibh féin ’
s do’
n ainmhidhibh.
Luidh mòran diubh sìos air an achadh,
air toirt thairis le sgìos ’
us ocras;
thòisich cuid air glacadh ’
us marbhadh bheathaichean chaorach a bha ’
s a’
choimhearsnachd, ’
s ga’
n deasachadh.
Fhuair Teàrlach féin beagan bìdh ’
us deoch ’
an Caisteal Chuil-
Fhodair.
B’
e so giullachd feachd a’
Phrionns’
air toiseach an là ainmeil ud,
air an 16 de ’
n mhios.
5. Chuala Teàrlach mu ochd uairean ’s a mhaduinn gu ’n robh feachd an Diùc ri tighinn. Loisgeadh urchair gunna mhòir an sin gu rabhadh a thoirt do na saighdearaibh tional as gach àit’ an robh iad. ’An ceann ghreis chunncas an t-arm dearg a’ tighinn air aghart ’an òrdugh catha. Bhuaileadh gach druma ’s eile gus na bha ri ’m faotainn de na Gàeil a chur an òrdugh. Cha robh ann gu léir dhiubh ach cuig mìle fear. Na ’m biodh Teàrlach air faotainn an fheachd gu h-iomlan cruinn, bhiodh naoi mìle aig’ air a chuid bu lugha. Bha e furasda gu leòr dha cath a leigeadh seachad an là ud, na ’m b’e sin a thoil. Mu ’n àm an robh an t-arm dearg faisg air an àit’ a thogail mu’n coinneamh, bha feachd a’ Phrionns’ ’n an òrdugh. Chaidh iad ’n an dà chuideachd. Ghabh Morair Seòras Muireach comannda na ceud chuideachd, agus Morair Iain Drumaind comannda na cuideachd eile. B’ àbhaist do na Dòmhnullaich anns gach blàr o là Allt a’ Bhonnaich a bhi air an làimh dheis. ’S ann air an làimh chlì a chuireadh iad là Chuil-Fhodair, co dhiùbh is ann le meud na cabhaig a thachair sin, ’s nach robh ùin’ ann gu bhi toirt cuid de na fineachan, sgapta mar bha iad, gu àit’ eil’ ach far an do thachair do thròmlach a’ chinnidh a bhi aig an àm, no is ann le leth bhreth cuid de na h-oifigich a thachair e, ag iarraidh urraim na làimhe deis a thoirt do thréibh
[387] eil’
aig nach robh e roimhe sin.
Ghabh na Dòmhnullaich so gu h-
olc, ’
s bhagair iad nach deanadh iad car. ’
N uair a bha ’
n dà armailt mar so a’
tighinn gu maith dlù air a chéile,
shéid garbh fhras chlachan meallain dìreach an aghaidh nan Gàel.
Thug iad oidhirp an sin air taobh an fhuaraidh fhaotainn air na Sasunnaich.
Ach bha na Sasunnaich a’
gluasad mu ’
n coinneamh air sheòl ’
s nach bu chomasach dhoibh taobh an fhuaraidh fhaotainn.
An déigh greis chòmhstrì mar so,
thàinig an dà armailt a dh’
ionnsuidh an dearbh shuidheachaidh ’
s an robh iad roimhe.
Thòisich an cath le gunnaidhibh mòr’
air gach taobh,
mu uair an déigh mheadhon là.
Bha mòran aig an arm dhearg dhiubh sin a bharrachd air na bh’
aig Teàrlach,
agus bha ’
n cuspaireachd mòran ni b’
fhearr.
Loisg taobh a’
Phrionnsa mu cheud urchair gun dad a dheanamh air an nàmhaid ach aon duin’
a leònadh;
ach bha na gunnaidhean Sasunnach a’
deanamh sgathadh uamhasach air na Gàeil, ’
s bha iadsan a’
fàs ro mhì-
fhoighidneach nach robh iad a’
faotainn òrduigh ruith mar a b’
àbhaist an aghaidh an nàmhaid. ’
N uair a bha Morair Seòras Muireach ullamh gus an t-
òrdugh a thoirt leum Clann Mhic an Tòisich air aghart thun an nàmhaid.
Ach threòraich Morair Seòras air an aghart na réisimeidean eil’
a bh’
air an làimh dheis diubh sin, ’
s bha iad thall aig an nàmhaid le ceum cabhagach;
ach anns an dol air aghart fhuair iad làdaichean uamhasach de ghunnaidhean mòra ’
s de ghunnaidhean caola,
leis an robh an sreatha gu mòr air an tanachadh.
Chuir sin ’
an tomhas as an òrdugh iad.
Ach ghabh iad rompa ’
s bhuail iad co cumhachdach a’
cheud sreath de ’
n arm dhearg a choinnich riù ’
s gu ’
n do ruaig iad an còrr nach do mharbh iad diubh air an ais gus an dara sreath.
Ach sheas an dara sreath an àite, ’
s an déigh làdach a losgadh ’
an eudan nan Gàel sheas iad aca le ’
m béigileidibh.
Rinn iad marbhadh uamhasach air a chéile.
O nach robh na Gàeil ach tearc ’
an àireamh a nis fhuaradh làmh an uachdar orra.
Bha stad air a chur air neirt a chatha le sud fèin.
B’
e àireamh ro thearc de ’
n chuideachd ud a fhuair
[388] air an ais le ’
m beatha.
Bha na Dòmhnullaich air an làimh chlì a’
faicinn so uile gun ghluasad air an taobh féin. ’
N uair a chunnaic iad gu ’
n d’
fhuaradh làmh an uachdair air an làimh dheis gu buileach,
tharruing iad air an ais thun na dara buidhn’
a bha fagas doibh air an cùlaobh.
Chaidh Fear na Ceapaich,
an ceannard,
air aghart le prasgan beag,
ach mharbhadh e.
Ach ’
n uair a fhuair Diùc Chumberland na sreathan a bhriseadh ’
na fheachd féin air an deanamh suas le saighdearaibh eile,
thug e òrdugh do ’
n eachraidh feachd a’
Phrionns’
a’
chuairteachadh o ’
n taobh chùil. ’
N uair a thuig na Gàeil so,
thionndaidh iad air falbh gu teicheadh.
Dh’
oidhirpich Morair Elcho a thoirt air Teàrlach e ga chuir féin air ceann na bha slàn fathast de ’
n fheachd ’
us ionnsuidh a thoirt air an dara ceann de armailt an Diùc.
Ach thug Sheridan agus O Sulibhan air gun sin a dheanamh.
Bha làmh dheas ’
us chlì an airm a nis air tionndadh an cùl air an nàmhaid agus air teicheadh.
Agus rug Sulibhan air sréin an eich aig Teàrlach gus a threòrachadh air falbh dheth ’
n àraich.
6. Bha ’bhuaidh gu h-iomlan air taobh an airm dheirg. Cha do mhair a’ mhire-chath ach mu dhà fhichead mionaid. Theich feachd a’ Phrionnsa ’n an dà bhuidhinn, aon diubh gu deas, seachad air uisge Narainn, agus an aon eile gu bail’ Inbhernis. ’N uair a fhuair an eachraidh Sasunnach ’an òrdugh, an déigh troimhe chéil’ a’ bhlàir, lean iad ’n an dà bhuidhinn an déigh nan Gàel. Ràinig buidheann diubh sin am beul-àth ’an uisge Narainn ’s sheas iad roimh na Gàeil gus an cumail air an ais. Chaidh a’ bhuidheann eil’ air tòir na muinntir a ghabh rathad Inbhernis. Bha eagal aca roimh ’n mheud de ’n armailt ’s a lean dlùth ri chéile ’s an ruaig; ach ghearr iad sios mòran de ’n fheadhainn a bha dol air leth o ’n mhòr chuideachd, ’s mharbh iad cuid de shluagh na dùthcha, aig nach robh armachd idir, a thàinig le neònachas a dh’ fhaicinn a’ bhlàir. Cha d’ rinn eachraidh a’ Phrionns’ a bheag sam bith a dhion do ’n fheachd aon uair ’s gun do theich iad. A’ chuid diubh nach do mharcaich air falbh còmhladh ri Teàrlach féin, ruith iad
[389] air falbh,
gu iad féin a dhionadh. ’
N uair a ràinig na coisichean a ghabh gu deas uisge Narainn,
bha ’
n eachraidh Sasunnach air faotainn rompa, ’
s na ’
n seasamh ’
s a’
bheul-
àth gus an cumail air an ais.
Ach bha luchd nam breacan co colgail,
neo-
sgàthach,
a’
tighinn air an aghart’
s gu’
n do rinn na Sasunnaich beàrna ’
n an reang troimh na leig iad seachad iad gun ghrabadh.
Ach thug aon trùpair ionnsuidh air fear de ’
na Gàeil a chumail air ais an déigh chàich.
Thog an Gàel a chlaidheamh air a ghualainn ’
s thug e ’
n trùpair gu talamh leis an aon bhuille.
Cha d’
fhoghainn leis a bheatha thoirt air falbh,
ach chròm e os a cheann gus an t-
uaireadair òir a spionadh dheth ’
s a chur ’
na’
phòcaid féin.
Bha na trùpairean eile gabhail alla ri tapachd an t-
seòid so gun ghrabadh sam bith a chur air,
mu ’
n dùisgeadh iad fearg na cuideachd lionmhoir eil’
a bh’
air thoiseach air.
7. Cha d’ fhuaradh a mach riamh, le cinnteas, fior àireamh na chaidh a mharbhadh ’am blàr Chuil-Fhodair. A réir a’ chunntais a chuir seirbhisich an rìgh a mach cha do mharbhadh de ’n arm dhearg ach mu leth cheud fear, agus mu dhà cheud ’us trì fichead a leònadh. Agus bha cuid a’ deanamh a mach aig an àm gu’n do chaill na Gàeil mu dhà cheud deug gu leth; b’ e sin ceithreamh earann na h-àrmailt, agus gu’n robh so a filleadh a’ stigh ann na mharbhadh air an ruaig agus na mhort saighdearan an Diùc de ’n mhuinntir leònt’ ’am fuil fhuair an déigh a’ bhlair. Tha e gus an diugh, ’s bithidh anns gach linn, sgreataidh ri leughadh na dhòirteadh de fhuil nan Gàel leònta le òrdugh Dhiùc Uilleim ’an déigh, a’ bhlàir. Fad thrì là bha ’chuid saighdearan a’ tional ri chéile na gheibheadh iad de dhaoine leònta ’s a choimhearsnachd agus ga ’n casgradh na ’m ficheadaibh ’s an aon àite. ’An déigh am peileir a chur annta bha iad a’ cur nan eanchainnean asda le stoc a’ ghunna. Bha cleachdadh Dhiùc Uilleim ’s na h-uile ni eil’ a réir so ’an déigh a’ bhlàir. Thug na h-Albannaich am Feòladair air mar fhrith-ainm air son co cìocrach ’s a bha e gu fuil a dhòirteadh, ’s dh’ aidich a luchd dùthcha féin gu ’n robh an t-ainm freagarrach.
[390] Fhuair e sealbh air mòran de threathlaich chogaidh Theàrlaich; agus ghlacadh àireamh de ’chuid bhrataichean air an àraich, a chaidh a chur gu ruig Duneidin agus a losgadh leis a chrochadair aig crois a’ bhaile.
Chuireadh iomadh blàr ’an Alb’ a b’ fhuiltiche na blàr Chuil-Fhodair, eadhon leis gach brùidealachd a thaisbein an Diùc ’an déigh an là. Ach cha do chuireadh blàr riamh ann, mur robh Allt a’ Bhonnaich ’na aonar, is mò ris an robh an urra, ’s is mò a thàinig ’na lorg, na blàr Chuil-Fhodair. Bha misneachd an t-sluaigh, feadh Bhreatuinn uil’ air tuiteam gu h-anabarrach leis an tomhas de shoirbheachadh a bh’ aig Teàrlach ’s an dà bhlàr a chuir e roimhe sud, ’s na ’m biodh am fear so air dol leis, bha ’rèir coslais, an rìoghachd air dol gu mòr troimhe chéile. Ach ’n uair a chaill e là Chuil-Fhodair co buileach, bha sluagh na rìoghachd mar mhuinntir a fhuair saorsa o eallach ro thròm. Ach ’s e rinn mòr là Chuil-Fhodair gu h-àraidh, aig an àm ud agus o sin a mach gu bràth, gu’n robh dòchas teaghlaich nan Stiùbhartach gu h-iomlan ’s am feasd air a ghearradh as. Fhuair ’us ghabh Diùc Uilleam uiread de chothrom air a’ Ghàeltachd an déigh an là ud, ’s gu ’n tàinig e gu bhi ’na ni eu-comasach gu’n éireadh a leithid de cheannairc tuilleadh air taobh nan Stiùbhartach.
8. Theich Teàrlach dheth ’n àraich le àireamh maith eachraidh. Chaidh iad a null air uisge Naruinn aig àth na Fàile, mu cheithir mìl’ o Chul-Fhodair. Sheas iad an sin tacan air cnoc, a’ cur an comhairle ri ’chéile mu ciod bu chòir a dheanamh. Chomhairlich na h-oifigich do’n Phrionnsa na ghabhadh deanamh a thional ri chéile de’n fheachd, agus iad a thoirt nam beann orra, far am feudadh siad iad féin a dhìonadh o fheachd sam bith a b’ urrainn an rìgh a chur ’n an aghaidh, gus an nàisgteadh an t-sìth gu h-onarach ’s gu fàbharach dhoibhsan, mur faigheadh iad còmhnadh tuilleadh o’n Fhraing no ’n Spàinn. B’ i so gun teagamh an aon chomhairl’ a bha ceart, agus a réir coslais, a bhiodh soirbheachail dhoibhsan, agus feumail do’n luchd dùthcha na’m biodh
[391] iad air a gabhail.
Ach mar a bha Teàrlach misneachail thar tomhais air maduinn an là uamhasaich so,
bha e thar tomhais ana-
misneachail air an fheasgar.
Cha robh e ’
faicinn teàrnadh ann dha féin,
ach le teicheadh gu taobh ’
s iar na Gàeltachd,
agus á sin do ’
n Fhraing,
far am faigheadh e tuilleadh sluaigh a bheireadh deannal eil’
air an arm dhearg.
Chuir e uaith an eachraidh ’
s a chàirdean uil’
ach seisear no mòr-
sheisear; ’
s leò sin chuir e ’
aghaidh air taobh ’
s iar Alba.
Bha ’
chuid a bha cruinn de ’
n fheachd gu fuireach ann am Bàideanach gus an cluinneadh iad uaith ’
an déigh sin.
An uair a chuir Teàrlach a chùl ri ’
luchd leanmhuinn air an dòigh so,
cha robh còmhladh ris de na Gàeil ach aon duine d’
am b’
ainm Imhear Burc,
a bha greiseag ’
na Phortair sràid ’
an Duneidin,
agus aig an robh beagan Beurla.
Bha e so gu bhi ’
na fhear-
iùil do ’
n Phrionns’
air feadh nan garbh chrioch.
Threòraich Burc am Prionnsa gu Gortulaig,
far an robh Morair Lòbhat,
no Mac Shimidh,
mar a theireadh iad ris,
a’
tàmhachd aig an àm.
Cha do choinnich am Prionns’
agus Mac Shimidh riamh gu so,
ach chuir e iomadh teachdaireachd a dh’
ionnsuidh Theàrlaich o thàinig e dh’
Alba.
Cha robh ceann feadhn’
eil’
ann co lùbach ri Mac Shimidh.
Bha e nis ’
na fhìor sheann duine;
agus bu bhodach eadar dhà cheathairn e da rìreadh.
Bhiodh e leis an rìgh, ’
s bhiodh e leis a’
Phrionnsa.
Thug e air a mhac éiridh ’
an aobhar Theàrlaich.
Cha robh a’
cheud choinneamh so glé thaitneach;
ach co dhiù fhuair Teàrlach ’
s a chomh luchd turuis biadh ’
us deoch ’
am fàrdoich Mhic Shimidh,
agus an déigh sin ghabh iad an turus gu Inbher-
Garaidh.
Cha robh aon chuid biadh no àirneis ’
s an teach a bha ’
n so,
agus choidil iad air an làr ’
n am breacanaibh,
mar a bha iad sgìth ’
an déigh dà fhichead mìle choiseachd. ’
An déigh iasg geal a ghlac iad ’
s an amhainn a dheasachadh,
thog iad orra mu mheadhon an ath là gu Gleann Peighinn,
ri taobh Loch Arcaig,
far an do chuir iad seachad an oidhche ’
an tigh Dhòmhuill Chamshroin.
Chuir Teàrlach litir á so do Bhàideanach thun nan ceann feadhn’,
iad a
[392] sgaoileadh o chéile, ’
s deanamh air an son féin mar a b’
fhearr a dh’
fheudadh iad.
B’
éigin do na fògarraich bhochd an cuid each fhàgail ’
an Gleann Peighinn,
agus triall d’
an cois gu Meàth Poll,
agus o sin gu Gleann Biasdail,
faisg air an àit’
an tàinig Teàrlach air tìr an toiseach.
Dh’
innseadh dha a nis gu ’
n robh luingeas Shasunnach ’
s a’
choimhearsnachd air son a ghlacadh.
Ach thairg tighearn òg Chlann Raonail agus càirdean eil’
àite foluich a thogail dha anns nach bu chomasach do nàmhaid sam bith a lorgachadh.
Ach cha ’
n fhanadh e idir air tir-
mòr,
rùnaich e dhol a mach air feadh eileanan Innse Gall,
gus e féin a chleth ’
na measg sin.
Fhuaradh lorg air fear Dòmhull Mac Leòid a mhuinntir an eilein Sgiathanaich a bha air bith am Barraidh ag iarraidh suim airgid a thàinig air tìr thun a’
Phrionns’,
air son a bhi nis ’
na fhear-
iùil dha feadh nan ceàrnan sin.
Fhuaradh ochd-
ramhach bàt’ ’
an uidheam;
chaidh Teàrlach ’
s a luchd-
leanmhuinn air bòrd, ’
s mòr-
sheisear sgiobaidh,
air an t-
seatheamh là fichead de ’
n mhìos.
An déigh gach ni fhaotainn ullamh chomhairlich Dòmhull do ’
n Phrionnsa fuireach an oidhche sin,
a thaobh coslas ro ghailbheach a bhi air an oidhche.
Ach cha ’
n fhanadh Teàrlach car aon oidhche ged a rachadh e fèin ’
s na bha còmhladh ris do ’
n doimhne.
B’
éigin falbh.
B’
e Dòmhull an stiùireadair.
Agus mar a dh’
innis e roimh làimh,
thàinig an oidhche gu bhi doinionneach da rìreadh.
Bha e ag ràdh gu’
m b’
i sud an oidhch’
a b’
eagalaich,
a bha e riamh air Chuan Sgìth,
ged a bha e gu tric air ais ’
s air aghart eadar mòr-
thir ‘
san t-
Eilean Fada.
Ach ’
n uair a shoilleirich an là fhuair siad iad féin air oirthir Uidhist.
Chaidh iad air tìr ann an Rois-
innis ’
s a’
Bheinn Mhaol.
Bha ceithir peicean de mhin choirc aca ’
s a’
bhàta.
Ghlac iad bò a ghrad spad iad, ’
s dheasaich iad pàirt de ’
feòil.
Mar sin rinn iad rian air a’
cheud bhiadh a ghabhail ’
san eilean so.
9. Dh’fhan Diùc Uilleam beagan sheachduinean ’an Inbhernis ’an déigh là Chuil-Fhodair. Ach mu mheadhon ceud mhìos an t-samhraidh chaidh e suas do Chille-Chuimein, gu bhi ni b’ fhaisg
[393] air dùthaich nan Seumasach.
Bha armailt a’
Phrionns’
an déigh an daingneach a bha ’
n sin a leagadh gu làr,
agus b’
éigin camp a dheanamh air son an airm dheirg.
A so thòisich an Diùc a’
cur a mach buidhnean shaighdearan feadh na dùthcha mu’
n cuairt,
a bhuineadh do na cinn fheadhn’
a dh’
éirich le Teàrlach,
a’
losgadh ’
s a chreachadh, ’
sa ghlacadh.
Bha na neo-
chiontaich,
co maith ris na ciontaich,
a’
fulang call le bhi losgadh an tighean, ’
s a toirt air falbh an cuid spréidhe.
Bha dùil aig Diùc Uilleam gu’
n glacadh aon de na buidhnean ud am Prionnsa féin,
agus mar nach robh e air son fhaicinn beò,
thug e òrdugh gun iad a dheanamh phrìosunach idir,
a bha ’
filleadh ann gur h-
ann a mharbhadh iad na h-
uil’
a bha coslach ri bhi da rìreadh ’
s a’
cheannairc.
Agus uaith so chaidh mòran a chur gu bàs gu neo-
chiontach air son iad a bhi teicheadh o na saighdearaibh.
Ach bha cuid de na h-
oifigich nach tug ùmhlachd do ’
n òrdugh so agus a thug a steach mòran phrìosunach. ’
N uair a lìonadh prìosunan an taobh tuath leò sin,
thòisicheadh ga ’
n cur a Lunuinn air soithichibh mall,
mì-
ghoireasach.
Bha mòran de ’
n t-
sluagh sin a’
bàsachadh air an taisdeal leis an droch ghiullachd a bha iad a’
faotainn, ’
s cothrom aig na seòladairibh an toil féin a dheanamh riu.
Rinneadh àireamh mòr de ’
n t-
sluagh chumanta ’
na ’
m prìosunaich,
ach cha do thuit de na cinn-
fheadhn’ ’
an làmhaibh an luchd riaghlaidh ach seachdnar, —
Iarla Chròmpa,
Iarla Chilmàrnoc,
Marcus Thulibàrdin,
a thàinig a nall còmhladh ri Teàrlach,
Morair Moréna,
agus Morair Lòbhat,
agus Mr Iain Muireach,
an Rùn-
Chléireach.
Fhuair a’
chuid eile de na cinn fheadhn’
air teicheadh gu céin thiribh fa leth na Roinn-
Eòrpa,
no air iad féin fholuch ’
s a’
Ghàeltachd gus na nàisgeadh an t-
sìth.
Bha Alb’
uile,
gu h-
àraidh a’
Ghàeltachd,
air a cuairteachadh le càbhlach gus na h-
uile fear-
fuadain a b’
urrainn iad a ghlacadh;
agus thog na cinn-
fheadhna ’
bha dìleas do ’
n rìgh an cuid daoine gus na fògarraich a choinneachadh anns gach ceàrna de ’
n tìr air an tugadh iad aghaidh.
Agus b’
iongantach a chaidh duin’
idir dhiubh as.
Air son na chaidh a thional de chreich le saighdearaibh
[394] an Diùc,
cha robh cunntas idir ga chumail air.
Bha maoin nan dùthchanna fa leth ’
s a’
Ghàeltachd,
aig an àm ud,
a’
comh-
sheasamh,
cha mhòr gu h-
iomlan,
ann an spréidh.
Agus ’
an àm an t-
samhraidh,
bha ’
n tuath,
cha mhòr gu h-
iomlan, ’
an urra ris an spréidh air son cumail suas.
Agus bha mòran diubh a’
bàsachadh leis a’
ghort ’
n uair a thugadh uatha gach creutair gluasadach a dheanadh feum do dhuine.
Bha spréidh co lìonmhor air an tional gu coimhearsnachd Chille-
Chuimein, ’
s gu ’
m biodh air uairibh dà mhìle mart air an aon dròbh; ’
s ceithir chosaich eile réir sin.
Thàinig dròbhairean á Sasunn le sporanaibh troma ’
cheannach na spréidhe so.
Bhiodh mart no each air leth-
chrun, ’
s caoraich ’
us gabhair a réir sin.
Bha ’
n Diùc a’
roinn an airgid so air na buidhnibh a bha trusadh na spréidhe.
Bu co lòm an léir sgrios a rinn iad air na ceàrnaibh ud ’
s gu bheil neach a bha ’
na shùil fhianuis air na thachair a’
sgrìobhadh gu ’
m feudadh duine leth cheud mil’
fhalbh gun duine,
gun ainmhidh,
gun tigh fhaicinn,
ach làthrach loisgte.
Ged a bha fulangais an t-
sluaigh tròm,
cha d’
éirich a dheanamh dìoghaltais air na saighdearaibh air son sud uil’,
ach seachdnar cheathairneach Ghlinn Moiristoin.
Rinn iad sin iomadh creachadh air na creachadairibh.
Bha iad air iad féin a cheangal ri chéile le mionnaibh nach dealaicheadh iad ri chéile, ’
s gu’
n seasadh iad a mach gus an tigeadh an t-
sìth.
Bhiodh iad air uairibh a’
dol roimh na saighdearan an àite cumhang ’
s a losgadh làdach no dhà na measg,
agus an sin a’
dol air ais leis an spréidh gus an àit’
o ’
n tugadh an toiseach iad.
Dh’
fhalbh an Diùc á Cille-
Chuimein air an ochdamh là deug de mhios deireannach an t-
samhraidh ’
s thàinig rud-
eigin lasachaidh an déigh sin air obair a’
chasgraidh ’
s a’
chreachaidh.
10. ’An ceann beagan làithean ’an déigh do Theàrlach ’s do ’luchd coimhideachd tighinn air tìr ’s a’ Bheinn Mhaol, rùnaich iad a dhol do Steòrnabhagh a dh’iarraidh soithich anns am faigheadh am Prionns’ a null do ’n Fhraing. Air an taisdeal sin, mu’n gann a bha iad leitheach slighe shéid a’ ghaoth gu stoirmeil, agus
[395] b’
éigin doibh dol air tìr ’
an eilean Scalpaidh,
mu choinneamh Tairbeart a ’
s ear na h-
Earadh.
Bha Dòmhull Mac Leòid eòlach air Dòmhull Caimbeul,
tuathanach an eilein, ’
s threòraich e ’
phàirtidh gu tigh an duine sin.
Chuir siad iad féin fo ainmibh eile;
b’
e O Sulibhan athair a’
Phrionnsa;
bu cheannaichean Arcach iad a chaill an long air an Du-
Irtich,
air taobh ’
s iar Ile,
agus bha iad a’
dol a Steòrnabhagh gu soitheach fharadh a bheireadh dhachaidh iad.
Thug an Caimbeulach a bhàta féin ’
an iasad do Mhac Leòid gu dhol air an turus sin, ’
s gu’
m fanadh càch far an robh iad gus an cluinneadh iad uaithe.
Air an treas là de ’
n Mhàigh thàinig fios gu’
n do shoirbhich le Dòmhull, ’
s ghluais na falbhanaich uil’
air an turus;
ach mar a b’
àbhaist shéid a’
ghaoth gu doininneach ’
an aghaidh Theàrlaich, ’
s an àit’
a dhol timchioll na Pàirc’
air a’
mhuir,
b’
éigin da gabhail a steach gu Ceann Loch Shì-
Phort,
agus coiseachd tarsuinn a’
mhonaidh gu ruige Steòrnabhagh,
a bha còrr ’
us fichead mìl’
uaithe,
feadh oidhche fhliuich,
dhuirch.
Mu mheadhon an ath là ràinig a’
phàirtidh Rudh’
Aranais air bun Loch Steòrnabhaigh, ’
s chuir iad fios gu Mac Leoid e thighinn thuca le biadh.
Ghreas an Leòdach gu sin a dheanamh, ’
s threòraich e iad gu tigh bain-
tighearna Chill-
Duinn,
a bha tùineachadh ’
an Aranais aig an àm.
Chuir am Prionnsa ’
s a chàirdean an oidhche seachad ’
an sin.
Ach air do Mhac Leòid pilltinn do Steòrnabhagh,
fhuair e mòran de mhuinntir a’
bhaile fo ’
n armachd,
air dhoibh a chluinntinn o mhinisteir Uidhist gu an robh am Prionns’
air tighinn le feachd lìonmhor a ghlacadh ’
s a chreachadh a’
bhaile.
Anns a’
chàs so cha d’
àicheadh Dòmhull nach robh am Prionns’
air tighinn,
ach ars esan ’
s beag a tha ’
dh’
iomradh aig air tigh no bail’
a ghlacadh. ’
N uair a thuig na Leòdhasaich mar bhà,
thuirt iad nach robh iad air son cron sam bith a dheanamh air a’
Phrionns’
ach e bhi falbh.
Feudar ainmeachadh an so gu’
n robh Mac Coinnich òg,
mac an fhir a leònadh ’
an Gleann Seile,
air sgur a bhi ’
na Sheumasach,
agus air a’
chuid fearainn fhaotainn air ais o ’
n chrùn.
Chuir e fios air na Leòdhasaich roimhe sud gu
[396] ruige Brathain gu dhol a chogadh. ’
N uair a thuig iad gur h-
ann an aghaidh a’
Phrionns’,
cha deigheadh iad idir ann.
Phill iad dhachaidh.
11. Cha ’n fhaigheadh Teàrlach a nis duin’ a dh’fhalbhadh leis. Bhris an sgiobair ris na chùmhnantaich Mac Leòid an còrdadh, air eagal gu’m biodh e air a ghlacadh leis an luingeas Shasunnach; ’s cha robh maith a dhol a labhairt ri duin’ eile mu’n ghnothuch. Mar sin b’ éigin do Theàrlach ’aghaidh a chur air fairge le bàta beag a’ Chaimbeulaich. Bha e ’rùnachadh cumail thun na mòr-thir; ach mu’n deachaidh iad fad air an aghart chunnaic iad dà luing a’ tighinn ’n an coinneamh, ’s ruith iad suas gu bun Loch Shì-Phort, ’s chaidh iad air tìr ’an eilean Shì-Phort, anns nach robh ach tearc de iasgairean a’ fuireach, agus a bha caoineachadh an cuid éisg air an leacaidh an uair a chunnaic iad am bàt’ a’ tighinn gu tìr. Shaoil leis na h-iasgairean gu’m bu luchd preasaidh a bh’ annt’ a chuir an dà luing ud uatha, ’s thug iad an casan leò, a’ fàgail an cuid éisg air an sgaoiltich. Chòmhnuich am Prionnsa ’s a luchd leanmhuinn ceithir làithean air an eilean aonaranach so, anns a’ bhothaig a bh’ aig na h-iasgairibh, agus seòl a’ bhàt’ air a sgaoileadh thairis orr’ air son dìon. Bha iad a’ deasachadh am feumalachd de’n iasg chaoin, agus bha bain-tighearna Chill-Duinn an déigh bò a reic riu, agus pailteas siùcair ’us branndaidh a thoirt doibh a nasgaidh, agus beagan de mhin choirce, nithe a bha ro fheumail doibh aig an àm. Air an deicheamh là de’n Mhàigh sheòl iad air aghart do Uidhist. Thaghail iad ’s an eilean Ghlas, no Scalpaidh mar theirear ris a nis, gu Dòmhull Caimbeul a phàigheadh air son a’ bhàta. Bha ceathrar dhaoine gà ’m feitheamh mar bha iad a’ dol gu tìr. Chuireadh Imhear Burc a bhruidheann ris na daoinibh so, ach ciod a bh’ air an aire. Thuig Imhear gur h-ann air son am bàta a ghlacadh a bha iad, co luath ’s a thigeadh i air tìr. Ghrad leum e steach, ’s shàth e mach o’n laimrig i mu’n do thàrr na h-eascairdean grèim a dheanamh oirre. Mar a bha iad ag iomradh ’s a seòladh
[397] suas oirthir na h-
Earadh bha na luingeas Shasunnach a dlùthachadh riu, ’
s a cur eagail orra; ’
s b’
éigin a bhi dol a steach do na geothachaibh ga ’
m foluch féin.
Tha luchd eachdraidh na codach so de thurus a’
Phrionnsa,
le aon ghuth ag innseadh nach robh boinn’
uisg’
ac’
air bòrd ’
s a’
bhàta, ’
s gur i dràmag air mhear shàl ’
us min choirc an dinneir a bh’
aca.
Ach ’
s e ’
n aon reuson is urrainnear a thoirt air son sud,
eagal am beath’
a bhi orr’,
a dhol air tìr ’
an àite sam bith eadar an Tairbeart ’
us Ròghadal,
oir ’
s gann a tha ionad ’
s an uidhe sin anns an tugadh iad sròn a’
bhàta gu tìr nach faigheadh iad pailteas uisg ’
ann.
An déigh caol theàrnadh o iomadh cunnart,
chaidh luchd a’
bhàta steach do Loch Uisgebhaidh ’
s a’
Bheinn Mhaol.
Chaidh iad gu bothan àiridh a sin a bha trì mìl’
o ’
n chladach,
far an do stad iad beagan làithean.
Chuir Teàrlach fios a sin gu seana Mhac ’
ic Ailein a bha chòmhnuidh ’
an Uidhist,
gu’
n robh e air teachd gu ’
choimhearsnachd,
agus air dhroch càradh.
Thàinig an duin’
uasal sin air ball a dh’
amharc Theàrlaich, ’
s thug e feumalachd bìdh ’
us eudaich da ionnsuidh. ’
An ceann là no dhà bha bothan grinn air ullachadh do’
n Phrionns’
ann an Gleann Crùbasdail, ’
am meadhon Uidhist a’
chinn a deas,
far an robh e gu comhfhurtail fad dhà sheachduin.
Bha e cur seachad na h-
ùin’
ag iasgach ’
s a’
sealg.
Bha Mac ’
ic Ailein ’
s a’
bhain-
tighearn gu tric a’
tighinn ga amharc;
agus thug iad dha dà fhear dheug a bha ghnàth air freiceadain mu’
n tigeadh eascaraid am fagas.
Ach air do oifigich an rìgh cinnteachd fhaotainn air gu’
n robh e ’
s an Eilean Fhada,
chuireadh uiread de shaighdearan ’
s de luchd rannsachaidh air tìr an Uidhist, ’
s bha e air a chuairteachadh leò air gach làimh co mòr ’
s nach b’
urrainn e fuireach ni b’
fhaide ’
s a’
ghleann ud.
Air a’
cheathreamh là deug de mhios meadhonach an t-
samhraidh,
chaidh e féin ’
s a luchd leanmhuinn do ’
n bhàta, ’
s fad cheithir là deug eile bha iad air an ruagadh o shliabh gu tràigh leis na nàimhdibh co dian ’
s nach robh ac’
ach caol theàrnadh gach uair de ’
n là ’
s de ’
n oidhche o thuiteam ’
n an làmhaibh.
Air a’
cheathramh là fichead b’
éigin dealachadh
[398] ri Mac Leòid ’
s ris gach caraid dealaidh eil’
ach O Neil a mhàin.
A réir coslais b’
ann air an oidhche sin féin a threòraich O Neil am Prionnsa gu bothan àiridh anns an robh Fionghall Dhòmhnullach gus a choinneachadh.
Bu nighean Fionghall do sheann fhear Baile Mhuilinn.
Bhàsaich a h-
athair ’
n uair a bha i na leanabh, ’
s phòs a màthair a rìs Uisdean Dòmhnullach,
fear Armadail ’
s an Eilean Sgiathanach.
Bha Uisdean Dòmhnullach ’
na cheannard air aon de na buidhnibh a bha nis ’
an Uidhist air tòir a’
Phrionnsa.
B’
ann còmhladh ri ’
màthair bu trice le Fionghall a bhi ’
fuireach;
ach bha i air tighinn a nall a dh’
amharc a bràthar aig an robh Baile Mhuilinn, ’
s d’
am buineadh an àiridh ’
s an robh i ’
n oidhch’
ud.
Chunnaic O Neil an rìbhinn so ann an Ormacleit, ’
an tigh Mhic ’
Ic Alein ’
s tha cuid ag ràdh gu ’
n robh comh-
chòrdadh eadar esan ’
us i gu ’
n coinnicheadh i ’
m Prionnsa ’
s an àiridh ud air a leithid sud a dh’
oidhche. ’
S ann mar sud a bha. ’
N uair a ràinig Teàrlach agus O Neil an àiridh chaidh O Neil a dh’
fhaicinn co bha stigh; ’
s thuirt e ri Fionghall gu ’
n tug e caraid ga h-
amharc.
Dh’
fheòraich ise am b’
e ’
m Prionnsa?
Thuirt O Neil gu ’
m b’
e.
Thug O Neil ’
an sin a steach am Prionnsa,
a dh’
fhàiltich Fionghall, ’
s fhuair e féin ’
s a charaid an t-
àite suidhe b’
fhearr a bha stigh. ’
An déigh comh-
pàirteachadh de mhèis bhainne ’
s ghruith,
chaidh còrdadh a dheanamh eatorra gu’
n tugadh Fionghall am Prionns’
a mach do ’
n Eilean Sgiathanach ’
an riochd mnà muinntir gu tigh a màthar.
12. ’An déigh iomadh grabadh ’us cunnart nach urrainn sinn ainmeachadh, fhuair Fionghall litir cead-siubhail o ’h-oide, air a son féin ’s air son a mnà muinntir, Beti Burc, an t-ainm a bha’m Prionnsa gu fhreagairt; agus litir eile bha Beti Burc gu ghiùlan gu bean an tighe mar theisteanas, ag innseadh gu’n robh i maith air calanas, ’s air nithibh mar sin. Chuireadh trusgan bainionn mu Theàrlach air feasgar an ochdamh là fichead de’n mhìos, agus mu chiaradh na h-oidhche sheòl iad o’n Bheinn Mhaoil. B’ éigin do ’n Phrionnsa dealachadh ri O Neil an sud. Cha leigeadh
[399] Fionghall a steach air stoc an eithir e,
o’
n a bu Ghall e,
air eagal gu’
m brathadh e iad ’
n an tigeadh baoghal air bith ’
n an caraibh.
Bha Nial Mac Eachainn,
comhalta do Mhac ’
Ic Ailein,
aig Fionghall féin mar ghille freasdail.
Mu mheadhon là na Sàbaid,
an naoidheamh là fichead de’
n mhìos,
chaidh iad air tìr ’
s a’
Chamus Mhòr ’
an Cille-
Mhuire Thròtarnais,
faisg air tigh Mhòghstard,
a bhuineadh do Shìr Alastair Dòmhnullach.
Chaidh Fionghall ’
us Nial suas gu tigh Mhoghstard,
a’
fàgail Bheti Burc air a’
mhol.
Ged a bha ceannard aon de na buidhnibh rannsachaidh a stigh roimpe,
fhuair i rian air a’
ghnothuch innseadh do ’
n bhain-
tighearna.
Bha Sìr Alastair ’
an Cille-
Chuimein còmhladh ris an Diùc.
Thachair do Mhr.
Alastair Dòmhnullach,
fear Chinnse-
Borgh,
Siamarlan Shìr Alastair,
a bhi am Mòghastard aig an àm.
Bu deadh charaid esan do’
n Phrionnsa.
Cha ’
n fhanadh an Siamarlan ri ’
dhinneir.
Thug a’
bhain-
tighearna dha dòrlach bhrioscaidean ’
us botal beag fion’
air son lòn siubhail. ’
S e rinn an Dòmhnullach còir an cladach a thoirt air ’
s biadh a thoirt do Bheti Burc;
agus an déigh sin am falbhanach sgìth a threòrachadh gu thigh féin ’
an Cinnse-
Borgh.
Dh’
fhan Fionghall ’
s Mac Eachainn ri ’
n dinneir ’
s an tigh mhòr;
an déigh sin mharcaich iad còmhladh ri dithis no thriùir eile,
mar gu’
m b’
ann dachaidh.
Ach dhealaich iad riu sud agus chaidh iad do Chinnse-
Borgh,
an oidhche sin. ’
N uair a shuidh Teàrlach gu ’
shuipeir,
bha Fionghall air a dheis,
agus bean Chinnse-
Borgh air a thoisgeul.
Choidil Teàrlach deich uairean a thìm ’
an Cinnse-
Borgh.
Ach b’
éigin falbh leis do Phort-
rìgh an ath là.
Bha solarachadh air a dheanamh air son fhaotainn do eilean Rasaidh an oidhche sin.
Dh’
fhàg e tigh Chinnse-
Borgh ’
san trusgan cheudn’
anns an tàinig e ann.
Ach cheangail fear an tighe deadh dheise Ghàelach ann an neipicin,
a thug e leis fo achlais gus an d’
ràinig iad bad coille nach robh fad as;
agus an sin mhùth am Prionns’
eudach.
Leig fear Chinnse-
Borgh slàn leis, ’
s ghabh Teàrlach ’
us Nial Mac Eachainn air an aghart do Phort-
righ,
astar cheithir mìle deug,
agus giullan òg aca ’
na fhear iùil.
[400] Ghabh Fionghall rathad bu ghiorra agus nighean bheag còmhladh rithe, ’s bha i ’m Port-rìgh greis roimh Theàrlach. Choinnich iad a chéile ’an tigh òsd’ a’ bhaile, mu thuiteam na h-oidhche. Dh’fhan Teàrlach greis mhaith ’s an tigh sin, a’ còmhradh ri fear Dòmhull Ruadh a bha ’n déigh eithir a sholarachadh anns an gabhadh e ’n t-aiseag do Rasaidh. Dhealaich e ’n so ri Nial ’s ri Fionghall, a’ toirt iomadh taing dhi air son na thachair. Mu bhriseadh an là an ceud là de mhios deireannach an t-samhraidh, chaidh e do ’n bhàt’ aisig, ’s chaidh e air tìr ’s a Ghlàm ’an Rasaidh. Chuir e suas a chairtealan ’s an eilean sin ’am bothan chaorach, ’s choidil e air leabaidh fhraoich. Cha d’ fhan e ’n sin ach dà là. Air feasgar an treas là de ’n mhios, ghabh e gu fearann an Eilein Sgiathanaich a ris, ’s an eithir a thug do Rasaidh e, agus Callum Mac Leòid ’na sgiobair, ’s na fhear treòrachaidh dha. Mu aon uair deug a dh’ oidhche chaidh iad air tìr aig Creag Mhic Neacail, fagus do Sgorabreac. Thog iad an cairtealan ’am bà-theach salach, agus gu maith tràth air an ath mhaduinn dhealaich Teàrlach ris an sgiobadh ’s ris a’ bhàta, ’s dh’ fhalbh e féin ’s Callum Mac Leòid gu Srath Mhic Ionmhuinn. Bha Teàrlach ’na ghill’ aig Mac Leòid, a’ giùlain na màlaid air a mhuin. Bha deich mìle fichead aca ri choiseachd thun an t-Srath; agus thug iad là ’us oidhch’, air a choiseachd, a’ cumail, mar a b’ urrainn iad á sealladh nam bailtean. Thug Mac Leòid am Prionnsa gu tigh peathar dha, a bha pòsd’ aig Iain Mac Ionmhuinn, a bha ’na oifigeach ’an cogadh a’ Phrionnsa gu là Chuil-Fhodair. B’e Luthais Caw an t-ainm a bh’ air gille Challuim ’ic Leòid. Ach dh’ innis Callum an gnothuch gu h-uaigneach do fhear a pheathar; a bha ro aoibhneach air son Teàrlach fhaicinn.
13. Ghabh Teàrlach biadh ’s an tigh sin, ’s rinn e slaic chodail; ach dh’fhalbhadh leis gu tìr-mòr an oidhche sin féin. Dh’ fhan Callum còir far an robh e, agus dh’ fhalbh fear a pheathar agus Mac Ionmhuinn an t-Srath féin leis a’ Phrionnsa. Air maduinn an ath là chaidh iad air tìr ’an àite ris an abrar a’ Mhalach
[401] Bheag,
air taobh deas Loch Neimhis.
Bhuineadh am fearann mu’
n cuairt do ’
n àite sin do na cinn-
fheadhn’
a dh’
éirich le Teàrlach.
Ach ’
s ann a choisinn sin do’
n dùthaich a bhi ni bu teotha do’
n Phrionnsa.
Bha gach ceàrna de ’
n dùthaich làn shaighdearan ’
us luchd rannsachaidh air son nan uaislean a bh’
air bith ’
s a’
chogadh.
Agus mar sin ’
s ann a bha ’
n gnothuch ni bu chunnartaiche do Theàrlach ’
an so na bha e ’
s na h-
eileanaibh féin.
Ré chuig là fichead cha robh aig’
ach caol theàrnadh a là ’
s a’
dh’
oidhch’
o bhi air a ghlacadh.
Phill a chàirdean a thàinig leis as an Eilean Sgiathanach dhachaidh, ’
s bha fear Ghlinn Ealadail ’
na fhear-
iùil da.
Thug fear a mhuinntir Ghlinn Garaidh sgeul doibh air seachdnar cheathairneach Ghlinn Moireastoin,
a bha e cinnteach a nochdadh gach caoimhneas a b’
urrainn iad do Theàrlach.
A réir seòlaidh an fhir so fhuair fear Ghlinn Ealadail lorg air an uamhaig ’
s an robh iad a’
taghal, ’
s dh’
fheòraich e dhiubh an gabhadh iad cùram dheth féin ’
s de thighearn òg Chlann Raonaill, ’
s iad air an sàrachadh a’
teicheadh o naimhdibh a bh’
air an tòir.
Thuirt na gaisgich gur h-
iad a ghabhadh,
iadsan ga’
n coinneachadh air a leithid so a dh’
uair aig Coire Ghoth, ’
am bruthaichibh Ghlinn Moireastoin.
Air an uair shònruichte thàinig fear Ghlinn Ealadail agus am Prionnsa,
agus ga fhàgail-
san tacan air falbh,
chaidh e féin dh’
fhaicinn cò bha stigh.
Cha robh làthair ach triùir de na ceathairnich aig an àm.
Thug iad fiadhachadh do’
n cheann feadhna tighinn a steach.
Ach an uair a chunnaic iad nach b’
e tighearna Chlann Raonaill a bh’
aca,
ghlaodh iad a mach le aoibhneas, “
Am Prionns’!
am Prionns’!
a bheatha do Choire Ghoth.”
Thàinig an ceathrar eile goirid an déigh sin, ’
s bhòidich iad uil’
air an cuid biodag gu’
m biodh iad dìleas do ’
n Phrionnsa, ’
s nach cluinneadh duine gu ’
n robh e còmhladh riu gu ceann là ’
us bliadhna.
Bha so air an naoidheamh là fichead de cheud mhìos an fhoghair.
Goirid an déigh sin ghluais e gu deas air los faotainn do’
n ionad fholuich ’
s an robh Cluainidh agus Lochiall.
Bha e air faotainn a mach gu’
n robh iad ’
an àite teàruint’ ’
am beanntaibh
[402] Bhàideanach.
Ach mar a bha ’
n dùthaich làn shaighdearan,
a bha falbh ’
n am buidhnibh beaga,
cha b’
urrainn e dheanamh ach aghartas beag gach là.
B’
ann air an deicheamh là fichead de ’
n mhìos a ràinig e bothan Mheall an Iubhair,
maille ri ceathrar luchd leanmhuinn.
Bha Cluainidh agus Lochiall air bith chòmhnuidh ’
s an asdail so,
cha mhòr o là Chuil-
fhodair; ’
s bha càirdean a’
cumail riu gach goireas ’
us comh-
fhurtachd a bha feumail doibh.
Feudar a ràdh gu’
n tàinig crìoch air allaban Theàrlaich,
anns co fad ’
s a bhuineadh sin do Alba, ’
an là fhuair e ’
n comunn Chluainidh agus Lochiall.