CAIB. XLIV.
TEICHEADH THEARLAICH DO ’N FHRAING.
Beagan làithean an déigh do Theàrlach dol do bhothan Mheall an Iubhair dh’atharraich na fògarraich an ionad foluich gu àit’ eil’ air Leitir na Lic, mu dhà mhìle ni’s faide shuas ann am Beinn altair. Thug iad an sìth-bhruth mar ainm air an ionad fholuich so; agus tha ’n fheadhainn a chunnaic e, ag ràdh gu ’m bu mhaith an t-ainm e, gu’n robh iad co teàruint’ ann o thuiteam ’an làimh an nàmhaid, ’s a b’ urrainn na sìthichean a bhi ’n am bruth féin. Ach cha robh aig Teàrlach ri fuireach fada ’s an fhàrdoich so. Mu ’n t-seathamh là de mhìos meadhonach an fhoghair thàinig dà luing chogaidh Fhrangach do Loch nan Uamh, d’ am b’ ainm L’ Herus, agus La Princessi, air los am Prionns’ aiseag do ’n Fhraing. Fhuair Teàrlach an naigheachd thaitneach sin air maduinn an treas là deug, ’s theirinn e féin ’s a
2. Theireadh Teàrlach gu tric, ann a thurusaibh sgìth air feadh eileana ’us gharbh chriochan na Gàeltachd, nach robh ’an dàn da tuiteam le teine no uisge, no bhi air a ghlacadh le naimhdibh, a’ thaobh co tric ’s a bha e ’caol theàrnadh o gach gàbhadh dhiubh sin. Gun teagamh thachair iomadh ni ris ré a chuig miosan allabain, o ’m biodh neach ullamh air tighinn gu leithid sin a chomh-dhunadh. Ach ’s e nì sonruicht’ a tha ri thoirt fainear mu thimchioll Theàrlaich, an dìlseachd a bha gach àird ’us ìosal ris an d’ earb se e féin a’ taisbeanadh dha ré na h-ùine a bha e fo ’n choill. Bha na deich mìle fichead Punnd Sasunnach ud de airgiod ceann as, agus o là Chuil-Fhodair, sin air a sheirm ’an cluasaibh gach neach, air gach dòigh a ghabhadh deanamh gus am buaireadh a dheanamh ni bu ro chumhachdaich; ach ged a bha mìle Punnd Sasunnach an là ud co luachmhor ri ’chuig no shea uiread sin an diugh, cha mhò a bha de bhuaidh aige sud air na ceudaibh do fhir ’s de mhnathan da ’m b’ aithne dol a mach ’us tighinn a steach a’ Phrionnsa, na ged a b’ iad sligean a’ chladaich a bhithteadh a’ tairgseadh dhoibh. Cha bhrathadh iad e air son an t-saoghail. ’S ann fo’n ainm Mòrag a bhiodh càirdean a’ labhairt uime. Rinneadh bàrdachd dha fo ’n ainm so, “Agus ho Mhòrag,” &c. Tha sgrìobhadairean gach rìoghachd ’us cànain ’s an Roinn-Eòrp’ a’
3. Ged a chaol theàruinn am Prionnsa féin, mar a rinn e, o thuiteam fo mheachainn a naimhdean, bu daor a phàigh mòran de ’luchd-leanmhuinn air son an dìlseachd dha. B’ iad a’ cheud’ fheadhainn a dh’ fhuiling ’na aobhar am freiceadain a dh’ fhàgadh ’an Caisteal Charlìle ’an déigh dha pilltinn á Sasunn. Ghlac Diùc Uilleam an daingneach sin an ceann là no dhà an déigh do Theàrlach dealachadh riu. Lìbhrig iad suas an daingneach air chumha gu ’m faigheadh iad as le ’m beath’ aig an àm, ’s gu’m biodh iad air am fàgail ’an làmhaibh an rìgh. Rinneadh prìosunaich dhiubh uile. Chuireadh na h-oifigich uile gu bàs, agus an còrr nach do chuireadh ’am prìosun de na saighdearaibh, chuireadh mar dhaorsannaich do America iad. Cha ’n ’eil e furasd a dheanamh a mach le cinnteas ciod an àireamh do phrìosunaich Charlìle a chuireadh gu bàs, a chionn gu’n do chuireadh dream lìonmhor de na prìosunaich a ghlacadh ’an Cul-Fhodair suas do Charlìle gu bhi air an cur fo bhinn ’an Sasunn, air eagal gu ’m biodh luchd lagh’ Alba ro bhàigheil riu. Bha còrr ’us trì ceud ’s a’ bhuidhinn ud. Agus tha gu tric binn bàis an fheadhainn ud mu dheireadh air a measgadh suas le binn an fheadhainn a bh’ ann rompa. Chuireadh mu’n cuairt de cheithir fichead gu bàs gu léir. Bha cuid diubh sin de na chuireadh an ceann, agus cuid eile dhiubh a chrochadh an toiseach, agus a ghearradh as a chéile ’n a’ mìribh a ris. B’e so peanas a’ chionta ris an abrar Ard-Fheall. Bha Morairean Chilmàrnoc, Bhalmerino, ’us Lòbhat a’ measg an fheadhainn a chaill an cinn ’san oighreachdan air son na Ceannairc. Bha Iarla Chròmbaigh air a dhìteadh gu bàs, ach fhuair e maitheanas o ’n rìgh, beagan ùine roimh ’n là a bha e gu bàsachadh. Bha
4. ’Am mìos meadhonach an t-samhraidh, 1747, rinn a’ Phàrlamaid Bhreatunnach Reachd leis an robh sìth air a nàsgadh ris gach neach a bha ’m prìosun, no ’an àitibh foluich air son gnùis sam bith a thug iad do aobhar Theàrlaich, ach mu’n cuairt do cheithir fichead duin’, a’ chuid a bu lìonmhoire daoin’ uaisl’, a bha ro dhomhain ’s a’ cheannairc agus nach feudadh maitheanas fhaotainn. Chuir an reachd so mòran fa sgaoil, ’s thug e cothrom do mhòran a bha fo’n choill an cinn a thogail. Bha fear Chinnse-Borgh, Fionghall Dhòmhnullach, ’us Callum Mac Leòid air an glacadh goirid an déigh dhoibh dealachadh ri Teàrlach. Bha iad greis ’n am prìosunaich ’an Lunuinn. Fhuair Fionghall còrr ’us cuig ceud deug Punnd Sasunnach de airgiod o Sheumasaich Lunuinn ’an déigh faotainn a mach á prìosun. Fhuair i carbad dhi féin anns an do thriall i dh’ Alba, ’s Callum Mac Leòid còmhladh rithe. Phòs i mac do fhear Chinnse-Borgh. Rinn a’ Phàrlamaid cheudn’ Achd air son na Gàeil a dhì-armadh; agus Achd eile leis an robh an deise Ghàelach air a cur as, ’s nach feudadh gnè thartan, no suaicheantas eil’ a bhi air an cleachdadh leis an robh aon chinneadh aithnicht’ o chinneadh eile. Rinn iad an treas Achd leis an robh còir riaghlaidh nan uachdaran air an t-sluagh a bh’ air an cuid fearainn air a toirt air falbh gu bràth, agus leis an robh Siorraimhean air
5. Ged bu ghann a fhuair Teàrlach as le ’bheath’ aig an àm a bha ’n sud, cha robh smuaineachadh sam bith aige féin no aig na lean e do’n Fhraing air a’ chogadh a thoirt thairis. Beagan làithean an dèigh dol air tìr dh’iarr ’us fhuair e cothrom air Luthais XV., rìgh na Frainge, fhaicinn. Ghabh an rìgh ris gu subhach, ’s rinn e òraid ghoirid, a’ moladh a’ Phrionns’ air son a mhisneachd ’s a threubhantais. Bha, réir coslais, eagal mòr air luchd ùghdarrais Bhreatuinn gu’m biodh Luthais ro chaoimhneil aig an àm so ri Teàrlach—gu’n tugadh e armailt dha gu thighinn air ais còmhladh ris na Gàeil, gus an ath dheannal a thoirt air an arm dhearg. Agus mar sin chum iad na bha dh’arm ’am Breatunn gun dol gu tir-mòr na h-Eòrpa, ged a bha ’n cogadh a’ sìor dhol air aghart ’an sin eadar iad féin ’s an Fhraing. Agus air an aobhar sin fhuair an Fhraing buaidh air Sasunn ’s a luchd cuideachaidh aig an àm ud. Ach fhuair cùirt Shasuinn a mach a’ chuid ’s a’ chuid, nach robh am Frangach glé dheònach air armailt a thoirt idir do Theàrlach; agus mar sin, chaidh an t-arm a chur a null far an robh feum mòr dha. Rinn sin ni bu ro dhoirbhe do ’n Fhrangach cuideachadh le aobhar nan Stiùbhartach. Bha rìgh na Frainge glé dheònach air a bhi co càirdeach do Theàrlach ’s a b’ urrainn e. Rinn e solarachadh saibhir air son nan uaislean a lean e null as Alba. Chuireadh suim mhòr airgid air leth air son a bhi ga roinn orra sin gach bliadhna, réir an inbhe; agus rinneadh dithis diubh ’n an ceannardaibh air réisimeid ’s an arm. Ach ’n uair a thuig Teàrlach nach robh e dol a dh’ fhaotainn a’ chòmhnaidh air an robh ’inntinn suidhichte, bu mhòr a chràdh cridhe, ’s bha ’chion foighidin a réir sin. ’Null a thug e do ’n Spàinn an sin, a dh’ fhaicinn ciod a dheanamh rìgh na tìre sin air a shon. An déigh beagan caitheamh bhead a dheanamh air ’an ceann-bhaile na Spàinne, thuig e nach b’ fhearr Spàinneach na Frangach, ’s phill e air ais do Phàris.
6. Ach fadheòidh, mu thoiseach na bliadhna 1747, thàinig e gu
’Am measg nithe eile ris an d’ aontaich rìgh na Fraing’ air sgàth sìth, b’ eigin da gealltuinn nach feudadh Teàrlach Stiùbhart fuireach ’an àite sam bith an taobh stigh de chriochan na Frainge. Chaidh so innseadh do Theàrlach. Ach cha robh e ’cur suim sam bith ann. Bha e ’seasamh air comh-chòrdadh eil’ a bh’ eadar e féin ’s Luthais mu’n deachaidh e dh’ Alba, gu ’m biodh iad a ghnàth ’an comh-bhoinn ri ’chéil’ an aghaidh rìgh Shasuinn. Cha b’ urrainn Luthais seasamh ri so, ’s fhuair Teàrlach iomadh rabhadh gus an Fhraing fhàgail. Chuireadh paipeir bàn d’ a ionnsuidh leis an rìgh gus e féin a chur sìos suim sam bith a thogradh e iarraidh, ’s gu’m pàigheadh an Fhraing sin dha ’s e dhol do àite sam bith eil’ a thogradh e. Ach cha ghabhadh Teàrlach sin. Bha e air son fantuinn ’am Pàris air gach aon chor. Chuir Luthais teachdair’ ’us litir do ’n Ròimh thun a’ Chebhalier de St George, a’ gearan air do-lùbaidheachd Theàrlaich. Chuir an Cebhalier litir air ais thun an rìgh, ’s té eile
7. Feudar a’ chuid de eachdraidh Theàrlaich a thachair an déigh sud, co fad ’s a bhuineas sin do Bhreatunn, innseadh am beagan bhriathraibh. Cha robh e ùine sam bith ’an Avignon an uair a thug e cheann fodha, ’s cha robh fios c’ àit’ an deachaidh e. Fhuaradh a mach ’na dhéigh sin gu ’n deachaidh e air ais do ’n Fhraing gu folchuidh, gun còmhladh ris ach aon duine, ’s gu’n robh e ’m Pàris toiseach an t-samhraidh. Ach chaidh e rìs air chall, ’s cha robh fios c’ àit’ an robh e fad còrr ’us bliadhna. Bha Prionns’ Eanruic, a bhràthair, air a dheanamh ’na Chàrdinal leis a’ Phàpa goirid
8. Bha ’n ceud bhriseadh a’ tighinn air seann dòighibh nam fineachan Gàelach mu’n àm so leis gach Reachd a rinneadh a thaobh an éididh ’s an armachd. Cha robh fine sam bith eile bu mhò bha deanamh a dh’ fhuaim ’an eachdraidh na Clann Ghriogair. Bha mac aig Coinneach Mac Alpainn, mu mheadhon an naoidheamh linn, d’ am b’ ainm Griogair. Bha na Griogaraich a’ cumail a mach gur h-ann o theaghlach a’ phrionnsa so a thainig iad féin. Bha mòran fearainn ac’ aon uair ’an Siorrachdaibh Earra-Ghàeil ’us Pheirt. Anns a’ bhliadhna 1296 ghlacadh Iain Mac Ghriogair Ghlinn Urchaidh ’na phrìosunach ’s a’ chogadh ’an aghaidh rìgh Shasuinn; ach fhuair e ’shaorsainn ’s a chuid fearainn air chumha gu’n rachadh e gu tir-mòr na h-Eòrp’ a chuideachadh an t-Sasunnaich ’an aghaidh an Fhrangaich. Bha Iain so air pilltinn dhachaidh mu ’n deachaidh am Brusach a chrùnadh ’s a’ bhliadhna 1306. Agus an uair a b’ éigin do’n rìgh òg sin teicheadh o ’naimhdibh gu fasgadh iarraidh ’an tìr eile, ’s a bha e air a ruagadh le Morair Lathairn, air dha bhi ’gabhail troimh a chuid fearainn, thug na Griogaraich làmh chuideachaidh do’n Mhorair ann an ruagadh an rìgh. Ach an uair a fhuair an curaidh ud e féin air a dhaingneachadh air caithir Alba, rinn e tròm dhìoghaltas air na Griogaraich air son an ain-iochd a nochd iad dha ’an àm ’airce. Thug e mòran de ’n cuid fearainn uatha, a thug e do chinn-fheadhna dhìleas eile. Cha’n ìslicheadh am fine uaibhreach so iad féin gu tiodal sgrìobhta iarraidh no ghabhail o ’n rìgh air son an cuid fearainn, a’ cumail a mach gu ’m bu leòr leòsan a’ chòir a bheireadh an claidheamh dhoibh. Bha iad ag oidhirpeachadh sealbh a ghleidheadh air an cuid fearainn an uair a bha na tighearnan do’n tug an rìgh e ag
9. Bha Clann Alpainn chruadalach a’ seasamh ris gach olc a bha tighinn ’n an caraibh. Mu dheireadh thàinig an cinn fheadhna gu bhi toirt atharrais ùmhlachd do lagh na tìre. Ach mar bu trice bhiodh an luchd leanmhuinn mar bha iad roimhe. Ma ’s fior na sgeòil bhiodh Iarl’ Earra-Ghàeil a’ deanamh mòran magaidh orra, ’s ga ’m brath. ’S a’ bhliadhna 1603 mharbh Alastair Ghlinn Stràigh, ceann-feadhna nan Griogaireach, le trì cheud de ’luchd leanmhuinn, mòran de thuath cheathairn Mhic a’ Chombaich, triath Luis, ann am blàr Ghlinn Fraoin. Chaidh còrr ’us dà cheud bantrach nan daoin’ a thuit ’s a chath, a dh’ ionnsuidh an rìgh a dh’ iarraidh tòrachd a thoirt a mach, a’ giùlan léintean fol’ an cuid fear leò mar dhearbhadh faicsinneach air gach ùrsgeul a b’ urrainn iad aithris le ’m bilibh. Thug an rìgh an sin mu ’n airidh Reachd a dheanamh as ùr, bu ro fhuiltiche na aon a rinneadh riamh ’an aghaidh nan Griogarach. ’N uair a thuig Alastair na creachan a bha gu thighinn air féin ’s air a chinneadh, rùnaich se e féin ’s prìomh dhaoine na treibh a thoirt suas do Iarl’ Earra-Ghàeil air chumha gu’n cuirteadh gu sàbhailt a mach as Alb iad. Ghabh an t-Iarla ris a’ chùnradh sin, ’s chuir e freiceadain làidir leis na seòid gu ruige Sasunn. Ach a’ smuaineachadh gu ’n robh a thaobhsan de ’n choimhcheangal air a choimhlionadh le sud, ghrad thug e air an ais iad do Dhuneidin, far an tugadh binn am bàis a mach, ’s chaidh Alastair ’us seachdnar eile dhiubh a chrochadh. ’N uair a bha Alastair fo
10. Ré iomadh bliadhn’ an déigh so, bha ’gheur-leanmhuinn ’an aghaidh nan Griogarach anabarrach teth. Bha iad a nis gun fhearann, gun cheann feadhna. Bha e ’n aghaidh lagh na rìoghachd gu’m biodh aon sam bith air a shloinneadh air an tréibh ud. Bha ’chuid mhòr dhiùbh air an sgapadh a measg nam fineachan mu ’n cuairt diubh, ’s ghabh iad sloinneadh na tréibh a measg an robh iad air fògradh. Mu ’n cuairt do cheud bliadhn’ an déigh Alastair Ghlinn Stràigh, dh’ éirich Rob Ruadh suas gu bhi’na cheann-feadhna do bhuidheann lìonmhor dhiùbh. B’ e Rob duine co ainmeil ’s a bha ’na linn. Bha e ’na dhròbhair ’s na cheathairneach. Bha e làthair ’am blàr Sliabh an t-Siorraimh ann an 1715, gu h-aideachail ’an aobhar nan Stiùbhartach. Ach cha tug e claidheamh á truaill. An déigh iomadh caol thearnadh o thuiteam fo mheachainn a naimhdean, fhuair e bàs a’ chinn aghairt ’s a’ bhliadhna 1738, ’na fhìor sheann duine. Bha e air bith ’na Phròstanach ’an làithibh ’òige, ach thionndaidh e gu creidimh an t-sagairt mu dheireadh. Ach ’s e dh’ fheudadh e ràdh “cha ’n ’eil mise tròm air creidimh sam bith.” Thàinig fear Mac Labhrain, aon de ’sheann naimhdean ga ’amharc air leabaidh a bhàis. Mu’n do leigeadh a steach do ’n t-seòmar e, thug an seann laoch ma’n airidh e féin a bhi air a thogail ’na shuidhe ’s an leabaidh, a bhreacan a chur timchioll air, a’ chuid dhagachan, a bhiodag ’s a chlaidheamh, a bhi làimh ris, ag ràdh nach faiceadh Mac Labhrain Rob Ruadh ri bheò ach fo làn armachd. Am feadh a bha ’n dithis eas-cairdean ud a comh labhairt ’s an t-suidheachadh shòluimte ’s an robh iad, cò thigeadh a steach ach an sagart, a dh’ oidhirpich air luchd na còmhstrì ud a thoirt gu bhi maitheadh d’a chéile, ag ainmeachadh an sgriobtuir “maith dhuinn ar fiachan, mar a mhaitheas sinn do ar luchd féich.” “Oh!” ars’an Griogarach, “thug thu dhomh lagh ’us soisgeul air a’ phuinc. Is cruaidh an lagh sin, ach tha fios agam gur soisgeul
11. Ged a thàinig sìth gu Breatunn le còrdadh Aix-la-Chapelle bha mòran aisìth ’an Alba le droch riaghladh na ministeirean Moderate ’an cùirtibh na h-eaglais. Ré ùin’ fhada roimh ’n bhliadhna 1752 bha lagh air a dheanamh ’s an Eaglais, a réir an robh e ceadaichte do bhuidheann mharcachd, air an òrduchadh leis an Ard-Sheanadh, ministeir sam bith a shuidheachadh ann an coimhthional, an uair a bhiodh buill na Cléire ’s an robh an coimhthional sin ain-deònach air an dleasdanas a choimhlionadh a chionn an sluagh a bhi ’na aghaidh. Ach ’s a’ bhliadhna so a dh’ ainmicheadh chinnich leis na Moderates lagh eile a thoirt a steach a réir an robh e fiachaicht’ air fo-chùirtibh na h-eaglais ùmhlachd a thoirt do ’n Ard-Sheanadh ’s na h-uile nithibh fo phéin iad a bhi air an garg chronuchadh, no air an cur as an dreuchd, na ’m faiceadh an t-Ard-Sheanadh sin iomchuidh. Bha Fear Mr. Aindrea Richardson an déigh presentation fhaotainn do sgìreachd Inbherceithing, ann an Cléir Dhunfermlin, ach cha robh an sluagh deònach air a ghabhail. Bha ’Chléir a’ diùltadh a shuidheachadh an aghaidh an t-sluaigh. Thug an t-Ard-Sheanadh breith gu’m feumadh iad a shuidheachadh. An déigh so uile dhiùlt seisear de bhuill na Cléir’ ùmhlachd a thoirt do ’n bhreith ud. Bu mhòr leis an Ard-Sheanadh am peanas bu mhò dheanamh air an t-seisear. Ach chuir iad as a dhreuchd aon fhear dhiubh, Mr. Tòmas Gillespi Chàrnaich. An uair a chuireadh a’ bhinn an céill, fhreagair an duin’ urramach gu ciùin, gu’n robh e ’deanamh aoibhneis air son gu ’n tugadh dhasan air
12. Bhris cogadh a mach a rìs eadar Breatunn ’s an Fhraing ’s a’ bhliadhna 1755. B’ e eas-còrdadh mu na crìochaibh eadar ìochdaranaibh Bhreatuinn ’s na Fraing’ ’an America, aobhar an tòiseachaidh. Cha robh bheag sam bith de shoirbheachadh aig Breatunn ’s a’ cheud dol a mach. Ach an uair a thàinig Uilleam Pit, a dh’ àrdaicheadh an déigh sin gu bhi na Iarla Chathaim, gu riaghladh ghnothuichean Bhreatuinn fhaotainn, thòisich an t-arm air ath-chosnadh na thug na Frangaich uatha de fhearann ’an America, ’s anns an Roinn-Eòrpa, ’s an Innsibh na h-Aird’ an ear aig an aon àm. Bha Canada gu h-iomlan aig Breatunn air a thoirt o’n Fhraing ’s a’ bhliadhna 1759. Aig an àm cheudna fhuair Admaral Hawk buaidh air a’ chàbhlach Fhrangach ’an Camus Chuiberoin. Cha mhòr nach do chuireadh as gu buileach do fheachd mara na Frainge leis a’ bhuaidh so. Mu’n cuairt do ’n àm cheudna spìon an t-arm Breatunnach Bengàl á làimh prionnsa na dùthcha sin, agus thug iad o na Frangaich tigh-ceirde Chandernajor, àite co saibhir ’s a tha ’s an tìr sin. Thuit mòran creiche ’s armachd ’n an làmhaibh ’s na h-àitibh ud. Lean Breatunn mar so air buadhachadh ’an aghaidh nam Frangach ’s phrionnsachan na tìre gus, am beagan bhliadhnachan, an do chuir iad suas ìmpireachd mhòr ’s an Aird’ an ear. Cha bhuin na nithe so do eachdraidh na h-Alba gu h-àraidh; ach mar a bha i aonaichte ri Sasunn, cha b’ urrainn nach robh ’n cuid féin aig mic Alba de ’n chunnart, ’s de ’n chruadal a bh’ air an toirt gu cleachdadh leis na cogaidhibh fuilteach ud. Cha robh riarachadh sam bith aig Breatunn de ’n tomhas de shoirbheachadh a bha ’coinneachadh ris an fheachd a chuir iad do ’n Ghearmailt. B’ e ’n t-aobhar àraidh air son na chuireadh feachd do ’n cheàrna sin, a chum gu’n cuidicheadh iad le rìoghachd Hanòbhair a dhìonadh o na Frangaich. Ach ’am meadhon gach mì-riarachadh a bh’ ann,
title | Caibideil XLIV |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |