[416]

CAIB. XLV.

SEORAS III.

CHA robh Seòras III. trì bliadhna fichead a dhaois an uair a thòisich erioghachadh. Phòs e goirid an déigh sin abhan-phrionnsa Charlot, de theaglach Mheclenburgs aGhearmailt. Thug e aon de àrd dhreuchdan na Stàite do Iarla Bhòid, a bha air bithna fhear-teagaisg dha. Bu Sheumasach Iarla Bhòid, agus mar sin cha bhiodh e co deònach air an cogadh aleantuinn. Ach be Uilleam Pit fathast Prìomh Mhinisteir Bhreatuinn, agus cha robh esan idir air son an cogadh a leigeadh seachad. Fhuair e mach gun robh comh-bhoinn eadar an Fhraings an Spàinn an aghaidh Bhreatuinn, agus bàill leis cogadh éigheachan aghaidh na Spàinn air ball, ach chan fhuilingeadh a chomh-mhinisteirean sin a chluinntinn. Leig Pit dheth a dhreuchd an sin, ’s dhfhàg e h-iomradhs a h-éigheach aca féin. Achan ùine ghoirid fhuair iad a mach air an cosdas gun robh Pit ceart, ’s béigin doibh féin an dearbh ni a dheanamh a mhol esan doibh. Lean Breatunn air cogadh ris an rìoghachd chumhachdaich ud, agus air buadhachadh orra cuideachd, gus anns abhliadhna 1763 am bu bhuidhe leò cumhachan sìth iarraidh. Chaidh an t-sìth a nàsgadhan ceud mhìos an earraich ann am


[417] Pàris, agus goirid an déigh sin nàisgeadh sìth ann an Hubertsburgh eadar na rìoghachdaibh Roinn-Eòrpach a bhacogadh, ’s bha, mar sin, sìth araons an Roinn-Eòrpas an America. Choisinn Breatunn mòran fearainnan America aguss na h-Innsibh asiar leis achogadh fhadalach ud. Ach mu choinneamh sin bha na fiachan air atadh gu h-anabarrach. Roimh thòiseachadh achogaidh mu dheireadh, bha fiachan Bhreatuinn mun cuairt do cheithir fichead muillean. ’N uair a sguir an cogadh bha iad air dìreadh gu dlùth air ceuds fhichead muillean. Bha sluagh Bhreatuinn, gu h-àraidh na Sasunnaich, ro dhìombach do Iarla Bhòid, am Prìomh mhinisteir, air son nach dfhuair e cumhachan ni bonaraiche do Bhreatunn, ’s gun robh a cuid armailtean co soirbheachail air muirs air tìr achogaidh. Bha na Sasunnaich ni bu ro bhuaireasaichna aghaidh a chionn gum bAlbannach e. Béigin dan dreuchd a leigeadh dheth, agus chaidh fear Mr Grenbhil, a dhàrdaicheadh an déigh sin gu bhina Mhorair, ’na àite.

2. Be aon de na ceud nithe a rinn Grenbhil, an déigh tighinn don dreuchd, tòiseachadh air cath ri luchd sgrìobhaidh nam paipeirean naigheachd air son an càinidhs an ana-cainntan aghaidh an tighearnais. Thòisich e ro gharg. Cha deachaidh leis achan cuid. Achs e ni àraidh air son a bheil a thighearnas-san ainmeil an oidhirp a thug e air na h-Americanaich a chur fo chìs, agus mar a dhéirich iadsan suas air lorg sin gus an ceangal eadar iad féins an dùthaich mhàthaireil a bhriseadh gu h-iomlan. Mar a bha fiachan na rìoghachd air tighinn gu àirde co mòr, ’s a dhfheumadh tighearnas riadh nam fiachan a phàigheadh gu bliadhnail, leag iad cìsean ni bu truimaig abhaile; ’s on bha iad air deanamh mòran cosdais ri America a dhìonadh o na Frangaichs o naimhdibh eile, bha iadan dùil gun robh e laghail dhoibh ni-eigin de chur a stigh a thogail ona Stàitibh fa leth don robh America a tuath air a roinn. Fhuaradh Reachd troimhn Phàrlamaid leis an robh na h-Americanaich gu bhi gnàthachadh Paipeirean Stamp air an robh cìs bheag. Achn uair a fhuaradh sin a mach air taobh thall a’


[418] chuain, dhéirich iadan ceannairc. Thuig aPhàrlamaid Bhreatunnach gum bu co maith an t-Achd a chur air chùl; agus rinneadh sin, agus sgrìobhadh a null do America a dhinnseadh nach robh cìs gu bhi air a leagadh orrair an dòigh ud. Ach aig an àm cheudnatagairt gun robh còir aig Breatunn air cìs a leagadh air gach ùr threabhachas a bhuineadh dhi, mar chitheadh i iomchuidh. Cha do chuir na h-Americanaich mòr shuim anns an tagairt sin, fhads nach robh e acham focal a mhàin. Bha Grenbhil a nis an déigh an dreuchd a leigeadh dheth, agus Marcus Rocingham air tighinnna àite. Goirid an déigh sin thàinig Morair North gu bhina Phrìomh Mhinisteir. Rùnaicheadh a nis cìs a chur air na h-Americanaich air sheòl co eutroms air an smuainicheadh iad. Be sin beagan a phàigheadh fo ainm cìsair son bathair a bha dol a null á long Phortaibh Breatunnach. Bha i air a trì no ceithir de nithe fa leth an toiseach; ach thugadh dheth na nithibh sin uili, ach a mhàin. Bha trì sgillinnean de chìs gu bhi air a phunnd. Agus thug aChuideachd Innseanach an seachad co saor, air son a chur a dhAmerica, ’s gun robh e ni bfhusadh a cheannachan America nam Breatunn féin, ged a bha ainmeachas cìs air. Ach dhéirich na h-Americanaichna aghaidh. Chaidh long le luchd a steach do Phort Bhostoin, ’s chruinnich àireamh mòr de mhath-shluagh abhaile; fhuair siad iad féin air an armachadh, ’s chaidh iad air bòrd na luinge, ’s thilg iad an luchd a mach air amhuir. ’An Niu Iorc, ’s am Philadelphia, cha dfhuair na luingeas cothrom dad a bhair bòrd aca chur air tìr. Agusam baile Theàrlaich, far an dfhuair iad cothrom a chur air tìr, chaidh a ghrad ghlasadh a stighan tighibh stòir, far nach bu dàna le Breatunnach meur a chur air. Bhan cogadh air a bhonn. Rinneadh cabhag air feachdan lìonmhor maras tìra chur a null air los an fheadhainn ud a bhair éiridhan ceannairc a thoirt gu strìochdadh. Achs cogadh daor a bhan sud do na Breatunnaich. Bha chuid ud de America, eadhon an uair ud, air a roinnna Stàitibh fa leth. Thionail Cochruinn lìonmhor as gach Stàite
[419] dhiubh sin do Philadelphiaam mìos meadhonach an fhoghair, 1774. Chuir iad an céillan sin a measg nithe eile, gun robh iad deònach air acheangal eadar iad féins an dùthaich mhàthaireil a bhi air a bhuanachadh, ach cothrom a bhi aca féin a mhàin gach cìs a chitheadh iad iomchuidh a chur orra féin. Ach chan éisdeadh Breatunn ri cumhachaibh uatha ni bfhaide. Agus fhuaradh a mach an déigh làimh gum be aon aobhar mòr air son iad a dhéiridhan ceannairc, gun robh mòran den cuid mharsantan adeanamh fortain le smuglaigeadh, no goid-mhalairt ri eileanaibh nan Innsean asiar a bhuineadh don Spàinn.

3. Thòisich an cogadh mu thoiseach an t-samhraidh, 1775. Bha cuid asaoilsinn nach maireadh e ni bfhaide nabhliadhna sin féin. Cha mhò na trì muilleana sluaigh a bhas na ceàrnaibh ud de America aig an àm. Bha sin beagan coimeas ri sluaghmhoireachd Bhreatuinnus Eirinn. Ach bha na h-Americanaich acogadhn an dùthaich féin air an robh iad eòlach; ’s bha iad anabarrach dealasach, agus las gun do thòisich iad, aon-sgeulachn an rùn air achuing Bhreatunnaich a thilgeadh dhiùbh, bha caran aghaidh cuir aca ga chumail ri Breatunn; agus an uair a chrìochnaich campachadh acheud shamhraidhus fhoghair, bha iad co fad o bhi air an ceannsachadhs a bha iadan àm tòiseachaidh. Bha cuid de rìoghachdan na Roinn-Eòrpa chìosnaich Breatunns achogadh roimhe sud, ro aoibhneach air son America òg abhicumail ceann ris an t-seann leòmhan Bhreatunnach, ’s chaidh mòran oifigearanus shaighdearan Frangach a null, air an ceann féin, a chuideachadh nan Americanach. Anns abhliadhna 1778, trì bliadhnan déigh don chogadh tòiseachadh, dhaidich an Fhraing a bhigabhail ri America mar rìoghachd shaoir, agus ghabh cùirt Bhreatuinn sin co olc, ’s gun déigh iad cogadhan aghaidh na Frainge mar an ceudna. Air an ath bhliadhna thòisich rìoghachd na Spàinn acogadh còmhladh ris an Fhraings ri Americaan aghaidh Bhreatuinn. Bha so adeanamh aghnothuich mòran ni bfhusadh do America, on a dhfheumadh Breatunn a cuid feachd, maras tìr’,


[420] a roinn an aghaidh nan trì nàimhdean. An uair a bhiodh na h-Americanaich acogadh air tìr bhiodh an càbhlach Frangachus Spàinneach ag obair air amhuir, mun coinneamh, agus mur deanadh iad tuilleadh, acumail achàbhlaich Bhreatunnaich o chòmhnadh a dheanamh leis an arm thìre. Leis gach còmhnadh a bhann bha America asoirbheachadhs achòmhrag co maith ri Breatunn; agus shaoil leis an Fhraings leis an Spàinn gun rachadh acair eileanan nan Innsean as iar, a bha Breatunn air a chosnadh roimhe sud, a spìonadh uaipe, ’s an roinn eatorra féin. Ach mu mheadhon an earraich, 1782, chuir Admaral Rodneidh as gu buileach do na càbhlaichibh Frangachus Spàinneach, aglacadh cuid diubh, a measg an robh long an Admarail Fhrangaich féin. Dhfhàs an rioghachd so a nis co bacachs nach burrainn iad mòran còmhnaidh a dheanamh tuilleadh ri America. Ach goirid roimhe so bhan Olaind air dols achomh-bhoinn an aghaidh Bhreatuinn; agus béigin cogadh éigheachn an aghaidh-san mar an ceudna. Lean Breatunn car tacain air ceann a chumail ris acheathrar nàimhdibh cumhachdach ud; ach bha sin atarruing tràghadh mòr air a cuid ionmhaiss air a cuid daoine, agus mar a bhan gnothuch afàs ni bu mhì-choslaiche, ’s cuid eile de rìoghachdan na Roinn-Eòrpair dols achomh-bhoinn, mheas luchd-comhairlan rìgh iomchuidh sìth a mholadh dha. Bha rìgh Seòras glé aindeònach air sìth a dheanamh. Ach an déigh dochuid mhinisteirean an dreuchd a leigeadh dhiùbh, ’s feadhainn eile dholn an àite, dhaontaich iad sìth a dheanamh ri America, ’an ceud mhìos agheamhraidh, 1782, ’an déigh leantuinn seachd bliadhnair cogadh. Bha Stàitean America a nis air an aideachadh mar rìoghachd no tighearnas air leth, gu h-iomlan saor o uachdranachd Bhreatuinn. Mìos no dhà roimhe sin thug Breatunn fuasgladh do ghearaston Ghiberalter, a sheas séisd thrì bliadhn’ ’an aghaidh na Spàinnes na Frainge. Rinneadh sìth ris na dùthchannaibh sin, mun aon àm an do nàisgeadh an t-sìth ri America. Feudar a ràdh nach iad na nithe so gu h-àraidh eachdraidh
[421] na h-Alba; ach bhacuid féin aig Alba de gach dosgainnus cruadal a bhan lorg nan cogaidhean ud. Bu Ghàel Albannach a bhadeanamh na bàrdachd mu dhéighinn na chunnaic e féinan America thall,” a thuirt,

Gur lìonmhor òganach curanta
Dheth na chuireadh an ceann;
Us gus an éighear an t-sìth
D é chan innsear an call.”

4. Eadar dhealaichton arm, bi mheur eile de eachdraidh fhollaisich na rìoghachd, staidus dol air aghart na h-eaglais. Fior eachdraidh eaglaiseach chaneil sinn idir agabhail oirnn a sgrìobhadh; ach cha chomasach do leughadair sam bith beachd cothromach a thogail air staid na rìoghachd, eadhonan seadh aimsireil, gun a bheag no mhòr a shealladh o àm gu h-àm air na nithibh ud, co-cheangailte ri staid na h-eaglais, a bha so-fhaicsinneach do na h-uile, agus aig an robh buaidh àraidh air an t-sluagh chumanta. Bann diùbh sin an gluasad cumhachdach a bha measg an t-sluaigh araonan Albas an Sasunn, ’s abhliadhna 1780, mu dhéighinn saorsainn nam Pàpanach. Bha Achd Pàrlamaid air a dhaingneachadh goirid roimhe sin leis am feudadh tomhas mòr de shaorsainn a bhi aig na Pàpanaichan Sasunn; chan e mhàin gum biodh cothrom acaoradh a dheanamhs an dòigh an togradh iad, ach gum feudadh iad a bhi air an gabhail a steach do dhreuchdaibh follaiseachs an rìoghachd mar luchd laghas an leithidibh sin. Bha iad a nis ag iarraidh an Reachd so a shìneadh gu Alba mar an ceudna. Dhéirich mòran de shluagh na h-Albana aghaidh. Chuireadh mòran iarrtasan a steach thun an Ard-Sheanaidh air son iad a chur litir thagraidh thun na Pàrlamaid an aghaidh an Achd. Bha na ministeirean soisgeulachs achùirt sin ag iarraidh gnùis a thoirt do na h-iarrtasaibh ud, agus a leithid de litir thagraidh a chur thun na Pàrlamaid. Bha na Moderatesan


[422] aghaidh sin a dheanamh; ach air an làimh eile bheireadh iad na h-uile misneachd aburrainn iad don Reachd a bhi air a shìneadh gu Alba; agus a chionn gur iadsan bu lìonmhoires an Ard-Sheanadh bann air abhonn sin a dhfhàg achùirt urramach ud an gnothuch. Ach chaidh mòran de shluagh ceann a deas Alba gu buileach troimhe chéile air son aomadh Pàpanach an Ard-Sheanaidh. Thionail iad a steach a Dhuneidin, ’s loisg iad tigh còmhnuidh an Easbuig Phàpanaich agus eaglais a bha ceangailte ris. Rinn iad a leithid cheudnair eaglais Phàpanaich a bhan àiteile den bhaile. Agus mar a be Prionnsapal Robertson ceann-feadhna nam Moderates aig an àm, rùnaich am math-shluagh an aon dìol a dheanamh air a thigh-san, ’s air tigh fir lagha dam bainm Crosbi. Ach fhuaradh buidheann den arm gu seasamh rompa, ’s casgadh a chur orraig an àm. Bhan Robastonach ni bu ghlicaig àm ath-choinneimh an Aird-Sheanaidh, ’s thug e oidhirp air a luchd leanmhuinn aomadh gu comhairle nam ministeirean soisgeulach a ghabhail. Thug sin ni-eigin de riarachadh aig an àm. Chaneil ni annasach sam bith riinnseadh mu riaghladh na h-eaglais fhads a lean Dr. Robertson air a bhi na cheann-iùil. Bhan aon chreuds an aon chleachdadh aig an taobh bu treises an eaglais gan leantuinn na h-ùine sin. Ach feudar aon saimpleir a thoirt air achumhachd a bheireadh Presentation do dhuinaig an àm ud, agus air aghreimeachadh a dheanamh cuid diùbhsan ris, air sgàth meudachaidh an stìpein. Fhuair fear Mr Mac Thòmais, ministeir Ghargunoc, Presentation gu sgìreachd St. Nìnian, ’an Cléir Shruileidh. Bha sluagh na sgìreachd, cha mhòr, gu h-iomlan, ’na aghaidh. Bha buill na Cléirag obadh a dhol ga shuidheachadhs an sgìreachd. Bha iad agabhail na h-uile leth-sgeul a ghabhadh deanamh air son dàil a churs aghnothuch, le bhi togail sudus so o aon chùirt eaglais gu cùirt eile. Mhair sin seachd bliadhna. Achs abhliadhna 1773 thug an t-Ard-Sheanadh teann òrdugh don Chléir a dhol air aghart, agus uile bhuill na Cléire bhi làthair. Be Mr Finlay, Dhollair ceann-suidhe na
[423] Cléire, ’s rinn esan searmon, mar a bàbhaist aig a leithid de àm. ’N uair a bha sin seachad, dhiarr e air Mr Mac Thòmais seasamh air son gum bruidhneadh e ris, mar a bhithear adeanamh aig a leithid de àm. Ach an àitna h-earail chàirdich àbhaistich, ’s ann a thug Mr Findlay an aghaidh air, ’an éisdeachd achoimhthionail mhòir a bha làthair air son an dragh a bha e cur air achléir, ’s air an sgìreachd le bhi leantuinn ris aPhresentation, ged a bha sea ceud ceann teaghlaichna aghaidh, agus trì fichead aig an robh fearann saors achoimhearsnachd, agus seanairean achoimhthionail uilach aon duine. Chuir en cuimhne dha, ni air an robh fios aige, nach éisdeadh an coimhthional e ri; gum biodh fuath aca air, ’s gun deanadh iad tàir air. Cho-dhùin e le teann sparradh air e leigeadh dheth aPhresentation air sgàth tròcairean Dhé, air sgàth leas spioradail sluaigh lionmhoir na sgìreachd; agus air sgàth na sìth inntinn bu mhaith leis aige féin ri uchd bàis. Bha tosd feadh na h-eaglais car greis an déigh na h-òraid so. Ach bha Mac Thòmais de stubh rud-eigin ni bu chruaidhe na maide; agusan àite taiseachaidh, ’s ann a thionndaidh e ris an fhear eile, ’s thuirt e, “tha mi toirt maitheanais duibh adhuine air son na thubhairt sibh, gun tugadh Dia maitheanas duibh; rachaibh air aghartan ùmhlachd don mhuinntir tha osur ceann.” Bhan ath thosdachd feadh na h-eaglais an déigh an taisbeanaidh so air comas an fhir a bhana sheasamh. Thuirt Mr Findlay an sin, ann an guth ìosal, cianail, “tha mise, mar cheann-suidhe Cléir Shruileidh ga dleigeadh a steach mar mhinisteir St. Ninians, ann am fior sheadh agus spiorad na binn a thug an t-Ard-Sheanadh a mach o cheann ghoirid; agus le so, tha thu stigh a réir sin.” Cha robh aig muinntir na sgìreachd ud air, ach tigh coinneimh a thogail doibh féin, mar a bha na h-iomadaidh eiladeanamh a bhair am fòiréigneadh air an dòigh cheudna.

5. BhaGhàeltachds aGhalltachd air an aon dìol leis aPhàtronachd; ach bha cothrom mòran nithibh eaglaiseach aig luchd Beurlabharrachd air luchd Gàelic. Aca sud bha na Sgriotuirean


[424] gu h-iomlann an cànain féin; aca so cha robh na Sgriobtuirean idirn an cànain féin. Bham Bìobull gun teagamh roimhe so air a churan clòs aGhàelic Eireannaich; achs gann gun robh stà sam bithan sin do na Gàeil Albannach, a chionn iad a bhi aineolach air an litreachadh Eireannach. Ma bha litreachadh sam bithna measgs anns achainnt Shasunnaich a bha e, tre nach burrainn ach ro thearc dhiùbhsan ruigsinn air eòlas a chionn i bhina cainnt mhairbh dhoibh. Cha robh ach tearc eadhon de na sgoilean Beurla féinna measg, ged a bha Eaglais na h-Alba riamh o àm an Ath-leasachaidh ag òrduchadh aon sgoil diubh sin a bhis na h-uile sgìreachd. Anns abhliadhna 1758 chuir an Comunn a bhair son Eòlas Criosduidh a sgaoileadh air feadh na Gàeltachd, fa chomhair an Aird-Sheanaidh gun robh ceud agus cuig deugs trì fichead sgìreachd air feadh na Gàeltachd anns nach robh sgoilean sgìreachd. Feudaidh e bith gun robh an Comunn ud féin acur sgoilan àites an àite dhiubh sin; ach cha robh mòrann an comas. Bha fios aig ministeiribh na Gàeltachd air sud; ach tha e coslach gun robh iad caoin shuarrach mun ghnothuch. Bha lionmhoireachd an t-sluaigh mar so gu h-iomlanan urra ris na theireadh am ministeir riu. Ach bha aon ni a lean mar bhuaidh air an easbhuidh mhòir so a thoirt fa chomhair an Aird-Sheanaidh, gun do thogadh fhichead eaglais aig an àm udan caochladh àitibh den Ghàeltachd, agus gun do shuidhicheadh ministeir anns gach aon diubh; ged nach dfhuair iad sin cothrom suidhe ann an cùirt eaglais gu fad an déigh sin.

6. Anns abhliadhna 1780 leig Dr. Robertson dheth a bhina cheann-iùil air na Moderatess an Ard-Sheanadh, agus e fathastan tréin a neirt. Cha dinnis e riamh an t-aobhar a bhaig air son sin a dheanamh. Ach tha uile sgrìobhadairean eachdraidh eaglaisich acomh-dhùnadh gur h-ann tre eagal nach burrainn echosan a ghleidheadh anns an dian shiubhal a bhaig an eaglais air aghart o aon cheum mearachdachna teagasgs na


[425] cleachdadh gu ceum eile. Bha mearachdan an t-saobh-chreidmhich Socinus atogail an cinns an eaglaisan caochladh chruthaibh, gu h-àraidh a measg an fheadhainn a bòige de na ministeirean. ’S mar a bha iad sinan aghaidh theagasgan Leabhair Aidmheil aChreidimh, bha na diadhairean òg ud afàs dàna gu bhitagradh, air sgàth coguis, nach robh e cothromach a bhitoirt air ministeirean an ainm a chur ris an Leabhar Admheilan àm a bhi gan suidheachadhan coimhthionalaibh. Cha robh an Robastonach ullamh gu dol co ro fhada sud. Agus on a bha eagal air gum feudadh an sruth a bhi ro làidir air a shon, theich e ann an tràth; ach cha do thachair an roimh an robh eagal airsans air cuid eile. An uair a thuig cuid de na h-uachdarain ciod mun robh curaidhean òga na h-eaglais, bhagair iad, co luaths a sguireadh iad a chur anainm ri Leabhar Aidmheil aChreidimh, gun sealladh iadsan air an eaglais mar air a dealachadh on Stàite, agus gun rachadh grad stad a chur air an cuid stìpeinean a phàigheadh. Bu leòir sud aig an àm. Cha robh iomradh tuilleadh air Leabhar Aidmheil aChreidimh a chur air chùl. Thàinig Dr. Hill Chill-Rìmhinnan àitan Robastonaich, mar cheann-iùil nam Moderatess an Ard-Sheanadh. Bu duine comasach esan; ’s bha e soirbheachail da réir. Bha sea dreuchdan buannachdail, onarach aigan co-cheangal ris an eaglais Albannaich; ach fo a riaghladh-san bha i air a treòrachadh air frith ròidibh ni bu ro fhaido a ceud cho-shuidheachadh. O nach feudar mòran leudachaidh a dheanamhan so, cuiridh aon saimpleir den spiorad a bha taobh nam Moderates ataisbeanadh ann am beachd air ciod anns an robh leas an duine aco-sheasamh, solus air amhodh riaghlaidh a bhacair an eaglais. Anns abhliadhna 1796, cuig bliadhna deug an déigh don Olladh Hill tighinn gu bhina cheann-iùil air an Ard-Sheanadh, chuireadh litrichean tagraidh o chuid de chùirtibh eile na h-eaglais, aguidheadh air an Ard-Sheanadh gnùis a thoirt do shaothairibh aChomuinn a chuireadh air chois abhliadhnud féinan Duneidins an Glascho, gu
[426] luchd-teagaisg a chur a mach a measg phàganach dhorchan iodhail aoraidh. Bha Dr. Erscinna cheann-suidhair aChomunn a bhan Duneidin. Bha e mar an ceudnana bhall den Ard-Sheanadh ud, ’s thagair e cùis aChomuinn air an robh ena cheann-suidhe. Chuir Dr. Hill agus a thaobh den tigh gu buileachan aghaidh airgiod a thrusadh air son a leithid de aobhar; ’s ghnàthaich iad argumaidean gu eagal a chur air muinntir sam bith an cuid airgid earbsadh ri Comunnaibh den t-seòrsud, a bha nis ag éiridh suasan caochladh àitibh, ’s acumail suas comh-sgrìobhadh daonnan eatorra féin, ’s gun fhios an uair a gheibheadh siad iad féin làidir nach h-ann a thionndaidheadh iad an aghaidh na rìoghachd, gus a co-shuidheachadh a thilgeadh bun os ceann. Le leth-sgeulaibh dubha den t-seòrsa so, ’s le bhi cumail a mach gun robh na Pàganaich sona gu leòr mar bhà iad, thug iad cùl an doruis do aobhar aMhisionari.

7. Bha sìth aig Breatunn, ’sfeudar a ràdh aig an Roinn-Eòrpa, o nàisgeadh an t-sìth ri America gus an do thòisich an iorghail mhòrs an Fhraings abhliadhna 1789. Bha iochdarana na rìoghachd sin gu ro mhòr air am fòirneartachadh le ain-tighearnas an luchd riaghlaidh ùine fhada roimhe sud. Ach air abhliadhna so dhéirich luchd àiteachaidh na tìre le chéil’ ’an aghaidh an luchd riaghlaidh, nan daoine mòra, ’s tighearnan an fhearainn; agus mar thuil a sguabas roimpe gach gàradhus comhara crìcha bhiosna rathad, thilg iad bun os ceann na h-uile gnè ùghdarrais aimsireilus spioradails an rìoghachd; roinn iad am fearannus dreuchdan fa leth na rìoghachd mar a thogair iad, ’s cha bu dàna le rìgh no ridir a ràdh gum bolc. ’S es dòcha gum biodh na Frangaich air an cùisean achur air seòl le ni éigin de chéills de riaghailtn uair a dhfhalbhadh cuthach’ ’us boil na fòirneirt diùbh, nam biodh iad air am fàgail dhoibh féin gu sin a dheanamh. Ach mar a ghabh rìghreanus luchd riaghlaidh eile na Roinn-Eòrpa mòr eagal gun éireadh an cuid iochdarana féin air an dòigh cheudn’ ’an ceannairc, ’s ann a dhfheumadh cuid


[427] diùbh a dhols an eadraigin gu gnothuichean na Fraingaiseag gu an ceud staid. Chaidh Impire Austria, ’s rìgh Phrusiaan comh-bhoinn air son an aobhair so, ’s chruinnich iad feachd cumhachdach leis an do bhris iad a steach air taobh deas na Frainge. ’N uair a thuig na Frangaich an t-aobhar mun robhmòr shluagh ud atighinnn an aghaidh, thàinig am bànaidh buileach orra. Chan earbadh iad gnothuch cudthromach sam bith ris an rìgh no riluchd comhairle; ’s thug iad uaitham faileas de chumhachd a bha iad air fhàgail aige. Chuir iad dhethn chaithir buileach e, ’s dhruid iad suasam prìosun e; ’s an ùine glé ghoirid thogus dharmaichus dhiunnsaich iad àireamh shaighdearan leis an do sgiùrs iad air falbh am Prusianachs an t-Austrianach on crìochaibh, ’s an do ruith iad thairis air na ceàrnaibh tuathach den Roinn-Eòrpa ris an abrar an Tìr-iochdrach. Thug iad aig an àm cheudna fiadhachadh do na h-uile sluaghs an Roinn-Eòrpa bha sgìth dheth an luchd-riaghlaidh, iad a dhéiridhn an aghaidhs gun cuidicheadh iadsan iad. ’N uair a bhan cuid armailtean aruith troimhn Tìr-iochdraich, dhfhosgail iad seòladaireachd na h-aimhne Scheld, a bha Breatunn air gealltuinn a chumail dùint’ ’am fàbhar na h-Olaind. Ghabh Breatunn so mar leth-sgeul air son cogadh a chur an céillan aghaidh na Frainge. Air an aonamh fichead de threas mìos agheamhraidh, 1793, thàinig an Rìgh-chuairt Fhrangach gu a h-àirde le iad a thoirt ceann an rìgh, Luthais XVI., thun na h-ealaig. Chuireadh an sin mòran gu bàs tre an-amharus iad a bhi air taobh an rìgh. Bha na h-uile rìoghachds an Roinn-Eòrpa nis acogadh an aghaidh na Fraing ach a trì. Bhan rìoghachd sin car tamuill afàilneachadhna comas féin dhìonaidh ri aghaidh na bhan sud de nàimhdean. Ach air do phàirtidh bu ghniomhaiche riaghladh na dùthcha fhaotainn, fo threòrachadh Robespierre ainmeil, thog na Frangaich orra; ’s dhfhàs iad co dealasachs gun robh na nàimhdean ateicheadh rompa air gach làimh. Chuir cùirt Bhreatuinn armailt a null don Tìr-iochdraich a chuideachadh nan Gearmailteachan aghaidh
[428] nam Frangach; ach cha robh coimh-réitiomchuidh ameasg luchd stiùiridh an airm, ’s cha robh seasamh aca ris na Frangaich. Béigin an t-arm Breatunnach a thoirt air ais do Shasunn. Bhan càbhlach Breatunnach adeanamh sgathaidh eagalaich air luingeas chogaidh nam Frangach, ach air tìr bha na Frangaich mar bu tricabuadhachadh. Agus anns abhliadhna 1795 tharruing Tuscani, Prusia, agus an Spàinn air falbh on chomh-bhoinnan aghaidh na Frainge. Bha gainne mhòram Breatunn air abhliadhna so; ’s bhan cogadh ameudachadh prìs gach seòrsa bìdh. Bha muinntir Shasuinn gu h-àraidh air an dorranachadh co mòr le so, ’s gun tug mòran diùbh ionnsuidh air inneal-siubhail an rìghn uair a bha edol a dhfhosgladh na Pàrlamaid, air son e bhileantuinn air achogadhs iad gu bàsachadh le gorta.

8. dhà bhliadhnaan déigh sud cha drinn Breatunn ach glé bheag còmhnaidh le Austria, a bha nisna h-aonar acogadhan aghaidh na Frainge. Anns abhliadhna 1796 thòisich Napoleon Bonaparte atogail a chinns an arm Fhrangach. Bu mhac fir lagha Napoleon, ’an eilean Chorsica, air taobh siar na Frainge. Fhuair efhòghluman aon de àrd sgoilean saighdearachd na Frainge. Thòisich e aig dreuchd glé iosals an arm; ach bha edìreadh gu maith cabhagach. Ràinig e nis air a bhina Sheanalair air achuid den arm a bhas an Eadailt; on a fhuair esan comannd an airm, cha robh ach buaidh an déigh buaidh ga cosnadh gus an dfhuadaich e na h-Austrianaich a mach gu buileach as an Eadailt. Thug so air Austria sìth a dheanamh ris an Fhraing. Bha aig Breatunn a nisna h-aonar ri bhicath ri cumhachd na Frainge. Bha mòran de na h-Eireannaich glé mhì-riaraichte fo chuing Bhreatuinn, agus chuir iad air abhliadhna so fiadhachadh thun an luchd-riaghlaidh Fhrangaich cuideachadh a chur thuca gus achuing Shasunnach a thilgeadh dhiùbh. Sheòl càbhlach Frangach, air bòrd an robh ochd mìle deug saighdear a nall gu oirthir Eirinn. Ach shéid doinionn ghaoithe co garbhn an aghaidhs gun do philleadh air an ais iad don Fhraing an déigh


[429] ceithir den cuid luingeas a dhol as an rathad agus aon diubh a bhi air a glacadh leis na Sasunnaich. Goirid an déigh so dhaom luchd riaghlaidh na Frainge cùirt na Spàinne gu dholan comh-bhoinn riu féinan aghaidh Bhreatuinn. Thòisich a nis an cogadh da rìreadh air taobh Bhreatuinn. Air acheathramh deug de cheud mhìos an earraich 1791 fhuair an t-Admaral Sasunnach, Sìr Iain Ierbhis buaidh air achàbhlach Spàinneach aig àite ris an abrar Cape St. Vincent. Ghlac e ceithir den cuid luingeas.
9. Ged tha na nithe air a bheil iomradhs na h-earrannaibh so nis coslaiche ri eachdraidh na Roinn-Eòrpa na ri eachdraidh Alba, gidheadh tha e feumail don leughadair fios a bhi aig air na nithibh so gu a thuigsinn gu ceart ciod a baobhar don ùpraid a thòisichan Gàeltachd Alba mun àm soan co-cheangal ri togail dhaoin’, agus a dhoidhirpicheas sinn innseadham briathraibh co tearcs a ghabhas deanamh. Ged a rinneadh lagh goirid an déigh bliadhna Theàrlaich leis an robh ùghdarras nan tighearnan Gàelach thairis air an cuid tuatha gu bhi air a bhriseadh, ’s a réir nach feudadh an tuath-cheathairn a bhi ni bfhaide air chomhairlan ceann cinnidh, gidheadh fhuaradh a mach gun robh uiread den t-seann nòs fathast ameasg nan Gàel, ’s nach faighteadh àireamh sam bith dhiubh gu gabhailsan arm mur biodh an ceann-cinnidh, no co dhiù na daoinuaisle a bfhaisg airs an dùthaich adol air thoiseach orra. Cha burrainn luchd riaghlaidh na rìoghachd so a leasachadh. Aguss e smuainich iad cothrom a ghabhail air anns a bhi ga thionndadh gum feums an goireas féin. Thòisich iad atoirt Commission no barantas do gach uachdaran fearainn fa leth réisimeid a thogail air a chuid fearainn féin, ’s atoirt òrduigh dha mar an ceudna oifigich a shuidheachadh os an ceann mar a thogradh e, agus barantais nan oifigeach sin gu bhi rìs air an daingneachadh leis an rìgh. ’N uair a bhan gnothuch mar so air fhàgail eadar an t-uachdarans an tuath-cheathairn, bha iadsan gu h-iomlan aig toil an uachdarain. Cha robh cùirt cheartais ann gus an togadh fear sam bith a bha aindeònach air a
[430] dhol don arm a chùis. Cha robh ann dhoibh ach a bhi umhal don uachdaran, no a chuid fearainn fhàgail, ’s a dhol do cheàrneile far am feudadh iad a bhi air an glacadh air son an aobhair cheudna. Atòiseachadh aig Bliadhna Theàrlaich anns na thogadh réisimeid Iarla Loudoin, chaidh ceithir réisimeidean fichead a thogails a Ghàeltachd gus abhliadhna 1800, anns an robh trì mìle fichead fearn uair a thogadh iad, ’s a bha tarruing an cuid dhaoinan déigh sin on Ghàeltachd mar a dhfheumadh iad. Bha iad so gu seirbhis a dheanamhan àite sam bith den t-saoghal, far am faiceadh tighearnas iomchuidh an cur. Agus a thuilleadh air so thogadhs aGhàeltachd eadar abhliadhna 1760 agus 1800 sea réisimeidean fichead ris an abradh iad Dionadairean (Fencibles) a bha gu seirbhis a dheanamham Breatunn non Eirinn. Bha neart nan réisimeidean so gu mòr ag eadar dhealachadh. Bha iad o sheachd ceud gu mhìles trì cheud. Tha cuid beò fathast, chan e mhàin aig am bheil cuimhnair an fheadhainn mu dheireadh de na réisimeidean so a thogail, ach a bha gu h-achdaidh adeanamh suas pàirt diùbh.

10. ’An déigh do Napoleon Bonaparte a bhi co soirbheachail ann am fuadachadh nan Austrianach a mach as an Eadailt, thòisich efàs car ceannasach air an luchd-riaghlaidh a bha os a cheann. Ach gu faotainn cuibhteas ean dòigh a bhiodh feumail do sheirbhis na dùthcha chuir iad don Eiphit e anns abhliadhna 1798, air cheann buidheann lìonmhor den arm gus an tìr sin a cheannsachadh dhoibh féin, ’s gum biodh e ni bfhusadh dhoibh on dùthaich sin cothrom fhaotainn air impireachd Bhreatuinns na h-Innsibh as ear. Bha Napoleon soirbheachailna chuid féin den ghnothuch. Fhuair e buaidh air na h-Eiphitich; ach bhan t-Admaral Sasunnach, Nelson, air an oirthir, ’s thug e ionnsuidh air achàbhlach Fhrangach, an déigh do na saighdeara tìran casan a thoirt leò, agus sgrios no ghlac e na luingeas Fhrangach uil’, ann an Camus Abucir, air acheud de cheud mhìos an fhoghair. ’An déigh sin ghabh Napoleon air aghart do


[431] Shiria, ’s bha dol leis gus an do chuir an Riaghlair Turcach, le còmhnadh nan Sasunnach, air ais e aig St. Jean dAcre. Phill en sin don Eiphit far an do choisinn e blàr eile faisg air an àit’ ’s an do chaill en càbhlach. Fhuair e machan so nach robh tighearnas na Fraingatighinn air aghart gu ro mhaith. Fhuair e soitheach beag anns an do sheòl e gu folchuidh a nall don Fhraing le rùn abhuidheann aig an robh an tighearnas a thilgeadh bun os ceann, agus fhaotainnna làmhaibh féin. Fhuair e fear dìleas, Lisies, gus a chuideachadhs aghnothuch. Fhuair se e féin air òrduchadh le Comhairle nan Seanar gu bhina cheannard air a chuid den arm ris an abrar geard abhaile. Ben ceud char a rinn en déigh so an luchd riaghlaidh atharrachadh o na Tulleries gu St. Cloud. Cha do leig e fada leòan sin an uair a chaidh e steach àraidh air am muin leis an arm, ’s a dhfhuadaich e mach iad feadh an t-saoghail aig roinn na béigileid. Fhuair en sin e féin air ainmeachadhna Cheud Chonsul, agus dithis eile còmhladh ris gu bhi ga chuideachadh. Bha trì buidhnean eilann fo ainmeachas luchd comhairle, achs ann aig Napoleon a bhan cumhachd. Air acheathramh fichead de mhìos deireannach agheamhraidh, 1799, co luaths a chualas anns an Roinn-Eòrpa gun do sgriosadh an càbhlach Frangach chaidh trì no ceithir de na rìoghachdan eilan comh-bhoinn ri Breatunnan aghaidh na Frainge. Baon diubh sin Austria, ’s thòisich i air ath chosnadh nan àitean a thug Napoleon uaithe roimhe sin. Ach an déigh do Napoleon oidhirp a thoirt gu dìomhain air sìth a dheanamh ri Breatunn, chaidh e don Eadailt le fhichead mìle fear, ’s thòisich e air na h-Austrianaich a sgiùrsadh air falbh mar a rinn e roimhe. Bha Breatunn abhliadhna roimhe so air cur cuig mile deug thar fhichead fear a null don Olaind gus na Rusianaich a chuideachadh ann am fuadachadh nam Frangach a mach as an dùthaich ud. Ach béigin doibh a dhol air tìr le sìde mhì-fhàbharraich, ’an àites an robh cus cothroim aig na Frangaich orra; aguss e bhacair son an turuis gum béigin doibh cothrom
[432] a thighinn air an ais gun ghrabadh sam bith a cheannach, le ochd mìle prìosunach Duitseach no Frangach a bhan làimhan Sasunn a leigeadh fa sgaoil. Bha Ard Sheanalair Frangach eile ann dam bainm Moreau aig an robh comannd air an roinn den fheachd a chuireadh don Ghearmailt. Bha esan co soirbheachails aGhearmailts a bha Napoleons an Eadailt. Thug so air rìoghachdan na Roinn-Eòrpa sìth a dheanamh ri Napoleon, a chaidh a nàsgadhs acheud mhios den bhliadhna 1801. Bha crìochan na Frainge gu mòr air am farsuingeachadh leis an t-sìth ud.

11. Bha Breatunn air a fàgail a nis na h-aonar acogadh ris an Fhraings ris an Spàinn. Achs ann air fairge bha luchd achòmhraig acoinneachadh mar bu trice. Cha robh am feachd Breatunnach co lìonmhors gum burrainn mòran diubh a bhi air tìr-mòr na h-Eòrpa. Bha mòran den arm Bhreatunnachs na h-Innsibh asear aig an àm. Cha be mhàin gum feumadh armailt a bhigleidheadh na fhuair iad de fhearann an sin, ach bha iad fathast asior chur am farsuingeachd an crìochans na ceàrnaibh ud. ’An toiseach an t-samhraidh 1799 cheannsaich iad rìoghachd air an robh Seringapatanna cheann bhaile, ’s thuit an rìgh féins a chath adionadh na daingnichs abhaile sin. Bha mar an ceudna cuid den fheachdan Eirinn. Bha ceannairc eagalachs an dùthaich sins abhliadhna 1798. Bha cuigear de àrd luchd riaghlaidh aig na ceannaircich air nach robh eòlas ach aig an fheadhainn abfhaisg orr’ ’an dreuchd. Bha mun cuairt air leth muillean duine fo bhòidibh a bhi dìleas don chomh-fhoill. Bha iad gu éiridh air àraidh. Ach fhuaradh a mach roimhn àm ciod mun robh iad, ’s mheataich sin gu mòr iad. Co dhiù dhéirich iad air an n ceithir no cuig a dhàitibh. Ach chaidh an ceannsachadh air an aonamh fichead de mhios meadhonach an t-samhraidh. Thug so air tighearnas Bhreatuinn oidhirpeachadh aPhàrlamaid Eireannach aonadh ris aPhàrlamaid Bhreatunnaich. Bha na h-Eireannaich co mòr an aghaidh an Aonaidh sos a bha na h-Albannaich ri linn ban-righ Anna. Ach thugadh


[433] mun cuairt e air an aon dòighs an tugadh an t-Aonadh Albannach, le frasaibh de òr Sasunnach. O na bliadhnùire 1801 thaPhàrlamaid Eireannach air a h-aonadh ris aPhàrlamaidan Lunuinn; ’s theirear Pàrlamaid Bhreatuinn mhòirus Eirinn rithe. Air abhliadhna so féin, toiseach an earraich, chuireadh armailt Bhreatunnach don Eiphitan aghaidh an fheachd a bha Bonapart air fhàgail ann, ’s a bhan déigh an Eiphit a chur fòpa féin. Air an fhicheadamh den Mhàirt fhuair an t-arm Breatunnach buaidh orra so, ’s dhfhàg iad an dùthaich air chumha gun cuireadh Breatunn a nall iad don tìr féin. Ach mar a bha Breatunn a nis na h-aonar acòmhrag ris an Fhraings an Spàinn, gun mhòr aobhar air a shon, dhaontaich i ri sìth a dheanamh mu mheadhon an earraich 1802. Bhan cogadh ud glé dhaor do Bhreatunnan airgiod. Ach cha do chaill i ach luingan cogadh mara; mu choinneamh sin thug i on nàmhaid, no sgrios i, 1319 de shoithichean eadar bheagus mhòr.

titleCaibideil XLV
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page