[433] CAIB. XLV.
SEORAS III. GU CRIOCH A RIOGHACHAIDH.
Cha do mhair an t-sìth eadar Breatunn ’s an Fhraing ach aon bhliadhna. Fhuaradh Napoleon co neo-sheasmhach ’na ghealladh ’s nach giùlaineadh an tighearnas Breatunnach leis ni b’ fhaide. Chuir iad pàirt de ’n chàbhlach gus na h-eileanan a bhuineadh do ’n Fhraing ’s na h-Innsibh a siar a ghlacadh. Air a’ cheud là de ’n t-samhradh 1804 fhuair Napoleon e féin air éigheach ’na Impir’ air an Fhraing. Chleachd e na h-aon chlìcean a’ dìreadh thun na
[434] h-
àirde sin ’
s a ghnàthaich e mu ’
n d’
fhuair e bhi ’
na Chonsul.
Bha cuid a’
dealbhadh innleachdan ’
na aghaidh; ’
s chuir e cuid de na neo-
chiontaich,
co maith ris na ciontaich gu bàs ’
am fuil fhuair.
Chuireadh fear de Phrionnsan an teaghlaich rìoghail gu bàs na’
measg sin.
Theich Moreau curant’
air falbh le eagal a bheatha. ’
S a’
bhliadhna 1805 fhuair Pit,
am Prìomhair Breatunnach,
Rusia ’
us Austria ’
us Naples ’
an comh-
bhoinn ris féin ’
an aghaidh na Frainge.
Bha Napoleon ag ullachadh air son briseadh a steach air Breatunn ’
n uair a chual e gu’
n robh Austria ag armachadh ’
na aghaidh, ’
s Rusia deas gus an nàmhaid sin a neartachadh le a feachd féin. ’
An ath là an déigh so a chluinntinn dh’
fhàg e Pàris le ceithir fichead mìle fear,
a’
cur gach buidheann a gheibheadh e air an rathad riu sin. ’
Am beagan làithibh ghlac e daingneach Ulm a bhuineadh do Austria,
anns an robh deich mìle fichead fear,
agus mòran armachd.
Mìos an déigh sin chaidh e steach do Uienna,
ceann-
bhail’
Austria,
gun duine ga choinneachadh.
Lean e air tòir an teaghlaich rìoghail, ’
us feachdan Austria ’
us Rusia,
do Mhoràbhia, ’
s air an dara là de dhara mios a’
gheamhraidh chuir e ’
n ruaig orra le chéil’
aig àite ris an abrar Austerlits.
Bhris sin a chomhbhoinn.
Ach bha cumhachd Rusia fathast gun bhriseadh.
Bha tir-
mòr na h-
Eòrpa sàmhach mar so fa chomhair an Fhrangaich.
Ach air an aonamh là fichead de mhios deireannach an fhoghair bha ’
n càbhlach Breatunnach,
fo chomannda Nelsoin,
air an càbhlach Frangach ’
us Spàinneach a sgrios aig Trafalgàr.
Ghlac Nelson naoi deug de luingeis an nàmhaid.
Ach leònadh e féin ’
s a’
chòmhrag, ’
s bhàsaich e ’
n là sin féin.
Bhàsaich Pit goirid an déigh dha chluinntinn cionnus a chaidh do Austria ’
s do Rusia.
Thàinig Mr Fox ’
na àite, ’
s bhàsaich esan sea miosan an déigh sin.
Tha cuid ag ràdh gu ’
m b’
e ’
n gnothuch a bhi dol ’
n an aghaidh aobhar bàis an dithis.
B’
e Mr Percival Prìomhair an tighearnais a thàinig gu cumhachd ’
n an déighsan.
B’
e aon de na ceud nithe a rinn iadsan càbhlach Lochluinn a deas a thoirt do Shasunn mu ’
m faigheadh Napoleon gréim orra.
[435] 2. ’S a’ bhliadhna 1806 bhris Napoleon cumhachd Phrusia, agus ’an tomhas mòr cumhachd Rusia, a rinn sìth ris agus a chaidh ’an comhbhoinn ris ’an aghaidh Bhreatuinn gus a cuid luingeis ’us malairt a chumail a mach as gach long-phort air tir-mòr na h-Eòrpa. B’ i Breatunn a nis an aon chumhachd a bha gu h-achdaidh a’ cogadh ’an aghaidh an Fhrangaich. Bha gach rìoghachd eile gun neart, ’s fo eagal. Bha Napoleon a nis air bith co soirbheachail, ’s gu’m feudadh e fois a ghabhail, na ’m b’ àill leis. Ach bha ’shannt a cumail coiseachd ri ’shoirbheachadh. Thàinig e gu bhi soilleir gur e ’n dearbh ni gus an robh Alastair mòr ag iarraidh a bh’ aige-san ’na amharc, an saoghal a chur fo cheannsal dha féin. Thòisich e nis air na gniomharan a dheanamh le ’làmhaibh féin a bha ’n a’ meadhon air an Roinn-Eòrp’ a dhùsgadh suas ’na ’aghaidh, le rùn nach do dhealaich riu gus an d’ fhàgadh e co lòm ris an t-saighdear bu bhochda ’na ’armailt. Bha cùirt na Spàinn air bith ghnàth umhal dha, gu ’chòmhnadh ’an aghaidh a naimhdean. ’S e ’n duais a thug e dhoibh an teaghlach rìoghal a chur dheth ’n chaithir, agus a bhràthair féin, Ioseph, a chur ’n an àite. Bha e air a dheanamh ’na rìgh air Naples roimhe sin. Chuir e Ioachim Murat, fear a pheathar a nis ’na àite air a’ chaithir sin. Rinn e ’bhràthair eile, Luthais Bonapart, ’na rìgh air an Olaind. Thug e rioghachda beag’ eile do bhuill fa leth a theaghlaich. Dhùisg na nithe sin nàimhdeas ’na ’aghaidh anns gach broilleach. Bha na saighdeara de gach inbhe co guineach ’na aghaidh ris an luchd riaghlaidh féin. Dh’ éirich na Spàinnich ’an aobhar an rìgh féin; ’s b’ e sin a’ cheud mhisneachd ’us chòmhnadh a fhuair Breatunn mu’n àm chunnartach so ’an aghaidh an nàmhaid mhòir. ’An toiseach an t-samhraidh 1808 dh’ éirich na Spàinnich ’an aghaidh an rìgh ùir, ’s b’ éigin da Madrid fhàgail ’an ceud mhìos an fhoghair sin, agus Sìr Artur Uelesli ga ’n cuideachadh. Chaidh mac an rìgh a bh’ ann roimh’ éigheach ’na rìgh. Bha Napoleon an déigh rìgh Phortugail fhuadachadh air falbh roimhe sud. Dh’ éirich na Portugaich còmhladh ris na Spàinnich. Chaidh Napoleon do ’n
[436] Spàinn a nis le ’
chuid Frangach ’
s chuir e ’
bhràthair a ris air a’
chaithir, ’
s gach ni eile mar bu mhaith leis.
Ghairmeadh Sìr Artur do Shasunn mu ’
n àm so, ’
s bha Sìr Iain Moore air ceann an airm Bhreatunnaich. ’
An toiseach 1809 b’
éigin da teicheadh air falbh,
ach gu h-
òrdail,
roimh armailtibh lionmhor Napoleoin.
Sheas e là blàir riu ann an Corunna,
far an robh na Breatunnaich gu dhol air bòrd an luingeis.
Chum iad a’
bhuaidh làthrach,
ach mharbhadh Sìr Iain féin.
Ghabh Austria a nis an cothrom air an dragh a bh’
aig an nàmhaid o na rioghachdaibh ud a bh’
air éiridh ’
na aghaidh, ’
s dh’
ullaich i féin leth muillean duin’
air son a’
chatha.
Cha bu luaithe chuala Napoleon sin na thug e ’
chasan leis do Austria.
Bha Ierom Bonaparte aig air a chur ’
na rìgh air Uestphàlia, ’
s bha sluagh na dùthch’
air fhuadachadh air falbh mar rinn na Spàinnich air Ioseph.
Ach ’
n uair a thàinig Napoleon gu cath ri Ard Sheanalair Austria aig Uagram,
choisinn e buaidh co iomlan ’
s nach robh seasamh aig Austria tuilleadh.
B’
éigin sìth a dheanamh.
B’
aon de chumhachan na sìthe so,
gu ’
m pòsadh Napoleon Maria Luisa,
nighean Impir Austria.
A chum gu ’
m feudadh e so a dheanamh,
chuir e air falbh Ioséphin,
a bhean a bh’
aige roimhe,
a chionn nach robh duin’
cloinn’
aige uaithe.
3. Ghabh Breatunn an cothrom air Napoleon a bhi ’n Austria, ’s chuireadh Uelesli do Phortugal le feachd làidir; dh’ fhuadaich e ’m Frangach, Soult, a mach as an tìr sin; ’s goirid an déigh sin fhuair e buaidh eil’ air rìgh Ioseph féin. Rinneadh Morair Uelington de Uelesli air son so. Mu dheireadh an fhoghair air a’ bhliadhna so chuir Breatunn ceud mìle fear a null do ’n Ghearmailt gu gearaston làidir a chur suas o ’m feudadh iad seòladaireachd na h-aimhne, Scheld, a riaghladh. Chuireadh air tìr iad ’an àite mì-fhallain, ’an eilean Uelcheren; bhris plàigh a mach ’na measg, ’s thòisich iad a’ bàsachadh ’n am mìltibh. Thugadh air an ais na mhair beò dhiubh, gun dad ach an call air son an turuis. A measg ghniomharan euchdaidh eile Napoleoin mu’n tàinig e air ais á ceann bhail’ Austria, chuir e mach òrdugh gu’m
[437] feumadh fearann a’
Phàp’
a bhi air aonadh ris an Fhraing.
Chuir e gach Càrdinal a bha ’
s an Ròimh ’
am prìosun, ’
s am Pàpa còmhladh riu.
Chumadh trì bliadhna ’
s a’
phrìosun sin e;
agus anns a’
bhliadhna 1812 thugadh do ’
n Fhraing e ’
na phrìosunach.
Dh’
fhan Morair Uelington eadar an Spàinn ’
us Portugal ré thrì bliadhna ’
cumail còmhraig ris na Seanalairibh Frangach.
Bha e co seòlta ris an fhear bu sheòlta dhiubh. ’
An déigh teicheadh rompa air a shocair féin fad àireamh mhìosan as an Spàinn do Phortugal,
a bha ’
g aobharachadh call mòr dhaoine do’
n Fhrangach,
phill e air ais ’
s a’
bhliadhna 1812, ’
s ghlac e gach daingneach a bha roimhe gus an d’
ràinig e Madrid,
a thug air an rìgh Ioseph e féin a thoirt as.
5. Rugadh mac do Napoleon ’am meadhon an earraich, 1811, ’s chaidh a ghairm an uair sin féin ’na rìgh na Ròimhe. Ged a bha Rusia fad o’n Fhraing, ’s an sìth rithe aig an àm so, gidheadh bha Alastair, Impire nan ceàrnan sin de ’n Roinn-Eòrp’, a’ fàs eudachail mu’n chumhachd a bha gu bhi aig Napoleon o ’chleamhnas ri Austria; agus thòisich e chuid ’s a’ chuid a’ briseadh nan cumhachan sìth. Bha long-phorta na Roinn-Eòrp’ uil’ aig an àm so air an glasadh suas ’an aghaidh malairt Bhreatuinn. Bha so ’na ghrabadh mòr do mhalairt Rusia féin, nach feudadh aon chuid reic no ceannach ris a’ chusbadair a b’ fhearr a bh’ aice. Bhris an t-Impir’, Alastair, na cumhachan air a’ phuinc so le fios ciod a thigeadh ’n a lorg. Mu mheadhon an t-samhraidh 1812, ghairmeadh cogadh ’an aghaidh Rusia. Beagan làithean ’an déigh sin bhris Napoleon a steach air Rusia le leth muillean duine. Bha ’n Rusianach a’ triall gu mall roimh ’n Fhrangach gun bhuille bhualadh, ach aon bhlàr a chuir iad aig Brodino. Mu dheireadh an fhoghair ràinig Napoleon Mosco, baile mòr ’s an robh e ’n dùil fois ’us fasgadh fhaotainn. Thug Ard Sheanalair Rusia òrdugh do fhear riaghlaidh a’ bhaile tein’ a chur ris ’an ceudaibh àit’ air oidhch’ àraidh aig an aon àm. Ann am beagan ùine bha ’m baile ’na lasair, ’s an ath là ’na luaith. Chuir Napoleon fios thun an Rusianaich gu’m feudadh
[438] cogadh na bliadhn’
ud sgur, ’
s chuir an Rusianach fios freagairt gur h-
ann a bha e ’
tòiseachadh.
Ach chum iad àireamh sheachduinean e ’
n déigh sin a’
gealltuinn chumhachan sìth dha. ’
N uair a thuig e gur h-
ann a’
caitheamh bhead air a bha iad,
ghreas e air ais gu baile mòr eile d’
am b’
ainm Smolecs,
far an gabhadh e fasgadh ’
us fois.
Chuireadh ’
na lasraichibh am baile sin mar an ceudna.
Chaidh Napoleon ’
s a luchd leanmhuinn a nis ’
a am breislich, ’
s thug gach fear gu teicheadh mar a b’
fhearr a dh’
fheud e,
o fhuachd ’
s o reothadh na dùthch’
ud ris nach seas duine no ainmhidh.
Chaill Napoleon dà cheud ’
s dà fhichead mìle duin’
air an ratreut ud,
eadar na bhàsaich leis an reothadh, ’
s na mharbh na Rusianaich a bha ga ’
n ruagadh.
Co luath ’
s a ghabhadh e deanamh,
thàinig an t-
Impire Rusianach a nall as a thalamh fuar do Phrusia, ’
s thug e air rìgh Frederic cuing Napoleoin a thilgeadh dheth, ’
s éiridh ’
na aghaidh.
Fhuair iad cuid eile de phrionnsachan na Gearmailt a chaidh ’
an comhbhoinn riu, ’
s b’
éigin do Ierom Napoleon teicheadh air falbh. ’
S ann ris a’
chomh-
éiridh so a their luchd eachdraidh ’
an Seathamh Comhbhoinn ’
an aghaidh na Frainge.
5. ’N uair a ràinig Napoleon Paris an déigh na bha ’n sud de shluagh fhàgail’an Rusia, thug an Seanadh umhail a bh’ aige cothrom dha ceithreamh a’ mhuillein a thogail gu call an airm a dheanamh suas. Bha e air ceann a chuid dhaoine ’s a’ chàmp gu maith tràth air a’ bhliadhna 1813, agus ’s ann leis a bha dol’ an toiseach a’ chàmpachaidh. Rinneadh còrdadh air son fosaidh eadar e féin ’s luchd na comhbhoinn ré dhà mhìos. Thàinig Impir Austria gu bhi ’na fhear réit’ eatorra. Thairg iad do Napoleon an Fhraing fhàgail aige mar a bha a crìochan roimh ’n bhliadhna 1805. Ach cha leigeadh e leo uiread is aon bhaile de na choisinn e o ’n uair sin. ’N uair a thòisich an cogadh a rìs ’an deireadh an t-sàmhraidh chaidh an t-Impir Austrianach ’s a’ chomhbhoinn còmhladh ri càch an aghaidh a chliamhuinn. Rinn Prionnsa Mùrat, fear a pheathar, an ni ceudna. Bha iadsan a’ meudachadh ’an neart ré an dà mhios a bha iad ’n an tàmh, ’s neart Napoleoin a’ dol ’an lughad. Bha còrr ’us muillean
[439] sluaigh aca-
san;
an treas cuid de sin aige-
san.
Bha righrean ’
us prionnsachan na h-
Airde ’
n ear a’
tighinn air o ’
n ear;
Morair Uelington leis na Breatunnaich ’
s na Spàinnich ’
s na Portugaich a’
tighinn air o ’
n taobh ’
s iar.
Ged a bha e féin a’
buadhachadh anns gach àit’
am biodh e làthair gu pearsonta, ’
s a’
briseadh cumhachd nan armailtean a bhiodh mu ’
choinneamh,
gidheadh bha ’
chuid Sheanalairean a’
call, ’
s esan a’
call le sin, ’
s iad ga iomain a lion ceum ’
us ceum rompa,
gus mu dheireadh na bliadhn’
an robh iad a’
cuairteachadh chrìochan na Fraing’
an ear ’
s an iar.
Thairg iad eadhon a nis dha an Fhraing le a seana chrìochaibh a bhi air a fàgail aige;
ach cha ghabhadh e sin,
ged a bha gach cinneach ’
us Prionns’
a bha e riamh air a cheannsachadh,
a rìs air éiridh ’
na aghaidh. ’
An toiseach na bliadhna 1814 thog Napoleon cha mhòr gach òganach Frangach a b’
urrainn armachd a ghiùlain, ’
s thòisich e air na nàimhdean a philleadh air an ais.
Ach ged a bha e ga ’
m briseadh thall ’
s a bhos far an robh e ga ’
n coinneachadh,
bha iad co lionmhor, ’
s mar chearcall ga chuairteachadh, ’
s gu’
n robh iad a’
sìor dhol air aghart gu neo-
sgàthach,
ged a bhiodh esan air an cùl.
Air an là mu dheireadh de ’
n Mhàirt chaidh Impire Rusia, ’
s rìgh Phrusia a steach do Phàris gu buadhach air ceann an cuid feachd.
Bha Napoleon a’
ruagadh buidhn’
eile fad air falbh o ’
n bhaile. ’
N uair a thuig e gu’
n do ghlacadh Pàris chaidh e do bhail’
eile ’
s a’
choimhearsnachd,
Fontainbleau.
Thug an Seanadh Frangach an tighearnas do chuigear dhiùbh féin,
air an robh Tallerand ainmeil mar cheann.
B’
éigin do Napoleon bann a sheulachadh,
a’
leigeadh dheth gnothuch a bhi aige ris an Fhraing gu bràth,
air a shon féin ’
s air son a theaghlaich.
Thug an luchd comhbhoinn an sin dha mar oighreachd eilean Elba,
eadar Corsica ’
s oirthir a tuath na h-
Eadailt,
agus ceud ’
us ceithir mìle Punnd Sasunnach ’
s a’
bhliadhna, ’
s cothom ceithir cheud fear a bhi ’
n an geàrd air.
Goirid an déigh so thàinig an t-
oighre dligheach,
Luthais XVIII.
air ais do Phàris,
an déigh a bhi ochd bliadhna fichead air fògradh.
Chaidh am Pàp’
air ais do’
n Ròimh, ’
s chaidh rìgh dligheach na Spàinn air ais thun na
[440] caithreach a b’
éigin do Ioseph Bonapart fhàgail; ’
s co luath ’
s a ghabhadh deanamh chruinnich fir-
ionaid o rìoghachdaibh fa leth na Roinn-
Eòrpa do Uienna gu ni èigin de òrdngh a chur air nithibh an déigh gach troimhe chéile ’
thug Napoleon air an Roinn-
Eòrpa ré nan deich bliadhna mu dheireadh.
6. Anns a’ bhliadhna 1810, thàinig trioblaid inntinn rìgh Seòrais gu leithid a dh’ àirde ’s gu’m b’ éigin an cumhachd riaghlaidh a thoirt uaithe, ’s thug dà Thigh na Pàrlamaid e d’a mhac bu shine, Prionnsa Uéils. Bha rìgh Seòras air bith mach á cleachdadh a reusoin uair no dhà roimhe sud; ach chaidh e ’m feabhas ’an ceann ùine ghoirid. Tha cuid ag ràdh gu ’n robh bàs a nighinn, a’ bhan-phrionns’ Amelia, ’na mheadhon air a thrioblaid a thighinn air ais aig an àm ud; ’an déigh so bha e mach á cleachdadh a reusoin tuilleadh gu là a bhàis. Anns a’ bhliadhna 1795 bha Prionnsa Uéils air pòsadh na bana-phrionnsa, Carolin, nighean Diùc Bhrunsuic; ach bha iad mì-shona còmhladh ri chéile, ’s dhealaich iad buileach ’an ùine nach robh fada. Cha robh aca de theaghlach ach aon nighean, a’ bhan-phrionnsa Charlot. B’ ise ban-oighre ’chrùin ’an déigh a h-athar. Cha robh an cumhachd rìoghail gu h iomlan aig Prionnsa Uéils. Ghléidh a’ Phàrlamaid aca féin cumhachd oifigich òrduchadh ’s an arm, ’s nithe de ’n t-seòrsa sin. An uair a bha Napoleon a’ glasadh suas long-Phorta na Roinn-Eòrp’ ’an aghaidh malairt Bhreatuinn, riun an tighearnas Breatunnach, ’an rathad dìoghaltais air sud, Achd eil’ a réir nach feudadh cinneach sam bith malairt a dheanamh ’s an Roinn-Eòrpa gun chuspainn a phàigheadh do Bhreatunn. Bha so a’ buntainn ri malairt Stàitean Aonaicht’ America, a bha gu mòr air am feargachadh roimhe sud leis a’ chleachdadh a bh’ aig luingeas cogaidh Bhreatuinn air rannsachadh an cuid luingeas malairt air son sheòladairean Breatunnach, ’s ga ’m preasadh do ’n seirbhis féin. ’S e bun a bh’ ann gu’n do chuir Stàitean America an céill cogadh ’an aghaidh Bhreatuinn ’am meadhon an t-samhraidh 1812. Chuir tighearnas Bhreatuinn air chul an t-Achd dubh ud. Ach lean cogadh America gu deireadh 1814.
[441] Bha Breatunn gu mòr ’na cabhaig leis an dà chogadh ud air a làimh aig an aon àm. ’S ann air a’ mhuir, mar bu trice, bha iad féin ’s na h-Americanaich a’ coinneachadh. Thug na h-Americanaich caochladh ionnsuidhean air Canada, ach cha robh iad a’ coinneachadh ri soirbheachadh idir an taobh sin. ’N uair a sguir iad ’am mìos meadhonach a’ gheamhraidh, 1814, cha robh dad aig taobh seach taobh air son na h-aimhreit ach an call ’s an cosdas.
7. Cha d’ fhan gille nan car ’an eilean Elba ach deich mìosan. Bha ’dhòigh féin aig air faotainn a mach ciod a bha dol air aghart ’s an Fhraing. ’N uair a phill Luthais XVIII. chuir e fios air àrd-mhaithibh na rioghachd a bh’ air fògradh ’an dùthchaibh fa leth na Roinn-Eòrpa; thug e air an ais gu dreuchdaibh fa leth a’ chrùin na seann teaghlaichean a bh’ aig a roimh aithrichean ’an dreuchd. ’An aon fhocal bha e air son nan uile nithe a thoirt gus an t-suidheachadh ’s an robh iad ri linn nan rìghrean a bha roimhe. Aig àm na Rìghchuairt chaidh fearann nan daoine mòra ’s na h-eaglais a roinn ’na mhìltibh, ’s na cheudaibh mìl’ oighreachd bheag. Bha na sagartan a’ bagradh iom-sgaradh eaglaiseach air gach neach a chumadh slat de fhearann na h-eaglais. Bha mar so claidheamh gach duin’ ’an aghaidh a chompanaich; an Fhraing ’an staid co dona ’s a bha i riamh, ’s bu leòr sin. Air a’ cheud là de ’n Mhàirt 1815 thàinig Napoleon air tìr ’an Cannes, ’an ceann a deas na Frainge, le mìle fear, ghabh e air aghart tre ’n dùthaich gun duine beò a’ cur grabaidh air, agus air an fhicheadamh là de ’n mhìos chaidh e gu buaidh-chaithreamach a steach do Phàris, ’s ghabh e sealbh air an lùchairt as an do theich Luthais air a’ mhaduinn sin féin. Chuir Napoleon fios air an luchd dreuchd a bh’ aige roimhe, ’s na h-uile nì eile ’s an òrdugh an d’ fhàg e iad. Thug e cothrom do na Frangaich an roghuinn a chur an céill co dhiùbh a b’ e féin no ’m Bourbonach a bhiodh a’ riaghladh os an ceann.[Bu Bhourbonaich an teaghlach a chuireadh dheth ’n chaithir. ] Bha muillean gu leth Vote air a thaobh; agus ni bu lugha na leth muillean ’na aghaidh. Co luath
[442] ’s a chuala fir-
ionaid nan rioghachdan a bha cruinn ann am Uienna gu ’
n tàinig e air ais,
chuir iad an céill gairm lagh’
a dh’
innseadh gu’
n robh e ’
na dhuin’
an taobh mach a lagh,
agus fosgailte do dhìoghaltas follaiseach,
air son a’
bhrisidh coimhcheangail a rinn e.
Air a’
chuigeamh là fichead de ’
n mhìos chaidh Breatunn,
Austria,
Rusia ’
us Prusia ’
an comhbhoinn ’
na ’
aghaidh; ’
s an ùine ghoirid rinn gach cinneach ’
s an Roinn Eòrp’
an ni ceudn’
ach an t-
Suain a mhàin.
Bha sùrd an sin air ullachadh feachd anns gach ceàrna gus an t-
ain-
tighearn ’
fhaotainn ’
an làimh.
Cha b’
ann air Napoleon bu lugha bha de chabhaig a’
cur armailtean ’
an òrdugh gus e féin a dhìonadh o ’
naimhdibh lìonmhor cumhachdach. ’
An toiseach mìos meadhonach an t-
samhraidh,
bha còrr ’
us leth muillein saighdear aig’
air an togail.
Ach dh’
fheumadh e beagan ùine gu iad sin iunnsachadh ’
us armachadh.
Bha còrr ’
us muillean aig luchd na comhbhoinn.
Bha Uelington (
nis na Dhiùc)
an dèigh armailt lìonmhor Bhreatunnach ’
us Ghearmailteach fhaotainn cruinn ’
am Belgium ’
an toiseach a’
mhios mheadhonaich.
Bha Marsal Blucher a’
dlùthachadh ris le ceud mìle Prusianach.
Bha feachdan Rusia ’
us Austria ag ullachadh air son marsail as an dùthchaibh féin.
Thug an t-
eagal gu ’
n tigeadh iad sin uil’ ’
an ceann a chéile,
air Napoleon ro chus cabhaig a dheanamh gu dol air tòir Uelingtoin ’
us Blucher, ’
us là blàir a thoirt doibh air leth,
na ’
m bu chomasach e.
Air a’
chuigeamh là deug de ’
n mhìos chaidh e seachad air a’
chrìch Fhrangaich le sea fichead mìle fear.
Bha Diùc Uelingtoin ann am Brusels,
ceann bhaile rioghachd Bhelgium,
aig an àm, ’
s chual e ’
n oidhche sin féin gu’
n robh ’
m Frangach a’
tighinn.
Air maduinn an ath là mharsail e roinn mhaith de ’
n fheachd gu àite ris an abrar Quartre Bras,
sea mìle deug á Brusels,
far an robh dà rathad mhòr a’
dol tarsuinn air a chéile.
Bha ’
m Frangach ro dhéigheil air sealbh fhaotainn ’
s a ghleidheadh air an àite so gus an cumadh e feachdan an luchd comhbhoinn o chéile.
Bha Uelington ro dhéigheil air an ait’
fhaotainn, ’
s a chumail gus an gleidheadh e sligh’
fhosgailt eadar e féin ’
s Blucher.
Air an t-
seathamh là deug chaidh Napoleon a
[443] chogadh ri Blucher air leth,
ach chuir e Marsal Nei le dà fhichead mìle fear a’
ghleidheadh sealbh air Quartre Bras.
Bha na Frangaich agus feachd Uelingtoin a’
tighinn gu Quartre Bras mu’
n cuairt de ’
n aon àm, ’
s lean iad air còmhrag ri ’
chéile’
a’
chuid mhòr de ’
n là,
gun taobh sam bith a theicheadh.
Chaidh mòran a mharbhadh air gach taobh.
Chuir Napoleon,
aig Ligni,
an ruaig air Blucher,
a theich air falbh dheth ’
n àraich an déigh àireamh mhìltean a chall.
Ach theich e ’
an òrdugh maith; ’
s chuir Napoleon Marsal Grouchi le cuig mìle deug thar fhichead ga ruagadh, ’
n uair a chaidh e féin gu deannal a thoirt air Diùc Uelingtoin. ’
N uair a thuig Uelington gu ’
n do theich Blucher,
mharsail e féin air ais gu baile beag ris an abrar Uaterlù,
mu naoi mìl’
o Bhrusels,
far am biodh e ni b’
fhaid’
air falbh o Napoleon agus ni b’
fhaisg air còmhnadh sam bith a dh’
fheudadh Blucher a dheanamh leis.
8. ’S gann a tha eachdraidh a sgrìobhadh ’s an Roinn-Eòrp’ o’n àm ud anns nach ’eil iomradh air blàr Uaterlù; ach cha ’n ’eil fear sam bith a’ gabhail air làn chunntas a thoirt air gach car a chuir an dà fheachd a bha ’còmhrag ri chéile dhiubh ré an là ainmeil ud. Bha mu cheithir fichead mìle fear fo threòrachadh Uelingtoin. Bu Bhreatunnaich deich mìle fichead diubh sin, a measg an robh trì réisimeidean Gàelach.[Bha e ’na ni comharraichte gu’n robh meadhon Chatoibh ga fhàsachadh, ’s na tighean ga’n losgadh os ceann an luchd àiteachaidh aig an dearbh àm ’s an robh àireamh mòr de shluagh na Siorrachd sin a’ cathachadh ’an aghaidh naimhdean Bhreatuinn, ’s naimhdean na Roinn-Eòrp’, araon ’s na h-Innsibh a ’s ear, agus ’an aghaidh Napoleoin. Ged a thigeadh am Frangach fuilteach féin air tìr le ’chuid feachd air taobh deas no tuath Chatoibh ’s gann a b’ urrainn e léir sgrios a b’ eagalaich’ a dheanamh air aitibh còmhnuidh phàrantan na muinntir a bha ’leigeadh sìos am beath’ ann an dùthchaibh céin air son dìon na rioghachd ’s a còraichean. ] Dh’ fheumadh gu ’n robh feachd Napoleoin gu maith ni bu lìonmhoire na feachd an Diùc. Bithidh an t-ochdamh là deug de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1815, iomraideach gu bràth mar Là Uaterlù. B’ aithne do ’n Diùc an t-àite
[444] roimhe sud; ’
s bha e ’
n déigh a làthrach a roghnachadh mu’
n tàinig na Frangaich.
Thog Napoleon ’
àite mu choinneamh an tulaich air an robh feachd an Diùc air socrachadh.
Thòisich an cath mu dheich uairean ’
s a’
mhaduinn leis an eachraidh Fhrangach a thoirt garg ionnsuidh air armailt an Diùc fhuadachadh o ’
n àraich;
ach chuireadh air an ais iad le mòran call’
air gach taobh.
Mar so lean an cath gu feasgar;
ionnsuidh fhuilteach an déigh ionnsuidh air taobh nam Fràngach,
agus gun an Diùc a’
deanamh dad ach a’
gleidheadh a làthraich.
Bha lagan ìosal eadar an dà thulaich air an robh na h-
airmailtean ’
n an seasamh.
Fhad ’
s a bha na Frangaich a’
dol no tighinn tre ’
n ìsleachd sin bha gunnaidhean an Diùc a’
deanamh sgathaidh uamhasaich orra.
Ach ’
s ann a bha na Breatunnaich a’
fulang gu h-
àraidh an uair a thigeadh na Frangaich gu ionad tharruing lann riu.
Ghléidh an Diùc fad an là an làthrach a roghnaich e;
ach bha e ’
fàs iomguineach mar a bha ’
m feasgar a’
tighinn ’
s nach robh Blucher a’
tighinn.
Ach mu sheachd uairean chualas fuaim ghunnaidhean mòr’
a’
Phrusianaich ag éigheach gu’
n robh e ’
tighinn co cabhagach ’
s a b’
urrainn e.
Bha Blucher an déigh car mu chnoc a thoirt do ’
n Fhrangach a chuireadh air a thòir;
ach chuir sin e féin air fior dhroch rathad,
troimh ’
n robh e doirbh a’
chuid throm de ’
n fheachd a ghiùlain.
Thuig Napoleon a nis gu’
n robh e dheth,
mur briseadh e neart an Diùc mu’
n ruigeadh còmhnadh an fhir eil’
e.
Chuir e réisimeidean ùr a steach a nis,
agus leis na bh’
aige de neart thug e ionnsuidh air na Breatunnaich ’
s na bha còmhladh riu;
ach sheas saighdearan an Diùc eadhon ris an ionnsuidh so.
Agus mar a bha ’
cheud dol air ais aig na Frangaich chaidh Blucher,
le ’
chuid Phrusianach, ’
an òrdugh cath’
air làimh chlì an Diùc.
Thug an Diùc an sin òrdugh do a chuid dhaoin’
iad a ruagadh air falbh an nàmhaid.
An uair a dh’
fhairich na Frangaich gu’
n robh nàmhaid ri ’
n taobh co maith ’
s ri ’
n aghaidh chaill iad an tapadh, ’
s mar thonn ’
an déigh a neart a chaitheamh,
phill iad air an ais.
Mar thonn ag éiridh ’
na neart leum gach Breatunnach ’
us Gearmailteach air an sàil’
ga ’
n
[445] gearradh sìos, ’
s ga’
n sguabadh rompa mar chlachaibh a’
mhuil.
B’
éigin do Napoleon ’
s do gach fear eil’
a b’
urrainn a chasan a thoirt leis.
Chaidh mòran diubh as an rathad a’
dol seachad air a’
cheud drochaid a thachair riu.
Mar a bha Gearmailtich ’
us Breatunnaich an Diùc air an sàrachadh le obair an là,
cha robh iad ro luath-
chosach ’
s an ruaig.
Cha robh na Prusianaich a’
marsail ach glé mhall tre ’
n là.
Bha iad a nis air talamh lòm,
rèidh.
Bha cothrom ac’
an tòrachd thoirt a steach air son an ruagaidh a rinneadh orra féin dà là roimhe sud.
Ghabh iad an cothrom le cìocras.
Eadar na trì là blàir ud ’
an déigh a chéile,
chaidh dà fhichead mìle Frangach a mharbhadh;
bha àireamh mòr air an leònadh ’
s air an glacadh ’
na ’
m prìosunaich.
Thuit mòran de ’
n cuid armachd, ’
s an treathlaich chogaidh uil’ ’
an làmhaibh na muinntir a bhuadhaich.
Chaill Blucher sea mìle deug fear;
chaill Diùc Uelington trì mìle deug.
Bha Napoleon ’
am Pàris air an fhicheadamh là,
a dh’
innseadh sgeul a’
bhròin.
Thug e oidhirp air an t-
Seanadh aomadh gu feachd eil’
a chur ’
an uidheam dha. ’
N uair nach gabhadh sin deanamh,
rinn e atharrais de lìbhrigeadh air crùn na Frainge d’
a mhac.
Dh’
ullaich e ’
n sin air son ruith air falbh a dh’
America.
Ràinig e port ris an abrar Rochfort air an treas là de threas mìos an t-
samhraidh.
Ach bha ’
n t-
oirthir air a chuairteachadh le càbhlach Bhreatuinn, ’
s gach rioghachd eil’
a bha cogadh ris,
co dòmhail ’
s nach robh rian aig’
air teicheadh.
Air a’
chuigeamh là deug de ’
n mhìos thug se e féin suas do chaiptin na luinge Sasunnaich Bellerophon,
gus a thoirt gu Prionnsa Ueils a bha ’
na Thàinistear, ’
an dùil gu’
n deanadh e fàbhar ris ’
na airc. ’
An déigh do ’
n luing tighinn do Shasunn leis,
cha ’
n fhaigheadh e cothrom cas a chur air tìr.
Chaidh ’
òrduchadh do eilean beag ris an abrar St.
Helèna,
air taobh ’
s iar Africa,
far na chumadh e ’
na phrìosunach cogaidh gu àm a bhàis,
a thachair air an treas là de cheud mhìos an t-
samhraidh 1821.
Bhàsaich a mhac ’
an ceann a thrì bliadhn’
a dh’
aois. ’
S a bhliadhna 1840 fhuair na Frangaich cothrom a chorp a thoirt do ’
n
[446] Fhraing,
far an deachaidh adhlacadh le mòr ghreadhnachas a measg dhaoin’
ainmeil na tìre sin.
9. An uair a thàinig an t-sìth, ’s a thuit tuarasdal gach seòrsa luchd-oibre, thòisich muinntir nam bailtean mòr air feadh Bhreatuinn ri tuasaid ’us troimhe-chéile, a’ gearan air an droch riaghladh a bh’ air a dheanamh orra. Bhiodh iad a’ cumail choinneamhan ’an caochladh àitibh gu bhi ’tagradh air son na Pàrlamaid a cheartachadh. Bhiodh cuid a’ call am beath’ aig na coinneamhan sin an uair a bhiodh an t-arm ga ’n cur o chéile, ’s bha mòran diubh air an cur ’am prìosun. Bha e ’meudachadh mì-thoileachadh an t-sluaigh gu’n robh gach cìs ’us cuspainn a bh’ air an leagadh air nithibh ré a’ chogaidh, air am buanachadh ri àm sìth. Bha riadh nam fiachan ’na eallach tròm air an dùthaich. ’N uair a thòisich cogadh na Frainge ’s a’ bhliadhna 1793, bha fiachan Bhreatuinn dà cheud agus deich muilleana fichead (£230,000,000). An uair a sguir an cogadh ’an déigh blàr Uaterlù bha ’n càrn air fàs suas gu ochd ceud ’s trì fichead muillean (£860,000,000). Bha bàrr neo-àbhaisteach bochd ’s an rìoghachd ’s a’ bhliadhna 1816. Bha gach seòrsa lòin dùblachadh na prìs a bha e uair sam bith o’n àm sin. ’An toiseach an t-samhraidh 1816 phòs a’ bhan-phrionnsa, Charlot, prionnsa Leopold, á Sacs-Còburg. Air an dara là fichead de cheud mhìos a’ gheamhraidh, 1817, bhàsaich i ’n déigh a h-aisead air leanabh marbh. Cha robh i ach dà bhliadhna thar fhichead a dh’ aois. Bha i gu mòr air a caoidh feadh Bhreatuinn gu léir. Air an naoidheamh là fichead de dhara mìos a’ gheamhraidh, 1820, chaochail rìgh Seòras III., anns an trì ficheadamh bliadhna de ’rìoghachadh, agus anns an dara bliadhna thar a’ cheithir fichead de ’aois. Thàinig a mhac bu shine, Tàinistear Bhreatuinn, thun na caithreach ’na àite, fo’n tiodal, Seòras IV.