[447]

CAIB. XLVI.

SEORAS IV.UILLEAM IV.

GOIRID an déigh do Sheòras IV. tighinn thun na caithreach fhuaradh a mach comhfheall eagalach a bha ga h-ullachadh le buidhinn de dhaoine dànam baile Lunuinn, aig an robh fear Thistlewoodna cheann-iùil. ’S e bha iad agealltuinn doibh féin gu marbhadh iad uile mhinisteirean an rìgh an uair a bhiodh iad cruinn aig dìnneiran àitàraidh; gun cuireadh iad Lunuinn ri thein’ ’an caochladh àitibh aig an aon àm, ’s gun gabhadh iad féin sealbh air an tighearnas. Ach bhrathadh iad le neach éigin, ’s chaidh an glacadh an dearbh oidhcha bha dùil acan t-olc a dheanamh. Chrochadh cuigear dhiubh. Mun cuairt don àm so dhéirich buidheann bheag eile, mu leth-cheudan àireamh, ’an ceannairc ann an Cill-Saoidhan taobhs iar Alba. Bha iad armaichte le spealaibhs le dagaichibh. Chaidh an sgapadh leis an arm dhearg, ’s naoi deug dhiubh a ghlacadh, dhethn robh dithis air an crochadh, ’s an còrr air an cur do dhùchaibh céin, mar chiomaich. An uair a chualabhan-phrionnsa, Carolin, gun tàinig a fear-pòsda thun na caithreach, thàinig i nall as an Eadailt, far an robh i air chuairt o cheann iomadh bliadhna, ’s thagair i bhi air a h-àrdachadh gu inbhe ban-righ Bhreatuinn. Cha robh an rìgh nochuid mhinisteirean deònach sin a leigeadh air aghart. Thug iad oidhirp air Reachd a dhaingneachadhan Tigh na Moraireanna h-aghaidh, adearbhadh gun robh i neo-dhìleas da fear-pòsda. Ach bha sluagh na rioghachd co mòr air an gluasad leis an fhòirneirt a rinneadh oirre ùine co fada, ’s gum béigin achùis-dhìtidh a leigeadh fa làr. ’N uair a bhan rìgh ga chrùnadh air an naoidheamh deug de threas


[448] mìos an t-samhraidh, 1821, dhiarr abhan-righ cothrom a dhol a steach a dhfhaicinn achrùnaidh. Ach cha dfhuair i eadhon an cothrom sin. Bhàsaich i trì seachduinean an déigh sin, mar tha cuid ag ràdh, leis abhriseadh cridhe. Goirid an déigh a chrùnaidh, chaidh an rìgh cuairt do Eirinn, ’s an ath mhìos do Hanobhar, rioghachd a shìnnsir. Air achuigeamh deug de chend mhìos an fhoghair, 1822, thàinig an rìgh do Alba, rioghachd air nach do chuireadh an t-urram sin o àm na Rìghchuairt. Dhfhan en Alba gus an t-seachdamh fichead den mhios. Bha ecaitheamh na h-ùine sinam fleadhachas còmhladh ri àrd-mhaithibh na tìre.

2. Bhan bhliadhn’ ’an déigh so, neo-àbhaisteach soirbheachail a thaobh malairt air feadh Bhreatuinn uile. Bhan t-airgiod anabarrach pailt. Thòisich daoinatoirtan iasachd do gach Stàites an Roinn-Eòrpas an America. Thòisich cuideachda, no Luchd-pàirt, ag éiridh anns gach ceàrna. Ach bha mòran amealladhs acaradh a chéile, ’s bha na gnothuichean air an robh iad atòiseachadh adoln an aghaidh. ’S e bun a bhann, ’an ceann bliadhna no dhà thòisich na comunnan aseargadhs a briseadh o chéile co cabhagachs a bha iad adol cuideachd. ’S an bhliadhna, 1825-6, bhris iomadh Banc air feadh Bhreatuinn, ’s mòran de na comunnan ud a chuireadh suas air son malairt achur air aghartan caochladh àitibh den rioghachd. Thug na nithe sin air mòran cheannaichean briseadh, agus sgaoil an call a measg gach inbhe sluaigh. Ach le misneachadh fhaotainn o Bhanc Shasuinn, bha creideas a lion cuidus cuid air aiseag a measg luchd malairt.

3. Bha ministeirean achrùin ag atharrachadh mun àm so co trics ged a bha iomadh lagh feumail air an deanamh leò, nach biodh e glé thaitneach a bhi gan ainmeachadh uile. ’An toiseach na bliadhna 1828, thàinig Diùc Uelingtoin gu bhina Phrìomhair. Bha Mr Peel (an déigh sin Sìr Raibeart), a measg a chomh luchd dreuchd. Goirid roimhe sin, ’am meadhon an t-samhraidh 1827, sheulaicheadh còrdadhan Lunuinn eadar ministeiribh Bhreatuinn, ’s na Frainge, ’s Rusia air son stad a chur air achogadh fhuilteach


[449] a bheadar an Turcach, agus na Greugaich a bhair éiridhna aghaidh gus a chuing a thilgeadh dhiùbh. Agus air an fhicheadamh de threas mìos an fhoghair sgrios càbhlaichean aonaichte nan trì rioghachdan sin an càbhlach Turcach ann am Camus Nabharìno. Anns abhliadhna 1830 fhuair na Greugaich an saorsainn o chuing an Turcaich. Tha iad on uair sinn an rioghachd air leth leò féin. ’S e ni àraidh air son a bheil tighearnas Uelingtoin ainmeil, gun drinneadh lagh ro fheumail ri linn e bhi air ceann an tighearnais. Ben ceud aon diubh sin atharrachadh a dheanamh air an Reachd a rinneadh ri linn Theàrlaich II. a réir nach feudadh duine sam bith a bhi air a ghabhail a steach do dhreuchd fhollaisich gun e ghabhail na sàcramaid a réir riaghailtean na h-eaglais stéidhichtann an Albas an Sasunn. Bha so acumail a mach as gach dreuchd fhollaisichs an rìoghachd mòran de dhaoine saibhir, comasach, ni abhag aobharachadh mòran -thoileachaidh a measg an t-sluaigh. Chaidh an lagh atharrachadh aig an àm so, air sheòls gum feudadh duinuasal sam bith a bhi air a ghabhail a steach do dhreuchd fhollaisich gun a chreud atharrachadh. Chaidh lagh eilatharrachadham fàbhar nam Pàpanach. Chan fheudadh aon diùbhsan roimhe so o àm na Rìghchuairt dreuchd fhollaiseach sam bith fhaotainns an rioghachd. Ach bha na Pàpanaich aig an àm so, gu h-àraidhan Eirinn, air tighinn gu buaireas mòr air son an leth-bhreth a bha air a deanamh orra. Bha fear Daniel O Connelna churaidh aca, gu bhi tagairt an cùisean feadh Shasuinn. Anns abhliadhna 1829 thug ministeirean a chrùin Bil a steach don Phàrlamaid air son an lagh so atharrachadh air sheòls gum feudadh Pàpanach sam bith a bhina fhear-dreuchd le e mhionnachadh gum biodh e dìleas don rìgh, ’s aideachadh nacheil tighearnas aimsireil aig Pàpa no aig neach sam bith eiles an rìoghachd so, ach luchd riaghlaidh dligheach na rìoghachd féin. Air an treas deug de mhìos meadhonach an earraich chuireadh an Seula Rìoghail ris an Achd sin; agus on uair sin tha na Pàpanaich afaotainn nan aon chòraichean ri ìochdarain
[450] eile na rìoghachd. Chaochail Seòras IV. air an t-seathamh fichead de mhìos meadhonach an t-samhraidh 1830, ’s an ochdamh bliadhna thar an trì fichead deaois, agus thàinig a bhràthair a bfhaisge, Diùc Chlarens, thun na caithreach, fon tiodal, Uilleam IV.

titleCaibideil XLVII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page