[450]

CAIB. XLVIII.

UILLEAM IV.

Mun cuairt do mhìosan déigh do rìgh Uilleam tighinn thun na caithreach thachair Rìghchuairt eiles an Fhraing a chuir buaireas mòr air na Breatunnaich. Chuireadh air falbh on chaithir Teàrlach X., bràthair Luthais XVIII., amheur bu shine den teaghlach rìoghails thugadh a steach Diùc Orleans, meur a bòigan teaghlaich, fon tiodal, Luthais Philip, Rìgh nam Frangach. Bha gluasad mòr roimhe sud a measg nam Breatunnach, ag iarraidh co-shuidheachadh na rìoghachd a dheanamh ni bfharsuinge, air sheòls gum biodh guth aig cuid mhaith ann an roghnachadh Buill Pàrlamaid, aig nach robh fathast còir air sin. Roimhe sud bha mòran de Bhuill na Pàrlamaid air an cur a stigh le seana Bhuirgh, anns nach robh ach tearc de luchd àiteachaidh, an uair a bha Buirgh ùr air éiridh suas anns an robh mòran luchd àiteachaidh, aig nach robh còir idir air Ball a chur a steach. Mar bu trices ann do theaghlaichibh nam Morairean a bhuineadh na Buirgh ud, nom fearann air an robh iad, ’s gheibheadh iad an càirdean féin air an cur a stigh; ’s theirteadh Buirgh Pòcaid riu air son sin. Bha iad ag iarraidh co-cheartass an t-seadh so. Agus ni eila bha iad ag iarraidh


[451] atharrachadh, gum biodh Vote aig cuid do nach buineadh sin roimhe, a thaobh lughad an cur a stigh: cuid ag iarraidh an cur a stigh a bhin t-suim so, ’s cuid an t-suim ud eile, mum faigheadh iad Vote. Thug Morair Iain Rusel Bil a steach don Phàrlamaid air son an co-shuidheachadh a leasachadh a réir nan nithe so. Ach bhan àireamh bu mhòna aghaidh, agus sgaoil an rìgh aPhàrlamaid, ’s roghnaicheadh Pàrlamaid nuadh aig àm ris am feudtadh da rìreadh àm carraideach a ràdh. Bhan àireamh bu mhò den Phàrlamaid sin air taobh aBhil; ach bha mòran de Thigh nam Moraireanna aghaidh, ’s béigin tuilleadh Mhòrairean a dheanamh mun dfhuaradh troimhn Tigh-san e. Thàinig achuid deth a bhuineadh do Shasunn gu bhina lagh air an t-seachdamh de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1832, agus achuid deth a bhuineadh do Albas do Eirinn air an mhìosan déigh sin. Thug an lagh so a bhi air a dhaingneachadh mòr shìth don rìoghachd aig an àm; ach bha mòran de na h-àrd uaislibhna aghaidh. Bhan reachd so atoirt Vote air son Ball Pàrlamaid a roghnachadh do gach Albannach a bha pàigheadh leth-cheud Punnd Sasunnach de mhàl air son a chuid fearainn, no deich Puinnd Shasunnach de mhàl tighe ann am baile mòr, no mas sealbhadair e air tigh ann am baile mòr is fhiach deich Puinnd Shasunnachs abhliadhna. Thachuid den lagh a bhuineas do Shasunns do Eirinn faisg air a bhi coslach ri so.

2. Bithidh abhliadhua 1833 ainmeil am feasdan eachdraidh Alba, mar abhliadhnas na thòisich an còmhrag da rìreadh eadar an phàirtidhs an eaglais mun Phàtronachd; an dara pàirtidh ag iarraidh an lagh ud a chur as gu h-iomlan, mar ni ro chronail don eaglais, no mur faighteadh a cur as gu buileach, a deanamh co neo-chronails a burrainn iad. Ach bhaphàirtidh eiledlùth leantuinn ris aPhàtronachd, mar ni ris nach robh e sàbhailte dealachadh, no co-dhiù a bha so-ghiùlainte. Bha caochladh nithe araonan taobh a stigh dhi féin, ’s an taobh a mach dhi, ga cur thuiga dhionnsuidh achòmhraig so aig an àm ud. Tha eachdraidh


[452] ag innseadh gun tàinig eaglais na h-Alba gu bhi co iosals a bha i riamh mun bhliadhna 1779. Bann air abhliadhna sin a rinn a h-Ard-Sheanadh an t-Achd a bha cumail a mach as a cùbaidibh searmonaiche sam bith nach robh decomunn féin; agus nach feudadh ministeir sam bith, ged a bhuineadh e don eaglais, searmoin a dheanamhan coimhthional air bith gun aonta ministeir achoimhthionail sin a bhi aige. Bha e air a ràdh gum be sgrìob a thug Rowland Hill feadh Alba baobhar dha so. Bha i air Achd eile a dheanamh bliadhna no dhà roimhe sin a réir nach feudtadh eaglais ùr a thogail, no coimhthional ùr a dheanamhan àite sam bith, ged a bhiodh an sluagh deònachus comasach air sin, agus feumach air mar an ceudna, gun chead an Ard-Sheanaidh. Le so bha i gu h-achdaidh acumail eaglaisean gun a bhi air an togail.

3. Ach aig an dearbh àms an robhn eaglais air a toirt co iosal so leis an dream aig an robh làmh an uachdar an taobh a stigh dhi, bha ministeirean treubhach, dìleas, ag éiridh innte féin a bha gniomhach, soirbheachail, eudmhor mu dheadh oibribh. Feudar sreath dhiubh ainmeachadh, a bhan an cinn-iùil, fear an déigh fir, agus aig an robh eòlas pearsonta, gach aon diubh air an fhear a bha roimhe; Dr Erscin, Sìr Eanruic Moncrief, Dr Aindrea Tomson Dhuneidin, duine comharraicht’, agus Dr Chalmers. Agus a thuilleadh orra so uile, bha Dr Hill féin, ceann-iùil taobh nam Moderates, agus fear-teagaisg naministeirean ògan Cill-Rìmhinn, afàs ni bu sholusaiches ni bu shoisgeulaiche gu deireadh a latha. Mar so bha solusus eud na h-eaglais ameudachadh, air sheòls anns abhliadhna 1828 gun daidich i gum bu chòir luchd teagaisg a chur a null thun nam Pàganach. Agus air an ath bhliadhna chuireadh Dr Duff do na h-Innsibh as ear. Aig an àm cheudna bha caochladh nithe adol air aghart air taobh a muigh na h-eaglais aig an robh buaidh faobharachaidhus dùsgaidh suas oirre gu i féin a chrathadh on duslach. Bha na geugan a bhair dealachadh ris an eaglais o àm gu h-àm roimhe sud, asìor dhol


[453] ’an gairbhead, ’s bha cuid diubh ag aonadh ri chéile, ’s mar a bha iad sin gam faireachadh féin saor o chuing sam bith a bhi aig an Stàite thairis orra, chan fhuilingeadh iad a chluinntinn, gun robh an eaglais Shuidhichte ni bfhearr na iadsan, no eadhon co maith riu, co fads a bha cruaidh-shnaim na Pàtronachd rifhaicinn timchioll air a muinneal. Uaithe so dhéirich cogadh phàipeirean eadar an eaglais Shuidhichtagus sliochd nam fiùdhalach a bha roimhe sud air fàgail a comuinn, a tha gu so anochdadh cia co anabarrach dealasach, buan-leantalach, gleusta fon cuid armachd, ’s a bha na cinn-iùil ud, air gach taobh, a bha gu togarrach gan tilgeadh féin don chath bu déine. Mar nach burrainn luchd tagraidh na h-eaglais Suidhichtàicheadh nach robh aobhar nàiracair son tràillealachd na Pàtronachd, ’s e rùnaich iads abhliadhna 1833 gach oidhirp a ghabhadh deanamh a chleachdadh air son a cumhachd a lagachadh, mur burrainn iad a crathadh dhiùbh gu buileach. Ach bha taobh nam Moderates gadionadhs an Ard-Sheanadh, ’s chaidh acair a cumailna neart an aon bhliadhnud fathast. Ach fhuaradh an àireamh bu mhòan aghaidh na Pàtronachd ann an Ard-Sheanadh 1834. Air abhliadhna sin dhaingnich an t-Ard-Sheanadh an Reachd ris an abrar Veto Law, a réir an robh comas aig coimhthional ministeir a fhuair Presentation, a dhiultadh, ma bha coirean acana aghaidh a sheasadh air beulaobh nan cùirtean eaglaiseach. Bhan lagh sos amhòrchuid ag oibreachadh gu maith. Ach bha tearc de na ministeirean a fhuair Presentation, agus nach robh an sluagh deònach air an gabhail, -riaraichte leis achumhachd so a bhi aig coimhthional sam bith. Agusan ùine ghoirid thòisich fearus fear dhiùbh sin atarruing nan Cléirean gu Cùirt an t-Seisein a chionn nach robh iad gan suidheachadhs na h-àitibh a bham Pàtron atairgseadh dhoibh. Ma bha Cléir sam bith co soirbhs gun robh iad asuidheachadh ministeir an aghaidh toil an t-sluaigh air chomhairle Cùirt an t-Seisein, bhan t-Ard Sheanadh acleachdadh an ùghdarrais féin os ceann buill fa leth na Cléirud
[454] le bhi gan cronachadh gu follaiseach, no gan curn an tosd car ùine, no eadhon gan cur as an dreuchd. Bha Cùirt an t-Seisein an sin atighinns an eadraigin a chum na ministeirean a bha umhail doibh a dhìonadh o ùghdarras an Ard-Sheanaidh. Bhan rioghachd aig an àm ud, da rìreadh roinnte na h-aghaidh féin. Cùirt an t-Seisein ag àicheadh gun robh cumhachd aig an eaglais am Veto Lawdhaingneachadh, agus an eaglais acumail a mach gun robh còir aicair a leithid sud de Reachd a dhaingneachadh. Cha bhuin e don eachdraidh so leudachadh air na fulangasaibh a bhaig cuid de luchd dreuchd na h-eaglais anns a bhi toirt ùmhlachd do ùghdarras an Ard-Sheanaidhan co-cheangal ris aVeto Law, no idir a dhol a dhfhasgnadh nan argumaidean leis an robh taobh seach taobh adìonadh an gniomharan féin, ach a mhàin iomradh ath-ghearr a dheanamh air aobharaibh na h-aimhreit, a chionn nach robh ni sam bith eila bhuineadh don rioghachd, an taobh a muigh, non taobh stigh dhi, leis an robh gach inbhe measg an t-sluaigh co mòr air an gluasad nan deich bliadhnud, ’s a bha iad le cor na h-eaglais.

4. Anns abhliadhna 1834 dhaingnich aPhàrlamaid Reachd leis an robh na Daoine Dubhabhan an tràillibhs na h-Innsibh as iar air an cur gu bràth saor o fhòirneirtus ain-tighearnas an luchd-sàrachaidh. Bhan Reachd maith so gu bhi air a churan gniomh on cheud de cheud mhìos an fhoghair. Achan àite na Daoine Dubhaleigeadh air an gurt féin, gun neach asealltuinn as an déigh, bhan t-Achd asolarachadh gum feumadh gach aon diubh fantuinn còmhladhrimhaighstir, mar fhòghluide thrì no cheithir bliadhna,agus a bhin ceann seirbhis fhichead uairs a cuig de thìms an t-seachduin. A chums nach fuilingeadh neach sam bith air son an Achd oircheasaich ud a bhi air a dhaingneachadh dhaontaich aPhàrlamaid ri fichead muillean Punnd Sasunnach aphàigheadh do na maighistiribh air son an saorsainn a thoirt do na tràillibh.

5. Air abhliadhna 1835 bha aire na Pàrlamaid gu mòr air a


[455] togail le gnothuichibh Eirinn, gu h-àraidh staid na h-eaglais Shuidhichtes an tìr sin. Ach an déigh mòran deasboireachdus connsachaidh dhfhàg iad nithe dìreach mar bha iad roimhe. Anns an ath bhliadhna rinn aPhàrlamaid caochladh Achdan a bha feumail do Bhreatunn. Achs en t-aon is ainmeile dhiubh sin an t-Achd coitchionn air son cur air chuimhne Breithus Pòsaidhus Bàis anns na trì rioghachdaibh.

6. Chaochail Uilleam IV. ’an Lunuinn air an fhicheadamh de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1837. Cha robh aig an rìgh ach dithis de chloinn dhlighich; agus bhàsaich iad sinn an cloinn bhig. Bebhràthair a bfhaisge, Diùc Chent, oighrachrùin aig bàs Uilleim IV. Ach bha Diùc Chent air bàsachadh iomadh bliadhna roimhe so, agus gun aige de theaghlach ach aon nighean, abhan - phrionnsa Uictoria. Bi so a nis abhan-oighre dhligheach, agus chaidh a h-éigheachna ban-righ Bhreatuinn an déigh bàis bhràthar a h-athar.

titleCaibideil XLVIII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page