CAIB. XLIX.
BAN-RIGH UICTORIA.
BHA rìghrean Bhreatuinn o linn Sheòrais I. ’n an rìghribh air Hanòbhar mar an ceudna; ach bha lagh àraidh air a dheanamh, roimhe sud, leis an robh e eucomasach do bhan-righ a bhi air Hanòbhar. Theirear gu Gallda Salic Law ris an Achd so. A réir an lagha so thàinig mac bhrathar a h-athar, Diùc Chumberland, gu bhi ’na rìgh Hanòbhair, ged a bha e leis an lagh Bhreatunnach air a chumail a mach o chrùn nan rioghachdan so.
2. Mu ’n dearbh àm ’s an tàinig Uictoria thun na caithreach bha mòr throimhe chéil’ a measg luchd-àiteachaidh Chanada. Bha iad ro mhì-riaraichte roimhe sin air son ghniomharran féin-thoileach an Riaghlair, air son gu ’m b’ iad a’ mhuinntir a thogradh e féin a bh’ air an òrduchadh gu bhi ’na ’m buill de ’n Chomhairle, ’s gu ’n robh feum mì-laghail ga dheanamh de airgiod follaiseach na dùthcha, agus e bhi sgaoileadh na Pàrlamaid ’n uair a thogradh e, gun aobhar; agus nithe eile de ’n t-seòrsa sin. Agus mu dheireadh na bliadhna 1837, dh’eirich mòran diubh ’an ceannairc ’an aghaidh an riaghlaidh a bha Breatunn air a chur suas na’ measg. Ach ’an ùine ghoirid sgapadh na ceannaircich as a chéile. B’ ann air lorg na tuasaid so a chaidh co-shuidheachadh na dùthcha atharrachadh goirid an déigh sin. A’ chuid ’s a’ chuid, fhuair iad am Pàrlamaid féin a bhi, gu ìre bhig, gu h-iomlan saor o ùghdarras na Pàrlamaid Breatunnaich. Bha troimhe chéile mòr, goirid an déigh an ama so, aca ’s na h-Innsibh a ’s iar air lorg nan tràillean a dh’ fhaotainn an saors’, agus mar an ceudna, bha Eirinn ’an staid glé luaisgeanach. Ach ged a bha luchd riaghlaidh an là air an cur ’na ’m boil leis na nithibh ud, cha do thachair ni neo-àbhaisteach sam bith air an ruigear a leas a bhi leudachadh. An uair a dh’ innseadh do ’n Phàrlamaid ’s a’ bhliadhna 1840 gu ’n robh bhan-righ a’ dol a phòsadh Prionns’ Albert á Sacs Coburg, dheònaich iad dha deich mìle fichead Punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna de chur a stigh.
3. Bha cogaidhean mòr’ aig an tighearnas Bhreatunnach ga ’n toirt air aghart mu’n àm so. An ceud aon diubh sin, ri cinn-fheadhna nan tìrean a’ th’ eadar Persia agus na h-Innsean an ear ris an abrar Afghanistan. Bha na cinn-fheadhna so ro chuilbheartach ’s ro fhuilteach, anns co fad ’s a chuir Breatunn earbs’ annta. ’S e bun a bh’ ann gu’n do mheudaich Breatunn a’ cumhachd ’s a’ choimhearsnachd ud, agus b’ éigin do gach ceann-feadhna ùmhlachd aideachadh dhi, no a càirdeas a chall. Dh’ éirich cogadh aig an àm cheudna ri China agus ri Mehemet Ali, uachdaran na h-Eiphit.
Chuidich Breatunn ris an duine sin a chumail o rioghachd an Turcaich a’ reubadh uaithe.
4. Anns a’ bhliadhna 1840 chuir daoin’ oircheasach, fad-sheallach ’an Duneidin Comunn air chois air son Lagh nam Bochd ’an Alb’ atharrachadh. Bha na Bochdan roimhe sud air an cumail suas le cuideachadh a bha iad a’ faotainn o gach Seisean eaglais fa leth feadh na rioghachd, agus a thuilleadh air sin bha cothrom aca dhol mu ’n cuairt, mar a b’ àill leò feadh na dùthcha gu cuideachadh fhaotainn o neach sam bith a bheireadh dhoibh e. Ach thug an Comunn ud ma ’n airidh gu ’m feumadh tighearnas Achd Pàrlamaid fhaotainn gu staid nam Bochdan ’an Alba rannsachadh a mach le sùil ri Reachd nuadh a dheanamh a réir am feumadh uachdarana fearainn, ’us tuath-cheathairn ’us daoine comasach eile gach sgìreachd fa leth na Bochdan a chumail suas; agus nach biodh cead aca tuilleadh a bhi dol mu ’n cuairt a dh’ iarraidh déirce ’an àite sam bith. B’ e Dr Alison cliùiteach aon de ’n mhuinntir bu ghniomhaich’ anns a bhi cur air chois a’ chomuinn so. ’An ceann cheithir bliadhna dhaingnich a’ Phàrlamaid a leithid sud de Reachd leis a bheil staid nam Bochdan ’s an rioghachd gu mòr ag eadar-dhealachadh o ’n t-suidheachadh ’s an robh iad roimhe sud. Cha robh na daoine mòra ’s na h-uil’ àite deònach air ùmhlachd a thoirt do ’n lagh so ’s a’ cheud dol a mach. Ach a’ chuid ’s a’ chuid thàinig e gu bhi air a chleachdadh ’s na h-uil’ aite de ’n rioghachd. Bha leithid sud de lagh air a dheanamh air son Eirinn goirid roimhe sud. Ach bha e air bith ’an Sasunn ùine mhòr roimhe sud. ’S a’ bhliadhna 1842 rinneadh lagh air son saor mhalairt ann ann arbhar Corn Laws) .Bha mòran ’an aghaidh an Reachd so a bhi air a dhaingneachadh; luchd fearainn ’us tuath mhòra. A lìon cuid ’us cuid fhuaradh air a dhaingneachadh e.
5. Bithidh a’ bhliadhna 1843 a ghnàth ainmeil ’an eachdraidh Alba mar bhliadhn’ an Dealachaidh. Bha cùirtean na h-eaglais ’s na cùirtean lagha air an toirt aghaidh ri h-aghaidh
7. Anns a’ bhliadhna 1842 chuir an t-Ard-Sheanadh litir-thagraidh thun na ban-righ tre làmhaibh a Fir-ionaid, Marcus Bhòid, a bha làthair aig an Ard-Sheanadh, anns an robh aobharan a’ chòmhraig eadar an eaglais agus Cùirt an t-Seisein gu soilleir, réidh, air an cur sìos. Bha air ainmeachadh ’s an litir so, na’n gabhadh a’ bhan-righ, le aont’ a luchd-comhairle, beachd fàbharrach air cùis na h-eaglais, gu’m feudadh i rian a ghabhail air Cùirt an t-Séisein a thoirt gu atharrachadh cleachdaidh ann am modh déiligidh ri nithibh a bh’ air a meas spioradail, agus an taobh thall dheth an cumhachd. B’ e Sìr Raibeart Peel Prìomhair Bhreatuinn aig an àm, agus ’s ann aig Sìr Seumas Greumach a bha riaghladh, ghnothuichean lagha na rioghachd aig a’ bhaile. Agus le comhairl’ an luchd-riaghlaidh sin thàinig fios air ais gu Buidheann an Ard-
7. An uair a chruinnich an t-Ard Sheanadh air an ochdamh là deug de cheud mhìos an t-samhraidh, shearmonaich Dr. Ueils, Ceann-suidhe na cùirt eaglais sin, ann an Eaglais Naoimh Giles; agus an déigh an t-searmoin chaidh an Ceann-suidh’ ’us buill eil’ an Aird-Sheanaidh do Eaglais Naoimh Aindreis, far an robh an t-Ard-Sheanadh gu suidhe, agus an robh caithir àrd, rìoghail, air a cur suas do Fhear-ionaid na ban-righ. Rinn Dr Ueils ùrnuigh agus an déigh do ’n choimh-thional mhòr suidhe thuirt e gu ’m b’e sud an t-àm àbhaisteach air son rol’ ainmean an Aird-Sheanaidh a dheanamh suas; ach a thaobh nithe àraidh a thachair o cheann ghoirid, ’an coimhcheangal ri co-shuidheachadh na h-eaglais, ’an rathad a bhi tilgeadh a còraichean bun os ceann, “tha mi,” ars’ esan “a’ togail mo ghuth ’an aghaidh sinn a dhol nis faid’ air aghart. Tha na reusona leis an robh mi air mo threòrachadh gus a’ chomh-dhunadh so air an cur sios anns a’ phàipeir so a tha ’n am làimh (am Protest) .” Leugh e’n sin am Protest fada; agus co luath ’s a bha’n
7. B’ ann ’s a’ bhliadhna 1845 a chaidh Lagh nam Bochd air son Alb’ a dhaingneachadh leis a’ Phàrlamaid. Agus glé ghoirid ’an déigh sin thàinig bochdan Alba gu bhi ni bu ro lionmhoire na bha iad o cheann ùine mhòr roimhe sin, leis a’ Bhuntat’ fhàilneachadh anns gach ceàrna de’n rìoghachd. Lean an galar ris a’ chuid so de thoradh na talmhainn sea no seachd a bhliadhnachan ’an déigh dha tòiseachadh ann an 1846; agus cha ’n ’eil e idir
8. Mu’n àm ud bha ’n Roinn-Eòrpa cha mhòr gu h-uil’ air a gluasad leis gach crathadh ’us troimhe chéil’ a thachair ’an ceithir no cuig de rìoghachdan a’ cheithreimh so de ’n chruinne. Ann an toiseach na bliadhna 1848 thòisich an iorghail ’am Pàris, àite na h-iorghail. Bha mòran de shluagh na Frainge roimhe sud air bi mì-riaraichte le modh riaghlaidh an rìgh, Louis Philip; agus thugadh ionnsuidh air a bheatha caochladh uairean, ged a bha e dol as gun bheud. Rùnaich mòran de shluagh Phàris fleadh mhòr a chumail air aon de shràidibh a’ bhail’ air an fhicheadamh là de cheud mhìos an earraich, a bu là sàbaid. Thoirmeisg an tighearnas dhoibh an fhéisd a chumail, gun mhòran atharrachaidh air an òrdugh ’s an robh iad gus a cumail. Ghabh an fheadhainn a bha fuathach air an rìgh ’s air a thighearnas so mar leth-sgeul gu tuasaid a dhùsgadh ’s a’ bhaile. Air Di-ciadne chaidh àireamh dhaoin’ a mharbhadh leis na saighdearaibh a chuir an tighearnas gus an tuasaid a chur sìos. Rinn so an gnothuch ni bu mheasa. Thàinig an iorghail gu leithid de àirde an ath là, Diordaoine, ’s gu ’m b’ éigin do ’n rìgh ’s d’ a theaghlach teicheadh a mach as an lùchairt air dorus folchuidh, agus an casan a thoirt leò thun an oirthir, gach aon fa leth dhiubh ’an cruth eile agus sgapta o chéile. Goirid an déigh sin ghabh iad an t-aiseag a nall do Shasunn far an do ghabhadh riu gu caoimhneil. Chuir na Frangaich suas Comh-fhlaitheachd, agus thug iad misneachd do na h-uile sluagh eile ’s an Roinn-Eòrp’ a bha mì-riaraichte le ’n cuid rìghribh, iad a dheanamh a leithid cheudn’ air gach aon diubh sin ’s a rinn iadsan air an rìgh fèin. Mu ’n deachaidh
Ged a bha Breatunn ni b’ fhaisg air an Fhraing na aon sam bith de na rìoghachdan sin ’s gann gu’n robh dad sam bith a ghluasad a measg na muinntir a bha mì-thoilichte le ’n staid. Dad sam bith a ghluasad a bha measg an fheadhainn a b’ ìsle de’n mhath-shluagh ’an ceann a deas Alba ’s gann gur fhiach e tuasaid a ràdh ris. Ach dh’ éirich troimhe chéile mòr ann an Eirinn aig an àm so. Gheall Lamartin, Riaghlair na Comh-fhlaitheachd Frangaich, do na h-Eireannaich gu’n dìonadh an Fhraing iad, na’m b’urrainn iad féin cuing Shasuinn a thilgeadh dhiùbh. Chuir fear Smith O Brian, Gàel Eireannach, a bha ’na uachdaran fearainn, e féin air ceann luchd na ceannairc, ’s rinn iad buaireas mòr feadh na dùthcha. Ach bha na Breatunnaich, ’s càirdean Bhreatuinn ’an Eirinn féin, ro làidir air an son. Chuireadh Smith O Brian ’an làimh, ’s dhiteadh e gu bhi air a chur thar chuan mar dhaorsannach, ’s air a chumail ’an sin ré a bheatha. Ach thug a’ bhan-rìgh maitheanas dha ’n ceann beagan bhliadhnachan, ’s fhuair e cothrom a dhol far an togradh e.
Bithidh e iomchuidh ann an co-dhunadh na h-Eachdraidh so cunntas aith-ghearr a thoirt air sluaghmhoireachd Alba aig caochladh amaibh, o thòisicheadh air gabhail an àireamh. Tha e air a mheas nach robh ’s an rioghachd mu dheireadh na seachdamh linn deug ach aon mhuillean sluaigh. Rinneadh a’ cheud oidhirp gu àireamh an t-sluaigh a ghabhail anns a’ bhliadhna 1755. B’ e ’n àireamh an sin 1,265,380. Tha àireamh sluaigh nan tri rìoghachdan air a ghabhail an ceann a h-uile deich bliadhna o’n bhliadhn 1801, agus aig gach àm fa leth dhiubh sin tha sluagh
1801, 1,599,068
1811, 1,805,637
1821, 2,093,456
1831, 2,365,114
1841, 2,600,000
1851, 2,888,742
1861,[Sluaghmhoireachd Bhreatuinn gu h-iomlan anns a’ bhliadhna 1861, 29,936,508. ] 3,062,294
Tha cur a stigh na rìoghachd a’ meudachadh ni’s ro mhò na lionmhoireachd an t-sluaigh. Bha cur a stigh agus cosdas Bhreatuinn a nuas o’n bhliadhna 1841 mar a leanas:—
CUR A STIGH. COSDAS.
1841, £51,693,000£53,444,000
1851, 53,057,000 50,130,000
1861, 70,283,000 72,842,000
1866, 67,812,000 66,474,000
’S e àireamh Arm Tìre Bhreatuinn 138,000; agus nan saighdearan Mara, 68,400. Neart a’ Chàbhlaich, 497 Long-chogaidh. Cha tàinig mòran mùthaidh air Càrn nam Fiach o sguir cogadh na Frainge. Tha iad a’ seasamh mar so: —£794,655,000. Tha riadh sin a’ tighinn gu £26,233,000.
title | Caibideil XLIX |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |