[24]

CAIB. V.

ALBA A’ TIGHINN GU BHI ’NA H-AON RIOGHACHD.

BHA Alba air a roinnna trì rioghachdaibh mar a dhainmicheadh cheana, eadar na Sacsonaich a deas air uisge na Friù, na Pictich air an taobhs ear, ’s an ear thuath, ’s na Sgaothaichan Earra-ghàel, ’s anns na h-eileanaibh a siar. Mhair iad mar sin thri ceud gu leth bliadhna an déigh do na fiùdhalaich so mu dheireadh tighinn a nall á Eirinn. Bhiodh iad sin uile gu maith tric acaigeadh air achéile, gu h-àraidh na Sacsonaich agus na Pictich. Tha eachdraidh adeanamh iomradh air iomadh caonnaig fhuiltich eadar an bheag-rioghachd so, anns an robh an righ, féin air uairibh atuiteam. Ach cha robh aon acadeanamh uiread de lagachadh air an aon eiles nach robh iad le chéile aseasamh. Agus do bhrìgh nach robh buaidh mhaireannach sam bith aleantuinn nan cathan ud, ’s nach robhbheag de dhealachadh eadar iads na blàir a bha cinn-fheadhnan taobh tuaths nan eilean acur air a chéile, tha e co maith leum thairis air achuid so de eachdraidh nam Picteachs nan Sacsonach; agus da rireadh cha bhiodh foighidin gu leòir aig achuid is lionmhoire de leughadairean gu dhol troimpe ged a bhiodh i air a cur fan comhair; tha i co troimhe-chéiles co neo-oideachail. Co dhiù, feudar innseadh gu bheil iomradh againnan eachdraidh air fhichead righ a bha os ceann nam Picteach a bhatòiseacheadh le Drius, a bhair achathairn uair a thréig na Ròmhanach Sasunn, agus acrìochnachadhs abhliadhna 843. Bha rìghrean nan Sgaothach, aig an robh uachdranachd thairis air taobhs iar Alba, ùinfhada ro dhéigheil air rìoghachd nam Picteach a chur ris an


[25] rìoghachd aca féin, agus fadheòdh chaidh acair sin a dheanamhs an dòigh so a leanas.

2. Bha na creachadairean Lochlunnach air an tugadh iomradh cheana an deigh sealbh a ghabhail air cearna fharsuing de Eirinn mu dheireadh an ochdamh linn, ’s ged a chaidh moran fola dhòirteadh ann a bhi feuchainn rin cur air falbh, ghleidh iad an greim air an fhearann riamh, ’s than sliochd air measgachadh leis achuid, eile de mhuinntir Eirinn. Bha dream eile dhiubh mun àm sin an déigh sealbh a ghabhail air roinn mhòr de Shasunn, agus fadheòidh thàinig saighdear ainmeil ris an abrar Cainiut, mac Suen, righ Lochluinn, gu bhina righ air Sasunn. Ach ged a bha iad acur cuairtean air eileanaibhs iar Alba, ’sa deanamh mòran callan sin, cha do chuir iad dragh sam bith air rioghachd nam Picteach an taobhs ear Alba gu faisg air meadhon an naoidheamh linn, ’s e sins a bhliadhna 839 no 840. Bha cogadh uamhasach fuilteach eadar na Lochlunnaichs na Pictich abhliadhna sin, anns an do thuit Uen, righ nam Picteach, agus Bran, an aon bhràthair a bhaige, agus mòran de àrd uaislean na dùthcha. Bha iad co mòr air an lagachadh leis achogadhs nach burrainn iad seasamh roimh nàmhaid cumhachdach sam bith eile a thigeadh orra. Be Coinneach, ris an abradh na bàird, Coinneach Cruaidh, a bhana righ air taobhs iar Alba an uair sin. Mar is tric their luchd-eachdraidh Coinneach MacAlpinn ris. Be Alpinn ainmathar. Phòs Eocha, no mar their na Laidinnich, Achaius, athair Alpinn, nighean righ nam Picteach. Be ainm an righ sin Unguis, agus ainm a nighinn, a thàinig gu bhi na ban-righ aig Achaius, Unguia. Mar so, be Alpinn, rìgh nan Sgaothach, ogha rìgh nan Picteach. Bha Alpinn an dùil gum faigheadh e fein rioghachd a sheanar air gach aon chor, ’s gun robh a chòir air sin co maith ri còir fir sam bith. Ach chaidh Alpinn a mharbhadhs an treas bliadhna derioghachadh ann an siorrachd Ara, far an deachaidh e null le àireamh shaighdearan achreachadh na dùthcha. Thàinig Coinneach a mhac an sin adhionnsuidh achrùins abhliadhna


[26] 836. Bha Coinneach atagradh còir air rioghachd nam Picteach mar a bhaathair, agus air son an aon aobhair. Ach ged a bha teaghlach rioghal an taobhs earnan dlù-chàirdibh dha, bfhearr leò an rioghachd aca féin no aige-san; cha robh iad idir deònach air a dhol a mach gu esan a leigeadh a steach. Uime sin, o nach faigheadh eni a bha esanntachadh a dheòin, bha e deanamh air son fhaotainn air sheòl sam bith eile. A réir sin, ’n uair a chunnaic e na Lochlunnaichs na Pictich adol am badaibh a chéile, an àita dhol a chuideachadh a chàirdean, ’s ann a dhfhuirich caomhanna thàmh, ged a bha fios aige nam buadhaicheadh na Lochlunnaich gun tigeadh iad air féin a rìs. Ach biodh sin mar a bhitheadh e; bfhearr le Coinneach a bhifeitheamh an fhàth, cunnart ann no as. Agusn uair a chunnaic e gun dfhuair na Pictich a leithid sud de dhroch-laimhseachadh o na Lochlunnaich, ged is ann leò a chaidh, rinn e air son an rioghachd aca a ghabhail dha féin gun dàil. Bha Uenus Bran a bhràthair, a thuit an cogadh nan Lochlunnach, agus Coinneach MacAlpinn anns na h-oghaichean. Ach cha robh e feinus Ured, an ath neach a ghlac an t-slat rioghail, co faisg sin air a chéile, ma bha iad idir càirdeach da chéile. A réir na h-uile coslaiss e Coinneach a. bfhearr còir air achrùn na Ured, ’s cha robh na h-uaislean Pictich aindeònach air a ghabhail mar righ. Co dhiù chaidh an cumhachd rioghail a spìonadh á làimh an fhir ud agus a thoirt do Choinneachs a bhliadhna 843. Bha mar sin an rioghachd air an aonadh, agus an ùine ghoirid theireadh Sasunnaich, tìr nan Scotach (Scotland) ris an rioghachd so, ga h-ainmeachadh air an taobh a fhuair làmh an uachdar. Ach theireadh Gàeil riamh on uair ud rithe an t-ainm a bha roimhe aice, Albainn, air a ghiorrachadh, Alba. Be Coinneach MacAlpinn an t-ochdamh righ thar fhichead a bhair na Dalriadaich, no na Sgaothaich a thàinig á Eirinn le Fearghas. Bha staid nan Sgaothach an trì cheuds fhichead bliadhna anns an do rioghaich an ochd duine fichead ud, glé choslach ri staid nam Picteach féin, agus feudaidh sinn am fàgail
[27] as ar déigh leis abheagan a chaidh a radh mun timchioll cheana.

3. Ged a fhuair Coinneach MacAlpinn barrachd cumhachd air na bha roimhaige, cha dfhuair e barrachd sìth. Bha na Lochlunnaich air fàs ro dhànana -san leis an tomhas de shoirbheachadh air an dràinig iadan Eirinns an Sasunn. Tha eachdraidh adeanamh iomradh air iomadhus iomadh còmhrag a bhaige féins aig a shliochd air rìgh-chathair Alba ris aphlàigh sgriosaich ud a bha tonn air thonn atighinn á Lochlunn a tuaths a deas. Theirear Norainnich (Norsemen) ris na Lochlunnaich a tuath. Ghabh iad sealbh air Sealtainnus Arcu, agus air an àireamh is mo de na h-eileanan as iar, a chum iad aca féin uinfhada. ’S ann air son na h-eileanan sobhi fo riaghladh nan Norainneach a thugadh Innse-Gall orra, an t-ainm a tha aig na Gàeil dheasachs na Mòr-thirich orra gus an diugh. Gall, aciallachadh coigreach, Innse-Gall, eileanan nan coigreach. Cha be mhàin gun robh na creachadairean ud atoirt leò an airgids na spréidhe, bha iad atoirtnan daoine leò mar thràillibh. Bha margaidheanan Lochlunns an robh iad areics a ceannach nam braighdean a thugadh as na h-eileanaibh Breatunnach air an aon dòighs an robh na daoine dubhair an reican Stàitibh Deas America o cheann ghoirid. ’S e aon chrann a bhiodhs na luingeas aca, agus aon seòl mòr ceithir chearnach, ni-eigin coslach ri siùil nan sgothan iasgaichs na h-eileanaibh as iar. ’S maith a dhaithnicheadh luchd-àiteachaidh oirthir as iars as ear Alba an càbhlach a bhan sudlencloiginn ghreannach, coslach ri ceann dràgoin, le beul fosgailte, ’s an toiseach mar uchd geòigh air an t-snàmh co fada mach righob, ’s adhairc fhada, bhiorach iarruinn a mach as an uchd sin beagan os ceann an uisge, gu bhi tolladh nan soithichean a thigeadh a chòmhrag riù; còrr is fichead ràmh fada, laidir a mach as gach taobh dhiubh leis an robh iad gan iomradhiomradh còmhladh, agus an deireadh ag éiridh suas gu carraigeach, cuaicheanach, coslach ri earball nathrach, ni bàirde na ceann an stiùireadair.


[28] Thug iad an oidhirp air righ a chur suas os ceann nan eileans a chuid den mhòr-thir air an do ghabh iad sealbh car uine ghoirid, mar a bha Gall-thaobhus Cataobh, pàirt de shiorrachd Rois, agus an taobh Muireach. Ach ma chuir iadsan rìgh suas, cha bfhada gus an do chuireadh sìos e. Cha do leig righ Coinneach agus an fheadhainn a lean e air a chaithir, tàmh no fois leò gus an dfhuadaich iad air falbh o thir-mòr Alba gu h-iomlan iad. Ghléidh iad na h-eileana ni bfhaide. A thaobh an dragh a bha na Norannaich acur air righribh Albas an àm so, cha burrainn iad achrioch Albannach a chur ni bfhaide deas na bha i o shean; be sin uisge na Friùus bun amhainn Chluaidh. Chithear an déigh so cionnus a bha dol dhoibh air an làimh sin. Bhàsaich righ Coinneach ann an Fontelist, àrd-bhàile na rioghachd air an t-seathamh de cheud mhios an earraichs abhliadhna 859 an treas bliadhna fichead da rioghachadh, seachd bliadhna air taobhs iar Alba, agus a tri-deug air Alba tuath gu h-iomlan.

Dhfhàg Coinneach mac dam bainm Constantin, ’us nighean dam bainm Maol-Muireach ghlac a bhràthair, Domhull Bàn Mac Alpinn an crùn an déigh a bhàis.

4. Feumar a bhi o àm gu h-àm asealltuinn gu deas ri eachdraidh Shasuinn a thaobh na dàimhs an robh an rìoghachd aseasamh da chéile an sin, ’s an déigh sin. Goirid an déigh do na Sacsonaich sealbh a ghabhail air an tìr roinn iad ina seachd rìoghachdaibh, ris an abair luchd-eachdraidh, Sacson HeptarchiHeptarch, focal Greugach a tha ciallachadh seachd rioghachda. Bha laghanna air leth aig gach aon diubh sin dhi féin, ach bha àrd chomhthional acair son Shasuinn uile, coslach ri Pàrlamaid anns an robh iad adeanamh reachdan air son na dùthcha gu h-iomlan, gu h-àraidh iad féin a dhìonadh o allamharaich sam bith. Bha na beag rìghrean ud coslach ri rìghribh na h-Alba féin, glé aimhreiteachn am measg féin, ’s ro eudmhor mun sochaireans mumòralachd féin. O nach robh reachd sam bith air a dhaingneachadh fathast air son an t-sreath rìoghail a tharruing dìreach


[29] thun achrùinus uaithe, bhiodh am fear a thachradh air an rìgh-chathair amarbhadh nam mac a bhuineadh don t-sliochd rìoghail a shaoileadh e bhi coslach ri grabadh a chur air a mhac féin, no air fear éigin eilebu mhaith leis a bhina oighre air. Mar so thàinig an sliochd rìoghail mhac gu bhi co tearc mu thoiseach an naoidheamh linnes gum be Egbert, rìgh Uesecs oighre dligheach nam beag rìoghachdan ud uile. Bha so taitneach da nàdur dian thogarrach, ’s chuir e roimhe gun deanadh echuid féin diubh uile. Agus chaidh aigair sin a dheanamh a lìon us , le cogadhs le seòltachd. Anns abhliadhna 827 bha iad uile air an aonadh fo a riaghladh-san, mun cuairt de cheithir cheud bliadhna an déigh do na Sacsonaich tighinn don tìran toiseach. Feudar leum thairis air rìoghachadh Ethelof, a mhic-san; ach ri linn Alfred, ogha Egbeirt, ris an abrar Alfred Mòr, thug na deas Lochlunnaich iomadh garg ionnsuidh air an rìoghachd a dheanamh dhoibh féin, agus mu dheireadh chaidh acair sin a dheanamh car greis. Bhàsaich Alfreds abhliadhna 901an sìth. Tha e air àireamh a measg nan rìghrean a bfhearrs a bu chomasaicheshuidh riamh air cathair. Anns abhliadhna 994 fhuair na Lochlunnaich a dhionnsuidh rìgh-chathair Shasuinn, ri linn Etelred an treas, non ceathramh rìgh an déigh Alfred. Be Suein ainm an rìgh Lochlunnaich a choisinn abhuaidh sin. Fhuair Cainiut, mac Shuein, an crùnan deighathar. ’S ann ris an duine so a bha na h-uaislean Sasunnach adeanamh uiread de bhroscals gun tug e mar airidh a chathair a shuidheachadh air an tràighnuair a bhamuir ag éiridh, ’sn uair bha eteannadh ra chosaibh, ’s ris achathair, thòisich e ri bagradh air amhuir nam bu dàna leis tighinn ni bfhaide. An uair nach robh am muir atoirt ùmhlachd sam bith dha, thionndaidh e ra luchd-broscail, ag earalachadh orra gun a bhitoirt glòir do cho-chreutair nach robh dheth féin ach fann; ach iad a bhitoirt glòirus urram don Ti a bha riaghladh na fairges nan uile nithe. Bha e, gun teagamh, ag aithneachadh gur a bha de nàdur magaidh na de fhìor
[30] chàirdeasn an cuid broscail. Bha triùir mac aig an rìgh so, ’s dhòrduich e aig àm a bhàis fear dhiubh na rìgh air Lochlunn a Tuath, feareil air Lochlunn a Deas, agus an treas fear a bhin a rìgh air Sasunn. Ach bhàsaich am fear mu dheireadh agus a mhac mun cuairt do shea bliadhna an déigh sin, ’s chaidh an crùn Sasunnach a thoirt air ais don t-sliochd rìoghail aca féin, ’s abhliadhna 1041. Bha Edmund, mac Ethelred, ariaghladh car greis os ceann pàirt de thaobh tuath Shasuinn, ’s de cheann a deas Alba ri linn Chainiut. Bha dithis mac aig Edmund so, Eduin agus Eideard. Bha Eduin so acumail crìche ri rìghribh na h-Albana féin. Than diugh baile mòr ainmeil, inbheil, air machair na Galltachd aig a bheil creag anabarrach àrd air a thaobh as iar. Chan fhaighear a dhionnsuidh na creige so ach air an taobh an ear dhi. Bichreag so ri linn Eduin achrìoch eadar es Alba. Thog e daingneach làidir air mullach na creige, ’s rinn e baile aig a bonn a bha furasd a dhìonadh o mhullach na daingnich. Thugadh Eduins burgh mar ainm air abhaile, air a ghiorrachadh, Edinburgh, ’s e sin Dùneidin, àrd-bhaile rioghachd Alba. Cluinnidh sinn fathast mu thimchioll a bhràthar, Eideard; ach thigeamaid a nis air ar n-ais do Alba.

5. An déigh bàis Dhomhuill MhicAlpinn, ’s a bhliadhna 863, thàinig Constantin, mac righ Coinnich, thun achrùin. Bha esans na rìghrean a lean as a dhéigh, mar iad-san a chaidh roimhe, air an cumailn an drip leis na Lochlunnaich, nach robhleigeadh tàmh leò ach afeuchainn ri briseadh a steach air an rioghachd an àitéigin. Feumaidh gun robh staid sluaigh Alba glé an-shocairs na linnibh ud, leis an trioblaid a bhaca dheth na naimhdean on taobh a mach, agus gach troimh-chéile a bhacaig a bhaile, eadar buill fa leth an teaghlaich rìoghail acòmhstri co gheibheadh don righ-chathair na h-uile uair a bhiodh i falamh, 150 bliadhna an déigh Choinnich; oir cha robh reachd air a dhaingneachadh fathast adeanamh achrùin cinnteach do cheud ghin an rìgh a bha air achaithir. Do bhrìgh nach do thachair ni ùr sam biths an


[31] rioghachd ris am bheil mòr ghnothuch againn acheud gu leth bliadhnud ach gun robh i, mar tha sgrìobhaidhean àraidh ag ràdh, air an innein gubualadh ri chéile, ’s gutoirt a dhionnsuidh achruths achumaidhs an robh i gu fantuinn iomadh linn an déigh sud, feudar leum thairis air achuid sin den eachdraidh gun tuilleadh leudachaidh.

titleCaibideil V
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page