[465]

BARAILEAN MU’N OBAIR

On Urramach an t-Olla T. Mac Lachlainn Dhuneiden.

Tha e ro iomchuidh gum bitheadh eòlas aig na Gaedheil air eachdraidh na dùcha dom buin iad. Biad na Gàedheil a ceud luchd-àiteachaidh, mar a tha ainmean amhnaichean, bheanntan, agus bhailtean air feadh na tire anochdadh, agus ged a thàinig na Goill a stighn an àite ann an iomadh ceàrnaidh dhi, air chorus gun dfhuair iad fhéin, an cainnt, agus an cleachdadh an làmh-an-uachdar anns achuid as farsainn agus as tarbhaiche dhi, bu dùthaich Ghàidhealach i air fad o shean, agus is i a h-eachdraidh anns na ceud linnibh eachdraidh shinnsearachd nan Gàidheal Albannach. Tha mòran ri innseadh mun àm ud, mar a sheas agus mar a chog daoine na h-Albainn an aghaidh cumhachd na Ròimh, agus mar a thug iad an sud air luchd-ceannsachaidh an t-saoghail gun do theich iad roimh an cruadal agus an euchdaibh cliùiteach mar a dhìon iad an tìr an aghaidh Ghall Lochluinn fad iomadh linnus ginealach, agus mar a thaisbean iad gliocas cho maith ri gniomh ann a bhi riaghladh le laghan cothromach, air an deadh fhrithealadh, an tìr a bhuineadh dhoibh. Ach a riamh sios gus an an diugh, anns na cogaidhean a chuireadh air taobh saorsainn na rioghachd o aintighearnas Shasuinn, ri linn an Ath-leasachaidh, agus ri linn gach cogadh agus cath a chuireadh le Breatunn on uairs an dthàinig Alba agus Sasunn gu bhin an aon rioghachd, bha an cuid aig na Gàidheil ann an gniomharaibh na rioghachd, agus cha bu bheag an t-urram agus an cliù a choisinn iad, air chorus nacheil fines an t-saoghal as fiù ainmeachadh am measg nacheil an cliù iomraideach. Tha e iomchuidh air an aobhar sin, gum bitheadh eachdraidh na tìre air a cur siosn an cànain shnasmhoir, fhonnmhoir, bhlasda féin; agus tha Mr Mac Coinnich airidh air cliùus cabhair o chàirdibh nan Gàidhealus na Gàilig a chionn gun dthug e oidhirp air so a dheanamh. Anns cho fads a thug sinne sùil air an leabhar tha sinn ag aontachadh ris amhòr chuid den chunnaic sinn ann, agus is e ar dùrachd gun tachair e ri làn dìth a bheatha o luchd-àiteachaidh na Gàidhealtachds an luchd-dùcha, cia be àites am faighear iad


On Phaipeir Naigheachd, Curier Inbhernis.

Tha sinn ameas gu bheil an leabhar sona oidhirp chliùitich agus shoirbheachail air gearr eachdraidhThìr nam Beann, nan


[466] Gleann, ’s nan Gaisgeach,” a thoirt don Ghàel Albannachs achainnt mhàthaireil. Is giorrachadh e o na ceud linnibh gus an àm a ta làthair. Ann an dol troimh raoin co farsuing than doirbheadas is ag éiridh o bhitaghadh na nithes cudthromaichagus is buadhmhoira thachair. . . Tha sinn den bharail gu n do nochd ùghdar aghiorrachaidh so air Eachdraidh Alba deadh bhreithneachadhs an t-seadh so, air do uile chinn nan nithes nan tuiteamasan a tha ion-chuimhneachaidh a bhi air an toirt a steach ann an rùm co beag. A thaobh achladhain trem bheil i air a toirt seachad, eadhon achainnt Ghàelach, feumaidh sinn labhairtam briathraibh àrd mholaidh air acheart-sgrìobhadh, soilleireachd amhodh labhairt, agus co-fhreagarachd ri gnàths na cainnte. Gun ar n-aonta chur ri uile bharailibhus chomh-dhunaidhibh an ùghdair, tha sinn gu dùrachdach amoladh an leabhair mar thabhartas fiachail do fhòghlum Gàelach, agus tha sinnan dòchas gum bi àireamh co mòr air an reics nach fuiling e call airgiodach sam bith.


On Phaipeir Naigheachd, Advertiser Inbhernis.

Feudar a ràdh gur i Eachdraidh Albanns achainnt Ghàelich aon de na h-oidhirpean litreachaidh co iongantachs co feumails a thatighinn a mach mun àm so. . . . . Cha dfhuair sinn ach acheud leth den eachdraidh nuaidh so air ar dùthaich, a thatoirt na sgéil a nuas gu rìoghachadh ban-righ Màiri. An uair a bhios i crìochnaichte bithidh ena leabhar eireachdails am bi faisg air cuig ceud taobh, agus bithidh an obair uil’, a thatighinn a mach air an ath mhìos, air a reic aig prìs is ìsle na leabhars am biths achainnt, ach na Sgriobtuirean a mhàin. Tha e aoibhneach leinn a ràdh gum feud sinn an cliù is àirdethoirt air an leth a tha far comhair. Than seòl-labhairt anabarrach glan, air sheòls gu mol en leabhar do gach aon a tha gràdhachadh a chànain mhàthaireil. Chan eadar-theangair a mhàin an t-ùghdar; air an làimh eile tha e aithnichte gun do smuainich e cùisean a mach air a shon féin; agus ged a dhfheudar aomadh beag fhaicinnan sos an sudam fàbhar nan Gàelan sinnsireachds an gniomharan, —gidheadh tha spiorad neo-leth-bhreitheachd gu coitchionn air a chumail suas air feadh na h-eachdraidh. . . . . . Bu chòir do na h uile leis an ionmhuinn cainnt an dùthcha dìbheatha thoirt don leabharn uair a bhios e crìochnaichte.


O Phaipeir Naigheachd an Obain.

. . . Tha sinn gu dùrachdach aguidheadh soirbheachadh don leabhar, agus ga mholadh do gach leughadair Gàelic. Tha


[467] esan a chuidicheas gu togarrachdan déigh fòghlum eachdraidheil a chruthachadh a measg sluaigh a tha co gann de mheadhonan eòlaiss a tha na Gàeil, abuileachadh maith mòr orra, ’s tha e airidh air a mhisneachadh.


On Urramach G. Cleireach, Cillemhaillibh.

Tha e araon taitneach agus tarbhach a bhibeachdachadh air eachdraidh nan làithean a dhfhalbh, ’s gu h-àraidh air eachdraidh ar dùthcha féin. Gheibh sinn iomadh eòlas feumail ann a bhilorgachadh nan ceum tré an do dhìrich i, le beannachd an Tighearna uidh air nuidh, a chum an fhòghluim, an t-saibhreis, agus na saorsatha i a nis asealbhachadh. ’N uair a smaoinicheas sinn air na nithean so, ’s a sheallas sinn air a liuthadh fichead eachdraidh Bheurlachuireadh a mach tha fàth ioghnaidh nach dthugadh riamh roimhe so cothrom do na Gàedheil air eachdraidh an dùthcha a leughadhn an cànain féin.

Achan àitebhicaoidh na chaidh seachad, thugamaid taing dhasan a thanis air an dìth mhòr so a dheanamh suas, agus air aGhàelic a shaoradh on athais so. Tha againn ann an so eachdraidh mhion, phoncail air na gnothaichean àraidh a thachair ann an Alba o na linnean as céine gu àm ath-leasachaidh achreidimh, a bhana bheannachadh co mòr don Roinn-Eòrpa, ’s co ro mhòr do dhAlba. Than còrr ribhi air a chur far comhair ann an ùine ghearr; agus, an uair nach toir mi breith ach air na chunnaic mi, their mi, ma bhitheas cunntas nan linnean deireannach co soilleir, agus co ciallach ris achunntas a thugadh dhuinn air na linnean a tha fadair falbh, gun coisinn an t-ùghdar mòr chliù. A thaobh na Gàelic gheibh muinntir Earraghàedheil iomadh focalan so air am iad acur coimhicheis; ach so aon fheum a tha ann an leabhraichean a chur a mach, gun leig iad fhaicinn do mhuinntir na dara ceàrna den dùthaich ciod an dòigh labhairt a tha aig muinntir cheàrnan eile, agus mar so ciod an lionmhoireachd bhriathar a than ar seana chànain. Fhads a chunnaic mise an leabhar so mholainn e do gach Gàedheal, agus tha min dòchas gun dean gach duine tuigseach,suaircen am measg còmhnadh leis-san a thug acheud oidhirp air eachdraidh an dùthcha a thoirt dhoibh ann an cànain aosmhoir nam Beann, cànain a bha aon uair air a labhairt feadh Alba uile, air amhach-thir co maith agus anns na monaidhean, anns an lùchairt co maith agus anns abhothan, ged tha i nis air a cur ann an cùil chumhainn, agus a réir coslais air an rughas faida mach den rioghachd.

[468] [469] [470] [471]
[472]
titleBarailean Mu’n Obair
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page