[31] CAIB. VI.
MEUDACHADH NA RIOGHACHD.
FEUDAR a ràdh gu’n d’ fhuair Callum II. an rioghachd ’s a bhliadhna 1003 anns an dearbh shuidheachadh’s an d’fhàg a shinnsir Coinneach MacAlpinn i ceud gu leth bliadhna roimhesin; na Lochlunnaich co draghail ’s a bha iad riamh, ged a bha iad a’ faotuinn rotadh uamhasach na h-uile turus as ùr a bha iad a’ tighinn. Ach an déigh sin uile chaidh aig’ air a chrìochan a chur am farsuingeachd air an làimh dheis. Tha ’chuid is lionmhoire de luchd-eachdraidh ag aideachadh gur h-ann ri’linn-san a chuireadh a’chrìoch Albannach co fada gu deas ’s a bha i air a socrachadh anns gach linn o’n uair sin, ged tha e coslach gun d’ thugadh ionnsuidh air a teannadh a tuath an déigh a bhàis. Mhair rioghachadh Challuim deich bliadhna fichead. ’N uair a bhàsaich e ghiulaineadh a chorp gu ruig I Challum-Chille leis an t-sòluimteachd a bha cubhaidh aig a leithid de àm, ’s dh’ àdhlaiceadh e maille ri ’shinnsiribh ’s an eilean ud air an robh an sluagh ag amharc mar thalamh naomh. Dh’fhàg e dithis nighean, agus b’e mac té dhiubh sin, da’m b’ainm Donnachadh, a rioghaich ’na àite. Cha robh Donnachadh sea bliadhna a’ rioghachadh ’n uair a chaidh a mharbhadh le duine comharraichte da’m b’ainm Mac-Beith.
[32] 2. Tha luchd-seanachais ag innseadh co iomadh sgeul eug-samhail mu thimchioll Mhic-Bheith ’s gu feumar ni-eigin de rannsachadh a dheanamh air son ruigsinn air an fhirinn. Bhonntaich an cleasaiche Sasunnach ainmeil sin, Shakespear, aon de na puirt-chleasachd aig’ air na gniomharaibh bu mheas a bh’ air an cur as leth Mhic-Bheith, ’s air na nithibh bu mheas a thachair dha gus an do chuireadh dheth ’n chathair e. ’S e bh’ aig a’ chleasaiche, ’s aig gach fear dheth sheòrsa ’s an amharc cliù fhaotainn dha féin air son a bhi co comasach air aignidhean dhaoin’ a ghluasad le foclaibh maith ’us droch fhoclaibh, Gidheadh tha cuid de luchd-eachdraidh a’ deanamh ceann-iùil de’n chleasaich’ ud, a chionn gu bheil a sheanachas co sgeul-amhuil, ’s co taitneach ri ’leughadh. Gu’n tug Mac-Bheith fiadhachadh caoimhneil do rìgh Donnachadh gu a chaisteal fein, gu’n d’ rinn e cuirm chàirdeil da, gu’n do chuir e mhisg air a gheard-pearsa, ’s gu’n do mharbh e le ’làimh fein ’na sheòmar codail e—fad locha buidh’ air a leithid sin de sheanachas. Ach cha ’n ’eil focal firinn ’an aoir an t-Sasunnaich do ’n Ghàel thapaidh ud. Rinn Mac-Bheith aramach ’an aghaidh an rìgh; chaidh an rìgh ’na aghaidh le àireamh shaighdearan gu ’cheannsachadh; choinnich iad a chéile faisg air Eilgin. ’S ann le Mac-Beith a chaidh an là. Thuit an rìgh ’s a’ bhlàr, ’s rinn am fear a choisinn na h-uile cabhag air son e féin fhaotainn air a chrùnadh ’na àite. Cha robh Donnachadh, mar tha cuid ag ràdh, ’na sheann duine ’n uair a bhàsaich e; oir cha b’e bhràthair, no eadhon ’athair a bha rioghachadh roimh’ach a sheanair, cha robh ach sea bliadhna o thàinig e féin a dh’ionnsuidh na righ-chaithreach, ’s cha b’ urrainn e bhi ach ’na dhuin’ òg aig an àm ud. Ach tha e coslach gu’m bu duine soirbh e, ’s gu’n robh Mac-Beith a’ smuaineachadh gu’m b’urrainn e gu furasd a chur, beò no marbh, dheth ’n chathair, ’s gur e féin bu fhreagarraich air son àite rìgh a lionadh. Agus mar a bha ’inntinn suidhicht’ air sin, bha iomadh lethsgeul aig’ air son a dhol air aghart. A thaobh a mhàthar bha e féin de ’n t-sliochd rioghail. Bha e féin ’s an righ ’an dlùth dhàimh da
[33] chéile;
agus bha e ’
na cheann-
feadhna co cumhachdach ’
s a bha’
n Alba.
Bha e ’
na Mhaor-
mòr air Ros,
agus bha e air pòsadh bantrach Mhaoir-
mòir Mhuireidh,
agus mar sin ’
na cheann air an taobh Mhuireach gus an tigeadh Lùlaoch,
mac a ceud fir-
pòsda,
gu aois.
Craoch a b’
ainm do’
n bhain-
tighearn so:
bu nighean i do Bhoidhe,
mac rìgh Coinneach,
a bh’
air a’
chathair roimh ’
sheanair Dhonnachaidh,
agus tha e coslach gu’
n robh i de ’
n aon chuideachd ri Iesebel,
bean Ahaib,
a’
sior bhrosnachadh a companaich gu h-
olc.
Co dhiù,
fhuair Mac-
beith e féin air a chrùnadh ’
na rìgh,
le cuideachadh nan Rosach ’
s nam Muireach, ’
s tha e air innseadh gu’
m bu deadh riaghlair e gus an do thòisich a spiorad a’
goirteachadh le iomaguin ’
us eagal gu ’
n deantadh ris mar a rinn e féin.
Rinn e daingneach làidir air Dunsinnain ’
an Siorrachd Pheirt,
air son e féin a dhìonadh ’
an aghaidh eascaraid sam bith a dh’
fheudadh tighinn.
Agus tha cuid ag ràdh gur e bagradh a leig e mach eadar ’
fhiaclaibh ’
an aghaidh aon de chinn-
fheadhna Shiorrachd Fiofa bu mheadhon air a rìoghachadh a ghiorrachadh.
Fhuair an ceann-
feadhn’
ud sanas o charaid éigin ’
s ruith e le ’
bheatha gu cùirt Shasuinn,
far an do thòisich e féin ’
s oighre dligheach Alba air deanamh ullachadh air son Mac-
beith a thilgeadh dheth ’
n chaithir.
3. Dh’ fhàg righ Donnachadh dithis mac, ainm an fhir bu shine Callum, da ’m bu cho-ainm Ceann-mòr, ainm an fhir a b’ òige Domhull Bàn. Theich Callum Ceann-mòr gu deas gu ruig Sasunn; theich Domhull Bàn gu tuath do eileanaibh Innse-gall. Bha iad le chéile, na ’m fògarraich, fear a tuath ’s fear a deas ré nan cùig bliadhna deug a bha Mac-beith air a’ chaithir. Bha Callum Ceann-mòr roinn mhaith de ’ùin’ aig cùirt rìgh Shasuinn, a bha glé chaoimhneil ris. ’N uair a ràinig ceann-feadhna shiorrachd Fiofa leis na h-ursgeulaibh a bh’ aige féin mu staid Alba, dheònaich righ Shasuinn cuideachadh a thoirt do Challum Ceann-mòr gus a chòir dhligheach a thoirt a mach; ’s mar a bha iad a’ triall troimh Shasunn ’us cheann a deas Alba, bha an luchd-leanmhuinn a’ dol
[34] ’
an lionmhoireachd gus mu dheireadh an robh armailt mhòr aig Ceann-
mòr a’
dlùthachadh ri daingneach Dhuinsinnain.
Cha b’
ann gu all-
tapadh a chaidh Mac-
beith ’
nuair a chunnaic e ’
n armailt ud a’
tighinn ’
na aghaidh,
mar tha cuid a cur as a leth.
Chrioslaich e chuid armachd air gu duineil, ’
s chaidh e’
n aghaidh an nàmhaid air ceann a chuid saighdearan,
ach tha e coslach gu’
n robh cuid diubh ga thréigsinn ’
s a’
dol a null thun an taobh eile.
Co-
dhiù,
chaidh an ceud bhlàr ’
na aghaidh, ’
s b’
éigin teicheadh gu tuath,
far an do lean e air a’
chòmhrag ré dhà bhliadhn’
iomlan gus an do thuit e ’
an càth, ’
na ’
lùirich mhàilich,
le ’
chlaidheamh ’
na dhòrn.
Cha ’
n ’
eil teagamh nach deachaidh Callum Ceann-
mòr a chrùnadh goirid ’
an déigh do Mhac-
Beith teicheadh gu tuath;
ach cha robh fois aig’
o chogadh gu ceann greis an déigh sin.
Co luath ’
s a thuit Mac-
Beith chaidh a dhalta,
Lùlaoch,
a bha de shliochd Choinnich IV.
éigheach ’
na rìgh leis a’
phàirtidh a bh’
an aghaidh Challuim.
Ach chuireadh fodha Lùlaoch goirid ’
an déigh sin,
agus rioghaich Ceann-
mòr gu siochail ’
s gu soirbheachail ré shea bliadhna deug thar fhichead.
4. Goirid an déigh do Challum Ceann-mòr a bhi air a stéidheachadh air rioghachd a shinnsearan rinn iad atharrachadh mòr air rioghalachd Shasuinn. Thàinig Harold, mac Chainiut, an Lochlunnaich, thun na righ-chaithreach ’s a’ bhliadhna 1036. Bhàsaich esan ’s a’ cheathramh bliadhna de ’rioghachadh. Thàinig Hardicainiut ’na dhéigh-san; bhàsaich esan mar an ceudna fo ’n mhisg an ceann dà bhliadhna. Ghabh na Sasunnaich an cothrom sin air a’ chuing Lochlunnach a thilgeadh dhiubh. Thug iad an crùn do Eideard, mac a b’ òige Ethelreid, a’ gabhail seachad air Edgar Atheling, ogha Edmuind, am mac bu shine, a thachair a bhi ’s an àm sin air chuairt ann a’ Hungari. Rioghaich Eideard 25 bliadhna. Theireadh iad an Confessor ris, a chionn e bhi ’na dhòigh ni bu choslaiche ri sagart na ri prionnsa. Bhàsaich e gun sliochd anns a’ bhliadhna 1066. Bha e air pòsadh nighean Iarla Uesecs, agus bha mòr ùghdarras aig an Iarla thairis air. Cha
[35] labhradh an righ a’
chainnt Shasunnach gu ro mhaith. ’
S ann an Normandi a thogadh e,
aig cùirt a charaid,
Diùc na dùthcha sin;
mar sin b’
i chainnt Fhrangach a b’
fhearr a labhradh e. ’
Nuair a bhàsaich esan b’
e Edgar Atheling an t-
aon oighre dligheach.
Ach thug Harold,
Iarla Uesecs,
tàmhadh air a’
chrùn da féin, ’
s bha ’
athair an déigh pàirtidh co cumhachdach a dheanamh ’
s an rioghachd ’
s nach b’
urrainn an t-
oighre dligheach a chòir féin a thoirt a mach. ’
N uair a chual Uilleam,
Diùc Normandi,
mar a bha, ’
s ann a rinn e féin airson tighinn a nall a thoirt a mach a’
chrùin,
a bha e ’
g ràdh air an d’
rinn Eideard dìleabach dheth.
Rinn e gach ullachadh a bha ’
na chomas air son a thaisteal do Shasunn a dheanamh soirbheachail.
Fhuair e còmhnadh sluaigh ’
us armachd o na prionnsaibh a bha timchioll air.
Thàinig e gu oirthir Shasuinn le càbhlach lìonmhor.
Thàinig e féin ’
s a thrì fichead mìle saighdear air tìr ’
an Susecs.
Choinnich Harold e le àireamh shaighdearan nach robh faisg co lìonmhor ’
an àite ris an abrar Hastings,
air a’
cheathramh là deug de mhìos mu dheireadh an fhogharaidh, ’
s a’
bhliadhna 1066.
Chaidh an là leis na Normanaich.
Chuireadh mòran de na Sasunnach gu bàs.
Thuit Harold féin mar an ceudna, ’
s ghabh Uilleam sealbh dha féin air an rìoghachd.
Their luchd-
eachdraidh a’
Bhuaidh Nòrmanach ri so,
agus Uilleam am Buadhair ris an fhear a thàinig gu bhi ’
na rìgh air lorg na buaidh ud.
Bha ’
shliochd gu ceann iomadh linn ’
n an rìghribh air Sasunn.
Sgath a’ Bhuaidh Nòrmanach air falbh na h-uile dòchas a dh’fheudadh a bhi aig sliochd rìoghail Shasuinn gu’m faigheadh iad féin, uair no uair-eigin gu rìgh-chathair an sinnsearan. Agus mar sin rinn Edgar Atheling agus a dhà phiuthair ’s a mhàthair, ban-phrionnsa Mairearat, air son Sasunn a chaoiteachadh gu buileach ’s gu bràth. Chaidh iad maille ri tearc de luchd-leanmhuinn air bòrd luinge air ti dol air an ais do Hungari, far an robh Atheling an àm do Eideard an crùn fhaotainn. Ach cha b’ e dol rathad Hungari a bh’an dàn doibh. Shéid a’ ghaoith ’n an aghaidh
[36] gu stoirmeil, ’
s dh’
fhuadaicheadh iad a nuas ri oirthir a ’
s ear Shasuinn,
gus an do ràinig iad Caolas na Friù, ’
s an do ghabh iad fasgadh ’
s an àite ris an abrar o’
n uair sin,
Port na Ban-
righinn.
Bha Callum Ceann-
mòr ’
s an àm sin a’
tàmhachd ’
an Caisteal na frìdh ’
an Dunfermlin,
mu chùig mìl’
o’
n àite ’
san robh ’
n long Shasunnach. ’
Nuair a chual e cò bh’
air bòrd ’
s an luing,
ghreas e gu’
n amharc, ’
s dh’
fhiadhaich e gu caoimhneil iad gu ’
chaisteal féin.
Cha ’
n ’
eil teagamh nach d’
fhuair e beagan de eòlas pearsant’
air na fògarraich rìoghail ud ’
an àm dha féin a bhi ’
na fhògarrach, ’
s mar is ionmhuinn leis gach neach a choslas,
nach biodh e gu tric ’
n an comunn.
B’
e ’
char-
san a nis a bhi caoimhneil riùsan. ’
An ùine ghoirid bha pòsadh ac’ ’
an caisteal frìdhe Dhunfermlin.
Thàinig a’
bhan-
phrionnsa,
Mairearat,
gu bhi ’
na ban-
righ air Alba.
Bha i ’
na boirionnach sèimh,
gnìomhach,
agus bha tomhas maith de bhuaidh aice thairis air Ceann-
mòr.
Co dhiù a bhiodh e réidh no aimhreit ghabhadh e ’
comhairle-
se.
Bha i mar an ceudna fialuidh,
oircheasach ri bochdaibh, ’
s leis gach subhailc a bha timchioll oirre tha cuid ag ràdh gu’
m bu là sona do Alba a thàinig ise gu bhi ’
na ban-
righ;
agus tha seadh ’
s am feud sin a bhi firinneach.
Ach leis gach ni maith a dh’
fheudar a ràdh mu ’
timchioll bu bhana-
phàpanach i co daingean ’
s a bha riamh air talamh.
Agus feudar gu cinnteach a ràdh gu ’
m bu là dubh,
dona do mhinisteiribh an t-
soisgeil, ’
s do’
n aobhar a bha iad a’
cumail suas,
a thàinig ise do Alba.
Bhiodh i gu pearsanta ga cleachdadh féin ’
s na deas-
ghnàthaichibh a bha eaglais na Ròimh’
ag àithne.
Dheasaicheadh i biadh naoinear dhìnnleachdan ’
s a’
mhaduinn, ’
s bheathaicheadh i iad air a glùinibh.
Nigheadh i cosan sheathnar bhochd na h-
uil’
oidhche.
Bhiodh i gu tric a’
trasgadh,
agus ri nithibh cronail eil’
a thug gu droch shlàint’
i mu dheireadh.
Agus mar a bha i ro eudmhor air son maith muinntir eile ’
na beachd féin,
dh’
fheumtadh na ministeirean a chruinneachadh a dh’
ionnsuidh na lùchairt,
agus a dheanamh aithnichte dhoibh gur i eaglais na Ròimh’
an aon eaglais cheart, ’
s gu ’
m
[37] feumadh iad géilleadh d’
a modh riaghladh ’
us aoraidh.
Cha robh focal Beurl’
aig an t-
Seanadh a bh ’
an sud ach na bha aig a’
bhan-
righ.
Bha na ministeirean ’
s na linnibh ud co neo-
eisimeileach air a’
chainnt Shasunnaich ’
s a tha sinne an diugh air a’
chainnt Norainnich.
Bha iad a’
faotainn an cuid fòghluim ’
an Laidinn ’
s an Gàelic. ’
Nuair a’
bheireadh a’
bhan-
righ greis air labhairt ’
na cainnt féin dh’
eadar-
theangaicheadh an righ,
a bh’
air a’
chainnt iunnsachadh ’
nuair a bha e air fògradh ’
an Sasunn.
Fhreagradh na ministeirean a rìs ’
an Gàelic ’
am féin dhìon, ’
s chuireadh an rìgh an argumaidean fa chomhair na ban-
rìgh mar a b’
fhearr a b’
urrainn e.
Cha ’
n ’
eil e furasd a dheanamh a mach cia fad a lean an Seanadh ud,
no cia lion Seisean a rinn iad deth;
ach ma’
s fior na sgeòil ’
s ann aig a’
bhan-
righ a bha ’
chuid a b’
fhearr de’
n argumaid—
gun teagamh ’
s ann air taobh na ban-
righ a bha fear innsidh nan sgeul.
Agus feudaidh sinn a chreidsinn nach bu ni soirbh argumaid a chumail ri ban-
righ;
agus gu h-
àraidh té aig an robh Ceann-
mòr air a deis,
ullamh gus an còrr nach deanadh an argumaid a thoirt a mach leis a’
chlaidheamh.
Co dhiù,
b’
éigin an dà chuid,
ùin’
agus ainneart,
a dhol làmh air làimh,
mu’
n deachaidh ac’
air na ministeirean ’
s an luchd-
leanmhuinn a thoirt gu seòrsa de thosd-
ghéilleadh.
Ach cluinnear beagan mu’
n timchioll ’
s an ath rìoghachadh.
Cha robh fòghlum sam bith aig rìgh Callum ged a bha e ’
deanamh gniomh eadar-
theangair ’
s an t-
Seanadh ud.
Cha leughadh e cainnt sam bith.
Dh’
iunnsaich e cainnt nan Sasunnach ’
nuair a bha e ’
n am measg,
mar a bhios daoine gun fhòghlum ag iunnsachadh Beurla ’
chladaich.
Cha robh dad aig’
ach làn a chinn, ’
s cha bu bheag e,
de Ghàelic ’
s de Bheurla ’
chladaich.
Thuit e féin ’
s a cheud mac ’
an cath ’
s e ’
teannachadh caisteal Alnuic,
air a’
chrìch Shasunnaich, ’
s a’
bhliadhna 1093,
anns an t-
seathamh bliadhn’
deug thar fhichead de ’
rioghachadh.
Bha ’
bhan-
righ ’
s an àm sin tinn ’
an caisteal Dhunéidin, ’
s ’
nuair a dh’
innis a dara mac,
a theich o’
n bhlàr,
dhi gu’
n do thuit a fear ’
s a ’
ceud mac,
bhàsaich i féin aig an àm
[38] cheudn’,
ag aideachadh a bhi réidh ri toil an Tighearna.
Bha i ro mheasail aig an eaglais Phàpanaich,
agus air a sgrìobhadh ’
an àireamh nan Naomh ’
s an t-
seadh ’
am bheil an eaglais sin a’
deanamh naomh.
Thàinig triùir de ’
cuid mac ’
an déigh a’
chéile a dh’
ionnsuidh a’
chrùin.