CAIB. VII.
RIGH DAIBHIDH—STAID ALBA—BLAR NA BRATAICH.
’AN déigh bàis Challuim thug a bhràthair, Dòmhull Bàn, tàmhadh air a’ chrùn. Agus feudar beachd a thogail air an staid ’s an robh an rioghachd o’n cheud Achd a rinn an rìgh ùr. B’ e sin na h-uil’ eilthireach no neach nach buineadh do’n rioghachd g’a grad fhàgail. Tha so a’ cur ni éigin de sholus air mar a bha àrd uaislean na rioghachd air am brosnachadh leis an struidhealachd a bha Callum Ceann-mòr a’ gnàthachadh ann a bhi ’buileachadh fearann Alba air na deirleanaibh a thàinig á Sasunn an déigh ban-righ Mairearait. Roinn Uilleam am Buadhair fearann Shasuinn ’na thrì fichead mìl’ earrann, ’s bhuilich e ’m fearann sin air a’ chuid shaighdearaibh féin, tomhas ni’s mò ’s ni’s lugha de’n fhearann a réir na h-oifig a bh’aca ’s an arm. Cha robh e ’foighneachd cò aig an robh còir air roimhe sud, no aig nach robh. Ghabh e sealbh air an rioghachd mar a dheanadh fear-reubainn air tigh a ghlac e. Rinn e tràillean de’n chuid mhòr de shluagh na tìre, a bha na h-oifigich ud a’ reiceadh ’s a’ ceannach maille ris an fhearann, mar gu’m bu stoc spréidh iad. Agus a’ chuid de nach d’ rinn e tràillean bha iad ’an daorsa le seirbhis chruaidh. Dh’fheumadh iad a bhi ’n ceann gach seirbhis bu chruaidhe, ’s bu
2. ’N uair a chunnaic righ Alba gu’n robh nighean a pheathar air a cumail a mach o ’h-àite féin, rinn e air son dol a chogadh ri Stephen air los a thilgeadh bhàrr na caithreach. Rinn e mòran creachaidh dà thurus ’an déigh a chéil’ air taobh tuath Shasuinn. Air an treas turus chaidh e co fada deas ri Siorrachd Iorc. Bha ’leòr aig Stephen ri ’dheanamh aghaidh a chumail ri pàirtidh eil’ a thog Matilda na h-aobhar féin. Bha mar so an rioghachd fosgailt’, a réir coslais do righ Daibhidh, aig an robh sea mìle fichead
title | Caibideil VII |
internal date | 1867.0 |
display date | 1867 |
publication date | 1867 |
level | |
reference template | Eachdraidh na h-Alba %p |
parent text | Eachdraidh na h-Alba |