[44]

CAIB. VIII.

UILLEAM AN LEOMHAN.

Bhasaich prionnsEanruic bhliadhna roimhe sin, agus mar sin be Callum Mac Eanruic a thàinig a dhionnsuidh achrùinan àita sheanar. Bha Callum de nadur ceanalta, soirbh, agus uaithe sin, theirteadh Callum aMhaighdean ris. ’An ath-bhliadhna an déigh dhasan an rioghachd fhaotainn bhàsaich Stephen, ain-tighearn Shasuinn, agus fhuair Eanruic, Mac bu shine Matilda, air taobh an deachaidh Daibhidh a chogadh, a dhionnsuidh crùn Shasuinn gu siochail. Besan an ceud aon den teaghlach ris an abrar Plantagenet. Bha e féins Callum aMhaighdean glé mhòr aig a chéila thaobh iad a bhinan càirdibh. Chaidh Callum aon uair don Fhraing a chogadh còladh ri righ Shasuinn. Ach chuir na h-àrd-uaislean teachdaireachd feirgena dhéigh nach giùlaineadh iad le e bhi air a riaghladh le rìgh Shasuinn. Air cluinntuin so dha, ghrad phill e do Albas rinn e réite ris na tighearnaibh. Bhàsaich Callum aMhaighdeans a bhliadhna 1165 agus thàinig a bhrathair, Uilleam, dara mac Prionnsa Eanruic, thun na righ-chaithreach. So am fear a fhuair an t-ainm, Uilleam an Leòmhan. ’S na linnibh ud bhiodh rìghreanus cinn-feadhnaan àm cogaidh còmhdaichte le clogadaibhus còtaichibh màilich, o bhonn gu mullach; agus bhiodh suaicheantas àraidh acair mullach achlogaid, mar bu tric, leisan aithnicheadh an luchd-leanmhuinn iad. Ghabh rìgh Uilleam leòmhan air a chorraibh cnàmh mar shuaicheantas, agus tha dealbh an leòmhain on uair sin air còt-armachd Alba.

2. Cha robh Uilleam soirbheachailan cogadh, leòmhantas mar bha e. Bhan aon troimhe chéilean teaghlach Eanruic, rìgh Shasuinn,


[45] dam bu chomh-aimn Eanruic Gearr-fhalluinn, a bhan dlùth dhàimh do theaghlach rìgh Albas a bhan teaghlach rioghail Shasuinn roimhe sin. Fhuair ban-righ Shasuinn am fear bu shine decuid mac gu éiridh suasan ceannairc an aghaidhathar gus a thilgeadh dhethn chaithir. Fhuair am mac so còmhnadh o rìgh na Fraing’, a be athair-céile, gus achòmhstri mhi-nàdurrach a chumail air a bonn. Achs ann tha ar gnothach ri Alba. Fhuair iad Uilleam an Leòmhan air a tharruing do phannal na ceannairc le gealltanas gum faigheadh e ath-shealbh air an fhearann a thug a shinnsir a mach leis achlaidheamhan taobh tuath Shasuinn, ach a lìbhrig Callum aMhaighdean gu faoin air ais do Eanruic Gearr-fhalluinn. Le sos an amharc chruinnich Uilleam armailt leis an do bhris e steach air taobh tuath Shasuinn, (1194.) Sgaoil an armailt air feadh na dùthcha, far an robh iad amarbhadh, ’s a losgadh, ’s amilleadh anns gach àite don tàinig iad. Bhan Righ féinna luidhean campa faisg air caisteal Alnuic, far an do mharbhadh Callum Ceann-mòr. Bha e muigh asealg maduinn àraidh gun còmhladh ris ach trì fichead marcach mar gheard. Chunnaic e feins a luchd-coimhid àireamh mòr de mharc-shluagh adlùthachadh riù, ’s on bha mhaduinn ceathach shaoil leò gur buidheann den armailt aca féin a bhann apilltinn air ais don champ. Ach fhuair iad a machn uair a bha e ro anmoch gur e bhann ceithir cheud trùpair Sasunnach a thàinig air son dioghaltas a dheanamh air dream sam bith a gheibheadh iad dealaichton champ. Chuir Uilleams a luchd leanmhuinn an aghaidh gu duineil air còmhrag. Ach cha robh seasamh aig trì fichead ri ceithir cheud. Fhuaradh làmh an uachdar air, chuireadh dhethn each e, ’s rinneadh prìosunach dhetham fianuis armailt féin, ’s ghiùlaineadh e an oidhche sin féin don Chaisteal Nomha. Thug iad air aghart e gu ruig Northampton far an do choinnich righ Shasuinn e air mharcachd, ’s a chosa ceangailte fo bhroinn an eich. Cha do mheas Gearr-fhalluinn sàbhailt am braighdeanach fhàgailan Sasunn, gun fhios nach tugadh neach éigin ionnsuidh air a chuir fa sgaoils an staid neo-shuidhichtes an robh an
[46] rioghachd. Chuir e null thar chuan e gu ruig Normandi, ’s rinn e prìosunach deth an caisteal làidir Fhalais, a tha fathast rifhaicinnna nochd làthraich mhòir, neònaich, aig ceann baile bhig Fhrangaich. Mhair braighdeanas Uilleam sea mìosan. Cha leigeadh Gearr-fhalluinn á sud e gus an deanadh e ùmhlachd dha air son rioghachd Alba, ’s gum biodh ena iochdaran dìleas do righ Shasuinn, acogadh air a thaobh an aghaidh gach nàmhaid. Lìbhrig e dha àireamh àraidh de chaistealanan ceann a deas Alba mar gheall air a dhìlseachd. Dhaontaich Pàrlamaid Alba ris achumha so, air sgàth a shaorsainn a chosnadh don rìgh. Cha do mhair an cùmhnant truagh ud ach cuig bliadhna deug.

3. Bann ri linn Eanruic Gearr-fhalluinn a thugadh Eirinn fo chìs do Shasunn. Bha i aig an àm ud air a roinnna cuig rioghachdaibh beaga. Ach bha àireamh mòr phrionnsalachdan beagannta sin. Thòisich an iorghail, air an do ghabh rìgh Shasuinn cothrom mar so. Ghoid Dearmod, Mac Mhurchaidh rìgh Leinsteir, air falbh bean Therens O Ruirc, rìgh Bhrefreigh. Fhuair an rìgh air an do rinneadh an eucoir cuideachadh o na rìghribh eile, ’s chuireadh Dearmod dhethn chaithir. Ruith en sin a nall do Shasunn a dhiarraidh còmhnaidh, ’s lean e rìgh Shasuinn don Fhraiug, ’s chaidh e air a ghlùinibh ag aslachadh air dols an eadraiginn. Chan iarradh Eanruic a chaochladh. Bha ena aire roimhe sud rud eigin a dheanamh ri Eirinn. Agus fhuair e Bula on Phàpaceadachadh dha an rioghachd ud a cheannsachadh. Ach aig an dearbh àm bha e co mòrna chabhaigs nach burrainn e dad a dheanamh ach cead a thoirt do neach sam bith dechuid iochdarana leis am bàill dol a chuideachadh Dhearmoid. Ghabh àireamh maith dhiubh an cothroms chaidh acair an Eirionnach a churna àite féin a rìs. Ach mar a bha Eanruic afaicinn gun robh iad ag iarraidh cus, dhòrduich e dhoibh pilltinn air ais, agus rinn e féin air son doln an àite. Chaidh e air tìr an Eirinns abhliadhna, 1172, le còrrus ceithir mìle saighdear, agusan ùine ghoirid, le cuideachadh na bha de Shasunnaich thall roimhe, chuir en tìr gu h-iomlan fodha féin:


[47] dhùmhlaich na cinn-fheadhna Eirionnach iad féin dha anns gach cearna. Cha deachaidh Eirinn os ceann sud. Dhfhairtich oirre riamh a muinneal fhaotainn saor on chuing a chuir Gearr-fhalluinn oirre. Tha na truaighean a thug ain-tighearnas nan Sasunnach air an rioghachd ud, fad iomadh linn an déigh sud, do àireamh.

4. Bhàsaich Eanruic Gearr-fhalluinns abhliadhna 1189, agus rioghaich a mhac, Richard Cour de Lion, no cridhe leòmhanta, ’na àite. Goirid an déigh do Richard tighinn a dhionnsuidh na caithreach rùnaich e dhol don àird an ear a dhfhuadachadh nan Sarasach a mach á Palestin, gus am fearann sin a thoirt do na Criosduidhibh. Cha fhreagradh e falbh co fadas gun fhios cuin a philleadh e gun ghnothuichean a bhi réidh eadar e féinus righ Alba. ’S e bun a bhann, dhaisig e do rìgh Uilleam na h-uile saorsa thugathair uaithe leis an eucoir, gun chòir fhàgail aige féin no neach a thigeadhn a dhéigh air ùmhlachd sam bith iarraidh air son na rioghachd. Phàigh rìgh Uilleam deich mìle marg air son na saorsa sin, a bhasan àm sin na shuim glé mhòr, a thaobh airgiod a bhi gann. Agus a thuilleadh air sin chuir e Daibhidh, Iarla Huntingdoin, a bhràthair féin, don àird an ear còladh ri Richard, le àireamh maith thrùpairean. Thàinig Daibhidh air ais dadhùthaich beò slàn, an déigh a dhol tre iomadh gàbhadhs an àirdan ear, aguss maith a gheibh leughadairean cuimhna chumail air, oir cluinnear mu thimchioll fathasts achuid a tha romhainn de eachdraidh Alba. Ach bhan réiteachadh udna mheadhon air sìth a dhaingneachadh eadar an rioghachd gu ceud bliadhna an déigh sud. Bha dragh mòr aig Uilleam, an déigh a shaorsainn fhaotainn den eas-còrdadh a bheadar na Goills na Gàeilna rioghachd féin. Mar a bha rìghrean Alba, o linn ban-righ Mairireit, ’nan Goill iad fein, ’s alabhairt na cainnte Sasunnaich, aig achùirt co-dhiu, bha iad atoirt cus caidreimh do Shasunnaichus Ghoill cinn a deas Alba. Cha be mhàin gun robh iad a leigeadh cus leò den toil féin, ach mar an ceudna a toirt doibh mòran fearainn feadh Gàeltachd Alba air taobhs ear na dùthcha gu h-àraidh. Tha Gàeil an n diugh air an sàrachadh, agusan iomadh


[48] àitair an tionndadh a mach as an ionadaibh còmhnuidh le Goill, ach chaneil iad atogail claidheimh no lannan aghaidh nan coigreach ud, oir tha làmh an cuid uachdarans aghnothuch. Achs na h-amaibh ud biad àrd-uaislean na tìre, ’s eadhon cuid den t-sliochd rioghail a bhag éiridh an aghaidh nan Deasach, agus an tuath cheathairn ag éiridh leò gus iad sud fhuadachadh a mach as an tìr, no mur rachadh sin leò, an deanamh co mi-shonas a burrainn iads na h-àitibh air an do ghabh iad sealbh. Tha eachdraidh adeanamh iomradh air iomadh cuimeisg fhuiltich a bheadar saighdearan an righs cuid dena cinn fheadhna Ghàelach air son an aobhair ud. Bhan t-eas-còrdadh leantalach so eadar Goillus Gàeil atoirt misneachd do shliochd Dhòmhuill Bhàin, bràthair Challuim Ceann-mòr, gu bhisior thagairt còrach air crùn Alba. ’S a bhliadhna 1187 dhéirich fear dhiubh sin dam bainm Dòmhull Bàn, air ceann mòran sluaigh, le rùn Uilleam a thilgeadh dhethn chaithir. Thàinig an rìgh féin gu tuath air ceann an airm gus an nàmhaid so achoinneachadh. Air don rìgh a bhina thàmh leis an arm aig Inbhernis, thachair buidheann dheth a chuid shaighdearan, fo chomannda Roland, Morair Ghalabhaigh, ri Dòmhull Bàns a luchd-leanmhuinn air monadh Mhaimgairbh, ’an iomall siorrachd Mhuireidh. Cha teicheadh taobh seach taobh gun dolam badaibh a chéile. Chaidh Dòmhull Bàn agus cuig ceud deluchd-leanmhuinn a mharbhadhs abhlàr a chuir iad air amhonadh sin. Ghiùlain Roland ceann Dhòmhuill gu Uilleam, mar dhearbhadh allmhara air gun robh sìth air a cosnadh. Co-dhiù, lean cuid de theaglach Dhòmhuill Bhàin air àr a mach dheanamh ri linn an dithis righrean a thàinig an déigh Uilleim. ’S abhliadhna 1196 rinn Harold Iarla, Arcuus Ghallthaobh, ceannairc an aghaidh ùghdarrais an rìgh. Chaidh esans a luchd-cuideachaidh a cheannsachadhan ùine ghoirid. ’S e na bhaigair son a shaoithreach gum béigin damhac a thoirt seachad mar gheall air gum biodh e sàmhach tuilleadh, agus dealachadh ris achuibhrinn fharsuing sin dechuid fearainn ris an abrar, Cataobh, a
[49] thug an rìgh do Uisdein Frescin, roimh-shinnsir Iarlachan Chataoibh.

5. Achs e ni is ro shònruichte a thachairs an rioghachd ri linn Uilleim, e féins am Pàpa a dhol a mach air a chéile. Chan àite so gu bhileudachadh, no idir ag iomradh air na ceumaibh fa leth leis an déirich Easbuig eaglais na Roimhe guleithid de chumhachds de ùghdarras thairis air gach cearna den Roinn-Eòrpa, ’s gum feumadh rìghreanus prionnsachan a bhi mar chloinn bhig, ullamh gu peanas sam bith aghiùlan, a chitheadh esan iomchuidh a leagadh orra. Dhfheumadh sin eachdraidh nach bu bheag e féin, air son a chur gu h-iomlan fa chomhair an leughadair. Agus cha bheag, ’s cha tearc na h-eachdraidhean a tha ga chur an céillan cànainibhs an rioghachdaibh fa leth na Roinn-Eòrpa. ’N uair a fhuair an luchd teagaisg, a bhair taobhs an làimh aPhàpa, an sluagh gu bhicreidsinn nach burrainn iad a bhi air an tearnadh a mach as an eaglais mhòir, dhfheudadh iad a nis an toil a dheanamh riu. Beigin do Eanruic Gearr-fhalluinn, rìgh Shasuinn, an dearbh dhuina rinn prìosanach de Uilleam, peanas uamhasach fhulang le òrdugh aPhàpa, air son Thomais-a- Becet, àrd-easbuig Chanterboruigh, a bhi air a mharbhadhna rioghachd, ged nach robh làmh sam bith aig an rìgh féin ann ach iad a bhideanamh a mach gum feudadh ebhacadhnam bàill leis. Air a bheul fodha fhuair e eadar a trìs a cuig de bhuillean am fear, air a dhruim ruisgte, le iall-cuipe, o cheithir fichead duine, eadar easbuigeanus mhanaich mar a bha iad ann. Le fheòil reubta mar sud béigin dol sios do’n bhogha [Vault.] ’s an robhn duine a chaidh a mharbhadh air adhlacadh, agus an s an oidhche a chaitheamh air na leacaibh loma ri ùrnuigh, gun bhiadh no deoch a bhlasad. Ged a theab e bàsachadh fo na fulangasaibh ud, ’s fon tinneas a tharruing iad air, bu roghnuiche leis an t-iomlan diubh a ghiùlan na cur a mach air aPhàpa. Bu co uamhasach a bha sin air a


[50] mheas, le luchd riaghlaidh aimsireils na linnibh uds air fhaireachadh le mòran diubh.

6. Aidichear leis na h-uile, mata, nach bu bheag an leòmhantachd do Uilleam an Leòmhan dùbhlan a thoirt do mhac tàirneanaich na Ròimhen uair a thionndaidh ena aghaidh féin. Bi Phàtranachd a dhaobharaich an connsachadh eadar an cumhachd spioradailus sìobhaltas an àm ud. Bhàsaich Easbuig Chill-Rimhinn, ’s thagh cléirich na cùirt easbuig dam bainm Iain Scot, gus an dreuchd alionadh. Bha rìgh Uilleam air gealltuinn na h-easbuigeachd so do Uisdean, a mhinisteir-teaghlaich féin. ’N uair a chual en roghainn a rinn na cléirich, mhionnaich e nach biodh Iain Scotna Easbuig Chill-Rimhinn fhads bu bheò esan. ’S a réir sin chuir e Uisdean don Easbuigeachd. Bha fios aig Iain ciod a dheanadh e féin, ’s càit am faigheadh e éisdeachd. Thug en Ròimh air, ’s thog echùis thun aPhàp’, a thionndaidh òrduchadh Uisdein gu neo-bhrigh, ’s a choisrig an Scotach féin thun na h-easbuigeachd. Ach cha bu luaithe thàinig Iain air aisna easbuig deanta na dhfhuadaich an righ a mach á Albe. Thòisich am Pàpair maoidheadhs air bagradh, ach sheas Uilleam do-ghluasadadh. Bha fear-ionaid aig a Phap’ ’an Alba, mar anns gach rioghachd mhòir eile, ris an abradh na Laidinich, legatus, agus ris an abair luchd-Beurla, ’an rathad atharrais, “legate,” ach is fearr a thuigeas ar luchd leughaidh leis an ainm teachdair-cùirtan ni a tha eciallachadh. Dhòrduich am Pàpa don t-seirbhiseach so rioghachd Alba chur fo bhinn iomsgaraidh, o nach deanadh ni bu lugha an gnothuch gus an rìgh a thoirt gu géilleadh.

N uair a bha bhinn so atighinn a machan aghaidh cinnich sam bith, bha na h-eaglaisean air an dùnadh, na cluig air an curn an tàmh, òrduighean achreidimh air sgur. Chan fheudta muinntir sam bith a phòsadh, no ùrnuigh a dheanamh maille ris amhuinntir a bhabàsachadh. no na mairbh adhlacadh mar chriosduidhibh, ’s bha ìochdarain air an cur saor o ùmhlachd sam bith a thoirt don uachdaranaibh. ’An aon fhocal, bhan t-inneal


[51] eagalach ud de chumhachd na Pàpanachd agearradhnam bloighdibh gach gnè ceangail leis an robh comunn dhaoinair a chumail ri chéile, ’s acur an t-sluaigh, ’am beachd an lagha, ’s an aon suidheachadh ri allmharaich fhiata nan tìrean iomallach air nach do ràinig eòlas an t-soisgeil, no eòlas firinneach sam bith eile. Ach tha e coltach nach do luidh e co trom air Albas an àm uds a luidh e air dùthchannaibh eile. Gun teagamh thàrr Uilleam as le glé bheag ana-goireis fhaotainn uaithe.

Thachair gu sealbhach gun do bhàsaich am Pàpa chuir an céill abhinn iomsgaraidhan ùine nach robh fadan déigh dha sin a dheanamh. Ghrad chuir Uilleam teachdairean-cùirta dhionnsuidh aPhàpa nuaidh, le cumhachaibh réiteachaidh, agus o nach deachaidh esan dheth a rians achonnsachadh o thoiseach, bha e ni bfhusa thoirt gu éisdeachd ris na bhaig Uilleam ri ràdh air a thaobh féin. ’S bun a bhann, chaidh an t-iomsgaradh a ghairm air ais; ghléidh Uisdean easbuigeachd Chill-rimhinn; fhuair Iain easbuigeachd Dhùn-cailinn, ’s thàinig an t-uachdaran spioradail gu bhina charaid dealaidh don uachdaran aimsireil, agus mar dhearbhadh air sin chuir e da ionnsuidh an ròs òir, a tham Pàpa fathast aleantuinn air a thoirt don phrionnsa air an toigh leis urram a chur.

titleCaibideil VIII
internal date1867.0
display date1867
publication date1867
level
reference template

Eachdraidh na h-Alba %p

parent textEachdraidh na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page