[52] CAIB. IX.
ALASTAIR II. AGUS III.
BHASAICH Uilleam ’s a’ bhliadhna 1214, ’na leabaidh ann an Sruileadh, ’s an naoidheamh bliadhna thar dhà fhichead de ’rioghachadh, ’na sheann duine, agus làn de làithean, agus rioghaich Alastair, a mhac, ’na àite. B’ esan an dara rìgh de’n ainm sin. Bha e ainmeil air son a sheasmhachd ’s a dhuinealais ann an cur sios gach troimhe-chéile ’bha tachairt ’s an rioghachd. Bha cogadh eadar e féin agus rìgh Shasuinn ’an toiseach a rioghachaidh, mar a ghabh esan taobh nam Morairean mòr’ an aghaidh rìgh Iain, ’nuair a bha iad ’ga éigneachadh gu Magna Charta ’thoirt doibh. Ach an uair a thàinig Eanruic III. gu righ-chaithir Shasuinn, ’an déigh bàis ’athar, ’s a’ bhliadhna 1216, bha sìth air a h-ath-nasgadh ri Alba co daingean ’s gu’n d’ earb Eanruic gleidheadh taobh tuath a rioghachd ri Alastair II., agus cha do mheall sin air. Bha Alastair co dìleas ’s a bha Eanruic co muinghineach. Ach ged a bha sìth aig Alb’ o’n taobh a mach, bha roinnean ’us troimhe-chéile gu leòir innte féin. An uair a bha ’n rìgh air a thurus gu ruige Sasunn, ’s a’ bhliadhna 1222, ràinig sgeul e air iorghail eagalaich a bh’an Gallthaobh, eadar an t-easbuig ’s an sluagh. Bha’n t-easbuig, d’am b’ ainm Daibhidh, ro chruaidh air an t-sluagh bhochd ann a bhi ’togail na deachaimh uatha. Chum sluagh na Siorrachd coinneamh eatorra féin, gu’n comhairl’ a chur ri ’chéile, dh’fheuchainn ciod ’bu chòir a dheanamh ’s an daorsa ’s an robh iad. Dh’ éigh duine tapaidh a bha ’n sin a mach, “ ’S iad briathra tearc briathran is fearr—marbhamaid an t-easbuig!” Cha bu luaithe ’dubhradh na ’rùnaicheadh. Mach a bheireadh
[53] iad gu tàimheachd fhir na deachaimh,
ris an do chuir iad séisdeadh le boile,
agus a ghlac ’
s a loisg iad gu h-
ealamh, ’
s an t-
easbuig féin a stigh ann,
gus an robh an lùchairt air a losgadh mu ’
cheann.
Am feadh a bha ’
m bròn-
chluich’
ud a’
dol air aghart,
ruith cuid de ’
sheirbhisich an easbuig gu caisteal Iarla Arcu ’
us Ghallthaobh,
a bha fagus dòibh,
a dh’
aslachadh còmhnaidh d’
am maighstir o’
n Mhorair sin.
Fhreagair an t-
Iarla gu cealgach,
nach robh aig an easbuig ach ruith d’
a ionnsuidhsan, ’
s gu’
m biodh e cinnteach á dìdean fhaotainn;
mar gu’
m biodh e comasach do ’
n duine bhochd teicheadh as a thigh ri theine troimh’
àireamh lìonmhor de naimhdean cuthaich.
Ghrad phill Alastair air ais o dheas,
agus thriall e gu ruige Gallthaobh le armailt, ’
s chuir e gu bàs ceithir cheud diubhsan aig an robh làmh ann am mortadh an easbuig.
Chaidh an t-
Iarla cruaidh-
chridheach a mharbhadh gu goirid ’
an déigh sud,
le cuid de shluagh an àite,
mar dhìoghaltas air son làmh a bhi aige ’
s a’
ghniomh,
agus a chum ’
s nach faighteadh mach gur h-
e mharbhadh a rinneadh,
chuir iad air a leabaidh féin e, ’
s chuir iad an caisteal ri theine.
Bha tomhas maith de chumhachd aig rìgh Alastair, ’s bha e measail araon aig Albannaich ’s aig Sasunnaich; agus mar a bha gach troimhe-chéile a bha ’s an rioghachd ag agairt, bha armailt ghleusd’ air dheadh iunnsachadh aige ga chumail air chois. Tha eachdraidh a’ deanamh iomraidh air caochladh chaonnagaibh fuilteach a bh’ aige ri chur fodha ’na là; ach o nach d’ thàinig ni sam bith air an lorg ach an dragh a rinn iad aig an àm, ’s a bha iad co cosmhuil ris na blàraibh a dh’aithriseadh cheana, cha ruigear a leas a bhi ’g an ainmeachadh.
2. B’ ann air ceann an airm, a’ toirt gu ùmhlachd aon de na tighearnan Gàelach a bhàsaich rìgh Alastair. Bha Aonghas, Morair Earraghàeil, a’ toirt ùmhlachd do rìgh Lochluinn air son cuid de na h-eileinibh a siar, thairis air an robh e ’riaghladh. Cha ghiùlaineadh rìgh Alastair ni b’ fhaide le sin. Chaidh e gu taobh siar na dùthcha air ceann an airm air los am Morair a chomh-éigneachadh
[54] gus an ùmhlachd dhligheach a thoirt dha féin.
Bhuail teasach e air an turus sin leis an do bhàsaich e’
n eilean Chearara,
mu choinneamh bail ’
an Obain, ’
am mìos meadhonach an t-
samhraidh, ’
s a’
chùigeamh bliadhn’
deug thar fhichead de ’
rìoghachadh,
agus thàinig a mhac,
Alastair III.,
thun a’
chrùin ’
na àite.
Cha robh Alastair III. ach ochd bliadhn’ a dh’aois aig àm bàis ’athar. Gun teagamh ’s ann a thaobh e bhi co ro òg ’s a bha e a tha luchd-eachdraidh a’ toirt uiread de chunntas air na nithibh a thachair aig a chrùnadh. Am measg nithe eile tha iad ag innseadh dhuinn gu’n do mhìnich a luchd-comhairle na mionnan crùnaidh dha ’an Laidean agus ’am Fraingis Normanaich. Agus tha e air a ràdh an uair a chuir easbuig Chill-Rimhinn an crùn air a cheann, ’an déigh ungadh le olaidh, ’s e ’na shuidh’ air Clach a’ mhanaidh (an Lia-Fàil) ’an eaglais Scoinne, gu’n d’aidich a chuid thighearnan ùmhlachd dha air an glùinibh, agus a’ sgaoileadh an cuid brat fo a chosaibh. ’An sin gu’n tàinig Seanachaidh Gàelach air lom a thòisich, ’na chainnt féin, air innseadh a shinnsireachd do’n rìgh, air ais a dh’ionnsuidh a’ cheud rìgh a theireadh iad féin a bha riamh air Alba; agus an uair a chrìochnaich am fiùdhalach so a dhuan le “Beannachd do rìgh Alba, Alastair Mac Alastair, Mhic Uilleim, Mhic Dhaibhidh, Mhic Challuim,” gu’n do leigeadh air falbh e luchdaichte le tiodhlacaibh luachmhor.
3. Thug iad air an rìgh òg so pòsadh mu’n robh e ach deich bliadhn’ a dh’aois. B’ ann ri teaghlach rioghail Shasuinn a roghnaich iad cleamhnas a dheanamh. Bha Eanruic III., rìgh na dùthcha sin, air bhi ’na charaid aig Alastair II.; ach bha e ’na dhuine co suarrach ’s gu’n d’ oidhirpich e air an òganach a thàinig gu bhi ’na chliamhainn dha aomadh gu rioghachd Alba thoirt suas d’a riaghladh féin, no co dhiùbh gu’n aidicheadh e rìgh Shasuinn mar Ard uachdaran Alba, ’s gu’m biodh e féin a’ riaghladh fodha. Fhreagair an t-Albannach gu duineil, a réir aois, gur h-ann a thàinig e phòsadh bana-phrionnsa Shasuinn, ’s nach robh e ’dol a
[55] thoirt air aghart gnothuch fallaiseach air bith a bhuineadh do’
n rìoghachd, ’
s nach b’
urrainn ann e gun chomhairl’ ’
us òrdugh a Phàrlamaid.
Mar a bha Alastair a’
tuigsinn nam beachdan a bh’
aig athair-
céile rinn e cumha uair ’
s e air fhiadhachadh an déigh sud do Lunnuinn,
nach feudadh co-
labhairt air bith a bhi eatorra mu thimchioll gnothuichean stàite.
Ach cha b’
e mhàin gu’
n robh rìgh Shasuinn a’
gabhail brath air òigead rìgh Alastair,
bha mòran de ’
chuid ìochdarana féin a’
deanamh sin mar an ceudna.
Fhuair an nì a thuirt Solamh coimhlionadh litireil a thaobh Alba fhad ’
s a bha ’
n rìgh fo aois. “
Is an-
aoibhinn duit a rioghachd ’
nuair is leanabh is rìgh dhuit.”
Ré nam bliadhnacha sin bha daoine mòra,
air Ghalltachd ’
us Ghàeltachd,
a’
tolladh fo a chéile.
Bha Morairean na Galltachd,
cuid diubh,
air an roinn ’
n am pàirtidhibh ’
an aghaidh a’
chéile,
agus a’
goid an rìgh o chéile. ’
S ann aig a’
phàrtaidh aig am biodh sealbh air pears’
an rìgh a bha riaghladh na rìoghachd fhad ’
s a b’
urrainn iad a chumail.
Tha e araon mi-
thaitneach ’
us mi-
tharbhach a bhi ’
leudachadh air na dòighibh ’
s an robh na fiùdhalaich ud a’
caitheamh bhead air a’
chéile.
Ann an aon de na caonnagan fuilteach a bha ’
measg nan Gàel ’
s an àm ud, ’
nuair a dh’
éirich buidheann naimhdean ’
an aghaidh Iarla Rois,
chaidh seachdnar de oighreachan Foulis a mharbhadh còmhladh, ’
s thàinig an oighreachd a dh’
ionnsuidh naoidhein a bha ’
s a’
chreithil.
4. Ach ri ùine thàinig Alastair gu fearachas ’s gu bhi comasach air toigh a thoirt araon air féin ’s air a rioghachd. Bha iomadh ni air feadh Alba ’bha ’g agairt aire an rìgh air àm dha teachd gu fearachas. Cuid diubh sin ag éiridh o neo-thioralachd nan Gàel ’s nan Gall ri ’chéile. Ach cha robh aon ni bu mhò ’bha cur Alba’n cunnart na staid nan eileanan tuath ’us siar, a bha uile fo uachdranachd rìgh Lochluinn, o Arcu-chuain gu ruig an t-eilean Manaineach. Cha b’ ann còmhladh, ach a lion aon ’us aon a fhuair an Lochluinneach sealbh air na h-eileanaibh; agus ’s e ’s coslaiche gu’n robh iad uile air an cur fo chìs mu’n àm an d’ fhuair Coinneach
[56] Mac Alpuinn dà rioghachd Alba aonadh r’
a chéile fo a riaghladh féin.
Bha ’
dol aig righrean Alba air na h-
eilthirich ud a rotadh air falbh as na h-
uil’
àite de ’
n mhòr-
thir,
a siar ’
s a sear,
air an robh iad a’
gabhail sealbh car greis.
Ach mar nach robh càbhlach aig righribh Alba a dh’
fheudta idir a choimeas ri lionmhoireachd nan luingeas Lochlunnach,
agus mar sin nach b’
urrain iad smuaineachadh air aghaidh a thoirt doibh air muir,
b’
éigin doibh na h-
eileana fhàgail aca ré còrr ’
us ceithir cheud bliadhna.
Bha luchd-
riaghlaidh a’
faotainn a mach air an costas gu’
n robh e ’
na ni ro chronail do ’
n rioghachd na h-
eileanan a bhi fo thighearnas nan coigreach ud.
Cha robh uair sam bith a dh’
éireadh cogadh eadar Alba ’
us Sasunn,
nach robh e furasta gu leòir do ’
n nàmhaid dheasach cuid de phrionnsachan nan eilean fhaotainn gu dhol air tìr le ’
n luchd-
leanmhuinn ’
an àit’
eigin de ’
n mhòr-
thir, ’
s na b’
urrainn iad a dheanamh de chall le togail chreachan, ’
us marbhadh sluaigh, ’
s mar sin an t-
arm Albannach a chur eadar dhà theine.
Agus ged nach biodh cogadh ri Sasunn idir, ’
nuair a rachadh fear no dithis dhuibh sud,
le ’
chuid dhaoine,
a chòmhnadh aoin sam bith de na cinn-
fheadhna chumhachdach a thogradh éiridh ’
an ceannairc ’
an aghaidh an rìgh;
bheireadh iad an dùbhlan do armailt sam bith a chuireadh e ’
n an aghaidh.
Mar sin cha bu chomasach e gu’
m biodh rìgh Alba gu bràth ’
na mhaighstir air fhonn féin,
fhad ’
s a bhiodh àireamh co lionmhor de naimhdean ga chuairteachadh,
agus co faisg a làimh.
5. Bha saorsainn aig Alastair III. o chogadh ri Sasunn ’na latha féin, a chionn e bhi ’n cleamhnas ri rìgh na tìre sin; ’s ghabh e ’n cothrom air na h-eileanan a thoirt fo ’ùghdarras féin. Chuir e càbhlach ’us armailt ’an aghaidh nan eileanach a lion aon ’us aon. Bha e ’sgiùrsadh air falbh na h-uile ceann-feadhna nach robh deònach air e féin ùmhlachadh do ùghdarras rìgh Alba. Tha e coslach gu’n robh baide maith dhiubh sin ann. Thog iad an cùis gu rìgh Lochluinn, a bha iad ag aideachadh a bhi ’na àrd rìgh dligheach air na h-eileanaibh. Rùnaich Haco, a bha ’s an àm sin
[57] air caithir Lochluinn,
làn dhioghaltas a dheanamh orrasan a bha ’
fuadachadh a chuid phrionnsachan air falbh as an fhearann a bha e ’
n dùil a bhiodh am feasd ceangailte ri crùn Lochluinn.
Dh’
uighimich e càbhlach lionmhor luingeas air son briseadh a stigh air Alba le sùil ris an rioghachd a cheannsachadh gu h-
iomlan da féin.
Dh’
fhàg e Lochlunn gu maith tràth air an t-
samhradh le ’
chuid luingeas luchdaichte le saighdearaibh, ’
s gach gnè armachd a bha cleachdta ’
s an là sin ’
an cogadh mara no tìre.
Fhuaradh a mach gu maith trà ’
an Alba gu’
n robh an t-
eascaraid so a’
tighinn a thoirt ionnsuidh orra,
agus bha luchd-
riaghlaidh na rioghachd a’
deanamh gach ullachaidh a b’
urrainn iad air son làn di-
bheatha ’
thoirt da, ’
s an t-
seadh an àbhaist do aon nàmhaid sin a thoirt do nàmhaid eile,
co luath ’
s a thigeadh e.
Cha smuainicheadh iad air aghaidh a thoirt da air a’
mhuir;
ach shuidhicheadh buidheann thearc shaighdearan ’
an sud ’
s an so,
aig gach ceann fearainn timchioll air an rioghachd,
far an robh e coltach gu’
m feudadh e tighinn air tìr; ’
s bha iad gu comharadh a dheanamh ri ’
chéile le teintibh,
na’
m faiceadh iad e ’
dlùthachadh ris an fhearann,
agus oidhirpeachadh gach grabadh a b’
urrainn iad a chur air,
gus an tigeadh feachd na rioghachd ga choinneachadh.
Bha e mu mheadhon ceud mhios an fhoghair ’
nuair a fhuair càbhlach Haco,
anns an robh ochd fichead long,
seachad air Maol Chinntire, ’
s a steach do chaolas Chluaidh.
Bu sheann laoch Haco,
a bha dà fhichead bliadhna ’
s a sea ’
na rìgh air Lochlunn.
Cha robh Alastair III.
leth sin a dh’
aois;
ach thug an laoch òg an car,
gu sgiobalt,
as an t-
seann laoch.
Bha fios aig fear Alba gu’
m bu bhuannachd dha féin, ’
s gu ’
m bu chall do Haco,
na h-
uile là b’
urrainn e ’
cheann a chur seachad gun tòiseachadh air a’
chogadh.
Chuir e sagartan cos-
ruisgte air bòrd do luing Haco gu còrdadh ris mu na cumhachaibh air an tugadh e seachad an rioghachd dha féin,
mur faighteadh sìth air sheòl eile.
Lean na teachdairean-
cùirt so air dol air ais ’
s air aghart leis gach lethsgeul a gheibhte ’
mach,
gus an do tharruing an ùine car fada.
Ré na h-
ùine sin uile bha Alastair
[58] a’
deanamh gach ullachadh a b’
urrainn e air son a’
chogaidh,
le bhi ’
tional shaighdearan as gach cearna de’
n rioghachd, ’
s ga ’
n cur ’
n am buidhnibh beaga mu’
n cuairt do’
n oirthir mu choinneamh nan luingeas; ’
s a thuilleadh air sin bha gun teagamh sùil aig Alastair ris na h-
eileamaidean féin a thighinn ga chòmhnadh ’
an ùine ghoirid.
B’
amhuil a thachair:
air an oidhche mu dheireadh de dhara mìos an fhoghair,
sheid stoirm co uamhasach ’
s co obunn ’
s gu ’
n do shaoil na Lochlunnaich gu’
m b’
iad na bandruidhean Albannach a bha ’
togail na gaoithe.
Dh’
àithn Haco a shagartan a thoirt ’
na fhianuis, ’
s ghabh e bàta ’
s chaidh e gu tìr ’
an eilean Chumbrai,
a bha dlùth do làimh, ’
s thòisich na sagartan air an aifrinn a ràdh;
ach a dh’
aindeoin ’
s na theireadh na sagarta cha robh ’
ghaoth no’
n fhairge ’
sgur dheth ’
m boile.
Bh’
an luingeas a’
leantuinn air a bhi reubadh air falbh thar an acraichean, ’
s a’
ruith suas an caolas roimh ’
n ghaoith, ’
s a’
briseadh air na cladaichibh,
no ’
sgailceadh ri chéile ’
s an oidhche dhùdlaidh,
dhuirch, ’
s a’
sioladh leis na bh’
annta. ’
Nuair a shoilleirich a’
mhaduinn bha na cladaichean làn de luingeas bhriste, ’
s na seòladairean ’
s na saighdearan timchioll orra,
ag oidhirpeachadh air an dìon o ’
n tuath-
cheathairn a bha air dol fo ’
n armachd, ’
s a’
gabhail nam fàth air na Lochlunnaich a chreachadh, ’
s a mharbhadh mar a b’
urrainn iad.
Lean an doinionn ré an là sin ’
s na h-
oidhche;
ach air an ath mhaduinn thàinig ni-
eigin de lasachadh oirre, ’
s chaidh Haco ’
s a chuid shaighdearan air tìr gus na b’
urrainn iad a shàbhaladh de ’
n cuid.
Ach cha b’
e sin a bh’
aca r’
a dheanamh.
Cha bu luaithe fhuair iad an casan air tìr na chunnaic iad an t-
arm Albannach,
a bha nis air tional as gach cearna,
ag iadhadh mu’
n timchioll gu neo-
sgàthach,
colganta, ’
s rìgh Alastair féin air an ceann.
Sguab iad na h-
eilthirich sios rompa gu beul na mara leis a’
cheud bhuille.
Ach thilg na Lochlunnaich iad fèin ’
an cruth cruinn,
ris an abair luchd-
airm,
cearcall,
leis an tàinig am feachd gu h-
iomlan gu bhi coslach ann an cumadh ri gràineig mhòir,
còmhdaichte air gach taobh le sleaghaibh fada
[59] stàilinn,
troimh an robh e eu-
comasach briseadh a steach.
Timchioll air a’
chearcall so bha ’
mhire-
chath a’
dol air aghart fad an latha.
Ach mu fheasgar lagaich a’
ghaoth,
a bh’
air bhi glé bheò roimhe sin, ’
s fhuair an t-
arm Lochlunnach gu h-
iomlan air tìr, ’
s mar sin chaidh ac’
air na h-
Albannaich a chur suas o ’
n chladach;
ach tuilleadh cha d’
rinn iad.
Chuir an oidhche crioch air saothair an luchd-
còmhraig sgìth,
a thug an là foghair air slachdadh a’
chéile.
Fhuair na Lochlunnaich air bòrd an cuid luingeas fo sgàile na h-
oidhche, ’
s dh’
fhoghainn sud féin leò de chogadh.
Bu bhuidhe le Haco uaibhreach fosadh iarraidh gu a chuid mharbh adhlacadh, ’
s ’
nuair a fhuair e ’
n dleasnas sin crìochnaichte chuir e ’
chuid shaighdearan,
slàn ’
us leònta mar a bha iad,
air bòrd an tearc de luingeas a dh’
fhàgadh slàn aige ’
s thog e air gu falbh dhachaidh;
ach dhachaidh cha robh e gu dhol.
Dh’
fhàs e tinn air an rathad ’
s chaidh e air tìr ’
an Arcu,
far an do bhàsaich e leis an t-
sàrachadh a fhuair e ’
n ceann a’
ghnothuich thuaireapaich ud, ’
s leis an deamhadas air son an dòigh anns an do chriochnaich e.
Bha e ’
g aideachadh air leabaidh a bhàis gur h-
i làmh Dhé chaidh a mach ’
na aghaidh-
san, ’
s mur b’
e sin nach b’
ann air an dòigh ud a philleadh e.
6. B’ e Làirg, baile beag an Siorrachd Ara, ainm an àite ’s an do choinnich na h-Albannaich ’s na Lochlunnaich a’ chéil’ aig an àm ud. Their luchd-eachdraidh Blàr Làirg ris. Tha làthraichean a’ bhlàir ri’m faicinn fathast air na cladaichibh ud. Chithear an sud na torran mòra chlach fo’m bheil an fheadhainn a chaidh a mharbhadh ’s a’ bhlàr air an adhlacadh, ’s gheibhear fathast ann mìrean de innealan cogaidh de gach seòrs’ a bh’ air an cleachdadh ’s na linnibh ud. Feudar a ràdh gu’n do chuir an aon bhlàr an gnothuch an dara taobh a choidhch tuilleadh, a thaobh eileanan Innse Gall a bhi air an reubadh o na Lochlunnaich. Ach tharruing e ’dhà no thrì bhliadhnachan ’an déigh sud mu’n do naisgeadh cùmhnant eadar Magnus, mac Haco, agus Alastair III. leis an d’ aontaich an Lochlunnach na h-eileanan uile a lìbhrigeadh
[60] do Alba,
ach Arcu agus Sealtuinn,
a chum e beagan ni b’
fhaide.
7. Bha Alastair glé ghniomhach ann a bhi ’frithealadh ceartais a’ measg a chuid iochdaran o cheann gu ceann deth’n rioghachd. Air son an aobhar so bha e ’n’a chleachdadh aig’ a bhi deanamh cuairt bhliadhnail air feadh na rioghachd o cheann gu ceann. Bha buidheann thaghta dheth ’chuid ridirean ’us àrd-uaislean, ’us mar an ceudna àrd-bhreitheamh na rioghachd, a’ marcachd còmhladh ris do gach cearna fa leth. Thòisich Alba ri bhi air a roinn ’na Siorrachdaibh ri linn righ Daibhidh; ach b’ ann goirid roimh an àm air a bheil sinn a nis a’ labhairt a thugadh na Siorrachdan a dh’ionnsuidh na meudachd ’s nan ainmean a th’ aca gus an là an diugh, no glé fhaisg air sin. Bha Siorraimh gach cearna fa leth, maille ri feachd cogaidh nan crìochan, a’ coinneachadh an rìgh aig iomall na Siorrachd, agus a’ toirt coimheadachd dha gu iomall na Siorrachd a b’ fhaisge air sin, far an robh coimheadachd de’n ghnè cheudna a’ feitheamh gu gabhail ris. Bha na h-uile gearan a’ faotainn éisdeachd, agus gach ana-ceartas air a leasachadh gun dàil. Bh’ an rìgh, mar an ceudna, a’ toirt eisimpleir ’us misneachd do’n t’ sluagh ann an tuathanas. Bha mòran de’n chuid a b’ fhearr a dh’ fhearrann na tìre fathast ’na choilltich. Ach bha mòran dith air a thoirt a steach ri ’linn-san, mar a bha sìth ann air gach taobh an déigh fuadachadh nan Lochlunnach. Bha pailteas a’ measg gach inbhe fa leth dheth ’n t’sluagh gus ithe, òl, ’sa chuir umpa, agus rud maith ri ’sheachnadh air son mhargaidhean rioghachdan eile. Bha béin’ us sithionn ’am pailteas, ’us ainmhidhean de gach seorsa ga’n cur gu tìribh céine air son an reic. Ach feudar a ràdh gu ’n tàinig crioch, car ùin’, air an t’ soirbheachadh so le bàs a’ phrionnsa ghlic agus chomasaich ud, a thachair gu truagh do Alba, ’n uair a bha e fathast an tréin’ a neirt.
Bha an rìgh air thurus o Dhunéidean gu àite tàimheachd a bh’ aige ann am Fiofa. B’ann rathad Port na Bàn-righ a ghabh e le tearc de luchd-coimheadeachd. Thàinig dorchadas na h-oidhch’
[61] orra faisg air àite ris an abrar Cinghorn.
Bha ’
n luchd-
coimheadachd air son an oidhche ’
chur seachad far an robh iad, ’
s an turus a ghabhail ri solus an là.
Ach cha robh an righ idir air son stad, ’
s ghabh iad uil’
air aghart. ’
N uair a bha iad a’
dol seachad aig ceann creig àird a bha rompa,
shleamhnaich an t-
each a bha fodha, ’
s chaidh an t’
ainmhidh ’
s am marcach còmhladh leis a’
chreig. ’
N uair a ràinig a luchd-
leanmhuinn an t-
àit’
an robh e aig bonn na creige bha e mairbh.
Bha sin mu mheadhon dara mios an earraich, ’
s a’
bhliadhna 1286.
Rinneadh caoidh mhòr air a shon an Alba. ’
S iad na marbh-
rainnean a rinneadh dha sgriobhuidhean co sean ’
s air ’
bheil iomradh ’
s a’
chainnt Albannaich.
Seallaidh sluagh na dùthcha fathast an dearbh àit’ ’
s an deachaidh an rìgh as an rathad,
ged tha dlù air sé ceud bliadhna o thachair an call.