[DA 1]
[Duilleag a dhìth]
[DA 2]
[Duilleag a dhìth]
[DA 3]
AN CLAR INNSIDH.
Taobh duilleag.
PREFACE, v
Creideamh Dhaona taoght Dhe, 1
Oran mo Leanabh og, 7
Gradh m’ Fhear-Saoraidh, 11
Gealladh an t-Slanui-fhear, 13
Eifeachd a’m Fuil an Uain 17
Buachaillean Israeil, 19
Calbhari, 22
Coigrich, 26
An Dachaidh Bhuan, 29
An Deagh Shaighdear, 32
An Turus, 35
Garadh Edein, 40
Oran Gaoil, 43
Truaigh Shiorruidh, 47
Staid Naduir, 50
Oron do’n t-Saoghal, 54
Gairdeachas an Fhirean, 58
Aonachd an Spiorad, 60
[DA 4]
Glaodh na Mairtairaich, 67
La a Bhreitheanais, 82
Gloir an Uan 88
An Geatadh Cumhann, 94
Am Biobal, 95
Gearan Nan Gael, 99
Comhairle Do’n Oige, 103
Oran Do’n Aois, 108
Bas an Fhirean, 112
Righ nan Uamhas. —Bas an Aingidh, 116
Caraid ’is dluthaidh na Bratha, 119
Tobair na ’n uisgeachan beo, 125
Oran na Missionaries, 128
An tait bh’aig Eoin, 134
An t-aonn ni Feumail, 135
Beatha an Duine, 137
An Fhois Shioruidh, 141
Oran do’n Uaigh, 143
A Chulaidh Sgiamhach, 146
Stri ann an Zion, 149
An Soisguel, 151
[DA 5]
PREFACE
TO
THE FOURTH EDITION.
SINGING is practised by almost every nation under heaven, and it has been found in every age to have a powerful operation upon the mind—to elevate it above trifling things—to comfort it under afflictions and trials—to banish sorrows and cares—and to strengthen the heart for great achievements. Christians are not only invited to this cheerful exercise, but positively commanded, to teach and admonish one another with psalms, and hymns, and spiritual songs, singing and making melody to the Lord, with grace
[DA 6]
in their hearts—Col. iii. 10. And we have seen with our eyes that where true religion is in a prosperous state, there is singing and the voice of gladness in the dwellings of the righteous—Ps. cxviii. 15; and seldom can a company (particularly young pious people) meet without joining their voices together, to sing the praises of God. On the other hand, when the children of Zion hang their harps upon the willow trees, and cannot sing the songs of Zion, it is one proof that they are too near the Babel streams, and not drinking abundantly out of the river that makes glad the city of our God.
When the morning stars sang together, all the sons of God shouted for joy—Job xxxviii. 7; and shouting for joy will be a part of the joyful work of the saints in the eternal world.
The Highlands of Scotland have been
[DA 7]
notable for singing in ages past, and a number of men appeared among them who had the best of talents for poetry; but, alas, true piety, self-denial, and devotedness to God, were little known among them; and, then, their beautiful talents for poetry were prostituted for the worst of purposes—for the praise of some men, and the disgraee of others; and their vain and profane songs were awfully corrupting the morals of the youth, who took the greatest delight in them. And their brethren in other places who enjoyed the Gospel in its purity for ages, neglected the Highlanders, although they were a very interesting race of men, and always found among the bravest and best defenders of our country.
At last, like Moses, it came into the hearts of some to visit their brethren;—
[DA 8]
societies were established—the Scriptures were circulated—preachers were sent forth—and Gaelic schools were instituted—and now, by the blessing of the Lord, it is well known that their labour was not in vain. It was a glorious day for the Highlanders, when the Scriptures, the psalms, and hymns, were translated into their native tongue: but hitherto they had no spiritual songs, that they could sing in private, and with their old Highland airs, till Dugald Buchanan of Rannach appeared, a father in Israel. He spent his time and his talents in teaching them to read, preaching the Gospel to them, and composing spiritual songs for their edification and comfort. His poems have not yet been equalled, and will never be excelled. Many thousand copies of his little book have been sold, but his
[DA 9]
race was run before he composed such a variety as would suit Christians in every situation.
About twelve years ago I composed a few poems, and, by the advice of some friends, published them. As to their merit, it is not for me to judge, only they got a wide circulation; and good judges say, that, if they do no good, they will do no harm; and it is well known that in every part of the Highlands they are sung, and a vain song is seldom heard. Three editions have been sold off; and for years back they are out of print. Finding still that there is a demand for them, and having several new ones to add to them, I publish the whole in one little volume.
Some have been saying that I published them for my temporal benefit, but I hope I have a higher aim; and those with
[DA 10]
whom I was dealing know that it was very little profit that ever I reaped from the sale of them. That souls may reap the benefit, and the Lord may have the glory, is the desire and prayer of your servant,
PETER GRANT.
[DA 11]
PREFACE
TO
THE FIFTH EDITION.
IT is now twenty-eight years since the first edition of these poems was laid before the public. Since that time three other editions have been exhausted; and as the author still finds that there is a demand for them, (although six thousand copies have been already circulated,) he hopes that, in some measure, they have been found beneficial to the spiritual interests of many. Under this impression he has great pleasure in sending forth this, the fifth edition, carefully revised, and considerably enlarged. If, by the
[DA 12]
Divine blessing, they edify, direct, and comfort those who take the statutes of the Lord to be their song in the house of their pilgrimage; and if, by the same blessing, they be the means of turning sinners from the error of their ways, awakening the careless, and directing the weary and heavy laden to the Lamb of God: if such be their effect, the desire of the author will be abundantly realized.
P. G.
STRATHSPEY, September, 1837.
DAN SPIORADAIL.
Creideamh Dhaona taoght Dhe.
Se creideamh Dhe their iad rium sa n’tir so,
’S tha suil ro-gheur agam ann sa n’fhirinn,
’Sna shiulas buan ann mo cheumadh buaghach,
Bith gaol a n’uan ac, bith buaidh us sith ac.
Smise bhear dhoibh eolas air mead a ghaolsan,
Chunnaig mise Jehobhah n’uar rinn e n’ saoghail,
Chunnaig mi Adhamh, us Ev, sa gharaidh,
S a n’ cruth co-aluinn le maise na naomhachd.
Ach thainnaig Satan a’ Nathair lubach,
Us m heall e Ev, us dhall e suilean,
Chunnaig me Ev, toir a nuas na n’geugan,
S’ dhith iad le cheil do na mheas bha ciural.
Dhith iad le cheile, sthug sud a m’bas orr,
’S tha garaidh Eden dhoibh nis mar fhasaich,
Chaill iad Iamhaidh us gloir na Diaghachd,
Us dh’ fhas iad cianail adheasbhuidh lathairachd.
Chunnaig mi ruisg iad measg croadh’n a gharaidh,
Siad stri ri cuirig chuir air a naire,
Ach caite a n’teid iad on t suil dha n leir iad
Smo thruaigh leir gun a chail iad dh’ fabhour.
Ach dheiraich grian, s thannaig la na n’ gras orr,
Us dheigh an triath caite am beil u Adhamh,
Thig nis a m’fhiniais smo ghaol co sioraigh
S’ feuchaidh mi rian leis am bi u tearruinnt.
Oir eiridh slanuir dheth n ’t sliochd aig Eva,
’S bith buaidh gu brath leis gach taobh a theid e,
Se chlaoidheas Satan, s’bith cheann fo shalan,
’S bith sh’luagh leis tearruinnt sgu m’ paidh e’n eirie.
Chunnaig Abel toir suas na h’ iobairt,
Na b’fhear na cain s’bha obair fireannt,
Bha chreideamh slainnteal s’bha n’ti us airde
Toir fianais dha o gu n’ robh e na fhirean.
Chunnaig mi Enoch air steidh na firuinn,
Bha creideamh Dhe aig s’bha cheuman direach,
S’ le cairbad slainnt chaidh e suas gu Pharas,
Scha do bhlais e bas idir ann sa n’tir so.
Chunnaig mi Noah sa n’ Arc se duinnt ann,
Sa n tuill ga dortadh air sluagh gun churam,
Ghlac eagal tra e on chreid e n t’ Ard-Righ,
S’ thannaig am bas nuar bha cach gun suil ris.
Chunnaig mi Abraham, us dhag e n’tir aig,
Sna choigrach dh’fhase le gradh na firinn,
Bha chreideamh laidear, s’bha sh’uil ri Pharas
’Snuar fhuar e n’ aithne, cha do chaon e Isaac.
Chunnaig mi Mhaois a doll sios do n’Eiphaite
Dha n t’shluagh thoir saorsa s bha n gaordain trein leis
Thug e mach le buaigh as n’daorsa chruaidh iad
S’ Pharoah sa sh’luagh ann sa chuan gun eiridh.
Chunnaig me n saorse thug a ghaordan trein dhoibh,
S’ chuala mi ghaor a bha n tir na h’ Eiphàit,
Nuar shaor e sh’ luagh as le fuil an’ uan sin,
Sa n t’ Ainghail buadhach a s grios man ceud-ghin.
Chunnaig mi n’ sluagh ud doll sios do n’ fhasaich,
S’ chunnaig mi uamhasan beinn Sinai,
S’ tha gaor mo chluais leis gach mallachd chuala mi,
Air a n t’ Shluagh sin mach gluais na Aitheannteann.
Chunnaig mi Israel a tional Mana,
Sa g’ ol do n’ fhior uisg on charaig alluinn,
’S bo shamhladh firinnach sud air Josa,
Cha ghabh e sgios a toir dhuinn a lanachd.
Ach theirgadh uin dhomh ma thiomchail Daibhaidh,
Ma thiomchail Samuel, is na faidhean,
Ma Shampson buadhach us Gideon suairc ud,
Us Mnathann uailse us sluagh gun aireamh.
Chunnaig mis ga n’ ruag iad air feadh na fasaich
Le ocras fuachd agus truaighean gabhaidh,
Bha creideamh beo ac, ’S bha iad an dochas,
Aisheiraidh ghloir mhor, se sud a b’fhear leo.
Ach ruidh a n’ uin agus dhluthaich tiom ruinn,
’S on bha mo Sh’ uils ri fear Saoraidh Israel,
Chunnaig mis san ’fheol e us fhuil ga dortadh,
Us fhuar mi trocair le gloir na h’ iobairt,
Chunnnaig mi Ainghlean a tighinn anuas leis,
Sa n ceol ab aibhainn s’bo bhinne chuallas,
Toir sgeul sa n fhasaich gun d’ rug sa n’ stapal,
An leanneamh aild ud a b’ Alluinn buaighean.
Lean mis na buachaillean chual an’ sgeul ud,
’S nuar shir sinn fhuar sinn e n sud gun eiraidh,
’S gun neach na choirsan ach Muire us Ioseph,
’S na h’ Ainghlean gloir mhor nach d’ rinn a’ threigsinn.
Thuig mis an sgeul ud gun d’ eiraich grian oirn,
’S chunnaig mi reult ann s’ na speuran shios ud,
’S daona glic aig eiridh ’s lean iad an’ reult ud,
Sa dhaindeon Herod thug geil mar Dhia dha.
Chunnaig mi m’ bas tighinn chuir sas air Herod,
’S cha d’ fhuar e dal ga be laider trein e,
Us ghabh iad comhnaidh a n’ tir Judea.
’S thainnaic Muire us Joseph, sa n’ leanneamh gloirnnhor,
Se n’ leanneamh dh’ fhas e co dlu ri sedair,
Se ann a m’ fabhair na huile creutair,
’S nuar chual e Eon a bhi Baiste an Jordan
Thainnaig eis da dheon, s chaidh e tre na cheum ud.
Thuirt Eon le miorbhaill am beil u geilleadh
Gu tighinn co iosal fo lamhann creutair,
Ach se thuirt Josa gach Aithne san n fhirinn,
’S coir dhuinne Striochda sa bhi toir geil da.
Tha n’ aon ghaol tighn a nuas a Jordan,
Sa n’ spiorad naomh air agabhail comhnaidh,
’S tha ’n guth aig eighaichd se uan De e,
’S mo thlachd gu leir ann se thuirt Jehobhah.
Chunnaig mi Satan a tighinn sa n’ uar sin,
Ga thoir do n fhasaich a chum a bhuaradh,
Le gloir a n t saoghail tha mealladh dhaona,
Ach a n’ aon naomh ud cha d’ thug e buaidh air.
Gad a ghabh e cloc fuil us feol mar dhaona
Chunnaig mis a mhorach mar ghloir fear saoraddh,
Bha cumhachd Dhe leis, s bha gaordain trein aig,
Osceann gach creutair a bh’ann san t’ saoghail.
Chunnaig mis sa gharaidh e s’ anam bronach,
Sa chorp ga fhasgadh us fallas mor air,
’S chunnaig mo shuilleans e air a ghlunan,
Se gleacha an’urnaigh sa n’cup ri ol aig.
Se thuirt an t’uan ud ri Aithar gloir’ mhor,
Tha crith us uamhan air m’fhuil us m fheol leis,
Ach so us ail leum mo sh’luagh bhi tearruinnt,
Us ann na n’ aite ni mi n’ cupan ol as.
Chunnaig mi Judas a tighinn gu cealgach,
Sa Chogais mhuch e le gaol an airgid,
’S bha cuideachd mhor leis us eis ga n seolladh,
Thug eis a phog dha s’ cha iad s air falbh leis.
Lean mis do n chuirt e gu talla Herod,
San s luagh a bruchdadh mach ceus e, ceus e,
’S thug Pilat binnaidh mach chum a dhiteadh,
Sa chogais g’innseadh nach drinn e eucair.
Ach sann a dhite iad le fianais bhreig e,
’S bha eis co min cha d’ fhosgail e bheil riu,
S lean mis on chuirt e siad falb gu dlu leis,
Se fein a giullan a chrann-aceus aidh.
’S nuar chaidh iad suas leis gu sliabh Chalvari,
Chunnaig us chuala mi fuam na n’ tarnuinn,
Ga n cuir an sas ann na chas sna lamhsan,
San t’ Sleagh an sas ann us la garbh aig.
’S nuar thog iad suas eadar talamh s’neimh e,
Thionail an sluagh chum an’ t’uan a reubadh,
’S bha Deamhna n’toir air, o aite na doruinn,
’S chaidh n’ fhearg a dhortadh le Athar fein air.
Sa n’ cupan dh’ol e an aite a sh’luagh as,
Sna h’uile doruinn bha dhoibhsan dualach,
Us sann adheigh e sna pianntaidh geur ud,
Mo thriath na treig mi sa n cath cho cruaidh ann.
Faic neul a bhais nis tighnn air aghruaidhean,
Theich a chairdean s tha cach air suarach,
Sch bha mo shuilleans air, s lean mi dlu ris,
Gus na dhun iad uam ann sa n uaigh e.
Chunnaig mis nuar dheigh toir suas a n’deo ann,
’S thuig mise an sgeul gu m’be Dia sa n fheol e,
Na creagan reub iad sna mairbh aig eiraidh
Sa ghrian sna speuran cuir culaidh bhron oir.
Ach gheil am’bas s’cha do chum an uaigh e,
’S mar ghaisgach laider sann thug e buaidh leis,
’S chunnaig mis gun dail e doll suas gu Pharas,
’S fear tagraidh ard ann a n’ aite a sh’ luagh e.
’S air a chrann nuar bha fhuil ga dortadh,
Sheall e nall s’ thug e sealladh mor orm,
’S thoir leum gun d’eigh e stus rinn mo cheusadh,
Stu rinn mo reubadh us m’ fhuil a dhortadh.
’S ann chum do shaoradh thannaig am bas orm,
’O n thug mi gaol duit a chum do thearnadh,
Us tha mo dhuill nach dean u mo dhuiltadh,
Gu m bi do shuil rium, s nach dean u m’aichadh.
’S mo bhios an saoghal na buaren shatan,
Gad thoir a thaobh gus am fuariach gradh dhomh,
Teich as gu dlu ma n dean sud do chiuradh,
’S gabh beachd as ur do na lotan bais so.
Dh’ fhariach mi saorsa tighinninn orm sa n’ uar sin
’S dh’ fharaich mi ghaol adoll feadh mo bhuaighan,
’S chuir mis mo dhochas na fhuil chaidh dhortadh
’S bi mis ri m’ bheo tuilleadh deaneamh luaidh air.
Oir tha mi n’ dochas gu crioch mo sh’ aoghail,
Gu m’ bi mi beo leis sgu n toir mi gaol da,
’S gu n’ iar mi seoladh uaith chum a ghloirach,
’S gu m’ faith mi trorach an spiorad naomh uaith.
Se m urnaigh n’ conaidh airson an’ saogh ail,
Gu m’ faith iad eolas air an neach a sh’aor mi,
N’ sin chi iad fein e gur fior un sgeul e,
’S mar creid iad fein e gu m bi e daor dhoibh.
’S tha mise an dochas gun caith mi sioruidhachd,
N’ leathair amhorachd, sa ghnuis mar ghrian dhomh,
’S gu m’ faic mi beo ann na uile ghloir e,
’S mi seinn na n’oran, snach fas mi cianail.
[DA 7]
Se so na neimh ris am beil mo dhochas,
Far am bi e fein cha bhi bas na bron ann,
Far am bi mi naomh, snamh an cuan aghaolsan,
Slan leis an’ t’ saoghail sgach ni bha n’tor oirm.
Oran mo Leanabh og.
’S leanabh solasach mi,
Gle og chaidh e tiom,
Chaidh mo throrach on chich do n’ uaigh,
’S gad bo ghaoraid mo thiom,
Gabhail fradhrac don tir,
Smor a thagam ri innse do nt’luagh.
Nach be n’ teachdair gun truas,
’A thug leis mi co luath,
On abhroillach sa n’t fhuar mi blas,
’S thug mi don bhanaltrum fhaur,
Ris a n can iad a n’ uaigh,
Sa riamh cha baithne dhi truas na blas.
Gad bo ghaoraid mo chuart,
Fhuar mi fradhrac car uar,
Gu n’ robh m peacadh dhomh dualach og,
’S dhanaich mise gu dearbh,
Gu n’ robh eis na ni searbh,
Toilltinn mallachd us fearg ro mhor.
Gad nach do pheacaich mi riamh,
Ann a n’ cleachda na n’gniomh,
Cha deach mi seachad gun pian us bron,
Thanaig puisean sa n’ reimh,
Ann a n’ Adhamh, sa n’ Ev,
Ruith mar phlaidh ann sgach geug us meor.
Ach thainaig m’Athar le truas,
’S thug e dhachaidh mi suas,
Ma n’gann a dh’ fharaich mi truaegh an’tsaoghal,
’S ghlan iad mi m’fuil a n’ uan,
’S be mi sonadh gu buan,
A’ snamh tuilleadh a n’ cuan aghaol.
Bha mi mo chodail gu bla,
Ann am fasgadh mo Mhathair,
Si ga mo phasgadh sa lamh fo mo cheann,
Nuar thannaig teachdair on a bhas,
Thuirt gu n siuthailliann gu n’dail,
Snach robh fuirach na tamh dhomh ann.
Thug an anshocair buaidh,
’S thannaig pianntaidh bha cruaidh
’S ruidh an lot ann sgach buaidh dheth m’ fheol,
’S ann a minaid na h’uar,
Dh’fhas mo bhillean co fuar,
’S neul a bhais air mo ghruaidhean og.
Dhuisg mo mhathair le gaor,
’S thuirt i m’ailegan gaol,
Ciod a dh’fharaich u chan’fhaod u falbh,
’S rinn i mo ghreamach co teann,
’S cha bhiodh an deallachdainn ann,
Gad bha mo chridhe co fann smi balbh.
Cha robh leighies fon’ghrein,
Air a n’ cluinneadh iad sgeul,
Nach do chleachd iad gu feum do m’fheol,
Ach sann a sharaich iad mi,
’S cha robh sta ann an ni,
Air choir s gu n d’fhas mi gle sgi dheth n seol.
Ach chaidh mo mhathaer an cull,
’S m’ Athar dhionsaidh na cuirt,
’S bha iad tagradh gu dlu siad fo leon,
’S thuirt iad ri n’ Athair air neimh,
Nis do thoil gu n robh deannt,
Oir gu cinnteach stu fein s fear coir.
Ach nuar a chunnaig iad mi,
Thoisaich mulaid us stri,
Us se mi dh’fhurach a ris a bail,
Ach leigaidh chead dhomh thuirt mi,
Chum sgu n siuthail mi n sith,
Se bhi maille ri Criosd as fear.
Tha nar coman dhomh faon,
’S tha mi ullaimh sa n saogh’l,
Gad a thug si dhomh gaol gu leor,
Carson a bhios si co dian,
Ga mo chumail am pian,
’S gu m’bi mi soillseach mar ghrian an gloir.
Slan leibh airson tiom,
Gus am faic mi sibh ris,
Ann sa n’ aite sa n’ teid crioch air bron,
Dlu-leannaibh ri Criosd,
S greim las do gach ni,
Tha sibh faicainn an tir na’m beo.
’S nuar adhun iad mo shuil,
Thannaig Ainghlean na cuirst,
’S thug iad mis leo co dlu sco luath,
’S ann am pribadh na suil,
Bha gach ni dhomh co ur
’S ann bha mis sa n Jerusalem shuas.
’S guir na tuilltean le n’ taorm,
’S thug iad mis as gach storm,
’S mar sgiath na madainn thug orm bhi luath
’S cha sinn tre na ghliann dorch,
Far nach bu leir dhui nar lorg,
Ach thainnaig sonas nis orm Chios buan.
Chaidh sinn mar iolar aig luathas,
Gu tir Immanuel shuas,
Dh ionnsaidh naite sa m beil sluagh ro naomh,
’S le Halleleuah gu buan,
Toir cliu us moladh dha n’uan,
Sa g’ol tuilleadh a cuan aghaol.
Na m’faiceadh m’ Athar smo mhathar,
Miad mo shonas so n’ aits,
Bhiodh iad toillaight gu n d fhag mi n s saoghal
’S bhiodh gach la mar bhliadh’n,
Gus a mfaidhadh iad trial,
Gu co-choman ta sioraidh naomh.
’S ann sa naite so tha n’gloir
Tha na straidean do dh’ or,
’S meas a fas dheth gach seorse gu buan,
’S bi sinn gu sioraidh aig ol,
As na h’ aithnaichean beo,
Sa n’ gaol bi-bhuan ga dhortadh nuas.
Tha cuid an so as gach aite,
Air an tionail le gras,
As gach treibh agus pairt don t’luagh,
Ach sann ac ata n’ gaol,
Nach robh leighaid measg dhaon,
Nuar a bha iad sa n t ’s aaoghail thruagh.
’S ann sa naite so tha n ceol,
Nach teid a mhasgadh le bron,
Tha e fanntainn na oran nuadh,
Cliu us onair us gloir.
Do n’ ti bha marbh sa tha beo,
’S haor e sinne on dorruinn bhuan.
’S ann sa naite so tha n sluagh,
Chaidh tre dheuchainnean cruaidh,
’S thug e fein dobh a bhuaidh le bhas,
’S tha iad nis ann an sith,
’S fhuar iad palm mar Righ,
’S eudach geal athied sios gu n’ sail.
Ach se morachd an uan,
Ni us gloirmhor tha shuas,
Se us oirdhearc air a n’ cualas sgeul,
’S leis aghloir tha na ghnuis,
Tha na neamhaidh dha lub,
’S tha e tarruinn gach suil na dheigh.
Gradh m’ Fhear-Saoraidh.
’SE gradh m’ Fhear-saoraidh a bhios na cheol domh,
’S ann air bu choir dhomh, bhi deanamh sgeul;
Fa n’se thug coir dhomh, le fhuil a dhortadh,
Air-saorsa ghloirmhoir a chloinne fein:
’S e sud an t-oran a ’bheir dhomh solas,
Co fhad ’s is beo mi sa chruinne-che;
’S’nuair theid mi dhachaidh, a’ gleann nan deoir so,
Se sud mo cheol anns an t-saoghal chein.
Ge d’ tha mi taireal a ’measg mo chairdibh,
Thoabh ’s gur ann dhasan a thug mi speis;
Mar thubhairt Iob, tha m’ Fhear-saoroidh beo,
’S tha mis an dochas gu ’m faic mi e;
Tha mi n dochas a dhol na chomhdail,
Anns na neoil, ’nuair a thig e fein;
’S ni ’n sealladh mor sin, dheth aghaidh ghloirmhor,
Na h-uile bron a chuir uam ’us deur.
Tha doimhne ’us aird’ ann an gradh an t-Slanuighfhear
Nach gabh airemeah, na cuir an ceill;
Ach chi sinn moran na bhreith, ’s ’na bhas deth,
’Us chi sinn pairt deth ’s na h-uile ceum:
Chi sinn e tighinn o staid co arda,
’S gur ann dasan bha aing’lean De—
A’ deanamh aoraidh, le an anamaibh crabhach,
’S an aghaidh sgail air le ’n sgiathibh fhein.
Ach rinn e mhorachd’ ’s a ghloir sin fhagail,
’Us ’s ann dh’fhas e na dhuine truagh;
Bha ’n Ti a b’ aird air a bhreith ’san stapul,
An t-ait’ bh taireal a’ measg an t-sluaigh;
Cha ’n ann le morchuis a fhuair e arach,
Cha ’n ann le ailghios chaidh thogail suas;
Bu duine craiteach o bhreith gu bhas e,
Cha ’n fhac iad aillteachd air bith na ghruaidh.
Bu duine bronach air ioma’ doigh e,
O ’nuair a thoisich a thurus sgith;
Air son a ghraidh thug iad fuath gu leoir dha,
’S bha iad ’ga fhogradth o thir gu tir;
Bha na h-Iudhaich gu dlu an toir air,
A chum a leonadh, ’s a chuir fo chis;
Fa n’ bha dorchades air an codach,
Is gu ’m b’e ghloirsan an solus fior.
Cha d’ rinn e e tair air an dream bha ard dhiu’,
Ach thug e ’n ait dhoibh, ’us phaigh e cis;
’Us air na sraidibh cha cha chual iad ard e,
’S ’nuair fhuair e chaineadh, cha d’ chain e ris;
Le meud a ghairdeachas ann ar slainte,
Chuir e an naire ann neo-bhrigh;
’S le meud a ghraidh dhuinn ghabh e ar naduir,
A chum ar tearnadh o’n t-slochd a b’isl’.
Anns a cheart naduir ’s na pheacaich Adhamh,
’Nuair thug e ’m bas air shliochd gu leir,
’S ann rinn an Slan-fhear gach ni ’n aird deth,
’S an lagh rinn ardach le umhlachd fein;
’S a chum ar tearnadh o chumhachd bais,
Leig e bheath bhan, a’ deanamh ’n aird na reit;
’S a chum a bhrathrean a thoirt gu Pharas’
D’fhuilling e ’m bas air a chranna-cheus.
O sibhs’ a thainig a dh’ionnsuidh fhabhair,
Fa ’n ’s e bhas rinn ar tarruing dlu;
Seallaidh ’n arda ri sliabh Chalbhari,
’S chi sibh a ghradh ann an solus ur;
Cha ’n e na sgailean bh’ aig Mais ’san fhasaich,
’Tha ’n t-Uan-caisg’ air chuir air cul;
’S tha ’n Ti ag basach’ rinn subhach Daibhidh,
’S a bh’ aig na faidhean am beach an suil.
Chi sib’n ’n caramh tha air an t-Slan’fhear,
Mar dhinnis Daibhidh gu’m biodh a chuis;
Tha Tairbh Bhasan air tional lamh ris,
’Us iad ’ga shathadh ’s an h-uile taobh;
Gach neach a dh’eirich bha deanamh sgeul air,
Rinn iad an treigsinn, ’s an cuir air cul;
’S tha Uan-De aca nis ’ga reubadh,
’S e ’n deigh cheusaidh, ’s ’ga chuir san uir.
Anns an uir chuir iad Righ nan duil,
Gun aon duil ri e thighinn beo;
Ach an Leomhan do threubh Iudaidh,
’S ann a dhuisg e le cumhachd mor;
Dh’fhag e ’naimhdean ’us cinn bhruit ac’,
Air a chul-thaobh na’n luidhe leoinnt’;
Thog e ’n uachd’ranachd air a ghuaillibh,
’Us chaidh c suas, ’s ann dh’ionnsuidh gloir.
Gealladh an t-Slanui-fhear.
Is iongantach co grasmhor,
’S a tha Slanuigh-fhear nam buadh,
Cn’an eil nith ni sta dhoibh,
Nach do phairtich e ri shluagh;
Ge d’ nach do gheall saibhreas,
’Thoirt dhoidh an taobhs’ do’n uaigh;
Gheall e sith us aoibhneas dhoibh,
’S an oighreachd ata Shuas.
’S e gheall e ann na fhirinn—
Do na fireanaibh gu leir,
Gur ann trid ioma’ trioblaid,
Theid iad ’stigh do rioghachd Dhe,
Ach annam-sa bithidh sith agaibh,
Deir Iosa riu le bheul;
’S ge d’ dhean an saoghail tair oirbh,
Cha’n fhag mi sibh, ’s cha treig.
Bithidh fuath nan uile dhaoine dhuibh,
’S cha ’n iongnadh ge do bhi;
Airson gur ni ro fhaon leo sibh—
Bhi leantuinn aobhar Chriosd;
Ach ’mheud ’s gur mis ’thug saorsa dhuibh,
’S nach ann deth ’n t-saoghal sibh;
Ni iad tric ’us caineadh dh’fheuch—
An aicheaidh sibh ’ur Righ.
Ach iad-san uil dh’aicheas mi,
An lathair a t-sluiagh gu leir;
Cha ’n fhaigh iad coir, ’s cha’n airidh iad,
Air pairt dheth rioghachd Dhe.
’Nuair thig mi ris le gardeachas,
Chum slaint’ m’ mhuinntir fein,
Bithidh mis’ an sin ’ga ’n aicheadh-san,
An laithair aing’lean Dhe.
Co’r bith dh’iarras fabhar orm,
’S nach gradhaich mi ni ’s mo—
Na athair, ’us mhathair,
A chlann, ’s a mhnaoi phosd’,
Cha’n aidich mis’ os aird’e,
An lathair Righ na gloir;
Mur tog e chrann-ceusaidh,
’S mo leanmhuin fein gach lo.
Ach sibhs’ a lean gu dilis mi,
Le cridhe fior gun gho;
A threig gach ni bha priseal leibh,
’S a chuir fo chis an fheol;
Ma ghluaiseas sibh ’san fhrinn,
Bithidh ’ur sith mar abhainn mhor;
’S le buanach chum na criche dhuibh,
Theid sibh do Rioghachd na Gloir.
Na dibiribh ’san fhasach so—
Mo ghras a chuir an celll;
Innisbh anns gach aite, gu’ n
Do bhasaich aon Mhac Dhe;
Thugaidh gu saor do chach uaibh,
A ni thug slainnt dhu fein,
’S ma chreideas iad ’s an t-Slanuigh-fhear‘
Cinnt, rinn e ’n aird an reit.
An aithne nuadh a dh’fhag mi dhuibh,
Is aill leam cuir an ceill;
Gu’n aithnich iad mo chairdean-sa,
Le meud an graidh d’a chiel;
Coi’ -lionaibh nis mo ghardeachas,
Gu’m bi sibh ghnath gu reith;
’S bith mis ag ullach’ aite dhuibh,
A stigh am Pharas De.
Ge d’ tha sibh lag, cha churam duibh,
S’ bhur suil ri Righ na Gloir;
’S laidir air ’ur cull-thaobh mi,
’S mo gradh dhuibh ur gach lo;
Na h-uisgeachan cha mhuch iad sibh,
Ge d’ dhuisg na tuinn gu mor;
’S an teine cha dean ciuradh oirbh,
Bithidh sibh ’san fhurnais beo.
Ni beagan laithean doruinneach,
Bhur toirt gu solas buan;
Slan le luchd an fhoirneart,
Tha bhur dochas ri dol suas;
Bheir mi trid ghleann nan deoir sibh,
Mar cheannard seolt’ do m’ shluagh
’S bheir mi thar abhain Iordan sibh,
’Ga’r comblach’ aig a bhruach.
’N sin toisichidh neo-bhasmorachd,
’S thig slainte o mo ghnuis;
’S gheibh sibh chum ’ur gairdeachas,
Gu brath bhi seinn mo chliu;
Bheir mi le m’ lamh, gu fabharach,
Na deoir a bharr ’ur suil;
’S tha leigheas anns an aros sin,
Ni slan an cridhe bruit’.
Cha chluinn sibh bron, no eigheach ann,
No bas no pein, no caoidh;
’S cha ’n iarr sibh solus greine ann,
Gu feuchain air gach taobh;
Bithidh ’n Ti ’ta uile-leirsinneach,
E fein na sholus dhuibh:
’Us ni lath’rachd aoibhinn sibh,
’S bithidh ghradhs’ ’n ’ar beul a chaoidh.
Chi sibh an sin an aireamh,
Deth na brathrean a thug buaidh,
Air tionail as gach aite ann,
O ’h airde-deas ’us tuath;
’N uair bheir e stigh d’ an aros sin,
Na traillean bha co truagk;
Nach iongantach co grasmhor,
’S a ta Slanuigh-fhear nam buadh! !!
Eifeachd a’m Fuil an Uain.
O! ’s ann tha ’n eifeachd a’m fuil an Uain,
Chum ar n- eacearta ghlanadh uainn;
Ach ’s bochd an sgeul a ta nis ri leughadh,
Nach ’eil speis d’i do reir a luach.
Tha daoine gorach air sheol na dha,
Nach aill leo ’n dochas a chuir ’na bhas;
Theid iad an di le bhi dhiobhail eolais,
Air ’n fhuil chaidh dhortadh a chum air slaint’.
’S an dream thug speis da cha dean iad uaill,
Fa ’n ’s e chaidh cheusadh an ait’a shluaigh;
Cha ’n ann diu’ fein a fhuir iad an reite,
Ach leis an eifeacd bha ’m fuil an Uain.
’S e fein da ’n eiginn an cumail suas,
’N uair thig deuchainnean iomadh uair;
Tha mheud deth thruailleachd a ghuath’ mu’n cuairt dhoibh
’S nach faigh iad buaidh ach le fuil an Uain.
Tha daoine saoghalta’an gaol gach uair,
’S ann air na caoraich, a thaobh o’n Uain;
’S tha ’n leomhan beuchdach a ghnath aig soath’rach’,
Dh’ fheuch’ co dh’fhaodas e shlugadth suas.
O’ fanaibh dlu’ chum ’s nach toir e buaidh?
Na tugaibh geill da’ ’us theid e uaibh?
’S a shaighdean teinnteach ni sibhs mhuchadh,
Fa ’n rinn sibh cumhnant le fuil an Uain.
O’bithibh ladair le airmeachd Dhe,
’Us creidimh slainteal agaibh mar sgeith;
’S ’ nuair bhios an namhad ag iarraidh fath oirbh,
Le cainnt an t-Slanuigh-fhear dunaibh bheul.
’Nuair bhios e feoraich am bheil sibh sgith,
Innsibh dha gu’n do bhasaich Criosd;
’S gu ’m bheil gu leoir ann na fhuil chaidh dhortadh,
S’ gu ’m bidh bhur dochas ann h-uin na crich.
’N sin thig e’n cairdeas, ’us their e fein,
Gur sibhs’ an aireamh tha ’m fabhar Dhe,
’Us ge do ghluaiseadh sibh nis’ mar’s aill leibh,
Gu’m bidh sibh tearuinnt feadh gach re.
Ach innsibh dha, gur iad cairdean De,
Aig am bheil aitheanta, ’s ni d’an reir
An dream nach aicheadh ’n lathair an t-sluaigh e,
’S a leannas ’n t-Uan ge b’e taobh a theid.
’S e cuilbheairt Shatain bhi laidir, treun,
Tha fagail cairdean gun gradh d’a cheil;
Feuchaidh se faillingan dhoibh ’s na brath’ribh,
Dh’fheuchainn ’n tar e an cuior o chiel!
O! ’s ann tha feum air bhi caithris buan;
’S a ghnath bhi ’g eigheach ri Right nan slaugh
Oir cha’n eil ni chumas duinnt’ ri cheil iad,
Mar dean an eifeachd tha ’m fuil an Uain.
Ach trid on Ti thug an t-sith mu’n cuairt,
Cha’n eil ni anns nach faigh iad buiadh;
Co dhiteas, na leigeas sios iad?
’S fear coimhid Israeil ’ga n’ cumail suas.
Air feadh na fasaich ’s e fein an cull,
Oir tha iad dha mar tha cloich a shuil;
’S tha ghealladh grasmhor nach dean e ’m fagail,
’N uair thig am bas gu’ n toirt h-uin ua h-uir.
Trid ghlinn a bhais bios e ghnath na’n coir,
Gus an sabhalair iad fadheoidh;
’S am bi iad tearuinnte o gach namhad,
Anns a Chanaan tha lan deth ghloir.
’S ’nuair bhios iad thall o na h-uile truaigh,
’S ag cuir an ceill co thug dhoibh a bhuaidh;
Cha bhi h-aon nach cuir ris a sheula’
Gur ann bha ’n eifeachd am fuil an UAIN.
Buachaillean Israeil.
’S E thuirt an t-Ard Bhuachail, tha shuas ann gloir,
Dh’fhag mi mo chaoraich ann ’n saoghal nan deoir;
Cheannuich mise gu daor iad, bha mo ghaol doibh co mor,
’S mar bhith gu’n d rinn mi ’n saoradh cha d’fhaod iad bhi beo.
Nis gheibh iad an durachd mur diuilt iad dhomh geill,
Gheibh iad buachaillean iulmhor a stiuras an treud;
’Ni ’m beath’chadh an comhnuidh le beo aran o neamh,
’S dhoibh a theagaisgeas eolas air Orduighean Dhe.
Aithnichidh sibhs na buach’llean a fhuar dheth mo ghras,
’S e ’n toil-inntinn gu buan bhi toirt luaidh air mo bhas.
Cha chunnt iad ach suarach gach cruaidh-dal ’us cas,
Fa’n tha’n suil ris duais o na Bhuachail is aird.
Chaidh mo chaoraichs’ air chall air na beanntaibh gu leir,
’S rinn luchd faire dall moran call air mo threud;
Ach na buachaillean seolta fhuair eolas uam fein,
Bheir iad dhachaidh do m’ chro iad, le seoladh mo bheul.
’S nuair gheibh iad ’sa chro iad, ’s e ’n solas gu leir,
Bhi beath’chadh le eolas, gach seors’ tha’nn san treud;
Cuid le fior bhainne blath, mar tha ’naduir am feum,
’Us cuid le biadh laidir, ’nuair dh’fhasas iad treun.
Cha bheathaich mo chaoraichs’ air plaosgain gun sta,
’S ri teagasg mi-naomha cha taobh iad gu brath;
Cha ’n urr’ iad a bhi beo, mar bhios moran deth chach,
Fo eisdeachd an t-seorsa tha gun eolas air gras.
Cha ’n iarr mo chuid bhuach’lean buanachd dheth ’n treud,
No bhi na’n daoine saibhir oscionn oighreachd Dhe;
Ach le cridheachaibh deonach, dol romp’ anns gach ceum,
’S ag iarraidh Righ na gloir bhi ga’n seoladh na’m feum.
’Na’n codal, ’s na’n duisg, ’s e ’n curam do ghnath,
Bhi neartach’ nan gluinean ta lubadh gu lar;
’S nithean tha bruite bhi ga’n dunadh an aird,
Le leighisibh as ur thig o Ughdar nan gras.
Ach buach’lean gun churam, leig dhiu’ bhi ri feum,
’S a sealltuinn mu’n cuairt air son buanachd dhoibh fein,
Chuir iad fein agus Satan an airdale cheil,
’S ma fhuair iads’ an tuarasdal, fhuair eis’ an treud.
Tha ’m faidh Esaias dol dan air an cliu,
Buachaillean dall, ’us coin bhalbh thuirt e riu;
Coidlidh iad samhach, gun eolas gun iul,
’Us tabhannaich cha dean iad air beul na air cull.
Tha ’m faidh Ieremias a ris cuir an ceill,
Nach eil buachaillean Israeil dileas do’n treud;
Leigheas iad gu h-aotrom gach aon bha fo chreuchd,
Le sith thoirt do dhaoine gun naomhachd d’a reir.
Tha ’m faidh Eseeiel, d’a reir ’s mar bha cach,
A dearbhadh a mi-bheusan, le reusan no dha;
Gheall iad, le’m breugan, d’an eucoireach slaint,
’S a h-aon cha robh pilltinn o inntinn a bhais.
’S ’nuair thainig an Slanuighfhear a bhain anns an fheoil,
Dhinnis e mu’n deithinn, E fein agus Pol;
Thig iad an eudaidh chaorach gu daoine thoirt leo,
Ach ’s madaidh-allaidh gharg iad a mharbhas gu leoir.
Bu choir do chinn-iuil bhi ag stiuradh an treud,
’S an teagasg bhi ga’n urach, mar dhriuchd air an fheur;
Ach tha’n dream ud gun churam, neo-iulmhor iad fein,
’S tha Peadar agas Iude toirt an cliu dhoibh d’a reir.
Is tob’raichean deothach, ’us neoil iad gun uisg’,
Garbh thonnain beucach nach geill, ’s nach gabh fois;
Ruith iad an slighe Chain, gun ghradh mar bha eis,
’S tha inntinn Bhalaim do ghnath dol na’n cois.
Ach buachaillean mo ghaol-sa, tha saothrach’ gach la,
’S tha beathachadh mo phobuil aig tobair na slaint;
Tha seoladh mo shluaigh air na cluaintibh is fearr:
’S nach dean tair air a h-aon air na shaoth’rich mo ghras.
Ge d’ gheibh iomadh sarach’ o chach anns an fheoil,
Bithidh iadsan am Pharas, ’s bithidth cach ann am bron;
Theid iad h-uin a bhais, deanamh gairdeachas mor,
’S ’nuair thogas iad an cinn, bios iad seinn ann an gloir.
’Nuair thig latha mor a chuairtich, bithidh uamhas air cach;
Ach eiridh mo bhuach’leansa deanamh luathghair.
Gheibh iad airson duais, mar chrun uaill ann am la,
An dream a bha le’n seol’ air a threorach ’gu slaint’.
Ach eiridh na cinn-iuil a bha stiuradh nan dall,
Dh’fheuch an aidich Righ nan dull iad ’snach cunnt e’n call
Ach ni dealradh a shuilean an sgiursadh air ball,
Gu teine nach gabh muchadh, gun duil tighinn a nall.
’S ’nuair a thionndas iad, chi iad na firean gu leir,
’Us chi siad mo chipearean ’libhrig an treud;
’S iad air an deanamh sgiamhach le h-iomhaigh Mhic Dhe,
Chum dealradh gu siorruidh mar ghrian anns an speur.
Calbhari.
’S tric mi smuaineach, ’s mi m’aonar,
Gu m bheil an saoghal so truagh;
’S iomadh bron tha ri fhaotainn,
Air an taobh so do’n uaigh;
Feumaidh oighreachean neimh,
A dhol trid dheuchainnean cruaidh;
Ma’n ruig iad an oighreachd,
’Sam bheil aoibhneas bith-bhuan.
Ach tha aon ni ’n leonadh,
Gu’m bheil an comhnuidh ’s gach uair.
Mar bha Lot ann an Sodom,
A’ faicinn doi-bheart an t-sluaigh;
A’ faicinn cairdean, ’s luchd-eolais,
Agus moran co truagh;
’S gur e bhi toileach’ na feola,
An ni sonruicht’ tha uath
Ciod a dhitheas, ciod a dholas,
Ciod bheir solas an traths?
Ciod ni sgiamhach an fheoil duinn
’S e tha moran aig radh;
Cuid le aidhir ’s le sugradh,
Caithidh ’n uine gun sta;
’S iad a ghnath co beag curam
Ris na bruitean gheibh bas.
’Nuair a chuimhneas mi’n caramh,
’S tric a dh’fhag e mi sgith;
’S tric a mhill e mo ghaird’chas,
’Nuair a b’fhearr bhiodh mo shith;
Daoine truagh bhi na’n trailean,
Aig an namhaid fo chis;
’S fearr leo striochdadh do shatan,
Na bhi na’n cairdean do Chriosd.
Cha ’n eil na’n obair ach trailleachd,
’S cha ’n eil ach bas ann na’n duais;
Us iad fo chorruich an Ard-Righ,
Fa’ns ann dha’s’ thug iad fuath;
Sliochd ceannairceach Adhaimh,
’S bochd an caramh ri luaidh;
Ach tha mheud ’sa fhuair tearneadh,
Ann am fabhar an Uain.
’N uair a leubhas mi ’m Biobal,
Gheibh mi sgriobht’ anns gach ait’,
Gu’m bheil iad sud, leis an fhirinn,
Air an diteadh ma thrath;
Dh’fhag na Scrioptuirean shios iad,
Mar luchd di-meas air slaint’;
’S mur beirear a ris iad,
’S e sud is crich dhoibh—am bas.
A dhuine thruaigh, tha’n staid nadur,
’S nach eil a’m fabhar ri Dia;
Tha thu leantuin nan sgail sin,
A chaoidh nach sasuich do mhiann;
S cha toir lagh nan deich aitheantan,
Dhuitse tearnadh, no dion;
As eug’ais umhlachd ’s gach pairt deth,
Cha d’thug e slaint’ do neach riamh.
Ach ma ’s slaint’ tha thu ’g iarraidh,
Ruig na briathrean ’ta sgriobht’;
Fag Sinai tha fiadhaich,
Us teich gu Sliabh Chalbhari;
’N sin chi thu ceartas ’ga riarach’,
Agus Dia a’ deanamh sith;
’S Mac a ghaoil toirt lan dioladh,
A chum ar dion o dhol sios.
Chi thu ’n sin air a cheusadh,
An t-aon eiric a bh’ann,
’Neach a ghiulan ar eu-ceartan,
E fein air a chrann;
Feuchaidh ’lotan, ’s a chreuchdain,
Gu’n d’thug e speis do na chlann;
’S feuchaidh cumhachd as-eiridh,
Gur EIS, E FEIN, a bha ann.
So am Prionns’, so ’n Slanui’fhear,
So Immanuel fein;
So carriag nan alltain,
’San daingneach laidir ri feum;
So an Ti tha toirt slainte,
Do shiol Abr’aim gu leir;
’S an dream a dh’ol as a lanachd-s’ ,
Bithidh iad tearuinnt’ gach re.
Sibhse tha caithidh bhur storais,
A’ ruith nan solasain faoin;
Thigibh nis, agus olaibh
De ’n uisge bheo tha gu saor;
’S biadh gu firinneach m’ fheoilse,
Deir Righ na gloir ri clann daoin’;
’S is abhainn lan deth gach solas,
An fhil chaidh dhortadh a thaobh.
O, sibhse tha ri saoththair,
Thigibh, ’s aomaidh ’ur cluas;
Cha’n eil ni tha o dhaoine,
Nach eil gu saor aig an Uan;
Togaibh chuing-san tha aotrom,
Agus foghlumaibh uaith;
’S creidsinn annas mar Fhear-saoraidh,
Bheir air an t-saoghail so buaidh.
Bheir e buaidh air an fheoil doibh
’S togradh gorach chlann daoin;
Air ardan, ’s air morchuis,
’Us air na solasaibh faoin;
’S ni e ’n inntin a threorach’,
Cum bhi beo air a ghaol;
Ann an dochas a ghloir-sa,
Air’n d’thug e coir dhoibh gu saor.
’Se dochas a ghloir-sa,
Chumas beo iad ’sgach cas;
’S gus an d’theid iad thar Iordan,
Bithidh an dochas a’ fas;
’Nuair bhios dochas an fhirean;
A toirt sith aig a bhas;
’S ann bhios dochas a chealg-fhir,
A dol air falbh uaith mar sgail.
’Nuair thig a chuis gus an deuchainn,
’S mor a feum bhios air gras,
Mur bi na fior nithe fein ann,
Cha bhi feum ann an sgail;
Ge d’ bhios cealg-fheara mor,
A’ cumail cleoc orra an traths’;
Cha d’theid a h-aon dh’ionnsuidh gloir dhiu’,
Tha Iehobhah aig radh.
Cha b’urra’ an t-aingidh bhi beo,
’S an rioghachd ghloirmhoir tha shuas;
Fa’n bhiodh inntinn co feolmhor,
Lan morchuis, ’us uaill;
Cha b’e gradh bhiodh ’ga threorach’,
’S cha b’urr’ e ghloir thoirt d’an Uan;
Cha mho thuigeadh e ’n t-oran,
Tha na cheol doibh ’s gach uair.
Coigrich.
O, ’s mithich dhuinn gluas’d,
Agus siubhal gu luath,
Cha bhi ar laithean ro bhuan fo’n ghrein;
’S coigrich sinn ’us luchd cuairt,
’G iarraidh an duthaich, tha shuas,
Tha ar dachaidh, us duais air neimh.
’S fasach ullartach, thruagh,
Anns am bheil sinn air chuairt,
Cha’n eil fois duinn, na suaimhneas ann;
Ach tha ar suilibh riut fein,
Tha air neimhibh nan speur,
Thoir oirn’ gu’n ruith sinn an reis gu ceann.
’S ann air t-ainm bhis sinn luaidh,
’S ma bhios tu leinn bheir sinn buaidh,
Ge d’ robh an saogh’l ’gar ruag’ gu teann;
Dh’aindeoin Pharaoh, ’sa shluagh,
Theid sinn thar a mhuir ruadh,
’S bheir sinn tuillidh is buaidh aig a cheann.
S’ ann a ta sinn ’san uairs’,
Mar luing air a chuan,
A measg nan tonn ata uabhrach, ard,
Ach ’s treis an Ti sin tha shuas,
Na tuiltean droch shluaigh,
’S tu chaisgeas am fuaim ’nuair ’s aill.
’Stu bheir ardan an gnuis,
Gu tamh ghabhail ’san uir,
’S theid an aillteachd air cull gu leir;
Ach do d’ phobul bochd, bruit’,
Bios tu fein air an cull,
’S le do ghras ni thu’n stiuradh ’s gach ceum.
O, stuir sinn le d’ ghras,
Gus an ruig sinn an t-ait’,
Anns am bi sinn gu sabhailt beo;
Far nach bi sinn’gar luasg’,
A’ dol thuig agus uaith’,
Mar luing air na cuaintibh mor.
Tha ar truaill’achd fhein,
A ghnath ruinn ag stribh,
’S aig toirt oirne bhi sgith deth ’n fheoil;
’Us luchd aitich ar tir,
Nach d’thug gradh dha ar Righ,
’S ann tha ’n naimdeas a sior dhol a moid.
’Nam b’ann ’sa bheath’ so amhain,
A bhiodh ar suil ri do shlaint,
Is sinn bu truaighe deth chach gu leir;
Ach ma ’s ann thall o na bhas,
A fhuir sinn dochas ni’s fearr,
’Sinn is sona tha’n traths’ fo n’ ghrin.
’S mor ar sonas r’a luaidh,
Seach na trailean bochd, truagh,
Tha ga d’ aicheadh le gluas’d mi-naomh;
’S e sud is cainnt dhoibh gach uair,
A Righ na Gloir imich uainn,
Cha’n aill leinn eolas air d’bhuaidhibh naomh.
Ach rinn thu ionnhmas gu leoir,
Thasgaidh suas ann an stoir,
Do’n dream a ghluaiseas air choir a’d’ dheibh;
Dhoibs’is fearr sud gu mor,
Na bhi toileach’ na feol’,
’S luidh sios ann an bron fa dheoidh.
B’fhearr an roghainn rinn Maois,
Air teachd dha-san gu aois,
Ghabh e amhgair maraon ri d’ shluagh;
Dh’fhag e ’n Eiphit ’sa maoin.
Ma’r ri soalsibh faoin,
’S chum e shuil air luach-saoth’rach buan.
’S ann trid amhgara mor,
Searbh do fhuil ’us do fheoil
Chaidh ’n dream tha nis ann ’an Gloir a’ seinn;
’S ma gheibh sinne dheth coir,
Thoir dhuin foidhidin Ioib,
’S an uin’ ghoirrid bithidh ’m bron ’nar deigh.
’Nuir a dhuil’geas sinn tair,
Agus masladh ’s cul-chain’,
’S ge d’ bhagair iad bas bhios cruaidh;
Ma bhios e uil’ air do sgath-s’ ,
Bithidh ar n’ aoibhneas a’ fas,
Air son gu’n d’fhuair sinn an gras so uat.
’S fearr n’an saoghal-s’ gu leir,
Bhi ann an aonachd riut fein,
Fa’n nach fag thu, s’ nach treig thu chaoidh;
’S tu a shaoras do threud,
Le do ghairdeannaibh treun,
’S bheir gach aon diu’ dhuit geill mar Righ.
’S fearr aon lath’ ann do chuirt,
A’ faighail sgeul air do chliu,
Na mile latha ri sugradh baoth;
Tha beath, slaint’, agus iul,
Ann an dealradh do ghnuis,
’Nuair ni thu sealltuin le d’ suihlibh blath.
Deonich dhuinne, anns gach cuis,
A bhi fantuin ruit dluth,
’S gheibh sinn neart uat as ur gach lo;
’S an uair bhith’s peacaich gun iul,
A’ tilgeadh t-aith’ nta air cul,
Thoir dhuinn an coimhid le curam mor.
Le briathraibh do bheul,
Dean ar stiuradh ’s gach ceum,
Chum air seach ’ran nach d’theid sinn uat;
Ni e call air do threud,
S’ bheir do naimhdean toi-bheum,
Ma ’s e ’s gu’n sleamhnuich ar ceum’naibh uainn.’
Cum ar n-anamaibh beo,
’S ann d’a t-ainm bheir sinn gloir,
’S iad do statuin ar ceol ’s gach am;
Gus an ruig sinn an gloir,
’S am bheil aoibhneas gu leoir,
’S cha bhi h-aon deth luchd do-bheart ann.
Na cuimhnich mionaid do chach,
Na rinn iad oirn’ air do sgath,
’S ann rinn am foirneart ac’ sta do d’ chlann;
’S a reir saibhreas do ghrais,
Dean an dusgadh ’na thrath,
Tha iad na’n codal air barr nan crann.
Thoir dhoibh teicheadh gu luath,
’S na h-uile leth-sgeul chuir uath,
Dh’ionnsuidh ’n Ti thug a bhuaidh air a bhas:
’S ge d’ robh sinn ann san uaigh,
Far nach cluinn sinn orr’ luaidh,
Thoir dhoibh eolas air fuaim na slaint.
An Dachaidh Bhuan.
AIR dhom bhi sealltuinn air saoghal truagh,
Chi mi caochladh tighinn air gach uair;
Chi mi daoine cuir an cul rium,
’Sa dol gu dlu chum an Dachaidh Bhuan.
Tha sean ’us og a’ dol sios d’an uaigh,
Air lag ’s air laidir tha’m bas toirt buaidh;
’Nuair thig an-tam dhoibh an saoghail fhagail,
Ma’s tinn na slan iad, cha tamh iad uair.
Ach ’s rabhadh mor sud do cach de’n t-sluagh,
’S is mithich dhoms’ gun chuir fada uam;
Tha rabhadh garbh ann, bhi deas gu falbh as,
Fa’n tha’n tigh talmhaidh gu tighinn a nuas.
Ach ’nuair a chi sinn, le’r sealladh suil,
An corp a’ pilltinn a’ dh’ionnsuidh ’n uir;
Tha ’n t-anam priseal a’ dol ris, gus
Am faigh e bhinne o Righ nan duil.
’N sin gheibh e duais aig a chathir mhoir,
D’a reir mar ghluais e ’n tir nam beo;
Theid e air ball ’s ann dh’ionnsuidh suaimhneas,
Air dheagh theidh fhuadach a dh’ionnsuidh bron.
O! dhuinne, smuainich air so ’na thrath,
Ma’s ann deth ’n t-sluagh thu ’ta gun ghras;
Cha’n fhac, ‘s cha chuala tu ni co uamh’sach,
Ris an t-sluagh sin a’ tighinn ’na lathair.
’N athair an De bhios na bhreitheamh mor,
’Nuair a dh’fhoillsichear e ’na ghloir;
Bithidh an dream a roghnaich e deanamh eibhneis;
’S ni uile threubha na talmhainn bron.
O! anam, rannsaich nach bi thu cli,
’S ann thig an call ort ma theid thu’n di,
Caillidh tu’n solas tha’n Righ na gloire,
’Us air do dhoruinn cha’n fhaic thu crich.
Ach rannsaich curamach ann an tiom,
Dh’fheuch’ am bheil thu air d’ bhreith a ris;
’S ma tha, cha churam nach dearbh do ghiulan,
Gur creutair ur thu th’air faotuin sith.
Ach na cuir dochas am briathraibh faoin,
Ge d’ fhaigh thu seoladh o chuid de’ dhaon’;
A labhras moran mu thimchioll trocair,
’S iad fein gun eolas air nithibh naomh.
A dh’ionnsuidh Bhiobuil ruith gu luath,
Dh’fheuch am firinnich e do ghluas’d;
’S ma their an firinn sin ruit gur firann thu,
Bheir e sith dhuit nach d’thoirear uat.
Ach ma’s ann cli tha thu, so an uir,
Gu tighinn direach dh’ionnsuidh ’n Uain;
Dh’ionnsuidh ’n Ti sinn thug suas an iobairt,
Leis am bheil sith air a toirt mu’n cuairt.
Na smuanich dail a chuir anns a chuis,
Tha latha na slaint’ ag dol seachad dluth;
’S mar bi thu trath anns ann daingneach laidir,
’N uair thig am bas ort, bithidh ’n dorus duinnt.
’S bithidh tusa ris ann an doimhneachd truaigh,
A’ caoidh gu siorruidh ’sna piantaibh cruaidh;
’Slan le solas, tha bron gun chrioch ann,
’S thus’ a ris aig an Dachaidh Bhuan.
Ach ma’s firean thu thuig am fuaim,
’S d’an d’ rinneadh priseal an Ti thug buaidh;
Tha ’g iarruidh immeachd an ceum na firinn,
’Us t-aighaidh direach air Sion shuas.
Cha choir dhuit fein a bhi deanamh uaill,
Ma tha thu ’g eisdeachd ri guth an Uain;
’S ann thug e fein ort gur chreid thu ’n sgeul air;
’S gach ni rinn feum dhuit ’s ann uaith’ fhuair.
Na h-uile cuis anns am bi ort feum,
’S e fantuin dluth ris, fo sgail a sgeith,
Bheir ort gu’n giulan thu h-uile cuis diubh,
’Nuair bhios do shuil, ris na dh’fhuiling e.
’Nuair bhith’s tu a’ leubhadh mu Righ na Gloir,
A dh’ fhuiling deuchainnean air gach doigh;
Cha’n eil trioblaid, no bron, no eigheachd ann,
Ris nach d’fheuch e an laithean fheoil.
’S nis ge ard e aig deas laimh Dhe,
Tha shuil a ghnath air a chairdibh fein;
Na’n uile theanndachd tha e fo amhghair,
’Us tha e teann orr’ an am gach feum.
Tha sud da riridh na mhisneach mhoir,
D’on dream tha dileas air taobh a ghloir;
Gur e ’n Ti sin tha dhoibh na dhidean,
A BHEATH’, an FHIRINN, agus an ROD.
’Us ge d’ tha chairdean an so air chuairt,
Bheir e ’n aird iad, ’s gheibh iad duais;
’Nuair thig am bas theid iad suas gu’ Pharas,
’S bithidh iad gu brath aig an DACHAIDH BHUAN.
An Deagh Shaighdear.
Is tric a cuinnaic, ’s a chi,
Mi daoin’ an t-saoghail gun sith,
Le bhi cogadh, ’s a stribh ri cheile;
Ag iarraidh airgiod ’us or,
Ag iaraidh onar ’us gloir,
Ge d’ theid iad seachad mar neoil nan speuraibh.
Ach ’sann tha’n saibhreas gun di,
Aig deagh shaighdearean Ios’,
Gheibh iad neart anns gach ni mar bhith’s feum air;
’S an uair a choisneas iad buaidh,
’S mor an sonas, ’s an duais,
Gheibh iad oighreachd tha shuas ’sna neimhibh.
Ma’s ann deth shaighdearean thu,
Feuch gu’m foillsich thu chliu,
Fa’n tha e fein air do chul, bi treubhach;
’Us theid thu dhachaidh le buaidh,
Fo ard bhratach an Uain,
Dh’aindeoin feachd agus sluagh na h-Eiphit.
Ga d’robh an Saoghal ’san fheoil,
’S moran dhaon’air do thoir,
Agus Satan toirt ordugh geur dhoibh;
Dh’fheuch am faigh iad thu’n sas,
A cleachdadh innleachdain bais,
Leagadh lin anns gach ait do d’ cheum’naibh.
Ach na gabh eagal gu brath,
Tha do Righ air do sgath,
Thoir thus’ urram, ’us gradh, ’us geill dha;
’Us bheir e neart dhuit, ’us treoir,
Nach dthig do naimhdean a’d’ choir,
Leis an airmeachd a sheol e fein dhuit.
Ach sea-sa daigean ’s gach tiom.
Ann an Soisgeul na sith,
Agus crios ort dhe’n fhirinn cheudna;
’S gluais gu treibheach, briagh,
Ann an eagal ’s am fiamh,
’S ni e d’ bhroilleach a dhion mar uchd-eididh.
Cum do dhochas gu teann,
Ris a ghloir a bhios ann,
’S ni sud mar chlogaid do cheann a’churic,
Agus creideamh nan naoimh,
Biodh na sgiath dhuit a chaoidh,
’S cha dthig saigh’d a’d’ thaobh nach much e.
Deagh-lion do chridhe le stoir,
Dheth ni is priseal na’n t-or,
Focal firinn Iebhobhah, ’s eisd ris;
’San uair bhios Satan ri saothair,
Chum do tharruing a thaobh,
Bithidh sud no chlaidheamh da-fhaobhar geur dhuit.
’Nuair bhith’s tu armicht’ mu’n cuairt,
’S tu ri caithris gach uair,
Lean t-ard-cheannard gu buan, ’s na treig e;
’San uair a chluinneas tu luaidh.
Gu’m bheil a bhratach dol suas,
’S mithich dhuits’ bhi gluas’d, ’s eiridh.
’S bithidh e na chairaid ri d’ thaobh,
’S i bhratach tharad an gaol,
Dean thus a leantuinn gach taobh a theid e;
’S ge do thuit thu ’sa bhlar,
Gheibh thu aiseiridh ’s fearr,
’S bheir e dhachaidh gu Pharas De thu.
Na gabhs’ eagal ’san am,
Gur aireamh bheag dhibh a th’ann,
Ann an coimeas ri camp na h-Eiphit;
Ma ’se ’s nach brist iad ’ur ranc,
Cha’n fhaigh iad sibhs, ann am fanc,
Ma bhitheas sibh dileas an ceann a cheil.
Ma bhiteas sibh dileas ’us dluth,
Bheir bhur Righ dhuibh an crun,
An uair a chi sibh a ghnuis mar tha e;
’S an uir thig la ’nRE -VIEW,
Gheibh sibh onar ’us cliu,
Nach dtheid tuillidh air cul gu brath dhuibh.
’Nuair thig Caiptean ’ur slaint’,
Bithidh sud agaibh na lathair,
Gloir, ’us onar, ’us FABHAR siorruidh;
’Nuair bhitheas na creutairean baoth,
Nach do gheill dha na trath,
Air an ioman gu brath as fhianuis.
Ge d’ chuir e sgail air a ghloir,
Nuar ghabh e fuil agus feoil,
Thig e fathasd le moran eibhneas;
Thig e fathasd mar Righ,
Le dheich miltibh dhe naoimh,
’S cha bhi rioghachd, no righ, nach geill dha.
An Turus.
’S IOMADH mulad ’us bron,
Bha’n cois mo thuruis chum gloir,
Fhuair mi milis ri’n ol, ’us searbh;
Ach ’s tu’s’ Ard-Righ na gloir,
A thug nach d’fhailnich mo threoir,
Fa’n bha t-fhabhar dhomh mor gu dearbh.
Fhuair mi aoibhneas gu leoir,
’Us laithean soilleir, gun neoil,
Le bhi fantuinn a’d’ choir a’ gluas’d;
Ach ’se ’m peac thug orm bron,
’Us ciochan seasg bhi ’gan deothal,
’S iad sud bha seasamh, mar neoil, mu m’s chuairt.
Air dhomh sealltuinn san am,
Air mo shlighibh ’sa ghleann,
’S air na ceumannaibh cam anns na ghluais;
Bheir so eolas dhomh ann,
Nach eil do throcairean gann,
’S gu ’n chomhnuich thu teann gus an uairs’.
Fhuair thu’n toiseach mi’m thraill,
Aig a pheac’, ’s aig a bhas,
Leanabh feirg’, mar bha cach de’n t-sluagh;
Aig mo naimhdibh an sas,
Ann an ceangluichibh bais,
’S iad ga m’ mhealladh gach la’ gu truagh.
Ach fa’n ruinich thu, Rhigh,
Nach rachainns’ an di,
Ghlachd thu greim dhiom, ’us mi air a bhruaich;
’S air dhuit sgaoladh an lin,
’S ann fhuar mi saors’, agus sith,
’S thionndaidh m’aghaidh air SION shuas.
Bu bheag m’eolas ’san am,
Ach ’s tu bu chomhnadh dhomh ann,
’Ga mo threorach’ trid ghleann nan deoir;
’S mur bhith gu’n ghreas thu mi teann,
’Nuair bhithinn leisg agus fann,
Cha robh mo shiubhal ach mall ’san rod.
’S e dh’fhag mo shiubhal co mall,
’S iomadh leomhan a bh’ann,
A’ seasamh romham mar bheanntean buan;
Ach le do leantuins’ gu teann,
Chunnaic mis’ aig a cheann,
Nach b’e ’n leomhan bh’ann, ach an t-UAN.
’Nuair shiubh’linn da cheum,
’Us mo shuile riut fein,
Bhiodh an t-slighe dhomh rei’ dol suas;
An sinn bhithinn gu treun,
’S bhiodh mo chridhe rium reidh,
’Us thair’neadh sud mi ceum’naibh luath.
Thair’neadh sud mi gu ceol,
Le bhi ’faicinn do ghloir,
’Nuair a sgapadh nan neoil, le ’n gruaim;
’S le bhi ’faicinn do ghaoil,
A’ deanamh taic’ dhomh gach taobh,
Bha mi ’faicinn ’s a’faotuin buaidh.
’S mis a dh’aithnich mu thrath,
’S fhuuir mi faireach’, no dha,
Gur tu cairaid a b’fhearr a bh’ann,
Gach neach ’sna chuir mi mo dhuil,
Fhuair mi e mar chuilc bhruit’,
’S togaidh mis’ mo shuil chum nam beann.
’S bithidh mi ’g uirnuigh riut fein,
Oir tha mo naimhdean ro threun,
’S tha iud uile gu leir air mo thoir;
Cuid mar leomhain toirt bheuc,
’S cuid ri miodal le ’m beul,
’S cuid ’g am folach fo sge mo chleoic.
Ach fa’n tha deuchainnean ann,
Mar dh’fheuch thu da d’ chlann,
Na treig mi gu ceann an roid;
Fa’n nach fhaic mi san am,
Am bheil mi faisg air a cheann,
No ’m bi mi fad ann an gleann nan deoir.
Ma’s e thachair a’d’ run,
Gu’n d’theid mi dhachaidth gu dluth,
Dhionnsuidh fois ann an uine ghearr:
Cumsa caithriseach mi,
Chum ’s gu’n imich mi’n sith;
’S e bhi maille ri Ios’ is fearr.
Ach ma’s e so th’ann do run,
Gur eiginn fuireach car uin’,
O, bi fein air an stiur ’ga m’ sheoil’;
’S cha bhi h-aitaireach tonn,
Air nach maircaich mo long,
’S thig mi thir, ’s ann air fonn do ghloir.
Ma tha e feumail dhomh tamh,
’Us cuan de dheuchainnibh shnamh,
Deonuich pailteas dhe d’ ghras gun di;
Le Spiorad uirnuigh gun dail,
Chum nach teichinn o d’ lathair,
Mar rinn Ionah ’nuair chaidh e cli.
Na leig ormsa gu brath,
Ni bheir oilbheum, no bas,
Air neach idir thug gradh dha’n UAN;
No ni bheir misneach do chach,
Dol air ’n aighaidh gu dan’,
Gus an coinnich iad bas ’us truaigh.
’S ma bhios roinnean gun fheum,
’Measg na cloinn’ is leat fein,
’S iad le ’n doille, ’s le ’n eud, toirt claoidh;
Bacadh aonachd a cheil,
Sgapadh caoraich do threud,
Ris an dubhairt thu fein do naoimh.
Deonuich dhomhs’ a bhi reidh,
Ri luchd t-eolais gu leir,
Ma tha’n dochas a reir do shlaint’;
’S cum mi cialach ’s gach ni,
Chum ’s nach meudaich mi ’n stri,
’S e bhi deanamh na sith as fearr.
’S ann o aonachd ’us sith,
Gheibh sinn aoibhneas gun di,
’S a bhios t-oighreachds’ a’ sior thoirt buaidh;
’S e bhios taitneach, maraon,
’S e bhios dearbhte do dhaoin’,
’S a dh’fheuchas do ghaoil do’n t-sluagh.
O, na treig mi ’sa chuis-s’ ,
Ach dean fein dhomh an t-iul,
’S cum mi iriosal, ciun, mar bu choir;
’S pill mo shuile o shannt,
’S o gach curam a t’ ann,
’S tric a chiurr iad do chlann, ’s a leon.
Fa’n tha curam gun sta,
Teannadh dluth rium gach la,
Cum mo shuil ris an Ard-Rhigh mhoir;
Bheir air na lile bhi ’fas,
Anns a mhachair fo bhlath,
’S cha robh Solamh co aillt’ ann na ghloir.
Chi mi eunlaith nan sliabh,
Nach saoth’raich, ’s nach sniomh,
’S iad eudaicht’ gu sgiamhach, blath;
’S ge d’ nach taisg iad an loin,
’S nach eil aca tigh-stoir,
Gheibh iad pailteas gu leoir o d’ lamh.
Fa’n ’se do churams’ is fearr,
Tarruing dluth mi le d’ ghradh,
’S bithidh mi ’n duil riut gu brath nach treig;
’S teichidh curam is cradh,
’S bheir iad umhlachd dha d’ ghradh,
Air dhomh suil thoirt air aird, ’s a leud.
B’e sud dochas gach aon,
A fhuair eolas do ghaoil,
’S e bu cheol doibh gradh-saoraidh ’n UAIN;
’S ge d’ bha iad beo air a ghaol,
’S ge d’ dh’ol iad deth taom,
Tha na sleor ’ann, cha do thraogh iad an cuan.
’S ma bhios m’inntinns ag tamh,
Ann an innleachd na slaint,
Gus an criochnaich mo la le buaidh;
Theid Mo thogail do’n ait,
’S am bheil tobair na slaint,
O’m bheil na sruthanna blath teachd a nuas.
’S bithidh mo dhachaidh ’s a ghloir,
’S nach d’theid bac’ air mo cheol;
Gheibh mi cupan ri ol gu cian,
’Sam bi m’fhior-uisge beo,
Thig o’n Righ-chaithair mhoir,
S cha d’theid a mheasgadh le bron feadh gach ial.
Garadh Edein.
NACH truagh libhse mar dh’eirich,
An Garadh Edein do’n t-sluagh;
Le cuilbheartan Shatain,
‘Mheal Ebh’ agus Adhamh,
Cum umhlachd thoirt dhasan,
An aghaidh Ard-Righ nan sluagh;
’S thug sud doruinn ’s gach ait dhoibh,
’S fhuar am bas orra buaidh.
Thug e’n naomhachd, ’s an gloir dhiu,
Thug ’s an eolas, ’s an iul;
’S ge d’ bu mhoir an cuid solais,
Chaill iads’ an sin coir air,
Bha cheartas an toir orr’,
’S chaidh a throcair air cul;
’S mar d’thigeadh Slanuigh-fhear gloirmhor,
Bu ro bhronach ar duil.
Ach thainig sgeul aoibhinn,
A chum nam braighdean bha’n sas;
Thainig IOSA, le solas,
Chum an saoradh o’n doruinn,
’S fa’n sheas e’n coir dhoibh,
Chaidh EIS’ a leonadh na’n ait-s’ ;
’S tha firinn ’us trocair
Air comhlachadh na bhas.
Nach aoibhinn an sgeula
Tha ga leubhadh do’n t-sluagh?
Gu’n d’thug IOSA lan-dioladh,
A thug do cheartas sar-riarach’,
’S le firinnteachd shiorruidh,
Gu’n d’thug e sithchaint mu’n cuairt;
’S fa’n phaidh e na fiachan,
Co ris dh’iarras, feich uainn?
’S an dream a chreideas ann fhirinn,
Bheir e ris iad o’n truaigh;
Bheir e solas ’us sith dhoibh,
’S bheir e dochas a ris dhoibh,
Ris a ghloir tha neo-chriochnach,
Anns an rioghachd tha shuas;
’S bithidh na creutairean naomh sin,
Do’n Fhear-shaoraidh mar dhuais.
Sibhse a chreid an sgeul aoibhinn,
’S a rinn e saibhir le ghras;
Feuch gu’n gluais sibh gu dileas,
Anns gach ceum mar rinn IOSA,
Mar is cubhaidh do’n fhirinn,
’S do rioghachd a ghras;
Ann an eud, ’s ann an naomhachd,
Ann an aonachd, ’s an gradh.
Na biodh mi-run, no farmad,
Na biodh seannachas gun bhrigh;
Na biodh diteadh gun dearbhadh,
’S na biodh stri, no eud searbh ann,
A’ measg nam firean a ta ’g ainmach’,
Gu’n d’fhuair an anamanna sith;
’S biodh an teo-chridheachd cairdeal,
Le gradh brath’real ’s gach tiom.
Ge do tha sibh ’san trath-sa,
Ann am faisaich bhochd, fhuair;
Air bhur cuartach’ le trioblaid,
’S am peacadh ag stri ribh,
Ma ’s e ’s gu’n gleachd sibh gu dileas,
Trid Ios’ bheir sibh buaidh;
’S an uair thig e chum slainte,
Ni sibh gairdeachas buan.
Ni sibh gairdeachas shiorruidh,
’N uair thig Ios’ an a ghloir;
Bithidh a ghnuis mar a ghrain dhuibh,
Mar mhaduin chiun an deigh sianntan,
Theid bhur dusgadh ’na iomhaighs’,
’S bith’ sibh sgiamhach gu leoir;
As eugais peacaidh, no truaill’eachd,
Theid sibh suas ann a chomh’ail.
’Nuair thig e ris bheir e ’shluagh leis,
Dhionnsuidh suaimhneas ’us gloir;
A meud ’s a luidh anns an uaigh dhiu’,
’S an dream a choidil ’sa chuan diu’,
Bheir e o’n deas ’us o’n tuath iad,
’S theid iad suas air na neoil;
’N sin slan le truaill’eachd, ’s mi-naomhachd,
’N sin slan le saoghals, nan deoir.
’Nuair a shuidheas an Ti ud,
Air a Righ-chaithair mhor,
’S thig gach creutair ’na fhianuis,
A dh’fhaighail reir ’s mar bha ’n gniomh’ra,
Thig talamh ’s neamh a thoirt fianuis,
Gur ceart a riaghlas e’n slogh;
’N uair ni e ’n t-aingidh a dhiteadh,
’Sa bheir e’m firean chum gloir.
’N sin gheibh na firinnich fabhar,
Ann an lathair an t-sluaigh;
’Nuair their iads’, so ar Slaauigh-fhear
’N sin, cha dean eis aon diubhs’ aicheadh
Their e riu, sibhs, mo bhrath’rean,
Sibhs’ mo cairdean, ’s mo shluagh:
Siubhlaidh dhionnsuidh na h-oighreachd,
Anns am bheil aoibhneas bhi-buan.
An sin bithidh iads’ air an tearnadh,
O gach bas, ’us o’n uaigh;
Siubhlaidh iad le luath-ghair,
’S iad neo thruaillidh, ’s neo-bhasmhor,
Theid iad gu luath dhionnsuidh ’n arois,
Anns a beil lathaireachd an UAIN:
’S bithidh iad a’ seinn an sgeul aoibhinn,
A shaor na braighdean o’n truaigh.
Oran Gaoil.
TOGAIBH, naoimhaidh, luath-ghaire,
Deanaibh gairdeachas ur;
Fa’n fhuair sibh bhi’n fabhar,
Ri Ard-Righ nan duil;
Fa’n shaor e o’n bhas sibh,
’S o’n trailleachd bu mho;
’S gu’n d’rinn e sgiamhach le shlaint sibh,
Thugaibh dhasan an cliu.
Na’m b’e gu’m b’ urrainn mi cainnt air,
Thug e gradh dhuibh bha mor;
Chaidh e seachad air Ainglibh,
Nuair a chaill iad an gloir;
S’ ghabh e greim de’ shiol Abr’aim,
Chum ’s gu’n tearnt iad leis beo;
’S rinn e sgiamhach le shlaint iad,
Fa’n bha ghradh dhoibh co mor.
So an gradh tha gun samhladh,
’S nach do rannsaich neach riamh;
Cha b’e cairdean, ach naimhdean,
Ann an cainnt ’s ann an gniomh;
Cha b’e dream a bha araidh
Ach na traillean nach b’fhiach;
A rinn e sgiamhach le shlainte,
Fa’n bha ghras dhoibh co fial.
Ma’s neach thu th’air do naomh ach,
Faic a ghaol tha gun cheann;
’Nuair chaidh fhoilseach ’san t-saoghails’,
’S e t-Fhear-saoraidh a bh’ann;
Mu’n d’fheud e do thearnadh,
Fhuair e ’m bas air a chrann;
’S fa’n rinn e sgiamhach le shlaint thu,
Thoir do ghradh dha ’s gach am.
Feuch gu’n lean thu a cheum’na,
Mar rinn Enoch ’us Poll;
’S na h-uile h-aon a thug speis dha,
Cha b’ann dhoibh fein bha iad beo;
Cha sgaradh beatha, no bas iad,
O Ard-Righ na gloir;
’S gu’n d’rinn e sgiamhach le shlaint iad,
Fa’n bha ghradh dhoibh co mor.
’S thuirt an te fhuair cinnt air,
’S a bha ’ga innseadh gu saor;
Sgapaibh ubhlan mu m’ thimchioll,
Oir tha mi tinn, ’s ann le gaol;
Tha mo chridhe air failiung,
Fa’n bha ghras dhomh co saor;
’S gu’n d’rinn e sgiamhach le shlaint mi—
Is e mo Shlanuigh-fhear caomh.
’S e thuirt nigheana ’n t-saoghails’,
Ma ’s e ghaol thug ort buaidh;
Innis dhuinne ciod an t-aobhar,
Ma’m bheil do ghaol dha co buan;
Chunnaic sinn e ’san fhasaich,
’S e bu taireal de’n t-sluagh;
Cha robh sgiamh ann, no ailteachd,
’S ghabh e tamh anns an uaigh.
O! nigheana gaolach,
’S ann na aoduins’ bha ghloir;
’S e dh’fhag sibhse gun speis da,
Nach bu leir dhuibh fo n’ chleoc;
’N uair a ghabh e ’nar naduir,
Thug sud sgail air a ghloir;
Ach chunnaic mis’ e na bu sgiamhaich,
No ghrian troimh na neoil.
Chunnaic sibhs’ e gu taireal,
’S e dol gu tamh anns an Uaigh;
Ach chunnaic mis’ e ag eiridh,
’S ann aig’ fein bha bhuaidh;
Chunnaic mis’ e gu gloirmhor,
Air na neoil a dol suas;
’S ann air deas-laimh na morachd,
A tha e chomhnuidh gu buan.
’S maisich e na clann-daoine,
Ann an naomhachd gu mor;
’S ann dha tha ainglean ag aoradh,
’S lion e ’n saoghal le ghloir;
Fhuair mi beath’ agus sithchaint,
Ann am firinn a bheoil;
’S e mo ghradhsa RIGH SHION,
’S tha ’n t-slat rioghal no dhorn.
Mus an d’fhag e ’n tir so,
Bha e firinneach leam;
’S fhuair mi chomhairlean dilis,
’S iomadh ni thuirt e ruim;
Fhuair mi gheallana priseal,
Na’m bithinn dileas gach am;
’S tha mo dochas as fhirinn,
Is e mo Righ e, ’s mo cheann.
Thuirt e rium, tha thu ’n saoghail,
A bhitheas ri caochladh gach uair;
Feuch nach meall iad do ghaoil uam,
’S mis’ a shoar thu o’n truaigh;
’S mis’ a cheannuich o’n bhas thu,
’S daor a phaig mi do luach;
’S ma bheir thu umhlachd ’us gradh dhomh,
Sud amhain na bheil uam.
Ge do tha mi ga d’fhagail,
Anns an fhasaich air chuairt;
Tha mi ’g ullachadh ait dhuit,
Anns an aros tha shuas;
’S ge d’ robh trioblaidean craiteach,
’Ga do sharach’ car uair,
Le ainglibh mo latharachds’,
Bheir mi tearuinnt’ thu suas.
Tha mi ’g innse sud trath dhuit.
’S ann is fearr bheir thu buaidh,
Gu’m bheil feirg air anDragon ,
Fa’n a ghradhaich thu’n t-UAN;
’S gheibh thu diumb’ o do chairdibh,
Ach gheibh thu gairdeachas uams’;
’S biths-s’ ri caithris ’us urnuigh,
Gus an turling mi ’nuas.
O Shlanuigh-fhear Ghrasmhor!
’S tu ’s fearr dhomh tha beo;
’S an uair a chuimhneas mi t-fhabhar,
Tha m’ aobhair gairdeachais mor;
’S cha ’n e idir bhi taireal,
Air do sgaths’ rinn mo leon;
Ach ’s e mo ghiulan mi-rianail,
Is tric a mheudaich mo bhron.
’Se mo pheaca ’s m’ eas-umhlachd,
A dh’fhag briute mi chaoidh;
’S gur ann ’leighis mo chreuchdan,
A cheus iad mo Righ;
Chaidh t-fhuil phriseal a ’thaomadh
Air son gach aon de’ do naoimh;
’S e sud an gaol rinn mo chiuradh,
’Us rinn do shuilean mo chlaoidh.
Ach fa’n dh’fheuch tho do gradh dhom,
Na fagsa mi a chaoidh;
Gus am faic mi ’na d’ ghloir thu,
’S cha bhi bron ann, na caoidh;
’S an uair a thig an la’ mor sin,
’Us saors’ ghloirmhor do naoimh,
Bithidh mis’ a deasach’ mo lochran,
Gu dol an comdhail mo RIGH.
Truaigh Shiorruidh.
’S TRIC a smuainich mi chairdean,
Na’n rachadh agam oir dan chuir sios,
Gur ann air uamhas an Ard Righ,
Agus saibhreas a ghrais th’ann an Criosd;
Dh’fheuch an duisgeadh e aireamh,
Dhe’n dream tha’n codal aig Satan ’na lin;
Tha ’g eigheach sith agus tearr’nteachd,
’S iad an cunnart gach la dhol an di.
Ach tha mi faicinn mu thrath dheth,
Mur d’thig cumhachd o’n aird oirn’ a nuas;
Gu’m fuirich iad mar a tha iad,
’S nach bi h-aon diu gu brath air an gluas’d,
’Nuair tha neart agus slaint’ ac’,
Cha’ n eil cuimhn’ ac’ air bas, no air truaigh;
’S ’nuair tha na nithibhs’ ’ga ’m fagail,
’S ann tha’n cridhe do ghnath dol ni’s cruaidh.
O dhuinne gun eolas,
Tha cuir cul ri Iehobhah, ’s ri’ reachd;
’N anns an t-saoghail no’n storais’
No’n ann an aidheir na h-oig’ tha do thlachd;
Ma’s ann, tha t-inntinnse feolmhor,
’S tha thu fathasd an domhlas do pheac’;
’S ma thig am bas air an doighs’ ort,
’S eigin duits’ a bhi ’n doruinn gu beachd.
No’n e coslas na diadhachd,
Air ’n d’ shocraich thu t-iartas gu leir;
A’ feuchainn sgail ann am briathraibh,
’S gun a cumhachd bhi riamh ort de reir;
Mur d’rinn eolas na firinn,
Do thoirt a dhionnsuidh fuil phriseal mhic Dhe,
Co fhad’ ’s is leir dhomh on a phiobul,
’S ann tha do thaice ri t-fhirinnteachd fein.
’S ma ghoideas am bas ort,
Bheir e sios thu do’n ait’ ’sam bheil caoidh;
’S co dhinnis do charamh,
Far nach d’thig furtachd gu brath ort, no faoidh;
Mur d’fhuair thu gairdean co laidir,
’S nach dean cumhachd an Ard Righ do chlaoidh;
’S coir thuit smuaineach’ na thrath air,
’S aobhar uamhas am bas do na daoi.
Smuanich thus’ air an truaigh,
Tha feitheamh air an t-sluagh tha dol sios,
A dhionnsuidh ’n doruinn bhith-bhuan sin,
’S doibh tuillidh cha dual tighinn a nios;
Na’m b’e gu’n tuigeadh tu ’n caramh,
Thoir leam gun’n eigheadh tu os aird, gun bhi sgith;
Aig radh, fheara, ’s a bhraithre,
Ciod an doigh air an sabhalar mi?
Na’m b’e ’s gu’n tuigeadh tu trian—
Dhe n’ tha ri fhulang de phian, ’us de bhron,
Anns an t-slochd tha gun iochdair,
Fo chorruich an Dia sin tha mor;
Cumaidh cumhachd neo-chriochnach,
Anns na lasraichaibh dian sin thu beo;
Ge d’ robh deatach am piantan,
’G eiridh suas ann gu siorruidh mar cheo.
Dhionnsuidh an dorchadas shiorruidhs’,
Cha d’thig solus no grian ann gu brath;
’S cha ’n eil solas ri iarraidh,
Ach guil ’us giasgan air fiaclaibh do ghnath;
Cha bhi aidhir, no ceol ann,
’S cha bhi h-aon ann bheir solas do chach;
’S cha bhi duil ann ri trocair,
Ach guil, ’us caoidh, agus bron feadh gach al.
Is searbh an deoch tha ri h-ol,
Aig an dream a bhasaich gun eolas air Dia;
Cuan feirg tha gun trocair,
Teine, pronnasc, ’s stoirm mhor dhiu gun dion;
’Nuair thig na nithe sin comhluath,
Bhios na’n tonnana beo feadh gach ial;
Gheibh iad sud mar amportion —
Lan cup dheth ’s gur leoir dhoibh a mheud.
Ge bochd an gearan, ’s ge truagh e,
Anns a chuan sin nach fuarich ni’s mo,
Righ nan duil cha ghabh truas dhiubh;
’S e sud a gheall E mar dhuais dhoibh o thus;
Thuirt luchd nan cridheachan uabhrach,
Go an Dia bheir a nuas sinn do ’n uir?
An Ti th’air neamh bheir e buaidh orr’,
’S ni e ’n ioman, ’s am fuadach o ghnuis.
Ma ’s iad briathra na firinn,
A tha mi nis air cuir sios ann mo dhan;
’S ann tha druigheachd da riridh,
Air neach nach seall ann an tiom air son slaint’;
Than a laithean ro phriseal,
Ag caithidh seachad, bheir sios iad gun dail;
’Us chi iads’ aig’ a chriche,
Gu’m bi chuis mar tha’m Biobul ag radh.
Ach a nis, gu co-dhunadh,
Bheiream comhairl’ le durachd ’s le gradh,
Do’n dream tha fuireach gun churam,
Anns an t-slighe do’n duchas am bas;
Iad a philltinn gu dluth aist’,
Dhionnsuidh Ios’, o n’ se Ughdar na slaint’;
’S Eis a dh’ol anns chupan,
Meud an doruinn nach giulanadh cach.
’S an dream a chuireas an duil ann,
Agus aig a bheil suil ris chum slaint’;
Rinn e’m peacadh a ghiulan,
’S thug e dioladh le umhlachd chum bais,
’S air a mheud ’s da’n d’thig dlu dha,
Cha chuir e uaith iad, ’s cha dhiult iad le tair;
’S ann ’ni e ’n saoradh o’n doruinn,
’S bithidh gach aon diu toir gloir dha gu brath.
Staid Naduir.
’S E dhinnis Dia na firinn duinn,
Mur beirt’ a ris an sluagh,
Nach fheud iad dol d’a rioghachdsan,
’S tha sud na firinn bhuan;
Mur bi iad air an naomhachadh,
Cha’n fheud iad a dhol suas,
A dh’ionnsuidh an arois sholasaich,
Anns am bheil gloir an UAIN.
’S ma tha mi cuir mo sheula ris,
Gur eigin da bhi fior,
’S coir dhomh an coir a leughadh dhoibh,
O fhocal De ’ta sgriobht’,
’Us ge d’ dhiult’ iad eisdeachd ris,
No geill thoirt do’n Righ,
Gu cinnteach ’s comhar’ bronach e,
Mur doirt mi mach mo chridh.
’Se chuimhnich ban-righ Ester dhomh,
Aon dleasdanas bha fior.
Cha‘n fheudadh i bhi suaimhneach,
’Us an sluagh bhi dol an di;
’S le trosg ’s le urnuigh bhuaidhaich i,
’Us fhuair i run a cridh;
’S cha do sguir i dh’iarraidh fabhar—
Gus an d’fhuair iad fainn an Righ.
O! ma ta, dean trocair oirn’,
Oir ’s bronach coir’ nar tir,
Tha’n sluagh a dhiobhal eolas—
Air Iehobhah, tha na Righ;
’S tha blath na h-inntinn fheolmhor,
’G inns’ an stoir th’ann an sa chridh’,
Deth tharchuis air a mhorachdsan,
Ge bronach bhi ’ga inns’.
Tha breugan ’us cul-chaineadh ann,
’Us mionnan laidir, mor,
’S tha morchuis agus ardan ann,
’Us grainealachd gu leoir;
’S tha fanoid air luchd crabhaidh ann—
Air teachd gu airde mhor,
’S mhi-naoimhaich iad mo shaibhaidean,
O Righ is airde gloir!
Ach sud an ni tha nadurach,
Do’n aireamh tha mi luaidh,
Thuit iad ann an Adhamh,
’Us tha’m bas air faotuin buaidh;
’S cha leum iad thair a gharadh ud,
Rinn Satan chuir mu’n cuairt,
Mur brist thu le do ghrasaibh air,
’S O! thig gun dail a nuas.
O! cuimhnich, ann do thruacantachd,
Gu’m bheil an sluagh gun treoir,
’S iad marbh am peac’, ’s an euceartaibh,
Gu leir o lathibh ’n oig’;
’S mur gairm thu iad gu h-eifeadach,
Cha’n eirich iad ni’s mo;
’S mur cuir thu fein gu gluasd iad,
Cha dual doibh a thighinn beo.
O! seall a nuas gu grad oirne,
Tha sluagh na’n codal trom,
’S aig bruadair iad bhi ailleasach,
Air aite sleamhainn, lom;
Air bruach a chuain a bhathas iad,
Ma dh’fhailnicheas am bonn,
’S mur saor thu, Righ nan duil iad,
Bithidh an dusgadh ’measg nan tonn.
Ach ’s caoraich chaillt’ air sech’ran iad,
Mar neach bhiodh ann an ceo.
’S fiadh-bheathean na macharach,
Gle ocrach air an toir;
’S mur dean an t-Ard Bhuachaill sin
An cuartach’ do na chro,
’S e ’m bas an ni is dualaich dhoibh,
’S iad a smuanach a bhi beo.
Is mic struidheal da riridh iad,
A rinn an ditheach’ fein,
’S a chaith a’ maoin le striopachas,
’Us iad air dhiobhail ceill;
Ach, O! cuir Thus’ gu rannsach’ iad,
Mu’n ruig iad ceann an reis,
’Us o gach seach’ran ceannsaich iad,
Gu bhi na’n clann dhuit fein.
Ach ’s cnamhan tioram, fann iad,
Tha na’n luidh ’n gleann nan deoir,
’S an uair bhios neach aig sealltuinn riu,
Cha gheall iad a thighinn beo,
Ach ma thig an fhaidhdaireachd,
Le gras an spioraid bheo,
Bithidh farum ’measg nan cnamhan sin,
Thighinn blath le fuil ’s le feoil.
’S e clann na feirg fo’n diteadh,
Their an fhirinn riu gu dearbh;
Tha mallachdan a Bhiobuil oirbh,
’S iad sgriobht’ le bagradh gharbh,
’S i sud an staid tha doruinneach,
Bhi malluicht’ beo ’us marbh,
’S mur saor Thu ’Righ o’n diteadh iad,
Gu cinnt’ bithidh chrich dhoibh searbh.
Ach cia mar dhiarrain trocair dhoibh!
Mur leoir na chuir mi sios,
Is naimhdean da do ghloirs’ iad,
Tha cuir t-orduigh’n neo-bhrigh;
Cha’n eil an cridh’ an toir ort,
G iarraidh eolas air do shligh,
’S mar Shagairt dhoibh cha’n aill leo Thu,
Bhi t-Fhaidh, no do Righ.
Ach so an t-aobhar gairdeachas,
Gur h-aon ro ghrasmhor thu,
’Ni trocair ’nuair ’s aill leat—
Air an aireamh th’ann do run;
’S cha leir dhomh h-aon co graineal,
Nach fhaod gras an tarruing dluth,
’S bheir eolas air an t-Slanuigh-fhear,
Dhoibh beath’, slaint’, ’us iul.
Tha farsaingeachd ’us eifeachd,
Anns an eiric chaidh thoirt suas,
A dh’fhosgail dorus reidh—
Do gach creutair a ta gluas’d;
Ge d’ bhitheadh iad co aingidh,
Ris na h-ainglean thuit gu truagh,
Ma tha naduir dhaoin’ aca,
Tha saors’ am fuil an UAIN.
Tha fuil na h-iobairt reitich sin,
Aig eigheachd air son sith,
Do gach aon a dh’eisdeas ris,
’Sa gheilleas dha mar Righ;
Ge d’ bhiodh mile saoghail ann,
Cha d’theid a ha-on diu ’n di,
Ma bhios iad air am faotuin—
Air an aonachadh ri Criosd.
O! ma ’ta, gabh truas dhinn,
’S thoir thus’ an sluagh gu geill,
’Us ionnlaid ann ’sa chuan sin iad,
O’n truailleachdaibh gu leir;
’S bithidh mheud ’sa rinn thu throcair orr’,
Na h-oran nuadh na’m beul,
’S bithidh iad na’n cruitheachd ur dhuit,
Bhitheas a’ seinn do chliu gach re.
Oron don t-Saoghal.
’SIONGANTACH thu Shaoghail
’S neo-chaomhail do ghnuis,
’S mairg a bheireadh gaol duit,
Is caochlaideach thu;
Mheall thu clann ’nan daoine
Na’n saothair ’us na’n duil,
’S tric a gheall thu solas,
’Nuair ’s bron bh’ann do run.
Mheall thu iad le storas,
Is morchuis is cliu,
Is anamhiann na feola,
An oigridh co dhiu;
’S an dream a fhuair gu leoir dhiot,
’S a dh’ol ass’d gu d’ chul,
Cha do mheudaich thu’n solas,
Co mor ’sa bha’n duil.
Ach sgaoil thu do thoilinntinn,
Gu m’inntinn a ghluas’d;
’S mis’ a dh fhaodadh inns’,
Gu’m bheil t-innleachdan buan;
Gheall thu toilinntinn domh,
Miltean de dh’uair;
Ach mheall thu gu mor mi,
’Us solas cha dh’fhuair.
Mur bhi gu’n d’fhuair thu coir orm,
O m’oige a nuas,
Dh’fhaodainnse bhi eolach,
Air solasan buan:
Bha’m fior uisge beo,
Tighinn le solais mu’n cuairt;
Ach ’s beag a fhuair mi ol,
Le do dhochasan truagh.
’S fad a rinn thu Shaoghail,
Mo shlaodadh mu’n cuairt,
Mo chumail o’n Fhear-shaoraidh,
’S ghaol fholach uam;
Na’m faighinnsa de’n ghaol sin,
Na shaoradh mi uat,
Bhiodh m’inntinn tighinn beo,
Air a ghloir sin ta shuas.
Bhiodh m’inntinn ’s mo mhian,
Air an Dia sin tha beo,
’S an oighreachd tha siorruidh,
’S a ghrian a tha gun neoil;
’S an tobair o’n d’thig slainte,
’Us gairdeachas mor;
’S a ghairdean cha’n fhailing,
’S e Ard Righ na gloir.
Na faighinns’ tuilleadh fabhair,
’Us gras bheireadh buaidh,
Bhiodh m’inntinn a thamh,
Anns an aros tha shuas;
Ge d’ bhithinn anns an fheoil,
Bhiodh mo dochas gu buan,
Ri aon latha mor,
Anns nach comhlaich mi truaigh.
Na’m faighinn tuilleadh naomachd,
’Us saorsa o’n UAN,
’Us tuilleadh de na ghaol sin,
A shaor mi o’n truaigh;
Thaisginn mo chuid or,
’San tigh-stoir sin tha shuas,
Far nach goid na meirlich,
’S nach cnamh e le ruaidh.
Ach tha mi’n duil nach fag thu mi,
Ard Righ nan sluagh,
Gu’m mothaich mi do laithaireachd,
’San gras thig a nuas;
Cha mhor a ni m’ shaothair,
Thig daors’ orm ’us gruaim,
Mur bi mi air an t-saoghal,
A sior fhaotainn buaidh.
Air sgath ’n ti chaidh cheusadh,
Thoir fein domh a bhuaidh;
Ma shaor thu o’n Eiphit,
’S ma reub thu Mhuir Ruadh,
Na fag mi ’san fhasaich,
Mu’m basaich mi truagh,
Ach treoraich air laimh mi,
Gu tir Chanaain shuas.
Biodh t-fhocal dhom mar lochran,
’Gu mo sheoladh ’s gach am,
’S dean leis aphillarneoil sin,
Mo threorach’ gu cheann:
Bith’ uisgeachan beo,
Ga m’ chomhlach’ ’s gach gleann,
’S bith’ mana mar lon dhomh,
’S thig solas nach gann.
Ach feuch ’s mis’ an creutair,
Tha’m feum bhi fo dhion,
Cha’n ionnan mi ’s Iacob,
A dh’fheuch bhi co dian;
Ghleachd e cho laidir,
’S gu’n sharaich e shlias’d,
’S gu briseadh na faire,
Cha d’fhailing e riamh.
Cha d’fheuch mi mo chruadal,
N’is buaidhich na cach,
Ach ’s tus’ an t-Ard Bhuachail,
’Bheir buaidh anns gach cas;
Saor mi o thruaill’eachd,
’S o bhuair ean gach la,
’Us saor mi ’san uair,
’San d’thig uamhas a bhais.
’Nuair bhios mo chridh’ ’gam fhagail,
’S mo chairdean dol uam,
Air sgath fuil a chumhnaint,
’Us umhlachd an UAIN,
Bith’ Aingle do chuirt’,
Ga mo stiureadh dol suas,
Gus am fosgail mo shuile,
’San Ierusalem nuadh.
Gairdeachas an Fhirean.
’SANN a smuainich mi iomadh uair air,
Gur bochd an sluagh sud ’tha gun ghras,
Gun fhois gun suaimhneas, ’s an fhasaich thruagh so,
’S iad dol ’s an uaigh air na h-uile laimh;
Tha iad a’ smuaineach gu’m faigh iad suaimhneas,
Uair no uair mus an d’thig am bas:
’S uair bhios iad saoilsinn bhi faotainn buaidh air
Tha righ nat uamhas ga’n cuir ’nan tamh.
Bha mis’ co gorach, ’s gu’n shaoil leam moran,
A thoirt o’n t-seol ud gu solas Dhe;
Chaith mi mo shaothair air fior naimhdean,
’S ’nuair theirig cainnt orm cha d’thug iad geill:
’S a nis ’s ann thoisicheas mi air oran,
A chuir an ordugh gu ceol d’an treud,
Aig am bheil solas tha sruth o eolas,
Air an fhuil chaidh dhoirt’ air a chrann-cheus.
O ’s ann tha’n solas aig dream fhuair eolas,
Air neach co gloirmhor ri aon Mhac Dhe!
Cha nithe feolmhor ri’m bheil an dochas,
Ach crun gloir ann an rioghachd neimh:
Bu bhochd an storas leo gleann nan deoir so,
’S na bheil do’ dh’or anns a chruinne-che;
Tha’n cridhe deonach bhi thall thar Iordan,
A seinn an orain d’an d’thug iad speis.
O a bhrathraibh nach dean sibh gaird’chas!
Anns gach sarach’ thig oirbh fo’n ghrein;
Togaibh Hasannah do’n Ti a bhasaich;
Tha chliu air ardach oscionn nan neamh,
’S an uair a chuimhnicheas sibh air fhabhair,
Le cridhe blath thugaibh dhasan geill;
Tha es’ am Pharas mar fhior bhrathair,
Aig ullach’ ait’ dhuibh ’na rioghachd fein.
’S fiosrach mi gu’n d’ thig iomadh deuchainn,
Nach cord’ ri feinealeachd, fuil, is feoil,
Ach chunnaic Iosa gu’n robh sud feumail;
Feuch gu’n leugh sibh mu thimchioll Iob,
’S mu thimchioll mhiltean do’n dream thug speis dha,
’S gach car a dh’eirich do’n Abstoil Phol;
’S cha dubhairt e riamh nach robh amhghair eutrom,
’Nuair sheall e fein air a chuidthrom gloir.
B’e ’n t-aobhair gaird’chas a’ bh’aig na faidhean,
Gu’n robh neach araidh gu tighinn ’san fheoil,
A bhiodh ’n Shlanuighfhear, ’sa bhruthadh satan,
A dh’fhuil’geadh bas, ’s a bheireadh aireamh beo;
’S e sud thug gairdeachas mor do dh’Abraham,
Iomadh la mu’n d’fhag Iosa gloir;
’Us dh’innis Daibhidh, nach rachadh fhagail,
Fo chumhachd bais, ’us b’e sud a cheol.
’San dream fhuair eolas air ’san fhasach,
Thug e gairdeachas dhoibh gu leoir;
’Se thuirt a mhathair ’sa cridhe lan deth,
’Tha manam ’g ard mholadh t-ainm ro mhor;
’S ge d’ bha chairdean a call an gaird’chais,
’Nuair bhasaich e rinn iad bron,
Ach ’nuair a dh’eirich e rinn iad aoibhneas,
’Us rinn iad sgeul air gu’n robh e beo.
Rinn iad aoibhneas air son gu’m b’fhiu’ iad,
Bhi air an sgiursadh ’s ann air a sgath;
’S gu’n d’thug e cliu dhoibh ’gu ainm a ghiulan,
Air feadh nan duchan ’s nach cual iad slaint’;
’S a ’measg nan Iudhach a bha cuir cul ris,
’S tric chaidh ’n sgiursadh, ’san cuir gu bas;
Ach thug iad umhlachd do Righ nan Duil,
’Us bha aoibhneas ur ac’ na h-uile la.
’Sa nis a chairde, ma thug sibh gradh dha,
Deanaibh gairdeachas feadh gach re;
Feuchaibh do’n t-saoghal gu’n d’thug sibh gaol,
Do n’ chuing tha aotrom ’sna h-uile ceum;
Cha’n ann le faoinealachd spiorad aotrom,
Mar bhios na daoine air bheagan ceill;
Ach le fior sholas a’ sruth o eolas,
Air buaidhean glormhor bhur n’Athair neimh.
’S e clann Shion a chuideachd rioghail,
Aig am bheil sith ris an Ti a’s aird;
’S e Righ nan Righribh, Fear-saoraidh Israeil,
Is e nach dibir a shluagh gu brath;
Thug e gairdeachas dhoibh ’san fhirinn,
’S rinn e’m firinneach’ le a ghras,
’S bheir e tearuint’ iad as gach trioblaid,
S’ bithidh e na dhidean dhoibh aig a bhas.
Cha chum am bas iad, ’s cha chum an uaigh iad,
Thug esan buaidh air na gaisgich threun;
Is amhluidh shaoras e fos a shluagh uatha,
Is bheir e suas iad gu rioghachd fein;
Theid iad le buaidh-chair’m dh’ionnsuidh an t-suaimhneis,
’S am bheil an t-Uan sin dha’n d’thug iad speis;
Tha mis’ a’ smuaineach gu’r sona n sluagh sin,
A lean an t-Uan ge b’e taobh a theid.
Aonachd an Spiorad.
THA m’inntinn tric a smuaineach’ air.
’S cha’n fheud mi a’ chuir uam,
Gur teirc a’ measg chlann daoine iad,
Tha tabhairt gaol do’n Uan;
A Righ na Gloir dean caochla’ oirn’,
’S a’d’ naomhachd gabh dhinn truas,
Tha chuid a’s mo do’n t-saoghal so,
Mar chaoraich dol ’san uaigh.
’Se ’n teisteas bheir an fhirinn dhuinn,
’Sa chi sinn anns gach ait’,
Gur teirc an aireamh dhilis sin,
Chaidh fhirinneachadh le gras;
Tha iad gun Dia, gan dochas,
Deanamh cordadh ris a bhas;
’San t-slighe leathann, dhoruinneach,
Sa’m faigh an fheoil na’s aill.
’S e’n t-earail thug an Slanuighear,
D’a chairdean, ’us d’a chlann,
“Feuch nach dean sibh tarcuis air
“An aireamh bheag a th’ann;
“ ’Sann air ann son a bhasaich mi,
“ ’S iad m’ ailleagan ’s gach am,
’S bith’ ainglibh neamh mar gheard orra.
Bheir tearuinte iad gu cheann.
’S e dh’fhag an dream ud aithnuichte,
’Us beannuichte thar chach,
Gu’n robh iad air an sonrachadh,
Ann ’cumhnanta nan gras;
’S an Ti thug creideamh, ’s dochas dhoibh,
’Us eolas air a shlaint’,
Fhuair iad ’nis an reite, leis
An eifeachd bha ’na bhas.
Fhuair iad sealladh uamhasach,
Deth thruaighe chlann nan daoin’,
Am peacadh gin, ’s an truaill’eachd sin,
A bhuadhaich air gach aon;
Ach ’nise cha’n eil diteadh dhoibh,
Chaidh ’m firinneacha gu saor,
’S ann tha iad ’g iarraidh firinnteachd.
O’n Ti ’ta uile-naomh.
Bha’n oibre fein neo-fhallan leo,
’S an aithreachas cha b’fhearr,
Fhuair iad mar luideag shalach e,
Nach fallaicheadh a’ nair;
Ach cliu do’n Uan, o’n ’s airidh e,
’S e cheannuich iad o n’ bhas,
’Sa nis’ fo dhion na fola sin,
’S ann dh’fhairich iad bhi tear’nt’.
Thuig iad as eug’ais naomhachadh,
Nach fheudadh neach bhi beo,
’S dh’aicheadh iad mi-dhiadh’achd,
’Us ana-miann na feol;
’Us dh’urnuigh am Fear-saoraidh,
Air son gach aon de’n t-seors’,
Gu’m faiceadh clann nan daone,
Gu’m bheil an aonachd mor.
Ach ’s tric a ghabh mi curam dheth,
’Us chiur e mi ’s gach ceum,
Nach robh sinn tric ag urnuigh ris,
No durachdach d’a reir;
Air son roinneanan Reubin,
B’e ’n t-aobhair curam e;
Bhi faicinn cloinn a chumhnant,
Nach giulan iad le cheil’.
Tha cuid diu lag, ’s cuid laidir dhiu’,
A’ reir a’ ghrais a’ fhuair,
’S tha cuid le’m buaidhean nadurra,
Na’s failinngich s gach uair;
’S tha cuid diu’ ceangealt’ ri gnathaichean,
S’ an deach’ an arach’ suas,
Tha suim do nithibh araidh ac’,
’S nach urrainn cach bhi gluas’d.
Ach ann ’sna nith’ so cordidh iad,
Tha eolas ac’ air slaint’,
Tha creidimh, gradh, ’us dochas ac’,
’Ga’n cumail beo tre ghras;
Tha naomhachd air a seoladh dhoibh,
’S tha ’n umhlachd mor gu bas
D’a thoil, mar fhuair iad eolas air,
Mar ordugh, no mar aithn’.
Ach so an ni a dh’orduich e,
’Sa sheol e dhoibh bhi gluas’d,
Gu’m biodh iad caoimhneil, teo-chridheach,
’Sa cumail beo nan uain;
’S na nithibh air an d’rainig iad,
Bhi lamh air lamh dol suas,
’S gu ’m foillsicheadh an t’ Ard Righ,
Gach pairt dheth thoil d’a shluagh.
Ach ’s truagh an spiorad-pairtidh sin,
A fhuair san al tighinn beo,
Tha fuarach gradh nara braithrean sin,
Bu choir bhi’n cairdeas mor,
B’e sud toil-inntinn shatan,
A chairdean bhi ’sa cheo.
Mu thimchioll co an aireamh,
Thug gradh do Righ na Gloir.
Is luath a thoisich beagan deth,
’S na deisciobluibh ’s an Eoin,
Ach chronuich am Fear-saoraidh iad,
’S cha’n fheudadh sud bhi beo;
’Sa’s tric ’chaidh sud a leughadh dhoibh,
O bheul an Abstoil Phol,
“Gu’m biodh iad a’ giulan caomhneil
“Le oighreachan na gloir.”
Is e so a deir an fhirinn,
’S tha e sgriobht’ an iomadh ait’,
“Na tugaibh breith ’s na ditidh iad,
“S’ na tilgidh sios le tair,
“S na bacaibh dhoibh bhi dilis,
“Anns ’ni thuig iad mar aithn’,
“Ma’s ann dheth ’n aireamh phriseal iad,
“A cheannuich Ios’ le bhas.”
Cha bhiadh ’us deoch an riogachd sin,
Dhe’m bheil nan naoimh an traths’,
Ach firinnteachd, agus naomhachd,
’S an gaol sin nach d’theid bas
Sith, agus aonachd,
’Se bheir air daoine fas,
Is fearr sud na eolas,
’Us gibhtean mor gun ghras.
Is peacadh dhoibh ma gheilleas iad,
Do neach fo n’ ghrein ’sa chas;
S ma shiubhlas iad ’sna ceum’naibh sin,
Nach tuig iad fein mar aithn’
’S e Iosa neach chaidh cheusadh,
’S bidh feum air aig a bhas;
’S e buachaile na treud e,
’Us geillidh iad dha’s.
’S tha ’n earail air a dunadh dhuinn,
Le ughdaras ro mhor,
’Us tha e tric ag innseadh dhuinn,
Cho chinnt’ ’sa tha e beo,
Gu an tionail e na fhianuis,
Gach neach bha riamh sa’n fheoil;
’S gu’m faigh gach neach d’a reir,
Mar thug e geill d’a ghloir.
A chlanna bheag ’sa chairdean,
Ma ghradhaicheas sibh cheil’,
Tha nithibh ann san al so,
’Ni gairdeachas air neamh;
Ma bhitheas Ephraim ’s Iudah,
’Nis dluthachadh ri cheil’,
’S gu’n leum iad air guail’nean,
Nan uabhreach gu leir.
’S iongantach am fabhair,
Fhuair an t-al so ’m bheil sinn fein,
Tha moran Sgoilaibh Sabaid, ann
’S gach ait’ ’s iad deanamh feum
’S ann nis’ tha sluagh an t-saoghail,
A sgaoladh focal Dhe,
’S iad dol ’ga eadar-theangachadh,
’S gach cainnt a tha fo n’ ghrein.
Tha ’n soisgeul air a sgaoladh ’nis
Le daoine ’sam bheil fiamh,
Do pheacaich chruaidh, neo-aithreachail,
Tabhairt faireach dhoibh mu’n gniomh;
’S an dream tha caillt’, ’s folamh dhiu’,
’Ga’n toir gu baile dion;
Dol thuige ’s uaith’, tha moran,
’S tha eolas dol a’ meud.
Ach ’s truagh gu’m faigh sinn pairt,
Bhios co ard na’m barail fein,
Nach creid’ gu’n d’thig’ o Nasaret,
Ni maith, ach faidhean breig:—
’S cuid eile dheth ’m bheil dochas ac’,
Gu’n d’fhuair iad eolas De,
’S nach aidich gu’m bheil coir aca,
Air bord a’ Maighstir fein.
O’n tha mi gu co-dhunadh,
’Nis tha mi’n duil tro ghras,
Gu’m bi mis’ an sith-chainnt riu,
Ge b’e ni a ni cach;
Ma’s urrain dhomh bhi’n dochas,
Gu’n comhlaich sinn ’na lath’r,
’S gu sealbhaich sinn an gloir sin,
Air nach d’thig bron gu brath.
’S e gradh agus giulan leo,
’Us umhlachd thoirt na’n lath’r,
’Se sud a’s mo a dhruigheas orr’
Na bhi ga’n dunadh ’n ard;
Mar sud tha’n t-Ard Bhuachaille,
Ga’n cuartachadh le ’lamh,
’S tha truas ann a chom,
Ris an dream tha trom le al.
’Nis tha mi’n duil nach tionndaidh sibh,
A chainnt so gu mi-fheum,—
Cu’n rannsuich sibh gu curamach,
’S gu’n urnuigh sibh d’a reir;—
Gu’n iarr sibh thoil a sheoladh dhuibh,
’S gu’m fas sibh ’n eolas De,
’S gu’n deanadh Righ nan dul,
’Nis n’ar dluthachadh ri cheil’.
’Nis tuigibh chlann nan daone,
An aonachd tha mi luaidh;
Cha’n e daone ’n t-saoghal so,
’San dream thug gaol do’n Uan—
Oir ’s eigin da phairtidh bhi
Gu brath a’ measg an t-sluaigh,
Am feadh bhios sluagh gun ghras ann,
’Us aireamh a thug buaidh.
Tha ’ninntinnean cho dealluichte,
’S tha ’n talamh o na neamh,
Is coir do’n fhior luchd faire,
Bhi ’gan sgarachduin o cheil’,
’S gu’n bhi tabhairt coir dhoibh,
Air orduighean Mhic Dhe,
’Us iad gun Dia, gun dochas,
’S iad uile beo dhoibh fein.
O! anam thruaigh gun churam, ’nis
Nach duisg thu ’s teich gu luath,
Mu’n d’theid nan neamha dhunadh ort,
’S an sin bithidh chuis ro thruagh;
Ge do bhith’ tu an aonachd ris
An dream thug gaol do’n Uan,—
Ni ’m bas na’r cuir o cheile,
Mar bi thu fein dheth shluagh!
Air sgath gach ni tha priseal, ’nis
Na dibir t-anam feim,
Creid ’san Tighearn’ Iosa,
’S esa’ ’m fineamh’n, ’s tus’ a gheug;
’S ma shiubhlas tu na ’naomhachd,
’S gu’n toir thu gaol do’n treud,
Cha sgar beath’ na bas sibh,
Gu brath o aon a cheil’.
Glaodh na Mairtairaich.
THA sluagh aig an Ard Righ, a ghradhaich e cinnt’,
Ris an dubhairt e “a chairdean, a bhrathrean, ’sa chloinn,”
’S tha naimhdeas aig cach dhoibh, gu brath anns gach linn,
’S chaidh moran chuir gu bas diu’, ’s am fagail gun chinn.
’S ge d’ thug e deoch ri h-ol doibh, do dhoruinean searbh,
Lean iad anns gach ceum e, tre dheuchainean garbh;
’S tha aon ni ’s aill leam, ge d’ tha iad air falbh,
Gu’n cluinn iad an caramh th’air Gaeltachd na h-Alb’.
’S e ’n sealladh ’chunniac Eoin diu’ mo sholas ’san am,
Iad a bhi fo’n altair or, ann an solas nach gann,
Na h-anamana gloirmhoir, tha ’m bron-s’ aig a cheann,
Ge d’ chaidh am fuil a dhoirteadh, ’s am fagail leoint ’sa ghleann.
’Se ’n dream bha deanamh tarcuis air Ard Righ na Gloir
’A dh’fhuathich a chairdean, sa dh’fhag iad fo leon;
Bha cumhachd aig an ailghios, ’s bha ’n ardan co mor,
’S nach fuilingeadh iad do’n aireamh thug gradh dha bhi beo.
’S ann thoisich on t-ardan so, ’n Cain bochd, truagh,
’Nuair smuanich e Abel a chuir gu bas co luath;
Tha Abel aig eigheach, “ ’nis theid mi ’san uaigh,
Rinn Cain mo reubadh, ’s tha e fein air an ruaig.”
’S tha moran do na faidhean, ag radh ruinn o’n uaigh,
’S e Iesebel is Ahab, a ghearr as an sluagh,
Nach aoradh do Bhaal, ’s d’a ghrainealachd thruagh;
S’ ge d’ chaidh Eliah fhagail, tha thamh ann san uamh.
’Sthoir leam gu’n cluinn mi moran fo leon ’s iad a guil,—
“ ’S ann timchioll Ierusalem a bhruchd oirn’ an tuil;
“Ruith sraidean Ierusalem dluth le ’ar fuil
“ ’S ann aig a bhaile mhor sin, chaidh a dortadh gun sguir.
“Na’m faiceadh sibhse ’ar caramh, ’nuair bha iad ga’r leon,
Leis gach bas bu phianntich, ’s iad dion air n’ar toir,
“Cha d’adhlaic’ iad riamh sinn, le rian mar bu choir—
“ ’S ann dh’fhag iad air gach sliabh sinn, mar bhiadh do na h-eoin.”
’S e so glaodh Isaiah, a’m faidh bha treun,—
“ ’Se Ios’ an Slanuighear, a bha mi cuir an’ ceill,
“Is dh’fhoillsich mi’n fhirinn do Israel fein,
“ ’Sann shabh iad mo mhirean mi, ’s ghabh iad didean breig.”
Thuirt Ieremiah ’m faidh,— “do’n t-saoghail tha mi sgith,
“ ’Sann aig braighdeanas Bhabilon, ’sharaich iad mi;—
“Rinn mi fianuis laidir air grainealachd na tir,—
“Is chuir mi’n geill an truaighe do’n uaislean ’s do’n Righ.
Ach ’s ann a rinn iad tair an fhaidhdearachd gu leir,—
“Is thilg iad mi sa phriosan a b’isle bh’aca fein;
“ ’S an uair bheathaich iad an ardan, deanamh tair orm le ’m beul,
“Chlach iad dh’ionnsuidh bhais mi, is lean iad faidhean breig.”
’S tha Sechariah ’m faidh ag radh ruinn a ris,—
“A measg sliochd Abraham chaidh mo chuir gu dith;—
“ ’S ann eadar an teampul ’s an altair bha mi,
“ ’Nuair bhuail iad gu bas mi, ’s a thainig mo chrich.”
’S tha eachdruidh tabh’rt sgeul duinn gu’n d’eigh cuid na chloinn,
Ri linn na Maccabeus, “ ’s bochd a dh’eirich dhuinn;
“Air son gu’n d’rinn sinn aicheadh, a ni bha graineil leinn,
“ ’S ann chuir iad gu bas sinn, a mhathair ’sa chloinn.”
’S e sud rinn sliochd Abraham ri ’n cuid faidhean fein,
Rinn iad am fuil a dhorteadh, ’sa leonadh gu leir;—
Ach an Ti ro ghlormhor a chumas coir ri threud.—
Thug esan fuil ri ol dhoibh, ’us doruinnean do reir.
’Nuair dhuilt iad an Slanuighear ’sa bha iad aig an fheisd,
Thainig na Romanaich le ordugh Mhic Dhe,
Mharbh iad, is chiurr iad, na h-Iudhaich gu leir,
’S loisg’ iad Ierusalem, na smuid anns na speur.
Bha miltean do’n t-sluagh sin, na’n cruachan ’s iad marbh,
Na’n luidh air na sraidean, fo chosaibh chaich ’s iad balbh;
’S am fuigheal chaidh fhagail diu’, thair as air falbh,
Sgap e feadh nan duchan iad, le sgiursadh bha garbh.
’Nuair dh’fhoilsich Imanuel ann an naduir dhaoine,
Bha naoidheanibh Bhetlehem ag’ eigheach le gaor;
“Dean trocair oirn Ard Righ is gradhaich sinn saor;
“ ’S og chuir iud gu bas sinn’fo dha bhliadhna dh’ aois.”
Chualas caoidh ann Ramah, tha Rachel ri bron,
Air son a cloinne ghaoil, oir cha d’fheud iad bhi beo;
Tha’n gaor ann a cluasean, ’s tha gruaidhean fo dheoir,
’Us Herod ga’m bualadh, gun truas aig do’n oig.
’S tha Eoin Baiste on fhasaich, toirt aithn’ feadh na duth’ch,
“Deanaibh ’n t-slighe comhnard, tha Righ na Gloir dlu;
“ ’S deanaibh am peac’ a threigsinn, air nea ’s ann theid sibh mugh,
“Oir ’s mise ’n teachdair araidh a thainig roimh ghnuis.
“Chomhair’lich mi Herod, is dheisd e rium gu ciuin,
“Ach air son Herodias, chuir e mi ’m priosan duinnte,
“ ’S ’nuair rinn a chailin dannsa, ’sa mheall i e sa chuis,
“Fhuair i n’a b’annsa leath’, mo cheann a chuir ’san uir.
’San uair chaidh Ios’ a cheusadh, ’sa dheirich e le gloir’
Rinn a Mairtaireach Stephen, sgeul air gu leoir;
Le focal na firinn, ’s le miorbhuilean mor,
’S le fhaicinn an Righ, ann an Rioghachd na Gloir.
Ach b’eigin dha’n sgeul ud, a sheuladh le fhuil,
’Sann a chlach iad Stephen, ’s e ’g eigheach gun sguir,
“Thoir leat mi Righ na Gloire, ’s tu fein mo dhoigh ’s mo bhun”
“ ’S thoir maitheanas le trocair, do’n dream tha dortadh m’ fhuil.”
Goirid ’n deigh Stephen chaidh Seumas chuir ’san uaigh,
’S ann le claidheamh Herod, a reub iad e gun truas,
Tha’n Euglais ag eigheach, “chaidh Seumas thoirt uainn,
“ ’S tha Peadar ann sa phriosun, a Righ gabh dhinn truas.
Ach Pol, ’bha roimhe searbh dhoibh, tha searmonach’ gu dian,
“ ’S e ’n t-iongantas ro mhor,” deir e, “gu’n d’fhuair mi trocair riamh;
“Cho-eignich mi moran, gu toibheum ’thoir do Ios’
“ ‘S an uair a chlach iad Stephen, bha mise fein ’sa ghniomh.
“ ‘S iongantach gu brath leam, an gras a’ thug mi beo,
“ ‘S e Ios’ o Nasaret ’san d’fhuair mi’n t-slainte mhor;
“ ‘S shearmonaich mi’n t-slainte sin ’s gach ait’ gu’n ruig an Roimh,
“ ‘S thug Nero, ’n sin, an ceann dhiom, le ainneart ro mhor.
“ ’S e dubhram ri mo bhrathrean, a dh’fhag mi as mo dheigh,
“Tha mise dol ga n’ar fagail, ’se ’n t-ait so ceann mo reis;
“Leannaibhs’ ris an t-Slanuighear ’s cha’n fhag e sibh ’s cha treig,
“ ‘S ma’s beatha, no ma’s bas dhuibh, tha slainte dhuibh air neamh.’
Ach nis’ chaidh Peadar fhagail, ’n deigh cach thoirt uath.
‘S e comhairlach’ a chairdean, “a bhrathrean bithidh stuaim,
“Ge d’ tha mi dol ga’r fagail, ‘san fhasach so air chuairt;
“Cha’n fhad’ gus an comhlaich, ’sam faic sinn gloir an Uain.
“Tha mis’ a’ tighinn gu aois, ’s tha’n saoghail dhom na chradh,
“Slan le luchd mo ghaoil, oir cha’n fheud mi tuile tamh;
“Mar dh’fhoillsich am Fear-saoraidh dhomh, thug iad mi ’n taobh nach b’ail,
“ ’S cheus iad air a chrann mi, ’s mo cheann ris an lar.”
‘S an fhianuis Antipas, chaidh innseadh le Eoin,
Cha b’e bu choir a dhibir, bu dilis e sa choir,
‘S luchd aideachidh gun ghras, rinn a sharach’ ’sa leon;
Bhasynagogaig satan diu’, ’san Asia mhor.
‘S tha eachdruichean firinneach, ag innseadh gu leoir,
‘S a’s cosmhuil mar thachair ri taisbeanadh Eoin;
A Bhean ’bhi ann san fhasach, ’san Dragon air a toir,
’Us shamhlaichean Babilon sin, ri Papa na Roimh.
‘San tha na naoimh ri’m faotuinn, nis sgaoilteach anns gach ait’,
A’ measg luchd iodhal-aoraidh, dhe’m bheil an saoghal lan
‘Sann dream rinn Criosd a shaoradh, ’sa cheannach daor le bhas,
Ga’n cosgradh ac’ mar chaorich, gun aon neach ’deanamh baigh.
‘S e their na naoi mh ’n trath so, “a bhrathraibh deanaibh bron;
“Tha sinn a’ measg na’n Paganaich, tha ’g aicheadh Righ na Gloir;
“ ‘S ann ’their iad ’ar Dia-ne,’ ri iomhaidh leaghte do’n or
“ ’S e an t-aoradh tha iad ’g iarraidh, bhi riarachadh na feol.
“Ach Iosa ar Slanuighear, ’se dh’aithn e dhuinn bhi naomh,
“ ’S cha’n fheud sinn esan aicheadh, air son cairdeas an t-saoghail;
“ ’S air son so rinn iad tair oirn‘, ’s tha’m bas tighinn oirn’ gach taobh,
“ ’S tha iad a nis ga’r bualadh, gun truas ri oig’ na aois.
“Nach cluinn sibh ’nis a bhrathribh, gach bas a thug iad oirn’,
“Chuir iad an uaigh nan leomhan sinn, ’s bu mhor ar ’n aobhar bron,
“ ’Nuair bhiodh na leomhain a’ beucaich, ’s iad ’ga’r reubadh beo,
“ ’S ann bhiodh an sluagh gun cheill sin, le cheil e deanamh spors’.
“Chaidh Pollicarp a rosdadh le teine mor ’sa ghleann;
“Us Simon mac Cleophas, cheus iad e air crann;
“Dh’fhag iad Iustin-martair bha’n Carthage gun cheann;
“ ’S chaidh Ciprian ’s Ignatus a chuir gu bas ’san ams’.
“So ministearean diadhaidh, ’s bha cuid diu’ liath le aois;
“Bha’ measg am brathream cliuteach, air son an giulan naomh;
“Chaidh iad trid abhainn Iordan, ’s le misneach mhor gach taobh,
“ ’S tha sinn a nis a foghlum nach robh an dochas faon.
“ ’S ’nuair a runaich clann nan daone, nach biodh aon neach beo,
“A leanadh ’m Fear-saoraidh, ’s iomadh aon chaidh leon;
“Thilg iad sinn gun aodach ’sna h-aithean-aoil ’s iad beo.
“ ’S chaidh luaidhe leaghte a thaomadh oirn’, ’sa sgaoladh air ar feol.
“Bhath iad cuid ’sa chuan dhinn, ’measg fuaim nan tonnaibh mor,
“ ’S chaidh cuid gu bas ’sa phriosun a dh’easbhuidh bidh ’us doigh;
“Chaidh cuid thoirt as a cheile, ’sa reubadh le na meor;
“S chaidh moran dhinn a chlachadh, ’s chaidh cuid a thachdadh beo.
“Thilg iad cuid gun fhabhar dheth bharr nan creagan mor,
“Us shlaod iad cuid air shailean, air feadh gach sraid le spors’;
“Phronn iad cuid gun acarachd, ’sann eadar chlacha mor,
“ ’Us phian iad cuid le eigin ’saghrate ’us iad ’gan rosd’.
“Cha mhor gu’n creid an saoghal, gach bas a thaom iad oirn’.
“Fad tri cheud bliadhna, bha’n Dragon riamh ’gar leon
“Dh’fhuiling sinn ann ’n Asia, ’s gach ait’mu’n cuairt do’n Roimh,
“ ’S dh’fhuiling cuid ann ’n Africa, ’san Fhraing chaidh cach a leon.
“Ach ’nis tha’n Ti bha bac’ do dhuine pheac’ thighinn beo
“Air tionndaidh o na gnathaichean, a b’abhaist bhi ’san Roimh;
“Tha Constantine air aicheadh nam paganaich ’san doigh,
“ ’S e ’g aideach’ bhi na Chriosduidh, ’us cumhachd Righ ’na dhorn.
“Tha miltean ’nis ’g iarraidh, an deigh ’n Dia ta beo,
“Threig iad nithibh diomhain, ’s na h-iomhadhean or;
“ ’S tha’n t-Iompaire na dhion doibh, ’s e riaghladh nan sloigh;
“ ’S o’n fhuair sinn began feimh, cha robh fuil nan naomh ’ga dort’.
“Ach ge d’ fhuair sinn suaimhneas, bu truagh dhuinn o’n la,
“Dh’fhas sinn co uaibreach, ’us dh’fhuairich ar gradh,
“Chaidh ’n Euglais a truailleadh le mor sluagh gun ghras;
“A dh’aidich air son buanachd, a ni ’s nach d’fhuair iad slaint.
“Thug sud iomadh caochla’, air aghaidh an t-saoghail mhor,
“ ’S a bhean bha roimhe naomh, ’s ann a chaochail i doigh,
“ ’S ann ’rinn i striopachas ris na Righrean mor,
“ ’S rinn iad ise beartach, le pailteas an soigh.
“ ’San uair ’sgeaduich iad an Diadh’achd gu breaghe le or
“Thainig daon’ mi-dhiadhaidh, ’us lion iad a chro;
“ ’S tha deisciobluibh Chriosd air an lionadh le bron;
“ ’San Euglais gun rian ac’ fo riaghladh daoine mor.
“Ach sheol an Ti is air dsinn gu faidhdaireachd Eoin;
“ ’Se their e rithe ’san ait’ sin, Babilon mhor,
“Bean aig am bheil grainealachd, lan cupan or;
“Thigibh ’mach aisd’ mo shluagh, tha i truaillidh gu leor.
“S an uair theich sinn ’mach a Babilon mar dh’aithn’ e dhuinn ’san am,
“O nach d’thug esan a laithaireachd dhoibh, cha b’ait, dhuinn fuireach ann,
“Dh’fhuiling sinn mar b’abhaist duinn, ’s gach ait’ na thog sinn ceann,
“ ’S e their iad ruinn Nobhations nach gabh am Pap mar cheann.
“Ach ge d’ bha naimhdean Shion a sior chuir gu bas’
“Bha eolas nam firinn tighinn tir anns gach ait’;
“ ’S bha fianuisean dilis a sior thighinn an aird,
“ ’S bha cuid do na Righrean n’an didean an traths.
“Shearmonaich Paulinus an fhirinn le buaidh,
“Is Claud bh’ann an Turin, bha dusgadh an t-sluaigh,
“Sgaoil Peadar Ualdo, ’us Arnold am fuaim,
“ ’Us threoraich iad moran gu eolas an Uain.
“Ach Duine Pheac’ chaidh arach ’us dh’fhas e gu reidh,
“ ’S o cheum gu ceum chaidh ardach’ gu bhi’n aite Dhe;
“ ’S an thoisich e air aidmheil gu’m b’ Abstol e fein,
“ ’S gu’n leannadh sud a chaoidh ris, ’us iuchair rioghachd neamh.
“ ’S ann a bhuaidhaich an t-striopach le innleachdan bais,
“ ’Shuidh i air na Righrean, ’us striochd iad dhi mar thraill,
“ ’Us dh’fhosgail i mar chleachd i dhuinn, geatachean a bhais.
“ ’Sa nis cha robh dol as ann, ach seasamh ris gach cas;
“ ’S am fulangas a thainig chaidh ’n trathsa thar gach cainnt,
“Dh’fhuiling sinn ’s gach ait’, ach gu h-araidh ann san Fhraing;
“Bha airmailtean laidir gu brath aig an laimh,
“ ’Us maitheanas o’n Phap ac’ a bharr air an sannt.
“Ghlac iad na’r cuid dheth ’n t-saoghal, gach aodach ’us biadh,
“ ’Us dh’fhag iad sinn faointrath, air aodainn nan sliabh;
“ ’Us baigh cha robh ri fhaotuin o dhaone gun fhiamh,
“ ’S ann a ghearr iad gu bas sinn, a sasachadh a’ miann.
“Bu truagh bhi ann san eisdeachd ’nuair dh’eireadh iad oirn’;
“Bhiodh fuaim nan claidh’ean geur sin, a reubadh ar feol;
“Na mnathan torach reub iad, ’us dh’eignich iad na h-oigh’n
“ ’Us bhiodh a chlann ’san ranaich, ’san parantean leoint’.
“ ’San dream a theich do’n fhasach, ’sa thar chum na’m beann,
“Chuir an t-ocras ’sam fuachd cuid dheth ’n t-sluagh sin gu ceann;
“Ghlac iad cuid ’san ruaig dhiu’, ’us truas cha bhiodh ann,
“ ’Us mhuch iad na fhuair iad, fo bhruachaibh nan gleann.
“Loisg iad ar saothair, ’s na h-aitean aoraidh blath;
“ ’S chaidh cuid dheth ar teachdairean a phlaistearadh le tearr;
“Thog iad cuid do’n t-sluagh bha ’san uaigh iomadh la;
“ ’S le aon teine mor, chaidh ar rosdadh gun dail.
“Ge d’ cheaduich e ar sarach, bha fabharean dhuinn ann,
“Bha aon ait’ araidh, ’san d’ araich e ’chlann,
“Aig bun nam beannteann mor sin, eadar an Roimh ’san Fhraing,
“A fuireach air a chomhnard, ’san cosaibh nam beann.
“Bha sud na aite dion dhuinn, fo riaghladh a ghrais;
“Fad ioma’ ceud blidhna bha’n diadhachd ann a’ fas;
“Bha Euglaisean lionmhor aig Criosd ann san ait’;
“Bha leantuinn an Uain, ’sa bha buareadh a Phap’.
“Ach ’nuair runaich an Dia sin, tha riaghladh nan sluagh,
“Gu’n siubhladh sinn gu leir, tre dheuchainean cruaidh;
“Ge b’e chluinneadh sgeul air mar dh’eirich ’san uairs’,
“Cha’n eil ar naigheachd eibhinn ri ’leughadh do’n t-sluagh.
“ ’Nuair thoisich ar naimhdean, air campach’ mu’n cuairt,
“B’eigin dhuinn san am sin, dhol teann ann san ruaig;
“ ’S teicheadh chum nam beanntean, ge d’ bha’n geamh-radh cruaidh,
“ ’S bha mhathan agus clann ann, ’s iad fanntic le fuachd.
“Ge d’ bha’n oidhche reot’ ann, ’us sneachda mor gu’n di,
“Lean iad air ar toir, gu ar fogair as an tir;
“B’e sud an oidhche bhronach, bu mhoir a chaidh ’n di;
“Thug na mnathan suas an deo ann, ’sa chlann a deoth’l na cich.
“Bu sheachranach a bha sinn, ’sna fasaichean fuar;
“Air feadh na’m beanntean ard sin’ ’us fardach cha d’fhuair.
“Rinn an sneachda mor bh’ann, ar treor a thoirt uainn,
“ ’S ann choidil sinn comhladh, gu samhach ’san uaigh.
“ ’S ’nuair theich sgail na h-oidhche, ’sa dh’fhoillsich an lo,
“ ’S iomadh aon a dh’eug dhinn, ’s bha cuid air eigin beo;
“ ’Us luidh’ ar cuirp gun adhlac, ’s ann air na beanntean reot,
“Gus ’n d’ rinn sneachd’ a gheamhraidh ar ’n adhlac’ le chleoc.
“Cha’n eil sud ach pairt, do ar caramh ’s gach am;
“Oir bha ar naimhdean laidir, ’s ar cairdean ro ghann;
“ ’S an dream a bha saoth’rach, a cumail taobh ruinn ann;
“Cha b’urrainn iad ar saoradh, bha’n gairdeanaibh co fann.
“Bha PrionnsacheanGermanydearbht’ ann sa chas;
“ ’S rinn Crombhell na dh’fhaod e, gu’r saoradh o n’bhas;
“Ach tearnadh cha’n fhaodadh, a h-aon diu’ an traths’,
“ ’S gu’m b’e sud run siorruidh, an Riagh’l- fhear a’s aird.
“Fa dheireadh thainig doruinn, le orducha ar Righ;
“Air Babilon mhoir sin, a dhoirt fuil nan naoimh;
“Bhuail e claidheamh a bheoil oirre, ’s leon e i ’chaoidh,
“ ’S cha’n fhaodadh neach a comhnadh, ’s bha moran ’ga claoidh.
“B’e Luther agus Calbhin, gu h-araidh thug buaidh;
“Bu mheadhon ann na lamhs’ iad, thabhairt danachd do’n t-sluagh;
“Bhi leughadh nam firinn, ’s bhi dils do’n Uan;
“Sgaoil iad am Biobal, ’s na h-uile tir mu’n cuairt.
“Mu na cuig-ceud-deug, sin a bhliadhna tha ri luaidh,
“ ’San d’eirich na daone, thug saorsa mu’n cuairt;
“B’e sud a mhadainn phriseal, bha ghrian a direadh suas;
“Theich an dorchadas mor sin, bha comhdach gach sluagh.
“Nis sgaoil an naigheachd eibhinn, gu reidh feadh gach ait’
“ ’S bha fianuisean treubhach ’ga sheuladh le’m bas:
“Bha Alb’ agus Eirinn, gu leir fo na Phap;
“ ’S e nis mar leomhan beuchach, an deigh ’reub aig cach.
“B’e Hamilton an ceud fhear, thug sgeul air do dh’ Alb’;
“Shearmonaich e’n fhirinn, air feadh nan criochan garbh;
“Ach dhun iad e ’sa phriosun, o n’ bha fhirinn searbh,
“ ’S loisg iad a ris e, le mi-run ’s le fearg;
“Ach cuir e siol neo-thruaillidh, thug buaidh ’n deigh bhais;
“ ’Us moran deth na h-uaislean, bu chruaidh leo ’chas;
“ ’S thuig moran do’n t-sluagh, gu’n robh buaidh ’sna bha e radh,
“ ’S gu’n d’rinn e fhuil a dhortadh, ’s e ’n dochas ri slaint’.
“Ach bhrosnaich a bhas, cuid deth chairdean gu eud;
“ ’S bha EOIN KNOX gu h-araidh, na dhuine laidir treun;
“Na dhuine deasbhriathrach, ’s e dian na spiorad fein;
“ ’S bha buaidh leis ’sgach ni, o’n ’se ’n fhirinn chuir e’n ceill.
“Dh’innis e ’s gach ait’, gu’m b’e ’m Pap duine pheac’,
“ ’S nach robh ach iodhalaoradh, ’sna nithe faoin a bhac’;
“Innleachdan shatan, ’s aith’ntean dhaoine bochd,
“ ’S iad siubhal ann ’sa cheo, bha ’ga’n treorach do’n t-slochd.
“Ach ’s tric chuir iad am fang e, bha ’naimhdean co treun;
“Ach dh’aindeoin Banrigh Mari, ’sa naimhdean gu leir;
“Fhuair e bas ann an sith, ’s chuir e’n fhirinn an ceill;
“ ’S thug e ’m Pap gu bhi iosal, ’sna criochaibh so fein.
“ ’S ann ri ’linn a thainig fuaim naigheachd chruaidh as an Fhraing,
“Deich mile fichead sluaigh, bhi’n aon uair gun cheann;
“Do’n dream a bha buadhach, ’sa lean an t-Uan ’sgach am,
“ ’S cha shiubhladh neach na straidean, bha’m fuil co graineil ann.
“ ’S an Alb’ ge d’ bha’n fhirinn, a direadh, ’sa fas;
“ ’S iomadh duine dilis chaidh dhiteadh gu bas;
“An ainmach’ cha’n fhaod sinn, gach aon diu’ an traths’;
“Ach cheannuich iad gu daor dhuinn, an t-saorsa tha ’g cach.
“Air seaffoildean ard’, ’s ann a bhasaich a chlann,
“Ga’n gearradh leis na tuadhean, ’s ga’m buaidh’ sa cheann.
“Ach choinnich iad am bas, deanamh gairdeachas ann;
“Am fianuis an t-sluaigh sin, thug fuath dhoibh ’s gach am.
“Timchioll Duneidinn, tha sgeul ’san taobh deas,
“Air iomadh duine treun, nach do gheill ’s nach deach as,
“Chaidh chumail fada beo, deanamh an doruinn na’s meas’
“Ann an seirichean iaruinn, ’gam pianadh le teas.
“Dh’fhosgail iad pairt diu’ ’s chaidh ’n cridhe blath thoirt asd’,
“ ’S an cridhe sin a chaineadh; le daone laidir crosd’;
“Chaidh cuid dheth ’n corpa’ luachmhor, a cheangal suas air puist,
“Cuir eagal air an t-sluagh sin, nach d’thug buaidh air an olc.
“ ’Sa nis a chairdibh gradhach, tha ’m fasach nan deoir;
“Cha’n ann a gearan tha sinn air Ard Righ na Gloir;
Ach ’g innseadh ar caramh do’n aireamh tha beo;
“A chum gu’m biodh iad laidir, ge d’ bhith’ an sarach’ mor.
“Nis slan leis gach trioblaid, gach mi-ghean ’us bron;
“Tha fois agus sith, ann an Rioghachd na gloir;
“Ge d’ bhasich sinn dibli, tha sinn d’a riridh beo,
“ ’S leig sinn ’nis air di-chuimhn’ gach ni thainig oirn’.
“Chaidh ar lotean a shlanach’, ’us plaisd a chuir ruinn;
“Do dh’fhuil an Uain a bhasaich, thoirt slainte d’ar cloinn
“Cha’n fhaic sinn tuille cradh, ’s cha bhi’m bas ri ’r linn,
“ ’S cha’n abair an luchd aiteachaidh, ’tha sinn gu tinn’.
“ ’S e ’n t-Uan ar Fear stiuraidh, ’s cha churam dhuinn ann,
“Thug e beatha ’us iul duinn, ’s chuir e crun air ar ceann,
“ ’S bitheadh slaint’ agus gloir dha, na oran da chlann,
“Feadh linnibh na siorruidheachd, gun chrioch, na gun cheann.”
La a Bhreitheanais.
EISD anam neo-bhasmhor,
Tha ni araidh ri chluinntinn;
Ma ’se ’s nach creid thu na thra’ e,
Bheir am bas ann do chuimhn’ e.
’S e sin, gu’n coinnich thu’n t-Ard Righ,
Ann a lathair toirt cunntas;
’S cha’n fheud thu choinneamh sin aicheadh,
Ge d’ chuir thu’n trath-s’ a’m beag suim e.
Tha aon la air orduch’,
Ann sa’n comhlaich clann-daona;
Ann sa’n coinnich sliochd A dhamh,
’S gach neach a dh’aitich an saoghal:
’S an dream a chreid ann a shlainte,
Bheir a ghras aiseag saor dhoibh,
’San dream a’s mo rinn tair air,
Teich’ o lathair, cha’n fheud iad.
O anam gu churam,
’Nis duisg agus smuainich,
’Nuair thig Leomhan treubh Iudah,
’N dthig thu dlu’ dha gun uamhas?
Am feud do chridhe bhi laidir,
Na do lamh a bhi buadhach,
’Nuair a chi thu ’na ghloir e,
’S an h-aing’libh gloirmhor mu’n cuairt da?
Faic an Ti rinn thu threigsinn,
’Sa bha thu ceusadh gach lath;—
Faic e tighinn ’sna speura,
Mar Righ treun air a chathair;
Chi thu nise ’na ghloir e,
Tighinn a seomar na’m flaitheas,
’Us milltibh dh’aing’libh fo ordugh,
’S iad air mhorachd a feitheamh.
Cluinn an trompaid ’ga seideadh,
’S fuaim nan speur a dol thairis;
Tha na mairbh ’nis toirt geil da,
’S iad ag eiridh o’n talamh;
’Nis dh’fhosgail na h-uaighean,
’S bhruchd an sluagh asd’ gu h-ealamh,
’S thug e ’m follais an sluagh sin,
A bh’ann ’sna cuaintean am folach.
Cha’n fhaic thu sealladh cho mor ris,
O’n thoisich a chrutheachd;
Tha’n sluagh cho tiugh ris na locuist,
Air bharr an fheoir ’s iad a cruinneach’;
Chi thu bochdean an t-sluagh ann,
’S daon’ uailse na cruinne,
’S iad air measgadh le cheile,
’S eallach fein air gach duine.
Tha mile tain’each aig eigheach,
’S an sluagh gu leir tha ri faire,
’Us leis an fhuaim th’ann sna speura’,
Chrith gach creutair air thalamh:—
Tha’n cuan ’sna tonnan aig beucaich,
’S tha bonn nan sleibhtean air carach’,
’S tha cridhe dhaone ga’n treigsinn,—
Ach c’ait an d’theid iad ga’m folach?
Chrath e cumhachd nan speura,
Dhorch’ a ghrein, ’us a ghealach;
’S tha puist na tal’mhainn air geileadh,
’S thuit na reultean gu h-ealamh;
Tha obair naduir gu leir ann,
Dol as a cheile le cabhaig,
’S cha’n fhuirich ni ach an sluagh sin,
Nach fhaod gluasad na carach’.
Ach anam, ma fhuair thu,
Fuil an Uain gu do shaoradh,
Na biodh do chridhe ga d’fhaillin,
Cluinntinn caramh an t-saoghail;
An Ti ’sna chuir thu do dhochas,
’Se sud a ghloir tha ga taomadh,
’Se sud na tuiltean a chual thu,
Thig air an t-sluagh nach dthug gaol da.
Ma tha thu creidsinn na firinn,
’S fuil na h-iobairt ga d’ naomhach’;
Ma tha thu ’g aicheadh mi-dhiadhachd,
’S ana-mianna’ an t-saoghail;
Ma gabh thu tlachd ann’ aitheantaibh,
’S cuing an t-Slanuighear eutrom;
Slan leat tha thu tearuint’,
’S an Ti is airde ga do shaoradh.
Cluinn guth an Fhir-shaoraidh,
Faic a ghairdean gu h-ealemh
’Tional dhachaidh nan daone,
Rinn e shaoradh o’n talamh;
O’n is creutairean naomh iad,
Thug an gaol da gun mhealladh,
Bheir e suas iad gu Pharras,
’S chaoidh cha fhaillnich a ghealladh.
Thig e’n sin mar Fhear Posda,
’S theid na h-oighean ’na choinneamh;
’S iad uile deasach’ na lochrain,
Ach cha’n eil moran diu’ ullamh;
Tha iomadh aon a chuir, dochas
Ann an lochranaibh folamh,
Air son gu’n d’ith, ’us gu’n d’ol iad
Aig a bhord air an talamh.
Ach bheir e suas leis na h-ailleagain,
’S bith’ cach dheth sin folamh;
’S their e ris os aird’ riu,
“So an aireamh rinn faire,
“Lean iad mise gu dilis,
“An’ staid iosal air thalamh,
“ ’S tha mi nis’ dol ga’n ardach’,
“ ’S mo dheas-lamh dhoibh mar ghealladh.—
“ ’So an dream a thug buaidh,
“Le fuil an Uain rinn an saoradh,
“Thug iad umhlachd dha m’aitheante,
“Dhaindeoin caineadh an t-saoghail;
Ge d’ chaidh cuid chuir gu bas diu’;
“ ’S tric an sarach’ le daone,
“Cha do smuainich iad m’aicheadh;—
“ ’Se sud an aireamh thug gaol domh.
“Fhuair mi biadh agus aodach
“O na daone thug speis domh;
“ ’Sa ’nuair a bha mi gun slainte
“Fhuair mi cairdeach gu leir iad;
“ ’San uair a bha mi sa phriosun,
“Rinn iad gach ni dhom bha feumail,
“ ’S cha’n eil mi nis dol ga’n aicheadh,
“ ’S gur ann na’n ait’ chaidh mo cheusadh.
“A shluaigh bheannuichte m’athair-sa!
“Thigibh fathast ’us eisdibh,
“Suidhibh sios air a chathair,
“Tha ni gratheil ri ’reiteach,
“Eadar mise ’san sluagh sin,
“Rinn mo bhualadh ’s mo reubadh,
“Rinn mo shailtairt fo’n casan,
“ ’Sa rinn gu maslach mo cheusadh.”
An sin caoch’laidh a ghnuis,
’S thig ordugh dlu chum an tionail;
’S theid luchd an uilc thoirt dlu dha,
As gach duthaich ’us fine;
Theid gach cealgoir rusgadh,
’S theid na cuiltean a shireadh,
’Us theid gach coguis a dhusgadh,
’S bith’ iomadh suil ann ri silleadh.
Theid na leabh’raichean fhosgladh,
’Us thig a choguis thoirt fianuis;
’San uair dh’fhosglas e’m Biobal
Ni sud an diteadh gu siorruidh;
“Sluagh malluicht’ rinn tair orm,
“Teich gu brath iad o m’ fhianuis,
“Cha dthug iad umhlachd do m’aitheante
“ ’Us cha do ghradhaich iad riamh mi.
“Chuir iad cul ri mo shlainte,
“ ’Us rinn iad taircuis air m’ fhirinn,
“ ’S bha cuid diu’ briseadh na Sabaid,
“ ’S cuid a caineadh nam firean;
“Bha cuid ri mionnain ’s ri breugain,
“ ’S a tlachd gu leir ann a’ mi-run,
“ ’S ge d’ bha cuid na bheir cleoc dhiu’,
“Bha’n tolc an comhnuidh os ’n iosal.
“Sibhse nis tha gu freagairt,
“Air son teagasg na firinn,
“Fhuair tomhas do dh’eolas
“Air nithibh mor a Bhiobail;
“Ach an sligh’ a pheacaidh,
’S ann a chleachd sibh ’bhi ’g imeachd,
“ ’S chuir sud moran air seachran
“A leantuin cleachdadh nan sinnsir!
“Tionailibh chum mo chli iad,
“Sud a chrionach gun toradh,
“Cha robh ach sgail aig na daone,
“ ’S tha iad eutrom ’sa chudthrom;
“Cumaidh ceartas an sas iad
“Gus am paidh iad na th’orra,
“ ’S tilgidh ’mach iad a m’fhianuis,
“Gu teine-siorruidh mo chorruich.”
’S cruaidh an cridh’ air nach druigh e,
Liuthad suil bhios gun aighear,
’S iad a ranaich ’sa buraich,—
’S a cuir an cul ris na flaitheas;
’S iad ga’n tionail aig satan,
’S an darna bas orra a feitheamh,
’S ge do dh’eigh iad air trocair,
Cha’n eil dochas ri faighail.
“Slan le Dia, slan le dochas;”
(Tha iad bronach aig eigheach)
“Slan le rioghachd na gloire,
“Dh’ionnsuidh solas cha dtheid sinn;
“Slan le cairdean ’s luchd eolais,
“A fhuair trocair ’s rinn feum dheth:—
“Theid sinne sios le sruth Iordan,
“Do shlochd mor na du’ -eigin.”
Is bochd an sealladh an sluagh ud,
Air am fuadach o lath’reachd;
Air an glacadh le uamhas,
’S aobhar truas mar a tha iad;
Cha’n fhac’ thu sealladh co bronach
Cho fad ’s bu bheo thu ’san fhasach,
’S iad dol a chaith’ na siorruidheachd,
Ann am piantaidh do-aireamh.
Ach nis shiubhail na daon’ud,
’S chaidh an gaor as ar cluasean;
’Us chaidh an slochd orra dhunadh,
’S cha’n eil duil ann e fuasg’ladh;
Ach a chuideachd a dh’ fhag iad,
Ann am fabhar an Uain sin,
Chuir iad an aghaidh air Pharras,
Faic a phairtidh dol suas leo!
Faic an aighear ’san solas,
A seinn nan oran tha taitneach!
’S cluinn farum nan ainglibh,
Le Bean-na-Bainse dol dachaidh!
Bheir iad steach i do’n t-seomar,
Sa’m bheil a ghloirsan ri fhaicsinn,
’S mairg nach bitheadh dhe’n aireamh,
Gheibhadh gras gu bhi’n taic’ rithe!
Gloir an Uan.
’THA Sion a seinn co binn ’sa ’s urrainn,
Toir mile urram do’n Uan,
’Sa seinn air a’ ghaol nach caochail tuilleadh;
’Se shaor i buileach o’n truaigh;
Halleluiah gu buan aig sluagh nam flaitheas,
Tha cuartach’ caithir an Righ;
’S na leanas an t-Uan de’n t-sluagh air thalamh
’So ’m fuaim ni tairis an cridh.’
’S airidh Mac Dhe air geill a’s urram,
’S e fein a dh’fhuiling am bas;
’S e chunnaic ar feum ’s ar n-eigin uile,
’S leis fein bu duilich ar cas;
’S ann ghiulan e fein gu leir na buillean,
O’n d’ eirich dhuinne bhi slan,
’S tha ’lotan ’sa chreuchdan ’g eigheach uile,
Gach creutair urram thoir dha.
B’iongantach saor do ghaol o’n toiseach,
Do dhaoine bochd a bha caillt’;
’N uair a thainig thu ’nuas le fuaim an t-Soisgeil,
’S gun aon neach cosnadh do ghradh;
Bha sinne gun Dia, ’s gun dion, ’s gun dachaidh,
Gun rian, no fasgaidh o’n fheirg;
’S a mhalluchd gu buan ’g ar ruagadh dhachaidh,
Gu cuan do lasraichean dearg,
Ach cheanuich an t-Uan a shluagh o’n tuiteam,
A’s fhuair e iuchair a bhais;
’S tha slaint’ a shluaigh gu buan ’na chridhe,
’S cha dual dhoibh rithis bhi’n sas;
Air Calbhari dh’ol e ’n doruinn uile,
A’s dhoirt e fhuil air an lar;
’S a naimhdean bha mor ’s ann leon e uil’ iad,
‘S gu glormhor bhuinig e ‘m blar.
Tha fuil air ma‘n cuairt, ‘sa ghruaidh lan fallas,
Sud fhuair e ‘n amair na feirg,
Ach ’s gile bhian na ghrian, ‘sa gheallach,
Tha iomhaidh geal agus dearg;
‘S ged luidh‘ e ‘san uaigh, thug buaidh le cabhag,
‘S chaidh suas le caithream gu gloir;
A s shuidh e gu buan mar Uan ‘sa chathair,
‘S tha sluagh nam flaitheas ‘na choir.
‘S e ghaol a bha siorruidh riaraich sinne,
A’s Dia bhi leinne ‘san fheoil;
A‘s cupan a ghaol bhi taomadh thairis,
‘S e saor dh‘ ar n-anam ri ol;
Tha buaidh ann a ghradh a dh‘ arach cloinne,
Ni ‘s fearr na bainn‘ agus fion;
‘S an t-anam bhios truagh ‘ga ruag ‘s e folamh,
‘S e ‘n t-Uan so baile na dion.
Tha iocshlaint‘ ‘na bhas, ‘s tha slaint‘ ‘na ghealladh,
‘S fo sgail‘ tha comunn ri Dia;
‘S tha feartan gu fas o ghras ag sruthadh
Bheir bas air cumhachd gach miann;
Tha abhnuichean solais glormhor fallain,
Tighinn beo o charraig nan al;
So ‘m fior uisge beo chuireas ceol ‘s gach anam,
A dh olas glan e mar tha.
‘S e m‘ fhireantachd saor, ‘s mo naomhachd ghlan e
M‘ Fhear-saoruidh, ‘s carraig mo shlaint;
‘Se e m‘ altair, a s m‘iobairt-sith, a‘s mo charaid,
Mo Righ, mo Shagairt, a‘s m‘ Fhaidh;
‘S air bhunait chinnt’, cloch-chinn na h-oiseann,
’S e ‘n Ti a choisinn mo ghradh;
‘S ‘n uair thig e ris bidh mi ris cosmhuil,
Ge diblidh bochd mi an traths‘.
‘S ged luidh mi ‘san uir, theid mo dhusgadh ris,
Thoir cliu do Thighearn na gloir;
’S ‘n uair theicheas gach duil roimh ghnuis a bhreiththeamh,
Tha mo dhuil ri tighinn na choir;
Thig cuirt leis a nuas do shluagh nam flaitheas,
‘S bidh an t-Uan air cathair na gloir,
A‘s tionailidh ‘n sluagh, ‘s theid an uaigh a chrathadh
Le fuaim an latha bhios mor.
Bithidh cumhachd nan speur, bidh nan neimh ’san talamh
Gu leir dol thairis le toirm;
’S theid a naimhdean gu leir o’n treud a sgaradh,
‘Nach do gheill air thalamh d a ghairm;
Feuchaibh, dideanaibh breig rinn gu leir am mealladh,
‘Theid breug as faileas air cul;
‘S bidh iad ‘g urnuigh gu treun ris na sleibhte carach‘
’S gu leir am folach o ghnuis.
Tha guth aig co treun ’s gu’n reub e ’n cridhe,
’S gu’n eirich crith anns gach feoil;
’S their e imichibh uam ris an t-sluagh a ris,
Nach d’fhuair e’n slighe na coir;
Deanaibh ’n tilgidh gun dail eadar lamh a’s chasan,
Gu brath far nach faic iad a ghrian;
Sud an scal a bhios cruaidh ’se mo thruaighe ris,
An sluagh a bhios gun dion.
Ach ’s sonadh gu brath an aireamh bheannuicht‘,
O’n bhas chaidh cheannach le Criosd,
Cuiridh cumhachd a ghrais na lathair gun smal iad,
’S gu brath cha’n fhannaich an cridh’;
Ni e ’n crunadh le gloir, ’s robachan geala,
Ni ’n comhdach thairis gu’n sail;
‘S cha chuimhnich iad bron, bidh ’n doruinn thairis
’S bidh ’n solas maireann ’na lath’r.
’S iongnadh leam fuachd a’s cruas mo chridhe,
Gach uair a bhitheas mi cainnt’;
Ma’n ghaol a thug buaidh air sluagh a’s cinnich,
’S nach cuallas idir a shamh’l;
Ni air a miann le ainglibh beachdach’,
’S nach aingidh seachran mo chridh’,
Nach gabhadh e tamh gu brath na chuideachd,
Ma tha mi tuigsinn a bhrigh.
O’n thig thu gun dail, thoir gras gu freagairt,
’S thoir fas air creidimh is gradh,
’S gu caithris a’s urnuigh lub mo chridhe,
’S bidh mo dhuil ri d’ thighinn gach trath;
’S tha chruitheachd an duil ri urach’ leatsa,
’S an suil gu beachd ris an la,
’S an saor thu do shluagh o’n uaigh ’s o’n seachran,
O thruaill’eachd, peac’, agus bais.
Ach ’s beag a chaidh luaidh dheth bhuaidhean taitneach,
Measg sluagh ’s tu ’s maisich na cach;
’S tu ’s maisich na ghrian, ’s tu miann nan cinneach,
’S do bhriathran sileadh le gras;
’S tu fineamhuin nan geug, ’s tu reult na madainn
’S tu ghrein a sgapadh na neoil;
’S air seachran cha d’theid do threud ro fhada,
’S tu fein a tagradh an coir.
’S tu meangan cliuteach, ur, dh’fhas fallain,
’S tu lub’ gu talamh o ghloir;
’S an toradh a ghiulan thu ma shireas,
Gheibh Iudhaich ’s Cinnich dheth coir;
Tha t-ainm mar an driuchd ’s ni’s cubhraidh na’n oladh,
’S o d’ ghnuis thig solus a’s grais,
’S tha briathran do bheul mar cheir na meala,
Toir sgeul d’ar n-anam air slaint’.
’S tu Leighich nan gras ni slan na lotan,
Tha graneil, goirt, agus ciurt’,
’S tu nathair ’san fhasaich ’s aird’ chaidh thogail,
Thoir slaint’ do’n phobull bha brutht’;
’S tu Prionnsa na Sith, chuireas crioch air cogadh,
’S an rioghachd thog thu le d’ ghras,
’S tu bratach nam buadh ni ’n sluagh a thionail,
Dha’n dual do leanail gu brath.
’S tu fein an ceann-iuil ni’n stiureadh dhachaidh,
A duth’chain’ fada gu tuath;
’S bidh do ghras dhoibh as ur mar dhriuchd na maidainn
Toir urach’ neart dhoibh gach uair;
’S tu leomhann treubh Iudah, ’s flur nan gaisgeach,
’S tu dhuisg a mach as an uaigh:
’S bidh naimhdean do ghloir na’n stol fo d’chasaibh,
’S do mhorachd marcachd le buaidh.
’S fear tagraidh thu, ann an cuirt nam flaitheas,
Ro dhluth do chathair nan gras,
’S tu aingeal a chumhnant, ’s tuis ’ga mhasgadh,
Ni ’n urnuigh taitneach na lathair;
’S tu suim do gach samhl’, ’s tu ceann na h-Eagluis
’S gach am ni freagairt na h-ait’;
’S an Sagairt, ’san iobairt, chriochnaich annad,
’S tu brigh a’s anam gach sgail.
’S tu suim agus brigh a Bhiobail uile,
’A sgriobhadh dhuinne le Dia,
’S tu beath’ gach feoil, ’s tu gloir na cruith’eachd,
’S tu ’s oirdheirc chunnaic sinn riamh,
’S tu grian agus gloir, ’s tu ceol nam flaitheas,
’S tu dortadh maitheas gach taobh,
’S ged robh siorruidheachd ann gun cheann air dhuinne,
Cha rannsaich uile do ghaol.
O sibhse thug speis dha treigibh ’m peacadh,
’S gach ceum do sheachran an t-sluaigh,
A’s leanaibh e fein le ceumaibh seasmhach,
Toir geill d’a reachdan gach uair,
O bithibhse naomh, ’s thugaibh gaol ’nar cridhe,
Dha fein, d’a shligh’, ’s d’a shluagh;
A’s seinnibh an traths’ le gras air an t-slighe,
’S ni ’s fearr ’n uair bhios sibh shuas.
An Geatadh Cumhann.
’SE naigheachd bhronach a ta ri luaidh,
A’s tha e sgriobhte le firinn bhuan,
Gur beag tha beo, ’s gu ’m b’eil sligh’ na doruinn,
’S ann air a domhlach’ le moran sluaigh.
’Se ’m peac thug bas oirnn sa dh’fhag sinn mall,
’Se mhill sliochd Adhamh, ’sa dh’fhag iad dall;
B’e mortair treun e, a mharbh gu leir sinn,
Thug malluchd Dhe oirnn ’s na h-uile call.
Ach Uan De rinn e ’n reite a ris;
’S b’e ’n sgeul ro eibhinn g’un d’eigh e sith,
Le fhuil a dhortadh, a’s fheoil a reubadh,
Chaidh lot’ sa cheusadh air Calbhari.
’S tha dorus trocair air fhosgladh saor,
’S gach neach gheibh eolas air meud a ghaol,
Cuiridh iad an dochas ’na ainm ro-ghlormhor,
’S cha’n fhaic iad doruinn gu saoghail nan saogh’l
Anam ma’s ail leat bhi ’n sonas buan,
Gabh ris an t-slaint’ so ’s thoir gradh dha ’n Uan,
Rach ’stigh gun dail, ’s ann air geat’ nan gras so,
Ma’n d’thig am bas ort, ’s gu ’m bi thu truagh.
Oir ’s mor do dhit’ air na h-uile doigh,
Ma ni thu di-meas air slaint’ co mor,
Bidh peanas dubailt’ do’n dream chuir eul ris,
’S a lot as ur e ’sa bha ’ga leon.
Ach mo ’s aon thu bheir gaol da fein,
’S air sligh’ na naomhachd gu ’n lean thu cheum,
Sonadh gu brath thu, ’s cha chiurr am bas thu,
A’s gheibh thu lathaireachd ’s gu brath cha treig.
Am Biobal.
EISDIDH riums’ ars’ Biobal,
’S gheibh sibh eolas air firinn bhios buan,
’S ann aig na naoimh bhios mi priseal,
Ach bheir mi comhairlean dilis do’n t-sluagh,
’S e ’n Spiorad Naomh rinn an fhirinn,
Air mo chridhe ’sgriobhadh gach uair;
A’s cha ’n ath’raich mi dheth,
Ged theicheadh muir, agus tir, agus cuan.
Tha na h-Abstoil ’sa na faidhean,
’S na h-uile firean a ghradhaich an t-Uan;
A cuir an seula gu brath ris,
’Sa darbhadh uile gu’n d’thainig mi nuas
’S gur mi lochran an t-saoghail,
’S mi bheir eolas do dhaoin’ air an truaigh,
’S tha mi foillseach’ Fear-saoruidh,
Dha na braighdean tha ’n daorsa ro chruidh.
Ma ’se ’s nach dorch’ iad mo chomhradh
Le briathrean gun eolas, gun fheum,
’S mise a dh’innseas an doruinn,
Do gach neach nach d’fhuair eolas Mhic Dhe;
Tha iad uile thaobh naduir
Fo na mhalluchd, ’s am bas tighinn ’na dheigh;
’S gu ’m b’eil corruich an Ard-Righ
Air gach neach tha gun ghras fo na ghrein.
’S mar beirear a ris d’ iad,
’S mar d’thoir eolas air Iosa iad beo,
Bidh iad gu siorruidh fo’n diteadh,
’S theid an dunadh a Rioghachd na Gloir;
Ma ’se ’s nach creid iad an fhirinn,
’S mar bi ’n aithreachas fior air gach doigh,
Cha bhasaich iad mar am firean,
’S ann a luidheas iad sios ann am bron.
Ach an dream a gheibh eolas,
’S tha creidsinn gach doruinn a t’ann,
’S tha nis ag eigheach, dean trocair,
Air neo bidh sinn an doruinn gun cheann;
Ni mi direach an seoladh
Dh’ionnsuidh ’n iobairt as glormhor a th’ann,
’S cha ’n fhailing bunait an dochais,
Ma ’se ’n fhuil a chaidh dhoirt’ air a chrann.
Ann an gnuis an Fhear-shaoruidh,
Chi iad trocair, a’s gaol ann, a’s gras,
’S bidh mis’ a feuchainn a ghaol dhoibh,
Gus am faic iad co saor ’sa tha slaint’,
’S their mi, olaidh gu saor dheth,
’Se ’n t-uisge beo th’ann ’bheir daoine o’n bhas:
Sibhse tha tartmhor, na caom’naibh,
Tha cuan mor ann ’s cha traogh e gu brath.
San dream a chuireas an dochas,
Anns ’na geallanaibh mor bheir mi dha,
Gheibh e sith, agus trocair,
Gheibh e sonas, a’s solas, a’s gras;
Gheibh e bas ann an dochas,
Ris an ais-eirigh ghlormhor as fearr;
’S gheibh e oighreachd ’sa ghloir sin,
Far nach coinnich e bron ann gu brath.
Ach tha mi ’g innseadh gu saor dhoibh,
Chum ’s nach meallear na daoine le sgail,
Gu ’m b’eil comhar’ ri fhaotuinn,
Air gach neach air ’n do shaoruich mo ghras,
O’n nach eil iad gun truaill’eachd,
Bidh iad dealluicht’ air uairibh am pairt;
Ach bidh iad naomha ’na ’n gluasad,
Bidh iad iriosal, stuaima, thar chach.
Tha iad ’g aicheadh mi-dhiadhachd,
’S thug iad fuath dha bhi riarach’ na feoil,
’S tha ’n co-chomunn an uaig’neas
Ris an Athair tha shuas ann an gloir.
’S iongantas fo na ghrein sud,
Mar tha iad gradhach a cheile co mor,
’Sa chum an’man a shaoradh.
Gu’n dean iad cosd’ agus saothair gu leoir.
’S iad geugan torrach an fhion-lios,
A’s cha bhi iad mar chrianach gun bhlath,
’S o’n cha ’n suidheach’ ’sa ’n fhin’uin,
Bidh iad sultmhor ’s gu siorruidh a fas;
Ni iad aoradh d’a riridh,
Ann an spiorad, ’s am firinn tre ghras,
’S bidh iad treibhdireach dileas
Anns an aidmheil a ni iad na lath’r.
Ach luchd breug, a’s cul-chainidh,
Misg, a’s mionnan, a’s ardan, a’s strigh,
Sanntach, neo-ghlan, mi narach,
A’s luchd-aidich’ gun ghras a tha cli;
’San dream tha bristeadh na Sabaid,
’S iad le ’n aing’eachd a fasach’ na tir,
Tha mis’ ag innseadh dhoibh tratheil,
Nach eil cuid ac’, no pairt ann an Criosd.
Nis, gabhaidh foghlum a chairdean,
’S mis’ fear-teagaisg is fearr tha fo’n ghrein,
Cha ’n eil duine gun fhailing,
’S cha bhi ’n leabhar ni’s fearr na iad fein;
Ach ’s mis’ leabhar an Ard-Righ,
’S nach mearachd, no failing, no breug,
Soilleir mar chriostal tha m’ fhirinn,
Ruith mar abhainn bho Righ-chathair Dhe.
’S mi tobair an eolais,
’S an dream theid domhain ’sa dh’olas gun dith,
’S a bhios a creidsinn ’san dochas
Gu’n dean an Spiorad an seoladh ’s gach ni;
Ni mi ni’s tuigsich re ’m beo iad,
Na nan seanairean mor anns an tir,
Ma bhios iad ’g urnuigh ’sa leughadh,
Tric a smuanach’ ’s gur leir dhoibh mo bhrigh’.
Rinn mi fianuis ’san t-saoghal,
O’n la thug Maois mi o’n uaigh;
Ach ’s tric a chuir iad gu faoin mi,
’S tric a sheachain iad m’ fhaobhair bha cruaidh,
’S tric a chuir iad gu bas mi,
Ann an Sodom ’s am Babilon thruagh,
’S tric a luidh anns na sraidean.
Fo na cosan bu taireil de ’n t-sluagh.
Ach tha mi nis orr a ’g eiridh,
’S chi mo naimhdean gu leir mi dol suas,
’S tha mo chairdean fas treubhach,
’S a’ cuir an guailnibh ri cheill ’san uairs’,
Tha aon aingeal ro threin,
Ruith leam mar iolar nan speuraibh ag luath’s
’S tha Aingeal eile ag eigheach,
Thuit Babilon bhreun ann san uaigh.
’S theid mi gu iomal an t-shaoghail,
Deanamh sgeul air Fear-saoruidh na’m buadh,
’S ni mi bhratach a sgaoladh,
Chum ’s gu’n tionail na daoine ma’n cuairt;
Labhraidh mis’ anns gach canuin,
’S ann air slighe na slaint’ bhios mi luaidh;
’S theid na Cinnich a shlanach’,
’S bheir iad cliu agus gradh ’s ann do’n Uan.
’S iomadh neach bha gun dochas,
’S iad air seachran gun eolas air sith,
Rinn mi ’shoillseach’ ’sa sheoladh,
Dh’ionnsaidh oighreachd a’s gloir ta gun chrich;
’S iomadh cridhe bha bronach,
Rinn mi subhach le eolas air Criosd;
’S rinn mi glic am fear gorrach,
’S rinn mi cairdean de mhoran bha strigh.
’S iomadh duine bha aingidh,
Lan ardan a’s gamhlas ’s mi-run,
Rinn mi gheilleadh ’sa cheannsach’,
’S dh’fhas iad iriosal, gradhach, a’s ciuin;
’S iomadh duine bha fiadhaich,
’S a cuir an aghaidh na diadh’achd gu chul,
Dha n’ d’fheuch mis’ ’am Fear-saoruidh,
’S thug iad geill da, a’s gaol agus cliu.
’S iomadh fear-aidich’ a’s Pharasach,
Bha daonnan ’g an arduchadh fein;
Dha ’n d’fheuch mi truaill’eachd an naduir,
Gus am fac iad an grainealachd fein,
Gus an d’eigh iad a bhrathrean,
Am b’eil doigh ann air tearnadh dhuinn fein,
’Sa ’n uair a dh’fheuch mi dhoibh Slanuighear’
Thug iad urram a’s gradh dha, a’s geill.
’S an dream thug gradh do Iehobhah,
’S mi bu sholus ’s bu lochran d’an ceum;
’Se mo statuin bu cheol dhoibh,
Anns gach cas a toir solas dhoibh fein;
Ni mi ’n stiuireadh ’san treorach’,
Gus an ruig iad an gloir, ’s nach bi feum
Air grian, no coinneal, no lochran,
’S cha dorch’ an la le neoil feadh gach re.
Gearan Nan Gael.
’S, an t-seann seanachas, bha Gaeil ainmeil
’Measg dhaoine b’ainmig an leithid ann,
Le gaisg’ a’s cruadal, a’s creach’ air uairibh,
’S bha ’m fuil co uabhrach toir buaidh dhoibh ann,
Gun tuigs’ gun chial ac’, ma thimchiol siorruidheachd,
’S cha chual iad diadh’achd bhi idir ann;
Ach baist’ a’s posadh a’s suidh aig orduigh’n,
B’e sud an dochas a bha na’n ceann.
Ach cliu gu sonruicht’ do Righ na Gloire,
Tha caochladh mor air tighinn oirnn san am,
Tha solus glormhor tighinn tre na cheo oirnn,
’S tha ’n t-uisge beo air dol feadh nan gleann;
’S tha ’n dream bha gorrach nis ’g iarraidh eolas,
’Se ’n eigh an co’naidh nach dthig sibh nall,
A theagasg eolas do Chaledonia,
Nach b’i sinn doruinneach aig a cheann.
Sibhse fhuar gras gabhaibh truas ’na thrath dhinn,
Ma’n d’thig am bas oirnn ’s nach bi sinn ann;
Thigibh ’s feuchaibh dhuinn rathad tearnaidh,
Gun eolas tha sinn, ’s gun ghras ’san am;
’San luchd-teagasg blath sin, a dheanadh stadh dhuinn,
Air feadh na Gaeltachd tha iad ro ghann,
’S cha tuig sinn Beurla ‘s cha leugh sinn Gaelic,
’Se ’m peac’ ’sam bas rinn ar fagail fann.
Sibhse fhuar talann, a’s gibht,’ a’s grasan,
Labhraibh gu dan ruinn gun bhi ’nar tosd,
A’s sibhse tha saibhir tha feum an traths’ air,
Nis comhnaibh cach, a’s na cunntaibh ’n cosd;
S gach neach fhuar gras bithibh ’g urnuigh ghnath,
Ris an Ti as airde gun tamh, gun chlos,
Luchd-oibre araidh chuir feadh na Gaelteachd,
Am feadh ’sa ta sinn aig stol a chos.
B’e ar cleachd’ o’r n-oige bhi aotrom gorrach,
Gun neach a seoladh dhuinn sligh ni’s fearr;
Bhiodh tionail mor anns na tighinn-ceol dhinn,
Bhiodh seinn air oran, bhiodh spors’ a’s gair’,
Bhiodh cuid le bosd deanamh mionnan mor ann,
’S an t-Ainm ro oirdheirc ’ga luidh le tair,
S’ bhiodh misg a’s neoghlain’ ’s na tighean osda,—
’Sud sligh’ na doruinn d’an crioch am bas.
’San t-Sabaid ghloirmhor bu choir a naomhach’,
’S tric chaith’ sinn faoin i bho cheann gu ceann;
Le cainnt ro dhiomhan ma thimchioll Fianntaibh,
’S gach gnothaich tiomail a bhiodh ’n ar ceann,
Air cnuic ’s air sleibhtean, ’s na tighean ceilidh,
Bhiodh sinn le cheile a tionail ann;
Ach cha b’e ’m Biobal a bhiodh ’ga leughadh,
Ach faoin sgeul, air nach, d’thigeadh ceann.
’S ag uair na h-urnuigh bidh ’n sluagh fhuair iul air,
A tionail dluth dh’ionnsaidh cathair nan gras,
’S bhiodh iobairt churaidh o chridhe briut’ ann,
’S Aingeal a chumhnant ’ga cuir ’na lathair;
Ach sluagh gun churam, rachadh ’s na cuiltean,
Mar theid na bruidean a ghabhail tamh,
Gun leugh,’ gun urnuigh, gun seinn air cliu dha,
’S b’e sud an duchas bha measg nan Gaeil.
Bhiodh eagal mor orra roi’ na bocaidhean,
’S iad faicinn moran diu nach biodh ann;
Bhiodh gisreag’ ’s orrachan, ’s seachnadh chomhlaichean,
’S moran seolaidhean ann na’n ceann;
Bhiodh aca Sighichean anns gach sith’ain,
A bheireadh sios leo mnathan a’s clann,
’S bhiodh cuid a’ bruadair ’san sluagh ’ga mhineach’
’S gun ghuth air Biobal bhi idir ann.
Nach truagh ri innseadh gu ’m biodh na milltean,
Do dh’an’man priseal co anabarr dall,
’S gu’n dtheid iad direach ’n aghaidh na firinn,
’S nach creid iad ni dheth a bhi gu’n call;
Sibhse tha cuir Biobail ’s luchd teagaisg firinneach,
Dh’ionnsaidh Innseanaich fada thall,
Nach cuir sibh pairt diu’ ’s gach eilean Gae’lach,
Oir ’s truagh gu brath dhuinn ma bhios sinn mall.
O’n dh’fhuiling Iosa, ’s gu’n deach’ a cheusadh,
’S gu’n dthuirt e fein gu ’m b’e sud a mhiann,
Gu’m biodh an fhirinn ’ga cuir an ceill
Dha na h-uile creutair tha fo na ghrian;
Nis’, na biodh Biobail an lamh gach creutair,
Tha toil gu leugh’ ann nach robh ann riamh;
’S na’m biodh an fhirinn ’ga cuir an ceill duinn,
Theid sinn ’ga h-eisdeachd ge b’ ann air sliabh.
’S ma gheibh sinn eolas air an Aon ghlormhor,
Rinn fhuil a dhortadh air Calbhari;
Cuiridh sinn ar dochas ’na iobairt mhor-san,
’S bheir esan coir dhuinn air slaint’ gun dith;
Ni e ’ur treoruch’ o shligh’ na doruinn,
’S ar cos a sheoladh air sligh’ na sith;
’S focal Iehobhah bidh dhuinn ’na lochran,
’S cha ’n e na seolachan tha gun bhrigh.
A Righ nan Sluagh, ’se a’s fearr ’san uair so,
Bhi sealltuinn suas riut a’ d’ ionad tamh;
’S mar eisd an sluagh ruinn, a Righ gabh truas dhinn,
’S ar gearan truagh thigeadh ann do lath’r;
O ’n tha thu beo, a’s gur toil leat trocair,
Thoir dhuinne eolas ’s ann air do ghras;
Ach cia mar labhradh sinn air an doigh sin,
’S ann air do mhorachd a rinn sinn tair.
Ach c’ait’ an d’theid sinn, no co ni feum dhuinn,
Cha’n eil fo ’n ghrein neach a ni dhuinn stadh,
Ach Uan De, o’n ’se phaidh an eiric,
Le meud an eifeachd a bha ’na bhas;
’S ma gheibh sinn sgeul air ’s gu’n dean sinn feum dheth,
’S gu’n dean thu eisdeachd ruinn air a sgath,
Bidh sinn fo dhion, ’s theid sinn as o phiantaibh,
A seinn gu siorruidh air cliu do ghras.
Comhairle Do’n Oige.
BHEIRINN comhairl’ do ’n oigridh,
’S tha mi ’n dochas ’s an duil,
Gu’n dthig an gras a bheir beo iad,
’S gu’m faigh iad eolas a s iul;
Gu’n dthoir iad gradh do Iehobhah,
Gu’n dthoir iad gloir dha a’s cliu,
N uair nach cluinn iad mo chomhradh,
’S a bhios mi chomhnuidh ’san uir.
’Nis eisdidh an traths’ rium,
Sibhse a chairdean tha og,
’S mis’ gu cinnteach ’ur brathair,
Chaidh tre gach pairt dheth ’ur seol;
Oir ged a bha mi ri urnuigh,
’S tric fo churam o ’m oig’,
’S ann do ’n pheac’ bha mi ’geilleadh,
A’s cha do cheus mi an fheoil.
Ach mo dhuil ’san Fhear-shaoruidh,
O’n bha ghaol co ro mhor,
Gu’n deach’ a mhathadh gu saor dhomh,
’S gu ’m bheil m’ Fhear-saoruidh nis’ beo;
’S Grian a’s sgiath e gach la dhomh,
’S ann fo sgail bhios mi beo,
O ’s ann tha bheatha na fhabhair,
’S gealladh araidh do ’n oig’.
Mheud ’sa dh’iarras mi tratheil,
’Sa bheir gradh dhomh na’n oig’,
Bheir mi gaol dhoibh nach fhailling,
Bheir mi gras dhoibh a’s gloir;
Bheir mi sonas gach la dhoibh,
’S ni mi ’n arach ri ’m beo;
’S gheibh iad cinnteach mo lath’rachd,
Dol tre fhasach nan deoir.
Bidh mo ghairdean ma’n cuairt dhoibh,
’S bheir iad buaidh anns gach ceum,
’S cha dthoir namhad ’choidhch uam iad,
Tha mo ghuailnibh co treun,
Ni iad m’fhirinn ’s mo bhuaidhean,
Measg an t-sluaigh chuir an ceill.
’S bidh mo shuilean gu buan orr’
’S iad na h-uain air an treud.
O chlann! na deanaibh tair air,
O’n ’se ’m bhas bhi cuir cul
Ri Fear-saoruidh co grasmhor,
’S gur e Ard Righ nan duil;
Dhoirt e fhuil chum ’ur tearnadh,
’S thug am bas e do ’n uir;
’S mo ’se a’s gu ’n creid sibh ’na thrath ann,
Bidh sibh gu brath seinn a chliu.
O! nach leugh sibh a chomradh,
’S bheir e bron air ’ur cridh’,
Mar chaidh ’lotadh ’sa leonadh,
’S fhuil a dhortadh gun dith;
Tha gach namhad an toir air,
’S fuil, a’s feoil, ris a strigh,
Ged’ nach d’rinn e riamh foirneart,—
Righ na trocair a’s na sith.
Faicibh, chairdean ’ga threigsinn,
’Sa naimhdean treun tha ro dhian,
’Sa ’nuair bha ’m buachail ’ga cheusadh,
Sgap an treud air gach sliabh;
Faicibh anam ’ga reubadh,
Le claidhe geur ceartais De,
’S ann ’san uair sinn a dh’eigh e,
O na treig mi mo Thraith!
Nach eil ’ur cridheachan oga,
Nis an toir air a ghaol,
’S gu’n robh e fein co ro dheonach,
’S gu ’m beil a throcairean saor;
Bheir e saibhreas gu leoir dhuibh,
’S iomadh solas faraon;
’S bheir e oighreachd ann gloir dhuibh
’S fearr gu mor dhuibh na’n saogh’l.
Chlann a ghaol thugaibh geill da,
’S leanaibh cheuman gu dluth,
’S deanaibh ’m peacadh a threigsinn,
’Se sud a cheus e air tus;
O’n a phaidh e ’ur n-eiric,
Thugaibh geill dha a’s cliu;
’S cruaidh ’ur cridhe mo theid sibh
’Ga cheusadh as ur.
’S ma theid sibhse chuir dail ann,
Ribidh cach sibh ’na’n lin,
’S bidh na miannaibh fas laidir,
’N uair theid an arach’ le tiom;
’S iomadh innleachd th’aig Satan,
’S tha sruth ar nadur a ruith sios,
A’s ged mheall iad an traths’ sibh,
Bheir iad am bas aig a chrioch.
’S mor buannachd na h-oige
A gheibh eolas air fein;
Bidh tuilleadh tim agus treoir ac’,
Gu oibribh mor chuir an ceill;
Bheir sud gu onoir ro mhor iad;
’S bidh tuilleadh gloir dhoibh air neimh;
’S air feadh an la ni iad solas
Ann an trocairean De.
Dh’iarr Ioseiph a’s Maois e,
’S thug iad gaol do an oig’,
’S b’fhearr leo masladh ’n Fhir-shaoruidh,
Na bhi na’n daoine ro mhor;
B’fhearr leo coir ’san Fhear-shaoruidh
A’s ann a ghaols’ a bhi beo,
Na na solasan faoine,
Bh’ann an saoghal nan deoir.
Dh‘iarr Righ Daibhidh gu luath e,
‘S e ‘na bhuachail ri treud,
‘S gu sean aois rinn e luaidh air,
‘S chuir e bhuaidhean an ceile;
‘S an ni thug subhachas mor dha,
Chuir e ‘n oran dhuinn fein,
‘S iomadh cridhe ro bhronach,
Dha‘n dthug iad solas ‘na dheigh.
Ged bha Solamh air arach‘
Ann aillghios gu leoir,
‘S e ‘m Fear-saoruidh a b‘fhearr leis,
‘S thug e gradh dha ‘na oig‘;
Tha Ghna-fhocail ro fheumail,
Anns gach ceum dh‘ionnsaidh gloir;
‘S ann na chainnt tha mor eifeachd,
A stiuireadh ceuman na h-oig‘.
Bha Ieremiah a‘s Samuel
‘N am faidhean gle og,
‘S air son bhi leanntuinn na firinn
Fhuair iad trioblaidean mor;
‘S an aghaidh aingidheachd na tire
Thug iad firinn gu leoir;
‘S bhiodh iad ‘g urnuigh os iosal,
‘S tric ri mi-ghean a s bron.
B‘ og Iosiah ‘g a iarraidh,
Ochd bliadhna do dh‘aois,
‘S ged bu Righ e ‘bha riaghladh,
Bha e diadhaidh maraon;
‘N uair a leugh e an fhirinn,
Bha chridhe dileas a‘s maoth,
‘S thug e aingidheachd na tire
Gu bhi fo chis air gach taobh.
’S chi sibh Timoti ris,
Bha ‘n creidimh fior ann bho oig‘;
Sheol a mhathair dha ‘n fhirinn,
A‘s bha e dileas re bheo;
A‘s ged bha Ios‘, air a cheusadh,
Thug esan speis da bha mor,
Bha e leantuinn a cheuman,
A’s bha e feumail do Phol.
O chlann! cuiribhs‘ ‘ur dochas
Anns an trocair tha saor,
‘S leanaibh‘ ‘n eiseimpleir ghlormhor,
Th‘ aig an t-seors’ thug dha gaol;
Ged their cach gu bheil sibh gorrach,
‘S gur trath gu leoir dhuibh bhi naomh,
Gur bochd bhi siubhal co bronach,
Gus an toisich an aois.
Ach ‘s fearr dhuibbse bhi ciallach,
‘S a bhi fo dhion ann an tim,
No bhi ‘n cunnart nam piantaibh,
‘S a dhol gu siorruidh an dith;
‘S fearr siubhal ‘na fhabhair,
‘S a dhol gu bas ann an sith,
Na na h-uabhasan gabhaidh,
Bhios coinneach‘ cach aig a chrich.
‘S fearr codal mar fhirean,
‘S dusgadh ris ‘s a bhi deo;
Na bhi basach’ fo ‘n diteadh,
S eiridh ris ann am bron;
‘S fearr dusgadh ‘na iomhaidh,
‘S a bhi mar ghrian ann an gloir,
Na bhi fulang gu siorruidh
Anns na piantaibh ro mhor.
Slan leibh nis‘ a chairdean
‘S O! gun dail, bithibh naomh,
Ged a dhfhuilingeas sibh taircuis,
Air a sga bho chlann-daon‘,
Cinnt, ni siorruidheachd an ard sibh,
Ann am Pharas a ghaoil,
’S cha bhi bron, ‘s cha bhi bas ann,
‘S gheibh sibh lath‘rachd gu saor.
Oran Do’n Aois.
AIR dhomh bhi smuanach‘ air m‘ ionndran,
Thachair seann-duine liath orm,
‘S thug mise urram do ‘n aois,
‘S bha es‘ co faoilidh ‘sa dh‘iarrain;
Ach ‘se mheudaich mo bhron,
Gur e seannstoriedh iarr e,
’S ged bha neart uil‘ air fhagail,
Cha robh cail aig‘ do ‘n diadhachd.
Se so na smuaintean a dh‘eirich,
Mo thruaighe leir! mar a ta thu,
‘S truagh nach d fhuair thu bho t-oige
Fior eolas air slainte;
Na‘n dfhuair, ‘se bheireadh dhuit solas.
Naigheachd ghloirmhor ma‘n t-Slanuighear,
‘S bhidh tu seoladh mo cheuman,
Le comhairl‘ fheumail a b‘fheard‘ mi.
Bu shona dhuit ann a t-oige
Na‘n d‘fhuair thu coir ‘s an Fhear-shaoruidh,
‘S gu‘n chaith‘ thu neart agus treoir,
A chum a ghloir-san a sgaoladh,
Bhidh tu ‘n diugh mar bu choir dhuit,
A‘ tighinn beo air a ghaol-san;
Agus bhiodh toradh a‘s blath ort,
Ged a thainig an aois ort.
Bhiodh tu foillseach‘, a ghloir-san
Do‘n al og a tha ‘g eiridh;
‘S do cheann liath ‘na chrun gloir dhuit,
O‘n bhiodh eolas Mhic Dhe ann;
Bhiodh tu ‘g iarraidh an Ard Righ,
’S bhiodh a lath‘rachd ‘s gach ceum leat;
‘S o‘n ‘se d‘ chairid a b‘fhearr e,
Bhiodh tu ‘g arach‘ na treud aig.
Bhiodh sith, a‘s sonas, a‘s dochas
Dol an codhail a bhais ann;
’S thigeadh ainglibh o’n gloir,
A chum do threorach’ gu Pharas;
An sin bhiodh t-aoibhneas co mor,
’S nach eil neach beo a ni aireamh,
’S cha dthigeadh aois ort na leonadh,
Ach siorruidh beo ann a lathaireachd.
Ach ’s ann a tha thu a’d’ chrianach,
’S do cheann liath dhuit ’na naire;
’Se ’g innse nam ficheadan bliadhna
Chaith thu gun Dia anns an fhasaich,
Chaith thu madainn na h-oige.
Ri cluiche, spors’, agus gairich;
’S ged thug an latha do threoir uat,
Tha thus’ co feolmhor ’sa bha thu.
’S o’n a thainig an aois ort,
’Se nithe ’n t-saoghal bu Dhia dhuit;
Bha thu ’g an ruith mar a dhfhaod thu,
’S cha d’ rinn a h-aon diu’ do riarach’;
Tha thu ’n diugh air do sharuch’,
’S cha dean cach mar is miann leat,
Tha thu t-eallach do d’ chairdean,
’S do dhroch nadur ’g an pianadh.
Ach ’se sgeul is ro chraitich
Gu’m b’eil am bas ort a tighinn:
’S gu ’n toir thu cunntas mar bha thu,
Ann an lathair a Bhreitheamh;
Bheir thu cunntas ma d’ ghluasad,
Do chainnt, a’s smuaintean do chridhe,
’S iomadh trocair bha luachmhor,
’S gach gairm a fhuair thu gu tighinn.
An sin chi thu le searbhas
An carn feirg bha thu tional,
’S an t-eallach trom nach gabh giulan,
Bheir sios gu dluth thu gu peanas;
’S biodh sud a meudach’ do dhoruinn,
An t-al og bhi ’g a d’ leannal,
’S le t-eiseimpleir ’s do sheoladh,
Gu’n d’ rinn thu ’n treorach’ ’sa mhearachd.
Ach tha trocair ann fathasd,
Am feadh ’s tha la na slaint’ ann,
Tha sonas siorruidh ri fhaotuinn,
Ceart co saor ‘sa ni gras e:
O’n chaidh an obair a chriochnach’,
Ni na milltean a thearnadh,
’Sa thionndai’eas moran o’n seachran,
Do na peacaich is graineil.
Ma ’se ’s gu’n creid thu an fhirinn,
Bheir an iobairt ud beo thu,
’S bheir e fireantachd bhuan duit,
A’s athnuadhaichidh t-oige;
Theid a ghaol feadh do bhuaidhean’,
’S ni thu uaill an a mhorachd,
’S bidh fuil an Uain duit co priseal,
’S gur e do shith e ’s do dhochas.
’S ged tha ’m peacach ceud bliadhna,
Gach latha riamh fo na mhalluchd,
Ma philleas e gu bhi diadhaidh,
Ma ’n aon-uair-deug gheibh e beannachd,
Fhuar an gaduich saor throcair,
’Nuair bha’n deo ann gu fannach’,
’S chi sibh ris a mac stroghail,
Fhuair e trocair gun cheannach’.
Ach ma theid thus ’a chuir dail ann,
’S gu ’m b’eil am bas co ro dhluth dhuit,
Theaga gu ’n duisg thu a marach,
A’s la nan gras air do chulthaobh;
Chaill thu ’n la a bha soillseach,
’S tha sgail na h-oidhch’ air do shuilean,
Chaill thu ’m foghar’ ’san samhradh
’S tha stoirm a gheamhraidh tighinn dluth ort.
’S mor tha choslas a bhais,
Air taghaidh, ’s dhail’nich do dheudach;
Tha chraobh Almon fo bhlath,
’S na daoine laidir a’ geilleadh;
Dh’fhail’nich nigheanaibh ’chiul,
A’s cha ’n eil surd ort ’g an gleusadh,
Tha crith do lamhan ’s do cheann,
A’s dh’fhas thu mall ann do cheum’nan.
O ’s mithich dhuit dusgadh,
Ma ’s an dun ort na flaitheas,
Tha cudhrom t-anam ri fhaotuinn,
Air snathain caol ’se air caithe,
’S doilich leam mar a tha thu,
’S an dara bas ort feitheamh,
Ma ’se ’s nach bi thu fo dhion,
Mu ’n dtheid a ghrian ort a luidhe.
Bas an Fhirean.
’S THOIR leam gur sona ’n aireamh,
Tha fagail gleann nan deoir,
’S tha dol gu luath do ’n aros
Tha uile lan do ghloir;
Far nach claoidh am bas,
’S nach dthig namhad air an toir,
’S nach cuimhnich iad mar bha iad,
’Gan sarach’ anns an fheoil.
O’n se ’n t-Uan thug speis dhoibh,
Cha treig e iad gu brath;
’S gun cheannaich e dha fein iad,
Bha ’n eifeachd sin ’na bhas;
Bu toilicht’ phaidh e n’ eiric,
’S e fein a thoir na’n ait’,
’Se fuil na h-iobairt-reitich,
Ni feum dhoibh ann’s gach cas.
Rinn e o’n lagh an tearnadh,
’Sa’m fiachan phaidh gu leir,
’Sa naimhdean chuir fo shailean;
Bha ghairdean ladir treun,
A’s dhoirt e spiorad gras orra,
’Nuair chaidh ardach fein;
A’s dh’ath’raich sud an nadur,
Gu’n dthug iad dhasan speis.
O’n chreid iad ann a fhirinn,
Bha ’n inntinn dol na dheigh,
A’s fhuar iad e ni’s priseal,
Na ni ’sa chruinne-che;
B’e ’n cliu san onoir ard sud,
Gu’n dthug iad dhasan speis;
’S gu’n mhiannaich iad gu brath,
Bhi ’s an aite ’s am biodh e fein.
’S math dhoibh nis gun dfhuair iad
Co luath dol as an fheoil,
’S a dhol a stigh do’n t-shuaimhneas,
Far nach bi luaidh air bron;
Bidh iad gun smal gun truaill’eachd,
Ma ’n cuairt do’n Chathair mhor;
’S bidh h-uile neach thug buaidh ann,
’S an t-Uan ’na uile ghloir.
Cha toir corp a pheacaidh
Air seachran iad ni’s mo,
’S cha bhi iad mar a chleachd iad,
A’ gleachdadh ris an fheoil;
A’s saigh’dean teinnteach Shatan
Gu brath cha tig ’nan coir;
’S cha’n fhaigh mi-chreidimh ait’ ann,
Le lath’rachd Righ na gloir.
Nan smuaintean olc a’s diomhain,
Bha riamh ’g an cuir fo leon,
’S na h-aignidhean mi-rianail
Nach striochdadh dha na choir;
Gach latha bochd a’s cianail,
Le ’n grian bhi dol ’s na neoil,
Theich sud mar sgail na h-oidhche,
A’s shoillsich orr’ an lo.
Cha ghearan an luchd-aitich’,
Air tinn, no bas, no truaigh’;
Tha craobh na beatha fas,
Ann a meadhon Pharais shuas;
’S tha ’duilleagan co aluinn,
’S gu’n slanuich iad an sluagh,
’S tha toradh feadh gach la oirr’,
’S fo sgail tha sonas buan.
’S tric bha iad laisd’ le solas,
An gleann nan deoir so fein,
Ach ’s tric a thigeadh neoil air,
’S bhiodh iad fo bhron ’na dheigh
Ach nis tha la mor ac’,
’S an solasan cha treig,
’S iad seinn ni’s binne mar mhoran,
Na smeorach ’measg nan geug’.
’S ann nis tha ’n sonas buan ac’,
’S iad snamh an cuan a ghaoil;
’S iad faicinn gloir an Uain sin,
’G an cuartach’ air gach taobh;
Cha ’n fhaca suil, ’s cha chualas,
’S cha deach’ a luaidh le daoin’,
Gach sonas thaisg e suas dhoibh,
’S gu’n dfhuair iad e gu saor.
’S tric bha ’n sonas ard,
’S an co’ -chomunn blath le cheil,
’N uair thionaileadh na braithrean,
’S iad seinn air grasan De;
Ach sgap’ iad ris do ’n fhasach,
’S rinn sud an cradh gu geur,
’S is stric a sgair am bas iad
O chaidreamh bhlath a cheil.
Ach ’s math dhoibh ’n la dhfhag iad
An fhasach as an deigh,
’S an dfhuair iad dol do’n aros
Anns am bheil lath’rachd Dhe;
Far am bheil na cairdean,
Nach sgair gu brath o cheil;
’S an gaol air nach dthig fuarach’,
Co buan, ri cathair Dhe.
’S tric a mhill e ’n suaimhneas,
’S a dhfhag e ’n gruaidh fo dheoir,
Bhi chomhnuidh measg an t-sluaigb sin,
Bha gluasad reir na feol’,
’G am faicinn ruith gun smuainteach’,
Gu luath a dh’ionnsuidh bron,
Air son gu’n chuir iad suarrach
An t-Uan le uile ghloir.
Ach sona’ ’n dream a dhfhag iad,
’S a theich gu Pharas De;
Cha ’n fhaie iad neach toirt tair dha,
No bristeadh aitheantean fein,
Se e th’ ann an dream a bhuadhaich,
’S a lean an t-Uan ’s gach ceum,
A’s thiormaich e bho ’n uair sin,
O ’n gruaidh na h-uile deur.
Cha bhi ’n dream fhuair gras
Deanamh tair air aon a cheil’,
Cha bhi roinn, no pairtidh ann,
No neach gun ghradh d’a cheil’,
Tha seachranaidh na fasaich
Air fhagail as an deigh;
A’s cha bhi Pol na Barnabas
A sarach’ aon a cheil’.
Sibhse rinn ar fagail,
’S a chuir am bas ’nar deigh,
Cha’n eagal leibh gu brath nis
Gu’n caill sibh fabhair Dhe;
Cha bhi buaireadh Shatan,
No failinn annaibh fein,
A’s cha dthig Righ nan uamhas
N ar smuaintibh feadh gach re.
Fhuair sibh crun a’s oighreachd,
’S tha ’r n-aoibhneas pailt gu leoir,
’S gu cinnteach tha sibh saibhir,
Mar oighreachan na gloir;
Tha ghrian an conaidh soillseach,
’S cha dthig an oidhch’ ’nar coir,
Se ’n t-Uan ar caraid gradhach,
’S le lath’reachd bithidh sibh beo.
Rinn e ar sgeadach’ rioghail
Le fireantachd a ghrais;
’S cha dthig sibh dh’ionnsuidh diteadh,
Cha ’r firinneach’ le bhas;
A’s dhfhag sud e co priseal
’S nach bi sibh sgith gu brath,
Toirt moladh agus cliu dha,
Le oran ur gach al.
Ged dhfhag sibh sinne bronach,
An gleann nan deoir ’nar deigh,
Cha’n ann mar dhream gun dochas,
Nach comhlaich sinn a cheil;
Tha sibhse an diugh co sgiamhach
’S co geal ri grian nan speur,
’S ’n uair bhios an obair criochnaicht’,
Bithidh sinne triall ’nar deigh.
Righ nan Uamhas. —Bas an Aingidh.
FHIR theagaisg, cluinn e, ’s gabh suim d’a reir.
Tog suas mar thrompaid do ghuth, a’s eigh
Bi sluagh gun eolas, tha nis a domhlach’
Air sligh’ na doruinn, ’s gach feoil mar fheur.
Na caomhainn le truas iad, thoir fuaim gun dail,
’S leig ris an truaigh’ an la nan gras,
Ged tha iad uasal, ’s an inntinn uabhrach,
’Se ’n t-aobhair truais iad ’n uair thig am bas.
Tha ’n duine truagh dol ’san uaigh gun dail
Thig Righ nan uamhas ’ga chuir an sas;
Ni tinn a bhualadh ’s bidh ’n eigh chruaidh aig,
An saol sibh shluaigh an e so am bas.
Tha piantaidh cruaidh air toirt uam mo chail,
Tha crith is uamhann air tighinn ’mo dhail,
Tha toirm ’mo chluasan, is m fheoil air fuarach’,
An saol sibh shluaigh nach e so am bas?
Tha nis mo shuilean air tionail sgleo,
’S ann nis tha ’n saoghail dhomh faoin gu leoir,
Mo thruaighe-leir! gu’n dthug mis mo speis dha,
’S nach dean e feum dhomh ’s mi ’n eiginn mhoir.
Mo neart ’gam fhagail ’s mi falbh gu dluth,
Mo chridhe failinn a’s mi gun lus,
’S mar gleidh sibh seoladh a chumas beo mi,
’S ’n t-siorruidheachd mhor a tha ’m beachd mo shuil.
’S ann orm tha ’n t-uamhas roimh uair a bhais,
’S mo dhochas truagh teicheadh uam mar sgail;
Cha ’n eil mi ’n ordugh gu dhol thoirt codhail,
Do ’n bhreitheamh mhor bheir gach feoil ’na lath’r.
Ach tha mo dhochas a trocair De’,
Cha robh mi ’m phoitear no deanamh bhreug,
Mo ghniomh ’s mo chomhradh ni’s fearr na moran’
’S cha deanainn foirneart air neach fo ’n ghren.
Mhaith mis mi fein do gach creutair beo,
’S mi truasail deirceach ri neach fo leon,
A’s ged a bhuaidhich am peac’ air uairibh,
Trid laigs is buair’ ach cha b’ann de’ m’ dheoin.
Thilg iag gle og mi air trocair Dhe,
A’s lean a throcair mi anns gach ceum,
A’s dhith a’s dhol mi ’s ann aig a bhord-san,
’S le dichioll mor bha mi deanamh ’n reit.
Ach tha mis gun suaimhneas an deigh gach ni,
’S nach seol sibh shluaigh mi, Ciod e tha dhith;
Tha choguis bheo sa toirt uam mo dhochas,
’S tha eagal doruinn toirt uam mo shith.
Tha mo chridhe ’g innseadh nach bi mi beo,
’S gu ’n drinn mi di-meas air slaint’ co mor,
Nach do chreid mi ’n fhirinn ma thimchioll Iosa,
’S nach robh e priseal dhom riamh ’san fheoil.
’S mi ’n tanam truagh nis d’ an dual am bas,
Cha deach’ m’ ath-nuadhach’ an la nan gras
Ged thuirt an fhirinn gum bheil gach firean,
Air a bhreith ris ann an la na slaint.
Do aitheanaibh naomh-san cha dthug mi geill,
’S do shligh’ na naomhachd cha dthug mi speis;
’S cha d’fheuch mi cairdeas, no gradh, no firinn,
Do ’n dream bha dileas ’ga leantuinn fein.
Aon tart no iarrtas cha robh mo chom,
’S ann dhomh-s’ bha’n diadhachd na h-eallach trom.
’S mo chridh’ sas anns an ni rinn m’ fhailinn,
’Se sud rinn m’ fhagail an diugh co lom.
Tha saighdean geur a’ dol tromham dluth,
Ach, O! an t-siorruidheachd tha’m beachd mo shuil,
Nam faighinn dail ’s thigh’nn a ris gu slainte,
Gu cinnteach dhfhasainn a’m’ chreutair ur.
Nach bi sibh ’g urnuigh ’s gum bheil mi beo,
Ri Righ nan Duil o’n tha throcair mor;
Ach tha mi failinn, slan leibh a chairdean,
Tha mis gu brath gu bhi ann am bron.
Nis dhorch’ mo shuilean le sgail a bhais,
Nis chi mi chuis mar a bha e radh,
Tha teine mor ann, ’san sluagh ’g an rosdadh,
Gun suil ri trocair air feadh gach al.
Ma ’s duine beo thu nach cluinn thu ’n eigh,
Nach creid thu ’n fhirinn a’s dean d’a reir,
Air neo gu cinnteach cha dtheid do thearnadh,
’Se sud am bas gus an dthig thu fein.
Caraid ’is dluthaidh na Brathair.
NACH mithich dhomh bhi toiseach
’S a cantuinn oran ur,
Mu ’n TI rinn fhuil a dhortadh
’S a’ ghloir bha ’n a’ ghnuis:
’S e ’n caraid e a b’ fhear dhomh
Na cach ’s na h-uile cuis
’S e ’s dluthaidh lean na brathair,
’S e ladair air mo chul.
Ach cia mar ni mi cainnt air
’S gun samhladh dha fo’n ghrein;
’S nach d’ fhuair me teangaidh Ainglibh
’Is lasair ghraidh d’ a reir:
’S na ’n d’ fhuair cha bhithinn sgi
Dheth bhi sir ’g a chuir an geil;
’S a ’g innseadh a’ measg na’m firean
Gach ni rinn e dhomh fein.
A sh’ lanuigh’ear ro ghloirmhor;
Mo threoir ge’d bha mi mall,
Bu tu fear-stiuraidh m’ oige
Gu m’ threorach anns gach ball;
’S na ’n d’ fhag u mi ’s an uair sin
Bu truagh dhomh bhos ’is thall,
’S mi cluich’ air bruach ain-eibhinn
’S nach bu leir dhomh an call.
Cha d’ fhuair mi comhairle Parannt,
Is brath’rean cha robh ann,
No neach ghabh curam tra dhiom,
Chaidh m’ fhagail anns a’ ghleann;
’S ge d’ bha mi measg mo chairdean
Cha babhaist doibh bhi cainnt
Air ni ’n taobh thall do ’n bhas
Dheanadh sta dhomh aig a cheann.
Ach bha do spiorad stri rium
’S bha diteadh annam fein;
’S chuir sud mi dh’ ionnsuidh Phiobail,
A dheanamh sith is reit:
Chuir sud mi dh’ urnuigh ’n uaingneas
’S mi buachailleachd na treid
’S bhiodh m’ inntinn tighinn fo bhuadhras
Is uamhasan ro gheir.
Ach thuitinn ’s a mhi-churam,
Is mhuchainn Spiorad Dhe;
’S mar neul na madainn shuileadh
Gach dusgadh bh’ annam fein;
’N uair thachrainn ris an t-sluagh
Bhiodh cuir suarach nitheadh Dhe:
Labhrainn agus ghluaisinn,
Do reir an gluasad fein.
’N sin theicheadh Maois ’s na Faidhean,
’S gach Brathair fada uam;
’S iad call ’n duil gu brath dhiom
’S mi diultadh gras an Uain:
Ach cliu gu ’n robh gu brath dhuit
A shlanuir na ’m buadh!
Lean thu anns gach ait mi,
Gu m’ thearnadh as gach truaigh.
Lot do shaighdean geur mi
Is dh’ eigh mi air son sith;
’S dh’ fheuch thu dhomh mar geillinn
Gu ’m eigin doll an di:
Thuig mi gu ’m b’ fhaoin mo dhochas,
’S gu ’n robh mo sheolan cli,
’S gu ’n robh mi ’n cunnard mor
A bhi ’n doruinn gun chrich.
’N sin bheirinn geill gun dail
Do na h-aitheanntean anns gach ni;
Streapainn beinn Sinai,
Ga b’ ard i, airson sith:
’S thosaich mi co ladair
Ri peac’ is bas ri stri
Mar neach an cunnard bathadh,
’S e snamh gu bhi air tir.
Ach bha ’m peac’ a buadhach,
Is suaimhneas cha robh ann;
Is bha na tonnan uabhrach
Gu luath doll thar’ mo cheann:
’S bha Satan ’g a mo bhuaireadh
Gu teicheadh uat san am,
Aig radh gu ’n robh mi gorach
Is nach robh dochas ann.
Bhiodh e fiaradh a Phiobuill
’S e feuchainn milltean sluaigh,
Is cuid dhiu na ’n luchd mionaich
Gun suim do ni dheth ’n t-sort:
Is thuirt e ’n sgrios thu ’n sluagh sin
Gun truas ri sean na og;
’S gu ’r pharasaich ro uahhrach
Luchd aidich fuar fo chleochd.
Ach thainig thu ga ’m chomhnadh
’N uair dh’ fhalbh mo throir ’s mo bhuaidh;
Is chaisg thu ’n sin an sort ud
Bha ’n toir air m’ anam truagh:
Is dh’ fheuch thu Dhe do ghloir
Na thug solas dhomh car uair;
Chaidh ’n dream bha ga mo sharach
A bhathadh ’s a mhuir ruagh.
Sheinn mi ’n sin le solas
’S e oran Mhaois ’s ’n Uain,
Mar neach a bhiodh a chomhnuidh
’S a ghloir a ta bi-bhuan:
Gun chuimhn’ air truailleadh naduir
No tart na fasaich chruaidh;
Oir bha mo chomhnuidh ’n trath sin
Fo sgail an Ti thug buaidh.
Ach thug thu mi do ’n fhasaich,
Gu sluic is aros gharbh;
’S bha dris is droigheann fas ann
’S bha uisge Mara searbh:
Is dh’fhuaraich gradh mo chairdean,
’S bha cach ruim ann am fearg,
O n’ thug mi geil dha t-aitheantibh
’S ri ’n gnathan nach dearbh.
’N sin dh’ fhoillsich thu do ghloir dhomh,
’S bha mais gu leor a’ d’ ghnuis;
’S ’n uair thuirt thu mairseadh beo,
’S ann rinn m’ anam solas ur:
O n’ rinn thu d’ fhuil a dhortadh,
Mo neart ’s mo dhochas thu,
Mo shith ’s mo dhaighneach laidir,
Mo shlainte ’s mo cheann iul.
Thuirt thu ’s leor mo ghras dhuit,
Bi laidir ’s bheir e buaidh;
’S cha dit’ aon neach gu brath thu
’S gu ’n phaidh mi tuilleadh ’s luach:
Ghleachd mi ris a bhas
Gu ’d thearnadh o gach truaigh;
Is tagraidh mi do chuiseadh,
Ann an cuirt ’n am flaitheas shuas,
Leansa mi gach uair,
Agus gluais an slighe Dhe;
’S cuir t-eallach air mo ghuailean
Oir tha iad buadhach trein:
’S ge d’ bhi thu sgi s’ an fhasaich
Bi neart ’s an lath do reir;
’S bi d’ thaic ri fear do ghraidh,
Is cha ’n fhag mi thu ’s cha treig.
’S ’n uair rinn mi ’n seachran aicheadh
’S na gnathean gun fheum,
Dh’ fhuaraich gradh mo chairdean,
Is clann mo mhathair threig;
Is bhiodh na naoimh toirt tair dhomh,
’N uair dh’ fhaillneadh mo cheum;
Ach gheamhannsa do lathaireachd,
’S tu b’ fhear na iad gu leir.
Nis togam m’ Ebenesear,
Is seinneam fein do chliu;
Oir gu ’s an uair so fein,
Cha do threig thu mi co-dhiu:
’S c’ arsan nach biodh mo dhochas
A’ d’ ghealladh mor ’s gach cuis?
Gu ’n toir thu mi thar Iordan,
’S gu ’m faigh mi gloir is cliu.
Na ’n deanadh tu mo threigsinn,
’S nach biodh tu fein rium bla
Co dhuinnsidh theid mi?
Oir cha ’n ’eil feum an cach:
Ch ’n ’eil ni fo ’n ghrein
Ris nach d’ fheuch mi arson slaint’;
Ach ’s leighichean gun fheum iad
’S dhomh fein cha d’ rinn iad sta.
Dh’ fheuch mi ri slighe na doruinn,
Is cha robh solas ann,
’S ri da mhaighstir comhladh,
Is bha mo dhochas fann;
’S ri slighe na fein-fhireantachd,
Is cha robh sith dhomh ann;
Bha binne bais ’mo chluasan,
G’ am ruaig ’s g’ am ruidh gu teann.
Ach ’s grian ’s a sgiath do lathaireachd,
Is bheir thu gras is gloir;
’S na gheabh bhi ann a d’ fhabhar
Bheir thu dhoibh slainte mhor:
’N uair bha thu ann an sith ruim
’S e thuirt mi gun gho,
Gu ’r tu is tearmunn dileas,
’S mo chuid an tir na ’m beo.
Mo charaid thu! na fag mi,
’S an fhasaich stuir mo cheum;
Thoir neart a reir an la dhomh,
Na fagsa mi ’s na treig;
’S a ’n uair ni tinn mo bhualadh,
’S nach dean an sluagh dhomh feum;
Dean thus’ mo leabadh suaimhnach,
A’ cluinntin luaidh ort fein.
’S ’n uair bhitheas an saoghal sgith dhiom,
’S gun ni ri dheanamh ruim,
Bhiodh am bas na theachdair sith dhomh
Gu m’ thoirt air tir a nunn;
Theid mi a sealladh chaich,
Is mo ghuth gu brath cha chluinn;
Ach bheir do ghairdean laidir
Mi tearuinnt thar na tuim.
’N uair thionaileas mo chairdean
’S an uaigh gu m’ charamh sios,
Biodh an uaigh na leabadh thamh dhomh,
Gus an lath an tig thu ris:
Bi dluth throigh gleann a bhais dhomh,
’S a ghaoil na fag-sa mi,
Gus am faic mi ann do ghloir thu,
Fad sioruigheachd mhor gun chrich.
Dean trocair air mo chairdean
A dh’ fhagas mi a ’m dheidh;
’S biodh mo chuid uan ’g an arach
Fo dhuthar sgail do sgeth:
Tog fein luchd teagaisg blath dhoimh,
’Ni ’n comhnuidh sta do ’n treid,
’S bi ni ’s dluthaidh dhoibh na brathair
Air feadh an laith fo ’n ghrein.
Tobair na ’n uisgeachan beo.
’S E mhiadaich truaigh chlann daona
Gu ’m beil iad faoin ann am barail,
’S iad ’g iarruidh ’n sonais ’s an t-saoghal,
Far nach d’ fhaod iad bhi maireann:
Thanaig mallachd do rireadh
Air gach ni th’ air an talamh,
’S cha ’n eil sonas ri fhoatainn
Anns na faochagan falamh.
Co bi thuigeadh mo stori,
Tha cuid dheth bronach ri aithris;
Chaidh mo mhealladh gle oga,
’S air slighe na doruinn mo tharainn.
’S rinn toilinntinean feolmhor,
Tric mo threorach ’s mo mhealladh,
Mach o thobar mo sholais
Ge d’ bha e ’n comhnuidh cur tharais.
Bhuail pathadh gle og mi
Arson solasan peacach;
’S cha robh tobar dheth ’n t-seort sin
As nach d’ ol mi dol seachad:
’S cha d’ rinn iad mo riarach,
O n’ bha m’ iartas co farsuing;
’S ann bha iadsan co neo-dhianach
’S gu ’n do mhiadaich iad tart dhomh.
Ach dh’ fhosgail tobair na slaint’ dhomh
Anns an fhasaich bha tartmhor;
Bhuail e charraig is thanaig
Deoch rinn sta dhomh air m’ astar:
’S ann a tobar tigh Dhaibhidh
A thug do ghras dhomh a nasguidh;
Na riaraich m’ anam neo-bhasmhor
’S a chaoidh gu brath cha bhi tart air.
Dh’ fheuch thu aingeachd mo chridh’ dhomh,
Bha o ’s ’n iosal am falach,
’S cha toireadh m’ oibrichean sith dhomh,
Bha gach ni dhiu co salach:
Ach ’se uisgheachan Shiloh
Fuil na h-iobairt thug barachd;
’S ann an sud a tha ’n eifeachd
Chum mo chreachdan a ghlanadh.
Ann a miadhan gach trioblaid
’N uair bhitheann sgith le mo thuras,
Fhuair mi deoch as an fhior-uisg,
Chuir air di-chuimhn’ iad uile:
Bhiodh do gheallachan firinnach
Ro phriseal dhomh uile;
’S bhitheamh cuimhneach air an tiom,
Anns nach bi mighean no mulad
Bhitheann cuimhneach cho suaimhneach
’S a tha ’n sluagh sin cha dhachaidh,
’S a tha ’n diu ag ol as a chuan;
’S cha leag an t-Uan chaoidh tart orr:
Cha bhi ’n gruaidhean fo dheoir.
Is bas no bron cha tig faisg dhoibh
Ri taobh na’n uisgeachan beo sin,
’S iad uile ’g ol as gu farsuing.
Bha mo chreuchdan cho graineil,
’S truailleachd naduir co salach;
’S cha robh mi siubhal mar bail leum
Le corp a bhais bhi callach:
Ach bhitheann cuimhneach an la sin
Anns an tair mi dhol thairis,
Gu bhi sealbhach do lathaireachd
Anns an aite nach bith small air.
Bhiodh luchd aidich gun ghras ann,
Bhiodh luchd tarchuis is fanaid,
Toirt iomadh builleadh bha sarach
Roinn do ’n ardan a bh’ annams’:
Ach ’se caiptean mo shlainte
A lean le gairdeachas m’ anam,
Arson gu ’m b’ fhiu mi bhi tarail
Air a sgaths’ air an talamh.
Trid bais is trioblaidean geuradh
Chaidh e fein air an toiseach;
’S a mhiad ’s a lean ann a cheuman
Thug sud gu deuchainnean goirt iad;
Ach is sonadh ’n diu ’na lathair iad
‘S glan a shlanaich e ‘n lotan;
Cha tig luchd angaidheach gu ’n sarach
No sgeul gu brath chuireas spot orra.
Bhithinn sona air uairean
Measg do shluaigh air an talamh;
Ach ’s tric a dhealaich an uaigh sinn,
’S a rinn n’ur truailleachd n’ur sgaradh;
Ach gheabhainn beagan de shuaimhneas
Le bhi smuaineach mu ’n lath
Anns an cruinnich an t-Uan iad,
Gu leir ma ’n cuairt do ’n righ chathir.
’Nuar gheabhainn do lathaireachd
Bhithinn ra le lan fhios air;
Gur sona ’n sluagh a thug gradh dhuit,
’S nach robh thu ’d fhasaich do Israel:
Shaoilinn gu ’m faicinn do ghloir thu
Air na neoil tighinn ga ’m fhiosrach,
‘S bhithinn tolicht’ gu leor
A dhol do chathail le misneach.
Ach bha mo shoitheach co deothach
Gu ’n tuisge beo ud a chumail;
Cha mhaireadh sud ach car moment,
’S bhitheadh an fheoil, ’g iarruidh fuireach:
Ach ’n uair theid mi thair Iordan,
Cha bhi bron ann no mulad;
’S bith’ mi faicinn do ghloir,
’S mo ghrian gun neoil chaoidh tuilleadh.
Ach ’s aobhar mulaid ri smuanach
Na tha de shluagh air a’ mealladh,
Chaith an saothair ’s am buaighean
Gun fhois na suaimhneas air thalamh;
’S iad duilteadh ’n fhior uisge bheo so,
’S am bheil solas gun ghainneadh,
Chum an uireasbhuidh riarach,
Tha mil, is fian, agus bainne.
Leam us sonadh an aireamh
Fhuur gras gu bhi tarruing,
Sith us sonas gach la,
A tobair slainnt nach be folaimh,
Theid iad gu talamh Chanaan,
’S biodh ’n tobair lan sa cuir thairais,
’S iad ag ol do ’n abhainn tha aluinn,
Si ruidh air straidaibh na cathairach.
Oran na Missionaries.
THA ’n soisgeul buadhach air sluagh gun ghras,
S’a ’n dream nach cual e na n clann don bhas,
Tha iad an comhnaidh gun Dia sgu ’n dochas
A dhiobhail eolas air sligh na slainnt.
Nach aobhair bron leibh na sloigh to marbh,
’S iad cuir an dochas an iodhail balbh,
Ach co a theid a thoir sgeul ma ’n uan dhoibh,
Thair muir us cuantean us radhad garbh.
Cluinn na h-ogainich dh’ fhas co treun,
Aig radh le solas se sinn a theid,
Mo shaolas sibhse gun d’fhuar sinn grasan,
Us gibht us talannt a ni dhoibh feum.
Tha ’n spiorad stri ruinn ’s cha bhi sinn mall,
Togail nar tir is gach ni atann,
Thoir sgeul ma ’n fhirinn do dh’ anmam priseal,
Tha feadh na ’n innseachan fada thall.
Buaidh gu brath leibh air muir sair tir,
Theid mic na ’m faidhean le sgeul na sith,
Suibhlaidh gu dlu’ biodh nar casan ’s giamhach,
Gus an eirich grian air na duchan shios.
Bi sinn ag urnaigh on tha si ’m feum,
Righ na ’n duil a bhi leibh sgach ceum,
’S bheir sinn dhui foghlam sgach comhnadh dh’fhaodas,
A chum bhi saorach sna duchan cein.
Tha nis an long togail suas na n seol,
Gun toir thair chuannteann us tonnaidh mor,
’S iad air an traigh gabhail ceud do ’n cairdean,
Nach fhaic gu brath iad an tir na ’m beo.
Slan leibh a chairdean sa luchd nar gaol,
Theid sinn do dh Africa sgach ait ’m beil daon,
S’ iubhlaidh sinn China ga mor an tir e,
S’ air feadh na ’n innseachan ’s feadh an t-saoghail.
Na bithidh bronach ’s na deaneamh caoidh,
Tha ’n obair gloirmhoir solas na naoimh,
S’ gad thig am bas na gad rach nar bathadh,
Bi sinne tearruinnt le Righ na ’n Righ.
Ach smor an smuanach nar truailleachd fein,
Sa dol measg sluagh snach bheil eagal De,
’S mo threigeas Dia sinn bi sinn gun dian,
A measg sluagh co fiadhaich ri eon na ’n speur.
Se ’n sluagh a thearnadh th’againn mar chrioch,
’S mo bhios a’ ghras leinn cha d’theid sinn cli,
’S tha sinn an duil gu ’m bi es na dhian duinn,
O ’r se tha riaghladh air muir s’air tir.
Earbaidh gu leir sinn ri Righ na sith,
S’ bheir sinne sgeul dhui n’uar theid sinn tir,
S’ bi ’n sgeul ro ghloirmhor air sluagh tighinn beo ann,
A chuireas solas air feadh nar cridhe.
S’ theid sinn gu fasaich taobh thall a chuain,
A dhionsaidh Africa s’gheabh sinn sluagh,
A ruitheas ruisgt feadh na ’n coilltean dlu sin,
Gun neach toir iul doi air sonas buan.
’S ri taobh na ’n abhnaicheann ni sinn tamh,
’S le moran gradh thig iad faisg do lamh,
’S cuiridh sinn an geil dhoi sligh na firinn,
’S bidhidh iad co siobhailt ri aon do chach.
’S nuar gheabh iad eolas air gloir an UAIN,
Bi gradh gu leor ac dha fein sda sh’luagh,
Biodh naomhachd fas ac bi mais us blas ac,
A chuireidh nair air luchd aidaich fuar.
Sna bhios n ’n traillean dui aig an t’luagh,
’S iad tric gan sarach gun iochd gun truas,
Ni ’n cridhe gairdeachas anns an t-lanuighear,
’S nuar thig am bas ni iad sonas buan.
’S theid sinn gu innseanaich du gu leor,
’S bi teas na grein a toir uainn nar treor,
Far am beil an sluagh their gu n’ d’fhuar iad tearnadh,
Mo theid am bathadh sa ’n abhainn mhor.
Far am beil na banntraichean gan gu leor,
Le bhi ga’n adhlac sga ’n losgadh beo,
Fagaidh iad clann gun bhi gabhail truas diu,
’S cha ’n fhaic sibh ’n gruaidhean a’chaoidh fo dheor.
Theid sinn le sgeul doi o Righ nan dul,
Ma ’n ti chaidh cheusaidh sa luidh sa ’n uir,
’S bheir gaol mhic Dhe iad gu ’n cleachda threigsinn,
Us bidh gach te dhiu na creutair ur.
Us do dh’ Arabia sinne theid,
Feadh iomad duthaich ’s Ierusalem fein,
’S tha sluagh gun aireamh air feadh nan aiteanns,
Toir geil mar babhaist mon ’n fhaidh bhreig.
Chuir Mahomed cloc air le iomadh breug,
’S le ’m fuil a’dhort thug e n’ sluagh gu geil,
A gealltainn solas areir na feol doi,
Sa ’n t-sioruighachd mhor far am bi e fein.
Ach gheabh iad eolas air aon mhac Dhe,
Rinn fhuil a dhort’ air an son gu leir,
Se ’s am fear-saoraidh ’s mo bheir iad gaol da,
Ni fhuilsan naomh iad sa ’n t-saoghals fein.
S’ theid sinn gu conrad Orrissa ’n tait,
Sa m bi miltean sluagh tiomchail Juggernaut,
S’ iad gun a chial fo na cuiblaidh striochda,
S’ cuidthrom na h iomhaidh ga ’n cuir gu bas.
Se sud an dochas se sud an dian,
S’ be ’n sealladh bronach an sluagh gun chial,
Bi cuid leth-beo ann sna con sna heon ann,
A githadh am feol h-uile la sa bhliadhn.
Theid sinn thoir luaidh dhoi cho truagh s’ tha ’n cleachd,
S’ gu ’n glan fuil Ios o na huile peac,
Brattach an uan curaidh sinn suas i,
Us tionnaillaidh ’n sluagh bhios a gluasd na reachd.
S’ theid sinn gu tuath chum na ’n cuannteann reot,
Sa dhionnsaidh beannteann an t sneachdaidb mhor,
Sair feadh na ’m bean gheabh sinn sluagh nach gan ann,
S cha d’thainnaig samhradh thug dhiu an cloc.
Tha cridhe fuar ac gun truas ri ni,
Leir-sgrios us truaigh gach uar gun sith,
Se ’n cleachd mar babhaist bhi measg na ’n Gaetheil,
An neach tha laidir cuir cach fo chis.
Slan leibh a’chairdean theid sinn gu luath,
Thoir sgeul air slainnt dhoi’sair gradh an Uain,
Eiridh grian na ’n gras us fo sgia bi slainnte,
’S leidh cridhe bla ac sna h-aitean fuar.
Us gu sliochd Abraham theid an sgeul,
Gu caoraich chaillteadh tigh Israel,
On rinn iad tairchuis air Ios o Nazaret,
Scap’ sud sgach ait iad fo choraich Dhe.
Tha iad taireil ’s thug cach dhoi fuath,
Ach tha ’n t’ Ard-Righ ga ’n cumail suas,
’S iad dol na ’s lionair nuar the d am pianadh,
’S cha do mhaisg iad riamh ann a’measg an t-luaigh.
Lean iad na sgailean ’s tha ’n duil gach uair,
Gu’n d’thig Mesaiah ’s gu ’d thoir e buaidh,
Ach innsaidh sinn dhoi’ gur e a thainaig,
’S gur e a bhasaich an’ ait a t-shluaigh.
Creididh iad fein gur e sud an Ti
Ma na sgriobh na faidhean us Daibhaidh ’n Righ,
’S bi mais gu leor ann s’bi gloir thair chach ann,
’Nuar thig na sgailean a bhar an cridhe.
Gach cinneach lubaidh us bheir dha geil,
’Us thig na h-Iudhaich gu ’n duthaich fein,
’S ga be bhios beo chi iad laithean gloirmhor,
Nuar sgaoileas eolas ’s gach ait fo n’ ghrein.
Ma thug an t-Ard-Righ a mhac o ghloir,
Gu ’uir a bhais agus fhuil ’a dhort,
Co i a mhathair a dhiulltadh dhasan,
A mac ab allain bha riamh ’san fheol.
Faic na’ suil nis ga ’n togail suas,
’S iad uile ’g urnaigh ri taobh a chuan,
’Sa ’n cairdean bronach ’s iad nis toir pog dhoi,
Us nial na ’n deor air na h-uile gruaidh.
Tha na mathraichean radh le bron,
Slan gu brath leibh an tir nam beo,
Tha ’n cride faisg ’s iad ga ’n gramach ladir,
Ris a bhroilleach bhla rinn an arach og.
’Sa phiuthair ghradhach cha ’n fhear a doi,
Air son a brathair si faisg nan dorn,
’Si falbh air lamh leis us eis ga fagail,
’Sa cridhe failling le gradh ’s le bron.
Thug an t-Athair gaol dhoibh ’s cha ’n fhaod iad tamh,
’Sgar e o cheil iad e fein le lamh,
’S gad tha e trein a cumail air fein,
Tha chridh reubadh co mor ri cach.
’S tha ’n dream thug gradh dhoibh air son an t-Uain,
Toir sealladh bla orr a dol h-uin a chuain,
’Sa ’n dream gu h-araidh bha ’n coman bla riu,
Tha iad ro chraiteach bhi tionndadh uath.
Ach dh’fhalbh iad dlu nis le suirt gu feum,
’Stha cach ag urnaigh sa ’n suil na ’n deidh,
A Righ na’n sluagh bios a dhoibh mar bhuachail,
’S gleidh thus na h-Uain ud gach taobh a theid.
An tait bh’aig Eoin.
SE nighinn Shion ’s fear dheth, si fhuar am fabhar mor,
Bhi tighinn a nuas o’n fhasaich, us fear a graidh na coir,
Cha ’n iarrains tuilleidh fabhair na gras an tir na ’m beo,
Ach luidh air uchd an t-Slanuighear, an tait ann ’san robh Eoin.
Bhoidh am broilleach bla sin ga ’m arach ’s bhithinn beo,
Le neart na ’n briathrean grasmhor rin iaraidh bh’fhear nan t-or.
Bhiodh manam air a shasach le pairt do ’n aran bheo,
’Nuar gheabhainn bhi fo sgailsan an tait ann san robh Eoin.
Cha b’eagail leam an tra sin gach namhad th’air mo thoir,
’S gu ’m be do ghaoirdean grasmhor mo neart ’smo shlaint, ’s mo threor.
Cha sgaradh beath na bas mi gu brath o ghaol co mor,
Bha cordain graidh co laidir, san ait ann san robh Eoin.
Cha chuimhnaichinn an tra sinn air sarach gleann nan deor,
’Us trioblaidean na fasaich cha bhiodh an dras’ co beo,
Se ’n gaol nach gabhadh aichadh, a bhiodh an dras’ ga ’m leon,
Air son nach robh mi airidh air an ait a bha aig Eoin.
’Nuar thaisicheadh mo nadur le nair ’us roinn do bhron,
Airson gu ’n robh mi granail an ard o laithean ’m oig,
’S ann bhiodh a lamh gu grasmhor a tiormach ’n ard nan deor.
’S aig radh ’s leor mo ghras dhuit ’s gu ’n d’fhuar u’n tait bhaig Eoin.
Dhinnsinn da le firinn gach ni bhiodh ga mo leon,
Us dhortainn mach mo chridhe dha, us bhiodh mo shith romhor,
Us theirinn fear mo ghraidh ris gu brath a’mharas beo,
Na duisgidh e gus an ail leis sgur d fhuar mi ’n tait bhaig Eoin.
S’ nuar dh’fhailingeas mo bhuaidhear, smi doll thoir suas an deo,
Cha dean Righ na ’n uamhas, mo sgaradh uat ’s thu beo,
Nuar bhios mo chride failling smi fagail glean nan deor,
Bo mhath an leabaidh bhais sud bhi ann sa nait bhaig Eoin.
S’ mo dhuisgeas mi na iamhaidh, fo dhian sa ’n lath mhor,
Se fein na sgail ’s na ghrian dhomh, ’s mi riaruichte gu leor,
Chaithinns ann an t-sioraidheachd, ’s cha ’n, ioraidhean tuillaidh gloir,
Ach suidh sios fo sgail son an t-ait an sa ’n robh Eoin.
An t-aonn ni Feumail.
SE gradh an t-saoghail is gaol na feola,
An Iodhail-Aoraidh chaidh thaobh le moran,
Se dh’fhag iad faon ma ’n fhear-saoraidh ghloirmhor,
’S thug dhionnsaidh bhais iad gun Dia ’s gun dochas.
Ach roinich Mairi an t-aonn ni feumail,
Bhios feadh na sioruidhachd a’deanamh feum dhi,
Nuar sgair am bas o gach ni fon ghrein i,
Bha cuibhrean buan aic sa ’n uan chaidh cheusadh.
Bha Mairi ’s Martha sa ’m brathair Lazarus,
Na ’n truir bha ionmhainn le Ios o Nazaret,
Bha iad maraon a toirt caidridh bla dha,
S’ bha ’n cridhe taomadh le gaol ’s le gradh dha.
Bha Mairi deonach bhi ’n conaidh g’eisdeachd,
Nam briathran grasmhor bha bla o bheilsean,
Shuidh i fo sgailsan us dh’fhas i eibhinn,
Us chaill i cail do gach ni fon ghrein so.
Se bha i g’eisdeachd o bheul fear-saoraidh,
Ma ’n aonn ni feumail ’s cha leir do dhaon e,
Us chail i cuimhn air gu ’n robh i ’n saoghal,
Sa ’m feum a mhuinntir bhi ’n conaidh saorach.
Se so bo chomhradh dhi ris an t-saoghal,
Cha ’n fhear do sholasan dhomh na plaoisgean,
Tha manam solasach ann na ghaolsan,
Us ’n maisich dhomh e na clann na ’n daona.
Na duisgaidh n dras e tha ghradh gam lianadh,
Oir s’ fasgadh bla o gach storm us sian e,
Se n’ tuisge beo e nuar bhios mi cianail,
S’ nuar thig an’ toir orm se m’ baile dian e.
A’ Mhartha, Mhartha, nach eisd u bhriathrean,
O ’n ’s fhear na ’n tor iad ri bhi ga ’n ioraidh,
Nach sonadh ’n tait bhi gu brath na fhianais,
Sealbhach a lathairachd trid al na siorruidhachd.
Ach dheiraich Martha us chuir i seol air,
Gach ni bha feumail bha speis co mor dhaibh,
Us bha i stri ris gach ni bhi ’n ordudh,
Us uaillsean Israel aig a bhord aic.
Ach chaill i temper us dh’fhas i feinail,
S thuirt ri fear saoraidh mo thug u speis dhomh,
Nach d thoir u ordaidh do Mhairi eiridh,
S’ bhi deaneamh comhnadh us moran feum air.
O Mhartha, Mhartha, se thuirt e fein ri,
Tha iomaid ni gad chuir troimh-clieile,
Ach feuch nach dibir u ’n taon ni feumail,
Dh’fhag Mairi siochail on si bha ’g eisdeachd.
’Se ’n t-anam ailegan airaidh chreutair,
’S mo bhios e tearuinnt se t-aon ni feumail,
’Sa ’n dream a dh’fhagas e fo naneibhainn,
Bith bron ’s bith bas ac’ gu brath na dheidh sin.
Thainaig am bas air na h-uile chreutair,
’S tha truaigh fas anns na h-uile ceum dhoibh,
Ach nis tha slainnt anns an Ti chaidh cheusadh,
Co saor sa s’ail leibh do ’n dream a dh’eisdeas.
Se ’n taon ni feumail bhi faighail eolas,
Air Uan De Phaidh an eirig mhor sin,
Le chorp ga reubadh us fhuil ga dortadh,
’San shaor e shluagh o gach truaigh us doruinn.
So ’n taonn ni feumail nach treig gu brath iad,
Ni maith ’s gach ceum dhoibh ’s theid trid a bhais leo,
Bhios feadh na sioruighachd na tobair slainnt’ dhoi,
Toir sonas buan doibh nach cualas aichadh.
Beatha an Duine.
THA guth Iehovah ’g radh Eigh!
Tha gach feol mar am feur,
Sinn uille suithail le ceumanaibh luath,
Mar neach ag innseadh a sgeul,
Tha nar tiom fo na ghrein,
Tha sud toir cunnt dhuinn gur feur an sluagh.
Bio se sa mhadainn fo bhla,
’Sa nis mar lilie aig fas;
Na mar na rosan us ailde snuadh,
Ach shearg an duillegg gun dail;
’S dh’fhalbh a mhaise dheth mo thrath,
’S gann gun d’fhuiraich a bhla car uair.
Tha sinn mar fhaileas co dhiu,
Gun ni ach sealladh na suil
Gabhail seachad mar smuid theid suas;
Theid sinn thaireis gun dail
Mar fhaon fhaileas na sgail,
An diu air thalamh ’sa marach ’s an uaigh.
Tha sinn air turais si sgi
Car oidhche fuirach ’s an tir,
San tigh mhor ’s nach eil sith na doigh:
’S aig bris na faireadh a ris,
Tha sinn a fagail gach ni
’S cha ’n fhaic iad tuillaidh sinn an tir nam beo.
Tha sinn aig eiridh on uir,
Thoirt aon sealladh le ’r suil
Air sluagh tha siuthal gu dlu ’s na roid:
’S ’n uair gheabh sinn sealladh do na ghleann,
’S na h-uile diamhanas a th’ann;
Tha sinn a falach nar ceann fo ’n fhoid.
Tha ’nar beath air a roinn,
Mar aisling na h-oidhche;
Tric fo thrioblaid us roinn do shith:
Ach ’s beag an ceum a ta ann,
’S bith nar reis aig a ceann,
Feuch ’s bruadar a thann ’s gach ni.
Dh’fhalbh Methusla fein,
Ruidh e dlu anns an reis,
Dh’fhalbh a neart agus gheil e do’n uaigh:
’S dh’fhalbh na linnean gu leir,
’S an dream a b’ainmail fo’n ghrein,
’S tha sinn dol air an deidh gu luath.
’S ma fhuar iad eolas air gras
Thug dhoi dochas na’m bas,
Tha iad sonadh gu brath ann an sith;
Ach ma ’se thachair na ait
Nach robh aca ach sgail,
Cha chuir iad ceart nis na dh’fhag iad cli.
O manam be sgi!
Dheth gach faileas is ni
Tha u facinn ann an tir na’m beo;
’S taisg t-ionmhas san tir
’Sa’m beil sonas gun chrich,
Dean do chuibhrinn do Righ na gloir.
Dean do roigheann gach uair
Dheth bhi leanntuinn an Uain,
Anns gach ceum anns na ghluais e fein:
’Se Fear-saoraidh na’m buaidh,
Thoir do ghaol da gach uair
’S biodh do chridhe dol suas na dheidh.
Bios e dhuit na bhaile dian
O gach storm agus sian;
’Sni e do sgeadach gu sgiamhach ur;
’S do chionnta salach gu leir
Ni e’m falach e fein
O radhrac ro gheur a shul.
Ma ’s neach u ’s am beil cial,
Na bi ’s socrach do mhiann
Air ni nach dean dian dhuit thall;
Ciod an tairbh ann duit fein
Ged fhaidh u’n saoghal gu leir
Ma bhios t-anam ’s tu fein air an call.
Thus tha og ann do lath
Gabhsa eolas air gras,
Ma’m bi do chridhe an sas ann sa ’n t-saoghal:
Gabhsa tlachd ann na thra
Ma ’san tig ort am bas,
Na ma ’n caill u do chail leis an aois.
’S thus oganaich threin,
Na dean uail asad fein;
Lean an t-Uan agus geill na thra:
Tha ’m bas a sior tighinn ma ’n cuart,
’S gad dhean us stri bheir es buaidh,
’S bheir e sios u do ’n uaigh mar chach.
Na ma ’s maideann u thar
Bhi ni ’s boidhche na cach
Cha ’n eil do mhaise ach mar bhla an fheoir:
Gabhsa tlachd ann an Dia,
’S gheabh u mais agus sgiamh,
Gu bhi soillseach mar ghrian ann an gloir.
’S ma thug an aois dhiot do threoir,
Na idir an-shocair mhor
Is ma ’s ail leit bhi og a ris,
Teich gun dail dhionnsaidh ’n Uain,
’S bheir e gras dhuit bheir buaidh,
Gad a bha u air a bhruaich dol sios.
’S ma tha u seachranach truagh,
Gun chuid gun cairdean ach fuar,
’ S gun mheall na sgailean u uair no dha;
Thoir do ghaol nis gu mor
Do ’n Fhear-saoraidh tha beo,
’S bios tu saibhair gu leor aig a bhas.
’S gad robh do ghraidhnachas mor
Le onair, saibhras, us gloir,
Cha ’n eil annad ach feoil fo bhla;
’S mar bheil t-Fhear saoraidh se beo
’S mar e neimh do thigh stor,
Bios tu falamh gu leor aig a bhas.
An Fhois Shioruidh.
NACH sonadh suaimhnach an sluagh a dh’fhag sinn,
Theich as gach truaigh ’s chaidh suas gu Pharas;
Lean iad an t-Uan ’s iad air chuart ’s an fhasaich
Is dh’fhag sud suaimhnach aig uair a bhais iad.
’Se ’n fhuil chaidh dhortadh thug coir tre ghras dhoibh
Air beo-dhochas nach deach a narach;
Thug fuil an Uain tuilleadh ’s buaidh na’m bas dhoibh
’S gad fhuar an uaigh iad b’e ’n leabaidh thamh i.
’Nuar chuir iad cul ris gach duil fon ghrein so,
Dh’fhosgail an suil an an duthaich neamhaidh,
Seinn Halleluiah, sa chliu na ’m beil san,
’S tha saoghal ur dhoi a nis air eiridh.
Tha fois o’n t-saoghal ’so chorp a bhais ac,
’O chionnt ’so dhaorsa ’s eagal trailleal,
’S o ain mhiannaidh mi-rianail laidir,
’S o smuianntean diamhan bha riamh ga ’n sarach:
Ach feartaidh ghaoil dh’fhosgail geat na ’n gras dhoibh
’S cha deach mi-naomhachd a stigh ri ’n sailean;
Se ’n fuil thug saorsa dhoibh srinn glan a’ naduir,
’S tha fois bi-bhuan ac on truailleachd ghraineil.
Bha Satan an toir orr’s bha saighdean geur aig,
’S droch shluagh air ordaidh gu bhi ga ’n teumadh;
’S tric chrith am feoil ’n uar a bhiodh e beucaich,
’S bhiodh tuillteann mor a dol air an deigh leis.
Ach thug iad buaidh, ’s chaidh iad suas gu Pharas,
’S tha comhnaidh bhuan ac ’s an daighneach laidir;
’S cha tig droch shluagh ann na buaradh Shatain,
Tha fois us suaimhneas gu buan ’s gu brath ac.
Mi-chreideamh laidir, cion-cail, ’s mi-churam
Theich sud mar sgail, nis ’s tha sealladh suil ac;
’Sa chogais b’abhaist a bhi gan sgiursadh,
Chaidh tost le bhas or ’s gu brath cha duisg i.
Cha tig fear fiachan a giaraidh paidhe,
Na bagran fiadhaich o bheinn Sinai:
Tha ceartas riaraicht ’s an lagh air ardach,
’S tha fois gu sioraidh fo dhion a lathairachd.
Cha bhuail tinn iad na airc na eiginn,
Na tart na sgios iad, na teas na greina;
Na bas na bron, ’s cha bhi caoidh na eigheach,
Ach fois bhios sioruidh ’sa ghrian air eiridh.
Stric chuir e smuaineach air sluagh na h-oighreachd,
Gu ’n tigeadh glaodh or ma mheadhean-oidhche,
’S nach biodh an lochran air sheol na soillseach,
Na deis thoir codhail do dh’Fhear na Bainnse.
Nis tha ’m Fear Poisde ac ’s iad beo le lathairachd,
’S iad nis co sgiamhach ’s bo mhian le ’n cairdean;
’Us slainnt as ur tighinn o ghnuis an Ard-Righ,
’S iad sonadh suaimhnach gun luaidh air bas ac.
Fhuar iad Sabaid a nis bhios sioruidh,
’S coinnidh nach sgaoil ’s am beil gaol neo-chriochnaiht;
Theich na neol ’s laithean bronach cianail,
’S tha sonas mor ac ’sa ghloir ga ’n lianadh.
Nach truagh do riri an sluagh ni tair air,
’S nach creid na fhirinn an lath na slainnte;
Gun fhois gun sith ac ’s an tiom ta lathair,
’S biodh bron us truaigh gu buan ’s gu brath ac.
’Se dream gheabh coir anns an fhois neo-chriochnach
Fhuair sealladh mor air an cunnairt shioraidh;
Ach fhuar iad eolas air gloir na Trianaid
’S dhag sud iad oirdhearc le maise na Diadhachd,
Oran do’n Uaigh.
BHEIR mi ’n dan so dhuit uaigh
On a tha u gun truas;
’S tu dh’fhagas iomad gruaidh fo dheor;
’S gad tha milleanu sluaigh
Air an ioman fo ’d bhruach,
Cha d’thuirt u fhathast gun d’ fhuar u gu leor.
’S ann tha t-iartas co mor,
’S nach bi u riaraicht ri ’d bheo;
Tha u giaraidh do choir gach lo;
’S nuar chnamhas tu gu leor
Eadair chnamhinn is fheol,
Tha u rithis, an toir air cach.
Tha u eolach air a bhas
Dol an conaidh ri shail,
Deanamh coir air na dh’fhagas e marbh:
’S ann an lath na dha
Bheir u leit iad gun dail,
Gad robh an dealachdain gabhaidh searbh.
Thug u ’n leanaibh o Mhathair,
’S cha do ghearran u cas;
’S cha bu truagh leit a rann na gaoir,
Gad bha broilleach co bla,
’Sa cuid ciochan co lan,
Thug u uath a h-ailegan gaoil.
’S gad robh ’n teaghlach a fas
Lan caoimhnas us blas,
’S iad na ’n oighreachan ard air sith,
Thig u fein us am Bas
Leis an sgeul nach bi bla,
Ga ’n cuir o cheille an dras sa ris.
Chunnaig mis u co fuar
’S clann a’ ranaich aig do bhruach;
Thug u ’m Parantann uauth le cheil,
’S ann a dh’aithne u gun truas
Iad dhol dhachaich gu luath,
Gad dh’fhag u’n dachaidh co fuar nan deidh.
Bhrist u ceanghlaichean gaoil
Eadar mhnathan us daoin,
’Nuar bu tairis an gaol ’san speis;
Thug am bas dhiu an snuadh
’S rinn us an caramh fo ’d bhruach,
Air choir ’s gu ’n d’fhas iad gle fhuar da cheil.
Thug u leat na cinn iul
’S d’hag u ’n Eagalais bruite,
’Sa luchd teagaisg sa ’nuir nan tamh:
Bheir thus leit do chuid fein
Gad a sgapadh an treud,
’San dream bha ’n caidraidh a cheil co bla.
’Sa mhiad ’sa bheir u fo chis
Cha neil deir ort a ris;
Ni u ’m pronnadh co min ri luath,
’S cha ’n ainich neach a chuid fein,
Ni u maisgadh le cheil
’S ann mar sud tha u fein gun truas.
’S gad a ghleachdadh an sluagh
Chum a chreach a thoirt uat,
Thug u ’n dreach dhiu san snuadh sa ’n gloir;
’Nuar a dh’fhosglas do bheul
Tha u salach us brein,
’S cha neil ni an do chreutair beo.
Ach nach cuimhne leit fein
Neach a bailt bha fo’n ghrein,
Fhuar e bas on chaidh cheus air crann;
’S ’nuar a luidh e san uaigh,
Rinn u caithream le buaidh
Mar nach be ceannard an t-luaigh bhiodh ann.
Ach an ceann na ’n tri lath,
’S ann a dhuisg e an ard,
’S chuir e chul-taobh ri bas us uaigh:
Be sud madainn nan gras
A thug fuasgladh do chach:
Caite a nis ma ta ’m beil do bhuaidh?
Thig e fhathast ann an gloir,
’Sud an lath bhios mor:
Bheir e gaoirm ’s thig gach feol na lathair;
’S theid thus a rannasch gu cul,
’S na mairbh a thionndadh on uir
Bi moran ann diu ’s iad a bruchdadh an ard.
Eiridh ’n dream fhuair gras
Ann an lath na slainnt,
Theid an sgaradh o chach san uar,
’S bhios iad sgiamhach gu leir
Ann an Iamhaidh Mhic Dhe,
Mar a ghrian anns na speuran shuas.
Laig sa truailleachd us bas
Theichaidh uath nis gun dail:
Cliu do ’n Uan on se ’n Slanuighear trein,
’Se their iad ris an uaigh
Cait a nis bheil do bhuaigh;
Bhios iad seinn sud dol suas gu neimh.
A Chulaidh Sgiamhach.
THA ’n t-al so fas co diamhan
’S iad ruidh air sgiamh na feol;
Gach fasan ur ga iaraidh
A lianas iad le prois:
Bios iad a deanamh uail as
Mo bhios an gruaidh mar ros,
Mo sgeadeachar le side iad
Le olainn mhin ’s le or.
Gad d’fhaidhainn bhi co oirdhearc
’S gur mi bu bhoich a snuadh,
Tha sud mar bhla ’n fheor, us
Cha mhair a ghloir car uair;
Gad sgeadaichar le side mi
O’n durag dhioblaidh fhuar;
’S cha neil an cach ach aodach
A thilg na caoraich uath.
Cha ’n fhag sud mi co boidhach
Ri neomhnaidean na ’n gleann;
Theichaidh e mar sgail uam
’S cha bhi e marach ann;
Bheir An-shocar an snuagh dhiom;
’S ni ’n uaigh a chuir gu ceann,
’S cha ’n aithnaidh neach a chi mi
An sin gur mi bhios ann.
Ach se dh’fhagadh sgiamhach sinn
Iamhaidh ’n Ti as Aird;
Firinnteachd us naomhachd,
’Us gaol ’s na h-uile gras:
Umhlachd an Fhir-saoraidh,
Bhi dhuinn mar Eodach slainnt,
Sud firrinteachd bhios sioraidh
’Us sgiamh nach cail a bhla.
’Se sud a chulaidh sgiamhach
Co geal ri grian na ’n speur,
’S bha comhairle na Trianaid
Ga cuir an rian gu leir:
Cha ’n fhuilluing i a caramh
’S gu brath cha bhi na fheum,
Sann cheannuich Criosd le bhas i,
Gu toir da chairdean fein.
Freagras i sliochd Adhamh,
Gach Inbhe us ait us duil;
’Us tha i saor tre ghras dhoibh,—
Gach neach le ’n ail thighinn dlu,
O manam faidhsa pairt dhi!
Gu brath si ’n trusgan ur;
Freagras i an dras’ u,
’Sa bhas, ’us aig a chuirt.
Cuir uat gach luidag ghranail
’Us paisg an ard u fein;
’Ta chulaidh-sgiamhach ail so
Bheir bar air cach gu leir:
Gad sgeudaichir le or iad
’S tu ’s ghlormhor na iad fein,
Na lilean ’s na rosan
’S tu ’s boich na iad gu leir.
’Nuar chuireas tu an ard i
Bheir i dhuit slainnt sa’nuair,
’S cumaidh i co bla u
’Nuar bhios cach co fuar.
Bheir i nuas an t-ardan,
’Us ni i tair air uailse;
’S theid gaol air feadh do nadair
Bheir iochd us blas ma ’n cuairt,
Le bhi ga caith ’n conaidh
Cha chaill i gloir na li,
’S ni i ’n lath Phosaidh
Da nighinn og an Righ,
Ni i san ’n lath mhor dhuit
’S am fianais sloigh gach tir,
’Us sailseachas tu ’n gloir le
Fad sioruidhachd mhor gun chrich.
Gad thig an aois mu ’n cuart ort,
’S gad dh’fhalbh do shnuadh gu leir,
Ni i d’oig anuaghach
Mar Iolar luath na ’n speur;
Neartaicheas i sh’luagh san
Nan siuthal suas gu neimh,
’Sa ’s ioghantach ri luidh leam
Gach buaidh tha innt gu leir.
’Sa ’n saighdear chuir an ard i
An lath bhlair us cruas,
Dh’fhag e co dana
Gun eagal bais na truaigh;
Cha druighe saighdean Shatan air
’Us lotan bais cha d’ fhuair:
’S ann phill e dhionsaidh Pharas
Le gairdheachas us buaidh.
’S ann le bha mnathan Diaghaidh
Gan deanamh sgiamhach fein;
’S ann le sud thug Sarah
Am bar air cach gu leir,
’S gach nighinn thaic sa ’n fhasaich
’S iad ’s ailt tha fo na ghrein;
Tha spioraid tairais bla ac
’Sa gras a thig o ’m beul.
’S an dream a chunnaig eon diu
A seinn an oran nuadh,
Bha gach aon na ’n oighean,
’S iad seinn air gloir an Uain;
’S aig radh cliu gu brath dha
’S ghras thug dhuinne buaidh;
’Sonaidh sinn le lathaireachd.
’S air bas cha chluinn sinn luaidh.
Stri ann an Zion.
BIODH iomadh teangaidh comhladh
A seinn air gloir an Uain,
’Nuar thionalas gach seort diu
Air comhnard Shion shuas;
Gach aon a stri ri chairdean
Co ’s airde gu dol suas,
’Us co bheir barachd gradh dha
Airson a ghrais a fhuar.
Biodh leanabh o’n a chich ann
’Se stri ri guth bhi Ard,
’S aig radh cliu gun chrich dhuit
Thug mise tir sa ’n aits;
Is sgeadaich mi le firinnteachd
Le slainnt us sith tre ghras,
’S cha deach mo chlaoidh le ni, dheth
Na trioblaidean fhuar cach.
Their oganach’ measg chaich ann
Gu h-ard le moladh mor,
’S mise an comhar araidh
Air gras ’nuar tha mi beo;
Bu leanabh dha na bhas mi
Bha ’g aichadh Righ na gloir:
’S ann phil e mi ’nuar bha mi
Gun tuigs gun slainnt gun treoir.
Biodh seann duine liath ann
’Se giaraidh ghuth bhi Ard,
Molams e gu siorraidh
’Sann dhomh a b’fhiach thair chach;
Chaith mis mo neart ’s mo bhliadhnaidh
’S mi riabh do’n pheac mo thrail,
’S ann aig an aon uair-deag, oirmsa
Dheirich grian na’n gras.
Biodh cinnich dheth gach seort ann
A giaraidh gloir thoir dha,
Airson gun sgap e an ceo sin
A ’chodaich iad gach la;
’S gun sheol e dhoibh na trocair
An dochas chuir na bhas,
’S gu cinnt their iad bu choir dhuinn
An gloir thoir dha thair chach.
Biodh Pharasaich fhuar trocair
A seinn an oran nuadh;
Be ’n uibraichean an dochas
Ach thug e’n clochd sinn uath,
’S bo mhiann leo bhi toir gloir dha
O ’s cionn gach seort do’n t-sluagh,
O’n shaor e le fhuil fein iad
’S gach fasgadh breig thoir uath.
Thoir leam gur binn an ceol sud
’S gur solasach an stri;
Bios iad a sealltuinn comhladh
Air maise us gloir an Righ;
Toir cliu us onair Ard dha
’S gu brath cha bhi iad sgi,
Millteadh do mhillteadh ’n aireamh,
Ach ’s aon a mhain an cridh.
Ach anam rannsaich fein sud
’S na meall u fein gu truagh;
Mar dean u ’m peac a threigsinn
’S mar toir u geil do ’n Uan,
’S mar bi thu air do naomhach
An taobh a bhos do ’n uaigh,
Cha bhi u measg an aireamh
Bhios seinn gu brath le buaidh.
An Soisguel.
’SE ’n Soisgeul siorruidh a naigheachd ghlormhor,
Tha’n obair criochnaicht’, na dh’iarr Iehobhah,
Tha ceartas, firinn, tha sith a’s trocair,
Toirt slaint’ do dhaoine ’se saor gu leoir dhoibh.
’S ghaol bha siorruidh ’s an d’ rinn e toiseach’,
Gu’n dthigeadh Iosa le slainte mhor dhoibh,
’S an uair ghabh e naduir gu’n phaidh e ’m fiachan,
A’s thug e dioladh le fhuil a dhortadh.
Tha gaol ri luaidh ann ’s cha chualas aicheadh,
Righ nan sluagh dol an deigh nan traillean,
’S ag eigheach sith, ’s O nach pill sibh chairdean,
’S gu’m bi mo ghaol duibh co saor ’s is aill leibh.
Mar thog Maois an nathair ’san fhasach,
’S ’n uair sheall an sluagh ris bha buaidh a’s slaint ann,
Mar sin tha’n t-Uan sin Mac Dhe air ardach’,
Thoir slaint do dhaoine le saor ghrasan.
B’e ’n sgeul ro-bhin n e air tighinn do n fhasach,
Gu sluagh tha tinn leis na lotan basmhor,
Tha leigheas cinnt ann, is leigh grasmhor
Nach d’fhailiug riamh, a’s cha d’ iarr e paidheadh.
’S trompaid Dhe e ni feum do thrailean,
’S do luchd nam fiachan nach uarrainn paidheadh,
Bha ceangailt’ riamh ann an’cuibhreach Shatain,
’S gum faigh iad fuasgladh ’san uair ma’s aill leo.
’Se ’n sgeul ro-phriseal bheir sith a’s suaimhneas,
Do ’n dream tha sgith a’s fo throm uallach,
Tha ’n lagh ’g an diteadh ’s ’g an sior-ruagadh,
Gu fois a’s sith ann am fuil an Uain sin.
Tha’n t-aran beo ann ’s gu leoir ri fhaotuinn,
Do n’ mhac stroghail bha deoth’l nam plaosgan;
Tha Athair trocaireach ruith ’na chodhail,
A’s bheir e pog dha le moran faoilte.
’Se ’n sgeul ro-ghrasmhor do ’n aireamh sluigh sin,
A threig an cairdean ’s rinn cach chur suarach,
Gum faigh iad peath’raichean agus braithrean,
’S bithidh ’n Ti a’s aird deanamh cairdeas buan riu.
So sgeul air fireantachd fhior-ghlan aluinn,
A’s robe righail theid sios gu’n sailean,
’S na fhuair am fireantachd fein ro ghraineil,
Sud trusgan dubailt bhios ur gu brath deoibh.
Tha ’n Soisgeul priseal do’n Ti chaidh sharach’,
Air son bhi dileas air taobh an t-Slanuighear:
Cha bhi dith air dol trid na fasaich,
’S tha ’n saibhreas fior aig an tir IMMANUEIL.
A chairdean’gaol nis nach gabh sibh coir dheth,
’S gum bheil iad saor dhuibh na nithe ghlormhor,
O’n ’s rabhaidh fhior e, cinnt’ ’s mor an diteadh
Do ’n dream ni di-meas air slaint co mo ris.
A’ CHRIOCH.
A . Russell, Printer, Courant Office, Elgin.
title | Dain Spioradail |
internal date | 1837.0 |
display date | 1837 |
publication date | 1837 |
level | |
reference template | Grannd Dain Spioradail %p |