REUL-EOLAS: ANNS AM BHEIL CUNNTAS AIR CUSPAIRIBH AN RIAN-GHREINE; AGUS Fath-sgriobhadh, ’S AM BHEIL GEARR-SHEALLADH AIR NA REULTAIBH SUIDHICHTE.
LE DONNACHADH M. CONALL.
“Riamh o chruthachadh an t-saoghail a ta .... a chumhachd siorruidh agus a Dhiadhachd air am faicinn gu soilleir, air dhoibh bhi so thuigsinn o na nithibh a rinneadh.” —Rom i. 20.
[2] [3] [4]ROI’-RADH.
Cha ’n e beachd árd air a chomasan féin a thug air an Ughdair an leabhar so a chlò-bhualadh. O cheann ioma bliadhna, chuir e duilichinn nach bu bheag air, nach robh, am measg gach leasachadh Fòghluim a bha air a chuir air aghaidh ’na dhùthaich, Oilean-Gàidhealach a bhràithre, a’ cumail ceum air aon mhodh ri Oilean nan Gall. Tha Oilean nan Gall gu sònruichte air a leasachadh le leabhraichean a bhi air an cuir nan laimh, anns am bheil eòlasan an là ’sam bheil sinn beò air an cuir f’an comhair air mhodh so fhaicsinneach agus bhuannachdail. Cha ’n fhaodar, mo thruaighe, so a ràdh do thaobh Oilean-Gàidhealach ar luchd-dùthcha. Mar abhainn a’ ruith gun atharrachadh, tre linntean, anns an aon leabaidh, tha Oilean agus leabhraichean ’nan Gàidheal, ’nan cainnt fein, an t-aon ni. Mar dhorus a tha air gluasad o bhliadhna gu bliadhna, anns an aon suidheachadh air a lùdanaibh, tha ionnsuchadh nan Gàidheal air bheag
’Se rùn an Ughdair anns an obair so a bhi ’togail suas meangan do aon do ghéugaibh maiseach, torrach an Eòlais choitchinn, a chum ’s gum biodh sgéimh a measa air a faicinn, agus déidh gu blasad dheth air a gintinn. Cha ’n urrainnear àicheadh nach ’eil ’n ar là-ne bòrd do chuirm bhlasda air a sgaoileadh air beulaobh nan Gall ’s nan Sasunnach ’nar n-Eilean, agus cha’n eil sinn ga mhaoidheadh orra, gabhadh iad an sàth dhith; ’s mar is mò a
Tha ’n t-Ughdair an dòchas, gu’n dean eadhon an oidheirp lag so a dhearbhadh gu soilleir, gu bheil comasan aig ar cànain a dh’ fhaodas a bhi air an
“Molaidh gach àl do ghnìomhara
do ’n àl a thig nan déigh;
Is t’oibre cumhachdach ro-mhòr
sior-chuirear leo an céill.
Urram do mhòrachd ghlòrmhoir féin
cuiridh mi ’n céill gu beachd;
Air t’oibribh iongantach gu léir
labhram, a Dhé nam feart.
Labhraidh daoine eil’ fòs air neart
do bhearta uamhasach:
Is mise foillsicheam gu mòr
do mhòrachd iongantach.”
SALM. cxlv. 4–6.
ABAIREADHAIN, Mios deireannach na bliadhna, 1856.
title | Roi’-ràdh |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |