[9]

AN RIAN-GREINE.

’S òirdhearc da-rìreadh an sealladh a chithear leinn, an uair air oidhche bhòidheach gheamhraidh a ghabhas sinn beachd dhùrachdach air an sgàil-bhrat bhreagha sin a tha os ar ceann. Chaneil sinn ullamh gu bhismuainteachadh gu bheil againne ar còmhnuidh air reul, eadhon cosmhuil ri cuid diubh sud air am bheil sinn ag amharc anns an iarmailt dhealraich sin. Faodaidh gur teagasg annasach a than so don leughadair, agus gu bheil inntinn, mar gum bann, adiultadh a bhi ga ghabhail a stigh. Ma tha aig an àm so achùis mar sin, tha sinn an dòchas mun dtheid e gu ro-fhada air aghaidh anns an leabhran so, gum bi e ullamh gu bhig aideachadh gur rionnag an talamh so, cosmhuil ri cuid diubh sud, a thadeanamh nan speuran co maiseach, mar le neamhnuidean luachmhor.

A chum na crìche so gabhaidh sinn air tùs dlù-


[10] bheachd air abhall so do chruitheachd an Uile-chumhachdaich air an do shuidhich esan ar cuibhrionn.

title1
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page