[56]

A’ GHEALACH.

Air dhuinn mar so beachd aithghearr a ghabhail air cuid do na nithibh is cudthromaiche agus is


[57] druidhtiche a bhuineas don chruinne-, ann an co-cheangal ri Reul-Eòlas, tilgidh sinn a nis sùilean ar n-inntinn thairis air 240,000 mìle do fharsuingeachd na cruitheachd a dhionnsuidh na Gealaiche.

Bha mòran do aire achinne-daonna anns gach linn don t-saoghal air a thionndadh a dhionnsuidh achuspair so. e nach eil atoirt fainear, le taitneas, cruthan na cuairt-réil so? an inntinn a tha co slaodach, codalach, ’s nacheil ibeachdachadh oirre acinntinn on ghealaich ùir gu gealach làn, agus alughdachadh, céum an deigh céim, on làn-ghealaich gu gealach ùr a rìs?

Tha aghealach gun tàmh aleantuinn an talaimhna chuairt timchioll na gréine. Tha itoirt soluis duinn nuair a thaghrian as an t-sealladh, agus mar so atoirt air falbh o thiamhaidheachd agus ogluidheachd na h-oidhche. Chaneil aghealach gu dearbh asoillseachadh le a solus féin: ’se thinnte ball dorcha, agus chan e ball soillseach mar aghrian, agus mar so an solus a tha sinn afaotainn uaipe-se, ’s ann on ghréin a tha eteachd; ach air dha bualadh oirre-se, tha e air a thilgeadh air ais uaipe a chum an talaimh. Faodaidh sinn mìneachadh fhaighinn air an ni so le bhigabhail sgàthannar laimhnuair tha aghrian adealradh, agus atoirt fainear ciamar a than solus an toiseach abualadh air an sgàthan, agus an sin air a thilgeadh air ais, gus a bheil esoillseachadh abhalla fachomhair. Air amhodh cheudna tha solus na gréine abualadh air aghealaich, agus air a thilgeadh air


[58] ais uaipe-se a dhionnsuidh an talaimh. Tha so soilleir chruthan achuspair so, mar a chithear leinn iad ann an

Dealbh 10.

Leis an dealbh so tha air a leigeil ris dhuinn cionnas a tha aghealach acinntinn on ghealaich ùir gu gealach làn, agus atraoghadh on ghealaich làin gu gealach ùr a rìs.

Tha G ariochdachachadh na gréine, T an talaimh, agus A B C D E F G H I aghealach, ann an ochd cruthannacuairt timchioll an talaimh. Anns achuairt is dlùithe air T chithear i, mar a tha i da-rìreadh air a soillseachadh leis aghréin, agus anns achuairt is faide mach chi sinn a coslas mar a tha sin air fhaicinn on talamh. ’Nuair a tha a suidheachadh dìreach eadar aghrian agus an talamh mar aig H, chithear gu bheil an dara leth


[59] dhith air a shoillseachadh mar anns gach suidheachadh eile, ach chaneil mìr don leth shoillsichte air fhaicinn on talamh: ’se a mhain an leth dorcha a tha air a thionndadh ris, agus mar so chan fhaicear i idir aig an àm so. ’S e so an suidheachadh anns am bheil inuair a tham mìosachan (Almanaic) ag ràdh gu bheil gealach ùr ann. Air dhith gluasad air a h-aghaidh gu I, tha oisinn bheag don taobh shoillsichte air fhaicinn on talamh, agus chithear leinn an cumadh a thasachuairt a mach. Aig A tha dara leth an taobh shoillsichte air fhaicinn on talamh, agus tha nis againn acheud cheithreamh. Tha aghealach mar so acinntinn gus abheil i aig C mu choinneamh na gréine air taobh eile an talaimh, agus anis than taobh soillsichte gu h-iomlan air fhaicinn on talamh. ’S ann anns an t-suidheachadh so a tha aghealach làn againn. Air an aon mhodh anns an robh e air fhaicinn leinn gun robh aghealach acinntinn o H gu C, air acheart mhodh tha itraoghadh, céum an deigh céim, o C gu D, o D gu E, agus mar sin air a h-ais gus aghealach ùr aig H a rìs.

S e astar na gealaiche on talamh 237,000 mìle. ’S e a tomhas troimhpe 2160 mìle. Tha mar so an talamh dlù air leth-cheud uair nis na aghealach. Ma tha luchd àiteachaidh air aghealaich (chaneilear asmuaineachadh gu bheil), than talamh air fhaicinn leo-san na ghealach tri uairean deug nis na tha sinnefaicinn na gealaiche.

Tha aghealach agluasad timchioll an talaimh


[60] ann an 29 làithean, 12 uair, 44 mionaidean. Tha icuir car dhith air a h-aisil anns an ùine cheudna. Do bhrigh gu bheil igabhail an aon ùine adeanamh cuairt timchioll an talaimh agus car air a h-aisil, chan fhaicear leinn ach an aon taobh dhith an còmhnuidh. (Tha e air fhaicinn gu bheil gealaichean nam planaidean eile mar an ceudna adeanamh cuairt timchioll orra-san, agus car air an aisil anns an aon tìm). Chaneil an taobh don ghealaich is dlùithe air an t-saoghal so idir gu h-iomlan dorcha. Tha esealbhachadh aon cheithir--deug solus na gréine, agus ceithir- deug eile solus-iasaid an talaimh.

Tha reuladairean, le gloineachan-amhairc cumhachdach, afaicinn beanntan gle arda air aghealaich, cuid diubh co ard ris na beanntan is a tha air an talamh, ’se sin mun cuairt do chuig mìle air airde.

Tha maitheas Dhé air fhaicinn leinn gu soilleir anns an ordugh a shuidhich a ghliocas-san an co-cheangal ris achuspair so Anns an t-samhradhnuair a than oidhche goirid, agus mar so gun móran feum againn air a solus, chaneil ig éiridh ach gle bheag an aird anns an adhar, agus air amhodh so gun ach gle bheag ùine a dealradh oirn idir. Ach aig àm agheamhraidhnuair a tha na h-oidhchean fada, agus as a h-aogais-se, chan e mhain fada, ach ro ùdlaidh, tha ig éiridh suas ard gu druim nan speur, agus air an aobhar so ùine nis faide acomh-pairteachadh ruinn da solus, air chor


[61] agus gu bheil leatha-sa, maille ris na rionnagaibh, ogluidheachd nan oidhchean fadalach so air a sguabadh air falbh.

Tha e air fhaicinn leinn gu bheil aghealach oidhche an deigh oidhche nis faide gun éiridh. Aig cuid do àmaibh tha uair an uaireadair do mhùthadh ann; aig àmaibh eile chaneil ann ach beagan mhionaidean. Tham mùthadh so nis lugha an àm an fhogharaidh na àm air bith eile. ’S aithne don roinn mhòr dor luchd leughaidh gu bheil aon ghealach ann aig an àm so, dan goireargealach bhuidhe na Féill-mícheil’; ’na h-éirigh-se chaneil do atharrachadh ann ach beagan mhionaidean. Tha so, gu sònruichte ann an dùthchaibh is faide mu thuath na Breatann, a chum mòr-fheum don tuathanach, oir tha etachairt aig an àm a tha esan gu saoithreachail atrusadh a stigh toradh an fhearainn. Tha air ionnsuchadh leinn o sheann leabhraichean gun dthug tuathanaich fainear an ni so, fada mun robh e air a chomharrachadh a mach le luchd Reul-eòlais, agus ann-san gun robh iad aleughadh mòr-chaoimhneas aChruithfhir, ann a bhi mar so acuimhneachadh orra, ’nuair a bha iad acruinneachadh dan saibhlibh lòn na bliadhna. Nach mòr da-rìreadh an tàirisneachd a tha Dia ataisbeanadhnachleachdaidhean ri clann nan daoine? “ e an duine gum biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gum fiosraicheadh tu e!”

title10
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page