[62]

DUBHAR GEALAICHE.

’Nuair a tha dubhar air aghealaich feumaidh gu bheil cuspair air chor-eiginn atighinn eadar i agus aghrian, a thacumail air an ais a gathan uaipe. Tha an dràsdagus a rìs an talamh atighinn dìreach anns an aon sreath eadar aghrian agus aghealach, agus mar so ag aobharachadh achoslais ris an canar Dubhar-Gealaiche. ’Sann a mhain aig àm na gealaich làin a tha an talamh atighinn eadar aghrian agus aghealach, agus air an aobhar so, ’s ann a mhain aig an àm so is urrainn do dhubhar gealaiche tachairt. Chi sinn cionnus a tha an ni so air a thoirt mun cuairt le

Dealbh 11.

Anns an dealbh so tha againn T, an talamh, atighinn ann an sreath dìreach eadar G, aghrian, agus g, aghealach, agus adorchachadh g gu h-iomlan. Tha e soilleir gur h-ann a mhain aig àm na gealaich làin is urrainn don ni so a bhitachairt;


[63] oirse so an t-àm a mhain, mar a chunnaie sinnan dealbh 10, a than talamh a tighinn ann an sreath dìreach eadar aghrian agus aghealach.

Bhiodhmaid ullamh gu smuaineachadh gun tachradh, do réir so, dubhar aon uairsamhìos; agus dheanadh e so, mur bhi gu bheil cuairt an talaimh aig àmaibh fo chuairt na gealaich, agus aig àmaibh eile os acheann. Bheirear fainear, chan e mhain gum feum aghealach a bhi air an taobh is faide air falbh don talamh on ghréin, ach mar an ceudna gum feum cuairtean na gealaich agus an talaimh a bhi dìreach fa chomhair a chéile, gun an aon a bhi os ceann an aoin eile. Chaneil so atachairt achna uaireannan, agus mar sin chaneil dubhar gealaich ann ach aig na h-uairibh sin.

title11
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page