DUBHAR GREINE.
Aig àm na gealaich ùir tha a’ ghrian, an talamh, agus a’ ghealach anns an aon sreath a rìs, ach anns a’ chùis so, an ait an talamh a bhi eadar a’ ghrian agus a’ ghealach, tha a’ ghealach a’ tighinn eadar a’ ghrian agus an talamh—a’ cumail air an ais cuibhrionn do a gathan, mar a’ chithear leinn le dealbh 12, agus mar so ag aobharachadh Dubhair air uachdar-san.
Dealbh 12.
Ris a so canar Dubhar Grèine. Cha ’n àbhaiseach le Dubhar Gréine mairsinn ni’s faide na ceithir mionaidean; an uair is maireannaiche e cha ’n fhaide an ùine na seachd mionaidean.
Mu’n do dhealraich solus eolais co soilleir agus co coitchionn air a’ chinne-daonna, agus a tha e ’nar n-àm-ne, gheibhte cuid do naimhdean a’ chreidimh Chriosdaidh aig an robh do ladurnachd a bhi ’cumail a mach gu h-ain-diadhaidh, nach bu mhiorbhuil idir an dorchadas a bh’ann an uair a bha’m Fear-saoraidh air a’ chrann-chéusaidh, ach Dubhar-Gréine àbhaiseach, a bha air a thoirt mu’n cuairt gu nadurra. Tha Ealdhain Reultaireachd a’ sguabadh air falbh na beachd so, gun aon seasamh fhagail aice; oir tha’n Ealdhain so a’leigeil ris, mar a dh’ ainmich sinn, nach comasach do’n dorchadas a tha air aobharachadh leis a’ ghealaich a bhi ’tighinn eadar a’ghrian agus an talamh, mairsinn, cha ’n e tri uairean, ach a mhain seachd mionaidean, agus mar an ceudna, nach comasach do’n ni so tachairt ach aig àm na gealaich ùir; agus tha dearbh fhios aig gach neach
title | 12 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |