[65]

A’ GHRIAN.

Bithidh sinn a nis ationndadh ar n-aire a dhionnsuidh a Chuspair òirdheirc, loinnear sin, is màthair-aobhair do gach gath soluis agus teas a tha air a shealbhachadh air gach cruinne a bhuineas don Rian-ghréine. Is tearc an àireamh do ar co-chreutairibh aig am bheil beachdan ceart agus eòlasach air aChruinne bhreagha so. Tha iad ag amharc oirre mar nach bu mhò i na beantag ag éiridh suas air uachdar nan speur an déigh . Chaneil faireachdainn aca gur e than so cuspair co mòr agus nach urrainn dhuinn amheudachd a chuir fan comhair air mhodh is comasach dhoibh abhreithneachadh. Ged a charnadh tu suas, muin air mhuin, muillion gu leth do shaoghail, gach aon diubh co mòr ris achruinne- so air am bheil sinnegabhail taimh, cha bhiodh am meall a dheanadh sud suas ach eadhon mu mheudachd na


[66] Gréine. Tha thu ullamh gu ràdh, Ciamar ma ta tha etachairt gu bheil ig amharc co beag anns an iarmailt? Tha mi afreagairt, Ciamar tha etachairt gu bheil an tigh-seallaidh air an rudha ud thall, nacheil beag no suarrachnuair tha thua dsheasamh aig abhonn, asealltuinn co dìblidh air dhuit triall deich mìle air falbh uaith? Ciamar tha etachairt gu bheil an t-eun rioghail sin, an iolaire, a thasealltuinn co mòrnuair tha in toiseach ag éiridh air a sgiathaibh, afàs co suarrachnuair tha ig éiridh suas gu h-ard anns an adhar, agus gun gabhadh tu i airson gobhlan-gaoithe no breac-an-t- sìl? Tha dearbh-fhios agad gur en t-astar a tha na cuspairean ud uait a thatoirt orra sealltuinn co beag. Co-chuir an teagasg ceudna ris an Fhear-shoillseachaidh àluinnan Lòchran dhealrach so; agus chan fhàilnich thu fhaicinn do bhrigh gu bheil esan co fada ri 95,000,000 mìle air falbh uait, gum feum da-rìreadh gur cuspair ro mhòr e, geda tha e réir coslais mar spot bheag air aghaidh na h-iarmailt. Thubhairt sinn gur e céin na gréine on talamh 95,000,000 mìle. Feuchamaid an urrainn dhuinn cail-eiginn do bhreithneachadh a bhi againn air ro-mheudachd an astair a than so. Gus an ni so a thuigsinn nis soilleire, seallamaid ciod an ùine a ghabhadh peileir gunna asiubhal on talamh a dhionnsuidh na gréine. Tha e air a ràdh gun siubhail am peileir so aig astar cuig ceud deug mìles an uair; agus gidheadh ghabhadh e seachd bliadhna aruith uainne ga h-ionnsuidh-se. Tha leth cheud
[67] mìlesan uair air a chunntadhna shiubhal cabhagach airson carbad-smùide air rathad iaruinn (chaneil iad a falbh co bras ri so an Albainn). A nis ged bu chomasach dhuit rathad iaruinn a shuidheachadh eadar sinne agus aghrian, ghabhadh an carbad so còr math agus cheud bliadhna acoimhlionadh an turuis, aruith a agus a dhoidhche. Sealladh eile air achùis so. Smuainich gun robh rathad mòr eadar an talamh agus aghrian. A nis gedbu chomasach do each ruith air an rathad so gun stad, co luath ri fichead mìlesan uair, fad deich uairean a h-uile latha, ( ’se sin cheud mìlesan latha) ghabhadh e tri-ceud-deug bliadhna mun ruigeadh e ceann na slighe.

Nach ro-anabarrach céin agus meudachd achuspair so; mur biodh dearbhachd orra nach fhaodar leinn cuir na aghaidh, bhiodhmaid ullamh gu bhi cunntadh so mar naigheachd fhaoin, gu bhi air a h-àireamham measg sgeulachdan na h-aimsir a dhfhalbh.

Ach theagamh gu bheil an leughadair ag ràdh, mar a chuala mi fear do mluchd-dùthcha ag ràdh, ’nuair a bha na nithe so air an cuir fachomhair, “Faodaidh muinntir labhairt mar a thogras iad air na cùisibh sin, ach chan eil enan comas aon chuid astar no meudachd na gealaiche no na gréine a thomhas, cia be air bith mar a chuireas iad sgleo far comhair ann am briathraibh.” ’S e theireamaid ri leithid so, Faicill bheag, na bi co cabhagach. Ged nach urrainn dhuinn gluasad


[68] thairis air an astar eadar sinn agus aghrian, gidheadhs urrainn sinn a thomhas acheart co cinnteach agus ge do choisicheamaid a h-uile ceum don ghrunnd. Fiosraich don bhalachan (no don phroitseach) ’san sgoil a tha gu math air aghaidh ann an cunntasanns an earann deth ris an abrar cunntas-tomhaisagus innsidh e dhuit gur urrainn esan an t-astar a tha eadar thaobh Loch-fìne, Loch-tatha, no Loch-nis a thomhas gun dol thar an Loch idir, acheart co cinnteach agus ge do sheòladh e thar an Lochsa thomhaiseadh e na h-uile ceum deth le sreang no driamlach. ’S ann ni eiginn air a mhodh cheudna is comasach dhuinn céin na gealaiche no na gréine fhaotainn a mach, agus sin air a leithid do dhòigh agus nach fag teagamh sam bith air inntinn na muinntir is urrainn na ceuman a thuigsinn, gu bheil an cunntas ceart.

Is co mòr an earbsa a thaig daoine fòghluimte tuigseach anns amhodh thomhais so, ’s gun ceannaich agus gun reic iad oighreachdan gun aon amharus do thaobh mearachd air bithnan cunntasaibh.

Nuair a bheir sinn fainear eadhon cuid do na nithe is urrainn speuradairean a roi’ -innseadh dhuinn, a tha gu teachd gu crìch ficheadan agus ceudan bliadhnan man tachair iad, cha dthig e dhuinn a bhi mi-chreideasach do thaobh an comasan a bhi leigeadh ris dhuinn leithid nam fìrinnean a chuir mi far comhaira bhi leigeadh ris dhuinn céin na gealaiche agus na gréine. Is urrainn iad innseadh


[69] dhuinn, ùine mhòr roimh an àm, gu bheil Dubhar gealaiche, no Dubhar gréine ri tachairt aig a leithid so do uair do leithid so do latha, agus mar so, cia iomadh eadhon dor luchd-dùthcha a bhasealltuinn a mach airson Dubhar na gealaiche a bha air fhaicinn co breagha mu dheich uairean anns an anmoch, air an treasamh deug don deicheamh mìos don bhliadhna so féin (1856). Bha e air a roi’ -innseadh dhuinn, mar an ceudna, gun robh a leithid so do reul-fionnaidh [Comet:Beurla. ] ri bhi air afaicinn air tighinn air a h-ais a dhionnsuidh fradharc an t-saoghail so againne, agus thachair e ghnath ceart mar a bha e air innseadh, chan ann aon uair ach ioma uair. Bu chòir do leithidibh sin do nithibh a bhitoirt oirn cluas shuimeil a thoirt do theagasg luchd Reultaireachd, agus gun bhi cuir cùl buileach ris, gus air dhuinn a rannsachadh gu mion, am faighear a mach leinn gu soilleir, gu bheil ni-eigin neo-sheadhail agus neo-sheasmhach air fhaotainn ann.

Air dhuinn mar so aleigeil ris gu bheil dòigh anns am faodar astar cuspair a thomhas gun tighinn dlù air idir, feuchaidh sinn a nis ri bhifoillseachadh dòigh anns an tuig, tha min dòchas, an t-aon is aineolaiche a leughas so, aon mhodh anns am bi e comasach air meudachd na gréine agus na gealaiche a chunntadh air a shon fein, gle dhlù air fior, mases gu bheil egabhail a stigh céin nan cuspairean sin. Chum na crìche so gabh cuspair cruinn air chor-eigin, abair bonn airgid; cuir ri dshùil e,


[70] aig a leithid do astar uaipe agus gu bheil e gu h-iomlan acòmhdachadh mar gum bann na gealaiche o dshùilaig a leithid do astar agus gu bheil am bonn airgid agus aghealach dìreach an t-aon mheudachd. Air dhuit so a dheanamh, an sin anns acheart tomhas anns am bheil uidhe na gealaiche on talamh (240,000 mìle) nis na uidhe a bhuinn airgid o dshùil, anns an tomhas cheudna tha aghealach, ’se sin tomhas na gealaiche troimhpe, nis na leud abhuinn airgid.

Dealbh 13.

Tuigear an ni so nis fearr le amharc ri dealbh 13. Abair gu bheil do shùil aig A, agus gur en cuspair S, sgillinn, a tha thucumail eadar do shùil agus aghealach, g. Tha fhios agad gu bheil g 240,000 mìle air falbh. Tha thucumail abhuinn airgid aig a leithid do astar on t-sùil agus gu bheil ecòmhdachadh na gealaichgu h-iomlan, agus chaneil tuille: se sin than dithis dìreach an t-aon mheudachd, a rèir agus mar tha iad air am faicinn le dshùil aig an àm. A nis abair gur


[71] e leud na sgillinn òirleach: ’s urrainn thu so a thomhas, aguss urrainn thu mar an ceudna ni eile a thomhas a bhios chum feum dhuit, ’se sin an t-astar eadar do shùil agus an sgillinn anns an t-suidheachadh a dhainmich mi. ’Sen t-astar so sea fichead òirleach. Feumaidh, ma ta, gu bheil aghealach nis nan sgillinn acheart uiread agus a than t-astar on t-sùil gus aghealach nis nan t-astar on t-sùil gus an sgillinn. Ma chunntaisear leinn astar na sgillinn on t-sùil ann an leth-òirlich, chi sinn achùis nis furasda. ’Sen t-astar so cheud agus fhichead (240) leth-òirleach. Chi sinn uaith so, do bhrigh gur e céin na gealaiche 240,000 mìle, gu bheil dìreach leth-òirleach againn anns an astar eadar an t-sùil aig A agus an sgillinn, S, fa chomhair deich ceud (1000) mìle, anns an astar eadar an t-sùil agus aghealach g. A nis do bhrigh gu bheil leth-òirleach air leud anns a bhonn airgid feumaidh gur e tomhas na gealaiche troimhpe, o thaobh gu taobh, 2000 mìle. No mas miann leis an leughadair òg an ni so chunntadh gu mionaideach air a shon fein, ( ’s ann airson na h-òigridh gu sònruichte tha mileudachadh air achùis) chi e gu bheil astar na gealaiche on talamh co iomadh uair nis na astar na sgillinn on t-sùil, agus a ni, gu bhiga chunntadh na òirlich, 2000 mìle. No ann am briathraibh eile, ’s e àireamh nan òirleach ann an 240,000 mìle, an t-astar eadar A agus g, 15,206,400,000 ÷ 120 òirleach (an t-astar eadar A agus S) = 126,720,000 òirleach, ni is e 2000 mìle.


[72]

Mar so fhuair sinn a mach ciod e meudachd na gealaiche dlù air an fhìrinn, (cha ’n e so an dòigh anns am bheil i air a tomhas le speuradairean), ach chan fhaodar leinn stad an so, tha fathasd aghrian againn ri thomhas. Seall air t-ais car beagan ri dealbh 13. Than cuspair G asamhlachadh na gréine. A nis ma shaoileadh sinn air tùs nach biodh e furasda meudachd na gealaiche fhaotainn a mach, ’s cinnteach gum bi e nis dorranar beachd meudachd na gréine, G, a thomhas; achnuair a sheallas sinn air achùis ler sùilean fosgailte, chaneil, eadhon so, ro-dheacair. Mar a thubhairt sinn, chaneil en taobh thall dor comas céin cuspairean fada uainn a thomhas. Rinn sinn so do thaobh na gréine, agus fhuair sinn a mach gu bheil i 95,000,000 mìle uainn. Thug gach neach, eadhon anns aghleann is uaigniche don Ghàidhealtachd, fainear, gu bheil aghealach agus aghrian, an uair a tha eg am faicinn air aghaidh nan speur, a réir coltais an aon mheudachd. Feumaidh, mata, ma tha aghrian nis faide uainn, gu bheil ise nis , dìreach anns an tomhas anns am bheil i nis faide air falbh. ’Nuair tha Dubhar iomlan gréine atachairt, tha dearbhadh soilleir againn gu bheil aghealach g, agus aghrian G, anns an dealbh an t-aon mheudachd don t-sùil. A nis mata do bhrigh gu bheil G ceithir ceud uair nis faide on t-sùil na g (oir than àireamh 95,000,000 gle dhlù air ceithir ceud uair nis na 240,000), tha gun teagamh G ceithir ceud uair


[73] nis na g. Ach cia lion mìle a fhuair sinn a mach a be tomhas na gealaiche troimhpe? Be so 2000 mìle; uime sin, ’se tomhas na gréine troimhpe 800,000 mìle, do bhrigh gur e so ceithir ceud uair 2000. Tha dòighean eile anns am faodar tomhas na grèine a dheanamh a mach nis fìrinniche, ach air a mhodh a dhainmich mi, tre am faod am balachan buachaillena shuidhe air taobh an t-sléibh, meudachd na gealaiche agus na gréine a thomhas air a shon fein, tha sinn a tighinn gle dhlù air achùis. ’Se fìor thomhas na gréine troimhpe 882,000 mìle, agus mutimchioll 2,770,000 mìle. ’S co mòr am meudachd so, agus gun gabhadh Carbad-iaruinn, aruith aig astar leth-cheud mìlesan uair, gun stad latha no oidhche, sea bliadhna agus ceithir mìosan adol gu h-iomlan mun cuairt orra. ’S co mòr i agus nam biodh a teis-meadhoin far am bheil meadhon an talaimh, gun ruigeadh i mach, chan e mhain gu ruig aghealach, ach eadhon gu 200,000 mìle an taobh thall don chuspair sin, ged tha isiubhal ann an cuairt a tha 240,000 mìle a mach on talamh.

Tha aghrian aroladh air a h-aisil ann an cuig--fichead, seachd uairean agus fhicheadsa h-ochd mionaidean (25 1/3 làithean). Than gluasad so air fhaicinn gu soilleir, le bhigabhail beachd, le gloineachan-amhairc, air smalan no buill dhorcha air a h-aghaidh. Tha e air a thoirt fainear gu bheil na buill so agluasad gu daonnanach an aon rathad,


[74] air dhòigh nacheil cunntas air ach le bhigabhail a stigh an roladh so air a h-aisil.

Bithidh sinn a nis asealltuinn ri nadur achuspair bhreagha so, om bheil sinn asealbhachadh uiread do mhaithsolus dealrach agus teas taitneach. Bha cuid do chàileadaireandaoine fòghluimteasmuaineachadh gum bu mheall mòr teine aghrian, a ghnath alosgadh, agus mar so a ghnath asgaoileadh a mach teas agus soluis do gach planaid an co-cheangal rithe. Ach tham beachd so nis air a chuir gu h-iomlan a thaobh. Rinn leasachadh ghloineachan-amhairc an teagasg so fhagail gu buileach gun bhonn seasaidh. Tha reultairean a nis acòrdadh ann a bhicuir far comhair gur e h-innte ball dorcha, eadhon cosmhuil ris an talamh so air am bheil againn féin ar crannchur. Tha iad acomh-dhùnadh gu bheil adhar ag iadhadh mu a timchiollgu bheil an t-aon is dlùithe oirre neo-shoillseach, ni-eigin cosmhuil ris an adhar a thag iadhadh mu thimchioll an t-saoghail soagus gu bheil an t-aon is faide uaipe soillseach, eadhonna aon lasair dhealrach. Than t-adhar lasarach a than so, os ceann an adhair neo-shoillsich, air a leithid do mhodh agus gum faodar, a chum bhiga thuigsinn nis fearr, a choimeas ri baideal do neoil a chithear leinn asnamh gu h-ard anns an adhar againn féin. Nam bu lasair am baideal neoil ud, an sin bhiodh gu freagarrach air a shamhlachadh a mach adhair na gréinean t-adhar a tha fo na neoil asamhlachadh a mach an adhair neo-shoillsich a dhainmich


[75] mi, agus na neoil fein an adhair lasaraich is fhaide uaipe.

Mar so chaneil e idir mi-choltach gu bheil an saoghal mòr ud air àiteachadh le creutairibh reusanta. Faodaidh e bhi gur e h-anns an lòchran dhealrach ud, a thag éiridh suas air aghaidh nan speur, gu bhi dearsadh air achruinne so air am bheil againne ar tamh, saoghal àitichte le bithean, a tha gun sgìos acuir an céill mòralachd, gliocais agus neirt an Tighearna Uile-chumhachdaich. Dìreach mar than saoghal so mòr thairis air gach aon eile anns an Rian-Ghréine, co is urrainu a bhig àicheadh nach faod e bhi gu bheil an so glòir, gliocas, agus maitheas achruithfhir air am foillseachadh a mach air mhodh ro òirdheirc, le creutairibh a laimh?

Tha air a mheas gu bheil teas ateachd on àile shoillseach,[Luminous gas:Beurla. ] a tha air an taobh a mach acuairteachadh na gréine, seachd uairean nis déine na tha air fhaireachdainn on àmhainn, non fhùrnais, is teotha is urrainn a bhi air ateasachadh le làmh duine: ’se sin ge dbu chomasach dhuinn teine a lasadh co mòr ris achuspair so, cha dthigeadh a mach uaith ach an seachdamh cuid don teas a tha air a chuir a mach leis-san.

S mòr da rìreadh na bheil do mhaitheas an Tighearna air a shealbhachadh leinne on Ghréin. ’S ann uaipe-se thateachd gach gath soluis, agus gach caileigin teas, a tha air am mealtuinn leinn o àm gu


[76] h-àm. ’Sann leatha-sa tha air aobharachadh gach sgàile dhathan a tha air am faicinn leinn anns gach luibh maoth, gach duilleach craoibh, agus gach trusgan maiseach, a tha taitneach don t-sùil. ’S e so am bann glòrmhor leis am bheil uile shaoghail an Rian-ghréine air an ceangal, agus air an cumail nan cùrsa, air mhodh riaghailteach. Le a comas-tálaidh-se tha iad air an cumailnan cuairt, a cheart, co cinnteach agus ge do bhiodh iad air an ceangal rithe le slabhraidh dhiongmhalta. ’S mòr na bheil da rìreadh do éifeachd atighinn uaipe chum an t-saoghail so againne. Tha gach créutair beo adeanamh gairdeachas ri a teachd. Gheibhear gach seorsa chuileag adannsadhna gathan le aiteas soilleir. Tha eunlaith an adhair ga coinneachadhnuair tha ig éiridh anns an iarmailt len òrain cheolmhor, bhinn. Le a cumhachd-se tha na machraichean agus na sléibhtean air an sgeadachadh le trusgan bòidheach uaine. Tha e air a dhearbhadh gu soilleir gu bheil gach uile sheorsa dhathon, co dhiu is ann air luibhibh, air trusganaibh, no ni air bith eile, air an aobharachadh le gathan na gréine. Leo-san tha deirgead an ròis, gilead na lilidh, buidhead an luis-mhàiri, agus uainead an fheòir, air aobharachadh. As a h-eugmhais-se cha bhiodh air fhaotainn, air aon chearna don domhan, ach ogluidheachd mhi-thaitneach agus tiugh-dhorchadas. Bhiodh beatha agus gluasad, ceol agus aidhear, gu h-uile agus gu bràth air an sguabadh air falbh uainn. Nan robh an Cruithfhear atoirt
[77] mun cuairt gum biodh isediultadh a soluis, bu dòruinneach da rìreadh cor gach creutair air uachdar achruinne so. Chan e mhain gum biodh an solus sòlasach air a thionndadh gu dorchadas ùdlaidh, ach bhiodh mar an ceudna blàthas comhfhurtachail air iompachadh gu fuachd do-ghiulan.

Chan ioghnadh ge dtha ughdair ainmeil acuir an céill, Nach airidh esan is urrainn sealltuinn suas ris achuspair ghlòrmhor so, gun taingealachd agus fior-chràbhadhna chridhe, air a bhisealbhachadh maitheas aChruithfhir. Nach d-thig e dhuinn a bhitogail suas ar guth ann a bhi acliuthachadh ainm-san, a dhorduich

A’ ghrian gu h-uachdranachd san ,
chum dhuinne gum bu léir;
Air son gu mair a thròcair chaomh
gu siorruidh feadh gach ?

title13
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page