[78]

MERCURIUS.

’S i so mar a dh’ainmich sinn a’ phlanaid is dlùithe air a’ ghréin. ’S e a céin o’n lòchran sin 37,000,000 mìle. Saor o na reultagan, ’s i so aphlanaid is lughasan Rian-ghréine. ’Se a tomhas troimhpe 3140 mìle. Ghabhadh e ceithir deug do chuspairean[79] [80] [81] [82]


[83] co mòr ri so gu bhideanamh suas aon co-ionann ann am meudachd ris an talamh. Tha itionndadh air a h-aisil car ann an ceithir uairibh fichead agus cuig mionaidean: agus adeanamh cùrsa mun cuairt na gréine ann an ochd agus ceithir fichead làithibh. Tha i gluasad anns achùrsa so co cabhagach ri ochd ceud deug mìles amhionaid.

Chan fhaicear aphlanaid so leis an t-sùil lom, ’s e sin gun ghloine-amhairc, ach gu math ainneamh. ’S es aobhar da so gu bheil i co dlùth air aghréin agus gu bheil i air a callam measg gathan boillsgeach achuspair sin. Chan urrainnear a faicinn ach ùine bheag roimh éiridh na gréine, agus ùine bheag an deigh dhith luidhe. Tha aig achruinne so cruthan, eadhon mar thaig aghealach againn fein. Aig uairibh tha i air afaicinn, troimh ghloineachan-amhairc, adharcach, mar aghealach ùr, aig uairibh cruinn, mar aghealach làn. Dìreach cosmhuil ris aghealaich tha imeudachadh aig aon àm, agus alughdachadh aig àm eile.

Aig cuid do àmaibh tha Mercurius dìreach eadar sinne agus aghrian, agus an sin chithear i mar smal, no spot dhorcha, air aghaidh na gréine.

title15
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page