BHENUS.
’S i so a’ phlanaid air an dara cuairt o’n ghréin (Faic V, dealbh 14). Tha i 68,700,000 mìle uaipe.
’S e a tomhas troimhpe 7800 mìle: tha i mar so gle dhlùth air meudachd an talaimh. Tha i cuir car dhith air a h-aisil ann an trì uairibh fichead gu leth: a’ deanamh cuairt iomlan timchioll na gréine ann an 224¾ làithibh. Tha a’ siubhal anns a’ chuairt so co cabhagach ri 1380 mìle anns a’ mhionaid. ’S i so a’ phlanaid is bòidhche ’nam measg uile. B’e so an t-aobhar a thug air na Pàganaich an t-ainm, Bhenus, a ghairm dhith; ’s e sin Ban-dia gràidh, eireachdais, agus maise.
Tha ise, do bhrigh gu bheil i co dlù oirn, ag amharc co mòr agus co dealrach ri Iupiter, a tha ceithir ceud deug uair ni’s mò. Cha ’n fhaicear Bhenus ach car beagan tìm mu éiridh agus luidhe na gréine. An uair a chithear leinn i ’s a’ mhaduinn, beagan roimh éiridh na gréine, canar dhith an Reul-mhaidne, no Lucifer; ’nuair chithear i ’san anmoch, an Reul-fheasgair, no Hesperus: no ’an cuid do earrannaibh do’n Ghàidhealtachd Reul a’ bhuachaille.
Tha speuradairean am beachd gu bheil iad a’ faicinn adhar air a’ phlanaid so, nach eil idir ro mhi-choltach ris an adhar a tha ’g iadhadh mu thimchioll an t-saoghail againn fein.
title | 16 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |