MARS.
Chunnaic sinn gur h-i Bhenus is dlùithe air an talamh air an taobh a stigh; air an taobh a mach ’s i Mars a’s dlùithe air. Faic M air a’ cheathramh cuairt o’n ghréin, dealbh 14.
Cha ’n ’eil an saoghal so ach gle bheag, mu thuaiream an seachdamh cuid do mheudachd an t-saoghail
Tha a’ phlanaid so ’roladh air a h-aisil ann an ceithir uaire fichead agus seachd mionaidean deug thar an fhichead: ’se sin, a’ cuir car iomlan dith anns an ùine sin. Tha i ’deanamh cuairt timchioll na gréine ann an sea ceud, ceithir fichead, agus seachd làithean, (687), a’ gluasad anns a’ chuairt so co luath ri naoi ceud mìle ’s a’ mhionaid.
Tha air a’ phlanaid so, mar air a’ chuid is mò do na planaidean eile, atharrachadh aimsirean; se sin, aimsirean teas agus fuachd—samhradh agus geamhradh—earrach agus fogharadh.
’N uair a dh’ amhairceas sinn air Mars troimh ghloineachan-amhairc, chi sinn gu bheil aice cruthan cosmhuil ri cruthan na gealaiche. Tha so a’ leigeil ris dhuinn gu soilleir nach eil solus aice-se innte fein, gur h-ann a tha i air a’ soillseachadh le solus na gréine.
Tha e air fhaicinn gu bheil na h-earrannan do’n phlanaid so is dlùithe air a croinn gle dhealrach, air atharrachadh dath na tha na h-earannan is dlùithe air a cearcall-meadhoin. Tha speuradairean aig am bheil gloineachan-amhairc comasach a’ smuaineachadh gur leacan mòra do eigh agus do shneachd a tha anns na ballaibh ud, aig am bheil dealradh is soilleire na na cuibhrinn eile: mar sin gu bheil timchioll croinn na planaid so fuachd do-ghiulan agus reodhadh, eadhon mar tha aig croinn an talaimh. Tha so gle choltach; oir tha na ballan dealrach
Tha e air a chreidsinn gu bheil adhar gle thiugh a’ cuairteachadh na planaid so, agus gur h-ann le so a tha air aobharachadh deirgead a coslais. Tha ni eile a tha ’toirt air reultairibh a chreidsinn gu bheil adhar aice; tha iad a’ toirt fainear an uair a tha i ’tighinn dlù air eadar iad agus rionnag, gu bheil doilleireachd a’ tighinn air an rionnaig, a dath a’ mùthadh, agus i fadheoidh a’ dol as an fhradharc, eadhon mu’n d’thig i gu h-iomlan eadar an rionnag agus an t-sùil.
Bha Sir Iain Herschel ’am beachd gur h-ann le nadur an fhearainn air uachdar na planaid so a tha ’n coslas ruadh a tha air fhaicinn leinn air aobharachadh. Tha e mar an ceudna a’ leigeil ris’ dhuinn nach d’fhagadh teagamh ’sam bith air inntinn-san gu bheil oirre muir agus tìr, cosmhuil ri ar saoghal féin. Thug e fainear gu bheil tuar na mara so uaine cosmhuil ri tuar na mara a tha ’cuairteachadh eileanan agus cladaichean Gaidhealtachd na h-Alba.
An saoilear leinn am fàsach tiamhaidh, gun fheur gun fhochann, gun ainmhidh gun bhithean reusanta tha ’n so? Nach ’eil air a’ phlanaid so nithibh a tha co-fhreagarrach ri beatha luibhean agus chreutairean gluasadach? Nach ’eil ’an so uisge agus talamh;
Tha cuid ’am beachd gu’m fac iad gealach a’ leantuinn Mhars, agus mar an ceudna gealach a’ leantuinn Bhenuis. Faodaidh e bhi gu bheil so fior: cha’n ’eil e idir mi-choltach gu’m biodh aig na saoghail sin gealaichean gu “riaghladh na h-oidhche,” mar a tha aig an t-saoghal againne, ach cha’n ’eil e air a shuidheachadh mar fhìrinn sheasmhach, fhathasd co dhiu.
title | 18 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |