[88] REULTAGAN, NO BEAG-PHLANAIDEAN.
Bha e air a thoirt fainear o cheann ùine fhada gu’n robh comh-fhreagarrachd àraidh anns an astar a
[89] bha eadar na planaidean,
saor o’
n astar eadar Mars agus Iupiter.
Chunncas gu’
n robh an t-
astar eadar an dithis so ni bu mhò na bhiodh fiughair ris le sùil ris a’
chomh-
fhreagarrachd so.
Bha air an aobhar so reultairean a’
breithneachadh gun robh planaid eile anns a’
bhealach sin,
agus a’
gnathachadh an gloineachan-
amhairc a chum a bhi ’
ga faotainn a mach.
Air a’
cheud là do’
n bhliadhna 1801,
bha saothair Phiasi air a’
dioladh le Ceres,
aon do na beag-
phlanaidean a tha ’
s a’
bhealach so a bhi air a’
faotainn a mach leis,
aig Palermi ann an Sicili.
Cuig-
mìosan-
deug na dheigh so fhuair an speuradair ainmeil sin,
an-
t-
Olla Olbers, ’
am Bremen,
a mach Pallas,
companach do ’
n phlanaid bheag eile a dh’
ainmich mi;
ni a thug air a’
smuaineachadh,
air dha fhaicinn an samhladh ri cheile,
agus cia co dlùth ’
sa bha ’
n dara aon air an aon eile ’
na cuairt,
gu’
n do bhriseadh planaid mhòr ’
na spealgaibh,
le buaireas anabarrach air chor-
eigin ’
san taobh a stigh,
math dh’
fhaoidte ni-
eigin cosmhuil ris a’
bhuaireas an taobh a stigh an talaimh a tha ’
g aobharachadh Crith-
thalaimh,
no’
n losgadh sin a tha ’
g eiridh o bheinn-
theinntidh,
mar o Etna no Bhesùbhius.
Bha e ’
m beachd gun d’
fhuaradh a mach a nis dithis do na spealgaibh sin;
agus shònruich e bhi ’
sealltuinn a mach airson tuille dhiubh ’
s an aimsir ri teachd; ’
s ni ’
n robh a shaothair gu h-
iomlan an diomhain,
oir cuig bliadhna na dheigh sin fhuair e mach aon eile dhiubh.
Tha aig an àm so (an deicheamh mìos 1856) dà
[90] fhichead sa dhà do na beag-
phlanaidean so air am faotainn a mach:
a’
cheud aon diubh,
mar a dh’
ainmich sinn, ’
an 1801,
agus càch,
o àm gu h-
àm,
eadhon gus a’
bhliadhna so fein,
anns an robh cuig dhiubh air am faotainn.
Cha ’
n ’
eil e idir mi-
choltach gu’
m faod tuille dhiubh a bhi air amas orra mu ’
n ruig an leabhar so an leughadair.
Is Breatunnach,
Mr.
Hind,
an reultair is ainmeile ’
am measg an luchd-
amais.
Tha ’n so mata dà fhichead ’sa dhà, theagamh tuille, do shaoghail bheaga a’ gluasad timchioll na gréine, ann an cuairtean gle dhlù air a cheile; gu dearbh tha cuid do ’n cuairtean a’ dol tarsuinn air a cheile. Ma’s e is gur spealgan do phlanaid mhòir a tha ’n sud, agus cha’n ’eil e idir mi-choslach, nach bu chòir dha so a bhi ’toirt ’n ar beachd, cia co iomlan ’s a tha sinne agus an saoghal a tha sinn ag àiteachadh ann an lamhan a’ Chruithfhir. Tha gu leoir do bhunabhais, no do dhùilean ann an cridhe ’n talaimh, nam biodh an t-Uile-chumhachdach a’ leigeil sréin dhoibh, gu a spealgadh ’na mhìltibh roinnean. B’fhurasda do Dhia, nam b’i so a thoil-san, a bhi ’toirt air a’ ghoil a tha ’na theis meadhoin, brùchdadh an aird air a leithid do mhodh agus a bheireadh sgrios air gach creutair beò a tha ’gluasad air aghaidh. Nach bu chòir dhuinn ma ta meas a chuir, thar na h-uile ni eile, air deadh-ghean Dhé ar Cruithfhir, chum, air dhuinn bhi ann an sìth agus comunn ris-san tre thoilteannas a Mhic, gu’m bi cumhachd do-chur na aghaidh a’ ghairdean treun-san air
[91] fhaotainn air ar crann? ’
S ann an sin a dh’
fhaodas sinn a bhi seinn,
“Mar sin ged ghluaist ’ an talamh trom,
cha ’n aobhar eagail duinn:
Ged thilgeadh fòs na sléibhte mor,
am buillsgean fairg’ is tuinn.
“Na h-uisgeacha le beucaich bhuirb
ged rachadh thar a chéil’:
Le’n ataireachd ged bhiodh air chrith
na beanntan àrd ’gu léir.”
SALM xlvi. 2, 3.