[10]

CUMADH AN TALAIMH.[Dh’iarradh an t-Ughdair a bhileantuinn aBhìobuill, Riaghailt luachmhor (agusan coitchionn neo-chearbach) na Gàidhlig do thaobh an fhocail so, talamh, mar anns gach focal eile. Gidheadh, air dha bhi faicinn ma ni en ginteach, na talmhainn, an sin gum bian cuid do àitibh am focal ann an ghnè anns an aon phuinc, chuir e cùl ri na talmhainn, agus ghabh ena àite an talaimh, ni a tha còrdadh ri iomadh do na sgoilearan Gàidhlig is ainmeile. ]

C’àit air bith am bheil againn ar seasamh, air cuan, no air talamh tioram, tha sinn ullamh gu smuaineachadh gu bheil sinn ann am meadhon còmhnaird, a tha air a dhruideadh mun cuairt le oir nan speur. Ach ma ghabhas sinn beachd ceart air nithibh mur timchioll, bheir sinn an ùine athghoirid fainear gu soilleir, gur ann a tha sinn air ionad cruinn, agus nach ann air còmhnard. Tha sinn an dùil gun dean na dearbhaidhean a leanas, cumadh cruinn an talaimh a chuir far comhair air a leithid do dhoigh, agus nach cuir amhuinntir as amharusaiche teagamh ann.

1. Ma tha neach na sheasamh air an tràigh, agus long fuidh a h-aodach aseoladh air falbh uaith, chan eil iruigheachd ach astar gle ghoirid, ’nuair


[11] a tha a chuid is isle, noslige na luinge,” mar a theirear, adol as an t-sealladh. Tha, ceum an deigh ceum, tuilleadh agus tuilleadh dhith adol as an radharc air taobh thall na cruinnead, gus fadheoidh abheil barr nan seol agus nan crann ateicheadh as oshùil, mar neach adol as an t-sealladh air cùl cnuic chruinn. A chum so a dheannuh nis soilleire, faic dealbh 1, a leanas.

Abair gur en cuspair aig a neachna sheasamh air toman os ceann achladaich. Cha chomasach dha ni air bith fhaicinn fon sgriob a b, do bhrigh gu bheil bolg an talaimh atighinn eadar iad agus a shùil.

Dealbh 1.

Anns an dealbh so, chi thun long aseoladh air


[12] falbh uaith, agus co fad agus a tha i eadar e agus c, tha e ga faicinn gu h-iomlan. Ach cha luaithe a tha idol an taobh thall do c, na tha cuibhrionn dith adol as an t-sealladh. Aig d tha slige na luinge gu h-iomlan á fradharc, chan eil ach na siùil agus na croinn ram faicinn; agus air dhi seòladh gu e, tha iad sin fein gu h-uile air falbh air cùl na cruinnead so. Than coslas so an t-aon ni air gach muir air aghaidh an domhain.

2. Tha seòladh mharaichean timchioll an t-saoghail adearbhadh an ni so gu soilleir on ear gus an iar. Sheòl Magellan, agus oàm-san ioma maraiche eile, o phuirt àraidh mun cuairt an t-saoghail gu h-iomlan, gus an d-thainig iad air an ais a dhionnsuidh an ionaid cheudna: ni nach bu chomasach a bhi air a dheanamh air chor air bith, mur biodh an saoghal cruinn, no dlù air cruinn. Gu so a dheanamh soilleir, abair gu bheil agad ann ad laimh ubhall mór. Tha thufaicinn cuileag air an ubhall: ghluais i air falbh o bhall sònruichte mun cuairt an ubhaill gu h-iomlan, gus an dthainig i air a h-ais air an taobh eile a dhionnsuidh abhuill cheudna. ’S ann air acheart mhodh, dìreach mar a ghluais achuileag a chum na laimhe deise, agus a thainig i air a h-ais fon ubhall a dhionnsuidh na laimhe clìthe, gus an do shocraich i air an spot on dfhalbh i, a sheol na maraichean a chum na h’ -airde n-ear, agus a thainig iad air an ais, air dhoibh dol fon t-saoghal— ’se sin gu h-iomlan mun cuairt an t-saoghaildon chaladh as an d-fhalbh iad air tùs, on airde n-iar.


[13]

3. Rinn seòladh mharaichean timchioll an t-saoghail a dhearbhadh cruinn on ear gus an iar, no on iar gus an ear. Tha gu bheil e cruinn, mar an ceudna, o thuath gu deas, no, odheas gu tuath, air a dhearbhadh, ’n uair a tha neach, a tha dol air astar (biodh e air muir no air tìr) agabhail beachd air suidheachadh nan rionnag, as a dheigh agus air thoiseach air. Ma tha egamharc as adheigh, abair ris aChrann-arain, no grunnan sam bith eile do na reultan, agusgam faicinn gu math an àird anns an adhar; air dha dol astar air aghaidh, tha efaicinn gu bheil an grunnan sin a nis air tuiteam a nuas gle dhlù air oir-nan-speur. Agus, ma ghabh e beachd air rionnag a bha dlù air oir-nan-speur an uair a dhinndriunn e air a thurus, chi e gu bheil i so a nis air dol as an t-sealladh gu h-iomlan. Mur biodh an talamh cruinn, cha thachradh an ni so anns gach ionad air aghaidh, air am faod neach a bhi triall.

4. Tha dearbhadh eile againn air achùis so o éirigh na gréine. Chan eil aghrian ag éirigh aig an aon àm anns gach cearna, eadhon don aon dùthaich. Tha i ghnath nis faide gun éirigh anns na h-àitean a tha air taobh an iar na dùthcha. Ma ghabhas an leughadair beachd air àite sam bith a tha deich mìle an iar do àite eile, bheir e fainear gu bheil i aon mhionaid nis faide gun éirigh anns an àite sin a tha air an taobh an iar. Abair gu bheil Glascho ceud mìle an iar do Abaireadhain, an sin bithidh a ghrian deich mionaidean nis faide gun éirigh ann an Glascho na anns abhaile sin.


[14]

Faodaidh neach air bith le uaireadair math an ni so fhaicinn air a shon fein.

Tha e soilleir gu leoir, nam bu chòmhnard mòr an saoghal, no an dùthaich air am bheil sinn agabhail beachd, gum faicte aghrian anns gach àite dhith aig an aon àm. Than ni so fior air muir co math agus air tìrann an America, nosan Asia co math agussan Roinn-eòrpa. Feuchaidh sinn ri so a dheanamh nis soilleire air amhodh a leanas: —Abair gu bheil aon neach air an taobh an ear do chnoc cruinn, agus neach eile air an taobh an iarnuair tha aghrian ag éirigh anns amhaduinn. Tha e dearbhta nach faic esan a tha air an taobh an iar i co luath ris-san a tha air an taobh an ear; chan fhaic e i gus an éirich i suas nis àirde anns an adhar. Air an doigh cheudna do bhrigh cruinnead aghaidh an talaimh, chan fhaic iadsan a tha air an taobh an iar co luath i; tha iad mar gum bann air cùl achnuic.

5. Than ni so air fhaicinn ann a bhi cuir chuspair, gach aon diubh deich troighean air àirde, aig astar ochd mìle o chéile: ma chuireas tu do shùil aig braigh aoin diubh, biodh iad air muir no air còmhnard farsuinn, chan fhaic thun t-aon eile. Faodaidh an ni so a bhi air fhaicinn leinn, ann a bhisuidheachadh bhàta air an fhairge aig an astar so o chéile, agus fearna sheasamh air tota anns gach aon diubh. Abair gu bheil sùilean gach fear dhiubh deich troighean os ceann an uisge; an


[15] sin tha an dara aon a dol dìreach as an t-sealladh air cùl na cruinnead on aon eile.

6. Ma ghabhas tu cuspair sam bith, agus ma chuireas tu e fa chomhair na coinnle a tha laiste ann adsheomar anns an oidhche, chi thu coslas achuspair sin ann am faileas air abhalla. Ciod air bith e dealbh achuspair, ’s e so dealbh an fhaileis: ma tha an cuspair ceithir-oisneach, no tri-oisneach, tha mar an ceudna am faileas: agus tha e air a thabhairt fainear nach dean cumadh sam bith faileas cruinn a thilgeadh uaith, anns gach suidheachadh anns am faodar a chuir, ach cumadh cruinn, cosmhuil ri cumadh ubhaill. Fhuaradh a mach gu bheil faileas an t-saoghail so air aghealaich, a ghnath, ciod air bith en taobh dheth a tha air a thionndadh rithe aig an àm, do chumadh cruinn: agus do bhrigh nach dean cuspair sam bith ach cuspair cruinn, dubhar cruinn a thilgeadh a mach, anns gach cor anns am faodar a chuir, chan eil nis faide teagamh nach e dealbh abhuill so do chruitheachd an Uile-chumhachdaich air am bheil againne ar còmhnuidh, dealbh cruinn, ni-eigin cosmhuil ri ubhall.

Theagamh nach bi e mi-fhreagarrach mìneachadh a dheanamh an so air ciod a tha sinn a tuigsinn le faileas an talaimh air aghealaich. ’Se so, ann am briathraibh eile, Dubhar-gealaich, mar a chunncas leinn gu ro-chiatach air an treasamh--deug don deicheamh mìos, air abhliadhna so fein (1856), mu dheich uairean a dhoidhche. Bha so air aobharachadh leis an talamh a thighinn anns an aon


[16] sreath eadar aghrian agus aghealach, agus mar so acumail air an ais gathan na gréine o bhi soillseachadh na gealaich, gus an do ghluais an talamh air falbh as an t-sreath so. Faic dealbh 11, agus an cunntas mu thimchioll.

Dhfhaodamaid iomadh dearbhadh eile air achùis so a chuir air adhairt, ach tha sinn am beachd gur leoir na than so, air an cuir fa chomhair an leughadair, gu dheanamh so-fhaicsinneach, eadhon don neach as neo-chreideiche dor luchd-dùthcha, nach ann air còmhnard, ach air ball cruinn, a tha ar crannchur air a shuidheachadh.

Abheil neach air bith ag ràdh, Cionnus a their thu gu bheil an saoghal so cruinn agus co lion beann àrd agus gleann iosal a tha air fhaotainn air aghaidh? Than tagradh, non reusanachadh so, air a thilgeadh a thaobhan tiota, ma bheir sinn fainear, mar a ni sinn gu h-aithghearr, meudachd an t-saoghail an coimeas ris abheinn as àirde air aghaidh, eadhon Himmalehsan Asia. Tha na beanntan mòra sin (cuig mìle air àirde) nis lugha ann an coimeas ri meudachd an talaimh, na tha gràinne do fhlùr cruithneachd an coimeas ri ubhall mòr: agus tha dearbh-fhios agad, ged a chuireadh tu gràinne dheth sud air an ubhall, ma bha e cruinn roimhe, gu bheil e cruinn fathasd.

title2
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page