[91]

IUPITER.

’S i so an aon gu mòr is do na planaidean. Agus mar a chithear leinn le sealltuinn ri dealbh 14, J,[Rinn an t-ùghdair ann an tarruing dealbh 14, no’n Dunéideannach ’na ghearradh a mach air an fhiodh (cha ’n fhios domh nis co do’n dithis d’an còir a bhi giulan na coire) mearachd ann an cuir V agus J sios, litrichean nach buin dor cànain idir. ] tha a h-aghaidh mun cuairt còmhdaichte le criosan, a thatoirt oirre sealltuinn gle bhreagha troimh ghloineachan-amhairc cumhachdach. Tha i aig astar ceithir ceud, ceithir ficheads a ceithir deug muillion (494,000,000) do mhìltean on ghréin.


[92]

Se a tomhas troimhpe 87,000 mìle. Tha i mar so còr agus tri ceud deug uair nis nan talamh; ’se sin ged bu chomasach dhuit a bhi cuir cuideachdan aon mheall tri ceud deug do chuspairean, gach aon diubh meudachd an talaimh so, cha bhiodh am meall a dheanadh iad sud uile gu léir ach dìreach mu mheudachd Iupiteir.

Tha icuir car iomlan dhith air a h-aisil ann an naoi uairean agus cuig deug agus fhichead mionaid: agus adeanamh cuairt timchioll na gréine, ann am beagan nis lugha na dhà dheug do na bliadhnachan againne; agluasad anns achuairt so co cabhagach ri ceithir ceud agus ceithir fichead mìle anns amhionaid.

Tha ceithir gealaichean aig aphlanaid so, a tha air am faicinn anns an iarmailt aice mar lòchrain dhealrach, ’nuair thaghrian air dol as an t-sealladh.

S ann le bhibeachdachadh air dubhair gealaichean an reul-shiubhlaich so, a fhuair Roemer, speuradair Lochluinneach, a mach luathas siubhail gathan soluis, anns abhliadhna 1675. Rinn esan a mach gun robh gathan na gréine agluasad co cabhagach ri dlù air mhuillion deug mìle (nis fìrinniche 11,520,000) anns amhionaid. Fhuair e sin a mach air amhodh so. Thug e fainear, an uair a bha Iupiter agus an talamh anns an earrann sin dan cuairt a bfhaide o cheile, gun robh a dhubhair gealaichean-san sea mionaidean deug ni bfhaide gun tachairt nan uair a bha iadsan earrann sin dan cuairt anns am bu dlùithe air a cheile iad. Gu bhi


[93]tuigsinn so nis fearr, amhairc ri dealbh 14. Tha e soilleir nan robh an talamh ann an sreath dìreach eadar Iupiter agus Mercurius, (J agus M is dlùithe air aghréin) an sin gum biodh an dithissan t-suidheachadh anns an dlùithe air a cheile a bu chomasach dhoibh a bhi: nan robh air an laimh eile an talamh air gluasadna chuairt a dhionnsuidh an taobh is dlùithe air Saturn (S), an sin gum biodh an dithissan àite bfhaide o cheilenan cuairt anns am faodadh iad a bhi. Thug Roemer fainear, mar a dhainnich sinn cheana, gun robh 16 mionaidean do eadar-dhealachadh ann an àm nan dubhair-gealaicheansan shuidheachadh so. Air dha bhicnuasachadh air an ni so, smuainich e gum faodadh e bhi gur h-e baobhar gun robh an solus agabhail na h-ùine sona shiubhal tarsuinn air cuairt an talaimh. ’S e leud na cuairt so 190,000,000 mìle. ’S cuimhne leis an leughadair, gun dainmich sinn roimhe, gum be astar an talaimh on ghréin 95,000,000 mìle. Tha e soilleir uaith so mata, gur e leud na cuairt anns am bheil egluasad dùblachadh an àireimh so, ni is e 190,000,000 mìle. Mar so chùnntais Roemer gun robh an solus agluasadnashiubhal dlù air dusan muillion mìle anns amhionaid.

Bha dearbhaidhean eile air achùis air an toirt air aghaidh le ioma càileadair eile, air chor agus nacheil a nis teagamh nis faide, gun dfhuair Roemer a mach an ni so gu fìrinneach.

Nach ro chabhagach an siubhal a than so?


[94]

Càit am measg deanadais chloinn nan daoine am faighear a leithid? ’An Sasunn gheibhear an carbad iaruinn aig àmaibh a ruith co luath ri leth-cheud mìlesan uair; ach nach faoin so an coimeas ri dusan muillions amhionaid? Tha gun teagamh meur an Uile-chumhachdaich air a faicinn anns an luathas a than soluathas leis am bheil gathan na gréine asiubhal dar n-ionnsuidh-ne ann an ochd mionaidean. “Mar a ta na neamhan ard seach an talamh; mar sin tha mo shlighean-sa ard seach bhur slighean-sa, deir an Tighearna.”

Tha solus agus fuaim atriall le cabhaig, ach solus le cabhaig is . Chithear so le bhi gabhail beachd air sealgair atilgeadh urchair air taobh an t-sléibh: than lasair agus an smùid o bheul aghunna air am faicinn tamull mun dthig an fhuaim a dhionnsuidh do chluasan, gu sònruichte ma tha thu a bheag a dhastar air falbh uaith.

Tha fuaim atriall a mhain mu thimchioll tri-mìle-deugs amhionaid, ach solus dlù air muillion uair nis luaithe.

Do bhrigh suidheachadh Iupiter do thaobh na gréine, ’na cuairt-ghluasadsuidheachadh nacheil idir cosmhuil ri suidheachadh an talaimhtha samhradh maireannach aice dlù air a cearcall-meadhoin, agus geamhradh bunailteach timchioll a croinn. Chaneil ach gle bheag do atharrachadh aimsirean idir air fhaireachdainn air a h-uachdar-se.

Chaneil a h-aghaidh air a faicinn don aon dath mar tha cuid do chàch. Tha i do choslas stiallach,


[95] mar a chithear leinn le sealltumn ri a dealbh (14). Chaneil e gu ro-shoilleir air a dheanamh a mach fhathast co dhiù tha na criosan so do bhrigh atharrachaidh stuthan anns a’ phlanaid fein, no do bhrigh gluasadan àraidh anns an adhar leis am bheil i air a’ cuairteachadh.

title20
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page