HERSCHEL.
Fhuair an reultair ainmeil sin, Sir Uilleam Herschel, a mach a’ phlanaid so, air an treasamh là deug do ’n Mhàrt, 1781. Goirear Herschel dhith le cuid mar chuimhneachan air-san. Ghoir e fein Reul-
Tha Herschel còr agus ochd ceud deug muillion mìle o’n ghréin (1,822,000,000). Tha sin còr is naoi-uairean-deug ni’s faide air falbh uaipe na tha an talamh. Ghabhadh an carbad iaruinn a dh’ ainmich sinn, aig leth cheud mìle ’san uair, ceithir mìle agus ceud gu leth bliadhna a’ dol thar an astar so.
Tha an cruinne so tuille agus ceithir fichead uair ni ’s mò na’n talamh; oir ’se a tomhas troimhpe 35,000 mìle.
Le amharc ri dealbh 14, chi sinn gu bheil astar mòr aice-se, agus gu sònruichte, aig an ath aon, Neptunus, ri dheanadh ’nan cuairt timchioll na gréine. Do bhrigh so, agus mar an ceudna, gu bheil an gluasad ni’s mairnealaiche na iadsan is dlùithe air cridhe ’n Rian-ghréine, tha iad a’ gabhail ùine is mò mu’n d’theid iad mu’n cuairt gu h-iomlan. Tha Herschel anns a’ chuairt a’ deanamh dà cheud agus dà fhichead mìle anns a’ mhionaid, agus a’ gabhail, mu thuaiream ceithir fichead ’sa ceithir do bhliadhnachan a’ criochnachadh na cuairt.
Tha sea gealaichean a’ riaghladh oidhchean an t-saoghail so. ’Se ’n duine ainmeil, comharraichte a dh’ ainmich sinn cheana, U. Herschel, a fhuair a mach gach aon diubh so mar an ceudna. Dh’amais e air a’ phlanaid agus na gealaichean cuideachd,
Nan robh sinn a’ leughadh eachdraidh an duine so, an sin gheibheamaid eisimpleir fhiachail air dìchioll, sìor-bhuanachadh, agus fìor-theomachd.
Airson misneach do’n òigridh faodaidh sinn a ràdh gu’n robh iomadh do’r luchd dùthcha fein, a bha ann an staid gle ìosal ’an làithean an òige, air dhoibh tighinn gu inbhe dhaonnachdail, a dh’ eirich an aird gu suidheachadh measail, anns an robh nithe cudthromach air earbsa riu. Seadh, cuid diubh a choisinn mòr-spéis an co-chreutairean leis na h-eolasan do iomadh gne a bha air am foillseachadh leò. Gheibhear iad a bha leantuinn an tréud, a’ gnathachadh an ùird mhòir, agus a’ dol an déigh a’ chroinn, ’an làithibh an òige, a tha ’n diugh ann an tomhas mòr a stiuradh beachdan an t-sluaigh, agus ris am bheil iadsan ag amharc suas mar chinn-iùil.
Tha e ceart, agus gun teagamh cliù-thoillteannach, air mhodh dligheach, a bhi ’miannachadh ar cor a chuir ’am feabhas. Ma tha Dia a’ luthasachadh dhuinn eiridh gu inbhe is airde, cha ’n’eil teagamh nach faod sinn anns an inbhe sin, a bhi air ar n-onorachadh gu bhi ’foillseachadh ni’s soilleire a ghlòir-san a cheadaich dhuinn eiridh,— ’se bu chòir dhuinn a ràdh, a thog sinn a chum na h-inbhe sin. A nis ma tha so fior, cha ’n ’eil e mearachdach, ach gun cheisd ion-mholta, a bhi sireadh ar n-eòlas a mheudachadh,
title | 22 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |