NEPTUNUS.
Tha sinn a nis air tighinn a chum na planaid is fhaide mach anns an Rian-ghréine. Dh’ ainmich sinn
Is cuimhne leis an leughadair gu’n do chuir sinn roimhe f ’a chomhair gu’n robh fàth anns an Rian-ghréine ri’n canar comas-tàlaidh. Tha so air fhaireachdainn anns gach cuspair, o’n ghréin anns a’ mheadhon gus a’ chuairt-réul is fhaide mach. Is i a’ bhuaidh so (comas-tàlaidh) a tha ’cumail gach planaid ’na cuairt timchioll na gréine, agus gach gealach ’na cuairt timchioll a planaid. Le fios air éifeachd na buaidh so, tha reultairean a’ cùnntadh gu neo-mhearachdach cuairt-shlighe gach aon—an dà chuid priomh-phlanaid agus dara-phlanaid.[Primary and Secondary planets:Beurla. ] Tha iad a’ deanamh a mach gu mion, a réir am meudachd agus an astair o chéile, ciod e’n neart a tha ’n comas tàlaidh so a’ gnathachadh air càch a cheile. Le so ’nam beachd, bha reultairean ainmeil, air dhoibh a bhi ’sealltuinn ri suidheachadh cuairt-shlighe Herschel, no Uranuis, timchioll na gréine, a’ smuaineachadh gu’n robh cuspair eile anns an Rian an taobh a mach do Uranus.
Cha ’n ’eil teagamh nach cuir so iongantas air cuid do’r luchd-leughaidh, gidheadh tha e fior, leis a’ bhuaidh (comas-tàlaidh) a thug mi fainear gu bheil speuradairean teoma, eòlasach, comasach air gach aon do na saoghail a dh’ainmich mi a thomhas,
Rinn eolas air na cùisibh sin Neptunus fhaotainn a mach mu ’n d’thainig riamh dearsa soluis uaipe dh’ ionnsuidh na sùla. Bha ann an co-cheangal ri amas air an reul so do thapadh air a thaisbeanadh, na chruinnich mu’n cuairt air ioghnadh agus mòr-mheas an t-saoghail chàllaichte. Mar a thubhairt sinn roimhe, bha e soilleir do speuradairean gu ’n robh comas-tàlaidh air a ghnathachadh air Uranus o’n taobh a mach, a bha ’ga tarruing a thaobh aig earrannaibh da slighe as a’ chuairt anns an gluaiseadh i mar bhi so. Rinn dà fhear iomraideach do na speuradairean sin—Mr. Adams ’an Sasunn, agus Mr. Le Verrier ’san Fhraing—euchdan, no beartan treubhantais anns a’ chùis so. Ghabh gach fear dhiubh os laimh, agus gun fhios da gu’n robh am fear eile ’san ruaig idir, a chùnntadh ciod e’n t-àite do ’n iarmailt anns an robh aig an àm a’ phlanaid a bha ’g aobharachadh a’ bhuaireis air an do labhair sinn. Shònruich Le Verrier a suidheachadh mar dhà leud na gealaiche do’n spot sin anns an robh i gu fìrinneach aig an àm, agus Adams mar thrì leud na gealaiche da sin. Dh’ fhoillsich iad mar an ceudna a meudachd agus a céin o’n ghréin, mar ghle
Chuir am Frangach litir a dh’ ionnsuidh caraid, an t-Olla Galle ’am Berlin, a rainig e air an treasamh là fichead do ’n naoidheamh mìos, 1846, ag iarraidh air sealltainn, le gloine-amhairc cumhachdach, airson na planaid so air an oidhche sin féin, agus a’ leigeil ris da aig a’ cheart àm, an spot do ’n iarmailt anns am faigheadh e i. Rinn an t-Olla Galle mar a dh’iarr e air, agus air a’ cheart oidhche sin phaigheadh a shaothair le sealladh air Neptunus.
Fhuair Adams a mach a’ chùis so air thoiseach air Le Verrier, ach ’s e Le Verrier a bu luaithe a leig ris an ni d’a chairdean. Mar so buinidh urram faotainn a mach na planaid so do ’n Bhreatunnach agus do ’n Fhrangach le chéile, agus gun teagamh cha bu bheag an teomachd, an t-eolas, agus an dichioll a thaisbean e annta.
Bha cuid a’ smuaineachadh gu ’m fac iad cearcaill air a’ phlanaid so ni-eigin cosmhuil ri cearcaill Shatuirn, agus mar a chithear leinn i air a’ chuairt is faide mach, dealbh 14. Ged thug sinn an coslas so dhith anns an dealbh, cha ’n ’eil an ni fathasd gu h-iomlan air a dhaingneachadh. An ceann beagan ùine, ’nuair a thig i gu àite ’na cuairt anns am bi againn sealladh oirre o thaobh eile na tha againn aig an àm, an sin bithidh sinn comasach air a ràdh, am bheil no nach ’eil cearcall m ’a timchioll.
’S e a céin o’n ghréin 2,850,000,000 mìle; agus air an aobhar sin, an uair is dlùithe i oirne, tha i 2,755,000,000 mìle air falbh uainn.
’Se a tomhas troimhpe (a reir Lardner) 37,500 mìle. Tha i ’deanamh cuairt timchioll na gréine ann an ceithir bliadhna gu leth agus ochd fichead (164½).
Ged nach ’eil againn fathasd dearbh chòmhdach air gu bheil ach aon ghealach aig a’ phlanaid so, bha dà reultair, Mr. Lassell agus Mr. Challis ’am beachd gu ’m faca iad gu soilleir dithis, agus mar an ceudna gu’n robh i air a’ cuairteachadh le cearcaill. Agus cha ’n ’eil e idir mi-choltach gu bheil àireamh do ghealaichean air am faotainn a’ gluasad mu’n cuairt oirre, ged nach d’fhuaradh a mach iad fathasd do bhrigh gu bheil i co ro-fhada air falbh uainn. Chi sinn gu bheil àireamh bhreagha a’ leantuinn nam planaidean eile—Saturn agus Uranus—a tha fada air falbh o’n lòchran mhòr, mheadhonach; agus mar sin, tha sinn ullamh gu bhi co-dhùnadh gu bheil aig Neptunus àireamh nach beag dhiubh cuideachd. Ach tha sinn an dùil, gidheadh, mu ’n d’theid mòran bhliadhnachan thairis oirn, gu’m bi, tre chuir am feabhas ghloineachan-amhairc, maille ri farsuingeachd eolais air na cùisibh so, fios ni’s cinntiche mu’n phlanaid so agus a gealaichean.
title | 23 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |