[104]

REULTAN SEACHRAIN.

Chan abair sinn ach ro bheag mun timchioll so; chan fhuiling meudachd an leabhair o dhuinn


[105] dol gu mionaideach a steach ann am mìneachadh don taobh. Goirear reultan seachranach dhiubh do bhrigh gu bheil iad asiubhal ann an cuairtibh a tha ro-mhi-chosmhuil ri cuairtibh nam planaidean, oir tha iad aig aon àm gle dhlù air aghréin, agus aig àm eile ro-fhada air falbh uaipe. Ghoir sinn dhiubh roimhe reultan-fionnaidh, do bhrigh gu bheil an coitchionn earball mòr aca, a thasealltuinn mar gun robh e air a dheanadh suas do ròinean do fhionnadh. ’S e fionnadh no ròinean is ciall don fhocal om bheil an t-ainm beurla, comet, air a thoirt.

Chaneil e air a dheanadh a mach fathasd ciod e ghnè stuthan dom bheil iad air an deanadh suas. Tha cuid asmuaineachadh gu bheil an ceann, non cridhe do thiugh-ni, agus an t-earball ceòthar, ni-eigin cosmhuil ris a cheò, a chithear leinn ag eiridh suas air taobh aghlinne anns amhaduinn. Bha earr cuid dhiubh asìneadh a mach uapa ceud muillion do mhìlteannuair a bha iad atighinn dlù air aghréin, ach a fàs ni bu lugha air dhoibh gluasad air falbh uaipe.

Tha àireamh mhòr do na cuspairean so atriall air feadh an Rian-ghréine. Tha air achuid is lugha ceudan dhiubh air an cùnntadh: cuid adol timchioll an cuairt ann an tri bliadhnacuid ann an seacuid ann an seachdagus cuid agabhail suas air adhairt gu dlù air ceithir fichead.

title24
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page