[106]

BEACHDAN CRABHACH O NA NITHE A DH’AINMICH SINN.

Dh’ oidhirpich sinn a nis air mìneachadh aithghearr a chuir sios mu thimchioll na gréine, agus nam planaidean a tha asiubhal mun cuairt dhith ann an ordugh rianail. Chunnaic sinn meudachd agus òirdheirceas na gréine, suidhichte ann am meadhon chàich. Thug sinn cùnntas gearr air mun cuairt do leth cheud do shaoghail bheaga nis lugha nan talamh. Bheachdaich sinn mar an ceudna air ceithir do shaoghail mhòra eile, aon diubh tri ceud deug uair nis nan talamh, aon deich ceud uair, agus an dithis eile, aon diubh ceithir fichead, agus an aon eile cuig fichead uair. Chunnaic sinn an t-iomlan diubh, ach aghrian, aruith timchioll ann an cuairtibh mòra aig luathas ro-chabhagach, an aon is dlùithe air aghréin ochd ceud deug mìle anns amhionaid, an dara, ceithir ceud deug, an treasamh, aon cheud deug, agus mar so air aghaidh nis athaisiche mar tha sinn adol air ar n-ais on ghréin; oir, anns an tomhas anns am bheil sinn adol air ais than comas-tàlaidh nis laige.

Chunnaic sinn cuideachd gluasad ro-anabarrach aig cuid diubh nan roladh air an deilg. Tha uachdar an talaimh agluasad gle dhian anns an roladh so, —aig achearcall-mheadhoin còr is deich ceud mìle


[107]san uair (1038). Ach tha uachdar Iupiter aig achearcall-mheadhoin adeanamh luathailt ghailbheach, 27,180 mìlesan ùine sin.

Chan urrainn sinn aig an àm so a bhicomharrachadh a mach àireamh mhòr do na modhan sin anns am bheil meur an Uile-chumhachdaich air afaicinn ag oibreachadh air dhòigh iomraideach anns na cuspairibh air an robh sinn abeachdachadh. Cia co treuns a dhfheumas an gairdean sin a bhi, chan e mhain a thug gu bith na than so (eadhonsan Rian-ghréine againn féin) do shaoghail bhreagha, ach a thag an cumail suas anns na gluasadan òrdail a bha air an toirt far comhair? Faic iad sud uile an crochadh air neo-ni,— ’s e dhfhaodamaid a ràdh, an crochadh air gairdean dìomhair an Tighearnaair an giulan mar air a bhois-san tre iomadh mhìltibhtheagamh tre iomadh mhuillionaibh bliadhna, mun cuairt ann am falaimheachd na cruitheachd, air mhodh a thataisbeanadh a mhòrachd neo-chriochnach, a ghliocais do-rannsachaidh, agus a mhaitheis do-shamhlaidheach. “Is mòr agus is iongantach toibre, a Thighearna Dhé uile-chumhachdaich; is ceart agus is fior do shlighean-sa, a Righ nan naomh. Co a thomhais na h-uisgeachan ann an glaic a laimhe; agus a shìn a mach na neamha le réis? Feuch, tha na cinnich mar bhoinne an t-soithich uisge; agus measar iad mar dhus mìn na slige-tomhais: feuch, togaidh e suas na h-eileana mar smùirnean. Is esan a tasìneadh a mach nan


[108] neamha mar sgàil thana, agusgan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnuidh.”

On Sgriobtuir chithear gu so-fhaicsinneach ma chuireas sinn cùl ri bhibeachdachadh air oibribh mòra agus miorbhuileach achruthachaidh, nacheil sinn air aon chor gun lethsgeul, oir tha na nithe so air an toirt gu soilleir far comhair ann am focal Dhé. Seadh, chan e mhain gu bheil iad air an cuir far comhair mar chuspairean anns am bheil buadhan glòrmhor an Uile-chumhachdaich air am faicinn air mhodh folluiseach, ach tha e air a leigeil ris dhuinn gu bheil sinn acuir an gniomh cionta mòr, mureil sinn anns na cùisean so aglorachadh ainm uasal-san. Agus ciamar a ghlòraicheas sinn an Cruithfhear gu h-iomchuidh annta, mureil an toiseach eolas againn orramureil sinn abeachdachadh air oibribh an Tighearna, air a leithid do dhòigh agus gu bheil air am faicinn leinn annta, tréinead a neirt, meudachd a ghliocais, agus fiughantachd a mhaitheis.

Mar so than t-Abstol anns acheud chaibideil dolitir a chum nan Ròmhanach acuir an ceill do na Geintilich sin gu soilleir, meud an cionta, eadhon ged a bha iad as eugmhais focail Dhé aig an àm; “Do bhrighnuair,” ann an cuspairibh achruthachaidh, “a baithne dhoibh Dia, nach dthug iad glòir dha mar Dhia.” Agus ma bha iadsan, mar a than Spiorad acuir an céill, mar so gun lethsgeul, cionnus gu mòr nis na sin a tha sinne aig am bheil


[109] àithne shoilleir, “Seas, agus thabhair fainear oibre iongantach Dhé.”

Bha an Salmadair agabhail beachd eolasach air na cuspairean sonuair bha ecuir an céill,

Na reulta lìonmhor àirmhear leis
gan ainmeachadh gu léir.
Is mòr ar Dia, ’s is mòr a neart;
gun tomhas air a chéill.”

title25
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page