ROINNEAN AIMSIREAN.
Tha am bicheantas aimsirean air an roinn ann an earrannaibh, ri’n canar làithean, seachduinean, mìosan, agus bliadhnachan.
LAITHEAN.
Tha ceithir seòrsan do làithean ann, a dh’fhaodas sinn a thoirt fainear.
1. LATHA NADURRA; ’s e sin an ùine tha soilleir do na ceithir-uaire-fichead—an ùine o chamhanaich
2. LATHA REULTAIL; leis am bheil sinn a’ tuigsinn an ùine o na tha rionnag air bith dìreach os ceann cuspair an diugh, gus a bheil i air a’faicinn anns a’ cheart suidheachadh am maireach: ’s e sin 23 uairean, 56 mionaidean, agus 4 tiotan (seconds). ’S e so da-rìreadh an tìm a tha’n talamh a’ gabhail a’ deanamh car iomlan m’a aisil.
3. LATHA GRIANAIL; leis am bheil sinn a’tuigsinn an ùine tha ’ruith o na tha ’ghrian dìreach os ar ceann aon latha gus a bheil i ’sa chor cheudna an ath latha. Abair gu bheil thu ’sealltuinn oirre os ceann meangan craoibh àraidh an diugh, ’se latha grianail an ùine gus am bi i air an aon mhodh os ceann a’ cheart mheangain am maireach; ni is e, faodaidh sinn a ràdh, ceithir-uaire-fichead—aig àmaibh do’n bhliadhna tha e beagan ni’s faide na so, aig àmaibh eile beagan ni’s giorra, ach ’s i so an ùine chuibheasach.
4. LATHA GEALACHAIL. ’Se so an ùine o na tha ’ghealach dìreach os ceann cuspair an diugh, gus an d’thig i os ceann a’ chuspair cheudna am maireach. Tha so ni’s faide na’n latha cumanta. Faic mìneachadh air ciamar a tha e ’tachairt gu bheil latha gealachail co fada ri ceithir-uaire-fichead agus leth-cheud mionaid, air taobh-duilleagan 54 agus 55.
SEACHDUINEAN.
Tha e air fhaotainn a mach gu bheil ach beag na h-uile cinnich o’n ghréin a’ cùnntadh àmannan le seachduinibh; ’s e sin le seachd làithibh. Tha ’n uiread so do eisimpleir a’ Chruithfhir aig àm a’ chruthachaidh, air sruthadh a nuas tre dhlù air sea mìle bliadhna ’am measg gach uile chinneach agus dhùthchan air aghaidh an talaimh, saor a mhain o bheagan a tha air tuiteam a nuas gle fhaisg air staid nam brùidean le tur-aineolas.
MIOSAN.
Bheir sinn fainear tri seorsachan do mhìosan.—
1. MIOS REULTAIL. ’S e so an ùine tha a’ ghealach a’ gabhail a’ deanamh cuairt timchioll an talaimh, air a mheas do thaobh a suidheachadh fa chomhair nan reultan, a tha co ro-fhada air falbh, agus do’n taobh-san nach eil gluasad an talaimh ’na chuairt timchioll na gréine a’ deanamh mùthadh so-fhaicsinneach sam bith.
2. MIOS GEALACHAIL—naoi-làithean-fichead, dà-uair-dheug, agus ceithir ’s dà fhichead mionaid. Tha so cuig uairean an uaireadair ni’s faide na’m
3. MIOS CUMANTA, no MIOS MIOSACHAIN (almanaic). Gheibhear a nis mìosachan, ach beag, anns gach tigh ’sa Ghaidhealtachd; agus anns na leabhraichibh beaga sin, tha air an cuir sios gu soilleir, fad nam mìosan. Tha na h-uile aon diubh deich-làithean-fichead, no aon là deug thar an fhichead, ach an dara mìos, a tha ochd-làithean-fichead re thri bliadhna, agus an ceathramh bliadhna ’an coitchionn naoi-làithean-fichead. Tha dhà-dheug do mhìosan cumanta anns a’ bhliadhna.
BLIADHNACHAN.
Cuiridh sinn f’a chomhair an leughadair tri seorsan do bhliadhnachan.
1. BLIADHNA CHOMH-FHAD-THRATH, NO BLIADHNA GHRIANAIL. ’Se so an ùine tha ’n talamh a’ gabhail a’ deanamh cuairt iomlan timchioll na gréine, no, ’am briathraibh eile, an ùine o na tha ’n talamh ann an ionad d’a chuairt aig àm air bith, gus an ath bhliadhna an d’thig e chum a’ cheart àite rìs. ’S e sin tri ceud, tri fichead ’sa cuig làithean, cuig uairean, ochd ’s dà fhichead mionaid, agus naoi ’s dà fhichead tiota.
2. BLIADHNA CHUMANTA, anns am bheil a mhain tri ceud, tri fichead ’sa cuig làithean.
3. BLIADHNA-LEIM anns am bheil 366 làithean.
Bheir sinn a nis fainear cionnus a tha na mùthaidh so ann am fad nam bliadhnachan. Is i gun teagamh a’ bhliadhna chomh-fhad-thrath, a’ bhliadhna nadurra. Tha e soilleir do gach neach nach b’obair fhurasda a chunntadh gu mionaideach, ciod an ùine a bha ’n talamh a’ gabhail ’na chuairt timchioll na gréine. B’e Iulius Ceasar, Impire na Ròimhe, a’ cheud fhear a thainig gle dhlù air an fhìrinn ’s a’ chunntadh so, cuig ’s dà fhichead bliadhna roimh theachd Chriosd. Bha còmhnadh aige o fheallsanach àraidh, Sosigenes. B’e beachd Cheasair gu’m b’e fior fhad na bliadhna 365 làithean, agus 6 uairean. Bha na h-Eiphitich a’ cunntadh aig an àm so gu’n robh dìreach 365 làithean anns a’ bhliadhna; ach thug esan fainear gu’n robh mearachd ’an so, a dheanadh suas mùthadh nach bu bheag ann an linntean, ged nach robh e ach suarrach ann am beagan bhliadhnachaibh. Ann an ceithir ceud
Ach ma sheallas sinn gu furachail air a’ chùis so, chi sinn gu bheil latha ri ceud mhìos an earraich a h-uile ceathramh bliadhna tuille ’s a chòir. Nam b’e fad na bliadhna ghrianail 365 làithean agus 6 uairean, bhiodh so ceart gu leòir; ach tha i aon mhionaid deug, agus aon thiota deug ni’s lugha na so, agus mar sin tha mearachd an so cuideachd a dheanadh mùthadh nach beag ann an ùine mhòr—mu’n cuairt do latha a h-uile seachd fichead bliadhna. Ann an 1582 bha ’m mearachd so air fhaotainn a mach, agus le ordugh a phàpa Gregori air a chuir ceart anns a’ chuid is mò do dhùthchaibh na Roinn-eorpa.
’S e so am modh anns an robh a’ chùis air a leasachadh. Bha an toiseach a h-uile bliadhna a b’urradh dhuinn a roinn ’na ceithir earrannaibh gun
Cha do chuireadh a’ chùis so ceart ’am Breatunn gu 1752. Bha am mearachd aig an àm sin air cinntinn gu aon là deug. B’e ’n dara latha do mhìos meadhonach an fhogharaidh air a’ bhliadhna sin an latha mu dheireadh do’n t-seann chunntas, le achd Parlamaid; agus an àite a bhi gairm an treasamh do’n ath latha, ’s e ghoireadh dheth an ceathramh là deug. Tha ’n t-atharrachadh freagarrach a tha ’n so air a dheanadh o cheann ioma grathunn anns gach dùthaich chàllaichte, ach Russia a mhain. Tha a nis am mùthadh eadar an seann chunntas agus an cunntas ùr air cinntinn gu dà là dheug.
’S e so ma ta an t-aobhar nach ’eil Nollaig nan Gall agus Nollaig nan Gaidheal( ’an cuid do àitibh do ’n Ghaidhealtachd co-dhiu) a’ tachairt air an aon latha—an t-aobhar gu bheil dusan eadar riu. Agus do bhrigh nach e mùthadh fein-thoileach a th’ann, ach mùthadh air a stéigheachadh air eagnaidheachd dhaoine ionnsuichte, a bha ’gabhail beachd air
title | 26 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |