[117]

FATH-SGRIOBHADH.

REULTAN SUIDHICHTE.

Aig toiseach na h-oidheirp lag so gu bhi sgriobhadhan cainnt ar dùthcha mìneachadh air reultaireachd, bha a rùn oirn cunntas a bu mhionaidiche a chuir sios air na reultaibh suidhichte, na tha a nis àite air fhàgail dhuinn air a shon. Rinn na nithe a thug sinn cheana fa chomhair an leughadair at suas co mòr nis na bha sinns an àm sin am beachd, agus, gu bhi cumail ar leabhair anns amheudachd, no eadhon dlù air amheudachd a bha an sinsan amharc againn, gum feum sinn a nis a bhi ro-aithghearr air acheann so, le iarrtus gum bi anns an ath oidheirp a dhfhaodas a bhi air adeanamh gu na cùisean cudthromach so a thoirt air beulaobh nan Gàidheal, (dhiarramaid a bhig altrum an dòchais le neach is comasaiche nan sgriobhadair) an earrann so afaotainn an aire is cubhaidh dhith. Aig an àm cha dthoir sinn air aghaidh ach beagan do bheachdaibh coitchionn air achùis.

An uair is breagha a chithear leinn an iarmailt loinnreach sin a tha acuairteachadh an t-saoghail soan uair a tha i air afaicinn leinn mar gun robh i, tha mhòr comhdaichte le tacaidean bòidheach òir, a tha adearsadh gu maiseach, chan fhaicear do na cuspairean dealrach sin, gun chòmhnadh ghloineachan-amhairc, ach a mhain beagan mhìltean. Gidheadh chan fhaodar leinn a bhismuaineachadh


[118] gur e sud a mhain an àireamh do rionnagan a thug an cruithfhear glòrmhor gu bith, agus a tha air an cumail suas le a ghàirdean treun-san ann am farsuingeachd na cruitheachdchan fhaod sinn a bhismuaineachadh gur comasach dhuinne, nacheil achmar fhionnain-fheoir,” a bhifaicinn no bhibreithneachadh uile shaoghail na cruitheachdchan fhaod sinn car aon mhionaid am beachd altrum ann ar com gu bheil breithneachadh no ceud-faithean againne is urrainn a bhi gabhail a stigh uile oibre faicsinneach an Tighearna Uile-chumhachdaich. Chan fhaic sinn anns na neamhaibh àillidh sin ach iarmad ro-bheag do ghniomhara a làmh-sanro-mhòr tha iad da-rireadh ann an aon sealladh, ach ro-bheagnuair a bheachdaichear orra mar chuibhrionn do euchdan neo-choimeasach Iehobhah.

Nuair a chuireas sinn ri ar sùil gloineachan-amhairc, eadhon gle mheadhonach, tha na ficheadan rionnag a thanar sealladh ann an oisinn don adhar acinntinnnan ceudan; ’s e sin, tha le neart nan gloineachan so, reultan eile ag eiridh marnan teis-meadhoin sud, air nach bu chomasach don t-sùil lom ruigheachd idir. Agus le leasachadh ghloineachan tha na ceudan so afàsnam mìltibh. Tha Sir Uilliam Herschel aleigil ris dhuinn gum faca esan adol seachad air beul aghloine-amhairc ann an uair do thìm, leth cheud mìle; ’s cha bu chomasach gun gabhadh an gloine a stigh ach crios gle bheag don adhar. Mar a tha teomachd dhaoine adeanamh nan gloineachan nis cumhachdaiche, tha àireamh nan rionnag adol am meud. Chan annnam mìltean achnam muillionan a dhfhaodar a bhi nis gan àireamhseadhs ann a bu choir dhuinn a ràdh, cha chomasach dhuinn idir an cunntadh, than àireamh a dol thairis air ni air bith is urradh dhuinn a thuigsinn na a


[119] chuir an ceill. Tha, eadhon ann an crios gle bheag do na neamha, cunntas co ro-anabarrach mòr agus nach comasach do ar teanga an àireamh, no do ar n-inntinn an gabhail a stigh. Mar is a tha eolas an duine acinntinn gu bhideanamh agus agnathachadh ghloineachan cumhachdach, ’s ann is a tha ro-lionmhoireachd nan reultan adomhlachadh air an inntinn. Ach ciod iad na cuspairean breagha agus ro-iomadaidh sin air am bheil sinn a nis abeachdachadh? An e thannta ballan beaga dealrach mar phutain air an sgàil-bhrat bhreagha sin, a tha air a sgaoileadh os ar ceann le meur an Tighearna? Nan e thannta saoghail mhòra, àillidh, leis am bheil cumhachd gairdean Dhe air a thaisbeanadh fa chomhair ar sùl, air mhodh a tha ag iarruidh uainn glòir agus moladhDha-san na aonar a ni iongantasan mòra; a rinn na neamhan le gliocas,” agus nasoluis mhòra?” Chaneil teagamh nis faide gur e saoghail mhòra, òirdheirc, a than sud cosmhuil ris a ghréin a thug sinn fainear a bhag aobharachadh uiread do mhaith, chan e mhain don t-saoghal againne ach do uile shaoghail eile an Rian-ghréine mar an ceudna. Cha chomasach dhoibh a bhidealradh oirn le solus iasaid, mar tha na planaidean air an robh sinn abeachdachadh, oir tha e air a dhearbhadh gu bheil an céin co fada air falbh agus nach dthigeadh srad do sholus iasaid uapa gar n-ionnsuidh-ne gu brath. Rinn aon do reultairibh ainmeil mòr-thir na Roinn-eorpa astar Cygni, aon do na reultaibh suidhichte a thomhas. Chaidh astar àireamh bheag dhiubh fhaotainn a mach a nis, ach an so chan ainmich sinn ach astar an aoin ud mar shamhladh anmhann air astar chaich. Tha esan acuir an ceill nach eil astar Cygni nis lugha na dhàs tri fichead buillion gu leth (62,500,000,000,000) mìle. Agus chaneil an so ach astar beag an coimeas ris achuid is dhiubh, a
[120] tha co ro-fhada air falbh agus nach comasach dhuinn eadhon tuaiream a bhi againn ciod e ro mheudachd an astair sin.

Gu bhitoirt oidheirp air ni-eigin do bhreithneachadh a thoirt don leughadair air céin Cygni, faodaidh sinn a thoirt fainear gun gabhadh gathan soluis deich bliadhna agus cuig ficheadsa ceithir deug do làithean adol thairis air an eadar-uidhe a tha i on t-saoghal so, ged tha iad asiubhal co cabhagach ri dusan muillion mìles amhionaid, mar thug sinn roimhe fainear. “Ghabhadh peileir gunna, aig cuig ceud mìlesan uair, còr agus ceithir muillionan deug do bhliadhnachaibh adeanamh an astair cheudna.”

Mureil mata na cuspairean breagha so adealradh oirn le solus iasaid, feumaidh gur e h-anns gach aon diubh grian loinnreach cosmhuil ri grian an RIAN air an robh sinn atoirt cunntas anns an leabhar so. Agus mas grian gach aon diubh sud, abheil e mi-choltach gu bheil cuideachd do shaoghail asiubhal ma timchioll, a thasealbhachadh a soluis agus a teas, eadhon mar tha saoghail an Rian-ghréine asealbhachadh soluis agus teas Lòchrain dhealraich an latha?

Ciod en sealladh ro-òirdheire agus anabarrach mòralach a than so air oibre miorbhuileach an Tighearna Uile-chumhachdaich? Ciod en taisbeanadh air ro-mheudachd neirt aghairdean sin air am bheil na muillionan do shaoghail mhora a thadearsadh anns an iarmailt an crochadh? Dhfheuch sinn a mach gun robh aghrian muillion gu leth uair nis nan talamh, ach than so muillionan air mhuillionaibh do shaoghail, mòran diubh nis na eadhon ise a tha mar sud co mornar sùilibh-ne. Agus ma tha, mar a dhfhaodas sinn a bhismuaineachadh, planaidean asiubhalnan cuairtean timchioll orra sud, agus an comhnuidh


[121] aroladh air an aisil fan comhair, a chum a bhi mealtuinn am blàthais agus an soluis; nacheil an so, sealladh barrachdail air a thoirt dhuinn air oibre neo-ghnathach agus barr-mhaiseach IEHOBHAH?

Tha na rionnagan air an roinn a mach le reultairibh o cheann uine mhòr a nisnan grioglachanaibh, no grunnanaibh, leis am bheil iad air an comharrachadh agus air an aithneachadh; ach aig an àm chaneil cothrom air fhàgail dhuinn cunntas a dheanamh orra; ni is urradh dhuinn, mar aig aon uair a bha sinn am beachd, sealladh a ghabhail air na cuspairibh breagha sin, rin canar reultan dùbailte agus reultan trìbilte. Chan abair sinn ach a mhain gu bheil air a thuigsinn le reultan dubailte, da rionnag aruith mun cuairt tiomchioll a cheile; agus le reultan trìbilte tri, adeanamh an ni ceudna; ni nacheil a fàgail teagamhsam bith gu bheil anns na h-earrannaibh fad as sin don chruitheachd meur an Tighearna le comas-tàlaidh a cuir an gniomh oibre mora, mar anns an Rian-ghréine air an robh sinn asgriobhadh.

Anns acho-dhùnadhs e dhiarramaid inntinn an leughadair a tharruing o oibribh achruthachaidh gu DIA achruthachaidh; agusan aon fhocal a bhicuirna chuimhne ro-anabarrachd meudachd ioraslachd an Ti sin a chruthaich iad sud agus a tha gancumail suas air a ghairdean uile-chumhachdach, ann a bhicuimhneachadh oirnenar staid chaillte, agus a taisbeanadh dhuinn gràidhann an obair na saorsa, aig am bheil fad agus leud, airde agus doimhne, a tha nis dorra gu mor a bhifoillseachadh gu h-iomchuidh na tha na nithe nadurra sin a dhoirpich sinn a thoirt air aghaidh anns an leabhar so.

Togaibh ar sùilean an aird, agus feuchaibh, co a chruthaich iad so; Esan a bheir a mach an armailtean


[122] air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; troimh meud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall. Nach aithne dhuit, nach cuala tu? An Dia bith-bhuan, an Tighearna, Cruithfhear chriocha na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgithich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh.”

Tha gniomharan an Tighearna
iomarcach mor gu leir;
Is leis an dream len tlachdmhor iad,
rannsaichear iad gu geur.”

Salm. cxi. 2.

Bu dàna da-rireadh don ughdair a bhim beachd gum bu chomasach dha-san, aig nach robh o cheann dusan bliadhna a bheag do chleachdadhna chainnt mhathaireil, a bhi cuir an leabhair so (a cheud oidheirp) a mach saor o mhearachdan, gu sonruichte do bhrigh nach robh e na chomasam measg a luchd eolaiss abhaile so neach fhaotainn a dheanadh còmhnadh ris aig àm achlò-bhualaidh; oir tha an cumantas triùirsan àm so asealltuinn thairis air leabhraichean Beurla: ach dhiarradh e bhi ’g altrum an dòchais nach deachaidh a shùil thairis air mearachdan cudthromach sam bith.

title27
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page