MEUDACHD AN TALAIMH.
’Se tomhas an talaimh troimhe, o Chrann gu Crann, 7899 mìle. ’Se sin nam biodh dealg—no aisil a’dol troimh a’ theis-meadhoin, o dheas gu tuath, b’e fhad 7899 mìle. ’Se a thomhas troimhe aig a’ Chearcall-mheadhoin 7925½ mìle. Chithear mar so nach ’eil e gu h-iomlan cruinn, ach ni-eigin cosmhuil ri ubhall, no òr-mheas.[Orange.] ’Se a’ thomhas mu ’thimchioll, 24899 mìle. Gu bhi tuigsinn a’ mheudachd ni’s fearr, nam biodh neach a’ dol air thurus timchioll na cruinne so, agus ag imeachd ceud mìle anns an latha, ghabhadh e naoi mìosan mu’n criochnaicheadh e a thurus gu h-iomlan mu’n cuairt.
No, gu bhi ’gabhail sealladh eile air a’ chùis so, smuainich gu’m bu chomasach do na seòladairean a dh’ ainmich mi cheana, dol ann an sreath dhìreach, gu h-iomlan mu ’n cuairt an t-saoghail, gun rudha no fearann sam bith a bhi ’toirt orra an slighe fhiaradh, agus gun robh sìd fhreagarrach aca, tre ’n robh iad a ghnàth a’ seòladh deich mìle anns an uair, a là agus a dh’ oidhche: ghabhadh iad cuig seachduinean deug mu ’n d’thigeadh iad air an ais a dh’ionnsuidh a’phuirt o’n d’fhalbh iad.
title | 3 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |