GLUASAD AN TALAIMH.
Tha dà ghluasad shònruichte aig an talamh, a bhios sinn a nis a’ feuchainn a mach, agus anns am bi air fhaicinn leinn, air mhodh ro-shoilleir, Cumhachd, Gliocas, agus Maitheas a’ Chruithfhir. Tha aon do na gluasadan so timchioll air aisil, anns am bheil e’cuir car dheth anns na ceithir-uaire-fichead. Tha’n aon eile timchioll na gréine, anns am bheil e ’deanamh cuairt anns a’ bhliadhna, no ’am briathraibh eile, ann an 365 làithean, 5 uairean, agus 49 mionaidean. Leis na gluasadan so tha ’n t-Uile-chumhachdach a’toirt mu’n cuairt gu bhi a’ leantuinn a chéile, ann an ordugh maiseach, là agus oidhche, samhradh agus geamhradh, earrach agus fogharadh.
Leis an roladh lathail air aisil, tha ’n Cruithfhear a’ tionndadh gach earrann do aghaidh an talaimh ris a’ ghréin, a chum gu’m bi i a’ comhpairteachadh ris o là gu là d’a solus agus d’a teas. Mar so shuidhich Dia, ’na mhòr ghliocas, reachd, no lagh tre am bheil sinne a’ sealbhachadh a’ mhaitheis, ann a bhi a’ mealtuinn aimsir tàimh agus aimsir oibre, aimsir soluis agus aimsir dorchadais.
Feumaidh sinn a nis a bhi ’cuir a mach dearbhaidhean gu bheil an talamh da rìreadh a ’roladh air aisil.
’N uair a sheasas sinn a mach air còmhnard, air oidhche shoilleir, reultach, agus a ghabhas sinn
Tha e air a thoirt fainear leis an neach a ’s aineolaiche gu bheil a’ ghrian, a chithear anns an àird an ear aig sea uairean ’sa mhaduinn, a’ gluasad (a réir coltais) gu mullach nan speur aig meadhon-là; agus aig sea uairean ’san anmoch gu’m faicear i anns an airde ’n iar.
Dealbh 2.
A nis bithidh an coslas co-ionann, co dhiu a tha’n talamh a’ tionndadh air aisil ann am meadhon nan speur, no na speuran a’ tionndadh timchioll
Mar a dh’ ainmich sinn roimhe, tha, mata, aon chuid an talamh no na neamhan a’ cuir car dhiubh anns na ceithir uaire fichead.
Ma ’se an talamh a tha’ tionndadh anns an tìm so, feumaidh, do bhrigh agus gur e thomhas m ’a thimchioll còr agus 24,000 mìle, gu bheil cuibhrionn
Tha ùghdair ainmeil anns a’ Bheurla a’ labhairt mu’n ni so anns an t-samhladh a leanas: Nach biodhmaid ga chunntas na ni aimideach nam biodh neach a’ cuir air a cois beairt-innleachd leis am biodh an luidheir agus an teine air an toirt mu’n cuairt air eun a bha gu bhi air a’ ròsdadh, a chum agus gum biodh gach taobh fa leth dheth air a dheasachadh, an àite innleachd a bhiodh co furasda a dheanamh, leis am biodh an t-eun a’ tionndadh mu’n cuairt a chum a bhi air a’ ròsdadh gach cuibhrionn deth fa seach le teas an teine? Gun teagamh bhiodh e air a ràdh, Nach robh fìor ghliocas air a thaisbeanadh leis an ni so idir—nach robh ann ach obair chearbach gun fhéum. Am bi sinn mata a’ smuaineachadh gun d’thugadh an t-Uile-chumhachdach air na bheil do shaoghail mhòra anns an iarmailt a bhi a’ ruith timchioll a’ bhuill so do’n chruitheachd air am bheil againne ar còmhnaidh, airson aobhar a bhiodh air a chuir an gniomh a’ cheart co math le bhi a’ tionndadh na cruinne so féin air a h-aisil? Bithidh e soilleir do gach neach ma theid cuspair cruinn a thionndadh air aisil, no dheilg, f’a chomhair coinnle, gum faigh gach earrann do’n
A rìs, ann an cumadh an talaimh tha dearbhadh eile againn air a’ ghluasad air aisil. Tha e air a dhearbhadh gu soilleir, gu bheil aomadh aig gach meall a tha air a thionndadh gu clis air aisil gu bhi a’ bolgadh a mach mu thimchioll a mheadhoin, agus a’ fàs ni-eigin còmhnard aig cinn na h-aisil. ’Se so dìreach cumadh an talaimh, mar a leig sinn ris cheana; cha ’n ’eil e gu h-iomlan cruinn, ach a’bolgadh a mach aig a’ Chearcall-mheadhoin, agus air a’ leudachadh aig na h-aisil. ’Se so mar an ceudna cumadh nam Planaidean eile, a tha air am faicinn gu soilleir le gloine-amhairc a bhi a’ tionndadh air an aisil, agus mar so a’ sealbhachadh air gach taobh solus agus teas na gréine.
Tha cuid do reultan anns an iarmailt, agus an àireamh gu mòr is mò, ris an canar reultan suidhichte, no socruichte, do bhrigh gu bheil iad a ghnath air am faicinn anns an aon suidheachadh do thaobh càch a chéile. Tha àireamh bheag eile do reultan ann a tha ’g atharrachadh an ionaid do thaobh suidheachadh nan reultan eile, agus air an aobhar so ris an canar planaidean no reultan siubhlach. ’Se ’s ciall do’n fhocal Planaidean, Seachranaichean. Mar so goirear do reultan a’Chrann-Arain, na Slait-thomhais, agus Grunnan no Grioglachan nan Seachd-Rionnag, Reultan Suidhichte, ach goirear do Reul na maidne,
An uair a tha sinn a’ toirt fainear gu bheil a’ ghrian, a’ ghealach, agus na planaidean eile air am bheil sinn comasach air a bhi ’gabhail beachd le gloineachan, a’ tionndadh air an aisil, tha sinn a’ co-dhùnadh gu bheil a’ phlanaid so air am bheil againne ar còmhnuidh a’ deanamh an ni ceudna.
’Si ’n argumaid ma dheireadh a bheir sinn air aghaidh air a’ phuinc so, gu bheil clach, a tha ’tuiteam o ’n taobh an ear do mhullach tùir, no stiopaill àird, a’ tighinn a dh’ ionnsuidh an làir, cha ’n ann aig bonn an tùir, mar a shaoileamaid a bhitheadh i, agus mar gun teagamh a bhitheadh i, nam biodh an talamh stéighichte, ach a mach astar beag uaith. Cha’n eil mìneachadh air bith air a so, ach le bhi ’gabhail a stigh roladh an talaimh air aisil. Ach ma cheadaicheas sinn an ni so, tha e so-thuigsinn. Tha mullach an tùir ni ’s faide a mach o chridhe, no aisil an talaimh, na a’ bhonn, agus mar so do bhrigh gu bheil e ’gluasad ann an cuairt is mò, feumaidh gu bheil e ’gluasad ni’s luaithe, agus a’ comhpairteachadh siubhal is cabhagaiche ris a’ chloich na bhiodh aice air uachdar an talaimh; agus air dhith an siubhal so fhaotainn, tha i a’ cumail air a h-aghaidh ni’s luaithe na uachdar an talaimh, agus mar so a’
Theagamh gu bheil an leughadair ag ràdh, Tha na h-argumaidean sin gle dhàicheil, ach na dheigh sin uile, cha’n fhaod sinn a bhi ’creidsinn ni a tha calg-dhìreach an aghaidh fòghluim ar sùilean. Nach ’eil e air fhaicinn leinn gu soilleir, gu bheil a’ ghrian agus na réultan a’ triall mu’n cuairt air an talamh o ’n ear gu ’n iar? Cha ’n ’eil sinn ag iarraidh àicheadh nach e so teisteas do shùilean: agus mur ’eil do shuilean ga d’ mhealladh aig àm air bith eile, cha ’n iarr sinn ort a bhi ’cuir cùl ri ’n teisteas anns an ni so. Gidheadh, ma dhearbhas sinn ort gu bheil iad ga d ’mhealladh ann an nithibh eile, ’se theireamaid, Bi air d ’fhaicill: faic nach ’eil iad ga d’ threòrachadh ann an slighe cheàrr do thaobh an ni so cuideachd.
Nach robh thu riamh ’ad sheasamh air ceithe agus long a’ seoladh uaithe? Air dhuit do shùil a bhi air an long, nach do shaoil thu, ’sa cheud dol a mach, gu’m b’e an ceithe a bha a ’gluasad agus nach b’i an long? An do sheol thu riamh air “Canal,” nach do shaoil thu, ’nuair a dh ’amhairc thu thairis air taobh a’ bhàta, gur h-i a’ bhruach a bha ’gluasad, agus nach b’i am bàta anns an robh thu ’ad shuidhe? Nach cuimhne leat do shùil a thogail suas ris a’ ghealaich air oidhche stoirmeil, agus thu ’m beachd gum fac thu i a’ ruith le cabhaig mhòir seachad air na neoil? Gidheadh ma sheall thu ni’s furachaile rithe ann an aon sreath ri craobh, luidheir, no
Theagamh gu bheil an ni so a’ tighinn ann an inntinn an leughadair: —Ma tha an talamh a’ dol mu ’n cuairt air a’ mhodh so, cionnus a tha sinn gu tèaruinte a’ seasamh air’ aghaidh, anns gach suidheachadh anns am faod e bhi? Feumaidh ann an dà uair dheug na dheigh so, gum bi a’ cheart taobh a tha ri mullach nan speur aig an àm so mar gum b’ ann fuidhe. Cionnus, mata, nach eil sinn a’ tuiteam dheth? Thugamaid fainear, tha lagh, no reachd àraidh air a chuir leis a’ Chruithfhear anns gach cearna do ’n chruthachadh, leis am bheil comas aig gach uile chuspair, a réir a mheudachd, a bhi ’tàladh chuspairean eile d’a ionnsuidh. Leis an lagh so tha gach ni air uachdar, no dlù air uachdar an talaimh air a tharruing rathad cridhe an talaimh. ’S ann leis an lagh a tha ’n so a tha a’ chlach, a tha thu’ tilgeil suas anns an adhar, a’ pilleadh a nuas a dh’ionnsuidh an talaimh a rìs. ’Se so an reachd is aobhar gu bheil an neach a tha’ feuchainn ri leum an àird air a tharruing gu clis d’a aindeoin air ais a rìs. ’Se so an lagh a tha ’tarruing a nuas as na neoil an uisge, a
Nach neònach leat mar tha a’chuileag comasach air coiseachd gu tèaruinte air mullach an t-seòmair? Nach faic thu’n so reachd leis am bheil Dia ’toirt tèaruinteachd d’a chreutairibh, eadhon ann an suidheachadh a shaoileadh tu a bhiodh iad ann an cunnart?
Dh’fhaodamaid a bhi ’cuir sios còmhdachaidh eile air a’ chùis so, ach mur ’eil sinn air ar mealladh, is leoir iad so, eadhon airson a Ghàidhil is reasgaiche.
Thubhairt sinn gu bheil mar an ceudna gluasad bliadhnail aig an talamh timchioll na gréine, co math ri gluasad lathail timchioll air aisil.
Ma ghabhas sinn beachd air suidheachadh na gréine ann am measg nan reultan—ni a tha furasda a dheanamh le gloine-amhairc; oir leis an inneal so chi sinn na rionnagan aig teas a’ mheadhoin là—chi sinn gu soilleir gu bheil i, a réir coltais, a’ gluasad an ear. B’urrainn duinn an gluasad so a thoirt fainear do thaobh nan reultan le beachdachadh oirre tre shimealair àrd, no tre shlochd domhain anns an talamh, abair tre tholl-guail. Tha boillsgeadh na gréine air a thoirt air falbh o na sùilibh, a tha mar so a’ sealltuinn ris an adhar, air chor agus gum faicear leo gu soilleir, aig teas a mheadhoin là, na rionnagan a dh’fhaodas tighinn ann an sreath ri beul an t-sluic tre am bheil iad ag amharc. Gabhamaid beachd air suidheachadh na gréine do thaobh an reul air am bheil mar so ar sùil, agus chi sinn ann an ùine gle bheag gu bheil i’ triall an taobh an ear dheth. Tha i a’ cumail air a h-aghaidh ann an cuairt nan speur air a mhodh so, gus, ann an ceann bliadhna thìm, a’ bheil i air tighinn a dh’ ionnsuidh a’ cheart suidheachadh do thaobh an reul sin anns an robh i, an uair a bheachdaich sinn oirre an toiseach. Uaith so tha e soilleir gu bheil a’ ghrian a’ deanamh gluasad bliadhnail timchioll an talaimh, no gu bheil an talamh a’ gluasad timchioll na gréine anns an ùine sin. Ma their sinn gu bheil an talamh gu socrach—gur h-i a’ ghrian a tha a’ gluasad m’a thimchioll-san, an sin, chi sinn anns na planaidean eile, gluasadan air nach urradh dhuinn cunntas a thoirt. Tha iad a’ ruith a null agus a nall, air an ais agus air an aghaidh,
Ma shiubhlas sinn gu cabhagach, abair ann an carbad, seachad air taobh coille, chi sinn, air dhuinn amharc ris na craobhan sin, mar gum biodh gluasad gle iongantach agus neo-rianail nam measg. Tha iad mur gum b’ann, a’ gluasad air an ais agus air an aghaidh, a réir an astair o ’n t-sùil aig an àm. Tha mar an ceudna gluasadan air am faicinn am measg nam planaidean, nach ’eil idir a co-chòrdadh ri oibribh òrdail an Uile-chumhachdaich, co fad agus a tha sinn a’ meas an talaimh mar aig fois, agus a’ ghrian ’s na reultan a’ siubhal m’a thimchioll; ach co luath ’sa tha sinn a’ gabhail a stigh gluasad an talaimh timchioll na gréine, tha am mi-ordugh a tha sud air a thionndadh gu rian—tha am mi-riaghailt air an do labhair sinn, air a’ faicinn a bhi na h-ordugh, a tha làn airidh air gliocas a’ Chruithfhir.
A rìs, tha e dearbh-chinnteach gu bheil Mercurius, Bhenus, Mars, Iupiter, agus na saoghail eile a tha a’ mealtuinn teas agus soluis na gréine againne, a’gluasad m’a timchioll, ann an cuairtean, a tha, cuid diubh ni’s faisge, agus cuid diubh ni’s faide uaipe: agus uaith so nach ’eil e coltach mar an ceudna, gu bheil an cruinne so air am bheil againne ar crannchur, ’a triall timchioll a chuspair cheudna cosmhuil ri a chompanaich?
Aon chòmhdach eile fathasd. Ann an àite air bith eile do’n chruitheachd cha’n fhaicear cuspair is mò a’gluasad mu ’n cuairt air cuspair is lugha. Tha na planaidean eile, a tha co beag, ann an coimeas ris a’ ghréin, mar a dh’ ainmich sinn cheana a’ gluasad mu ’n cuairt oirre-se, agus cha ’n e ise mu ’n cuairt orra-san. Tha gealaichean Shatuirn agus Uranuis, a’ gluasad m’an timchioll-san, agus cha ’n e iadsan mu thimchioll an gealaichean. Tha e air fhaicinn gu soilleir gu bheil a’ ghealach air an gnath leinn fein a bhi ag amharc, a’ gluasad mu’n cuairt an talaimh, agus cha ’n e an talamh mu’n cuairt na gealaiche. ’N uair mata a bheir sinn fainear gu bheil a’ ghrian muillion gu leth uair ni’s mò na’n talamh, nach eil e nadurra dhuinn a cho-dhunadh o na buill-sampuill a dh’ ainmich sinn, gur e ’n talamh a tha ’siubhal timchioll na gréine, agus nach i a ’ghrian timchioll an talaimh?
Air dhuinn mata an fhìrinn so—gu bheil an talamh a’ gluasad timchioll na gréine—a stéigheachadh (mar tha sinn an dòchas a rinn sinn) bheir sinn a nis fainear gu bheil an gluasad so co cabhagach ri 68,000 mìle anns an uair. Tha so gle shoilleir le bhi’ toirt fainear astar an talaimh ’na chuairt o’n ghréin. ’Se ’n t-astar sin 95,000,000 mìle. Uaith so cha ’n ’eil e duilich a chunntadh gum feum gu bheil an talamh anns an t-siubhal so a’ deanamh 68,000 mìle ’san uair.
Tha na criochan a leanas a’ sruthadh o na gluasadan so. O a ghluasad air aisil, anns am bheil e a’ cuir car dheth anns na ceithir-naire-fichead tha
title | 4 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |