[33]

LA AGUS OIDHCHE

Air an toirt mun cuairt ann an leanachd rianail. Tha leis an tionndadh so gach earrann do uachdar an talaimh (saor o bheagan aig achroinn) atighinn fo theas agus fo sholus na gréine anns na ceithir-uaire-fichead. Ma rolas sinn ball cruinn air chumadh an talaimh, air aisil fa chomhair coinnle laiste, tha e cinnteach gum bi gathan soluis agus teas na coinnle atighinn air gach earrann fa leth don bhall, anns an tìm anns am bheil ecuir car iomlain deth.

Dìreach ceart mar so a tha e do thaobh an talaimh agus na gréine. Tha am meall mòr a than so, mar choinneal anabarrach mhòir a toirt da ghathan soillseach, agus mar an ceudna da theas, do gach taobh don talamh, anns an tìm anns am bheil e acuir car dheth. Tha solus, no , air an taobh sin a tha ris aghréin, agus dorchadas, no oidhche, air an taobh a tha air falbh uaipe, agus a dhionnsuidh nach eil a gathan a ruigeachd.

title5
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page