[43] GAOTHAN-MALAIRT.
Anns na cearnaibh do’n t-saoghal a tha dlù air a’ Chearcall-mheadhoin tha gluasadan àraidh a bhuineas
[44] dhuinn a thoirt fainear,
do bhrigh gu bheil iad air an aobharachadh le teas mòr na gréine anns an aite so,
agus mar so a’
buntuinn do Reul-
eolas.
Is e aon do reachdan nadurra gu’
n dean teas gach cuspair a thoirt gu bhi a’
fosgladh suas,
air chor agus gu bheil e a’
gabhail tuille rùim na dh’
fhòghnadh dha ann an staid a b’
fhuaire.
Mar so ma theasaicheas sinn pinne iaruinn, a bha dìreach a’ lìonadh toll àraidh, ’nuair a bha e fuar, chi sinn a nis gu bheil e air at air chor agus nach d’theid e stigh ’san toll idir. No ma shéideas sinn aotroman gus a bheil e leth-làn, agus an sin ma chumas sinn e car beagan fa chomhair an teine, chi sinn e ’g at a suas, cuid air chuid, gus a’ bheil am balg nach robh roimhe ach leth-làn, a nis gu h-iomlan làn.
Thug sinn cheana fainear gu bheil gu mòr tuille teas anns na h-earrannaibh is dlùithe do’n Chearcall-mheadhoin, na tha anns na h-earrannaibh is dlùithe do na Croinn. Mar a tha ’n t-adhar air a theasachadh, tha e ’fosgladh suas—a’ fàs ni’s taine—agus a’ snamh an aird, eadhon mar a shnamhas àrcan, no corcuis, air uachdar uisge. Air do’n adhar a tha air uachdar an talaimh a bhi mar so ag éiridh an aird, tha adhar eile a’ sruthadh o na h-earrannaibh a’ tha eadar so agus na Croinn, agus a’ lionadh suas na falamhachd a tha air fhàgail. Mar biodh ni air bith eile a’ tighinn a nis gu bhi a’ tionndadh imeachd nan gaothan a tha mar so a’ gluasad a chum a’ Chearcaill-mheadhoin, ’se bhiodh annta, gaoth-tuath
[45] air an leth-
chruinne mu thuath,
agus gaoth-
deas air an leth-
chruinne mu dheas.
Ach leis an aobhar a dh’
ainmicheas mi,
tha na gaothan so,
cha ’
n e tuath agus deas,
mar a bhitheadh iad nan robh an talamh socrach,
ach o ’
n ear-
thuath agus o ’
n ear-
dheas.
Tuigidh sinn air an dòigh so,
cionnus a tha ’
n t-
atharrachadh ud a’
tachairt.
Le carachadh an talaimh air Aisil,
tha gach ni a tha co-
cheangailte r’
a uachdar,
mar an t-
adhar a’
gluasad an ear maille ris.
Tha ’
n gluasad so an ear ni’
s cabhagaiche mar is dlùithe air a’
Chearcall-
mheadhoin,
do bhrigh,
agus mar a tha e soilleir ri fhaicinn,
le beachd a ghabhail air ball cruinn sam bith a’
carachadh air aisil,
gu bheil uachdar laimh ris a’
Chearcall-
mheadhoin,
ann an cuir car dheth,
a’
deanamh Cuairt is mò na uachdar dlù air na croinn,
no cinn na h-
aisil;
agus mar so do bhrigh gu bheil an dà chuairt a’
cuir car iomlan diubh anns an aon ùine,
féumaidh gu bheil an cuairt is mò a’
ruith ni’
s cabhagaiche,
agus leis an aobhar so tha ’
n t-
adhar,
no a’
ghaoth a dh’
ainmich mi,
a bha ’
ruith a chum a’
Chearcaill-
mheadhoin,
a’
tuiteam air deireadh air uachdar an talaimh,
a tha ’
gluasad an ear:
agus mar so,
tha uachdar an talaimh a’
bualadh na gaoithe so,
air chor agus gu bheil i air a’
faireachdainn mar gum biodh i a’
séideadh o’
n ear thuath agus o’
n ear dheas.
Tha a’
ghaoth ud gu tric a chum féum mòr do mharaichean; ’
s urrainn iad a bhi’
cunntadh oirre:
agus mar sin,
goirear GAOTH-
MALAIRT dhith.
Faodaidh sinn gluasadan, agus aobhar gluasadan
[46] nan Gaothan-
malairt ionnsachadh air a’
mhodh so.
Abair gu bheil seomar air a theasachadh gu mòr,
agus cuir coinneal laiste ri bonn an doruis;
chi thu do bhrigh gun d’
éirich an t-
adhar suas,
anns an t-
seomar gu bheil gaoth a’
séideadh na lasrach a stigh:
tog a’
choinneal gu braigh an doruis,
agus tha an sin an lasair air a séideadh a mach.
Tha so a’
samhlachadh nan Gaothan-
malairt,
a tha ’
séideadh a stigh do’
n Chrios-
theth air uachdar an talaimh,
agus a’
séideadh a mach uaith a chum nan croinn,
ni’
s airde anns an adhar.
Anns an orduchadh so chithear leinn gliocas agus maitheas a’ Chruithfhir. Tha Crios-teth an talaimh air fhionnuarachadh leis a ghaoith a tha ’tighinn o na Croinn; agus tha na Criosan-fuara air am blàthachadh leis a ghaoith o ’n Chrios-theth.