[46]

GLIOCAS AGUS CUMHACHD A’ CHRUITHFHIR.

Anns na fìrinnean a bha air an cuir far comhair, cha chomasach dhuinn ar sùilean a dhùnadh o na dearbhaidhean a tha againn air gliocas agus cumhachd do-rannsuichte an Uile-chumhachdaich.

Ann an carachadh an talaimh air Aisil, nacheil air fhaicinn leinn gu soilleir tionnsgnadh aChruith-


[47] fhir, agus chan e tuiteamas dall? Abair gun robh an talamh gu socrach as aogais aghluasaid so, an sin bhiodh an dara leth gu h-iomlan, gun teas no solus on ghréin, am feadh agus a bhiodh cuibhrionn co dhiù don leth eile air a losgadh suas le teas do-ghiulan. Bhiodh reodhadh do-iomchar agus sior dhorchadas tiamhaidh air cùl an talaimh, ach air abheulaobh bhiodh teas a loisgeadh suas gach lus maoth, agus a bhiodh air fhaireachdainn trom air gach ainmhidh beò. Chan e so gidheadh orduchadh an Fhreasdail. ’Na oibribh-san uile tha rian agus maise, a tha airidh a mhain airfheartan neo-choimeasach féin. Thionnsgainn esan gum biodh an talamh ationndadh gach taobh mu seach ris an lòchran dhealrach sin, om bheil efaotainn a sholuis agus a theas. Air amhodh so shuidhich e mùthadh òrdail agus taitneach, tre am bheil agus oidhche, aimsir bith-dheanaimh agus aimsir taimh, aleantuinn a chéile ann an riaghailt mhaiseach; suidheachadh a tha gun teagamh freagarrach ri sonas agus buannachd chloinn nan daoine, airson am bheil uiread do mhaitheas air ullachadh leis-san dam buinna aonar an t-ainmMAITH.”

Nin lugha tha do ghliocas agus do mhaitheas aChruithfhir air am faicinn anns an t-suidheachadh a thug e don talamh do thaobh an tionndaidh a dhainmich sinn. Dhfhaodadh an talamh a bhitionndadh mar sud anns na ceithir uaire fichead, agus, gidheadh, a shuidheachadh do thaobh na gréine, a bhi a leithid agus a dhfhàgadh sinne a


[48] ghnath ann an teas is déine na tha air fhaireachdainn leinn aig meadhon an t-samhraidh, na ann am fuachd gu mòr is géire na tha air a mhothachainn leinn aig àm na Nollaige. Ach le tionnsgnadh nach fhaodar àicheadh, thug Dia a leithid do shuidheachadh do Aisil an talaimh, mar a thug sinn roimhe fainear, agus a tha le riaghailt ro-òirdheirc ag aobharachadh samhradh agus geamhradh, earrach agus fogharadh. Nacheil an so foillseachadh air an fhìrinn sin, “Tha Tighearna nan sluagh iongantach ann an comhairle, òirdheirc ann an gniomh?” Isaiah, xxviii, 29.

Tha mar an ceudna cumhachd neo-chriochnach Dhé air fhoillseachadh ann an gluasadan an talaimh air an robh sinn aleudachadh. Nach bu mhòr an cumhachd a bhiodh comasach air Beinn-Cruachan, no Beinn-Mac-Dhui a thogail as àit, agus a roladh air falbh troimh an adhar, mar ite air aroladh leis aghaoith? Ach, ris a so, an coimeasar, car mionaid, cumhachd an sina thagluasad an t-saoghail so (ball co mòr, agus, mar a chunnaic sinn cheana, gun gabhadh e tri ràidhean, ag imeachd ceud mìlesan , ann an dol ma thimchioll), mun cuairt air Aisil, cuid da uachdar aig luathas deich ceud (1000) mìle anns an uair, agus aig acheart àm ga chumail suas, “ ’an crochadh air neo-ni”? Tuille fòs, tha am ball ceudna air a ghiùlan le gairdean an Uile-chumhachdaich, ’na chuairt timchioll na gréine, aig luathas 68,000 mìle anns an uair, no 1,130 ann am mionaid do ùine!


[49]

Cionnus a than obair is ainmeile a rinn mac duine riamh acrìonadh gu neo-ni, ’nuair a choimeasar i ri leithid so do obair a tha air acuir an gniomhna aonar leis-sana thadeanamh nithe mòra agus do-rannsachaidh; nithe iongantach gun aireamh?” (Job v, 9.) Ann a bhigabhail beachd air na nithibh so, nan robh ar cridheachan tre ghràs air an gleusadh airson moladh an Tighearna, chitheadh sinn glòir nam buadhan siorruidh adealrachadh a mach ann an oibribh so achruthachaidh agus an fhreasdail: ionnus gum faod an t-òran neamhaidh sin a thaobh obair an t-saoraidh (Taisb. xv, 3, 4. ), luidhe gu maith ri oibribh iongantach acheud chruthachaidh:— “Agus sheinn iad òran Mhaois òglaich Dhé, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr agus is iongantach toibre, a Thighearna Dhé uile-chumhachdaich, is ceart agus is fior do shlighean-sa, a Righ nan naomh.”

Nacheil aobhar comhfhurtachd an so dhoibhsan aig am bheil cumhachd an bheó air an taobhdhoibhsan a tharuigheachd airdòchas maith tre ghràsgu bheil còir aca air fàbhar Dhé tren Fhir-shaoraidh? “Ma tha Dia leinn,” air mhodh aimsireil no spioradail, “co dhfhaodas a bhinar n-aghaidh?”

title8
internal date1857.0
display date1857
publication date1857
level
reference template

Conall Reul-Eolas %p

parent textReul-Eolas
<< please select a word
<< please select a page