SEOLAN-MARA.
Tha ’n roinn mhòr do ’r luchd-dùthcha eòlach air an ni so. ’Se sin, tha fios aca gu bheil dà làn, agus
Tha lagh àraidh anns a ’chruthachadh ris am faod sinn a bhi a’ cantuinn comas-tàlaidh,[Attraction of gravitation: Beurla. ] leis am bheil aon chuspair a’ tarruing, no a’ sùghadh gach cuspair eile, a tha ’tighinn an taobh a stigh d ’a chumhachd, d ’a ionnsuidh féin. Tha fios aig gach neach gu bheil an t-uisge do leithid do ghne, gach cail-eiginn deth fuasgailte o chach a chéile, agus nach ’eil e duilich a tharruing gu taobh, as an t-suidheachadh anns am bheil e. Ma tha uisge againn ann an soitheach, ni gluasad gle bheag air an t-soitheach, an t-uisge a ghluasad gu aon taobh.
’S i a’ ghealach an cuspair is dlùithe air an talamh ’am measg nan reultan, no nam planaidean, agus
Dealbh 8.
Tha G a’ riochdachadh na gréine, g na gealaiche, agus a b c d an talaimh. Tha a’ ghrian agus a’ ghealach a’ tàladh nan uisgeachan (a tha air am faicinn leinn a’ còmhdachadh an talaimh mu ’n cuairt anns an dealbh so) a dh’ ionnsuidh d, o a agus b. Tha e soilleir gu bheil an lìonadh aig d, a chum am bheil iad air an tarruing, agus mar an ceudna, air an taobh is faide air falbh aig c, far nach ’eil an comas-tàlaidh a ruigheachd nan uisgeachan air an aon mhodh. O a agus b thubhairt sinn gu bheil na h-uisgeachan air an tarruing air falbh, air chor is gu bheil tràghadh anns na h-ionadaibh sin. An uair a tha ’ghealach air an taobh is faide air falbh o ’n ghréin do ’n talamh, tha ’n dithis, mar roimhe, a’ tarruing nan uisgeachan o a agus b, agus mar sin tha anns a’ chùis so mar an ceudna reothart ann.
An uair nach ’eil a’ ghrian, a’ ghealach, agus an talamh anns an aon sreath, mar anns an dealbh mu dheireadh, ach ann an suidheachadh eile, mar ann an dealbh 9, tha a’ ghrian a’ tarruing nan uisgeachan
Dealbh 9.
Tha ’n dealbh so a’ leigeil ris gu bheil a’ ghrian, G, a’ tarruing nan uisgeachan o a agus b, a chum d; agus g, a’ ghealach, o c agus d, a chum a. Mar a thubhairt sinn cheana tha comas-tàlaidh na gealaiche ni’s mò, agus mar sin, leatha-se tha na h-uisgeachan a’ bolgadh a mach aig a agus b; ach, a chionn gu
’S ann a mhain mu àm na gealaich ùir agus na gealaich làin a tha reothart ann, oir, cha ’n ’eil a’ ghealach, an talamh, agus a’ ghrian ann an aon sreath, ach aig na h-àmaibh so. ’S ann a rìs aig a’ cheud cheithreamh, agus aig an treas ceithreamh, a tha con-tràigh ann, do bhrigh gur iad so na h-àmannaibh anns am bheil a’ ghealach agus a’ ghrian a’ tarruing calg-dhìreach an aghaidh a chéile.
Tha a’ ghealach dìreach os ceann gach earrann do’n talamh aon uair ann an 24 uairean agus 50 mionaidean, agus air an aobhar so, tha dà thràghadh agus dà lìonadh againn anns an ùine sin. Do bhrigh gu bheil an talamh a’ cuir car dheth anns na ceithir uaire fichead, bhitheamaid ullamh gu bhi a’ smuaineachadh gum biodh an làn a stigh dà uair re an tìm so—aon uair air an ionad tha fo’n ghealaich, agus uair eile air an taobh is faide air falbh uaipe. Gidheadh, cha ’n ann mar so a tha chùis. Aig a’ cheart àm anns am bheil an talamh a’ gluasad mu ’n cuairt air aisil, tha a’ ghealach a’ siubhal mu’n cuairt ’na slighe timchioll an talaimh, agus mar so feumaidh an talamh tuille agus car a chuir dheth mu’n d-thig an aon bhall deth, a tha ’n dràsd’ dìreach fo’n ghealaich, gu bhi anns an t-suidheachadh cheudna a rìs.
Tuigidh sinn an ni so ni’s soilleire ma ghabhas sinn beachd air aghaidh uaireadair. Abair gu bheil an dà lamh còmhlath aig XII. Tha lamh nam mionaidean
Air an dòigh cheudna, tha a’ ghealach air gluasad air a h-aghaidh astar beag, anns an tìm a tha ’n talamh a’ cuir car iomlan dheth, air chor agus gu’m feum esan tuille agus car a chuir dheth, mu’n d’thig iad gu bhi anns an aon suidheachadh do thaobh a chéile anns an robh iad roimhe. Uaith so tuigear leinn cionnus a tha dlù air cuig-uaire-fichead, o’n àm anns am bheil an làn air a tharruing a stigh le tàladh na gealaiche aig àit’ air bith an diugh, gus am bheil e anns a’ cheart suidheachadh anns an ionad sin am màireach.
Leis an orduchadh so tha’ n Cruithfhear a’ cuir sior-ghluasadan anns a’ chuan, a tha ’feuchainn a mach a ghliocais agus a mhaitheis air mhodh comharraichte. Leo so tha na h-uisgeachan sin a dh’fhaodadh a bhi nan aobhar plàigh agus nan aobhar péin, le lobhadh agus boladh, air an deanamh nan aobhar fallaineachd agus mathachaidh do dhuine agus do ainmhidh. Ma tha eadhon linne gle bheag do uisge taimh ann, cha ’n fhada, gu sònruichte ’an àm an t-samhraidh, gus am bheil boladh ag éiridh suas uaipe, a tha an dà chuid mi-thaitneach agus
title | 9 |
internal date | 1857.0 |
display date | 1857 |
publication date | 1857 |
level | |
reference template | Conall Reul-Eolas %p |
parent text | Reul-Eolas |