[1]

AN TIODHLAC DO-LABHAIRT.


[3]

AN ROIMH-RADH.

A Chàirdean Ionmhuinn,

Tha fios agaibh gun do chuir sinn a mach, ’s abhliadhna chaidh seachad, searmoin ann an Gaelic le Mr. Cook, a bhan a mhinistear ann an Eaglais Shaoir Sgìre Dheimhidh, mar a sgrìobhadh i le aon da luchd-éisdeachd; agus gun do gheall sinn nan gabhta rithe gu taitneach, leis na càirdibh ameasg an robh i air a craobh-sgaoileadh, gum feuchadh sinn ri tuilleadh a thoirt dhoibh denbhiadh-bhriste a dhfhàgadh.” Nis air dhuinn iomadh dearbhadh fhaotainn gun robh mòran a fhuair ùrachadh, comhfhurtachd, agus teagasg, tren t-searmoin sin, —cha-n e mhàin iadsan a chual i an toiseach, blàth le ungadh an Spioraid, o bheul an ùghdair urramaich e féin; ach mar an ceudna mòran eile aig nach robh an t-sochair sin; ionnas gu bheil fadachd air iomadh gus an coimhlion sinn ar gealladh dhoibh: tha sinn, uime sin, acur a mach na searmoin a leanas (a chaidh a shearmonachadh leis an neach cheudnan a eaglais féin, air taingealachd air son an fhogharaidh) le làn dùrachd ar cridhe, gu-m bi i, tre bheannachadh Dhé, ’n a meadhon a chum a shluagh bochd féin ùrachadh, ann a bhicurn an cuimhne an comain neo-chrìochnach fom bheil iad air son anTiodhlaic do-labhairt,” Iosa Criosd, a ghràdhaich iads a thug e féin air an son. Agus mar an ceudna gu-m bi i feumail a chum muinntir eile, a bha thuige so caoin shuarrach muthimchioll, a thoirt gu mothachadh air am feum air, agus an gluasad suas gus na h-uile dìchioll a dheanamh gu eòlas fhaighinn airsan, agus còir ann, as easbhuidh nach urrainn iad a bhi air an tearnadh.

Slàn leibh aig an àm, an dòchas gu-n cluinn sibh uain fathast, ma chaomhnar sinn.


[5]

SEARMOIN.

2 CORINT. ix. 15.

Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.”

BHA tearc aig aChruithfhear anns na h-uile linn den t-saoghal a fhuair toradh ann am bàs Chriosd. Cha robh iad ach tearc ann an linn air bith, —cho tearcs gum feudar a ràdh riùtreud bheag;” agus tha e soilleir gum bi iad cho tearc sin de na h-uile linn a bhitheas air làimh dheas Chriosd aig bhreitheanais.

Bhan t-abstol anns achaibdeil so, acomhairleachadh na h-eaglais a thaobh tionail air son nan naomh bochda bha ann an Ierusalem. Bha o thoiseach an t-saoghail, iomadh aon de chloinn Chriosd a bha glé bhochd anns an t-saoghal; cha be an saoghal an cuibhrionn. Bhan Cruith-fhearn a Ard-uachdaranachd atoirt an t-saoghail do chuid diubh, a chums gun còmhnadh iad cuid eile; agus air don abstol a bhifaicinn aon acabhair aon eile, agus ag amharc air sin mar thoradh saor-ghràis, cha-neil teagamh nach drinnanam gàirdeachas. Thusa bhitheas air anlàimh chlìthchan fhaigh thu gu do bhàis cridhe gu mòran a dheanamh ri aobhar Chriosd, no ri cloinn Chriosd. Cha bhi uiread a dhfhosgladh beòil aig Nàbalan bhreitheanais is gun dùraich e aon leanamh le Criosd. Ach air don abstol a bhi afaicinn an cridhe-san air fhosgladh, cha-neil teagamh nach robhanam air ùrachadh; oir tha e ag ràdh anns an aona rann deug, “ni a dhoibricheas leinne breith-buidheachais do Dhia,” agus anns an dara rann deug, “tha frithealadh na seirbhis so, cha-n e mhàin aleasachadh uireasbhuidh nan naomh, ach tha e mar an ceudna pailt tré mhòran breith-buidheachais do Dhia;” dìreach mar gum bitheadh eg altrum an t-srad gràis son an anam. Agus nach bochd an t-anam anns nacheil anail taingealachd do Dhia air son ni air bith a tha esealbhachadh? Chithear nach ann mar sin a bha bochdan Chriosdchithear gun robh iadnan creutairean


[6] tarbhach anns an t-saoghal; agus chithear mar a bha creutairean saoghalta nan geugan crìonadol troimh an t-saoghal.

Anns acheathramh rann deug, “Agus tré an ùrnuigh airur son-sa aig am bheil mor-dhéidh oirbh air son gràis Dhé a tha ro phailt annaibh;” air son sin, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Bha eg amharc air sin mar thoradh an tiodhlaic so. An dfhuair thusa cridhe do phobull Dhé? Ma fhuair, ’s e sin toradh bàis Chriosd, agus tha aobhar agadsabhi moladh Dhé air a shon; chosd sin mòran do Chriosddo chridhe-sabhi air fhosgladh, chosd sin dha-san a dhol troimh fhearg Dhé; agus an t-anam a fhuair e, tha aobhar aigebhi meòrachadh air na briathraibh sin, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.”

Ann a bhilabhairt on earrainn so; tha sinn arùnachadh, rèir mar bhitheas comas air a thabhairt.

I. —Bhinochdadh ni éigin den tiodhlac do-labhairt.

II. —Tearc de na Beannachdan a thasruthadh on Tiodhlac so.

III. —Gu bheil aig an anam a fhuair aithne air an Tiodhlac so, spiorad eile na tha anns an t-saoghal; spiorad taingealachddo Dhia air son a thiodhlac do-labhairt.” Ciod e an t-aobhar taingealachd a tan sin: a chrannchur a bhi aig neach anns an àitanns abheil luaidh air bàs Chriosd? agus far nacheil an taingealachd so, cha-n iongantach ged a tha fearg Dhé agabhail còmhnuidh air an anam. Ach an uair a thig aithne air Criosd a steach, thig spiorad eile na tha anns an t-saoghal, —spiorad taingealachd bhitheas ag ràdh, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlac do-labhairt,”

Gu bhi fosgladh an Tiodhlac so, —I. Chaill an duinecho-chomunn ri Dia air son peacaidh, agus chaill e aithne air; mar sin cha-neil a bheag aige mun Tiodhlac so; cha-neil iad ach tearc anns an aite so nach lùb an glùn, ach am bheil iad afaicinn am feum air bàs Chriosd? An creutair aig nacheil aithne air gu bheil e mach á fàbhar agus comunn Dhé, cha-neil abheag aige mu dhéibhinn Chriosd, no mu bhàs Chriosd. Ach ciod e sin a bhi mach á fàbhar Dhé? Direach a bhi rùisgte do bhuile a cheartais. Thuit an duine mach á fàbhar Dhécha-neil comh-chomunn aig naomhachd ri peacadhcha-neil comunn aig


[7] solus ri dòrchadas; chaill an duinechomunn ri Dia cho cinnteachs a chaill na droch spioradan. Ciod en t-eadar-dhealachadh a ta eadar anam gun ghràs, agus an droch-spiorad? Tha dìreach so, gu bheil an t-anam fa chomhair cathair tròcair. Thubhairt an Tighearn’, “anns an dhitheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu;” ’s e sin bithidh do chomunn air a bhriseadh. Carson nacheil an creutair afadalachadh air son a, chomunn so? Dìreach gun dthàinig estigh don t-saoghal aineolach air. Achanaim bhochd! Cha chaith thu bith-bhuantachd mar sin. Tha glòir na mòrachd ag agairt gum faiceadh an creutair ciod echaill e; achs bochd an t-anam nach fhaic sin gus am faic e ann am bith-bhuantachd e. Thoill am peacadh gun cailleadh an duinechomunn ri Dia air a shon. Ach bha ni àraidh anns acheud pheacadh a bha toilltinn sin thar na h-uile peacadh eile. Bha ean aghaidh foirfeachd soluis, agus be freumh na h-uile peacadh eile e. “Tha cuid a pheacaidhean annta féin agus a thaobh iomadh gnè antromachaidh nis uamhaire nachéile am fianuis ” —tha cuid a pheacaidhean ann a thàinig glé fhaisg air dùlan a thoirt do chumhachd Dhé. ’S ann an glòir a thàinig a cheist sin, “cionnas a chuireas mi thu a measg na cloinne?” Agus tha fearg Dhé ortsa nach fhac e mar ni cruaidh air Dia do chuir ann an sin. Bha ni anns acheud pheacadh a bha toilltinn gun cailleadh an creutair comunn Dhé air a shon; bha ean aghaidh foirfeachd soluis. Thoir thusa an aire nach téid thu thar solus do choguis, ors e sin suathadh ris a pheacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh; agus feudaidh gur e buanachadh ann am peacadh sin. ’Niss e a bha anns acheud pheacadh, dìreach peacachadh an aghaidh an t-soluis so; agus mar sin atoilltinn call comunn Dhé; agus air don abstol a bhifaicinn mar bha sin, an iongantach ged a theireadh e ann an so, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt?” Thusatha an Tighearnalot do chogais le mothachadh air gun do pheacaich thu, thoir taing do Dhia air son an lot sin; no rachadh tu troimh an t-saoghal aineolach air. Ach gu teachd a dhionnsuidh nam briathra.

Tha nàdur gloir Dhé ag agairt damnaidh a pheacaich. Bha gaol anns aChruith-fhear do anamaibh, ach bha gaol ann da ghlòir fèin cuideachd, agus cha robh ni a chuireadh dìon air a ghlòir, ach bàs a pheacaich; no eiric


[8] air son peacaidh. “As eugmhais dòrtaidh fola cha-ueil maitheanas ra fhaotainn.” ’Nis cha deanadh na bha dhfhuil air nèamh no air thalamh an éiric so a thabhairt. Agus an t-anam a chunnaic sin, an iongantach ged a bhitheadh aig a nis, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.”

Thusafhuair aithne air anam neo-bhàsmhor a bhi agad, agus a chunnaic na h-uile ni a ta anns achruitheachd aglaodhaich ruit, “Cha-neil cabhair agam dhuit,” . . . Thusa nach dfhuair thu féinna do pheacach, ciod a chunnaic thu ann an Criosd? Tha e dhuit marfhreumh á talamh tioram,” ach thàinig binn a bhàis a mach air an duine an a pheacaich e, agus cha bu chomasach Dia, comh-sheasmhach ri a ghlòir, sin atharrachadh, “as eugmhais dortaidh fola.” Ann an so, cha bu chomasach an t-anam ni air bith a dheanamh air a shon féin. —Anaim! thoir an aire, an ann ri bàs Chriosd, non ann ri dùrnuighean tha thu ag amharc; faic! cha deanadh ùrnuigh mhic Dhé abhinn so a thogail, béigin gun doirteadh e mach anam gu bàs. “O! mAthair, mas comasach e, rachadh an cupan so seachad orm.” O! cha-n fheudadh e bhi, gum bitheadh aon anam air a thearnadh mar òladh se e; oir ged a bhitheadh an t-anam afulang troimh an t-sìorruidheachd cha riaraicheadh e ceartas Dhé; ’s ann mar sin a theirear ris, “an slochd gun ghrunnd,” do bhrìgh nach riaraich an t-anam ceartas gu sìorruidh. O! an t-anam bhi troimh an t-siorruidheachd abàsachadh, agus cha-n fhaigh em bàs. O! ’s uamhasach bàs an anama! tha e uamhasach anns an t-saoghal fhéin. An dfhuair thusa anam, agus gun aon iarrtas anns an anam sin an déigh Dhé? Nach do chuir sin na h-uile trioblaid eile as do chuimhne? Thusa fhuair anam marbhna do bhroilleach, nach deanadh ni a thoirt beò ach cumhachd na h-ais-eirigh: . . . ach ciod e sin an coimeas ri bhi troimh an t-siorruidheachd marbh? ’s e so a thoill an creutair. ’Nis an t-abstol a fhuair aithne air sin, an iongantach ged a thubhairt e ann an so, “Buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Ach gu dol air aghaidh.

Bha call na h-uile ni air aghabhail a steach anns achall so, agus mar bhith mar sheas Criosd a steach, cha bhitheadh aon chomhfhurtachd anns achruitheachd do an duinecha bhitheadh boinne drùchd o nèamh, agus ged a bhitheas


[9] an saoghal caillte gu sìorruidh, tha iad ann an so asealbhachadh toradh bàis Chriosd; ach an uair a théid iad do bhith-bhuantachd cha ruig boinne den uisgfhuar orra troimh an t-siorruidheachd, agus cha-n fhaigheadh iad sin ann an so mur bhith bàs Chriosd. O! ’s uamhasach a bhi troimh an t-siorruidheachd ceangailte anns na truaighean a tha comh-cheangailte ris apheacadh! O, anaim! ged nach bitheadh anns an tearnadh ach a bhi mach á cuideachd dhroch spioradan agus anama caillte, cha bu bheag e. Cha bhitheadh a h-aon a mach as mur bhith bàs Chriosd, agus na h-uile anam a bhitheas air an saoradh o sin, ’s e bhitheas ann toradh an Eadar-mheadhonairseadh, mar chi sinn fathasd, gu bheil na droch spioradan air an ceangal suas anns an t-saoghal, ’s e thann toradhùmhlachd agus a bhàis-san. Thubhairt e féin, “Thugadh dhomhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh,” agus mar bhith sin bhitheadh daoine agus diabhuil areubadh a shluaigh. Ach gu tighinn a dhionnsuidh anTiodhlaic do-labhairt,” ’s e sin Criosd, “Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal gun dthug e aon-ghin mhic féin, chum as ge be neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gum bi abheatha shiorruidh aige.” Agus anTi nach do chaomhain a Mhac féin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithean?”

Anns a cheud àitair so. —Gum bitheadh Eadar-mheadhonair air a chomharachadh air son tearnadh pheacach, ’s ann o Dhia a shruth egum biodh Fear-saoraidh air a chomharachadh air son pheacach, sebha ann ni a bha os cionn na burrainn ainglean a ghabhail a steach. Tha mi ameas nan tigeadh smuain a steach air na h-ainglibh as àirde, gum fulaingeadh Criosd, gum bitheadh iad ullamh gu comh-dhunadh gun do thuit iad anns an aon pheacadh ris na diabhuil, is ann ann féin a thòisich e; uime sin na briathran sin, “is aithne dhomh na smuaintean a smuainich mi dour taobh, deir an Tighearn’, smuaintean sìth&c., agus bha na smuaintean sin, àrd-uachdaranach, agus bha cuid a chreutairean air an cuir air leth o shiorruidheachd anns am bitheadh e afoillseachadh a machArd-uachdaranachd. Tham Fear-saoraidh féin a labhairt air, “O shiorruidheachd, ’n uair a shuidhich e bunaitean na talmhainn, an sin bha mise aige mar neach a


[10] dhaltrumadh maille ris agus bu mhi a thlachd gach , adeanamh gàirdeachaisn a fhianuis an còmhnuidh, adeanamh gairdeachais anns achuid a dhàitichear da thalamh agus mo thlachd maille ri cloinn nan daoine.” Cionnas a bha tlachd aig annta? Dìreach biad na meadhonan leis an robh e gu bhi atoirt mun cuairt a rùn shìorruidh, a dhàrdaicheas a ghloir féin, mar sin bha e dìreach adeanamh gàirdeachais ag amharc air na h-àitean anns an robh iad gu bhi agabhail còmhnuidh.

Rìs, —Bha anns a Chruith-fhear ni ris an do bhean staid an anama. Tha e féin a labhairt air, “ ’n an uile amhghar bha esan fo amhghar.” Nis cha robh tòiseachadh aige so ann an Dia, cha be truaigh achreutar a chruthaich so ann an Dia, bha e ann o shiorruidheachd. Thu féin, an e tinneas do leinibh a ghin co-fhulangas annad? bha sinna do nàduir, agus bhean do leanabh ris. Ged a bha eadar-dhealachadh eadar peacadh an duine agus peacadh nan diabhul, a bhana naimhdeas soilleir an aghaidh Dhé; ach tha sinn aleughadh air an duinebhi air a mhealladh lecuilbheartachd,” gi-dheadh bha peacadh an duine atoilltinn damnaidh. Ach bha ni ann an Dia ris an do bhean truaigh an anama; agus an t-abstol a chunnaic sin, an iongantach ged a thubhairt e, “buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt?” Oir besan foirfeachd tròcaircha-neil tròcair ann an Dia dhuit-sa dealaichteo Chriosd, agus thusa a ta diùltadh Chriosd, tha thu adiùltadh cumhachd Dhé gu tearnadh.

Tiodhlac,— ’S e sin ni saor; ma bheir thu féin tiodhlac air bith, cha-neil thu ag amharc air son pàigheadh; cha robh ni aig an duinebheireadh e do Dhia. Thu féin, faic, ged a dheanadh sin do thearnadh, chan fhaigh thu smuain mu do Chruith-fhearn a dinntinn, nach éigin dhuit aideachadh gun do chuir ni-eigin ann an sin i; tha mi cinnteach gur minig a fhuair thun a dinntinn gum bfhearr leat nach robh Dia ann, as nach bitheadh bith-bhuantachd ann; tha bith naimhdeisan aghaidh Dhé anns an duine. Nis cha robh am bith so foluichte o Dhia, bha e soilleir dha mun robh an saoghal ann, gidheadhs e a chainnt ri peacaich, “seallaibh rium-sa agus bithibh airur tearnadh, uile iomalla na talmhainn, oir is mise Dia.” “Feuch Uan Dhé a thatoirt air falbh peacaidh an t-saoghail.” Chunnaic cuid e, agus seallaidh muinntir eile


[11] fathasd ris, agusanaim bhochd, ma rinn e peacach caillte dhiot-sa cha-n iongantach ged a bhitheadh an sealladh ud milis dhuit, —cha-n iongantach ged a bhriseadh tu a mach ann aleithid do chainnt asbuidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.”

Rìs, —An tiodhlac so, tha e toilltineach air sonas siorruidh don anam.

Anns acheud àite air so. Ghabh Dia ri ùmhlachd agus bàs Chriosd mar éiric air sonanama, ’s e féin a thubhairt, “saor e o dhol sìos don t-slochd; fhuair mi éiric.” Nochd Dia gun do ghabh e ri ùmhlachd agus bàs Chriosdan àitan anama. Feudaidh thusadhiùltadh, ach nochdaidh glòir gun do ghabh Dia ri bàs Chriosd an àite pheacach; agus cha-neil anam air fhuasgladh o chumhachd peacaidh nacheil na dhearbhachd air gun do ghabh Dia ri bàs Chriosd air son an anama sin,— ’s e ceartas a ta tearnadh, cha-n e tròcair,— ’s e thannDia ceart, agus Fear-saoraidh,” —ceart an uair a tha efìreanachadh an duine mhi-dhiadhaidh a chreideas ann an Iosa; aguss e sud aoibhneas an anama troimh an t-siorruidheachd, gu bheil e ceartn uair tha e ga thearnadh, agus cha-neil anam air fhuasgladh o pheacadh nacheilna dhearbhachd air gun do ghabh Dia ri bàs Chriosd an àitan anama sin, “mharbhadh thu, agus shaor thu sinne do Dhia le dfhuil féin.”

Rìs, —Bha oirdheirceas ann am bàs Chriosd, a fhreagair glòir Dhé air son peacaidh. Cha robh osna a thug e nach robh ceartas ag amharc air a chuan oirdheirceis on robh sin asruthadh. O! na h-ionmhasan a fhuair ceartas ann an sin! “Dhàrdaich e an lagh agus chuir e urram air;” tha sinn afaicinn aChruith-fhear aig a bhaisteadh alabhairt le guth nèamh, ag ràdhis e so mo Mhac gràdhach anns am bheil mo mhòr-thlachd.”

Ris, —Bha ann am bàs Chriosd, ni anns an robh gaol don Mhòrachd adealradh, —gaol da ghlòir; sheas Criosd sreing-thomhais ceartais, —sheas e cothromaichean anionaid naoimh;” chaidh peacaidhean an t-saoghail agus bàs Chriosd a chuir ann an sligibh, aguss e gun do chothromaich toillteanas Chriosd iad a tha toirt maitheanas don pheacach; ’s e an lagh naomh, an t-sreing-thomhais, agusn uair a chaill an duine a chumadh ris an lagh, chaill e a cho-chomunn ri Dia. Am bheil thusa an dùil gun toir Dia maitheanas dhuit air son do chuid ùrnuighean?


[12]

Gheibh thu sgriobhta orra, “tha thu air do thomhas air a mheidh, agus fhuaireadh easbhuidheach thu.” Agus thusa leis nach miann gum bitheadh tu air t-fhaotainn air an làimh chlì, na diùlt Criosd. Sheas esan cothromaichean anionaid naoimh,” gus am bu chomasach Dia a ràdh, Saor e o dhol sios don t-slochd; fhuair mi éiric.” Nis an t-abstol a fhuair e féin anns an t-saoradh sin, abeachdachadh air an éiric, an iongantach ged a thubhairt eBuidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt?”

Rìs, —Bha nithean ann an Criosd a dhfhosgail e anns an t-saoghal a bha iongantach milis do chuspairean a ghaoil. Theirear ris anns an so, antiodhlac do-labhairt.” Ni nach comasach a chuir ann an cainnttha e dearbhte nach comasach oirdheirceas a phearsachuir ann an cainnt. Tha oirdheirceas neo-chruthaichtena nàduir a tha os cionn cainnt chreutairean. Tha oirdheirceas ann an nàdur nan aingeal, achs e oirdheirceas cruthaichte tha sin, agusn a làthair-san tha iad acòmhdach an aghaidh, ’saglaodhaich, “is naomh, naomh, naomh, Tighearnnan sluagh.”

Rìs, —Nam beachdaicheamaid air mar tha gaol an Athar don Fhear-Shaoraidh. Tha gaol eadar pearsachan na Trionaid, agus dhfhaodamaid a ràdh gu bheil ghaol ann an Dia don Fhear-Shaoraidh, —gaol dha mar an t-eadar-mheadhonair, agus gaol dha á nàduir féin, —dha oirdheirceas; agus is ann mar sin a tha Dia ann am feirg ris an duinegach air son nacheil gaol aig do Chriosd. Thu féin, bheir thu gràdh don bhrùid ach cha smuainich thu air Criosd, chan iongantach ged a gheibheadh tu ifrinn theth! tha an Tighearnfaicinn an di-meas a ta thu a deanamh air fhéin air son nan nithe sin. O! an tiodhlac do-labhairt! Nan toireadh Dia na h-uile ni air nèamh agns air thalamh air son aon anam, nach bitheadh sin iongantach? Ach ciod iad na nithean sin uile ann an coimeas ris aMhac Shiorruidh? O! an ifrinn a tha feitheamh ort-sa nach dealaich ri aon pheacadh air a shon, ach a reiceadh e air sonaon ghreim bidh.”

Rìs, —Mar a ta na sgriobtuirean alabhairt air an iomhaigh a chaill an duine; “is maisich thu na clann nan daoine,” ’s e sin an iomhaigh, agus an uair a pheacaich an duine chaill e an iomhaigh so, ach cha robh i caillte, bha i air a tional a steach anns an Eadar-mheadhonar, agus gheibh bochdan achùmhnaint i ann an Criosd, ’s e esan an


[13] tobairagus chan e sin a mhàin ach compairtichidh e riu as na h-ionmhasan neo-chriochnaichte a bha ann féin o shiorruidheachd! O! ciod e bhitheas aig na naoimh ann an glòir? ach cha bhi ni aca, ach ni air an dfhuair iad blasad ann an so. Mar tig nèamh ga dionnsuidh-sa anns an t-saoghal, chan fhaigh thusa gu nèamh troimh an t-siorruidheachd. Nis is e so cuid denaoibhneas a chuireadh roimhe air son an dfhuiling e an crann-ceusaidh, acur na nàire an neo-shuim,” gum bitheadh e atoirt da mhuinntir fhéin, blasad air so anns an t-saoghal.

Rìs, —Na buairidhean, agus na trioblaidean, dom bheil an duine fosgailte anns an t-saoghal. Se so cuid den aobhar air son an do ghabh am Fear-Saoraidh an nàdur, chums gum faigheadh sin a bha ann fhéin o shiorruidheachd claghan a dhionnsuidh an anama. ’N uair a sheallas sinn air mar ghiùlain e leis an duinemar bha e bròn maille ris an duine; nis bha so ann fhéin o shiorruidheachd, ach ghabh e nàdur na daonnachd chum is gum faigheadh e sruthadh a mach a dhionnsuidh an duine. O! ’n iongantach ged a thubhairt an t-abstol, “buidheachas do Dhia air son a thiodhlac do-labhairt.”

Rìs,— ’N uair a sheallas sinn air gur ann air son a thoillteannas fhéin a tha e agiùlan le cuspairean a ghaoil. Tha de thruaillidheachd ann an cuspairean a ghràidh, ann an so, gum brosnaicheadh iad e gun tréigsinn. An dfhuair thusa riamh bith monmhoir ann a danam a bheireadh Dia dhen a chathair? Chunnaic Dia sin, agus bha sin a toilltinn a bhi gu siorruidh sgaraichte o Dhia: ach tha Dia agabhail rifhoirfeachd fhéin ann an deanamh an anama réidh ris féin. ’N uair a bha am Fear-saoraidh agabhail so os làimh, baithne dha na doilbheachdan a bha ann, baithne dha ciod a bha am peacadh atoilltinn. Ach baithne dha mar an ceudnachosdus a bha ann féin gu coinneachadh ri sin. O! bheil thusa comasach air fearg Dhe a ghiùlan? Agus cuiridh e iad ann an lathair na Caithreachgun smal, gun phreasadh, no ni air bith dan leithidibh sin;” agus iadsan a gheibh aithne air an Fhear-Shaoraidh chan iongantach ged a theireadh iadbuidheachas do Dhia air son a thiodhlac do-labhairt.”

Ach a rìs, —Gu bhi alabhairt air na beannachdan a choisinn Criosd. Agus lionaidh iad sin na nèamhan le iongantas. Anaim bhochd! a fhuair am blasad as lugha


[14] air, chaneil fhios agad ciod e tha agad, nam baithne dhuit e, cha bhitheadh mòran agad tuileadh mu chomunn an t-saoghal; fhuair Maois so agusse bu chainnt da bheatha on sin, “Tha mi coma ciod a choinnicheas rium anns an t-saoghal, ma ruigeas mi air so mu dheireadh.”

Anns acheud àitair soThoill Criosd gum bitheadh gloir na Diadhachd ann am pearsa an Athair air fhosgladh do chuspairean a ghaoil. Tha milseachd neo-chruthaichtetha oirdheirceas anns aMhòrachd, ach an a pheacaich an duine thuit e o aithne air amhilseachd sin, agus cha bhitheadh sin air fhosgladh dha gun réite air son an oilbheim; ach thubhairt am Fear-Saoraidh féin, “dhfhoillsich mise dainm dhoibh, agus foillsichidh mi e, chum gum bi an gràdh leis an do ghràdhaich thu mise annta.” O! nach iongantach sin? an t-aon ghràdh leis an do ghràdhaich an t-Athar am Mac, annt-san.

N uair a chruthaich Dia an duine, thug e dha lagh a réir a nàduir, agus anns an rùn chomharaich e gum bitheadh cumail ris an lagh sin air a dhuaiseachadh le glòir, agus anns an rùn chomharaich e gum bitheadh tionndadh air falbh nan aignean uaithe air a pheanasach adh le peanas sìorruidh. “Is e tuarasdal a pheacaidh am bàs.” Ciod am bàs? Dìreach sgarachadh sìorruidh an anama o Dhia. ’Nis béigin don Fhear-Shaoraidh nàdur na daonnachd a ghabhail fon lagh so mar riaghailt beatha, agus mar bha ecoimhlionadh an lagha sin, bha e faotainn còir air sin a bha aig an duine an toiseach. Sheas am Fear-Saoraidh a steach mar an t-Adhamh deireannach, agus glòir shìorruidh ceangailte ri a chumachd ris an lagh, agus mar bha edeanamh so bha e dìreach afaotainn còir air Dia bhi air fhosgladh a rìs don anam. O! ni Criosd cuspairean a ghràidh sona fathasd; ’s e so achrìoch a bha aig ann an tighinn a dhionnsuidh an t-saoghail, agus baithne dha nach deanadh ni an t-anam sona, ach Dia bhi rìs air fhosgladh dha; “is e so abheatha mhaireannach, eòlas a bhi aca ortsa an t-aon Dia fior, agus air Iosa Criosd a chuir thu uait.” Is e so tòiseachadh sonais an anama, “is e so crioch sonais an anama, agus ged nach bu mhòn aithne sin na ceud charachadh an naoidhein, tha ann an sin na chuireas an t-anam ann an sealbh air glòir agus sonas sìorruidh.

Rìs, —Ghabh am Fear-Saoraidh ainmean dha féin anns


[15] an bheil e tighinn dlùth don anam, agus ga dheanamh féin lag air son an anama, oir cha bu chomasach sinne an aithne a bha aig Adhamh air Dia a ghiùlan mar biodh ar n-anam air a lionadh le gràs. Is iongantach na briathran sin, “mar so deir an Ti àrd agus uasal don aite-còmhnuidh siorruidheachd, don ainm an Ti Naomh, anns an ionad àrd agus naomh tha mise agabhail còmhnuidh, maille ris-san a tha leònta agus iriosalna spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònta.” “Nis is e so rinn Criosd le fhulangas agus a bhàs a chosnadh do chuspairean a ghràidh,” air chors gum feud iad a ràdh, gur e tha ann, toradh an ni a bha ann an sud, “Mo Dhia, Mo Dhia, carson a thréig thu mi?” Bha an tréigsinn ud, dìreach atoilltinn, Diathighinn a rìs dlù don anam.

RìsTha buaidhean anns aMhòrachd a ghlais ceartas suas on t-saoghal. Bha tròcair ann an Dia o shiorruidheachd, bha comh-fhulangasbha gaol, ach ghlais ceartas iad sin suas on pheacach. Nis is e bàs Chriosd a dhfhosgail na glasan sin. ’N uair a chunnaic an t-abstol an leabharse air a sheulachadh, agus nach robh aon neach air nèamh, no air thalamh, no fuidhn talamh, comasach air an leabhar fhosgladh, no sealltuinn air, tha sinn aleughadh gun do ghuil e gu mòr! ach thubhairt aon ris, na guil; feuch, bhuadhaich an leomhan a tha de thrèibh Iudah, freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus air a sheachd seulachan fhuasgladh. Dhamhairc e, agus ciod a chunnaic e? feuch, ann am meadhon na rìgh-chaithreach Uan mar gum bitheadh e air a mharbhadh. Is ann mar an t-àrd-shagart a dhfhuasgail e na seulachan; oir tha an t-Uan aciallachadh oifig a shagartachd; agus na h-uile ni a bhitheas air fhosgladh don anam troimh an t-siorruidheachd is ann le bàs Chriosd a bhitheas e air fhosgladh. O! is iongantach sin; buaidhean afosgladh anns aMhòrachd a bhitheas mar dheoch-neartachaidh don anam; agus ciod a thafosgladh sin? dìreach bàs Chriosd. Is iongantach na briathran sin, “bainneagusmil,” bainne air son naoidheanan, mil air an son-san a tha tinn; bainne cìochan agheallaidh air a chur ann am beul an leinibh, agus efaicinn nach eùrnuigh, as nach ebhròn, ach Criosd a tha toirt sin dha. O! an iongantach ged bhitheadh gaol aige do Chriosd! an iongantach


[16] ged theireadh e, “buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” Tha thu ann an so agus is measa dhuit t-ùrnuighean na do pheacaidhean; chan iad do pheacaidhean, ach t-ùrnuighean a tha toirt na sìth sin dhuit; agus bheir iad fathasd a dhifrinn thu. O! na buadhan a tha ann an Dia atighinn ann am bàs Chriosd gu bhi mar iocshlàinte do chuspairibh a ghràidh; a neo-chaochlaidheachd, a naomhachd, agus mar sin sios. Thusa a thug e beò gu spioradail, nach robh neo-chaochlaidheachd Dhé, mar theine dhuit? nach robh naomhachd Dhé, is nach robh firinn Dhé mar theine dhuit, ’s nach robh Uil-fhiosrachd Dhé mar theine caitheimh dhuit? Nis na buadhan sin, ann an toilltineas Chriosd atighinn gu bhin an comh-fhurtachd don anam; oir choinnich iad sin ann am bàs Chriosd ann do théarnadh; agus gus an coinnich iad ann a danam-sa, cha bhi an t-urram naomh a bhuineas do Dhia air fhaotainnan sin; ach mas tu aon de chuspairibh a ghràidh, cho cinnteachs a choinnich buadhan na mòrachd ann am bàs Chriosd a’ “pogadh beul ri beul,” coinnichidh iad ann a danam-sa; gu so cha bhi thu ach mar fhoirmealach bochd adol tre an t-saoghal. Ach O! is iongantach buadhan Dhé aseinn anns an anam. Tha sinn aleughadh air agabhailfoisn a ghràdh,” adeanamhgàirdeachais os an ceann le seinn;” ’s e sud an t-seinn a bhitheas anns an anam troimh an t-siorruidheachd, agus tha sin atòiseachadh anns an t-saoghal, agus an t-anam a gheibh e, chan iongantach ged theireadh e, “buidheachas do Dhia air son a thiodhlaic do-labhairt.” An dfhuair thusa an ceòl ud ann a danam? ma thug e thu á ceanglaichibh as an do shaoil thu nach tigeadh tu tre an t-siorruidheachd fhuair thu an ceòl ud, agus is e sin toilltineas Chriosd; agus cha ghabh Dia ri iobairt eile, agus thusa a thadiùltadh Chriosd cha sheas thu cothromaichean ceartais.

titleAn Tiodhlac Do-Labhairt
internal date1850.0
display date1850
publication date1868
level
reference template

Cook An Tiodhlac Do-labhairt %p

notesFnaG text manual
<< please select a word
<< please select a page