III.
A TILGEADH AN ARAIN AIR AGHAIDH NAN UISGEACHAN.
“Tilg t-aran air aghaidh nan uisgeachan, oir an déigh mhoran do làithibh gheibh thu e.” —Ecles. xi. 1.
CIOD is ciall do’n earail so, agus do’n ghealladh a tha aguinn anns na briathraibh so? Le “aran” tha air a chiallachadh an so, sìol-arain; sìol a phòir as am bheil an t-aran air a dheanamh: tilg do shìol-arain air aghaidh nan uisgeachan. Agus ciod a tha so a’ ciallachadh? An cualas riamh tuathanach a’ cur sìl air a leithid so do dh’àite? Nach smuainichimid gu robh an tuathanach sin air a bhrèth-as, a chitheamaid a deanamh a leithid so—a’ sgapadh pòr priseil air aghaidh nan uisgeachan? Nach bu dìomhan duit sùil a bhi agad ri bàrr, no ri sguaban tròm a ghiùlan dhachaidh le gairdeachas? Ach na’m biomaide ’tàmh ’san Eiphit, dlùth do’n amhuinn mhòir, ainmeil sin, a’ Nile, a tha ag uisgeachadh na dùthcha sin, agus a cur toraidh ’san fhearann, thuigeamaid a’ chainnt a tha’n duine glic a cleachdadh. ’S an tìr thioram thartmhor sin, ’s ainmic idir a tha uisge tuiteam a’m frasan as na spéuran, mar anns an dùthaich againne: tha cinneas, fàs, agus tarbhachd ag éiridh bho na tuiltibh a tha tighinn an àm an earraich air an tìr bho’n amhuinn mhòir so tha ruith thairis air an dùthaich uile. Tha àm cur an t-sìl a’ tòiseachadh ’nuair tha faochadh a tighinn air an tuil— ’n uair tha’n amhuinn a traoghadh, agus na h-uisgeachan a’ sìoladh air falbh: ach mu’n traoigh iad gu buileach, agus, fhad sa tha’n dùthaich fhathasd air a còmhdach leis na h-uisgeachan, tha’n tuathanach a dol a mach a chur an t-sìl, —tha’n sìol a tuiteam ’san làthaich, no anns a chlàbur a tha’n tuil a’ fàgail—tha e gu luath a grùnndachadh, agus a fàs, —tha fochunn a tighinn, ’s an dias bhuidhe reachdmhor abuich, agus an déigh mhoran làithibh tha’n tuathanach a faotainn an t-sìl a rìs, agus a giùlan dhachaidh na’ sguaba troma le gairdeachas. So aguinn seadh nàdurra nam briathraibh a labhair an searmonaiche glic bho cheann a nis ioma’ linn, —Faiceamaid a nis an seadh spioradail a dh’fhaodar a tharruing uatha.
1d àite. Faodaidh an creidmheach iomganach, fiamhaidh, iriosal, an cosmhalachd so a thuigsinn—iadsan a dh’fhiosraich faoineas an t-saoghail dhiomhain so—uamhas agus truaighe ’pheacaidh, ach a bhlais gu’r math agus gu’r milis Dia—a fhuair eòlas air a ghràs—aig am bheil taice an anama air Slànui’ear nam buadh—a tha deanamh spàirn chruaidh gu dol a stigh air an dorus chumhann, ’sa deanamh na h-uile dhìchioll chum an gairm ’san taghadh a dheanamh cinnteach; nach bi iomada ni nan rathad a tha dùsgadh an eagail? an saoghal buaireasach air an leth-a- muigh, ’s an cridhe cealgach peacach air an leth-a- stigh—a’ nàmhaid sheòlta, a’ nathair lùbach, charach, nimheil a ghnà’ ga’n tàladh ’s ga’ mealladh—fuigheal a pheacaidh a dlù-leanntuinn riu: O! ’s minic a
O! an fhìrinn shòlasach! Gealladh an àigh! Thusa tha fo’ iomguinn, dean greim daingean air a ghealladh so—na caill do mhisneach; idir, idir na toir géill, ’s na tuit gu ea-dòchas. Tha iomada ni mì-chinnteach ’s an t-saoghal-sa, ach cha’n ’eil mì-chinnteas air bith ann an gealladh Dhé. Am bheil thus’ am barail nach eil Dia ’gabhail sùim do gach cnead bhrònach, agus osna mhuladach a tha ’g éiridh bh’uait? Cha’n ’eil uiread san déur a tuiteam bho d’ shùil gun fhios da—cha’n ’eil an osna ’s ìsle tha ’g éiridh a’ t-uchd nach eil a ruigheachd cluasa’ Iehobha Mhòir! Cha’n ’eil ceum sgìth tha thu gabhail nach eil ga d’ ghiùlan nis dlùithe agus nis dlùithe air ceann-crìche do thurais.
Ach, theagamh, gu bheil an creid’each iomguinneach ag ràdh, “Cuin a bhitheas an gealladh so air a choi’lionadh?” Dean faighidin a dhuine—fòil bheag, agus tuigidh tu co firinneach ’sa tha Dia. Am bu mhiann leat an coran rìoghail fhaotainn gun an réis a ruith? —an fhois fhaotainn a tha feitheamh air luchd-muinntir an Tighearna, gun an turas sgìth a chrìochnachadh? Am b’ àill leat do sguaba trom’ a bhuain ’s an fhoghar’? ’Nis an t-àm gu cur. Thig àm an fhoghair, fuirich thusa ris—bi thusa dìleas gu bàs, agus mar buain thu do sguaba’ le gairdeachas ’s an t-saoghal so, buainidh tu iad le gairdeachas ’s an t-saoghal bheannuichte ta ri teachd Mothaich; tha’n duine glic ag ràdh, “an déigh mòran de làithibh.” ’S dòcha gu bheil iomada ceum sgìth,
Gabh, mata, air t-aghaidh a chreid’ich—dean thusa do dhìchioll ’s earb a chùis ri Dia; ’s ged’ a tha thu, mar gu’m b’ ann, a cur an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, bithidh agad fhathast Deirea’ -bhuan shòlasach.
“Iadsan a chuir gu deurach sìol,
Gu subhach ni iad buain:
An neach gu cur a thig a mach,
Le sìol ro phrìseil caoin,
Air bhi dha gul gu muladach,
Ga ghiùlan sud gu fonn,
Le aiteas pillidh e gu dearbh,
A’ giùlan sguaban trom.” —Salm cxxvi. 5, 6.
Tha ministeir an t-soisgeil a faotainn cula-mhisnich ’o’n ghealladh so,— ’s tuathanach esan a tha air a chur a mach a chur sìl, —aran prìseil na beatha maireannaich. ’S coltach esan da-rìreamh ri neach a tha sgapadh an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan: tha e gu tric mar neach a tha saoithreachadh an diomhanas; tha mòran de’n t-sìol mhath a ta air a chur, mar gu’m biodh e air a shaltairt fo chasaibh—mòran dheth air a thogail air falbh le eunlaith an adhair. Tha cuid a’ tuiteam mar air na creaga’ cruaidh—tha e, fo dhìobhail misnich, a togail gearain an fhàidh Isaiah, “Cò ’chreid ar teachdaireachd, agus cò do’n robh gàirdean an Tighearn’ air fhoillseachadh?”
An urrainn do mhinistir dìleas gun bhi fo eagal, agus fo iomguinn mhòir? Tha e cur an t-sìl mhath, ach tha luibhean fiadhaich a cinntinn ’na mheasg, —tha iomada, iomada aobhar cùraim ’us eagail aige, —cha’n ’eil an obair naomh, ar leis, a cinneachadh, no soirbheachadh na laimh—cha léir dha toradh a shaoithreach— “Cò,” ars’ esan, “a tha comasach airson na nithe so?” Cha’n fhiosrach e gu bheil cinneas do’n t-sìol a tha e ’cur—cha léir dha am fochunn, no an dias—bu mhiann leis luidhe sìos—a làmhan a phasgadh an éu-dòchas: tha e tilgeadh an t-sìl mar an druim a chuain, cha’n ’eil fhios aige ciod a ni e; ach ’nuair tha e mar so an impis toirt thairis, tha guth Dhé ga ruigheachd, ag ràdh, “Tilg thusa do shìol air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh mhòran laithibh ghéibh thu e.” O! Gealladh an àigh! Cliu do Dhia air a shon. Tha e gabhail misnich—tha e ’g ath-ùrachadh gach saothair—tha e cuimhneachadh gur h-e ’dhleasnas-san an sìol a chur—am fonn àiteachadh mar is fearr is urrainn d’a, agus earbsa chur an Dia, —tha e toirt fainear gu faod Pòl suidheachadh, agus Apollus uisgeachadh, ach gur h-e Dia amhàin ’s urrainn toirt air an t-sìol fàs: ’nuair is muladaiche, iomguinniche ta e, tha e cuimhneachadh a gheallaidh a tha ’g ràdh, “An déigh mhòran laithibh ghéibh thu rìs e:” agus tha e smuaineachadh, an déigh
2ra. A rìs, —Nach iomadh athair agus màthair a fhuair dearbhadh sòlasach air fìrinn a gheallaidh so, thaobh mic agus nigheana, m’ an do chaill iad car tamuill dòchas? A’ measg gach deuchuinn is urrainn teachd an caramh a’ chreid’ich ’s an t-saoghal-sa, cha’n ’eil a h-aon is truime, agus is deuchuinniche na mac, no nighean fhaicinn a siubhal air slighe shleomhainn a pheacaidh—air an toirt thairis do ghòraich’, agus do ain-diadhachd; agus, O! ’s iomada athair, agus màthair, a tha’n deuchainn uamhasach so ’toirt le ’n cinn liath fo bhròn a dh’ ionnsuidh na h-ùrach! Rinn iad so an dìchioll—thog, agus dh’àraich ’s iad iad ann an eagal an Tighearna—dh’oileinich siad iad ann an eòlas Dhé, agus an t-Slànui’eir—dh’oi’rpich iad eisimpleir chneasda, dhiadhaidh, agus chreideal a chur m’ an coinneamh—choisrig siad iad do Dhia—ghiùlan iad air an cridheachan ann an ùrnuigh iad; ach chaidh a chùis uile nan aghaidh; bhris iad an cridheachan, ’s le ’n osnaich-bàis, dh’earb siad iad ri Dia. Chaidh iad gu bàs an dùil gu robh a h-uile dìchioll agus saothair a chleachd iad gun stà—gu’n do thilg iad an sìol air aghaidh a’ chuain, agus a chaoidh nach faigheadh iad air ais a’ bheag no mhòr dheth: ach ma dh’ fhaoidte gur h-ann aig uaigh an Athar, no a’ giùlan ceann na Màthar do’n chìll a thig am briathraibh, ’s an comhairlean dhachaidh chum an cuimhne, ’s mar tha iad ag eisdeachd fuaim na h-ùrach a tuiteam air na clàraibh dubha—a chiste chaol chumhann anns am bheil corp an aoin nach maireann, ma’ dh’fhaoidte gur h-ann an sin a dh’fhosglas Spiorad Dhé tobair nan déur ’s an t-sùil, ma’ dh’fhaoidte gur h-ann a’ sin a dhéireas a chiad ghlaodh gu neamh, “O! Dhia thoir maitheanas dhomh, —” ma’ dh’ fhaoidte gur h-ann a’ sin a dh’fhairichear a chiad deadh rùn, ’s a nìtear ’s an anam a chiad ghealladh do Dhia; agus air maduinn na h-aiséiridh, theagamh, gur h-i ’chiad chainnt a chluinneas an t-athair, no a mhàthair, fàilte shòlasach an leinibh mic mu’n do chaill iad an dòchas, le dealas diadhaidh àrd a toirt glòir do Dhia gu robh an leithide sin de phàrantan aige ’thug achasan agus fòghlum, agus comhairlean, agus geallanna
A phàranta do’n tug Dia clann, thugaibh so fainear: na tuga’ sibhse géill a thaobh ’ur mic, no ’ur nighinn, fhad ’sa tha’n deò annta; ged dh’fhàisg, ’s ged sgàin iad ’ur cridhe na toga’ sibhse d’ ar dleasnas féin, saoithrichibh an aghaidh dòchais—deana’ sibhse ’ur dìchioll, agus earbaibh a chùis ri Dia: fhad ’sa tha iad fo’n aon fhàrdaich leibh, labhraibh gu ciùin gràdhach riu mu Dhia, agus mu’n t-Slanui’ear ghlòrmhor, —teagaisgibh dhoibh ùrnuigh ’dheanamh, cluinneadh iad ùrnuigh ’uaibh. ’Nuair dh’fhàgas iad an tigh ’s an d’ fhuair iad an àrach òg, ’s a ghabhas iad an saoghal mòr fo’n ceann, leanamh iad le’r litriche gràdhach—le’r n’ ùrnuigh dhùrachdaich; guidhibh air Dia an stiuireadh, ’s an treòrachadh ’s an t-slighe cheart, agus ma tha sibh a mothachadh ’ur crìche ’dlùthachadh cuiribh fios orra, ’chum le’r briathra’ bàis gu’n earailich sibh iad; ’s mar urrainn dhoibh teachd g’ar n’ amharc, fàgaibh fios aca gu bheil dùil agaibh an coinneachadh ann an neamh, àite do nach urrainn ni ta neòghlan no mì-naomha teachd; agus ma ni sibh so gu tràthail, ann an earbs’ á comhnadh an Spioraid Naoimh, bithidh aobhar dòchais agaibh gu faigh sibh saibhireachd ghlòrmhor agus firinn a gheallaidh so— “Tilgibh ’ur sìol a’ nis air aghaidh nan uisgeachan, agus an déigh ìomada latha gheibh sibh a rìs e.”
Aon uair eile—Tha cula-mhisnich mhòr againn anns a ghealladh so, ’chum buanachadh ann an seirc, ’s an trùacantas— ’chum gnìomharra cathranais, agus fiallaidheachd— ’chum iochd agus gràdh altrum ’n ar cridheachan. Tha cùnntas mion neo-mhearachdach air a chumail ann an leabhar-cuimhne Dhé, air na h-uile nithe ’rinneadh rìamh, no ’dhùraiceadh a dheanamh, airson glòir Dhé, agus math a chinne-daona. Feudaidh an creid’each fiallai’, gràdhach, a smuaineachadh air uairibh gu bheil e ’tilgeadh air falbh a chaoimhneis, ’sa sheirc, dìreach mar gu ’m b’ eadh, a’ sgapadh an t-sìl-chura air aghaidh nan uisgeachan; ach tha focal Dhé ag ràdh, nach tug rìamh deoch de dh’ uisge an fhuarain, do aon de dheisciobuil Chriosd, ann an ainm deisciobuil, nach d’ fhuair a dhuais. Cha ’n ’eil dìchioll a rinn an duine math riamh—cha ’n ’eil gnìomh creid’easach, seirceil, a rinn e riamh air a dhì-chuimhneachadh le Dia: seadh, cuid de na nithe a dhì-chuimhnich e féin—nithe ’bha cho suarrach ’s nach b’ urrainn da ’chreidsinn gu’ n gabhadh Dia aire, no suim dhiu’, tha iad air an cur sìos an leabhar cuimhne Dhé. Tha na nithe so príseil a’m beachd an Tighearna. Ma ’s ann air son an dìlleachdain laig, gun athair gun mhàthair—a bhàntrach thruagh—an coigreach brònach—an t-allabanach gun dachai’ gun leaba—déirceach na lùirich bhochd; mu rinn sinn gnìomh gràidh riu so, tha Criosd ga chunntas mar gu’n deanta ris féin e: chitear,
Agus ma tha so mar so do thaobh caoimhneis aimsireil do’n cholainn, cia mò gu mòr a tha e fìor a thaobh caoimhneis, agus seirc Spioradail do ’n anam? Sin an sìol prìseil d’ an tig na sguaban tròm a stigh do shaibhlean Dhé! Thugaibh fainear Teachdairean an t-shoisgeil a’ dol a mach gu cearnaibh iomallach an domhain, a chur sìl prìseil na fìrinn a’ measg nan cinneach borba. Tha e dol a mach gu dubhach, déurach, le iomgainn, ’s le eagal, a’ tilgeadh an t-sìl air aghaidh nan uisgeachan, agus fhad ’s as urrainn dhasan léirsin, cha ’n ’eil cinneas no fàs; ach a dhaindeòin so, tha e ’cur ’sa ’g àiteach—tha e saoithreachadh ann an creidimh, agus ag earbsa cinneas an t-sìl ri Dia—na thrà’ féin ’s dòcha gu bheil e ’faicinn toradh a shaoithreach, ach ged nach ’eil, cha’n’ eil so a cur smuairein air—tha làn chìnnt’ aige, oir thuirt Dia e, “Cha phill focal Dhé ’théid a mach as a bhéul, cha phill e gun tairbhe, ach coi’ -lionaidh e a’ nì is àill leisan, agus bheir e gu buil a’ nì mu ’n do chuir Dia ’mach e.”
Sibhse, ’chiad luchd-searmonaiche Chriosd a sheas rìamh air cladach ar dùcha, —sibhse, dhaoine dùrachdach, eudmhor, a thainig d’ ar tìr leis an t-sìol luachmhor—a chuir dòrlach sìl air mullach na’m beann, ’s ann duibhse ’choi’lionadh an gealladh so gu saibhir, a’s gu pailt! —Thusa ’Chaluim-Chille na ’m buadh, a thainig ann a d’ churach beag, le d’ dhà chompanach dhéug, a nall á Eirinn, gu eilean beag uaigneach Ii, ciod a choinnich thu, na chunna’ tu ann an Albuinn? An tìr uile fo chumhachd nan Drui’ —saobh-chràbhadh co eagallach, co uamhasach ’sa b’ urrainn a bhi—an Roinn-Eòrpa ’s gach cearnn dhi aca fo dhaorsa—luchd saobh-chreidimh co seòlta, chumhachdach, innleachdach, ’s air am bheil eachdrai’ a toirt duinn cunntais. ’Bheil tìr mòr na eilean iomallach, anns nach ’eil fhathast clachan-nan-Drùineach, na h-àltaire air an robh iad a’ tairgse ’suas an ìobairtean eagallach do’n ghréin? Am bheil àite no cearn ’s an tìr, anns nach faighear fhathast na cùirn air an robh iad a’ lasadh an teine—Beultain? Ma ’s ann an h-Irta nan ian fionn, tha cnochd de ’n t-seòrsa ’s càrn ann. Cha robh Rìgh no ceann-feadhna—cha robh àrd no ìsiol, eadar dà chloich Bhreatuinn, nach robh aig an àrd-Dhrui fo dhaorsa: —Ach thainig Callum-Cille ’sa chàirdean—thoisich iad air cur an t-sìl—b’ e sin da-rìreamh ’bhi ga thilgeadh air aghaidh nan uisgeachan, ach air Cnoc-nan-aingeal, dh’iarr e comhna’ Dhé, agus fhuair. Chuir e ’n sìol le déuraibh, ach ’na latha féin, bhuain e le gairdeachas—chunnaic e creidimh nan Draoi’neach air a thilgeadh bun os ceann. Chunnaic e Rìghrean na Roinn-Eòrpa ’gabhail ri Criosd—ag iarraidh an cuirp a chàradh ann an ùir an Eilean-
Agus mar so, gach searmonaiche ’chaidh a mach air feadh an t-shaoghail anns gach lìnn, a thilgeadh an t-sìl arain air aghaidh nan uisgeachan, cha bhi—gu deimhin, deimhin cha bhi ’n saothair an diomhan.
Ciod a tha thusa ’tha ga leughadh so a’ deanamh ’chum sìol prìseil an t-soisgeil a sgapadh air feadh an t-saoghail? ’Bheil thu ’g ràdh, “Ciod is urra’ dhomhsa ’dheanamh?” —Cha ’n aithne dhomhsa, ach ’s aithne do Dhia, ciod e uiread ’sa tha thu ’caitheamh ann a’ faoineis, an deoch ’san rìomhadh, ’san uaill gun stà’? cuir ma choinneamh so na tha thu deanamh, ’sa cosd airson glòir Dhé, agus math spiriodail a chinne-daona, agus gabh nàire! Am bheil thu ’feoraich ciod is urra dhuit a dheanamh—tha thu bochd? Theagamh gu bheil, —bha Bhàntrach bochd a thilg an dara h-earrann-déug de ’n sgillinn ’san ionmhas, chliuthaich Criosd i, oir thug i na bha na comas: mar ’eil airgiod agadsa, nach ’eil cridhe agad? Nach ’eil teang’ agad? Nach ’eil glùn agad? Guidh air Dia—guidh gu dùrachdach air, gu ’n cuireadh esan a mach luchd-cur-an-t- sìl—gu ’n soirbhicheadh e leò, ’s gu ’n greasadh e féin an latha glòrmhor anns am bi a ghealladh féin air a choi’ -lionadh:—
“Iarr orm ’s mar oighreachd bheir mi dhuit,
Na fineacha gu léir;
’S mar sheilbh ro dhìleas bheir mi dhuit,
Fad iomal crìch gach tìr,” Amen.
T.
title | III |
internal date | 1848.0 |
display date | 1848 |
publication date | 1848 |
level | |
reference template | Fear-tathaich nam Beann I %p |
parent text | Number 1 |