IV.
EACHDRAIDH SPIORADAIL NAN IUDHACH.
A CHEUD EARRANN.
CHA’N’ eil eachdraidh againn air fine, no sluagh a bhà, no tha air aghaidh an t-shaoghail co iongantach, agus feudaidh sinn a ràdh co miorbhuileach, agus air a h-uile doigh co mor an airidh air a rannsachadh leinn, ri eachdraidh nan Iudhach—pobull taghta Dhé. Mar shluagh cha’n ’eil aon eile ann co iomraiteach, co comharraichte, agus co sonruichte riu. Tha tùs, agus òg-mhaduinn riòghachdan eile air an folach uainn. Tha dubhar, agus dorchadas tiugh thairis orra. Tha e doirbh fiosrachadh poncail, no eòlas cinnteach, fhaotuinn mu’n deighinn. Ma theid sinn air ar n’ais ann an eachdruidh Bhreatuinn fad dà mhìle bliadhna ciod a tha r’a fhoghlum mu thimchioll na tìr’ anns am feudar earbs’ air bith a chàradh? Spleadhruich, agus sgeulachdan faoin gun bhunnchar, gun bhrìgh. Sgrìobhadh eachdraidh gach rioghachd
Tha moran de dh’uaill sìnnsireachd am measg dhaoine. Ach ciod a deir sibh mu thimchioll sìnnsireachd nan Iudhach? Ann an coimeas riusan tha gach fine, agus teaghlach mar dhaoin ùr’ a thog an cinn bho cheann làth no dhà: ach ann an rannsachadh sìnnsireachd an t-shluaigh so c’àit’ an stad sinn? ’S’eiginn, dhuinn dol air ar n’ ais gu laithibh Therah a bha dlù do laithibh Sheim Mhic Noah, athair an t-shaoghail a chaomhnadh bho’n tuil.
’Se a cheud ni a tha comharrachadh amach nan Iudhach bho gach sluagh eile gu’n do thagh Dia iad amach bho mhuinntir an t-shaoghail uile gu bhi na’m pobull dha féin—gu’n d’ rinn se e féin aithnichte dhoibh mar an t-Aon Dia Beò Fìor—mar Iehobhah glòrmhor a chruthaich gach nì, agus a tha le cùram athaireil a faireadh thairis air gach ní do’n d’ thug e bith air tùs. Dh’earb esan ris an t-sluagh so an creideamh spioradail fìor, an uair a bha rioghachdan an t-shaoghail uile ach iad féin amhàin ann an tiugh dhorchadas, agus ann an tur aineolas. Bha muinntir an domhain uile ach iadsan nan luchd iodhol-aoraidh. Chaidh iad uile mar chaoraich air seacharan, agus chaill iad eòlas airsan a thubhairt, “Biodh Solus ann,” agus bha e ann air iarrtas. Ach thoilich Dia iadsan a chur air leth mar sholus ’s an dorchadas mhòr. Chuir e an ceill dhoibh a thoil. Thug e dhoibh a lagh. Dh’àithn’ e dhoibh ionad-comhnuidh a dheanamh dha féin anns an robh iad ri aoradh a thairgsinn dha; agus chuir se e féin air an ceann mar am fear-iùil, mar an Righ, agus mar an Dia. Is maith a dh’fheudadhmaid da rìreadh a ràdh “Co an cinneach co mor aig am bheil Dia am fagus doibh mar a tha ’n Tighearna ar Dia aguinne ’s na h-uile nithibh airson am bheil sinn a gairm air?”
Tha fineachan, agus rioghachdan eile ainmeil ann an eachdraidh an t-shaoghail airson lìonmhoireachd an sluaigh, agus farsuinngeachd an crìoch—feadhain airson an saibhreis, agus an tréudan, am malairt, agus an cumhachd—feadhain airson an curantachd, agus an gaisge ann an iomairt arm. Ach ’s e cliù Israeil gur iadsan am Pobull ris an d’earb Dia gu moch eòlas na fìrinn—a thagh e dha féin mar chuspairean sonruichte a ghràidh, —a dhìon ’s a theasairg e car iomad linn le deas laimh a chumhachd, agus airson an d’oibrich e mìorbhuilean moralach—gur e so am pobull bho’n d’thaìnig anuas do’r n’ ionnsuidhne air tùs gach fíor chreidimh a tha air aghaidh an t-shaoghail. Is ann n’am measgsan a thoisich camhannaich an latha ghlormhoir sin a tha nis a dealradh oirnn an àirde a mheadhoin làth. Is ann uapasan a fhuair sinne briathran prìseil fìrinn Dhé; agus nam measg bha na daoine anns am bu shoilleire ’n robh cumhachd na fìrinn so r’a faicinn, na daoine a b’fhearr a’s bu chliutaiche bha riamh air
Co mata is urrainn a chur an céill a chomain fo’m bheil sinne do’n t-shluagh a ghleidh co tearuinte an t-ionmhas prìseil a dh’earb Dia riu, agus gu h-àraidh do Dhia a chuir na ’n cridheachean an cùram airson an ionmhais so—ionmhas ris nach feudar ni air bith air uachdar an t-shaoghail a choimeas car tiota! —Ionmhas na firinn a ghleidheadh car nam milte bliadhna ’s a tha ’n diugh co luachmhor thaitneach ’sa bha e riamh. Buidheachas do Dhia, ciod air bith atharrachadh a thainig air an t-shaoghal gu’n d’ thainig fìrinn an fhocail anuas gun atharrachadh, gun truailleadh. Tha i aguinn ann an cainnt àird bhuadhmhoir reachdmhoir Esaiais—ann an Tuireadh brònach drùighteach Ieremiah—ann an oirdheirceas mhaisich Eseciel—ann an eireachdas chuirteil Dhàniel—ann an doimhne gliocais Sholaimh—gun tighinn air Hosea snasmhor blasda ’s na Fàidhean eile a bha uile air an teagasg le Spiorad Dhé. Ged nach tigeadh anuas do’r n’ ionnsuidh ach Sailm Dhàibhidh amhàin bhiodh ar comain ’s ar n’ aobhar taing ro mhòr. Tha iad so an diugh air an seinn ’s gach eaglais Chrìosduidh air feadh an t-shaoghail le cridheachan co fonnmhor, ’s le ceilearan co bhinn ’s a bha iad bho cheann mìle bliadhna. Air an deachdadh leisan a tha eòlach air cridhe an duine, agus do’m bheil gach nì a tha, no a bhitheas o linn, gu linn aithnichte; tha iad freagarrach do staid cridhe an duine ciod air bith an cor anns an urrainn e, a’m Freasdal Dhé a bhi air a chàradh. Ciod na leabhraichean eile a dh’fheudar a choimeas ris na leabhraichean naomha so? Na nithean is taitniche a sgrìobhadh riamh le daoine léugh iad uair, a’s uair; agus caillidh iad am blas. Tha iad mar bhlàithean an t-shaoghail so a searg ann a’d làimh, agus gu grad a call am faìle, ’s an aìlleachd. Ach tha iad so mar bhlaìthean Fhlaitheanais. Tha iad ùror àillidh do ghnàth. Mar is faide tha thu ga’n laimhsicheadh ’s ann is ciataiche, agus is taitniche tha iad a cinntinn. Mar is mò a bhlaisear de’m mìlseachd is ann is mò dh’iarrar dhiu’. “Tha iad ni’s milse no’mhil—no’mhil anns na cìribh-meala.” A rithis feoraichidh sinn a cheist co is urrainn innseadh a chomain fo’m bheil sinn, fo laimh Dhé, do na h-Iudhaich? Nach mòr a tha e
Theid sinn air ar n’ adhart mata bho àireamh gu àireamh a thoirt do’r luchd-leughaidh earrann de’n eachdruidh so a thainig anuas troimh a liutha linn air arson, agus tha sinn an dòchas gu’n tarruing iad an dà chuid gliocas, agus toilintinn uaipe.
T.
title | IV |
internal date | 1848.0 |
display date | 1848 |
publication date | 1848 |
level | |
reference template | Fear-tathaich nam Beann I %p |
parent text | Number 1 |